[Vol . 3. No. 20. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 17, 1894. No. 20.
Eagal.
Tha mòran dhaoine ann a tha ro bhuailteach a dh’eagal. An àm a’ Gheamhraidh an uair a tha’n oidhche fada, dorcha, tha iad so cho gealtach ’s nach tèid iad a mach air na dorsan mur bi neach eiginn maille riu. Anns an latha, agus anns an oidhche shoilleir Shàmhraidh théid iad a mach gun fhiamh gun eagal. Ma tha gus nach ’eil iad fhèin ’g a thoirt fa near ’s e an an-earbsa a th’aca ann an gleidheadh Dhé a’s coireach gu bheil iad cho gealteach. Dh’fhaodadh iad a thoirt fa near gu bheil Dia a cheart cho cumhachdach air an oidhche ’s a tha e air an latha. Is co-ionnan an dorchadas dha ris an t-solus. Iadsan uile a dh’ earbas iad fhéin ris bidh iad air an gleidheadh o gach cunnart anns an oidhche is duirche e cheart cho math ’s ged a b’ e àird a’ mheadhon-latha a a bhiodh ann. Is ann an uair a tha sinn a muigh air cheann ar dleasdanais anns an latha, cho math is anns an oidhche, a dh’ fhaodas sinn a bith làn-chinnteach gu ’n gléidh e sinn. Ge b’ àite do ’m bi sinn air ar gairm air cheann ar dleasdanais rachamaid ann, an earbsa ri gleidheadh Dhé, agus cha ’n éirich beud dhuinn. Ach mur a bi sinn ag earbsa ann an Dia an còmhnuidh faodaidh sinn a bhith cinnteach gu ’n cuir an t-eagal dragh oirnn. “Ni a’ chogais chiontach gealtairean do na h-uile.”
IAIN.
Thoir a cheartas fhein do gach neach. Na dean iasg de’n dara neach agus feòil de’n neach eile. Thoir ’àite fhein do gach neach. Ma ni thu so cha chum thu comun ris a h-uile neach. Cha’n urrainn thu comunn a chumail ris an olc agus ris a’ math.
Cha’n ’eil feum sam bith teannadh ri comhairle a thoirt air daoine anns neach ’eil reusan. Cha’n ’eil iad ann an staid inntinn anns an tuig iad reusonachadh.
Litir bho Chabar-Feigh.
Tha’n Class Gaidhlig (no mar bhaist iad iad-fein am bliadhna “Comunn Gaidhealach Lunnainn”) a nis air dol an dòigh airson obair a gheamhraidh. Tha’n Class mar a bha e ’n uiridh air a roinn na dha bhuidhean. Tha ’m fear a’s airde ’ris fodh churam an Lighich Mac Gilliosa agus am fear eile air a theagasg le Mr Ian Mac Coinnich. Tha aireamh mhath de sgoilearn ùra air tighinn a dh’ionnsaidh a chlass am bliadhna, agus tha na h-uile coltas air gu ’m bi an soirbheachadh sin aige ’tha an oidhirp a toilltinn. Tha mi cinnteach gu’m bi e ’toirt mor-tholeachas do leughadairean “MHIC TALLA” anns gach cearn de’n t-saoghail a bhi cluinntinn gu’m beil fhathast daoine againn anns a bhaile so anns am beil urrad de spiorad nam fior-gàidheal ’s nach eil iad a caomhnadh aon chuid an ùine no am maoin ann a bhi cumail suas agus a teagasg cainnt ar gaoil.
Aig ciad choinneamh chlass air a cheathramh la de’n mhios so thug an Lighich MacGilliosa oraid ghasda seachad air “a Ghaidhlig; carson a tha i air a h-ionnsachadh agus air a cumail suas.” Chionn ’s gu’n robh cuid de na bha lathair nach d’rinn ach toiseachadh air a Ghaidhlig ionnsachadh, agus mar sin nach robh comasach air oraid anns a chainnt sin a thuigsinn, labhair an Lighich anns a Bheurla, ach thaitinn na thnbhairt e cho math rium fhein agus ris na h-uile ’chuala e ’s gu’n gabh mi a chiad chothrom a gheibh mi air an oraid eadar-theangachadh gu Gaidhlig airson MAC TALLA.
Tha mi ’creidsinn, Fhir-deasachaidh‘ gu’m bi sibh air uairibh a foighneachd ribh fhein am beil bhur leughadairean a cur am meas a bu choir dhaibh air bhur saothair. Faodaidh e bhi gu’m beil cuid ann nach eil a deanamh so ach tha mi làn chinnteach nach eil iad ach tearc. Tha caraide dhomh anns a bhaile so aig am beil am paipeir cho measail ’s gu’m beil e a gleidheadh gu cùramach na h-uile aireamh tha e faotinn. O chionn ghoirid thug e na bh’ aige dhiubh a dh’ionnsaidh ceangladair-leabhraichean agus fhuair e iad air an cur còmhla na’n aon leabhar, agug gu dearbh is briagha an leabhar e. Nuair a sheall e dhomhsa e thaitinn e cho math ruim ’s gu’n d’thubhairt mi rium fhein gu’n deanainn an ni ceudna. Ach tha beagan aireamhan nach eil agam agus bho’n a bu mhath leam an leabhar a bhi iomlan bithidh mi anabarrach fada ’nur comain ma’s urrainn duibh aon sam bith de na h-aireamhan so a leanas a chur thugam:—
Leabhar I. —aireamhan 1 gu 35
II. —aireamhan 3, 13, agus 27.
Mur eil iad agaibh fhein faodaidh gu’m bi neach-eigin de bhur leughadairean cho math ’s gu’n cur iad thugaibh iad. Le sin a dheanamh cuiridh iad comain mhor orm.
CABAR-FEIGH.
Luinnuinn, 31, 10, ’94.
Is e Dior-daoin s’a tighinn an latha th’air a chur air leth air son Latha Taingealachd. Tha iomadh reusan aig sluagh na dùthcha so air a bhi taingeil air a’ bhliadhna so. Ged a bha bochduinn agus éigin glè lionmhor ann an dùthchannan eile, bha sinne ann an Canada gle mhath dheth. Bha airgiod gann agus bha iomadh ni eile air ais seach mar a b’àbhaist, ach cha robh duine ann nach robh ’na chomas beolaind a dheanamh; cha robh duine ann a ruigeadh a leas a bhi acrach ’s e air chnthrom oibreachadh. Bha biadh dhe gach seòrsa pailt agus saor. Fhuair sinn sìde bhriagha ’s foghradh tarbhach, agus tha chuid a’s mò comasaach air stòras a cuir ma seach air coinneamh a’ gheamhraidh. Ri ’r gabhail thar a chèil tha againn mar thuirt am bàrd, “biadh us aodach agus slaint, us saorsa, càrideas agus sith,” agus fhad ’sa tha sin mar sin, cha choir dhuinn a bhi ’gearan nach eil ar crannchur na’s fhearr; ’sann a thig dhuinn a bhi taingeil nach eil e na’s miosa.
