[169]

[Vol . 3. No. 22. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 1, 1894. No. 22.


Litir a Baile New York.

Fhir mo chridhe,— ’S ann do Ghàidheil Chanada bu chòir a bhi pròiseil gum bheil paipeir naigheachd air a chlo-bhualadh dhoibh bho sheachduin gu seachdain ann an canain tir an dùthchais, a chànain aosda bhlasda sin a bha cho measail anns na linntibh a dhfhalbh.

Tha ur luchd-dùthcha air an taobh so don chrìch acur fàilte air MAC-TALLA; tha thighinn na comhara leinn air misneach agus dillseachd Gàidheil Chanada chum an cainnt-mhàthrail a chumail beò. Bu mhithich do na Gàidheil anns gach cearn don t-saoghal a bhi toirt fainear gur h-i Ghàidhlig an itea àirde tha nam boineid. Tha bhi cumail suas sean-cleachdaidhean dùthchasach math gu leòir nan àite féin. Is taitneach an ni ceòl na pioba mar thi i air a cluich ann an achlais fir don aithne i. Is bòidheach an sealladh Gàidheil sgeadaichte an éideadh a thir, ach as eugais na Gàidhlig cha bhi ann an cosg bhreacanus bhiodagan ach aobhar mhagaidh. Ma dhiobaras sinn ar gradh don Ghàidhlig cha bhi fada na dheigh sin gus am faic sinn deireadh eachdraidh ar sluaigh.

Bidh ar luchd-leughaidh toilichte achluinntinn gum bheil Gàidheil New York a cur rompa nach faigh a Ghàidhlig bàssa chearna so don dùthaich, Dhfhosgail iad Sgoil Shàbaid air a mhios sa chaidh ann an aon do dheaglaisean mor a bhaile, Marble Collegiate. Tha Domhnull Mac Mhuirich, fior Ghàideal de mhuinntir na Marbhaine, gille tuigseach aig am bheil Gàidhlig fhallain, bhlasda, na F-hear-teagaisg. Tha dlùth air da fhichead de sgoilearan aige cheana, buinidh roinn mhath dhiubh do Nova Scotia. Thaur luchd-dùthcha a gabhail tlachd mor don Sgoil Shàbaid, agus chaneil ioghnadh ged a tha, is mòr an onair dhaibh a bhi cruinneachadh le chéile bho Shàbaid gu Sàbaid arannsachadh focal nan cànain, féin a chanain aosda sin a tha cho freagarach chum saillse agus maise chur air an Fhirinn.

Thug àireamh do Gàidheil a bhaile oidhirp gu gairm a thoirt don mhinister ainmeil, Lachuinn Mac Illeathain a Chicago, ach aig an àm so chan eil an rathad réidh dha. Tha cuid da cháirdean an dochas fhaicinn suidhichtesa bhaile so fhathast.

Tha Comunn Gàidhealach New York a coinneachadh uairsa mhios, ach tha mòran Ghall nam measg, agus, mur a dean sibh luaidh air, tha barrachd fòghlum anns na casan aig mòran diubh na tha nan cinn. Tha Gàidheil thuigseach a tha eudmhor a thaobh math a Chomuinn a bruidhinn air Comunn ur Gàidhlig a chur air chois a chumas suas cànain, ceòl agus cleachdaidhean ar sinnsir anns an dòigh an cubhaidh do Ghàidheil.

Achànain aosda, ghlòrmhor, bhinn,
A dhùisgeadh fuinn nam Bàrd,
Am fan sinn diomhanach gun suim,
Us daoig a cur gu bàs?”

Is mi, le deagh dhùrachd, ’ur coimhearsnach.
AMERICANACH.


Aisling Anna.

Bha Annana boirionnach tapaidh gus a cuid fhéin a thoirt a mach, agus cha robh sam bith a dhéis oirre fhadsa gheibheadh i le iarraidh e. Bha i cho math air gabhail na piob thombacasa bha i air òl na , agus cha bann air gabhail an t-snaoisein dad bu mhiosi. ’Nuair a rachadh neach a steach ga h-amharc, gheibhte i mar bu tricena suidhe air stòl beag ri taobh an teine agus aphiobna pluic, agus ina fallus ableith snaoisein le cnap achlodha ann an slige mhóir bhàrnaich. Aig acheart àm chìte aphoit thì agoil gu farumachan oir an teine. Leis na h-uile ullachadh a bhann bha sròn agus beul Anna air an cumail adol; agus tha mi cinnteach nach be sin an soirbh, oir da rìreadh bha gabhail an codach aca le chéile.

Latha de na làithean tbachair gun robh i car gann de thìs de thombaca, agussen smaoin a bhuailna ceann gum bu chòir dhi dhol do thigh amhinisteir, o bha ena dhuine còir agus bean choir aige, gun fhios nach fhaigheadh i, le iarraidh no gnm irraidh, de theas de thombaca na chumadh adol i, air a chuid bu lugha, fad seachdainn. Nuair a rainig i tigh amhinisteir chaidh i steach don t-seomar-dheasachaidh agus dhinnis i gun robh gnothach aice ris amhinister agus gum bu mhiann leatha fhaicinn air ball. Thainig am minister far an robh is fharraid e dhi ciod an gnothach a bhaice ris. “Mata a Mhinisteir,” ars Anna, “chunnaic mi aisling ro chomharraichteraoiragus thainig mi feuch am breithnicheadh sibh dhomh i, o tha sibhnar duine tuigseach, turail; agus gun a bhithg ar cumail fada feitheamh so agaibh i! Air leam gun dthainig mi an so agus gun dthug sibh fein dhomh punnd thombaca, agus beam-an-tighe punnd tea.” “Ma ta Anna;” arsam ministeir, “tha iad ag radh gur coir gach aisling a bhreithneachabh na h-aghaidh. “Ma tamhinisteirars Anna, tha sin pailt cho maith leam agus na h-uile buille cho maith dhomh, oir gabhaidh mi gu toileach am punnd tea uaibh fein agus am punnd thomacca o bhean-an-tighe.”

Ma fhuair gus nach dfhuair Anna uireids bu mhainn leatha fhuair i co dhiu fiach na saoithreach.


