[161]

[Vol . 3. No. 21. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 24, 1894. No. 21.


OBAIR.

Tha moran ann aig nacheil toil no tlachd sam bith an làmhan a chur ann an obair seach obair de na dhfheumas daoine a dheanamh o latha gu latha, agus o bhliadhna gu bliadhna. Tha iad so ann am beachd, nam biodh an saoghal mar bu choir dha bhith, nach biodh a bheag sam bith a dhobair aig daoine ri dheanamh. Their cuid dhiubh gur em peacadh bu choireach gum beiginn do dhaoine bhith ri obair. Chan eil teagamh sam bith nach do mheudaich am peacadh an obair gu mor; ach cha be thug an obair a steach don t-sáoghal idir. An uair a chruthaicheadh an duine thugadh gu leor dha ri dheanamh. Bha aige ri bhith àrach asaoithreachadh ann an gàradh Edein, agus mar ceudna abhithg a ghleidheadh. Bha so aige ri deanamh eadhon ged a bha e aig an àm ann an staid neo-chiontais. Bha fhios aig aChruithfhear nach robh e math don duine bhithna thàmh nis mo na bha e math dha bhithna aonar.

Bhiodh e feumall dhuinn cuimhne a chumail an comhnuidh air na tri nithean sonraichte a chaidh a chur fa chomhair an duine mar dhleasdanais a bhaige ri chur an gnìomh, eadhon an uair a bha e ann an staid neo-chiontais, ’se sin, fois a ghabhail air an t-sàbaid, posadh, agus obair a dheanamh. Tha fhios againn nacheil an earran as mo de shluagh an t-saoghail atoirt oidhirp air cuid de na dleasdanais so a chur an gniomh. Gun teagamh sam bith tha morana toirt oidhirp air pàirt dhiubh a chur an gnìomh. Ach tha e soilleir do gach neach a ghabhas beachd air, mu oibrich an duine mar is còir dha nach urrainn da aa dleasdanais eile a chur an gnìomh gu cothromach agus gu ceart. Mar is trice is e an duine as lugha a ni den obair a théid aig air a dheanamh, as mo bhristeas an t-sàbaid. Mar an ceudna, tha bhithposadh agus a leigeadh acosnadh,” cho cumanta measg dhaoines gu bheil e air tiginn gu bhithna ghnath-fhacal anns an dùthaich.

Tha moran ann am beachd nach coir do dhaoine uaisle, no do dhaoine saoibhir an làmhan a chur ann an car oibrach. Is beachd anabarrach nearachdach am beachd so. Ma bheir sinn fa near e, tuigidh sinn nach robh duine air an t-saoghal bu shaoibhire Adhamh. Bu leis, ann an seadh àraidh, an saoghal mun iath aghrian, agus na bhair uachdar. Ach air a shon sin, chuir an t-Athair neamhaidh a dhobair e. Chan fhaodadh e bhithg imeachd mun cuairt gun char ga dheanamh mar a chi sinn moran dhaoine bochda, agus de dhaoine beairteach air an lathan diugh.

A thaobh uaisle, faodar a rádh gu robh Adhamh cho uasal ri duine a bha riamh air an talamh. Tha moran an dùil nach coirduine uasala ràdh ri duine mureil e beairteach. Bha sinn mar tha acomharrachadh a mach gu robh Adhamh saoibhir. Tha fhios againn gun do chruthaicheadh e ann an staid naoimh agus shona. Bhuilich Dia tuigse agus eolas agus gliocas air ann an tamhas mor. Air dhuinn a bhithcreidsinn gun do chruthiach Dia na h uile nithean gu ro mhath, tha e soiileir dhuinn gun do bhuilich e air Adhamh gach buaidh mhaiseach a burrainn a bhith air duine uasal no iosal.

O na nithean so faodar a thuigsinn nacheil aon chuid am bearteas no an uaisle ri daoine chumail o bhithdeanamh na h-oibre a thug Dia dhaibh rideanamh. Mar an ceudna faodaidh sinn a thuigsinn nacheil ena aobhar nàire de dhuine sam bith a bhithg obair. An àite so, ’s ann a thana chùis nàire do nach sam bith as urrainn obair a dheanamh, a bhithna thàmh.

Thugamaid a nis fa near an eisimpleir a chuir an dara Adhamh far comhair. Tha e sgriobhta nach robh Iosana thamh mun do thoisich e ri searmonachadh an t-soisgeil. “Nach e so an Saor?” Tha na briathran so gu soilleir acomharrachadh a mach dhuinn gun dionnsaich Iosa an t-saoirsneachd, agus gu robh eg obair air acheairrd so gus an dthainig an t-am anns an robh aige ri dhol a mach, ann an cumhachd an Athar, a shearmonachadh an deagh sgeil, agus a dheanamh nam miorbhuilean iongantach sin leis an do dhearbh e cho soilleir don e-s oghal gur ann o Dhia a thainig e. Ann am baile Nasaret bha e ghnath aig an obair a thugadh dha ri deanamh; agusna dheigh sin bha esior fhalbh o aite gu aite, agus asior dheanamh math. Mar so dhfhag eisimpleir againne a chum gu leanamid a cheumannan Theagaisg e dhuinn gur e an aon doigh air an urrainn sinn a bhith mor, sinn a bhithnar seirbhsich do na h-uile. Theagaisg e dhuinn mar an ceudna nacheil aite aig seirbhiseach leasg agus olc idir an rioghachd Dhe.

IAIN.


Is ainneamh leis na h-uilc a bhithnan aonar. Is tric leis na breugan a bhithn cuideachd na braide. Is tric le mi-bheus a bhith, n cuideachd na misge.

Tha gu leòr aon dìolaid a chur air aon each. Mar an ceudna tha gu leór aon eallach a chur air druim duine sam bith. Am fear a ghabhas os laimh mòran a dheanamh, faodar a bith cinnteach nach teid aige air a dheanamh ach fior bheagan.

Cha toill an gliocas gu léir anns an aon cheann. Chan e so a tha iomadh neach acreidsinn. Tha dùil aig cuid gu bheil gliocas an t-saoghail uile rifhaotainnnan cinn fhein. Is e so an dearbh chomharradh leis an aithnichear chò amaideachs a tha iad,

Air son nam biastan—Cherokee Vermifuge.



