[Vol . 3. No. 23. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 8, 1894. No. 23.
BOCHDAN AN T-STRATH.
Bha cead luchd-àiteachaidh Chanada Uachdrach gu tric air an cur thuige le cion bidh d’ an cuid speidhe. Cha robh na fearainn, ged a bha iad farsuing gu leòr, air an réiteach, agus bhiodh am feur ’s am fodar air tàilleabh sin cho gann air uairibh ’s gu’m biodh an leòr aca ri dheanamh a riarachadh air dòigh ’s gu’n toireadh e na beathaichean o dh’ ionnsuidh na Bealltuinn.
Anns gach cearna de’n mhòr-roinn, mu’n d’ thàinig na daoine geala nall thar cuan, cha robh amhuinn no allt air nach robh ’m beaver an dèigh dam a thogail. Bha so a’ sgaoileadh an uisge a mach air gach taobh, agus cha robh craobh air an robh e ruigheachd, nach robh, ri ùine, air a’ grodadh as. An ceann mòran bhliadhnachan, bha ’m beaver a’ fàgail na dama, agus bha ’n t-uisge a lion beagan us beagan a traoghadh air falbh, gus mu dheiredh nach biodh air fhàgail ach an amh’uinn mar a bha i ’n toiseach. Bhiodh larach na dama na h-uile dliadhna air a lionadh le feur fiadhaich a bha na dheagh bhiadh do chrodh ’n uair bhiodh am feur eile gann. Bhiodh daoine gu tric a’ dol astar fada a dheanamh feòir air na srathan sin; cha robh duin’ ann a bhacadh iad, oir bhuineadh a’ chuid mhor dhiubh do’n Chrùn. Bha (agus tha) strath mhor dhe’n t-seórsa sin ann an Kenyon, * ’an siorramachd Ghlinn-Garraidh: as am biodh an fheadhainn fheumach a tarruinn feòir na h-uile bliadhna. Ach ’n uair bha crodh us eich a fàs na bu liònmhoire anns an duthaich bha na tuathanaich, a b’fhaisge air an t-strath a smaoineachadh gu ’m b’ iad fhéin a b’ fhearr còir air an fheur a bha ’fas oirre, agus uime sin cha robh tlachd sam bith aca ann a bhi faicinn dhaoine eile ’tighinn air astar agus ’ga thoirt air falbh. Bha fear àraidh dhuibh so a bha faisg air laimh ris an abradh iad gu coitchionn, “Domhnull a’ Chogaidh.” Aon latha mu dheireadh mios meadhonach an t-samhraidh, thàinig triùir dhaoine bhar cùl Lochiall (no an ochdamh deug de Lochiall) far an robh Dòmhnull, ag iarraidh an seòladh air an rathad bu ghiorra dh’ ionnsuidh an t-stratha. Bha na bu leòr de speallan, ’s de sgriobain, ’s de gach uidheam eile air an cuireadh iad feum, ac’ air an siubhal, a bharrachd air de bhiadh na chumadh riutha gus am biodh iad ullamh gu dhol dhachaidh. Bha Domhnull o’n taobh a mach cho faoilteach ’s cho càirdeil riutha ’s a dh’ iarradh iad, ach bha e aig a cheart am ’na inntinn féin a’ deilbh innleachd leis an toireadh e air na fearaibh a’ dhol dhachaidh as aonais an cuid feòir, agus air dhoigh ’s nach biodh a mhiann orra tigh’nn rathad na sratha air chabhaig a rithist. Chaidh e fhéin leotha dh’ionnsuidh an t-stratha, agus bha ’n rathad air an tug e iad cho càm, ’s cho lùbach, ’s cho fada ’sa b’ urrainn dha a dheanamh. Thill e an sin léis fhéin air rathad dìreach agus nach robh ach gle ghoirid. Mu bheul na h-oidhche thug e sgriob sios gu oir na coille a dh’ fhaicinn cia mar bha ’dol dhaibh; chunnaic e an campa ’chuir iad suas, agus air dha thoirt fanear gu robh iad fhathast aig an obair taobh thall na stratha, chaidh e gu sàmhach, socair, agus dhirich e craobh mhor ghiuthais a bha faisg air laimh, agus dh’ fhalaich e e fhéin am measg nan geug. Cha b’ fhada gus an d’ thàinig na fir o’n obair; dheasaich iad suipeir, rinn iad leapannan matha socair de bhàrr a ghiuthais, agus chaidh iad a’ laidhe. Am feadh ’sa bha iad a feitheamh gus an tigeadh an cadal orra, bha iad a’ seanachas mu obair an latha, agus mu nithean eile a bhuineadh dhaibh uile. Ach thàinig clos grad orra ’n uair a chual’ iad guth mor a tighinn orra as na speuran ag radh,— “A Mhilis Mhòiir! a Mhils Bhig! agus Alasdair ’Ic Iain Bhain! An robh sibh air a’ Bheaver riamh roimhe? Tha fear agaibh gu bhi agamsa air mo shuipeir an nochd.” Chrith na daoine le oillt ’s le eagal ’n uair a chual iad an guth, a tighinn mar a shaoil iad, as na speuran, agus cha d’ thàinig snuain eile ’nan cinn ach gu’m bu spioiad no bochdan a bh’ann. Dh’ fhàg iad gach speal, us sgrioban, us poit, us coire, an sid, ’s thog iad rithe gu tigh Dhonhnuill, a h-uile fear feuch có bhiodh air toiseach. ’N uair fhuair Domhnull gu robh iad pios math air adhart air an rathad cham air ’n do sheol e fhéin iad, theirinn e nuas as a chraoibh, agus cho luath ’sa dheanadh a chasan dha, chaidh e dhachaidh air an rathad ghoirid, agus bha e aig an tigh ’s na leabaidh treis mhath mu’n d’ràinig na fir a bha teicheadh roimh ’n bhòchdan. ’N uair a ràinig iad ’sa bhuail iad aig an dorus, bha Dòmhnull na’m b’ fhior dha fhèin gu math doribh a dhùsgadh, ach mu dheireadh thall dh’ éirich ’s leig e stigh iad. Bha ’n sgeul iongatach a dh’ innis iad glé dhoirbh leis a chreidsinn; agus chomhairlich e dhaibh a dhol air ais dh’ an Bheaver ’sa mhaduinn, ’s crioch o chur air an obair. Ach bha na Lochiallaich dhe’n bharail nach b’àite-fuirich a b’ fhiach Kenyon an deigh na chual’ iad ann air an oìdhch’ ud; thog iad rithe dhachaidh, ’s cha d’thug iad an ath ionnsuidh air tilleadh. Chruinnich Domhnull a Chogaidh am feur a ghearr iad, ’s chuir a chuid cruidh pàirt dhe’n gheamhradh seachad air. Cha chuala mi gu’n do ghabh e aithreachas riamh air son a chleas so a rinn e air muinntir Lochiall.