Fasaidh daoine, mar a ni lusan, ban agus beag ma tha aghrian air a cumail uatha. ’Si deadh shlainte solus-greine achuirp: ’si inntinn aoibhneach solus-greine an anama.

Bathar math agus saor aig D. J. Domhnullach. Taghail aige gun fhios nach tu a gheobh an fhichead dollar.

Air son casdaich—Minard ’s Honey Blasam.



[170]

[Vol . 3. No. 22. p. 2]

LITIR O FHIONNLADH PIOBAIRE GA MHNAOI.

A MHAIRI, A GHRAIDH,

IS bliadhna leam gach on a dhealaich mi riut fhéin agus ris na pàisdean. Tha min tràsann an Glascho mòr nan stiopall, baile na gleadhraich. O! nach robh mi aon uair eilamshìneadh air bruach na h-aibhne far nach cluinninn ach torman nan allt, bàirich nam , agus ceilearadh nan eun. Tha minis, mar a gheall mi, ’dol a dhinnseadh dhuit mar fhuair mi a mach.

Tha cuimhnagad fhéin mar a dhealaich sinn. Thog mi orm le bocsa na pìoba gu beul achaolais; ’s ann an sin a bhan othail: Marsali mhòr agus na buanaichean a bha leatha cho aoibhinn aighearach, ’s ged nach biodh iad ach adol don choille chnó. bham broilleach na cuideachd ach Pàra mòr leeile-beags lebhoineid, mar a bàbhaist dacuaille de bhata daraichn a làimhmàileid de bhian gaibhre air a dhruim. Fàiltort, ’Fhionnlaidh Phìobaire, arsesan, gu-m meal thu do bhrigis. Ma ta, arsa mise, tubais oirre— ’s i so acheud uair a chuir mi orm i; na-m fuireadh i shuas cha bu ghearan e; ach tha mi cheana cho sgìth dhis a bha bhliadhnach eich den ghad, acheud oidhcha chuireadh air e. A mach ghabh sinnan coinneamh soitheach na smùide, aMhaighdean-Mhorairneach, mar a their iad rithe. Bha iteannadh oirnn o Mhuile, a cur nan smùid di. Tha i so atighinn, arsa Pàra mòr, an aigeannach mhaol ghrànda, legleadhraich, ’s leh-ùpraid; cha bìoghnadh leam ach aMhaighdean a ràdh rithe; bi sin aMhaighdean gun mhodh, gun eisimeil. Tharruing i oirnn, le caoiribh bàna fosròinaslachdraich, agus asloisreadh na fairge foipe, ’bhag éiridhn a h-iomairean bàna còbhragaich a nunn gu h-Aros. Thàinig inuas oirnn abagradh ar smàladh focuibhleachan. Fa dheireadh stad abhéist— ’us cha luaitha stad na cuibhleachan odhol mun cuairt, nathug feadan fada caol, a bha suas ri taobh an t-simileir mhòir, aon ràn as a shaoil misgàineadh mo cheann. ’S ann an sinn a bhan ùinichs an othail an dol ri cliathaich na Luinge, a h-uile beuls abháta fosgailtes an aon àmgun urram fear da chéile. Mas i Marsali mhòr thug imach aBheurla sin nach do chleachd i on a bha in uraidh air a Ghalldachd; ach isebhaBheurlas aGhàelicam measg a chéile. Dean fodha, arsan dara h-aon, nach iomair thu, a mhic do mhàthar, arsan t-aon eile: a stigh an ràmh bràghad shuas, buileg a deìreadh shìos: Cani, caniillean, arsa Marsali mhòrgu réidh, arsa h-uile h-aon. Mur bhith mo nàire, ’s mar a bha mi ceangailtes abhrigis, bha mimach a shnàmh gu tìr. Fa dheireadh thàinig ball cainbe le fead mur cluasaibh, agus ghlaodh gach neach, Cum air gu gramail, ’Iain Bhàin. Thug aGheòla aon sàthadh aisda nunn gu taobh na Luinge, agus shaoil leam gu n robh sinn thairis Fhuair misuas, ach cha-n fhios domh cionnas; ’us cha mhò bhafhios agam càit an tionndainn.

Tha thun sinFhionnlaidh, arsa Pàra mòr, mar bhò mhaoilam buailidh choimhich. Thig leam a dhamharc mionach na Maighdein so fhèin, a dhfheuchainn an tuig sinn mar thabheairt innleachdach ag iomairt. Ach ma chaidh, ’s ann an sin, a Mhàiri, a bham fire, faire! —Sailthean iaruinn agus slatan agluasad a nunn agus a nall, a sìos agus a suas, air an aiss air an adhart, gun tàmh, gun stad; cnagan agus gòbhlan agus eagan afreagairt da chéile. Cuibhleachan beagan na deann-ruith mu na cuibhleachan mòra. Duine truagh shìosam measg na h-acfhuin, acur na smùid deth, far nach saoileadh tu am am burrainn do luch dol gun a milleadh; ach bha esan agluasad air feadh na h-ùpraid, cho neo-sgàthachs a rachadh Pàra mòr no miseam measg nan caorach; ag àrmadh gach acfhuinn, achlais, udalain, agus feadain le h-olaidh agus le h-ìm. —A dhuine thruaigh, arsa Pàra mòr, ’s ann agam nacheil sùil ri dàite; is daor a tha thucosnadh darain. Car son arsesan? ’s etionndadhsuas a shùl a bhasnamh ann am fallus. Ged a labhradh aghèimhleag iaruinn a bhan a laimh, cha burrainn duinn barrachd ìoghnaidh a bhi oirnn nan uair a chuala sinn an duine so alabhairt na Gàelic. Nach do shaoil mi, arsa Pàra mòr, gur Sasunnach, no Eirionnach no Gall bochd a bhann. Thàinig enìos, asiabadh an fhalluis oghnuis le bad còrcaich a bhan a laimh; agus thòisich e air beachd a thoirt dhuinn air an acfhuinn. Acheudail, bi sin an fhaoineis. An saoìl thu, a Phara mhòir, a deir mise, nach anns acheann a smaointichan toiseach air so a bhan innleachd? Coma leam e fhéinusinnleachd, arsa Pàra mòr. Is mi-nàdurra, peacach an innleachd so fhéin, acur sruthagus soirbheis an Fhreasdail gun dùlan, adoln an aghadh gun seòl, gun ràmh. —Coma leam i; —cha-neil an innleachd so cneasda. Bfhèarr leam a bhi ann an Geóla dhuibh Acha-na-craigeEòghan an Rudha air an stiùir aruith le croinn rùisgte, troiBhuinne-nam biodag, nabhi inntetha mig ràdh riut nacheil an innleachd so cneasda.

