[185]

[Vol . 3. No. 24. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B. DI-SATHAIRNE, DESEMBER 15, 1894. No 24.


Tha mo Bhreacan dubh fon Dile.

SEISD:
Tha mo bhreacan dubh fon dile;
Chan fhaod mi ìnnse mar tha e;
Tha mo bhreacan dubh fon dile.

Tha mo bhreacan gu fluich, fuaraidh,
Cha ghabh e cur suas am màireach.

Tha mo bhreacan air a mhilleadh
Aig na Gillean air a mhéarsadh.

Bidh mimaireachdol a shsoladh;
Chan ann air meolas a tha mi’.

Thoir mo shoraidh do Ghleann-Lòchaidh,
Far an robh mi òg gum àrach.

Soraidh eile do Ghleann Urchaidh
Nan tuilmeanan boidheach, fásaich

Far am faighte gruagach bhòidheach
G iomain bho gu [ ? ] áiridh

Tha na nighneaganan gruaim rium,
Bhon a fhuair min cota-sgàrlaid.

Bhon a fhuair min ite péucaig,
Claidheamh as crios-eilidh seardsein.

Fhuair mi paidhir bhrogan ùra,
Boinneid dhù-ghormus coc àrd innt’.

Mile marbhaisg air luchd ar mi-run;
Cha biad Sìom adhol don bhlàr iad.

Cha bionnan iadus Coirneal Friseil,
A thoirt misnich do na Gàidheil.


COMHRADH

EADAR CUAIRTEAR NAN GLEANN AGUS EACHANN TIRISDEACH.

EACHANN.— ’Eudail agus a ghaoil? Cha burrainn domh dol seach an dorus gun cheum a thoirt a stigh, a thairgseadh dhuibh mo mhìle taing air son na litir shuairce, cheanaltachur sibh do mionnsuidh mu dhéidhinn léir-sgrios nam bailte-mòra (cainm so iad a rithist?) Pompeii agus Herculaneum; agus an dòigh anns an dfhuaradh a mach iad an déigh dhoibh a bhi air an cleth fad sheachdceud-deug bliadhna fo luaithse na beinne beinne teintich; ach tha mòran ann an Tirithe nacheil atoirt creideis don eachdraidh, a smaointeachadh nach do bhrùchd riamh a mach o mhullach beinne de stuth na burrainn bailtean mòra thiodhlacadh mar so as an t-sealladh: àch thachair Maighstir Niall orm an roimhe, ’s tha eg ràdh nacheil focal bréige ann.

CUAIR. —Cha-neil, ’Eachainn; ’n uair a bhios sinn ri feala-dhà bithidh sinn ri feala-dhà, achn uair a bhios sinn stòlda bithidh sinn stòlda. A nis on tha ùinagam, ’us thusa déidheil air éisdeachd, leanamaid achùis beagan nas fhaide. Chaneil anns na dhinnis sinn mu dhéidhinn Beinn Vesuvius ach faoineisan coimeas ris na bheil againn ra ràdh mu chuid de bheanntan loisgeach eile.

EACH. —Nacheil? Ma ta innsibhse dhomhsa ma thimchioll, ’s mur toir mise air cuid-eigin nach ainmich mi air an àm, a cheann a chromadhs acheud chuideachd anns an suidh sinn cha mhise Eachann.

CUAIR. —Tha Beinn Etna deich mìle agus ochd ceud troidh (10,800) air àirde. Faodar a smaointeachadh gur beinn mhòr i so, ’n uair a chuimhnicheas sinn nacheil Beinn-Nibheis ach ceithir mìle, trì cheud, agus seachd deugus fhichead (4,357) troidh air àirde; agus tha Etna naoi fichead mìle mun cuairt da bonn. ’Nis tha abheinn mhòr so gu léir, eadar a buns a bàrr, air a deanamh suas de lava, mar their iad ris anns aBheurla; ’s e sin stuth a thilg abheinn os a ceann den stuth a bha aon uair loisgeach, teinteach, agus a thilg i an uachdar anns an staid sin a dhfhuaraichs a chruadhaich ma timchioll, agus a thasìor fhàs nas mar tha itilgeadh a mach brat ùr thairis air an t-seann rùsg. Am bheil thug am thuigsinn, ’Eachainn?