[162]

[Vol . 3. No. 21. p. 2]

COMHRADH NAN CNOC.

Fionnladh Piobaire, agus Mairi Bhean.

MAIRI. —Cha bìoghnadh leam fhéin, ’Fhionnlaidh, a ghràidh, ged bhiodh am fogharadh gu maith tràthail am bliadhna. Than Teachdaire Gàidhealach ag ràdh, gu-m bin cruithneachd abuichan ceann fhichead latha. Cha-n fhaod ebhith nach tèid thumach am bliadhna; bfhéairrd thu fhéin, ’eudail, sgrìob a thoirt a dhfhaicinn an t-saoghail, ’s tham figheadair, ma dhfhaodar earbsas, agealltuinn gu-m bi an Clò dhachaidhan ceann latha do dhà.


FIONN. —An do thòisich thu, ’Mhàiri? ’S em fogharadh so fhéin a chaidh eadar thus cadal na h-oidhche; fhads a gheibh mise cosnadh maiths an dùthaich, car son a rachainn a mach gu Galldachd air a thòir.

MAIRI. —Caitam faigh thusa cosnadh dùthcha as fhiach a ghabhail?

FIONN. —Gheibh mi, agus gu leòir dheth. Nacheil Fear-a’ -bhailedol a chur suas gàradh-droma air abhliadhna so, far am faigh mi obair mhaith abuidhinn chlach, agus cothrom agam air a bhi amthigh fhéin gach oidhche?

MAIRI. —An e gu-n rachadh tusa a bhuidhinn chlach, a dhfhaotainn do shùilean a smùideadh asad le fùdar, mar thachair do dhEòghan mòr clachair, ged beòlach e; agus a thuilleadh air sin, a mhilleadh do mheur? an sin, ’Fhionnlaidh, a gheibheadh urram an latha am measg nam Pìobairean, agus do mheòir-sa, ’ghràidh, cho cruaidh ris na h-adhaircean?

FIONN. —Nacheil Celp ra deanamh; cha-n olc an obair sin, ged tha móran den t-samhradh seachad?

MAIRI. —Ceilp! Cha be mFhionnladh fhéin a leiginn ga deanamh; diù gach cosnaidh. ThusadCheilpeir, ’Fhionnlaidh! cha bhi gu dearbh; is cuimhne leam duineachan beag, prabach o ìochdar Mhuile a bhas an dùthaich adeanamh Ceilpe o cheann bliadhna no dhà: cha luaithe thigeadh e stigh do chuideachd, na bhiodh na h-uile adharc shnaoisein a mach.

FIONN. —Cha chuala mi thu riamh, a Mhàiri, alabhairt cho amaideach. Cha dubhairt thu focal amaghaidh mu dheireadh an fhoghair a dhfhalbh anàm a bhismiùradh nan òisgean, ged bu shalach an obair i seach a bhideanamh na Ceilpe.

MAIRI. —Cha-n ionann, gu dearbh, don chuid. ’N in teàrr ghlan, ’s an t-ìm, agus fallus chaorach, ’g an curan coimeas ri Ceilp shalaich?

FIONN. —Nach maith an cosnadh a fhuair mi an uraidh arùsgadh na coille; nach do phàigh mi mo mhàl, nach do chuir mi stigh min an t-samhraidh, agus bloidh-seiche leathair, ledlighe de leathar-iall? Cha-neil fhios am faod Pàra mòr, lebhuain Ghallda, an ni ceudna ràdh. Tha cunntas maith air an sgadan, mu thuath, agus bfhéarr leam dol ga iasgach, naGhalldachd a thoirt orm, gun smid Bheurlamcheann, nas na tha ann an sionnsair mo phìoba.

MAIRI. —A dhiasgach sgadain! Ma tas tu a dhamais air achosnadh fa dheireadh; ìs olc a chòrdadh e riut. Gabh thusa mo chomhairle-sa, agus thoir abhuain ort am bliadhna, a mach gu Galldachd, le Pàra mòr.

FIONN. —Am bheil thu cinnteach an do shocraich Pára mòr a mhàl an uraidh, an déigh gach cosnaidh mhòir a rinn e?

MAIRI. —Cha-n aithne dhomh cia mar tha sin; ach thabhuil gu-m bheil Pàra mòr adol gu fogharadh; is rìomhach, eireachdail abhean aige air gach -dhail lecleòca sgàrlaid, agus leboineid chonnlaich, agus misair an tonnaig ruaidh bhreacain, agus boineid chonnlaich cha deachaidh riamh air mo cheann.

FIONN. —Cha deachaidh, a Mhàiri, agus ma dhfhaodas mise, cha téid. Cha leigeadh no nàire leam dfhaicinn ann an cuideachd, le sgùlan mòr connlaich air do cheann, mar a thair bean Phàraig. Tha curraichdean maith nas leòir agad, gun bhistrì ri amaideachd

MAIRI. —Cha b ìoghnadh leam ach thu bhitighinn thairis orra. On a thuit duit labhairt mu na curraichdean, ’s ann an uair a chuir mi Lachann beag bhàrr na cìche a fhuair mi ribein buidhe air mo churrachd àrd, agus tha uaithe sin a nis trì bliadhna. Cha-neil misestrì ri amaideachd, ach feumaidh daoinebhi cosmhuil ran coimpiribh.

FIONN. —Sin thuMhàiri, cum thusa sin suas. Cha-n imir, agus cha-n fhaod iad a bhistrì ran coimpirean amaideach; nach i acho-fharpuis so a thamìlleadh an t-saoghail. Cha biongantach leam ged bhiodh tug iarraidh sgaileagain, no mar their iad fhéin, umbrella, mar a tha aig luchd nam boineidean connlaich.

MAIRI. —Ged dhiarrainn sin fhéin bu shuarach an gnothuch e; ach thafhios agad fhéin gu-m bheil cleòca dearg, agus ceanna-bheirt a dhìth orm; agus sud ni a tha dhìth ort fhèin, ad agus uaireadair.