Mar a bhà sin a nunn gu ceann Mhùsdail chuala mi fhéin sgal pìoba air mo chùl, agus air dhomh tionndadh bhan so ach balach ronnach de mhuinntir Thirithe, agleusadh a phìoba, ’an fhads a bheireadh duineile cuairt aisde. Ma ta, arsa Pàra mór, “Is ceannach air an ubh an gloc.” Cia mar tha so acòrdadh riut, ’Fhionnlaidh, ars esan? Is searbh aghlòir, a deir mise naeh fhaodar éisdeachd. Chluich e, fa dheireadh, “Bodach-nam-brigisean,” agus mun do sguir e dhi, bha mi cho sgìth dheth fhéins da cheóls a bha mi den bhrigis lachduinn.

Cobhan deireadh na Luinge, ach Alastair ruadh Mac-an-Abraich, Tighearna Chola. Mhothaich e dhomh fhéin, agus sméid e ormcha robh maith a dhiùltadhbha mòran uaislean shìos leis air clàr deiridh na luinge: Sasunnaich, Goill, agus Frangaich. Cuid diubh aleughadh, cuidn an cadalcuid améananaich, cuid ag itheadh. Fear dhiubh le gloinamhairc fhada, rìomhach ra shàil, mar gn-m biodh edol a losgadh air Caisteal Dubhairt; mhothaich mi fear fada caol, glas-neulach le speuclair air a shròin, ’us bioran ruadhn a làimh leis an robh etarruing dealbh aChaisteil. Bha baintighearna mhòr, rìomhachn am measg agus measan leibideach de chù beag, molachn a h-uchd, ris an robh i abrìodal, agusg a phògadh; agus mhaighdein ògleatha, air an robh rud nach faca mi riamh roimhe, brigisean geala anairt, fon chuid eile dan aodach. Thug mi fhéin a mach aphìob mar a dh iarr iad, ach acheud sgal a thug i, theich gach aon diubh ach aon Sasunnach mòr, reamhar, a shuidh mum choinneamh le dhà mheurn a chluasaibh, agus sgraing air mar gu-m



[171]

[Vol . 3. No. 22. p. 3]

bithinn aga itheadh.

Ma bha ceòlam measg nan uaislean, bha ceòl agus dannsadhan ceann eile na Luinge. Ach marbha sinn adol sìos gu Eisdeal, chaidh an ceòl air feadh na fìdhle. Bhan fhairgen a mill agusn a gleanntaibh; thóisich soitheach na smùide fhéin ri dannsadh. Cha robh ran a bheireadh am feadan mór as nach saoileadh tu gu-n robh muc-mhara ra cliathaich. Cha chluinneadh tunis ach osnaichean o gach àite. Bhan Sasunnach mòr a bhafochaid air aphìob, ’s a cheann thar beul-mòr na luinge, ’an impis sgàineadh. An tuilleadh teannaidh ort, a deir mise, neoar thaing mureil pluic pìobaira nis ort fhéin. Ràinig sinn an Crìonan. Is prìseil, arsa Pàra mòr, achas air tir; acheud fhocal a thàinig as a ceann on a chaidh sinn seachad air beul Loch-faochann.

Air an màireach ràinig sinn Glascho, àite ris an abair iad am Broomielaw; be sin Ceithe na h-ùpraid. Luingis na smùide afalbh agus ateachd làn sluagh, mar gu-m biodh an saoghal adol do Ghlascho, agus an saoghal ateicheadh as. O nach dfhàs mi bodhar leis aghleadhraich a bham chluasaibh, cha chùram leam gu-n caill mi mo chlaisteachd tuilleadh. Bha sreath dhaoine* air an tarruing suas fa chomhair nan soithichean le ball cainbe mu ghuala gach aoin diubh, agus bràiste rìomhach airuchd. Bha iad so asmèideadh oirnn mar a bha sinn adol gu tìr, a h-uile beul fosgailte mar gu-m biodh iad acur fàiltoirnn; gach làmh sìnte, agus gach sùil siùbhlach mar gu-m biodh iad ag iarraidh luchd-éolais. Bha aon fhear, gu h-àraidh a shocraich a shùil orm fhéin, agus air dhomh amharc air gu geur, a dhfheuch an cuimhnichinn e, chuir elàmh ra aid, agus chrom echeann cho modhail; shìobhalta, ’s nach burrainn domh gun an fhàilt a fhreagradh; ann am prioba na sùla bha e air clàr na luinge, agus thog e leis bocsa mo phìoba agus màileid Phára mhòir, cho eusgaichs a ghlacadh Gàidseir Thobar-Mhoire buideal uisge-bheatha, gun chuireadh, gun chead. Air dathais, arsa Pàra mòr. An cuala tu riamh, mo ghille maith, mar a thuirt Clag Scàin, “An rud nach buin duic na buin .” Leanaibh misa dhaoinuaisle, ars an duine, agus efalbh ceum romhainn.

S anns abhaile mhòr fhéin, a deir mis’, a tham modh. Is fadon a chuala mi, gu-m bi gillaig an fheannaig fhéins an fhoghar. Dhiarr sin air e gar toirt gu tigh Eòghain òig, far an drinn iad ar beatha gu cridheil. Slàn leat, a Mhàiri, a ghràidh, air an àm. Cuiridh mi litir eilead ionnsuidh ann an ùine ghoirid, ’n uair a gheibh mi cosnadh. Cha-n eil thu fhéin agus na pàisdean tiota as mo chuimhe. O! bi furachair mu Lachann beag, mo chuilean gaolach. Am Freasdal a bhi maille riut

Guidhe dùrachdach,
dFhir-Phosda ghràdhaich,
FIONNLADH MAC-AONGHAIS.
Caraid nan Gaidheal.