[Vol . 3. No. 20. p. 2]
DONULL-NAN-IALL.
(An “Gaidheal”)
GED nach robh mòran de ’n t-saoghal aig Dònull-nan-iall bha e gu math sicir ’n a dhòigh fhein. Bha e dichiollach gun teagamh, ach a chionn nach robh a làmh ro ghrinn, snasmhar, cha robh a thighinn a stigh ro mhòr. Chuireadh e breabainean, us sàiltean, us ceireinean, air brògan mar nach b’ olc; ach duine a bheireadh tomhas a choise dha aon uair cha tugadh e dà uair dha e, air fheobhas ’s g’ an dùraigeadh e Dònull air a chothrom.
Mar a thuirt mi, ma ta, cha robh tighinn a stigh Dhònuill ro mhòr. Dichiollach ’s mar a bhà e cha robh a phàidheadh ris a’ ghnothuch ach éigneach. Bha a bhean stuama, caomhantach, ach bha e ionann ’s a’ fairtleachadh oirre iomfhuasgladh a ghleidheadh dhaibh fhein le cheile agus dh’ an triuir chloinne. Cha’n fhaodar àicheadh ge ta, mur biodh Dònull cho trom air a’ phiob ’s air an òl nach biodh fuigheall us foghnadh aca. Ach bha e ag obair goirt, agus cha b’ fhuilear dha ‘rud beag’ ’n a uaireannan a chumail spéirid ’s na seann ult. Is e sin beachd a bh’aige fhein co dhiubh. Ach bha an ‘rud beag’ ag cost trì sgillinnean Sasunnach a’s t-seachdain da, agus cha bu bheag an cuideachadh a dhianadh sin ris a’ mhuirichinn.
Am pàisde bu shine—Maireag, bha i nise mu dheich bliadhna dh’ aois. Bha i ’n a caileig ro lurach, caoimhneil ach bha i riamh anfhann, breòite. B’i àilleagan an tighe i, agus cha robh an dealachadh eadar i fhein ’s a h-athair. Rachadh Màireag a h-uile latha do cheann eile an tighe far am biodh e ris a’ ghriasachd a chumail cuideachdais ris, agus dh’ fhanadh i fhios cuine comhla ris ag cnacas cho seanagarra ri seann duine. ’N a uaireannan thigeadh greis thinnis oirre, agus shineadh i i fhein air an ùrlar, agus bu bhuidhe leatha bhi ’sealltainn ’n a aodunn. Cha bhiodh i toillichte ach an uair a bhiodh i comhla ris, agus cha bu chualag an obair airsan fhad’s a bhiodh i mu ’choinneamh.
Bha mios us mios a’ dol seachad, ’s bha Màireag uidh ’n uidh a’ snaidheadh as. A gruaidhean a’ dol an tainead ’s an glaisead, a sùilean a’ dol am miad ’s am mairbhead, agus a casan ag call an lùis. Thàinig oirre mu dheireadh nach b’ urrainn d’i urad ’s dol do cheann eile an tighe gun taice; an sin rinn a h-athair àrd-leaba dh’i. Bhiodh i nise ’s an leabaidh greis a’ bruidhinn ris, agus greis ag amharc ’n a aodunn. Mar so bha an ùine dol seachad, ach a dh-aindeoin a’ ghaoil a bh’ aig air Màireig agus air a theaghlach uile, cha do leig Dònull dh’ e an t-òl ’s an tombaca. Agus mar sin cha robh annas no àilleis aca, agus ciamar a bhitheadh; cha robh, aig Maireig fhein ged a bha i cho beadrach ri ubhal òir aige. Bha tuilleadh ’s a b’ uarainn d’ i mharachadh aig a mdnaoi ri dhianamh buntàta-gun-dad us cearban aodaich fhaighinn daibh gun tighinn air annas no àilleas.
Beag no mòr g’ an coisneadh Dònull dh’ fheumteadh an aon suim a chur air leth gach Sathurna mu choinneamh an òil ’s an tombaca, agus cho cinnteach ’us sin rachadh gach bonn annta dh’e. Bha Donull làn chinnteach ’n a bheachd fhein mur fhaigheadh e an ‘rud beag’ nach rachadh aige air an obair a dhianamh—cha do smaoinich e riamh ciamar a bha bhean ris a’ ghnothuch gun chupa tì—agus mur fhaigheadh e toth de ’n phìob an deaghaidh gach tràth bìdh bha e an duil nach b’ ion da bhi strìth ris an t-saoghal; air chor ’s gu ’n robh na sgillinnean Sasunnach gu riaghailteach a’ dol ’s a’ cheathra’ -bhodach agus ’s a’ phìob. Na ’n tuiteadh do na tìmeannan a bhi na b’ fhearr air uair, bu tricid Dònull an tigh-an-ribidh ’s cha bu ghoinnid a spliucan e. Ach an uair a chuireadh e a làmh ’n a phòca ’s a gheobhadh e a’ chorra-pheighinn ri falach-fead innte, dh’ fheumadh e àill air n-àill an stuaim a chleachdadh. Mar so bha beairtean ’g an cur an gnìomh bho sheachdain gu seachdain ’s bho mhìos gu mìos—Donull ’s an ‘rud beag’ ’s a’ phìob cho muirneach mu ’chéile ’s a dh’ fhaodadh iad, agus an lorg sin, a mhuirichinn ’g an cuaradh fo éire na h-aimbeirt.
Bha Màireag a’ dol an laigead ’s an laigead. Cha b’urrainn d’ i fios ciod é de ’n bhuntàta-gun-dad a ghabhail, agus na ghabhadh i dh’ e is ann a bhiodh e tighinn ’na h-aghaidh. Is gann a bha i ag iche na bha cumail na beatha innte.
“Mo ghaol beag i” os a màthair madainn a bha ’sin, “cha bhi i beo gun bhiadh. Is ann a tha na maoirneinean boga buntàta sin a toirt a’ chridhe aiste. Ochoin mise, nach ann agam a bha beagan de na th’ aig na h-uaislean thair a’ choir ’s ag cur an domail.”
“Tha mollachd a’ ruith na bochdainn co-dhiù,” osa Donull le gribheig nach bu chleachdadh leis, ’s e sealltainn air Màireig ag cur bhuaipe a’ bhidh, ’s a tuar ag ìnnse tuilleadh s’ a b’ urrainn d’i a chur an céill. “Mollachd aice” os esan a rithist, “mo phàisdein beadrach a’ dol bàs leis an dubheireachd ’s gach ni gu’n àilleas aig clann nan uaislean.”