FIONN. —Cha chreid mi nacheil abheann a breislich; ad agus uaireadair! Car son nach do chuir thu spuir agus bòtainnean ris? Cha chuir misad orm am fads is beò mi; agus do thaobh uaireadair, cha-neil ionndrainn agam uir. Mar thuirt Alastair dubh nan damh, Is maith an t-uireadar mo shuil, mo bhrù, ’s an coileach. Fuireamaid a Mhàiri, mar a tha sinn, gu sàmhach, seasgair: tha na mnathan, tha miseg ràdh riut, air bàinidh le rìomhadh.

MAIRI. —Nach iad fhéin, thruaighe, ’thaga chosnadh? Nach nàdurra, cliùiteach, gu h-àraidh, do mhnathan ògàbhi eireachdail tlachd-mhorn an éideadh?

FIONNAidichidh mi gu-m bheil e nàdurra, achs e nacheil cliùiteach. Bu mheasaile gu mòr dhoibh beagan dan tuarasdal a chur seachad air son n fheuma. Is cuimhne leam-san uair nach robh bana-chosnaiches an dùthaich leis nach bu ghnàth cail-eigin da tuarasdal a chur seachad, afeitheamh an fheum ri teachd; agus bhiodh plaideachan agus aodaichean eile aca afeitheamh m bainnse: ach a nis ged tham barrachd mòr tuarasdail aca, gabhaidh n druim, as an ceann, agus na casan air fad e. Cha-neil guanagn am measg a nis, a chaomhnas uireads a chuireas cistus anart oirraig àm a bàis. Coma leam iad.

MAIRI. —Obh! Obh! ’S tuleig ruith do dtheangaidh! Ciod achoirerinn iad ort-sa?

FIONN. —Tha misag ràdh riut gur anabarrach peacach an giùlan. Burrainn domh an ainmeachadh a tha dol don eaglais fo dheise shìoda, agus gun an léine air an druim; agus is aithne dhomh nas gràineile na sin uile, feadhainn a tha dol don eaglais le rìomhadh uaislumpa, agus am màthair, a thog agus a dhàraich iad, a shaothraich iomadh air an son, gu trom, airsnealach le fallus an gruaidhe, gun aodach, gun chais-bheirt leis an urrainn doibh dol do thigh an Tighearna. An saoil thu an sìn iad an làmh gu bonn-a- a churam bocas



[163]

[Vol . 3. No. 21. p. 3]

nam bochd. Tha iad cho uaibhreach, ’s gu m bu nàr leo an rathad mòr a ghabhail lem pàrantaibh air na Sábaid. Ni-maith a thoirt maitheanais domhn uair a chì mi iad cho briagha, agus fhios agam an dearmad a tha iad adeanamh orr-san a thu a dhionnsuidh an t-saoghail iad, is rud a dhùraichdinn an rìomhadh a shracadh bhàrr an droma. Is ìoghnadh leam nacheil am ministeir fhéin afosgladh orra as achrannaig. Na m bann diubh thu, ’Mhàiri, cha dubhairt iad riamh, Sud agad leannan Fhionnlaidh Phìobaire. Togamaid den t-seanachas, tham fogharfhathast fadair falbh.

MAIRI. —Cha-n e sin a than Teachdaire Gàidhealach ag ràdh: agus chunnaic mise Marsali mhòr o cheann no dhà, agus tha togail an fhoghairna sùil. Aithnichidh Marsali air abachadh nan cnó ann an Ard-ghealladh, no air dath an eòrnas an Aoineadh-mhòr cuin is cóir dhi aGhalldachd a thoirt oirre, cho cinnteachs ged thigeadh teachdaire ga h-iarraidh. Mureil mi meallta tha ideanamh deas gu falbh. Than t-iomaire buntàta air Croit-an-fhraoich airuireadhchuir icearcan air àireachaschunnaic min coileach Eirionnach air dùnan aGhobhainnrinn Eòghan greusaichna bròganchuala mi gu-n dfhuair iteisteanas on Mhinisteir, agus tha so uilen a chomharadh cho cinnteach gu-m bheil abhuainan uine bhig ri tòiseachadh air aGhalldachd, ’s a tha séideadh na muice-mara ann an Loch-Suaineart air teachd an sgadain. Faic thus Marsali, ’eudail, agus cuir do chomhairle rithe; oir tha iad ag ràdh gur foghainteach air aBheurlin uair a dhfhàgas in dùthaìch. Fuirich thusan a taic fhéinus an taic Phàra mhòir, agus cha-n ionndrainn thuBheurla: agus ged nach bi e goireasach dhuit an cleòca sgàrlaid, no abhoineid chonnlaich, a thoirt dhachaidh, feuchaidh mi ri bliadhneilethoirt as an tonnaig ruaidh, ged tha mi cinnteach, ’Fhionnlaidh, nach bu mhaith leat mibhi air deireadh air càch.

FIONN. —Chì sinn, a Mhàiri. ’S em màl a chur ra chéile an t-aon ghnothuch; ’s e so a fhreagairt gu poncail a chumas na maoir on dorus, agus an teaghlach gun imrich. Cha cheannaich mise aon ni dhuitse no dhomh fhéin, fhads a tha uallach màil no fiachan sam bith eile thairis orm. Bìtheadh iad abruidhinn mar is àill leo, agus afochaid oirnn; ach a Mhàiri, creid thusa mise, gur measaile abhoineid ghorm so agam-sa, an tonnag ruadh agad-sa, leis an bhò bhainne, am badan beag ghabharus chaorach, achroit bhòidheach ri taobh an uillt, far an drugadh ar pàisdean, anns an do chuir sinn a cho liugha latha sona seachad lechéile, na rìomhadh gòrach, na maoir gach aig ar sàil, ’s abhàirlinn crocbta ris an àrd-dorus. A Mhàiri, ’eudail de mhnathan an domhain, bitheamaid gu sunndach, toilichte, afuireach gu seasgair, sàmhach, mar bha na daoine on dthàinig sinn, gun bhistreap ri nithean nach buin duinn. Tha na leananan atighinn air an adhairt. Gu-n cumadh am Freasdal sinn o ana-caitheamh a chuireadh as ar comas a bhin ar dleasnas dhoibh-san. —Caraid nan Gaidheal.