D. B.
*Lot 20, 7th concession.
Tha D. J. Domhnullach a creic moran de dh’ aodaichean deante, do fhir ’s do mhnathan agus tha e deònach an sealltuinn aìg am sam bith.
[Vol . 3. No. 23. p. 2]
DARA LITIR FHIONNLAIDH PHIOBAIRE G’ A MHNAOI.
A MHAIRI, ’EUDAIL NAM BAN.
GHEALL mi sgrìobhadh ’ad ionnsuidh, agus da rìreadh is faochadh do’ m’ chridhe conaltradh beag a bhi agam riut. Cha-n ’eil thu fhéin no na pàisdean tiota as mo chuimhne. ’Am chadal no ’m fhaireachadh tha sibh fa chomhair mo shùl agus ann am beachd m’inntinn, Is taitneach leam uaigneas gu bhi smaointeach’ oirbh. Is minic a ghoideas mi ’mach ’s an anmoch, gu bruach an uillt, a tha dlùth do’n àite ’s am bheil mi chum conaltradh dìomhair a chumail ribh; saoilidh mi gur e torman an uillt againn fhéin a th’ ann, agus ceileireadh nan eun buchallach a dh’ fhàg mi as mo dhéigh. Fhuair mi o cheann oidhche, no dhà, báta beag seileisteir a’ snàmh ’s an linne, ’s ge faoin r’a ràdh, shil mo dheòir, oir thug i mo lurachan gaolach, Lachann beag, a’m chuimhne. A Mhàiri, a ghràidh, ma dheònaicheas am Freasdal dhomh-sa dol dachaidh, cha bhi e soirbh mo chur a rithist o’n tigh. Tha mi taingeil nach d’tháinig moran riamh eadaruinn, oir is gann gu’m bheil focal crosda no ath-ghoirid a labhair mi riut nach ’eil a tighinn gu’m chuimhne; ’s cha-n ’eil e ’am chomas am fuadach; ach thoir thusa ’eudail maitheanas domh.
Bha mi seachduin ann an Glascho mu’n d’ fhuair mi cosnadh. Chunnaic mi Rìgh Uilleam ’s an t-each odhar—an Eaglais Mhòr, an Tigh-eiridinn, ’s am Prìosan. Chunnaic mi iad a’ snìomh an tombaca ’s a’ chotain—a’ deanamh nan gloineachan; chunnaic mi beairtean a’ figheadh leo fhéin, ’s a’ falbh cho ciallach ’s ged a bhiodh Iain figheadair e fhéin aig ceann gach snàthainn. Stad thus’, a Mhàiri, ’s mur toir mise dhuit-sa naidheachd, ma tha e’n dàn domh dol dachaidh. Bha mi ann an tighean móran d’ar luchd-dùthcha, agus b’ iad sin, ’am bitheant as, na frògan dorcha as nach facas riamh gnùis na gréine, cha b’ ionann ’s mo bhothan bòidheach. A Mhàiri a rùin, biomaid taingeil; cha b’ e’n fhaoineis a chuireadh do ’n bhaile mhòr mi; ged nach bi againn ach a’ chearc bhadanach, maorach a’ chladaich, fàile glan nam beann, agus sàmhchair bheannaichte, seach mar tha iad ann an so, air an tachdadh le toit, ’s air am bòdhradh le gleadhraich Cha d’fhuair mi fhéin cadal socrach, sàmhach o’n oidhch’ a dhealaich mi riut. Shaoil leam gu-m biodh fois ann air là an Tighearna, ach mu-n gann a dh’éirich mi thòisich na cluig, ’s ma thòisich! ’s ann an sin a bha’m farum—fonn air leth aig gach aon diubh—agus a h-uile h-aon a’ strì cò a b’ àirde pong. A mach bhrùchd an sluagh, as a h-uile cùil agus caol-shràid, a’ taosgadh a mach ’n am mìltean sruth agus saobh-shruth, a sìos agus air an adhart, saighdearan le’n drumaichean tartarach, agus na cluig a’ cur nan smùid diubh, An e so, deir mise, là na Sàbaid? O! nach robh mise aon uair eile ann an Uladal fo sgàile ’bharraich ri taobh an uillt shàmhaich, an t athar àrd os mo cheann, na beanntan mòra mu’m choinneamh—mo dhaoine, mo chàidean, ’s mo leanaban ri m’ thaobh, sìth agus sàmhchair na Sàbaid a mach air an t-saoghal; fear teagaisg mo ghràidh fo sgàile na creige; anam gach aoin ann am fonn an Dòmhnaich, agus an co-thional caomh, càirdeil a’ togail le Somhairle rùnach am fhuinn thiamhaidh, a sheinn iad gu tric leis na daoin’ on’ d’thàinig iad!
’S mòr an cothrom a th’aig na Gaidheil anns a’ Bhaile mhòr so, thigeadh iad o’n ear no o’n iar gheibh iad Gàelic an dùthcha fhèin ann an eaglaisibh a’ bhaile.
An saoil thu ’Mhàiri nach do theab Pàra mòr agus mis’ a bhi ’s a ’phriosan an oidhche roimhe. Bha sinn a’ dol dhachaidh gu sàmhach, ciallach, gun fhocal as ar ceann: mise ’giùlan bocsa na pìoba fo’m bhreacan, ’n uair a thainig triùir no cheathar mu’n cuairt duinn, agus mu’n abradh tu seachd, spìonar uam bocsa na pìoba, agus glacar mi fhèin air sgòrnan. Mar a bha’n tubaist air Pàra mòr, dh’ éirich e air càch le ’bhata daraich, agus rinn e pronnadh nam meanbh-chuileag orra. Bha clachbhalg aig fear dhiubh ’s cha luaithe ’thug e srann aisde, na thàinig sgaoth dhiubh mu’n cuairt duinn, agus giùlainear air falbh sinn do dh’ àite ris an abrar amPolice OfficeAit’ an uamhais! Tha oillt orm fhathast smaointeach’ air. Daoine ’n an sìneadh air dall na daoraich thall agus a bhos, a’ call fola, ’us mallachadh ’n am beul; mnathan (b’e sin an sealladh gràineil), air an dallanaich, cuid diubh ’caoineadh ’s a’ rànrich; ’us cuid eile ’gabhail òran, agus Ni-maith d’ ar teasraiginn, duine marbh ’n a shìneadh air an ùrlar. Dh’ fheòraich mi fhéin cho modhail ’s a b’urrainn domh, c’ar son a thugadh ’an so sinn? Chì thu sin a thiota, deir fear dhiubh ’s e ’cur a làimhe ann am bocsa na pìoba: thug a’ phìob ràn brónach aisde, agus chlisg e mar gu’m biodh nathair innte. Faodaidh tus’ ’ille mhaith a ràdh, arsa Pàra mòr, mar ’thuirt an sionnach a bha ’g itheadh na pìoba, Is biadh ’us ceòl so dhomh-sa. Ciod a tha agad air, ’s ann a shaoil iad gur corp leinibh a bh’againn, ach ’n uair a thuig iad mar a bha ’chùis leig iad as sinn.