Rinn Dònuill bho chian inntinn leagte ris a’ ghriasachd, ’s leis an aon shurdan a bhi aige leis a’ mhinidh ’s leis an éill bho mhoch gu dubh, cha robh gnothuch righ no righeachd ag cur iomagain air, air chor ’s gu ’n robh socair-inntinn nach bu bheag aige. Bha e làn thoilichte leis a’ bhuntáta-gun-dad, no le salunn na ’m biodh e ann, agus cha dianaah e tàrmas air bog no cruaidh a chuirteadh ’n a thairgse. Ach bu docha leis Màireag na ni fo ’n ghréin, agus bhi ’g a faicinn ag cur cuil ris an rud a b’ annasaich a b’ urrainn da chur ’n a tairgse, thug e snìomh air a chridhe, ’s cha bu lugha leis na tòiseachadh air monmhur an aghaidh a chrannchuir. Ach ’s an àm cha robh e faicinn gu’n robh dòigh aige air a’ chuis a leasachadh.
“Nach urrainn dut dad idir is fhearr na so fhaotainn do Mhàireig?” os esan ri mhnaoi, ’s e ag cur bhuaithe a mhìodair mu’n robh e leth-bhuidheach
“Cha ’n eil dòigh air” os ise le h-osna “Air cho saor ’s g’an ceannaich mi, ’s air cho caomhantach, grundail ’s g’am beil mi, is gann is urrainn domh an éiginn bhochd so fhein a chur cruinn.”
Dh’ eirich Dònull bho ’n bhòrd ’s thug e ceann eile an tighe air ’s chaidh e air seibh na h-oibre. Thuit a chridhe gu tur. Cha do chuir e a’ phiob air ghleus ann, theirig an tombaca dha an raoir, mar gu’m b’eadh. Bha aon pheighinn de dh-airgiod-odhar aige, agus chuir a roimhe,, cho luath ’s a chàireadh e na brògan, tombaca cheannach ’s an tigh-òsda, air a dhol seachad a’ dol dachaidh leotha. Ach cha do chuir e ach greim no dhà tra a dh’ fhairch e Màireag ag glaodhaich air. Dh’ éirich e g’ a h-iarraidh agus thog e gu muirneach air a ghualainn i—b’ i sin an ulaidh bu luachmhaire a bh’ agie ris an t-saogal, agus bu ghoirt a chridhe ag cuimhneachadh nach b’ fhada gus am biodh “leac us
[Vol . 3. No. 20. p. 3]
uir eatarra.” Chuir e ’n a sìneadh ’s an leabhaidh làmh ris i agus thóisich e leis a mhinidh. Chuir uireas us easlainte na caileig luasgan fo shocair-inntinn Dhonuill. Thoisich a smaintean car tiota air co-ghleachd amhuil ’s ian an sàs fo cheis a’ sgiathais ri aisnean a’ chléibh an tì air teicheadh, iadsan ’n a chliabh-san a’ bualadh ri daor-aisnean na h-éiginn.
Mu dheireadh chàirich e na brògan agus le ìotadh na pioba ghreas e air dhschaidh leotha. Air an rathad faicear buth-mhilseinean, agus cuimhnichear air Màireig.
“Nach truagh nach b’ urrainn duinn ruighinn air roinn de so dh’ i” os esan ris fhein, “bu bhiadh ’s bu leigheas e. Ach, o, nach gòrach mo cheann—tha sinn bochd! bochd! Cha ruig clann na dubh-bhochduinn a leas duil a bhi aca ri àilleas no annas de ’n t-seorsa so, cha ruig, cha ruig.”
Chum e air ’s ràinig e an tigh-osda a cheannach an tombaca. Sheas e aig an dorus, mar a chuir e a làmh ’n a phoca a rurach na peighinn mu dheireadh, thàinig fotha—a chlad uair bho’n a rugadh e, srian a chur ri an-mhiann.
Os esan ris fhein “Gheobhadh so milsein do Mhàireig, ach chuireadh sin gun tombaca mi an diugh ’s am màireach, cha’n fhaigh mi pàidheadh nam bròg so gu oidhche Disathurna an uair a gheobh Eobhan Aonghais a thuarasdal.”
Thug e greis ’s an iolraig mar sin air an dalla làimh e faicinn ìomhaigh Màireig us tuar a’ bhàis oirre, ’s air an làimh eile ’g a fhaicinn fhein gu tromsanach, domh, gun toth pìoba fad dà latha. Shaoileadh duine na ’m biodh fioc-ghaol aige air a leanabh, nach leigeadh a chridhe leis a bhi urad ’s leth tiota an iom-chomhairle mu’n chuis. Shaoileadh gun teagamh, agus bha sin aige oirre; ach, “an car a bhios ’s au t-seana-mhaide, is duilich a thoirt as.” Duine a ni droch-cleachdadh sa bith dha fhein, mar a rinn Dònull, cha mhor nach ’eil e cho duilich dha sheachnadh no a leigeadh dh’ e ri ball sa bith dh’ a choluinn; oir tha e ionann ’s a’ talmhannachadh ’n a nadur.
Bha a’ sgillinn age eadar a dha mhiar ’s thug e ceum thun an tigh-òsda; ach tháinig ìomhaigh Màireige cho riochdail eadar e ’s an dorus agus gu’n do stad e. Ged nach robh aige ach an aon pheighinn ri chost, dh’ éirich spairn nach bu beag ’n a inntinn. Gaol Maireig air an dalla làimh agus an droch-cleachdadh air an làimh eile ’g a theumadh ionannn ’s nàch gabhadh e diult.
B’ i pheighinn mu dheireadh a bh’ aig Dònull eadar a mheòir. Na ’m biodh dithis aige cha bhiodh an diachainn cho ro chruaidh, cheannaicheadh e mìlsein leis an dalla té, agus tombaca leis an té eile. Ach cha robh: agus cha robh aige air, ach e fhein a bhi gun tombaca; no Màireig a bhi gun mhìlsein. Gun a’ chùis a shocruchadh ’s an àm sin, thuirt e ris fhein, “Chi mi tra a thilleas mi air m’ ais,” agus togar air dhachaidh leis na brògan.
(Ri leantuinn.)
LesghisMinard ’s Linimentgreim-droma ormsa.
Chatham , Ont. BAYARD McMULLIN
LeighisMinard ’s Linimentat ormsa.
Walsh . Ont. Mrs. W. M. Johnson.
LeighisMinard ’s Linimentat-bràghaid ormsa.
Parkdale , Ont. I. H. BAILEY.