EACH.— ’S mitha: a choimeas ni beag ri ni mòr tha e dìreach mar a chunnaic mi tom-famha, afàs agus ag éiridh mar than creutair dall, spògach a tha gu h-ìosal atilgeadh na h-ùrach an uachdar. Faodar a ràdh gur em famh a thilg an tom an uachdar, agus mar sin thilg an teinetham meadhon na talmhainn abheinn mhòr sin uile os a cheann: agus da rìreadh ben teine a thog beinn deich mìle troidh air àirde, agus naoi fichead mìle mun cuairt. Ubh! ubh! cha-neil rBheinn Mhòr Mhuileach ach mar fhoinne beag air craicionn an t-saoghailan coimeas ris abheinn sin; ach gabhaibh airur n-aghart.

CUAIR. —A nis, ’Eachainn, ge mòr beinn Etna, agus ge mòr ma tha i tilgeadhan uachdar de stuth loisgeach, teinteach, cha-neil i mar choimeas ri beinn loisgich eiletha ann an eilean Iceland. Bhrùchd abheinn so a mach aon uair sruth loisgeach a ruith sìos air gach taobh dhin a thuiltean dearga, teintfach, a lìon clais, no gleann mòr, anns an robh abhuinn air an seòladh loingeis, agus ann an tiota, thiormaicheadh an t-uisge, agus lìonadh suas amar na h aibhne agus an gleann, ceud troidh air doimhneachd, agus eadar a dhàs a trìcheudan troidh air leud! Agus chan e sin uile, ach ghabh an sruth loisgeach so air adhart gus an dràinig e loch mòr uisge, a lìon esuas gu buileach, gus an robh e mar chòmhnard, no mar fhaiche iaruinn. Fad bhliadhna bhan tuil loisgeach so asruthadh le leathad o mhullach na beinne: thugadh lom-sgrios air leth-cheud baile, agus bhàsaich deich mìle pearsa anns an tull uamhasaich so, a bharrachd air anabarr spréidhe agus feudalach de gach seòrsa. Bha na h-aibhnichean siùbhlach, dearg-loisgeach a bharuith sìos air cliathach na beinne, cuid diubh leth-cheud mìle air fad, agus mu thuaiream -mhìle-dheug air leud: ann an doimhneachd bhan sruth eagalach so ceud troidh far am bu taine e, agusan cuid a dhaiteach-



[186]

[Vol . 3. No. 24. p. 2]

an ceud troidh air doimhneachd. Ciod do bharail air asin, ’Eachainn?

EACH. —Ma ta, ler cead, chan fhaod mi fhèin abheag a ràdh; achs i aona bharaìl a thagam gun cuir sibh mo cheann-san a bhreislich mun stad sibh. Cha-neil Caol-Muile fhéin ach trì no ceithir a mhìltean air leud; ach O! nach beagalachfhaicinn air ghoil mar luaidhe leaghta, aruith sìos dearg theinteach o mhullach Beinn-Nibheis. Chaidh achùis os ceann mo bharail-sa abhuinn an uamhais! Ach innsibh so dhomh, am bheiltuilleadh den t-seòrsa feadh an t-saoghail— ’s e sin de bheanntan loisgeach?

CUAIR. —Tha cunntas againn air mu thimchioll cheud diubh, a tha, nobha o cheann linn no dhá, alosgadh. Tha dhiubh so trì-deugs an Roinn-Eòrpa; ochdus trì-fichead ann an Asia; deich ann an eileanaibh Africa; agus cóig ficheads a naoi ann an America; bha dhiubh so mu thuaiream mhìlebrùchdadh nobristeadh a mach anns gach ceud bliadhna, no fichead anns gach bliadhna. Ann an teismeadhoin Asia, ann an Innsibh na h-Aird-an-ear, tha dùthaich anns am bheil farsuingeachd mhìle gu leth de mhìltean (2500), araon air fad agus air leud a bha a h-uile mìr theth aon uair fo chumhachd teine den t-seòrsa so, ged thanis fearannus fonn ann air am bheil feur agus luibheanus coille, gu pailt afas, cho tarbhach ri aon chéarn den t-saoghal. Tha beinn ann an America mu dheas, ann an tir Mhecsico, a dheirich suas ann am meadhon dùthchabha cho cómhnard, rèidh ri Rif Thirithe, agus a bhòc suas mar gum faiceadh tu builgean air uachdar poit chabhruich, gus an dfhàs am builgaan son a bheinn, -ceud-deug troidh air àirde os ceanna chòmhnaid, agus an sin rinn biristeadh mach na lasraichean. Spùt imach stuth loiseach a lom-sgrios an dùthaich a bu tarbhaichetha air aghaidh an t-saoghail. Thachair so anns abliadhna 1759, ’s e sin ceithir-bliadhna-deugan déigh bliadhna Théarlaich. Tha fear-turuis cho measails a sgrìobh leabhar riamh, Humboldt, ag innseadh dhuinn gun robh esan aig bun na beinne so fichead bliadhnan dèigh dhi éiridh suas, agus gum face aon tuil a thàinig a nìos mar a chì sinn gaineamh aig bun sgrìodain, a bha ceithir mìlair fad, agus ceud troidh air doimhneachd. Bha am meall so teth, fichead bliadhnan déigh dha ruith a mach; cha robh àitanns an cladhaicheadh e toll nach faodadh e maidelosgadh agus teinefhadadh.