LesghisMinard ’s Linimentgreim-droma ormsa.
Chatham , Ont. BAYARD MCMULLIN

LeighisMinard ’s Linimentat ormsa.
Walsh . Ont. Mrs. W. M. Johnson.

LeighisMinard ’s Linimentat-bràghaid ormsa.
Parkdale , Ont. I. H BAILEY.


Feumaidh daoine oichirp a thoirt air cur suas le cùisean mar a thig iad agus an uair a thig iad. Chaneil duine coimhlionta air an talamh; ach a shon sin tha Dia acur suas leotha, agus atoirt orra mòran feumadheanamh. On a tha Dia acur suas leis ua seirbhisich a thaige, ’s gun a h-aon dhiubh coimhlionta, is còir dhuinne gach oidhirp a thoirt air cur suas le iomadh ni agus neach nacheil idir cho maths bu mhiann leinn.

Mar is a bhios de mheas aig duine air fhein, ’s ann is lugha bhios de mheas aige air daoine eile,

Air son crup—Minard ’s Honey Balsam.

Ma chuirear an seabhag do thaigh nan cearc faodar a bhith cinnteach gun dean e cron mun tig e mach. Ma leign ar leis na daoine suarach, mi-bheus ach, a bhithn cuideachd chreutaireau neo-chiontach, faodar a bhith cinnteach gun dean iad cron mar an ceubna.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.

A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.

Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.

Call and Examine Stock.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNIC. B.
Tha Flur, Min, Siucar Ti, Tombaca
Coirce, Feur, agus iomadh
ni eile aige.
RIN REIC SAOR.



[164]

[Vol . 3. No. 21. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney Cape Breton.


SIDNI, NOBHEMBER 24, 1894.

Bu mhòr a bhruidhinn a bhair feadh na Roinn-Eòrpa fad na bliadhna thaobh aghamhlais a bha air a nochdadh do Bhreatuinn leis an Fhraings le Ruisia. Bha na Frangaich, nam bfhior sgeoil nam paipearan-naigheachd, an ceann gach tacain, adol air ghoil le feirg an aghaidh nam Breatunnachs nan Gearmailteach agus bha gach aon ag ràdh gu robh co-bhonn suidhichte eadar iad féin us Ruisia, gun seasadh iad an guaillibh a chéile ge be uair a dhéireadh aimhreit. Achs ann a tha car eile air a dhol an adharc an daimh an dràsda. Tha Iompaire ùr Ruisia anochdadh moran càirdeis do Bhreatuinn, aguss i bharail a tha coitchionn am measg dhaoine gum bi Breatunn ais a gabhail a stigh don cho-bhonn a theadar i féins na Frangaich, agus gum bi a Ghearmailt air a fàgail amach. ’Se thug an t-atharrachadh so mun cuairt, ni a rinn an t-Iompaire an latha bhatar thurus dh ionusuidh an torraidh, ag adhlacadh àthar. An uair a bha e air ase Prionnsa Wales a thagh e à meadhoin nan Urracha-Mora uile gu coiseachd rithaobh. ’Se so a thug air daoine smaoineachadh gu robh Ruisia us Breatunn afàs na bu chàirdeile ri chéile na bha iad nam bliadhnaichean a chaidh seachad. Than t-Iompaire ur ag ràdh gu bheil roimheuile dhichioll a dheanamh air sith a chumail anns an Roinn-Eorpa, ceart mar bhaathair roimhe. Bha iadsan a bhios nas fios dhaibh féin ag innse h-uile ni roimh laimh, ag ràdh gu robh troimh chéile mhor gu bhi ann ri linn bàs Alasdair III., achs ann a tha cùisean a nis mar gum biodh an t-sith air a gleidheadh nas fhearr na bha i roimhe, anochdadh dhuinn cho diomhainsa tha e do dhaoine bhi feuchainn ri fàisneachd a dheanamh a thaobh an àm a tha teachd.


Ann an Siam

Tha iomadh cleachdad neonach aca ann an Siam, achs en rud as neonaiche a tha aca uile, ’bhig ainmeachadh nam bliadhnachan air ainmhidhean. An àite bhig àireamh nam bliadhnachan mar a bhios sinn adeanamhsan dùthaich sos ann a their iad gun do thachair a leithid so no a lethid sud de ni ann am bliadhnan leòghainn, am bliadhna na h-elephant, am bliadhna na caora no bliadhna beothaich air chor-eigin eile. Neach sam bith a rugadh ann am bliadhnan leóghainn, cha n-fhaod e bhi air a phòsadh ri a rugadh an am bliadhnan uain, agus neach a rugadh an am bliadhnan tigeir, chan fhaod e bhi air a phòsadh ri a rugadh am bliadhnh na h-elephant. Duine sam bith a cheileasaois no a chuireas an céill gum buin e do bhliadhna sam bith eile ach a bliadhna anns an drugadh e, tha lagh na dùthchaga ghabhail os làimh, agusga pheanasachadh gu trom. ’S gann gun còrdadh na riaghailtean sin ruinn anns an dùthaich so; ’s fhearr an ceann dhuinn gu mòr an t-olc eòlach na an t-olc aineolach.


Bha ALASDAIR an III, Iompaire marbh Ruissia air chur fon talamh Di-luain. Cha robh righ no duin eile anns an linn so air adhlacadh le uiread mòr chuis us greadhnachais. Bhan latha fliuch, fuarraidh, ach ged a bha, chaidh gach ni air adhairt mar gum biodh an t-sìde bu bhreagha ann. Bha mòran de dhurrachan móra na Rionn-Eòrpa a làthair, am measg cháich, Prionnsa Wales, a bhan-phrionnsa, agus Diùc York.

Tha $60 de dhuais air a thoirt seachad ann an Ool-thigh na Ban Righ àn Kingston, na h uile bliadhna don fhear as fhearr air a Ghàilig. Thugadh a mach an duais sin air a bliadhna so le Murchadh Mac Fhionghain foghlumaich óg tapaidh a mhuinntir Loch Ainslie.

Bathar math agus saor aig D. J. Domhnullach. Taghail aige gun fhios nach tu a gheobh an fhichead dollar.