Tha luchd-sgil ag innseadh dhuinn gur ann a rèir a’ bhìdh agus na dibhe a’ bhios duine’ gabhail a bhios slàinte ’s fallainneachd is neart an duine sin. Am biadh math, fallain, tha brìgh gu leòr ann air son fuil, feoil, is cnaimh is smear a chur ann an duine. Ach am biadh a th’air bheag brìgh, ged a ghabhadh duine e cha dean e ’bheag sam bith a dh’fheum dha. Dìreach mar a tha’n corp a’ beathachadh air a’ bhiadh a tha ’n dnine ag itheadh, tha inntinn agus spiorad an duine a’tighinn beò air na chi, na chluinneas, agus na leughas e. Ma bhios na nithean so air bheag eòlais, gliocais agus tuigse, bidh inntinn agus spiorad an duine beag, bochd, lag, meata; ach ma bhios na chi, na chluinneas, agus na leughas an duine, làn uilc agus amaideachd, bidh iad dh’ a inntinn agus dh’a spiorad, mar a bhios biadh puinnseanta do’n chorp— ’nan meadhon bàis. O’n tha so mar so, bu chòir do gach neach oidhirp a thoirt air fuireach o’n ni a thruailleas an t-anam mar a dh’fhanas iad o’n ni a mharbhas an corp.
Air son casdaich—Minard ’s Honey Balsam.
C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.
Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.
A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.
Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.
Call and Examine Stock.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI—C. B.
Tha Flur, Min, Siucar; Ti, Tombaca
Coirce, Feur, agus iomadh
ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
[Vol . 3. No. 20. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney Cape Breton.
SIDNI, NOBHEMBER 17, 1894.
Tha iorghail mhor a’ dol air adhart ann am Brazil aig an am so. Tha àireamh mhor de mhuinntir na dùthcha sin nach eil riaraichte leis an luchd-riaghlaidh tha os an ceann, agus o nach eil e ’nan comas an cur á dreuchd air dhòigh shiobhalta, tha iad a deanamh ar-a- mach ’nan aghaidh agus a’ cur rompa gu’n dean iad an gnothuch orra leis a chlaidheamh. Tha iad air an obair so o chionn treis a dh’ùine, agus cha’n eil e coltach gu bheil taobh seach taobh láidir gu leòr gus an taobh eile thoirt fo smachd. Tha ’n sgeul mu dheiread a fhuaras ag ràdh gu bheil na ceannaircich a faighinn a’ chuid a’s fheàrr dheth, ach faodaidh an ath sgeul a gheobhair, sin a bhreugnachadh. Tha Brazil mar a tha gach duthaich eile ann an America Dheas gun riaghladh stéidhichte, agus tha i mar sin gle bhuailteach do gach buaireas agus iorghail a bhios daonnan a tighinn air dùthchann dhe’n t-seorsa sin. Gus o chionn dha no tri bhliadhnaichean bu Rioghachd no Iompairachd Brazil, agus bha i ’faighinn air adhart gu math. Ach rinn buidheann dhe ’n t-sluagh guim air son an Iompaireachd a chur bun os ceann, agus Coi-fhlaitheachd(Republic)a chur suas ’na h-àite, agus dh’ fhogair iad Dom Pedro, an t-Iompaire bha ’gan riaghladh ré moran bhliadhnaichean. Uaithe sin cha ’n eile sìth anns an dùthaich. Tha moran dhe’n t-sluagh nach robh deònach cur as do’n Iompaireachd, agus tha iad a’ gabhail gach cothrom is urrainn daibh air aimhreit a thogail; agus iadsan dhe ’n taobh eile, cha ’n eil iad gnn eas-aonachd ’nam measg féin. Cha ’n urrainn, mar sin mor shoiribheachadh a bhi leis an dùthaich.
A Framboise.
Tha am ministeir againn air chuairt ann am Boston. Bithidh e ’sa bhaile mhor san tri na ceithir de sheachduinean. Chi e moran de òigridh Cheap Breatuinn an sud a bhitheas ro thoilicht fhaicinn, gu h-raid na bhuinneas da choithional fèin ’s cha ’n eil teagamh gun diochuimhnich iadsan gun tug e sgriob na measg.
Chaill fear Ian Mac Asguill a mhuinntir Loch Lomond lair òg luachmhor an so an la roimhe. Thaghail e aig stòr Mhic Asguill ’s ’nuar a bha e stigh dh’ fhalbh am beathach air rathad geamhraidh leis a chairt ’sa lòd ’s ghabh i mach air an loch gus an deach a bàthadh.
Air oidhche dhorcha air an t-seacheuinn s’a chaidh, nuair a bha Dòmhnull Mac Gilleain, “muillear,’ a’ dol dhachaidh, thugadh grad ionnsuidh air a spuilleadh le dith ’s dhaoine goirid do dh’àite Ruairidh ic Leòid. Rug fear dhiubh air gunna bh’aige Dòmhnull gus a thoirt bhuaithe, ’nuair nach deachaidh sin leis ghabh e sàs ann féin, ach mo riar, cha b’ann an làmhan a leanain a bha e, ’s air a cheud chrathadh chuir am muillear no laochan air a dhruim-dìerach ann a clais an rathaid mhoir. Tha e coltach nach robh anns an fhear eile ach an cladhaire, ’s thug choille air am falach. Cha d’ fhuaras a mach fathast co iad.
Bha ’n òigridh air falbh nan grunnanan oidhche Shamhna, gu modhail, sporsail, tha mi ’saoilsinn, ged a their cuid gur e mimhodh a th’ ann stocan càil a thoirt a bun air an oidhche ud, no geata a thoirt as àite, na leithid sin de spors a dheanamh. Tha e air aithris gu bheil bodach ’san àite so aig an robh gàradh mor briagha de chàl ’s de shnéapuin agus smuainich e gu cumadh e faire air a ghàradh sin fad oidhche Shamhna, ’s air réir sin rinn e seorsa campa da féin na theis-meadhoin. Bha e rud-eigin mall na éìsdeachd, ’s bu mho bh’ aige de dh’earbsa as a shùilean na bh’ aig as a chlusan ’s ghabh na gillean an cothrom sin air. Dh’ialaidh dithis na truir dhiu gu cùlthaobh a champa, ’s le leus no dha chuir iad an caisteal na theine ma cheann a bhodaich, a thug na buinn dhi ’nuair a chunnaic e ’n teine. Cha ’n eil fhios co bu luaithe bha teichidh sealbhadair a ghàraidh na meàirlich a chàil.
CEANN LIATH.
10, 11, 1894.
Flur math air $3 .50 a dh’airgiod. Theid sinn an urras gun dean e aran math. Jost Bros.
Air son domblasachd—Min ’d’ s Family Pills.
FLUR
$3 .50 am barailte,
Air son airgid. Theid sinn an urras gu’n dean a deagh aran.
BROGAN BHAN
$1 .00 am paidhir.