Bhrùchd abheinn so a mach o cheann fichead bliadhna, aig àm crith-thalmhainn mhòir a tharruing frasan de luaithre air baile mòr a tha dlùth do dhà cheud mìle on áite, a bha òirlich antiughad air na sràidibh.

EACH. —Tha sibh acur iongantais mhóir orm; ach leigibh dhomhfheòraich an ann a mhàin air tìr mòr a tha na beannta loisgeach sin; am bheil cunntas gun déirich a h-aon diubh riamh suas à meadhon achuain? oir, ged nacheile mi idirg achreidsinn, tha mi cinnteach gun-n cuala mi iomradh air aleithid so.

CUAIR. —Tha cunntas eagnaidh, fìrinneach againn air aleithid sin; ’s minic a dhinnis maraichean gum faciad an fhairge, mar gum bann air ghoil, mar a chithear Coire-Bhreacainan toiseach lìonaidh le sruth reothairt, agus gun cual iad toirm uamhasach; agus is minic a thàinig frasan de luaithre dhorcha orra air druim achuain mhòir agus gun fhios cia as a bha so atighinn; agus tha iomadh cunntas againn air sgeirean a dhéirich suas ann an àiteachan far nach robh a h-aon, bliadhna no dhà roimhe sin; agus mar so cho-aontaich daoine fòghluimte ann an smaointeachadh gun do thogadh an fhairge, ’n toiseach suas le teine on ìochdar, agus na gur ann mar sin a rinneadh na sgeirean agus na creagan sin: ach a nis chaneil teagamh air biths achùis. Gun labhairt mu mhóran de dheileanan beaga mun cuairt air Iceland, agus air àiteachan eile a dhéirich suas anns an dòigh so, tha cunntas mion againn air Eilean aGhreumaich, anns aMhuir-eadar-thìrich (Mediterranean), a dhéirich suas as achuan mu ochd bliadhna deug on àm so, dlùth airSicily.’ Bha an fhairge ceud aitheamh air doimhneachds an àitas an déirich an t-eilean so. Thachair do mharaichainmeil, an ridire Pulteny Malcolm, Breatunnach, a bhiseòladh thar an àite so agus mhothaich e mar gum buaileadh a long air oitir, agus chriothnaich i o cheann gu ceann. Thuig e gur crith-thalmhainn a bhann. Mìos an dèigh so, bha maraicheileseòladh seachad air an àite cheudna; chunnaic e steall-uisge ag éiridhn a cuartaig mu thrì fichead troidh air àirde, agus ann am meudachd, mu ochd ceud slat mun cuairt, ag éiridh on fhairge, agusn a dhéigh sin, toit no deathach, cosmhuil ri deathach soitheach-smùiden uair a stadas i, a dhìrich ochd-ceud-deug troidh a suas anns na speuraibh. Fhuaradhn a dhéigh so eileans an àite, dusan troidh os ceann muir-làin, slocn a mhullach as an robh teineg éiridh le toit uamhasaich. Bhan cuan, astar mòr mu thimchioll an àite, air ghoil, agus air a chòmhdachadh le luaithre ghil agus le h-iasg marbh. Fad mìos bhan t-eilean so atilgeadh os a cheann, ach stad e; agusn uair a burrainn daoine dol air tìr air, bha e os ceann ceithir fichead troidh air àirde, agus dlùth do mhìle mun cuaìrt. Dhfhàs en a dhéigh sin cheud troidh air àirde agus trì mìle air chuairt. ’Na dhéigh sin a rithist, bha e air a chaitheadhs air itheadh air falbh le luasgadh na fairge gus nach robh e ach leth-mhìle mun cuairt, agus còig ficheadus seachd troidhean air àirde. Bha efàs na bu lugha o bhliadhna gu bliadhna, gus mu dheireadh an déirich crith-fhairge uamhasach, agus fuaim choimheach, agus thuit e gu tur as an t-sealladh; agus tha deich-aitheamh-fhichead uisgenis os ceann na beinnebha ochd ceud troidh air àirde.