Fhuair mi cosnadh, ’s a’ cheud dol a mach, o thuathanach sé mìle a mach a Glascho. Thug e sinne agus sgaoth Eirionnach, agus dòrlach bhan leis. ’N uair a thàinig an oidhche chuireadh air fad sinn a luidhe do’n t-sabhal. Is fad’ o’ n a chuala mi mu leabaidh mhòir na h-airidh, agus d’a rireadh b’i so i; na mnathan air an dara taobh, agus na-m biodh meas ceart aig na mnathan orra fhéin, ghabhadh iad fasgadh an tuim a roghainn air a’ leithid a dh’ àite; ach is iomadh aon a tha modhail nàrach na’s leòir, do réir coltais, ’n an dùthaich fhéin, (cò ach iad, le’m boineidean connlaich, le’n gnùis-bhrat uaine a cleth an aodainn,) a tha gle shuarach m’ an gnàthachadh ’n uair a thig iad gu Galldachd? Ged a bhiodh fichead nighean agam, (cha-n e idir, a Mhàiri, gu-m bu mhiann leam an uiread sinn a bhi ann) cha leiginn am feasd gu foghar’ iad air an dòigh so. Gheibhinn dhoibh, ni ’tha soirbh r’a fhaotainn, cosnadh maith seasmhach ann an teaghlaichean measail; ach an cur a mach ’am measg Eirionnach agus hhéistean, o bhaile gu baile, nar leig am Freasdal gu’m faicinn-se aon a bu mhaith leam gu maith air an dòigh so.
Dh’ fhàg mi tigh an duine ud, agus fhuair mi fhéin agus Pàra mòr cosnadh a mhaireas gu Samhuinn, ma chaomhnar sinn, ann an tigh an duine bheannaichte, mu’n cuala tu Anna mhòr nighean Eòghain ’Ic Ailein cho tric a’ labhairt—fear Mr. Ponton. Tha deadh thuarasdal againn, agus cha bhi e cruaidh orm am màl a chur r’ a chéile. An saoil thu, ’Mhàiri, nach faca mise bùth ann an Glascho, far nach robh sìon saoghalta ach boineidean connlaich, agus bha mi ’feòraich luach an aodaich sgàrlaid a bbios anns na cleòcaichean; cha-n abair mi ’bheag, ach cum thusa, ’eudail, sùil ait na pàisdean, agus cha’n ’eil fhios ciod a’ dh’ fhaodas tachaìrt, Tha tuiltean
[Vol . 3. No. 23. p. 3]
coimheach againn ’s an àite so; bi furachail air Lachann. Slàn leat, a ghraidh, na bi fo iomaguin do m’ thaobh: tha mi gun dìth gun deireas. ’S e’m Freasdal a chuir do’n teaghlach so mi, far am bheil iomadh deagh chleachdadh r’a fhaicinn. Leig fios do’n Mhinisteir ’s do Fhear-a’ -bhaile mar a dh’éirich dhomh. Cha’n abair mi tuilleadh air an àm, ach gur mi,
D’ fhear-pòsda dìleas,
FIONNLADH MAC-AONGHAS.
Naidheachdan a New Zealand.
Chaochail o chionn beagan mhiosan, ‘Tawhio’ righ nam Maorach, no nàisinnich na dùthcha so. Bha e gu math sean. Bha e ’na thràill do’n mhisg, agus rinn sin a bheatha ’ghiorrachadh. Tha iomadh seòrsa righ air an t-saoghal’ agus tha mi creidsinn gu robh am fear so cho iosal staid ri gin dhiubh. Bha e ann an Lunnuinn o chionn deich bliadhna, an dùil gu faiceadh e a’ Bhànri’nn, agus ghabh e fearg mhòr an uair a dhiùlt i éisdeachd a thoirt dha. Cha robh a bhéist ann an suidheachadh anns am biodh e iomchuidh a thoirt an láthair ua bànri’nn, no cuideachd uasal sam bith. Bha iongatach ri fhaicinn an t-urram a bha luchd riaghlaidh na dùthcha a’ cur air, gun aobhar sam bith ach gu robh e ’dol fo’n ainm Righ. Cha robh ploc fearainn aige air ainm, ach a’ gabhail còmhnuidh far am faigheadh e cead, agus a’ faighinn déirce bho chuideachd féin. Bha cuirm mhòr air a cumail suas fad da sheachdain an deigh a bhàis, itheadh, òl, agus amhuiltean eile do réir giosagan nam Maorach. Bha feadhainn am beachd gu’m b’e Tawhio an righ mu dheireadh a bhiodh aca, ach tha iad an dùil righ eile ’chrùnadh gun dàil. Cha ’n e mac a’s sine ’n fhir a dh’ fhalbh a chuirear anns an dreuchd sin idir, ach duine calma, làidir, de shliochd fear de na daoine thàing anns a’ cheud bhirlinn a thàinig do n dùthaich so an toiseach. Cha ’n eil aca ach barall air an ùine bho thachair so.
Thàinig Mr. Niall Caimbeal air ais an deigh cuairt mhòr a chur. Tha muinntir Waipu glé thoilichte fhaicinn air ais le moran naidheachdan air an càirdean ’san luchd-eòlais a dh’fhàg iad as an deigh. Chaidh e troimh Chanada, far an robh càirdean aige, agus an sin troimh Cheap Breatuinn. ’S ann air an Amhuinn a Tuath an St. Ann’s a rugadh e. Cha robh e ach mu shia bliadhna deug a dh’aois ’nuair dh’fhàg e ’n t-àite sin. Bha tùr glé mhath aig air feadhainn aithneachadh. Cha ’n fhac’ e dùthaich troimh ’n do shiubhail e a bheireadh e roghainn air an dùthaich so, agus tha e ro thoillchte bhi air ais a rithist. Tha e ’na mharsanta mòr air Waipu.