Tha iad laidir agus air an deagh dheanamh.
STOC MOR DE BHATHAR UR.
aig
JOST BROS.
Sidni, C. B., Nov. 9, ’94.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagrich aig Lagh
SIDNI & ST. PETER’S, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 3. No. 20. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
CHAIDH duin’ òg a bhàthadh aig Elgin, N. B. an la roimhe ann an da throigh a dh’ uisge. Bha e ’g obair ann am muillean-sàbhaidh.
BHA stoirm mhor air cladach a tuath na Gearmailt toiseach na seachdain so. Rinn i call mor am measg shoithichean, agus bha roinn de dhaoine a chaill am beatha.
THA h-aon deug air fhichead a’ dol do sgoil nan dall ann a’ Hallfax. Cha mhor gu ’n gobh am taigh anns a’ bheil iad an còrr, agus thatar a buidhinn air pios eile ’thogail ris.
THA muc-fheòil aig an àm so a’ creic na’s saoire ann an Eileain a’ Phrionnsa na bha i o chionn bhliadhnaichean. Thatar ’ga creic air còig sentichean gu leth (5½c.) am pùnnd. Cha ’n eil sin ach bochd dhaibh-san a tha ’ga creic.
BHA tuathanach do ’m b’ainm Gìlleasbuig Caimbeul, ann an Cypress River, Manitoba, ag obair le paidhir each an la roìmhe, agus thug fear dhiubh breab dha anns an stamaig, agus dh’ eug e an ceann beagan mhionaidean.
CHAIDH leth-cheud dollar de chàin a chur air fear Eugene Cote, ann am Montreal, an an là roimhe, air son e bhi ’cur dhealbhannan drabasda leis a phosta tre ’n dùthaich. Dh’ fhaodte dà bhliadhna dhe’n tigh-oibreach a thoirt da.
CHAIDH soitheach-seòlaidh da ’m b’ainm Kezia, a bhristeadh aig Petit de Grat, faisg air Arichat, anns an stoirm a bh’ ann air an t-seachdain s’a chaidh. Bha i air a turus eadar New York agus Charlottetown le luchd olla. Bha tri mile dollar de dh’ airgiod-urrais orre.
AIG St. John’s, Cuibeic, chaidh dithis choimhearsnach bhar a chéile, agus bhuail fear dhiubh am fear eile anns a’ cheann le spaid agus leòn e e gu dona. ’N uair a chunnaic e ciod a rinn e, ghabh e eagal gu ’n d’ rinn e murt, thilg e e-fhèin ann an tobar-cladhaichte, agus bhàthadh e. Tha choltas air an fhear eile gu’n téid e ’m feabhas.
CHUIR stoirm na seachdain s’a chaidh call mór air na h-iasgairean mu chladaichean an eilein so. Bha ’n rionnach a tighinn gu pailt, agus bha na lìn a mach air son a ghlacadh ’nuair a thàinig an stoirm. Chaidh a chuìd mhor de na lin an sguabadh air falbh, agus chailleadh moran éisg a bhàrr air sin. Cha robh a’ bhliadhna so air fad ach car bochd a thaobh an iasgaich.
THA dithis de na h-Eadailtich, a bha air an cur an sàs air son losgadh air Eideard Crawford, ann an Springhill o chionn ghoirid, air an leigeil as a’ phriosan air urras. Tha ’m treas fear ’san toll-dhubh fhathast, ach bidh e mach cho luath ’sa gheobh e urras làidir gu leòr. Tha ’m fear air ’n do loisgeadh cho siùbhlach ’sa bha e roimhe, ’s cha ’n eil a choltas gu robh dochann mòr sam bith air a dheanamh air.
BHA stoirm mhòr aca ann an ceann a deas Shasuinn air an t-seachdain so, agus rinneadh call mór leatha. Bha laimhrigean air an sguabadh air falbh, agus na ròidean iaruinn air an cur troimhe chéile cho mór ’s nach eil e comasach do na carbadan ruith. Bha àireamh dhaoine air am bàthadh.
CHAIDH each a mharbheadh aig a Bhras d’Or Bheag an la roimhe le òrdugh a chomuinn air son ceartas fhaicinn aig ainmhidhean. Bha e a réir coltais air a thionndadh air falbh le ’mhaighstir nach robh toileach a bheathachadh. Tha e an-iochdmhor do dhuine beathaichean bochda fhuadach air falbh mar sud gus iad a bhàsachadh leis an acras. B’ fhearr an gniomh dhaibh gu mòr am marbhadh.
BHA taghadh(election)fhear-pàrlamaid aca anns na Stàitean air an n-seachdainn s’a chaidh. Fhuair na ‘Republicans a’ chuid bu mhò dhe’n daoine stigh. Tha còrr sa dha uiread aca ’sa tha aig na tha ’nan aghaidh air fad. B’ iad na ‘Democrats’ a bha stigh roimhe so, ach cha do choilion iad na geallaidhean a thug iad an àm dol a stigh roimhe, agus chaill iad an dreuchd air tàìlleabh sin.
Tha nise dà sheachdain bho ’n chaochail Iompaire Ruisia, agus tha a chorp os ceann talmhainn fhathast. Ma’s fior na tha sinn a’ cluinntinn, cha bhi e air adhlacadh gu ceann seachdaìn eile, neo ma dh’ fhaodte dà Tha gach greadhnachas a ghabhas deanamh mu’n cuairt da gach latha. A chiste-laidhe anns a’ bheil e air e chur, ’s ann de dh’ òr a tha i air a deanamh, agus tha de dh’ òr ’s de dh’airgiod ’s de dh’obair-ghreis mu thimchioll na chuireas saoibhreas ann. ’N uair a bhatar ga ghiulain eadar Lavidia, an t-àit ’san do chaochail e, agus St. Petersburg, bha cluig air am bualadh agus urchraichean air an losgadh an ceann gach mionaid, fad an t-siubhail.
Air son crup—Minard ’s Honey Balsam.
THA gill’ òg, aois cheithir bliadhna deug, da’n ainm Uilleam Boyd, a mhuinntir an eilein so, ann an droch càradh ann an Gloucester, Mass. Chaidh e ’n oidhche roimhe gu oifig a “Pholice” a dh’ iarraidh tàmh na h-oidhche orra. Dh’innis e dhaibh gu’n deachaidh ’athair a bhàthadh aig Ceap Breatunn o chionn àireamh bhliadhnachan, agus gu’n deachaidh esan ’sa mhàthair an déigh sin gu ruige Boston. Chaochail a mhàthair o chionn bliadhna, agus cha robh aige bho’n uair sin ach tighinn beò air na chothaicheadh e fhèin. Rinn e turus no dha air na soithichean-iasgaich ré an t-samhraidh, a’ cosnadh a bhidh le bhi ’cuideachadh nan iasgairean. Tha e ’g radh gu bheil gu leòr de chàirdean aige ann an Ceap Breatunn. Fhuair am “police” àite dha anns am faod e bhith gus am faighear dòigh air a chur ’g an ionnsuidh.