FLUR
$3 .50 am barailte,
Air son airgid. Theid sinn an urras gun dean e deagh aran.

BROGAN BHAN
$1 .00 am paidhir.
Tha iad laidir agus air an deagh dheanamh.

STOC MOR DE BHATHAR UR.
aig
JOST BROS.
Sidni, C. B., Nov. 9, ’94.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.


Dr G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[165]

[Vol . 3. No. 21. p. 5]

NAIDHEACHDAN

CHAIDH mu leth-cheud luchd soithich de shiols de bhuntàta á Eilein a Phrionnsa a chreic ann an Ceap Breatunn am bliadhna. Bham buntáta air a chreic eadar 28c us 35c am buiseal, agus an coirce car mun aon phrìs.

Dhiarramaid orrasan nach rinn an dollar a chur air adhart fhathast, gun an tuilleadh dáil a chur ann. Cha ghabh aon àireamh dhen phaipeir cur a mach gun roinn mhath de dhairgiod a phàigheadh a mach. Bu mhath leinn uime sin gum biodh airgiod a tighinn a stigh.

CHAIDH triùir iasgairean, Iain Hughes, Walter Hudley, agus Tearlach Spanks, a bhàthadh aig Canso deireadh na seachdainsa chaidh. Bha iad a mach ag amharc air na lin, agus chaid iad féins am bàta fodha. Cha dfhuaireas an cuirp fhathast. Dhfhàg Hughes bantrach us triuir chloinne.

THAINIG soitheach-smuide a stigh gu Sidni Tuath oidhche Di-ciaduin, ’s i air a milleadh gu dona leis an stoirm. Bha i air a turus eadar Montreal us Sasuinn le luchd de dhfhiodhs de chaoraich. Bha da cheud deug caora aicair bòrd, agus bha cóig ceud dhiubh marbhn uair a ráinig i port.

BHA teine mòr eile an am Port Morien, (no Cow Bay) air an t-seachdain so. Mu mheadhon-latha bhrist e mach ann an taigh fear de méinneadairean an Gowrie, agus an ùine glé ghoirid bhan t-sreath anns an robh an taigh air a losgadh gu làr. Bha ochd teaghlaichean air am fàgail ann dachaidh, agus cha do shàbharileadh ach glé bheag dhen cuid àirneis. Chan eil aon tigh fàs anns a bhaìle, agus mur cuirear suas taighean ùra dhaibh a dhaith-ghearr, bidh iad air an droch càradh.

BHA Dior-daoin air a chumail mar latha taingealachd air feadh Chanada uile, anns an dòigh àbhaistich. Anns a bhaile so bha na stòraicheans na taighean-gnothuich uile dùinte, agus bha seirbheisean anns na h-eaglaisean. Air an oidhche bha coinneamh mhor ann an Talla na Stuamachd aign do labhair na h-Urr. Mr. Forbes agus Hickey. agus àireamh de dhaoineile, mu ciod a ghabhadh deanamh a thaobh cur as do chreic agus do òl na deoch-làidir anns abhaile. rud air a bheil am baile glé fheumach.

BHAm foghar agus toiseach a gheamhraidh glé bhriagha, ’s gun fior mhòran fuachd idir. Ach oidhche Luain thug on t-side car eile. ’N uair a dhéirich sinnsa mhaduinn Di-máirt, bha reothadh air na h-uinneagan, an talamh cho sgreagach, cruaidhsa bhitheadh emeadhon na dùdhlachd, agus gaoth amh, fhuar a séideadh gu làidir on airde tuath. Cha robh Di-ciaduin idir cho fuar, agus Dior-daoin shil dearsach mhòr uisge. Bhan samhradhs am foghar cho briagha, tioram, ’s nach eil aobhar ghearain againn ged bhiodh an geamhradh car doirbh.

Air son domblasachd—Min ’ds Family Pills.

THAINIG bàs gle ath-ghearr air fear Francis Arnold, tuathanach a bhann am Baddeck Mhòr, Di-haoine air an t-seachdain sa chaidh. Chaidh e muobair mar a bàbhaistsa mhaduinn; mu dheirch uairean chaidh e na shìneadh air leabaidh gus anail a leigeil, agus an ceann beagan mhionaidean thuit e marbh air an ùrlar. ’S e tinneas a chridhethug a bhás. Bha e mu thri fichead bliadhnasa deich a dhaois.


BREITH.

An tigh a mhinisteir, Dunbheagain, Canada Uachdrach, an ochdamh latha deug de cheud mhios a gheamhraidh, bean an Urr. Ruairidh Mac-Leòid, —nighean.


Bha crith-taalmhainn mhor anns an Eadailt Di-sathairne sa chaidh. Bha baile anns an robh da cheud deug sluaigh a còmhnuidh air a leagail gu làr; na taighean air an cur as a chéiles air am bristeadh Chan eil dòigh air fios ceart fhaotinn air meud a calla, ach tha e cinnteach gu e mor. Ann an aon eaglais bha da fhichead duinesa seachd air an tiodhlacadh beo. Tha iad adeanamh a mach gu robh air a chuid bu lugha tri fichead duine air am marbhadh.


Rinn na Turcaich mort uamhasach ann an Armenia o chionn ghoirid. Tha an duthaich bhochd sin fo chis daibh o chionn uinfhada, agus than sluagh air an creachadh air dhoighs nach eil ach gann ni air fhàgail aca. ’N uair a gheobh na Turcaich duthaich fopa, chan eil ni fa near dhaibh ach a spuilleadh. Chuir iad na cis-mhaoir air an turus so, gu Armenia a thogail na cise, ach chuir an sluagh nan aghaidh, ag raitinn nach robh aca rud a phaigheadh i. Chuir an Sultan an sin ordugh am mach gum biodh iad air an sgrios, agus chaidh sin a dheanamh. Tha iad a deanamh a mach gu robh mu dheich mile air an cur gu bàs, agus sin air gach doigh bu bhruideile na chéile. Cha robh trocair air a dheanamh eadhon air a chloinn bhig ach bha iad air am murt comhla ri càch. Bha cuid den t-sluagh air am marbhadhnan taighean féin, cuid anns na h-eaglaisean. agus cuid anns na machraichean. Tha corr us fichead baile air fhàgail na léir-sgrios.