Bidh luchd-leughaidh phaipearan na dùthcha so an dùil gu bheil moran bochduinn agus ana-cothrom anns an tir, ach cha’n eil sin ceart. Tha barrachd mor de bhochduin ann an Astralia na th’ ann an so, agus tha ’m faradh cho iosal air na soithichean-smùide ’s gu bheil moran dhe’n t-sluagh bhochd a’ tigh’nn tarsuinn agus a’ dol am measg na bochduinn a tha ’n so mar tha. Bi’dh an sluagh so a’ dol bho àite gu àite, feuch dé an t-àite ’s fhearr. Cha’n eil ann am moran dhiubh ach meirlich, agus daoine diomhain, gun fheum. Thoiribh fanear nach eil bochduinn sam bith am measg luchd-àiteachaidh agus tuath na tire so. Tha pailteas aca ri itheadh ’s ri òl, agus na h-uile ni eile tha feumail do mhac an duine.
IAIN ROTHACH.
Rudha Mharsden, 1, 11, ’94.
Leighiseadh mise o lòinidh leMinard ’s Liniment.
Halifax. ANDREW KING.
Leighiseadh mise o droch sgamhan leMinard ’s Liniment.
Sussex. COL. C. CREWE READ.
Leighiseadh mise o loinidh leMinard ’s Liniment.
Markham, Ont. C. S. Billiug.
“Nach ann aig Domhnull a bha ’n srann ’nuair a chadail e ’san eaglais an diugh,” arsa Callum ri Seumas ’s iad air an rathad dhachaidh. “S ann a bha sin uamhasach,” arsa Seumas. “ ’S peacach dha fhèin an dòigh a th’aige, ’dol dh’an eaglais ’sa cumail suas a leithid sid de shrann. Cha d’fhuair mi fhin norradh cadail leis fad an t-searmoin.”
Tha ’san ainn gu bheil Diùc Earra-Ghàidheal gu posadh an ùine ghoirid. Tha e ’n drasda ’na bhantraieh an darna h-uair; tha e tri fichead bliadhna ’sa deich a dh’aois
Minard ’s Honey Balsam,aon uair ’s na h-uile h-uair.
C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.
Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.
A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.
Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.
Call and Examine Stock.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI—C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Tombaca
Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
[Vol . 3. No. 23. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney Cape Breton.
SIDNI, DESEMBER 8, 1894.
Tha Sìna an dràsda dol a thogail armailt ùr chogaidh, anns am bi ceud mile duine, agus bi’dh na oifigich uile nan daoine geala mhuinntir na Roinn-Eòrpa. Nam biodh i air sin a dheanamh o chionn bliadhna, theagamh nach biodh i aig Iapan an diugh fo ’spòig mar a tha i.
Thachair ni cianail ann an Glace Bay feasgar Di-ciaduin. Bha dithis dhaoine bha ’g obair anns an obair uisge air an cur a dh’aiteamh dynamite, agus mu’n d’ rinn iad ach gann a thoirt dh’ ionnsuidh a bhlàiths, spraidh e, agus bha iad le chéile air an tilgeil air falbh leis an neart a bha roimhe. Bha fear dhiubh, Gillesbuig Gillios, air a mharbhadh, agus am fear eile, Johnson Friseal, air a leònadh cho dona ’s nach eil air ach an droch coltas gu’n tig e uaithe. Bhuineadh an Gilliosach do Hogamah; bu mhac e do Aonghas Gillios, Dathadair, a chaochail beagan roimh ’n àm so ’n uiridh. Bha e mu bhliadhn’ air fhichead a dh’ aois, agus bha e ’na ghille stuama, deanadach, air an robh fior mheas aig gach aon a bha eòlach air. Tha a bhàs air dhòigh cho cianail ’na bhuille ghoirt d’a mhàthair ’s d’an teaghlach, agus a’ cur duilchinn mhòr air an luchd-eòlais uile.
Bha Ailein Mac Fhearghais, mac do Shir Seumas Mac Fhearghais ann an Dun-Eideann, air fhaotinn ciontach de chur teine ris an oil-thigh dh’an robh e dol, agus fhuair e bliadhna dhe’n phriosan. Cha’n eil am ballach ach coig bliadhn’ deug a dh’aois.
Litir as an Eilein Sgiathanach.
Fhir-deasaich Ionmhuinn—Is fhada bho’n sgriobh mi g’ad ionnsuidh mu dheireadh, ach ’se bu choireach nach robh naidheachd agam a b’ fhiach an t-saothair. Dh’fhàg mi Sasuinn agus thainig mi air chuairt do’n Eilein so o chionn dha no tri sheachduinnean. Cha’n eil mi ’faicinn a bheag sam bith de dh’atharrachadh air bho’h bha mi ann roimhe. Tha pier ùr aca ’san Ath-Leathann, agus tha rathaidean mòra aca gu Lon-fhearna, Maligthir, agus Mairishiadar an Tròtairnis. Cha’n eil guth ri chluiuntinn mu Chomunn Ath-Leasachaidh an Fhearainn, no rud sam bith eile ’n dràsd, ach an t-strith a tha dol air adhart ’san Eaglais Shaoir mu’n“Declaratory Act, ”mar a theirear ’sa Bheurla.
Tha’n t-sìde gu math blàth air son an àm so dhe’n bliadhna: chan fhacas sneachda fhathast eadhon air mullach nam beanntan a’s àirde. Bha an samhradh cho frasach ’s gu’n do chum e ’m foghradh air deireadh, ach bha’m baile so gn math fada air dhelreadh riamh le bhi cho fosgailte do’n mhuir ’s do’n àirde tuath. Bha mi shuas ’an Lodh Cuithir air Di-màirt s’a chaidh, agus bha iad ag obair air a’ chailc ann an sin mar b’ àbheist. Tha iasgairean nan giomach a deanamh gu math an dràsda ’sa rithist, ach bha ’n t-sìde cho fiadhaich o chionn ghoirid ’s nach do shoirbhich leotha cho math.
Bha sinn a’ cumail Oiche Shamhna ’sa bhaile so an raoir—a réir a chùnntas ùir, ged a b’ àbhaist dhaibh a bhi ’ga cumail a rèir an t-seana chùnntais. Bha stapag-uachdaiu againn an am fear de na taighean, agus bha sinn uile feuchainn co gheibheadh an companach beairteach. Bha againn cuideacde tri truinnsearan, fear le uisge salach ann, fear le uisge glan ann, agus am fear eile falamh; rinn sin feala-dhà mhòr dò’n òigridh, a feuchainn cò’m fear air an amaiseadh iad.
Faodaidh mi ràdh ’sa cho-dhùnadh gu bheil a’ Ghàilig air a cumail suas an so mar bha i riamh, ged nach eil i fhathast air a teagasg ach ann am àireamh bheag de na sgoilean. Cha robh facal ri chluinntin an raoir am measg luchd Oiche Shamhna ach Gàilig.