Bathar math agus saor aig D. J. Domhnullach. Taghail aige gun fhios nach tu a gheobh an fhichead dollar.
Air son nam biastan—Cherokee Vermifuge.
An S. S. Arcadia.
THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Dior-daoin.
P . KERR,
Maighstir.
SANAS.
Bathar Ur na h-uile Seachdain.
Na prisean na’s isle na bha iad riamh.
Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.
Tha Gailig aig na cleirich.
STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich
Taillearachd.
Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.
[Vol . 3. No. 20. p. 6]
ORAN
LE CALUM MAC IAIN ’IC PHADRUIG A BEARNTRAIGH SNA H-EARADH, DO CHARAIDE ANN AN CANADA.
Fhior Urramaich Uasail da rìreamh
A sheall gu ’m beil cuimhn’ agaibh orm,
Fhuair mi bhur litir ’tha ’g ìnnseadh
Na naigheachd a’s prìseil’ ’tha falbh,
’S e sin gu bheil sibh an slàinte,
Mar ghuidheadh ur càirdean gu dearbh;
Tha riaghladh an Fhreasdail ’n ur fábhar,
Is beannachd o’n Airde ’na lorg.
Slàint bhi ’s an teaghlach gu léir
Gun ghearain, gun easbhuidh, gun éis,
Aon naigheachd a’s fhearr leis gach caraid
’Tha ’n diugh anns a bhaile gu lèir.
Taa mise mi féin is na càirdean,
A mheud ’sa tha ’m Bearntraigh dhiubh cruinn,
Air chothrom bhi mach mar is àbhaist,
’S mar sin cha ’n eil càil a’ tigh’nn ruinn.
Tha ’n t-sìde cho tlachdmhor ’s cho àillidh,
’S tha e ro fhàbharrach duinn,
Na faigheamaid seachdain no dhà dheth
Ged a bhiodh páirt againn sgìth.
Greisean le corran a buain,
Greisean a’ ceangal nan sguab,
Greisean a’ tarruing le gàdaig,
’S greisean ga chàradh ’sa chuarich.
Tha ’n t-eòrna ’s an coirce am bliadhna,
Gle thorach is ciallach gu léir;
Tha e gu math anns an t-siaban,
A mheud ’sa tha shios air an léig.
Tha e gu math ’sa Bheinnn Ghainmh’chadh,
’S bha dùil gu’n do shearg e le gréin
’S an t-samhradh le teothad na h.aimsir,
Ach dh’ fhàs e gun chearb air ’na dheigh.
Thòisich na frasan ’s am blàths,
Thòisìch am fochann air fàs;
Ni e nis biadh agus fodar,
Ged ’tha cus grod ’sa bhuntat.
’S luach thu de threubh mam fior Leódach,
An treubh do’m bu nòs a bhi fial,
A choisinn gach cliù ’s urram òirdhearc
Le gluasadan còire ’s le cìall;
Is togaidh tu oighreachd árd-gloireach
Gach aon a bha beò dhe do fhreumh,
Cho fad ’sa ni tuigs’ agus geòir’ e,
Na feartan a’s mò bh’ aig neach riamh.
’S ni e nach ceannaichear a stòr,
’S fearr e na airgiod na òr,
Is, beairteach no bochd ga’m bi crannachur
Tha gliocas na h-eanachain ro mhòr.
Beannachdan uainn le deagh dhùrachd
Do ’r n-ìonnsuidh do ’n dùthaich sin thall;
Bu mhiann leinn air fad a bhi dlùth dhuibh,
Ach, c’ uin a bhios sùil ribh a nall?
’S e eagal a th’ oìrnn ann am Beàrntraigh,
Gnn dean sibh a’ Gháilig a chall,
’S nach bi sibh, a sheachduin no ’Shàbaid,
A’ labhairt ach cànain nan Gall.
’Si Ghàilig a b’ fhearr leinn co-dhiu,
’S ann aice gu bràch ’bhios an cliù,
’Si Bheurla deireadh gach cànain,
Cha ’n fheum sinn a’ càineadh gu cùl.
Tha Calum Mac Asguill, no Calum mac Iain ’ic Phàdruig, a còmhnuidh anns na h-Earradh, agus tha e ’n deigh iomadh òran a dheanamh. Cha’n eil ach ùine ghoirid o’n rinn e ’m fear so do ’n Urramach Ruairidh Mac-Leòid, ministeir Dhunbheagain, ’an Ontario. Is mac e do “Mhàiri nighean a Ghobha,” piuthar Iain ’Ic-Illemhoire, bàrd agus gobha na h-Earradh. Thàinig mar sin gibht na bàrdachd gle dhligheach air.
CLANN-NEILL BHARRA.
Tha e air a radh gum b e Niall Og an ceathramh Mac Neill air fhichead aig an robh Barra. Thanig Murchadh an deigh Neill, Ruari an deigh Mhurchaidh, Gilleonan an deigh Ruari, fear nach aithine dhuinn ainm an deigh Ghilleonain, Gilleonan an deigh an fhir so, fear nach aithne dhuinn ainm an deigh Ghillleon, agus Gilleonan an deigh an fhir so. Bha Gilleonan na uachdaran air Barra sa bhliaphna 1545. Thanig Ruari, a mhac, a staigh na aite, Theirear ris an Ruari so a cheud Ruari.
Phos a cheud Ruari Mairearad nighean Ailein Mhic-Gilleain. Fear Airbthoirnis. Bha triuir mhac aige, Ruari, a thanig a staigh na aite, Iaìn, agus Murchadh. Chaidh a mharbhadh aig blar Ghleannlibhet ’sa bhliadhna 1594. Phos Iain Ceit, nighean do Lachainn Og Mac-Gilleain, Tighearna Thorloisgte. Chabh darna Ruari te de Chloinn-Ghilleain d’a ionnsaidh fhein ann an lamh-cheangal. Bha triuir mhac alge rithe. Phos e an sin nighean do Mhac Ic-Ailein, agus bha a dha no tri de mhic aige rithe Bha am mac bu shine a bha aige ris a bhoirionnach lamh-ghlacte agus am mac bu shine a bh’aige ri mhnaoi phosda le cheile ag iarraidh tighinn as taigh air an oighreachd an deigh an athar. Dh’aobharraich so connsachadh agus aimhreit eadar an da theaghach. Cha robh moran de thoileachadh aig Ruari anns na bliadhnachan mu dheireadh de ’bheatha. ’Se ’s dòcha gun danig e gu fhaicinn gum foghnadh aon bhean aig an aon am eadhoin do dh-uachdaran fearainn. Thanig Niall, am mac bu shine dhe ’n darra teaghlach a staigh air Barra na dheigh
Bha Niall na uachdaran air Barra sa bhliadhna 1634. Phos e nighean do dh’Iian Muideartach. B’e an treas Ruari an ath uachdaran. ’Se ’s dòcha gur h-e mac no mac brathar Niall a bha ann.