*Portairean acheithe.


LesghisMinard ’s Linimentgreim-droma ormsa.
Chatham , Ont. BAYARD MCMULLIN

LeighisMinard ’s Linimentat ormsa.
Walsh . Ont. Mrs. W. M. Johnson

LeighisMinard ’s Linimentat-bràghaid ormsa.
Parkdale , Ont. I. H. BAILEY.


Dhfheoraich bean-uasal aon uair da Lighiche co dhiu a bha snaosain cronail don eanchainn? “Chaneil,” arsesau, “oir cha do ghabh fear aig an robh eanchainn snaosain riamh.”

Ma tha thu air son an cnatan a sheachnadh, tarruinn danail troimh do shrionnuair theìd thu mach dhan fhuachd. ’N uair theid thu mach à rum blàth, seasgair, dhan ghaoith fhuar reotas gun tarruinn thu danail troimh do bheul, na biodh iongatas sam bith ort ged a ghabhadh tun cnatan, ’s ged a bhiodh tùchadh ort an ath latha.

Chaidh dithis ghillean beaga uair bhar a chéile, agus mar is tric a thachair, thainig an trod gu buillean dhaibh, ’s cha bfhada gus an robh fear dhiubh na shineadhs am fear eilega fhùchdadh. “Am buail thu fhèin duines ena shineadhars am fear a bha fodha. “Cha bhuailars am fear eiles eg éiridh. “Ma ta,” ars acheud fhear, “tha misedol a dhfhuireach air mo dhruim-dìreachan so gus afalbh thu.”

Air son nam biastan—Cherokee Vermifuge.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.

A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.

Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.

Call and Examine Stock.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNIC. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca
Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.



[172]

[Vol . 3. No. 22. p. 4]

MAC-TALLA

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney Cape Breton.


SIDNI, DESEMBER 1, 1894.

Than Fhraing a cur roimpe Madagascar a thoirt fo chìs, agus tha na daoines glices an Roinn-Eòrpa a deanamh cinnteach gun éirich gu h-olc dhi, nach téid aicair sluagh an eilein sin a thoirt gu striochdadh nas na bheireadh i Breatunn no Ghearmailt. Caan éil luchd comhairle na Frainge aig an àm so dhen fheadhainn as fhearr; chan eil annta ach daoine féineil leis an fhearr gu mor am math fèin na math an dùthcha, agussann air son buannachd dhaibh fèin a tha iad atòiseachadh air achogadh so.

Tha Japan, a reir gach sgeòl a deanamh a gnothuich air Sìna. Chan eil blàr air a chur nach eil na Sìneich acall, agus acall dona. Bha port aca a bha iad an duil nach burrainn do chàch a thoirt uapa, ’s e sin Port Arthur, ach tha fathunn a niseg innse gu bheil am port sin aig na h-Iapanich agus ma tha sin fior, chan urrainn do Shìna cumail ris moran nas fhaide. Mur teid rioghachdan na Roinn-Eòrpa san eadraiginn, rud nach coltach gun téid, thig air Sina a dhol air a gluinean agus a bhi leagte ris na thogras Iapan a dheanamh rithe. Tha so glé thàmailteach do dhùthaich cho mòr ri Sina, ach chan eil a roghainn aice

Thuirt an dara seirbhiseach richompanach nach robh ach car mi-chùramach muanam, “car son nacheil thu atasgaidh ionmhais duit fèin ann an Néamh? “Car son? am feum a tha ann a bhi agleidheadh ionmhais an sin far nach faic duine e gu bràth tuilleadh.”

Chaidh fear Aonghas Domhnullach, (saor) à Arisaig, N. S., a bhàthadh aig Malignant Cove toiseach na seachdain. Fhuaireadh esa mhaduinn Di-Màirt. Thathar a deanamh gun do thuit e le bile chladaichs gun deach e ann am paiseanadh mun do thuit e dhan uisge. Bha e mu thri fichead bliadhna dhaois.

Chaidh pòsadh a dheanamh ann an eaglais am Montreal an la roimhe, agus am feadhsa bhàtar a dol air adhart leis an t-seirbheis, thóisich clag na h-eaglais air bualadh air son bàs bantraich faisg air laimh. Bi bhantrach so màtthair nighinn dhan tug fear na-bainnse gealladh-posaidh, nach do chum e. Chaidh an nighean as a rian, agus thugadh dhan tigh-chaothaich i a cheart mhaduinn sin. Bhamàthair car bochd co-dhiu, agus thug cor a h-ighinn a buille bàis dhi.

Tha daoine òga glé bhuailteach air a bhithgealtuinn mòran nithean dhaibh fhéin nach fhaigh iad gu brath. Tha iad gu tric atoirt orra fhéin a chreidsinn gun dean iad obair mhòr an uair a thig iad gu làn aois, agus nach ruig iad leas a bhith cho saothrachail an àm na h-òiges a tha daoine ag iarraidh orrabhith. Ach an uair a thig daoine gu aois, aidichidh iad gu robh tuilleadhs achòr de bharail mhath aca orra fhéin. Is tric a chunnaic sinn daoine ann an suidheachadh gle thruagh, lapach, ’nan sean-aois, mum faodteadh ràdh, gu robh iad glé luath, láidir, pròiseil, mòr-chuiseachnan òige, agus gur e gòraiche na h-òige bu choireach gu robh iad cho lapachs cho truaghnan seann-aois.


Casan Blatha

Ma tha toil agad do chasan a chumail blàth ri fuachd a gheamhraidh, chan eil agad ach na tri riaghailteanbeaga so a leantuinn.

1. Cum stocainnean matha blàtha air do chasan.

2. Na biodh do bhrògan tuilleadh us beag: fag rùm aig an fluil air craobh-sgaoileadh.

3. Feuch nach bi do bhrògan no do stocainnean fliuch.

Ma choimhdeas tu na riaghailtean so, cha ghearain thu ain feasda gum bi do chasan fuar.