CREAG-AN-FHITHICH.
Bhaltos, Steiseall, 1, 11, ’94.
Mar is trice is e am fear a th’ann an daorsa a’s fhearr gu cumail a mach gu bheil e sealbhachadh mòr-shaorsa.
FLUR
$3 .50 am barailte,
Air son airgid. Theid sinn an urras gu’n dean e deagh aran.
BROGAN BHAN
$1 .00 am paidhir.
Tha iad laidir agus air an deagh dheanamh.
STOC MOR DE BHATHAR UR.
aig
JOST BROS.
Sidni, C. B., Nov. 9, ’94
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETER’S, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Leabhraichean Gailig.
RI’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 3. No. 23. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Chaidh fear Philip Bourgeois a mharbhadh faisg air Moncton, N. B. air an t-seachdain s’a chaidh le craobh a thuit air. Cha robh e beò ach beagan uairean an deigh na buille. Dh’ fhàg e bean us teaghlach mòr.
Tha ’n cuan glé gharbh aig an ám so. Tha stoirmeannan ann gu tric, agus moran shoithichean air am milleadh agus cuid air an call gu h-iomlan. Iadsan a théid dh’ ionnsuidh na mara mu’n àm so ’n bhliadhna, tha aca ri dhol troimh iomadh gàbhadh mu’n till iad.
Tha áireamh de na muillein siùcair anns na Stàitean air an dùnadh, no gu bhi air an dunadh suas ’an ùine gle ghoirid. Tha iad a’ deanamh so a chionn nach pàigh e dhaibhsan leis an leis iad an cumail aig obair. Bi’dh corr us leth-cheud mile duine mar sin air an cur ’nan támh.
Toiseach na seachdain so bha C. H. Musgrave anns a’ bhaile so air a chur ’san lagh air son aìrgiod a ghabhail o Antoni Giovannetti air chumhnant nach cuireadh e dragh sam bith air air son a bhi creic stuth làidir. Chaidh an càs fheuchainn Di-ciaduinn air beulaobh da fhear-ceirtais, agus fhuair e tri miosan priosain.
Tha’n t-Urr. Mr. Mac Leòid, ministeir Loch Lomond air tilleadh bhar na cuairt a thug e do na Stáitean, agus chòrd a thurus ris gu math. Nochd muinntir Cheap Breatuinn ann am Boston mòr chaoimhneas dha. Thug iad dha an àm dha bhi ’g am fàgail sporan anns an robh ceud ’s tri fichead dollair ’sa tri deug ( $173 ) de dh’ airgiod.
’Sa mhadainn Di-màirt bha àireamh de dhaoine aig an obair-uisge ann an Ottawa air an goirteachadh le “dynamite” a spraidh gu’n fhios daìbh. Bha ceathrar air am marbhadh, agus fichead air an droch leònadh. Chaidh an tigh anns an robh e air a ghleidheadh na theine agus chaidh fear de na daoine ’ga chur as. ’Se sin a dh’aobharraich an spraidheadh.
Tha duin’ òg a mhuinntir Phictou, Domhnulloch, ann an Sidni Tuath tinn leis an amhaich ghoirt. Bha e còmhla ri ’athair ag obair air togail muille ann an Ingonish, agus dh’ fhàs e tinn air an “Arcadia” a’ tighinn thairis. Tha ’n tinneas ceudna anns a’ bhaile so a rithist. Chaochail gille beag le Mr. Brison oidhche Di-màirt, agus tha chuid eile dhe’n chloinn glé thinn.
Tha àiteachan ann an Canada ’s anns na Stàitean a tha glé fhad air chul an t-saoghail. Thàinig litir g’ ar n-ionnsuidh o chionn ghoirid o fhear F. Mathanach a York Factory, Hudson Bay, ag iarraidh àireamhan dhe’n MHAC-TALLA chur thuige, agus thug i còrr us da mhios air an rathad! Ann am Point Barrow, an Alaska, tha Mission aig an Eaglais bhléirich, agus thug e ceithir bliadhna dhiubh fiodh tigh-sgoile a tharruing ann à San Francisco. Dh’ fheuch iad ris an àite riugheach le soitheach da uair, ach bha e air a dhùnadh suas le deigh air dòigh ’s nach faigheadh soitheach na chòir.
Tha “politics” a’ teannadh ri daoine chur air bhoil a rithist. Tha cuid a’ deanamh dheth gu’m bi againn ri pàrlamaid ùr a thaghadh mu’n tèid an geamhradh seachad, agus tha iad a deanamh ullachaidh air a shon. Tha coinneamh gu bhi aig na “Libearls” anns a bhaile so feasgar Di-luain, agus ann an Sidni Tuath air an oidhche. Tha Mr. Fieldìng, Mr. Davies, agus Mr. D. C. Friseal gu bhi air ceann nan coinneamhan.
Iadsan a Phaigh
Iain Mac a Mhaighstir, Lagan , Ont.
An t-Urr. A. Domhnullach, D . D., Anti’ish.
Iain I. Mac Neill, (50c.)
A. B, MacLeoid, Plymouth , Mass.
Iain D. Mac Gilleain, Avalon , Cala.
Aonghas R. Domhnullach, S . W. Margarre, 25c
Iain Moireastan, South Gut, (50c)
Gilleasbuìg Mac Aoghais, Roseburn .
An t-Urr. D. Siosal, B . C. Chapel.
Uilleam Domhnullach, Marion Bridge.
Flur math air $3 .50 a dh’airgiod. Theid sinn an urras gun dean e aran math. Jost Bros.
Tha esan nach toir maitheanas do dhaoin’ eile a’ bristeadh na drochaid air an eiginn da fein dol thairis; oir tha feum aig gach neach air maitheanas.
Tha na ceannaichean ann an Lunnuinn a’ gearan gu trom air an t-seòrsa càise thatar a’ cur a null à Canada a h-uile deireadh foghair. Tha’n càise tha ’dol a null fad an t-samhraidh math gu leòr, ach aon uair ’s gun tig deireadh an fhoghair, cha’n eil e idir cho math,
Bha coinneamh mhor aca ann an St Peter’s an la roimhe mu dheobhainn an rathad-iaruinn a bhatar a’ gealtuinn a thogail eadar Hawkesbury us Louisburg. ’Se fior chomharradh air gu bheil taghadh luchd-pàrlamaid faisg air laimh a th’ann a bhì bruidhinn air rathaidean-iaruinn.