Phos an treas Ruari Iseabal Nic Leoid, nighean do Mhac Leoid Bhearnara. Tha cuid ag radh gun robh da mhac aige, Gilleonan agus Ruari, agus gun dug e an oighreachd do ’n mhac a b’ oige. Bha mac aig Gilleonan d ’m b’ ainm Ruari, agus bha mac aig Ruari ris an abairteadh Ruari Og. Thanig Ruári Og, a reir na naidheachd a chuala mise, do dh-eilein a Phriannsa mu’n bhliadhna 1800. Ma bha Ruari Og cho glic ’s gun do phos e, faodaidh e a bhith gu bheil ceann-cinnidh Chloinn-Neill ann an cearn air choir eigin de ’n eilein so. Thanig Ruari, a mhac, a staigh an aite an treas Ruari.
Phós an ceathramh Ruari Eilis nighean do dh’ Iain, mac Mhic Leoid Bhearnara. Bha aon mhac aige, Ruari.
Bha ’n coigeamh Ruari san arm. Phos e Anna, nighean do dh-Eachann Mac Neill, Eachann mac Eachainn. Bha aon mhac agus aon nighean aige. ’S e Ruari a b’ ainm do ’n mhac. Phos an nighean Domhnull mac Neill, Domhnull mac Eachainn. Chaidh an coigeamh Ruari a mharbhadh aig toirt am mach Chuibeic ’sa bhliadhna 1759.
Phòs an siathamh Ruari, sa bhliadhna 1787, Sine chamaran, nighean do dh-Eoghan an Fhasaidh Fhearna. Bha da mhac agus tri nigheanan aig rithe, Ruari, Eoghan, Anna, Linsaidh, agus Sine. Chaochail e am Manchester sa bhliadhna 1822. Dh’ fhag e an oighreachd aig Ruari, coig mile punnd aig Eoghan, da cheud punnd sa bhliadhna aig gach te de na h-ingheanan gus am posadh iad agus coig ceud an uair a phosadh iad. Dh’ fhag e fichead punnd sa bhliadhna fhad ’s bu bheo i aig nighinn diolain a bh’ aige do ’m b’ ainm Ceit, agus fichead punnd sa bhliadhna fhad ’s bu bheo i aig Moir Nic-Gilleain.
’S e duine gasda, measail, a bha anns an t-Siathamh Ruari. Tha ’n curam a ghabh e do Cheit, a nighean, a leigeil fhaicinn nach bu duine gun diu e. Cha robh ni de choltas aige ri cuid de dhaoine a tha anns an duthaich so; biastan a mhionnaicheadh, ged a bhiodh fichead paisde diolain aca, gun robh iad cho neo-chiontach ri Ioseph; trusdaran gun tuigse, gun mhodh, gun chaoimhneas, gun chreideamh, nach sealladh an deigh an cuid cloinne; spiocairean leibideach, spag-luinneach, cealgach a chumadh bho na bochdan an t-airgiod a thatar a tional dhaibh gu an sliochd fhein a thogail a suas.
Chaochaoil Eoghan, darna mac
[Vol . 3. No. 20. p. 7]
Ruari, ann an Trinidad. Cha do phos e riamh.
Bha ’n seachdamh Ruari na sheanailair anns an arm. Chaill e Barra mu ’n bhliadhna 1838. Ghaochail e ’sa bhliachna 1863. Bha e posda da uair. Bha aon nighean aige.
Co e ceann-cinnidh Chloinn-Neill Bharra? Is ceist sin nach urrainn mis’ fhuasgladh.
A. MAC G. SINCLAIR.
RANNAN.
LE AILAIN BUIDHE.
Oidhche dhomh bhi ann am leaba,
Samhach, socair mu’n do ghluais mi,
Thainig guth thugam an cabhaig,
“Ma’s a cadal dhuit cuir bhuait e.”
Thuirt mi-bhein, Ciod a th’air t’aire?
An Spiorad, au tannasg, am fuath thu?
’S ann thaìnig mi o fhearaibh treuna;
Tha’n righ ’san Fheinu aig Loch-luasgainn;
’S Chuir iad mir’ a ghabhail sgeula
An do theirig feidh nan cruachan
Ghrad dh’eirich mi ann an cabhaig
Is ràineas bealach Chnoc-nan-armaibh;
Chunnacas fear na lan uidhim,
Is e na shuidh air Meall-dun-eanarain.
Co bha’n sud ach Fionn mac Cumhail,
Le ’chleachadh lughaidh’s bu gharg e;
Mac an Luinn an claidheabh ruithiun
’S e na chuibhil na dhorsa mheanmnaich.
Rainig mi’n Fheinn air an tnlaich,
’S bu lan churaidh am fear bu shuaraich’;
Striochd mi sios le modh ’s le oilean,
Is spion mi a bhoineid an nuas dhiom.
An sin thuirt Fionn is e’g eiridh,
Na mill m’ aithne gheur ’san uair so;
Innis dhuinne pairt dhe d’ sgeula
Ma’s tu fear-deanaimh nan duanag.
A bhliadhna ’dh’eirich am feachd
Is cuimhne leam gu beachd an uair sin,
Na Frangaich ’bhi togail batrai
’Sheisdeidh Caisteal na h-Ighinne Ruaidhe.
Chunnacas muc mhar’ an Loch-adhaich
’S an dreathunn le claidhibh ga ruagadh.
Chunnacas Frideag ’gleac ri famhair,
’Ruith le deannal ’dhol ga bhualadh;
Chunnacas ubh an nead an dreathuinn,
’S cha bhrisdeadh spreathadh de thuaigh e;
Chunnacas da fhear dheug air lon dalach,
Tairgse cath’ ris, ’s bha sud cruaidh orr.
Bha mi ’n de air Tom-an-dunaidh,
’N dun as aird’ ’tha’n Cille-mhunna,
Is chunna mi gairnealair neonach
A cur poir aig Maigstir Uilleam.
Chuir e sallan ’san dail mhoir sin;
Saoilidh sibh gur bosd mo sheanachas;
Chinn i le peasair ’s le ponair,
’S bha feorlan air a h-uile meangan.
An sin thuirt an Fheinn ’s iad ag eirigh,
Ma chaidh a chleir an t-salainn,
Is cinnteach sinn nach d’fhan feidh leibh,
Theid sinn a dh-Eirinn an null thairis.