Dhfhaodainn iomadh cuuntas den t-séorsa cheudnathoirt duit, ach fòghnaidh na chuala tu chum a leigeadhfhaicinn duit gum bheil beanntan teinteach ag éiridh o mheadhon achuain. Tha na ceudan eilean den t-seòrsa air feadh an t-saoghail.

EACH. —Ma ta, ler cead, thug sibh mòran fiosrachaidh dhomh; ach shaoilinn, on a chaidh a labhairt, gum bheil teis-meadhoin an t-saoghailn a aon teine mòr, a tha mar so, abristeadh a mach o àm gu h-àm anns na simileirean sin bràighe nam beann, a thabrùchdadh a mach teines deathaich agus stuth leaghta, mar a dhinnis sibh.

CUAIR. —Tha thu ceart: chaneil teagamhs achùis sin. Tha meadhon an t-saoghaln a aona ghrìosaich, nas teotha na thogadh riamh ann am fùirneis le daoine. Than teas so cho anabarrach ann an cumhachds gum bheil ebristeadh a suas troimh na leapannan a tha os a cheann, le boile cho eagalach. Chan emhàin gum bheil stuth goileach, no clachan leaghta ris an canars a Bheurla, lava ag éiridh suas o mheadhon na talmhann ach tha uisge goileachan cuid a dhàiteachan, a than a thobraichean cho



[187]

[Vol . 3. No. 24. p. 3]

cumhachdach, agus ag éiridh suas le boile agus neart cho mòrs gum bheil iad aruigheachd àirde choimheach anns na speuraibh. Bheir mi dhuit cunntas air cuid de na tobraichean iongantach sin. Tha ann an eilean Iceland, no mar theireamaids aGhàelic, eilean na h-eighe, far am bheil abheinn mhòr loisgeach air an robh milabhairt, ceud tobar den t-seòrsa so ann an astar aona mhìle. Cluinnnear fuaim nan tobraichean uisge ghoilich so gu h-ìosal fon talamh, mar fhuaim tàirneanaich; —bristidh iad sin a mach le boile cho coimheachs gur duilich seasamh mar astar mòr dhoibh leis an stairirich. Tha aon tobar den t-seòrsa sos an eilean sin a tha farsuingeachd a bheòil trì fichead troidh thairis. Faodar air uairibh amharc sìos don tobar so, agus chithear coltas coire mhòir lán uisge, agus e air ghoil le boile eagalach. Cho luaths a chluinnear an tàirneanach gu h-ìosalan ìochdar an tobair, ’s mithich teicheadh. Ged robh càbhlach Shasuinn alosgadh an gunnacha mòra air an aon àm, cha bhiodh ach faoineis ann an coimeas ris an stairich a nin tobar son uair a thòisicheas e air cur thairis, agus an sin éiridh an t-uisge suasn a aon steall, fichead troidh, cho dìreach ri saighead anns na speuraibh, agusn uair a sguireas an t-uisgedhéiridh, tòisichidh an sin an deathach gheal, mar mhìle soitheach-smùidair feasgar ciùin, aleigeil as na toite. Ma thilgear clachan a sìoss an tobarn uair tha en a thàmh, grad thòisichidh an stairirich agus an tàirneanach; goilidh e suas, agus tilgidh cumhachd an uisge na clachan ceudan troidh dìreach os a cheann anns na speuraibh: ach cha mhair an steall os ceann seachd, no deich mionaidean air an aon àm.

EACH. —Mo mhìle taing! Os beag fhios a thagainn air dìomhaireachd oibre an Fhreasdail! Chan fhéarr sinn na leanaban. Ach an urrainn duibh innseadh dhomh cia mar than t-uisge sin gu h-ìosal air a chur gu goil? agus ciod a thatoirt air éiridh suasn a aon steall mar tha sibh ag ràdh?