Bha ’n t-Eirionnadh ’sa bhean a’ trod gu salach, agus thuirt ise ris mu dheireadh gu’m b’fhearr leatha gu robh e marbh. “Seadh dìreach,” ars esan, “ ’s ann air son a bhi ’nad bhantraich a tha thu! Ach theid mise ’n urras dhuit nach bi thu ’n ad bhantraich fhad ’sa bhios mise beò.
POSAIDHEAN.
Ann am Baile New York, air a 15mh. de Nobhember, phos Coinneach Mac Gilleain, a mhuinntir a Ghlinn-mhòir, Baddeck, C. B., agus Màiri Strachan, a mhuinntir Framboise. Ni a chàraid òg an dachaidh ann an New York. Gu ma fada beó iad.
Minard ’s Honey Balsam,Leigheas cinnteach.
Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
SANAS.
Bathar Ur na h-uile Seachdain.
Na prisean na’s isle na bha iad riamh.
Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.
Tha Gailig aig na cleirich.
STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich
An S. S. Arcadia.
THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Diordaoin.
P . KERR,
Maighstir.
[Vol . 3. No. 23. p. 6]
Oran Seacharan Seilge.
(LE DONNACHA BAN MAC-AN-T- SAOIR.)
LUINNEAG.
Chunna mi ’n damh donn ’s na h-eildean.
Direadh a’ bhealaich le chéile;
Chunna’ mi’n damh donn ’s na h-eildean.
’S mi tearnadh à Coire-cheathaich,
’S mòr mo mhighern ’s mi gun aighear,
Siubhal frìthe ré an latha,
Thilg mi ’na spraidhe nach d’rinn feum dhomh.
Chunna’ mi ’n damh donn, &c .
Ged’ tha bacadh air na h-armaibh,
Ghleidh mi’n Spainteach thun na sealga,
Ge do rinn i orm do chearbaich,
Nach do mharbh i mac na h-éilde.
’Nuair a dh’éirich mi sa’ mhadainn,
Chuir mi innte fudar Ghlascho,
Peileir teann is tri puist Shas’nach,
Cuifean asgairt air a dhèigh sin.
Bha ’n spor ùr an déis a breacadh,
Chuir mi ùille ris an acuinn
Eagal driùchd bha mutan craicinn,
Cumail fasgaidh air mo chéile.
Laidh an eilid air an fhuaran,
Chaidh mi farasta mu’n cuairt d’i,
Leig mi ’n deannal ud m’a tuairmse,
Leam is cruaidh gu’n d’rinn i éiridh.
Rainig mise taobh ua bruaiche,
’S chosg mi rithe mo chuid luaidhe;
’S ’nuair a shaoil mi i bhi buailte,
Sin an uair a b’ áird’ a leum i.
’S muladach bhi siubhal frìthe,
Ri la gaoith’, a’s uisg’, a’s dìle,
’S òrdugh teann ag’ iarraidh sìthne,
’Cur nan giomhanach ’nan éigin.
’S mithich tearnadh do na gleannaibh
O’n tha gruamaich air na beannaibh,
’S ceathach dùinte mu na meallaibh,
A’ cur dalladh air ar lèirsinn.
Bi’ sinn beò an dòchas ro mhath,
Gu ’m bi ’chùis ni’s fhearr an ath la’;
Gu’m bi gaoth’ a’s grian, a’s talamh,
Mar is math leinn air na sléibhtibh.
Bithidh an luaidh ghlas ’na deannamh,
Siubhal réith aig conaibh seanga;
’S an damh donn a’ sìleadh fala,
’S àbhachd aig na fearaibh gleusda!
Chaidh craobh a leagail ann an Ocosto, Washington, o chionn ghoirid a bha ceithir cheud ’s seachd troidhean a dh’àirde agus tri fichead troidh ’sa deich mu’n cuairt. A mheur a b’isle, bha i tri fichead troidh o’n làr, agus bha i triodh air fhichead mu’n cuairt.
Tha atharrachadh mor eadar son as agus gliocas. Tha esan gun teagamh sona a tha da-rireadh a’creidsinn gu’m bheil e sona; ach is amadan an duine sin a tha’g a mheas fein ni’s glic na gach neach eile mu’n cuairt da.
Na Losgannan ag Iarraidh Righ.
Ghairm na losgannan—agus iad a’ caitheadh am beatha ann an sìth agus saorsa air feadh nam boglach ’s nan lochan—coinneamh chabhagach, aimhreiteach aon latha, agus chuir iad a suas ath-chuinge a dh’ionnsaidh Iupiter air son gu’n d’thugadh e dhoibh rìgh a dh’amhairceadh as déigh am beusan agus a bheireadh orra a bhi beagan n’a b’onaraiche ’n an cleachdainnibh. Thuit do Iupiter gu’n robh saod meadhonach math air’s an àm; ghàir e gu cridheil air iaartus cho neònach agus thuirt e, ’s e tilgeil cabar fiodha anns an uisge, “So dhuibh, sin agaibh Righ!” Chur an cabar a leithid de luasgan ’s an uisge ’s gu’n do ghabh na losgannan eagal cho mór gu’n robh geilt orra tighinn g’a chòir. Ach an ceann beagan ùine, an uair a chunnaig iad e’n a laidhe gun char, ghabh iad mhisneach dlùthachadh air a lion beag as beag gus m’a dheireadh an do leum iad a suas air, agus a’ faicinn nach robh cùram doibh, ghnathaich iad an cabar le dì-meas mar a thogair iad. Cha robh iad idir toilichte le rìgh cho marbhanta, agus chuir iad air falbh an teachdairean a rithisd a dh’iarraidh air Iupiter fear air chor eigin eile ’thoirt doibh; oir am faar so ’cha d’thug iad urram dà ’s cha mho ’b’urrainn doibh meas a chur air. An uair a chuala Iupiter so, chuir e corra-ghriodhach g’an ionnsaidh, a thóisich gu neo-iochdmhor air am marbhadh ’s air an itheadh aon an déigh aon cho bras ’sa b’urrainn di. Chuir iad an sin an guidhe gu h-uaigneach gu Mercurius a’s fhuair iad gu’n deachaidh e a bhruithinn ri Iupiter as an leth, gu’m bitheadh e cho math a’s rìgh eile ’bhuileachadh orra, air neo an aiseag air an ais a dh’ionnsuidh na staid anns an robh iad o thoiseach. “Ni-h eadh,” ars’ esan, “oir is e an roghain féin a bh’ann; bitheadh na biastan neo-thoilichte a’ fulang a’ pheanais a tha an góraich a’ toilltinn.’
AN COMHCHUR.