Bhiodh t-Urramach Uilleam Caimbeal ri Ailain Buidhe air son a bhi ri oran nach biodh uile gu leir firinnich. Dh’ fhaodadh am ministir a bhi bruidhinn ach dheanadh Ailain na h-orain a fhreagradh dha fein. Thuirt Mr Uilleam ris aon latha, Ailain, an urrinn thu oran a dheanamh gun facal idir firinn? Mar fhreagirt air a cheisd aige ghabh Ailain dha na rannan a thug sinn seachad.
DUAISEAN
dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra do ’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Bheir sinn do ’n neach a gheibh an àireamh a’s mò a cheud duais, an neach a’s fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach a’s fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas.
I. Caraid nan Gaidheal.
II. Sàr-obair nam Bàrd.
III. Foclair Gàilig ’Ic Ailpein.
Bidh iad againn ro ’n bhliadhn’ ùir, ’s bidh iad air an cur g’ an ionnsuidh-san a choisinn iad cho luath ’sa bhios fhios againn cò iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn do’n phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan a’s fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn féin nach bi aithreachas sam bith orra air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an lionmhòrachd.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
Rubbers dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris
Curraichdean ur Adan,
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.
[Vol . 3. No. 20. p. 8]
BEUL-AITHRIS MU ABRAHAM.
Ann an seann leabhraichean anns an àirde ’n ear gheibhear sgeulachdan neónach mu Abraham.
Tha e air a rádh gu ’n robh ’athair, Terah, a’ deanamh agus a reic iodhail-aoraidh. Thuit air latha bha sin gu ’n robh aige ri dol bho ’n taigh agus dh’ fhàg e cùram gach ni air a mhac Abraham. Thàinig seann duine a stigh agus dh’ fheòraich e prìs aon de na h-iodhail-aoraidh. “A dhuine chòir,” ars’ Abraham, “dé ’n aois a tha sibhse?” “Tha mi ’streap ri ceithir-fichead,” fhreagair an ceann duine. “Dlùth air ceithir-fichead,” Abraham, “agus shleuchdaidh sibh a sìos do dh’ iodhal a rinn h-aon de luchd-oibre m’ athar ann an uair no dhà? Is neònach leam gu ’n cromadh sibh ’ur ceann liath do ni cho suarach ris a so.” Thàinig rugha air gruaidh an t-seann duine le nàire, thill e air a shàil ’s dh’ fhalbh e. ’N a dhéigh so thàinig boirionnach le ceum socrach, ’s a sùilean ri làr, a thairgseadh ìobairt do na h-iodhail-aoraidh. “Thoir dhaibh e thu fhéin,” ars’ Abraham, “agus chì thu cho gionach ’s a dh’ itheas iad e.’ Rinn a’ bhean mar so. An sin ghabh Abraham òrd agus bhrist e gach iodhal ach an t-aon a bu mhó, agus ann an làmh an iodhail so dh’ fhàg e an t-òrd. An uair a thill Terah, dh’ fheòraich e gu frionasach cò e an creutair mi-naomh aig an robh de dhànadas an dìol so ’fhàgail air na dée. “Ciod a th’ agaibh air,” ars’ Abraham, “ach ’n uair a bha sibhse o’n taigh, thàinig boirionnach le biadh do na dée agus thoisich an fheadhainn a b’ òige air itheadh. Chuir an dànadas a leithid do chorraich air an t-seann dia mhòr so, ’s gu’n do ghabh e ’n t-òrd, agus phronn e iad.” “An ann a fanaid air do sheann athair a tha thu?” arsa Terah; “nach ’eil fhios agam nach ith ’s nach òl iad, ni mò a ni iad gluasaa.” ‘Agus ’n a dhéigh so uile,” ars’ Abraham, “tha sibh a’ toirt aoradh dhaibh agus bu mhiann leibh mise a shleuchdadh dhaibh cuideachd.” Tha an eachdraidh ag innseadh gu ’n do chuir so a leithid do chorruich air Terah ’s gu ’n d’ òrdaich e Abraham a thoirt air beulaobh an rìgh air son an nì rinn e. Ars’ an rìgh ri Abraham; “Tha mi ’tuigsinn nach sleuchd thusa do na h-iodhail aig d’ athair? Dean mata ùrnuigh ri teinne.”
ABRAHAM. —C’ ar son nach dean mi ùrnuigh ri uisge a bhàthas an teinne?
AN RIGH. —Mar sin bitheadh e; dean ùrnuigh ri uisge.
ABRAHAM. —C’ ar son nach dean mi ris na neòil e ’tha cumail suas an uisge?
AN RIGH. —Seadh ma ta: dean d’ ùrnuigh ris na neòil.
ABRAHAM—Na biodh corraich oirbh, O Rìgh—cha ’n urrainn mi m’ ùrnuigh a dheanamh ri teinne no ri uisge, ris na neòil no ris a’ ghaoith, ach ris a’ Chruithear a rinn iad uile; dhàsan a mhàin sleuchdaidh mi.
Aig àm eile bha Abraham a’ fanachd ann an uamh aig oir fàsaich, agus ’n uair a chunnaic e a’ ghrian a’ deàrrsadh na h-uile neart, bha e làn ioghnaidh agus thuirt e ris fhein “Gu cinnteach ’s i ’ghrian Dia an Cruithear,” agus chaidh e air a ghlùinean agus rinn e aoradh do ’n ghréin. Ach thàinig am feasgar agus chaidh a’ ghrian fodha anns an àirde ’n iar, agus thuirt Abraham, “Tha mi ceárr, cha’n fhaod a bhith gu’n téid ùghdar a’ chruitheachd uile, mu tàmh.” An so dh’éirich a’ ghealach anns an àirde ’n ear, agus bhaoisg na rionnagan anns an speur. An sin ars’ Abraham, “Is fheudar gur i ’ghealach Dia, ’s gur iad na rionnagan ’armailt,” agus a’ sleuchdadh sios rinn e aoradh do ’n ghealaich. Ach chaidh a’ ghealach fodha cuideachd, agus anns an àirde ’n ear chunnacas aon uair eile a’ ghrian bhuidhe bhòidheach le a ciabhan òir a’ faoisgneadh às a mogul. An oin deir Abraham “Gu cinnteach cha ’n eil iad so na’n déé, oir tha iad ùmhal do lagh ’s do riaghailt; ni mise aoradh do’n Tì sin a tha ga’ n stiuradh, do ’m bheil iad uile ùmhal, freagarach.
FIONN.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Soithichean Creadha agus Glaine.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh
Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B
Feb. 1894.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
title | Issue 20 |
internal date | 1894.0 |
display date | 1894 |
publication date | 1894 |
level | |
reference template | Mac-Talla III No. 20. %p |
parent text | Volume 3 |