Tha na h-Armenianich ag aidmheil a Chreidimh Chriosduidh, agus dhfhag sin na Mahometanich na bfhior ghionaich air cur as doibh.


Is minic a bha coltas an fhìor dhuine chòir air an dearg-shloightire. Chan ann rim faicinn is còir daoine a ghabhail idir.


An S. S. Arcadia,
THAN ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Anns, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Diordaoin.
P . KERR,
Maighstir.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.

Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[166]

[Vol . 3. No. 21. p. 6]

Oran do dhIarla Atholl.

S mithich dhomhsabhigeirigh.
S dol gu h-ealamhnam eideadh le sunnd;
Bidh mi gluasad air astar,
S gu Srath-Teamhair nam breac ni mi iul,
Shealltainn farla nam bratach
Leis nach bfhiach a bhì tais ann an cuis,
Leam gur bliadhna gach seachduin
Bhon la thriall mi a cleachdadh do chuirt.
IarlAtholl thaitnich, dfhaicinn slan,
Ur shlat ghasda as cas-bhuidhbarr,
Deud dhluth chailceair dhreach nan cnamh,
Run gach lasgaire gaisgeil, dan.

Cha bfhear gige mach tais thu
Dhol a dhireadh nan cas bheann a suas.
Ged a thigeadh la doirbh ort
Le cur sneachda, gaoth cholgarra, ’s fuachd,
Cha bhiodh gruaman air daire,
Is cha chluinnteadh guth gearanach bhuait;
Sar cheann-feadhnthus fear-taighe
Leis an eireadh na h-Athollaich shuairc.
Aigear dealbhachs neo-chearbach beus,
A shiubhleadh garbhlach gu calma gleusd,
Sa chuireadh earbas damh dearg bho leum,
Lepheileir marbhteachbu ghailbheàch beum.

Cha bu cheatharnach cliobach
Gun sar eolas, gun mhisnich, gun speis,
Ris an drinn mise dealachadh
Mun taice son latha roimhn de,
Thall aig fonn Bad-an-Tiobairt
Le a cheathairne sgiobalta ghleusd,
Is lemhial-chonaibh seanga
Chuireadh siubhal am eangaibh an fheidh.
Chan fhear suarach o nachdar frith
Ach og uasal dhfhuil uaibhrich righ
An triath buadhach dom buailtan t-sith
Lethreum chruadaln uair ghluaist gu strith.

S mor acheistthug an crun dhiut
Airson suairceas do ghiulains do ghniomh;
Chuir sinn Goill am mi-run dhuit,
Is ben eibhneas do chuis a chur sios,
Is mor meagal gun glac iad thu,
N uair bhios tunan taice, len lion,
Is gun glais iad na tuir ort,
Oig aigeantaich shuil-ghuirm gun ghiamh.
Ceannard sluaigh thu dhan dualchas baidh,
Cridhen t-suairceis gun fhuathna dhail;
Nan dthoirt bhuainn thu bu truagh ar cas,
Bhan la chruaidh sin gu uair ar bais.

Bfhearr gu mor leat, oig uasail,
A bhisuibhalfeadh bhruachan is bhac,
Le do ghillean deas sunndach,
Is an gunna nach duiltadh adghlaic,
G amharc staithean an aonaich
Far an cluinneamaid glaodh nan laogh breac
Na bhig amharc nam fealtair
Bhiodh ag imeachd air cabhsairean Pheairt.
Marcach eutrom nan steud-each seang
Bhuidhneadh reis thar nan ceud is geall;
Gaisgeach treubhachbu bheumnach lann
Ri uair feums do bhreid ri crann.

S tun t-og eireachdail, ceutach,
S tu ag imeachd air reidhlean gu foil,
Gnuis ghlan sholleir na h-ailleachd,
Suil a shealladh le cairdeas air slogh.
S iomadh maighdean og uasal,
Agus ruthadhna gruaidh mar an ros,
Bhios adearcadh le gaol ort,
S leis am baighearrach dfhaotuinn an coir.
Oigear daicheil thus aillidh snuadh,
Ceist gach ailleags an Airde Tuath,
Faiceam slan thu le adh is buaidh,
Gu la bhais is leat gardh do shluaigh.


GUTH BHON CHAMUS.

Tha aòidhealachd nàduir
A bfhàiltiche tuar,
Fad an t-saoghail air caochladh
Sa h-aògasg fo ghruaim;
Tha giùig air na dùilean
Le fùnntainn an fhuachd,
Fo dhù-linn trom thùrsach
Ri ciùcharan truagh.”

Thanig an Geamhradh. Tha na machraichean molach, uaine air fàs odhar, lom; tha solus na grèine air fàs gruamach le tiughad na h-ìarmailt; tha eoin nam pongannann millis a cur ma dhéighinn ar fàgail cho luaths as urrainn daibh; agus tha gach preas boidheach anns am bàbhaist dan t-seillean a bhi srannraich an am trusadh na meala air fàs prabach, lom agus an cuid duilleach is flùr air crìonadhs air tuiteam gu làr. Is e culaidh-smaointich tha so, gun teagamh. Tha Eoghan Ruadh ag radh, “Gu de idir am mèorachadh gun bhuaidh a thort? Nach eil thu faicinn a leithid so de dhatharrachadh a tighinn mu Shamhain a h-uile bliadhna bho na rugadh tu? Tha sin ceart, Eoghain; ach na sealladh tus agus do leithidean eile a stigh anns a chùis beagan ni bfhaide, cha chreid mi nach mothaicheadh sibh do rud no dha a thogadhn ur ninntinn smaointean ro-fhreagarrach a thaobh ar turuis ann an Gleann-nan-dìar. Tha cùrsa Nàduir, mun am so den bhliadhna atoirt rabhaidh dùinn nach eil Samhrahh ar latha-ne dol a mharsainn nis mo am feasd. Gu cìnnteach thig an latha air gach aon aginns am feum sinn dealachadh ris gach toileachadh saòghalta, caillidh sinn ar slàinte agus ar coltas; thig maillair ar lòirsinns cha chluinn sinn ach gann guth binn, tla nan cairdean; agus ma dheiradh seargaidh sinn sìos gu diblidh, brònach nuair thig fuachd trom a bhàisn ar caraibh.