Direach mar is e an teas a tha teachd o thaobh a stigh achuirp is mo comhfhurtachd, is ann o na bheil a steach a tha sinn air ar deanamh sona, is chan a on taobh a mach.


FLUR
$3 .50 am barailte,
Air son airgid. Theid sinn an urras gun dean e deagh aran.

BROGAN BHAN
$1 .00 am paidhir.
Tha iad laidir agus air an deagh dheanamh.

STOC MOR DE BHATHAR UR.
aig
JOST BROS.
Sidni, C. B., Nov. 9, ’94.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[173]

[Vol . 3. No. 22. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Tha rionnag-smùid air an athar a rithist. Chan fhaicear i fhathast gun ghloinne, ach chan fhada gus am bi i rifaicinn leis an t-sùil rùisgte. as luaithe chi i?

Than t-Urr. Iain Mac Nèill, sagart Ghrand Mira, gu bhi air a chur gu Ionaan ùine ghoirid, agus tha sagart Iona, an t-Urr. Ruairidh Mac Néill, gu bhi ann an Grand Mira.

Mharbh Aonghas Patterson, aig Forks Shidni, muc a thomhais sia ceuds seachd puinnd deug (617). Cha mhor nach do lion i ceithir barailtean. Bha i seachd miosan deuga dhaois.

Thuit cnap math sneachda oidhche Di-dòmhnaich, agus bha sleigheachan gu siùbhlach air feadh a bhaile Di-luain, agus fad na seachdain ged nach robhn rathad idir cho maths bu mhath leo.

A mach uaithe so chan fhaodar cearcan-tomain no eòin-seilg sam bith a mharbhadh; duine sam bith a mharbhas faodar càin a chur air, còig deich dollair mu choinneamh gach eun a mharbhas e.

Than stoirm a bhann air an t-seachdain sa chaidh air a cùnntas nas miosa na aon a bhann o chionn áireamh mhòr bhliadhnaichean. Bha call mòr air a dheanamh air soithichean, agus, ged nach dfhuaireadh fios cinnteach fhathast, tha e ro choltach gu robh cuid dhiubh air an call, còmhla ris na h-uile duine bhair bòrd.

Bha na paipearan Sasunnach a paigheadh $1 .87 air son na h-uile facal de na naidheachdan a bha iad a faighinn a Sina mu dheabhainn a chogaidh, agus $2 .60 air na h-facal a thigeadh gan ionnsuidh a Iapan. Bha sinna chosguis mhòir, ach air leinn nach gearaineadh iad nam biodh iad cinnteach gum ben fhirinn a bhann uile. Ach cha robh cinnt sam bith acair sin.

Air an 20mh latha dhen mhios a chaidh seachad, leag an stoirm tigh le fear Pàdruig Doucet ann am Margaree. Bha a bhean anns an tigh aig an ám, agus chaidh a sguabadh air falbh a measg na droighnich, agus bha i air a droch leònadh. Chaidh fios a chur air lighiche, ach cha deanadh ni sam bith feum dhi, agus an ceann seachd uairean, chaochail i. Dhfhàg i teaghlach mòr, agus a chuid bu mhò dhiubh glè òg.

Thug sinn iomradh cheana air duais ( $60 ) a thatar a toirt seachad gach bliadhna ann an Colaiste na Ban-righ annan Kingston, air son sgoil Ghàilig. Than duais sin air a buileachadh air a Cholaiste le Mr. M. C. Camaran, á Goderich, Ontario. Tha Maidseir Ruairidh Mac Gill-fhinnein á Gleann-Garraidh, a buileachadh duais bhliadhnail air Colaiste na h-eaglais Chleirich ann am Montreal, air son sgoil Ghailig, ach chan eil sinn cinnteach uireads tha i. Than dithis dhaoin’ -uaisle so a toilltinn cliù mor air son an dillseachd do chainnt an dùthcha, agus tha sinn an dòchas gun tig tuilleadh Ghàidheal gu bhi ris an ni cheudna.

Chaidh tigh ann an New Lowell, Ont. ’na theine an la roimhe agus bha dithis chloinne, aois dha bhliadhnas cheithir bhliadhna, a losgadh gu bàs. Bham pàrantan aig an àm a mach acoimhead a chruidh.

Tha coi-thional a Chladaich a Tuath an deigh tigh briagha chur suás dan mhinisteir, an t-Urr. Iain Friseal. Tha iad rimoladh air son an dìchill, agus tha sinn an dóchas gun soirbhich leotha, agus leisan a tha air an ceann.

Tha rathad-uisge St. Peters gu bhi air a dhùnadh mu mheadhon a mhios so, agus cha bhi e air fhosgladh gu toiseach an t-samhraidh. Than rathad-uisge feumach air a chàradh, aguss ann air son sin a dheanamh a tha e gu bhi air a dhùnadh.

Than eaglais ùr Bhaisteach beul ri bhi ullamh, agus bidh i air a fosgladh air an 9mh latha dhen mhios. Tha ina togalach glé bhòidheach on taobh a mach, agus tha i cheart cho briagha air an taobh a stigh, agus than obair a thoirre gle chreideasach dhaibhsan a thaga deanamh.

Sa Mhaduinn Di-luain, bhan soitheachEdgar E.” à Ingonish, a tighnn dhionnsuidh an International Pier, agus thainig oiteag de ghaoith làidir oirre. Bha fear Alonzo Brewer air a thilgeadh a mach, agus mun dfhuaireadh a dholga chuideachadh, bha e air a bháthadh. Bhuineadh e do Ingonish, agus bha e mu dha bhliadhnair fichead a dhaois.

Chan eil Mor-roinn ann an Canada a nise anns nach dfhuair an sluagh eothrom air am barail a thaobh creic na deoch làidir innse, ach Cuibeic leatha fhéin, agus thug iad uile an guth gu làidir air son stad a chur air. Thatar acur tagradh an dràsda gu luchd-riaghlaidh Chuibeic air son an cothrom a thoirt dan t-shluagh anns a mhor-roinn sin cuideachd.