Tha Phédrus ag innseadh an àm anns an do labhair Esop an cosamhlachd so. An uair a bha co-fhlaitheachd na h-Aithne a’ siorbheachadh fo laghannaibh math agus fallain air an dealbh leotha féin, chuir iad a’ lethid de earbsa ann an seasgaireachd an cor’s gu’n do leig iad le’n saorsa dol gu anameasarachd. Air do iorghuillean briseadh a mach ’n am measg ghabh Pisistratus an cothrom; ghlac e an àitean daighnich, agus rinn e e-fèin ’n a uachdaran orra féin agus air an sochairean. An uair a mhothaìch muinntir na h-Aitneh gu’n robh iad ann an staid thràillidh ged a thachair do Phisistratus a bhi ’n a uachdaran gle iochdmor cha chuireadh iad air chor sam bith a suas leis; uime sin, an uair nach robh dòigh leasachaidh air a’ chùis, rinn Esop leis a’ chosamhlachd so an comhairleachadh gu bhi foighidneach, agus thuirt e riu mu dheireadh, “Mo luchd dùthcha ionmhainn, bithibh toilichte le ’ur crannchur, dona’s mar tha e, gun fhios nach ann a dheanadh atharrachadh gnothaichean na’s miosa.”
“Mar a chaireas duine a leabaidh, ’s ann a laidheas e.”
Tha iad a nise ’deanamh nach eil ni a’s cinntiche na gum bi Pekin, ceanna-bhaile Shina ann an làmhan nan Iapanach an ceann beagan sheachdainean. Theid aig Japan an uair sin air a cumhachan fèin a dheanamh, agus feumaidh Siua gabhail riutha. Ma thachris sin, cha ’n eil teagamh nach bi an teaghlach rioghail a tha air Sina an dràsda air an cur á dreuchd, agus gun deanar righ ùr. Cha’n ann de nàisinn na duthcha a tha ’u teaghlach rioghail idir. Is Tartarich iad thug an sinnsir an dùthach fo chis o chionn fhada, agus tha iad gus an latha ’n diugh a riaghladh le làmhachas làidir. ’S gann nach eil uiread fuath aig na Sineich chaibh ’s a th’aca do choigrich à dùthchannan eile, agus is leòr sin. Cha’n eil e na ioghnadh ged nach biodh moran spioraid anns na Sinich gu dion dùthcha, oir ged tha dùthaich aca cha leotha féin i; tha cuing a coigrich air an amhaichean, agus tha iad ’ga faireachadh gu goirt.
Tha sgeul uamhasach a’ tighinn à Hungary. Bha cuideachd de dhaoine ’s de mhnathan a’ tilleadh bho phòsadh a bha ann am baile beag iomallach a mach air an dùthaich, agus bha aca ri dhol troimh choille mhòir. Cha robh iad air a dhol glé fhad air an turus ’n uair a rug sgaoth de mhaduidh-alluidh orra, agus bha tri duine deug dhe’n chuideachd air an itheadh beo. Iadsan a thàrr as, thug iad am baile b’fhaisge orra, agus thill iad fhèin agus feadhainn eile feuch am b’urrainn daibh gin de chàch a theanacas. Ach ’n’uair a ràinig iad an t-aite, cha robh dad ri fhaicinn ann ach cnàmhan us aodaichean an companaich. Bha na madaidh-alluidh an deigh itheadh, agus an deigh a choille ’thoirt orra.
[Vol . 3. No. 23. p. 7]
LITIR A FHUAIR SINN. —Tha mi o choinn treis a feuchainn ri thoirt gu’m chuimhne co-dhiu chuir no nach do chulr mi ’n dollar thugad a’s t-samhradh. Gheibh thu dollar anns an litir so. Mur do chuir mi thugad e roimhe, tha làn àm agam sin a dheànamh; agus ma chuir, “cha mhisde sgeul mhath a h-aithris da uair.” —D. Siosal, Sagart Bhroad Cove.
Cherokee Vermifugeair son nam biastan.
Tha e air aithris gu’n robh dithis bhraithsan agus an dara fear da’m b’ainm Iain no Eóin fo’n ruaig air son ni eigin a rinn e as an rathad. Cha robh neach a lathair a dh’aithnicheadh e ach a brathair fhein; agus bha ’m brathair sin air a mhionnachadh gu’n a innseadh e air, no gu’n comharraicheadh e mach a bhrathair do’n luchd torachd nan tigeadh e ’s an ratìhad. Air dha ’bhrathair fhaicinn a tarsuinn air falbh ann an eathar, sheinn e an rann a leanas, oir bha e air son a mhionnan a choimhlionadh gu’n a bhrathair a bhrath: Agus air dhoibhson smuaineachadh gu ’n robh e faicinn fhaoileagan no coin eile de’n t-seorsa, cha d’ chuir iad umhal ’s am bith:
“Chi mi e ’s cha cheil mi e,
’S air mhile bonn cha bhrath me e,
Chi mi Eoin a snamh air sruth,
Sud agaibh e, ’s beiribh air.”
Minard ’s Family Pills,glan, fallain.
DUAISEAN
dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra do ’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Bheir sinn do ’n neach a gheibh an àireamh a’s mò a cheud duais, an neach a’s fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach a’s fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas.
I. Caraid nan Gaidheal.
II. Sàr-obair nam Bàrd.
III. Foclair Gàilig ’Ic Ailpein.
Bidh iad againn ro’n bhliadhn’ uir, ’s bidh iad air an cur g’ an ionnsuidh-san a choisinn iad cho luath ’sa bhios fhios againn cò iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn do’n phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan a’s fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an sionmhòrachd.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic naatcha do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN
ITEAN NO
GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN
Taillearachd.
Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.
[Vol . 3. No. 23. p. 8]
ORAN GAOIL.
Oidhche dhomh ’s mi ’n druim a chlachain
Nan clach snaighte, steidheach,
Anns an teaghlach mhuirneach, mhaiseach,
Bhinneach, fharsuinn, fheumail,
Chualas ceol gun doigh air fhaicinn,—
Bha mi fad ag eisdeachd—
’S cha chuala riamh cluas mo chlaiginn
Fuainn ’bu bhlasd’ bho theudan.
Sud na ridhlichean ’bu mhire,
Bhoidhche, bhinne ’dh’ eisd mi,
Bho na meoir bu chaoile, ghille
’G ioinrirt air na teudan.
Mar cheol sith-bhruth no fuaim fidhle
’N oigh a’s finealt eugasg;
’S cumir, boidheach, eutrom, sunndach
Air an urlar reidh i.
Slat de ’n abhall bho na chul i,
Blathor, ur fo ceud bharr;
An ribhinn ur a’s ailte gnuis,
Nach do chuir duil ’san eucoir.