Bha dùil aginn mun am son uiridh gun bithidhmaid am bliadhnadol a dhionnsaidh a mhargaidh gu spòrail air an each-iarruinn, ach than cothrom sin cho fada bhuainn air réir coltaissa bha e riamh. Chaneil e soirbh ra thuigsinn caitis mothabheil an fhàillinn, ged than luchd-riaghlaidh is feadhainn eilasgriobhadh agus agràìtinn moran man chùis; ach mar dthuirt an sean-fhacal, “Cha bhithidhmaid latha gun sithionn nam marbhadh bruidhinn eoin.”

Tha fear Hussey à Boston, Sealbhadair air Méinnean Guail Bhroad Cove, a cur mu dhèighinn Pon Chloinn Iasac fhosgladh agus acarsaid a dheanamh dheth los gum faigh saghaichean morastigh aun a ghiulaineas air falbh gu margadh an gualtha cho paillt ceithir thimchioll a Phoin. Ma ni an duin-uasal so darra leth cho math ri gheallabh, is e, gun teagamh sam bith, Geancach afhearr a chunnaic sinn fhathasd.

Chuir sinn oidhche Shàmhna seachad leth choltach ri oidhche eile. Tha na seann chleachdanan amaideach adol gu mor à fasan. Gheibhear an fhuarag mar is tric fhathasd am measg clann nan Gàidheal, agus gu cinnteach cha bhi an t-oigridh toilichte mar a teid fàine thilgeil innte. Ach mo chreach! ’s ioma fear agus tefhuair a faine air a spàin, o chionn dusan bliadhna, tha fhathasd agleidheadh a chlobha.”

IS MI.
An t-Samhain, 1894.


ON AMHUINN MHEADHONAICH.

Tham bàs adeanamh bheàrnannar measg. Chaochail a trìuir bhon sgriobh mi roimhe. Bha Bean AndraIc Theàrlaich, boirionnach òg, cliùiteach air à gairm dhachaidh air an 18mh. latha de September, agus air an 18mh latha de October, dheug Bean ChoinnichIc Gill-fhinnein. (an t-eildear), an deigh moran tinneis fhulang gu foighaidinneach uinfhada. Bha ina bean air an robh mor mheas agus bha i airidh air. Bu mhàthair i don Urr Alasdair C. Mac Gill-fhinnein, B. D; a Dalhousie Mills Ontario. Air an 21 mh latha de October, thàinig bàs gléath-ghearr air banthach Ghilleasbuig Dhùghlaich. Thàinig i nuas an staidhir leatha fèinsa mhaduinn, agus mu uair an deigh dhi a dhol suas feasgar, shiubhail i gun mòr phain sam bith fhulang.

Tha sean us òg adol sios don uaigh,
Air lags air laidir tham bàs toirt buaidh,
Nuair thig an t-am dhaibh an saoghal fhàgail
Mas tinn no slàn iad cha tàmh iad uair.”

Bith mi gu tric afaininn ann ad Phaipeir, iomradh air seann daoine Thachair mi air seann duine còir ann am Beinn nan Geàrloch, Uilleam Iain BhànIc Coìnnich. Bha e ceud bliadhnasa h-ochd a dhaois air an dárna latha deug de dhOgust. Tha e gu treunna bhohaigsna bhuadhan fhathast. Choisich en la ud còrr us mile gu coinneamh a bha anns an aite, agus an lan delgh sin, thachair e orm aun an taigh coimhearsnaich, agus ghabh e dhomh earann de laoidh a e fhéin an deigh dha bhi thairis air ceud bliadhna. Rugadh e air fearann Sir FrancisIc Coinnich, ’an Gearrloch ann an Siorramachd Rois. Bha e air a bhaisteadh leis an Urr. Domhnull



[167]

[Vol . 3. No. 21. p. 7]

Mac-an-Tòisich, a bha ann an Strath-Ghearrloch. Chan eil ach da fhichead bliadhnasa ceithir bhon tháinig e don dùthaich so. Chan eil teagamh agam nach bfhiach a chuid bàrdachd cùram a ghabhail dhith. Aig a choinneamh a dhainmich mi, bha e fhéin us cuid dechloinn, de òghaichean, ’s deiar-oghaichean, cruinn còmhlath, sealtadh nach fhaic duine na h-uile latha.

Tha seann duine còir eile againn a thadolsa cheud bliadhnaAonghas Caimbeul. Rugadh esansa Chomaraich, us thainig e mach à Port Rìghsan luingPolly,” air an drinn aon de dsgriobhadairean iomradh o chionn ghoiridsa MHAC-TALLA. Tha e fhathast nas tapaidhe na iomadh aon nach eil ceithis fichead.

Bha mar-iasgaich air a chur a mach leis an luchd-riaghlaidh o chionn ghoirid gus am bradan a tha tighnn a náird an amhuinn a shàbhaladh o na h-iasgairean. Achs es dòcha leam nach téid acair an gleidheadh uile bho na balaich.

EBENESER.


Bith fuath aig daoine gu nàdurra don mhuinntir air an dean iad cron; ach bidh tlachd aca don mhuinntir do’ ’n dean iad math.

Ann an Japan, a tha aig na h-uile fear-oibreachd ri sgriobhadh a bhi air a churrachds air a dhriuim, ag innse ciod is ceaird da, agus dha tha eg obair.

Am fear aig am bi meas mòr air fhein cha bhi e toilichte mur bi daoinega shior mholadh. Ach chaneil rud as lugha air na bhithcluinntinn a bhith moladh dhaoine eile.

Tha ochd ceud deugs còig duine fichead (1825) air am marbadh ann am méinnein-guail Bhreatuinn na h-uile bliadhna. Tha sin mar gum beadh, còignear na h-uile latha.

Chaidh iolaire dhubh a mharbhadh ann am Margaree an la roimhe, a thomhais da phunnd deug, agus a bha seachd troighean eadar bàrr an da sgéith. Chaidh a marbhadh le Domhnull Ros.