Freagairt

Gu mi slan don AMERICANACH! Tha sinn fior thoilichtebhi cur eòlais ort, agus fo chomain dhuit air son do litir; tha sinn an dòchas nach in mu dheireadh a gheibh sinn uat. ’S taitneach leinn a chluinntinn cho dìleassa tha Gàidheil New York do chainnt an athraichean. Soirbheachadh gu robh leis aSgoil Shàbaid! Agus mar an ceudna leis aChomunn Ghàidhlignuair a chuirear aìr chois e!


Bha Peigi air leabaidh a bàis, agus cha robh aon ni acur cùram oirre ach eagal gum pòsadh Domhnull an deigh dha isechur fon fhòd. “A Dhomhnuill, ’eudail,” ars ise, “feuch nach téid thusaphosadh sam bith eile, an deigh mo bhàis-sa.” “O Phigi,” arsa Domhnull, “cha tig an latha chi thu mise posda ri te sam bith ach thu fhéin,”


Flur math air $3 .50 a dhairgiod. Theid sinn an urras gun dean e aran math. Jost Bros.


An S. S. Arcadia,
THAN ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Anns, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Dior-daoin.
P . KERR,
Maighstir.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.

Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[174]

[Vol . 3. No. 22. p. 6]

Tha dithis de mharaichean na soithich Ispden anns an ospidalsa bhaile so. Tha fear dhiubhsa dhruim briste, ’s am fear eile a chas briste. Thachair so dhaibh anns an stoirm air an t-seachdain sa chaidh.

Bhitheamaid an comain na muintir o nach dfhuair sinn paigheadh a phaipeir fhathast, nan cuireadh iad thugainn e gun an cor dalach. Tha sinn air son na leabhraichean a bhi cho glansa ghabhas iad air choinneamh na BliadhnUire.

Aon uairs gun toirear slis as amhulchaig chàise, cha mhair i ro fhada tuilleadh. Aon uairs gun toirear tasdan as aphunnd-Shasunnach, théid na naoi tasdain deug eile as an t-sealladh ann an ùine anabarrach goirid. Is fhusa gu mòr fichead tasdan a ghleidheadh na naoi tasdain deug.

Nuair a bhan t-Ard-riaghladair, Morair Obaraidhean air a thurus gu Columbia Bhreatunnach, bham fear a bha cumail an eich iaruinn aig obair air éideadh anns an deise Ghàidhealaich! Tha iad adeanamh mach gum be so so a cheud uair riamh a chaidh na carbadan air turus agus fear na h-inneil a cosg na féille.

Rinn an t-Urr Lachuinn Mac Lachluinn searmon Gáilig ann an Chicago air an aonamh latha deug den mhiòs a dhfhalbh. An deigh an t-searmoin rinn àireamh dhiubhsan a bha làthair suas gum biodh coinneamhan Gáilig aca o àm gu àm, agus ma bhios iad air am frithealaah gu math, feuchaidh iad ri eaglais Ghàilig a bhi aca, mar a tha aig na Gàidheil ann am Boston.

Thubhairt teallsanach araidh roimhe sogum bi ùine oighreachd-sanIs oighreachd i gun teagamh a ta luachmhor, ach cha toir i toradh sam bi a mach gun ath-leasachadh. Is oighreachd i gun teagamh a dhath-dhiolas gu pailt saothair an dichiollaich, mur fagar earrann di fas trid mi-churaim, agus mar cuirear a mach i nis mo air son seallaidh, na air son feuma.

Faodaidh deadh fhradharc a bhith aig duine agus gun e deanamh moran feuma dheth. Tha dearbhaidhean gu leòr againn gu bheil so mar so. Chi gach duine a ni feum dhe dha shuil, gu leor de nithean iongantach a h-uile taobh a théid e. Ach am fear nach toir an aire do na nithean iongantach a tha cho lionmhor mun cuairt dha, chaneil edeanamh a bheag a dhfheum defhradharc.


Iadsan a Phaigh

An t-Urr. Alasdair Domhnullach, EasbuigAlexandria , Ont.
Alasdair Friseal. Dunbheagain, do.
Calum Deòra,
Tormoid K. Mac Leoid,
Murcha Ros, Toronto ,
Bean Alasdair Rois, Somerset , Mass.
Iain Dùghlach, Boston ,
Arrn t-Urr. Iain Ceanadach, Aan, Alba.
Raonull Mac Fhionghain, Anti ’sh (50c.
Donnacha Mac Ghrigair, Bràigh na Aimhne Deas.
Domhnull Boyd, Fraser Mills,
Domhnull Mac Néill, Loch na h-Aimhne Deas.
An t-Urr. R. Mac Coinnich, Arisaig.
Alasdair Caimbeul, St . Anns.
Iain Gillios, Loch Ghillios, (75c)
Iain Caimbeul, Bridgeport .
Domhnull D. Domhnullach, Mineral Rock.
Domhnull Mac Nèill, Xmas Island, 25c
Iain Battleman, Forks Shidni.
Alasdair Mac Fhearghais, Caribou Marsh.
D. I. Mac Asguill, L ’Aidoise, (25c. )
Aonghas Domhnullach Drochaid na h-Aimhne Tuath.
Domhnull Mac Leoid, (Clachair) S. Gut.
Mairi Mhathanach, Sidni.
Alasdair Mathanach,


Litir a Loch na h-Aimhne Deas, N S.

A MHIC-TALLA Ghradhaich, —Ged a tha mi gabhail a phaipeir bhon thoisich e air tighnn a mach, chan eil mifaicinn facal ann as a chearna so den dùthaich, air an aobhar sin bu mhiann leam iomradh goirid air an àite a thoirt do dluchd-leughaidh, agus innseadh dhaibh mar than saoghal adol dhomh fhèins do mo choimhersnaich ceithir-thimchioll orm.