Mo mhacmeanmna chan fhaic cearb oirr’
Ann an dealbh no’n eugasg;
’S tha sar fhoghlum ’sa deagh ghiulan
Cosnadh cliu thar cheud dh’ i,
Mar an daoimean thu ’measg mhaighdean
Ann an loinn ’san ailteachd;
Do chul boidheach mar or toinnte,
’S do ghnuis aoibheil, cairdeil.
Beul o ’m blasda Beurl’ ga cleachdadh,
’S air nach stadadh Gadhlig,
’Labhradh socrach, ciuin le foisdin,
’S mor do choltas tàbhachd.
Blaths is abhachd tha nad chridhe,
Suidheachadh is naire.
’S beusach, ceillidh, glan an nighean;
’S dligheach dh’ i ’bhi pairteach.
Braghad min a’s geal ri ’fhaicinn;
Deud bho ’n dreachmhor gaire.
Gnuis na maise, suil an taitnis;
Oigh dha ’m pailt deagh chairdean.
Tha fior chaoimhneas, gradh, is onair
Fuaight’ ad bhroilleach sar gheal;
Ort chan fhaicear gruaim no corruich,
’S toilicht’, ciuir a ghnath thu.
’S iomad sruthan mear tha bualadh
Ri do ghruaidhean aluinn.
’S tu geug nam buadh a’s fior ghlan snuadh,
Gur dluth gach buaidh a fas riut.
’S dluth gach buaidh ’tha ’fas ri cheil’ ort,
Stuaim is ceill gun ardan;
Aìnnir cheutach ’s glaine beusan;
’S ainneamh te do nadair.
Tha do dhreach air dhath nan leugan,
Beul nach treig deagh abhaist;
’S tha gach dearrsadh ’th’ anns an fheucaig
’N cul nan reidh chiabh fàinneach.
Cas cho eutrom ri gath greine
Air na sleibhtean arda;
Deud dluths nasta, ’s geal ri fhaicinn
Mar ur shneaehd’ an fhasaich.
’S iomad treunfhear anns rn duthaich
A tha ’n duil ri d’ thairsinn.
Mo ghuidhe dian ri Righ nan dul,
Gun cleachd thu chuis mar b’ aill leinn.
Gun stiuradh Dia an oigh gun shiamh
Air aite miadhail, cairdeil:
Air og fialuidh, stocail, ciallach,
Mar bu mhiann le d’ chairdean.
Tha do nial mar or ga shniomh
No mar a ghrian a dearrsadh.
M’ iaritas fhein gum faicinn posd’ thu
Ri Iarl’ og nan Saileach.
Is nam faicinn ’m brat air fhilleadh,
’S do dheagh chinneadh ard leat;
’Ceangal cumhnanta fir ionaid,
Ceann do chinnidh b’ fhearr leam.
Cha b’ ionghnadh dhomh ’bhi air mo sheol
Nam biodh tu posd’ ri Gaidheal.
Mar dheagh shlait oig de’n teaghlach chorr
Dha ’n robh mo sheors’ a paigheadh.
Teaghlach na Cuile ’s na Comaraich
’S dluth ri d’ shloinneadh chairdean;
Teaghlach fiughantach na h-Alba
’Fhuair an t-ainm ’s an t-aite.
Gach ard uaisle ’s cliu bu dual dhuibh
Anns an duan s’ chan’n airmhear.
Gach ni ’tha bhuaith’ de’r cliu ri luaidh
’S e chunntadh suas an Clarsair.
Do chomhradh cinn ’tha ghnath cho binn
Ri coin a seinn san fhasach.
Le teang’ a chaoidh chan fhaodar inns’
Cho boidheach, grinn sa tha thu.
Tha t’ inntinn chaomh lan daimh is gaoil
’Sa taladh inntinn chaich riut,
Bho chul do chinn gu sail do bhuinn
Gur h-aluinn leinn a dh’ fhas thu.
Oigh a ghrinnis, ’s glan do shealladh:—
Corp deas, fallain, sunndach;
Anail chubhraidh mar an canal,
Ciochan ’s broilleach cuimte;
Aghaidh mhin gun roc na sealladh,
Aoidheil, aithneil, ionnsaicht’;
Beul a labhras cainnt gu tairis,
Brioghail, modhail, punncail.
Eoisdin, quietness .Leug, a jewel.Roc, preas, a wrinkle.Tairis, kind , tender-hearted.An Clarsair, An Clarsair Dall.
Fhuair an t-oran so bho Sheoc Ruadh Siosal an Antigonish. Thubhairt e rium gun d’ ionnsaich e e bho Aonghus Domhnullach, Aonghus an t-Saoir no Bodach nan Snathadan. ’S ann a Lochabar a thanig Aonghus.
A. MACG. S.
Ma dh’fhalbhas duine air thuras le mòr-chabhaig anns a’ cheud dhol a mach, cha bhi e fada air falbh an uair a dh’fhàsas e glé sgith. Is iomadh fear a dh’fhalbh glè bhragail nach do ràinig riamh a cheann-uidhe. Nach tric a thòisich càraid òg ri cumail taighe ’s iad an dùil gu’u deanadh an tighinn-a- staigh a bh’aca a’ chùis dhaibh, coid sam bith cho stròdhail ’s a rachadh iad air an aghaidh? Mu’n deachaidh iad glè fhada air an aghaidh thuig iad, ma bha tuigse agus tur ahnta, gur anh ’na bheul a tha caomhnadh a’phocain.
Nach minic a chunnaic sinn fear a’ dol bhar a chas an àm dha bhith ruith tiomhioll an oisinn? Air a cheart dhòigh is minic a thachair gu’n do thuit duine ’s an àm ’s an d’thainig atharrachadh air a chrannchur. Nach minic a chuala sinn gu’n do thòisich muinntir ris an òl an uair a tháinig trioblaid agus bròn do’n teaghlaichean.
’S e Righ Lochlunn an urra rioghail a’s sine tha’n diugh beò; tha e 76 bliadhna dh’aois. Tha Ban-righ Bhretunn 75, Righ na Suaine 65, Iompair ’Austria 64, Righ Bhelguim 59, Righ Roumania 55, Prionnsa Mhontenegro 53, agus Sultan na Tuirce ’s Righ na h-Eadailte 50 bliadhna.
Ma bhios ni sam bith ann a chuireas smal air d’aodach, seachaiun e; agus seachainn nar an ceudna gach ni a bheir mi-chliù air d’ainm.
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Soithichean Creadha agus Glaine.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh
Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Feb.
title | Issue 23 |
internal date | 1894.0 |
display date | 1894 |
publication date | 1894 |
level | |
reference template | Mac-Talla III No. 23. %p |
parent text | Volume 3 |