Am fear a chailleas a chuid, cha bhi meas sam bith air, eadhon aig na baoine ris an robh e cho fialaidhs gun do chur e e-fhein thun na h-aimbeirt. Neo-ar-thàiug nach molar fear fhads a bhios sùil aig daoine ri pàirt dechuid fhaotainn.

Tha am facal ag ràdh, gur beò na h-eoin ged nach seabhaig. Tha so fiòr gu leòr. Tha e fior gu leor mar an ceudna gu faod daoinebith beò gu leòr ged nach biodh iad a lathas a dhoidhchenan culaidh-eagail do gach creutair a bhios mun cuairt dhaibh. Mar an ceudna faodaidh daoine bhith beò gu leòr ged nach biodh iad air am biathadh gach latha le feòls le sithinn.


DUAISEAN

dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra don MHAC-TALLA eadar so us BliadhnUr. Bheir sinn don neach a gheibh an àireamh as a cheud duais, an neach as fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach as fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas.

I. Caraid nan Gaidheal.
II. Sàr-obair nam Bàrd.
III. Foclair GàiligIc Ailpein.

Bldh iad againn ron bhliadhnuir, ’s bidh iad air an cur gan ionnsuidh-san a choisinn iad cho luathsa bhios fhios againn iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn don phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan as fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an lionmhòrachd.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
Rubbers dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris
Curraichdean ur Adan
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.



[168]

[Vol . 3. No. 21. p. 8]

LONG LOCH LAGAIN.

LE FEAR STRATH MHATHAISIDH.

Bha Lachinn Mac-Mhuirich, Fear Fear Strath Mhathaisidh, na sgoilair math, na dheagh bhard, ’s na dhuine gasda. Cha mhor de na baird a dheanadh oran magidh na bfhearr na e. Bha e comhnidh lamh-ri Loch Lagain. Air la araid chuir e daoine don choille a ghearradh fiodha. Tharruinn iad an fiodh a dhionnsidh an locha. Bha iad a deanamh rath dheth gus a thoirt gu aite sonrichte. Mun robhn rath uile gu leir deas ghluais e am mach bhon loch, agus féar do na daoine air. A reir an orain bham Bard a dol am mach an deigh an fhir a bha air an rath, ach chuir Calum stad air, ag radh gun robh e gu leor aon duine a bhi baite. Shaoil an fheadhinn a bhafuireach air taobh eile an loch gur h-e long tombaca a bhason rath. An deigh iomad comhairle a ghabhail rinneadh bata leis an dugadh air tir fear a bhasa chunnart.

LUINNEAG.

O! nach tilleadh
Mo robairneach gaolach,
Le bhirlinn bhig, laghich,
Dol airadhartna aonar
Ag imeachd na linne
Gun iomirt, gun aodach,
Baighearach sinne
Nan tilleadh a ghaoth e.

Dhfhalbh e uam, ’s gum bu nar sin,
Ged bu teann ri mo thaobh e;
Thanig Calumsan am
Ann san robh chlambrichs a ghaoir ann,
S thuirt e, Fhir thadol dana
Teann an nall, ’s duine faoin thu,
Cha deice dhuinn na tha baite,
Stads fag thall air a chàol e

Thuirt an sgiobair, Faigh each dhomh,
S theid mi mach leis air ghaoisid;
Dhfhalbh an t-aon fhear hu tapaidhe
On chaismeachd gu fhaotuinn;
Ach thuirt Ciorstidh gu cas ris,
Fan air tais, cha deid taod ris;
Cha leig misan t-each breac ann,
Ged nach faicteadh e.

Bhuail e suas air Loch Lagain,
Se gu baganta, cuanta,
Marich og le luing chabar,
Taobhain fhadagus cuaille,
Reubadh luim-dheirg nam bradan
Gus am bfhada leinn uainn e;
S bu mhor mhor meagal nach stadadh
Aona ghad di gun fhuasgladh.

Thaing oirnn ann san am ud
Sgiobair ceann-dearg Aird-Mheirgidh,
S thuirt en gearr fhaclibh cainnt’,
Tha brathair-ceirdena eiginn:
Mas a marichethann,
Is cinntgu ainneart dan geill e,
Bidh mo bhean-sana bantaich
Mun caillean leis fhein e.

Mo chreach mhor, arsa Muirtach,
Mar than sgiobair an cruadal;
Beolach mise mun duinud,
S gum ben curidh beag ruadh e.
Lamh a stiuireadh a bhata
Ann an gairich nan stuadh e,
Is mur faigh sinn a thearnadh
S mor an call don taobh tuath e.

Bha an tuath a tha thall ud
Aig Alasdair seachdain
Is an corr air an sgaradh
Le cruaidh ghainnen tombaca.
Bho nach faiceadh iad cailleach
No ceanniche paca,
S ann a dhfheumadh fear falamh
Bhi ga fhalach n seachnadh.

Ruith an uachdaran baighail
A chum sar aite faicinn;
Thill es thuirt e, Fhior ghraisg sibh,
Faigheam gair agus tlachd bhuaibh;
Tha long mhor air an t-saile,
S i lom-lan de thombaca;
Thanig cobhir an trath so
Bho mo nabuidh-sa, Lachinn.

Ghlaodh iad uile le ard ghuth,
Manadh ba agus capuill
Air an fhearthug a cas sinn
N uair a bha sinn air acras;
Cinnteach gheibh sinn sa bhata so
A bharr air tombaca,
Alm is biorsal is madar
Thun an t-snaththa gun tachras.

Bhuail iad sios mar luchd cogidh
Le mor shogan gun mhi-ghean;
Gum bu dluithiad nam bradan
Thun a chladich nan duibh-ruith;
Cuin n chaidh thu air saile?
Asa ceannan na buidhne,
S dheigh somhairle Ban ris
Greas an nall is thoir dhuinn rud.


Flur math air $3 .50 a dhairgiod. Theid sinn an urras gun dean e aran math. Jost Bros.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Soithichean Creadha agus Glaine.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh

Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B
Feb. 1894.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.

titleIssue 21
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla III No. 21. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page