Tha Loch na h-Aimhne Deas mu shia mile deug deas air ceanna-bhaile na siorramachd, Antigonish. Tha i mu thri mile air fad, agus timchioll oirre tham fearann air àiteach le tuathanaich chothromach, a thacumail moran de chrodh bainne, agus a reic a bhainne. Tha iadga reic ri Mr. Archibald, aig a bheil factoridh cháise ri taobh an locha. Tha mu dhà mhile dollair de dhairgiod air a roinn nam measg air son bainne a mhàin. Tha sinn glé bhuidheach de Mr. Archibald air son tòiseachadh air achàise, oir roimhe so, cha robh againn ri reic ach ìm, agus bha e glé dhoirbh airgiod fhaighinn air a shon; ach a nise than t-ìm nas gainne, agus tha sin an deigh aphris a thogail. Choisinn an càise againn mor chliù aig Féill an t-Saoghail, an uiridh, agus mas math mo chuimhne, choisinn e cheud duais aig féill ann an Jamaica o chionn tri bliadhna.

Dhe na daoine dichiollach agus na mnathan grùnndail a thàinig a mach á Albàinn o cheann tri fichead bliadhna, agus a thog fearann mun loch so, chan eil a làthair dhiubh an diugh ach aon bhean, Iseabail Nic-an Toisich, agus tha i abrocachadh gu math ris acheud bliadhna. Tha i cho tapaidh, agus cho geurchùiseach mu nithean a bhagabhail àite anns an t-seann dùthaich, ’s gu bheil e na thoileachadh a bhicomhradh rithe.

S e Domhnullaich, Cloinn Ghriogar, Cloinn Neachtain, Cloinn-a- Phi, Cloinn Chamaran, Cloinn Néill, agus Ceanadaich, a tha chomhnuidh mun loch. Is furasda thuigsinn air an sloinneadh gur Gàidheil iad, agus faodaidh mi ràdh a bhàrr air sin gu bheil iad glé dhìleas do dhùthaich an sinnsir agus measail ais a Ghàilig.

Tha eaglais Chléireach, agus Manse aig taobh an locha, a tha cur sealladh dhen àite. Ben t-Urr. Eachunn MacIlleathain bu mhinìsteirsan sgìreachd car shia bliadhna, agus bhan sluagh gle dhuilich gu face iomchuidh an t-áit àluinn so fhàgail, gu comhnuidh a ghabhail ann an sgìreachd Acadia Mines, àn siorramachd Cholchester, agus bho chionn ghoirid ann am Parrsboro. Than coithional a nise gun mhinistir suidhichte, aguss es docha gun bi e mar sin gus am faic a un Freasdal iomchuidh aodhaire a chur gar n-ionnsuidh a labhras agus a shearmonaicheas araon am Beurlas an Gàilig. Tha foghlumaichean Gáilig glè ghann ann an Nova Scotia, ach tha dochas againn a chuid sin dhiubh as urrainn a labhairt gum bi iadga cleachdadh, a chums gun teid aca air coithionalan Gàilig a ghabhail. Mholainn do gach aon dhen t-seora sin MAC-TALLA ghabhail, agus theid min urras ma theannas iad ri leughadh, gum fas iad cho measail airsa tha mise, agus ni siu an gnothuch. Ma bhios mi beo, slan, dhfhaoidte, gun cluinn sibh a rithist bhon

TUATHANACH RUADH.


Air son crup—Minard ’s Honey Balsam.

Air do shearmoin anabarrach dhrùidh teach a bhi air a toirt seachad ann an Eaglais a mach air an dùthaich, thòisich an luchd-éisdeachd uile air gal ach aon duine. Dhfheòraicheadh dheth-san, mar a bha e cho craidh-chridheach? Fhreagair e gur h-ann a bhuineadh esan do sgìreachd eile.



[175]

[Vol . 3. No. 22. p. 7]

Comhairle an t-Seana-Ghiullain.

Mas fhior na seana-ghiullains en gliocas a thag an cumail o phosadh. Chaneil iad afaicinn nighinn oig sam bith gun choire no faillinn air chor-eiginn. Tha e coltach gur gann a bhiodh iad riaraichte le te leis gach buaidh as suhaile a dhainmich Solamhs na Ghnath-fhocail. Bha fear dhiubh atoirt comhairle air fear a bhasealltainn air son mnatha, e a dhfheuchainn am faigheadh e te a bhiodh coltaoh ris na tri nithe a leanas, agus gun i bhi coltach riu:—

1. I bhi coltach ri Uaireadair mor stiopaillriaghailteachn a gluasad; ach gun i bhi coltach ris an Uaireadair mhor, le a teangabhi ricluinntinn thar abhaile.

2 I bhi coltach ri Mactallaifhreagairt an uair a rachadh bruidhinn rithe; ach gun i bhi coltach ri Mactalla, anns an fhacal mu dheireadh a bhi aice daonnan.

3 I bhi coltach ris acreutair a thas an fhaochaiggun i bhi ach ainneamh às a tigh-comhnuidh fhein; ach gun i bhi coltach ris achreutair sin, air bheag suim do gach ni ach na bha igiulan air a druim.

Cha drainig cladan sneachd riamh an talamh gun sal a thrusadh on àile troimh an thuit e; mar so tha an nadur is gloine air a shalachadhna ghluasad anns an t-saoghal.


DUAISEAN

dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra don MHAC-TALLA eadar so us BliadhnUr. Bheir sinn don neach a gheibh an àireamh as a cheud duais, an neach as fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach as fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas.

I. Caraid nan Gaidheal.
II. Sàr-obair nam Bàrd.
III. Foclair GàiligIc Ailpein.

Bldh iad againn ron bhliadhnuir, ’s bidh iad air an cur gan ionnsuidh-san a choisinn iad cho luathsa bhios fhios againn iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn don phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan as fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC-TALLA chur an lionmhòrachd.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
Rubbers dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris
Curraichdean ur Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN

no ni sam bith eile as gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN



[176]

[Vol . 3. No. 22. p. 8]

Litir agus Oran a Eilean a Phrionnsa.

STRATHALBA, P. E. I., 23, 11, ’94.

FHIR MO CHRIDHE, —Tha mifaicinn a MHAC-TALLA gu math tric. Tha mo charaid, Donnacha còir Mac-Fhionnlaidh glé chuimhneach orm le bhitoirt domh leughadh dheth o àm gu àm. Tha mise leth-cheud bliadhnasa tri anns an dùthaich so. Rugadh mi ann an Eilein aCheò, o chionn còrr us ceithir fichead bliadhnasa h-ochd. ’S iomadh rud a chualagus a chunnaic mi anns an ùine sin a dhfhaodainn a sgriobhadh gad ionnsuidh nam biodh mo làmh cho sgiobalta ri mo theangaidh. Tha mo shlàinte fàbharrach, agus tha mo chuimhnes maithne fhathast mar nach olc. Chunnaic mi òran aghunna le Aonghas Seath anns aphaipeir mios no dha air ais, agus thug sinn am chuimhne oran eile, a rinn am bard ceudna, an uair a chuale gun do ghlacadh Bonaparte an deigh blar Uaterloo. Ma bhan t-oran so riamh an clò chaneil fios agamsa, agus chaneil moran beo a nìs aig abheil e air am meodhair. So agad e facal air an fhacal mar a dhionnsuich mi en am ghille og anns an Eilean Sgiathanach:—

ORAN BHONAPARTE.

Nam fhear focaìl bhiodh giar mi,
Gun lochd bith nam bhriathran,
Gun innsinn nam fhiach leibh
An sgiala so thann;
Mas a h-eachdraidh tha fiori
Thug a pacaid an iar dhuinn,
Tha na naimhdean a phian sinn
Air an cìsneachadh teann.
S annsa mhìles ochd ciad
Agus còig bliadhna diag,
Thainig naidheachd na sìthe
Bho chriochaibh na Fraing.’
Bha sinn fadag a h-iarraidh,
S tha Breatunn làn riaraicht’,
Tha no Frangaich air stiochdadh
Le diobhail ar lann.

Rinn lámhach fir Lunnuinn,
Agus càbhlach an luingeis,
Bonaparte churan cunnart,
Ged a dhfhuiling e strì.
Neart làidir nan gillean,
Anns nach tàrmaicheadh giorag,
S nach sàraicheadh fionnachd
O shileadh nan speur
Rachadh dàna ri teine
Anns na blàraibh gu minig
Buaidh làrach gach fine
Ag iomain an treud.
Rinn spairn bhur cuid phiostal
An gàradh a bhriseadh
S ghabh Spainteich us Turcaich
Us Prussaichratreut.”

Gun a dhìslich sinn Boni
Ged bard a bha chollair
Le ailleachd, le olachd,
Le chonas, le shannt,
Thainig bearnair a dharas
Far na dhfhailing am balla
Chaidh braine gu talamh
Leis a charachd a bhann.
Cha robh stath na chuidchannon.”
Chaidh a pharti an tainead
Rinn a dhànadas cearrail
Am fearann a chall
Chaidh a phalais a ghlachdadh
Le h-airneiss le h-aitreabh.
S tha Spain air a creachadh
S cha robh chasgairt ud fann.

Nam biodh treoir na mo neartsa,
Nuair bhan rogair ud glachdte,
Ged nach bbheo mi fad seachdain
Chuireinn aicid na chom;
Gheobhainn corcach a nasgaidh
Bhiodh na ropan an cleachdadh
Chuireinn cord di ga thachdadh
Gun tacsa ri bhonn.
Bhiodh a sheomraichen daingean
Sa chomhl air a barradh
Gun aon deo thiinn dheth anall
Ged robh theanga na poll.
Bhiodh leine dhen darach
Cha bhiodh feum air an anart.
S bhiodh an rébal bhon talamh
S leachd thana ri thom.

Sgriobhainn ainm air a lichdsan;—
Fear mharbhadh na fichead
Ceann armailt a brisdeidh
Ceann stuice gach roig
Ard chealgair nam piostal
Air an alachaig bu tric thu
Chuir am farbhas na ddhrip thu
Chuir e sgistadh na deoin.
Cha be n calman do thiodal
S cha be chalmachd bu mheas duit.
Rinn fir Alba agus Blucher
Do chuid isein a leon.
Murtair armailt na chriche
Robair argaid na Tuirce
Bidh t-ainm anns gach litir
A theid a phrinteadh air bord.

Fhir gun naire gun mhis thu
Gun chairdeas gun ghliocas
Gun bhaidh ri fear briste
Gun iochd ni fear leont’.
Ceann-grainnean an t-sluichd thu
Tom gabhaidh na buidseachd
Bha bathadh na dshlugan
Air son slugadh an oir.
Chaneil geard no tigh-cuspein
Eadar Pàris is Lisbon
Nach robh mearlach na measg ann
Gus an ruigeadh en Roimh.
Ged a sharaich thu mise
Le geard is le piocaid
Chaidh aird ort a mise
S fhear righte thu na beo.

Tha gach maidean is caileag
Le deur air a malaidh
On mheáll thun cuid leannan
A dhaindeoin am bonn.
Gach og agus sean-bhean
Ri stroiceadh am bannag
On sheol an cuid fearaibh
O chala nan long.
Gach seang-bheans bean thorrach
S leat fuileach a mallachd
Thug thun coimh-leapaich shone
Bhom broilleichibh trom.
Tha gach mathair is muime
Leughadh gaiseaden duilich
Sgeula-bais an cuid luran
Fuar fionnar bhon tòm.

Fhir a shiubh?as an rathad
Gu duthaich arn athar,
Thair cùl nam beann strathach
Far an tathaich na seoid,
Thoir le durachd mo naidheachd
A dhionnsuidh nan coimhearsnach,
Ceannardan thighean
Nach biodh coimheach mum lòn.
S e mo dhurachd gach latha
Gu faic mi sibh futhast,
Agus dearadh mo bheatha
Bhi gu caithibh nar coir.
Fhir a leughas an aidheam,
Nuair a bhitheas du ga gabhail,
Bi toirt cuimhnair an t-Sheathach
S uisge-beatha ga òl.

DOMHNULL DOMHNULLACH

No, mar is fear a thuigeas mo chairdean Domhnull Mac Phadruigic Alasdair á Uige.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Soithichean Creadha agus Glaine.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh

Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris as fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B
Feb. 1894.

titleIssue 22
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla III No. 22. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page