CUAIR. —Ma ta, ’Eachainn, ’s usa gu mòr a thuigsinn na churan cainnt. Tha thu eólach air pìob-thombaca.

EACH.— ’S mitha: tha mo phluic cho eélach airres a thaphoit air an ladar.

CUAIR. —Gabh thusa, ma ta, pìob thombaca, a h-aon den fheadhainn as fhaides urrainn dhuit fhaotainn; cuir lorg na pìobasaghealbhan gus am bi i dearg theth; lìon an sin cuach na pìoba le h-uisge, agus feuch leigeadh leis an uisge dol a mach gu h-athaiseach troin fheadan, sìos troiluirg na pioba, agus chì thu gun téid e mach direach mar a mhinich mi na tobraichean goileach, steall an dèigh still, le toirm. Air tùs cha tig abheag a mach ach deathach gheal, an sin spùt de dhuisge goileach; an sin, mar tha cuach na pìobafas fionnar, thig an t-uisgemach air a shocair. Mar sin than t-uisgétha gu h-ìosalan com na talmhainn aruigheachd nam feadan loisgeach sin, agus tha etighinn a mach, steallan déigh still, mar a chì thuthachrass aphìob thombaca, ma dhfheuchas tu i.

EACH. —An t-urram dhuib! ’s mi dhfheuchas. Ach innsibh so dhomh: tha en a chulaidh-iongantais leamn uair tha na beannta mòra sin asgeith a mach am mionaich o linn gu linn, nacheil iad atuiteam sìos, mar a ni aodroman, ’n uair a bheirear achuid as den stuth a thas abholg as.

CUAIR. —Tha thu ceart; tha sin atachairt, agus thachair e bho cheann ghoirid do dhaon de na beanntan as ainmeile air an t-saoghal, Beinn Ararat air an do stad àire Noah: thuit istigh, agus dh ìslich abheinn iomadh ceud troidh; chailleadh anabarr sluaigh abhachòmhnuidh dlùth dhi, agus thugadh sgrios cianail air luchd-àiteachaidh nan gleann ma timchioll; achs éigin duinn stad an diugh; ma chaomhnar sinn bithidh seanachas againnna dheigh so mu thrincholl nan crithean-talmhainn air am bheil sinn afaotainn cunntais agus a thanis ateachd dlùth dhuinn, oir thachair a h-aon diubh o cheann ùine ghoirid anu an sgìreachd Chomrie ann an siorramschd Pheairt.

EACH. —Soirbheachadh leis aChuairtear an latha chìs nach fhaic! Cia taingeil bu chòir dhuian a bhi nacheils nach robh riamh beanntan loisgeachs an eilein shona so, Breatunn mòr, no idir ann an Albainn, ged nach bu mhisde-mid tobar beag, goileach an suds an so ann an Tirithe, gu nigheadaireachds gach goireas eile.

CUAIR. —Chaneil ùinagam an diugh, no dhfhaodainn a leigeadh ris gun robh beanntan teinteach, agus moran diubh, anns na dùthchannan so, agus eileanan a dhéirich as an fhairge, agus a chuir stuth loisgeachan uachdar, mar tha Ealasaid-a’ -Chuain, no eilean seunta Staffa, agus cuid de dheileanan Threisinnis.

EACH. —Staffa! ’n e meilean àillidh fhéin? An saoil sibh an robh Staffa uair air bith ri theine?

CUAIR. —Cha labhair mi diog uime sin an diugh, ged tha moran agam ra ràdh mu dhèidhinn. Slàn leat, ’Eachainn.

EACH. —Gabhaibh mo leth-sgeulaon fhocal: an saoil sibhsem bi cogadh ann eahar Breatunn agus an Fhraing? Bha forghair mhor air gamhnaibh firionns air daimh air feadh na Gàidhealtachd: cha deanadh rongan beag cogaidh dad coire don Ghàidhealtachd.

CUAIR. —Chaneil dùil agam gum bi air an àm so cogadh air bith eadar sinnes an Fhraing; tha righ na Frainge air son sìth, agus chuir e air falbh a luchd-comhairlebhag a bhrosnachadh gu cogadh. Rinn na Frangaich moran boilich agus maoidheidh: ach chaneil dùil agam gum beeil fìor thogradh gu cath orra air an àm. ’S e mo dhochas nacheil.

EACH. —Ma tas i sin mo bharail fhèin ma dhéidhinn nam Frangach, anabarr spagadagliogus boilich: gu cead duibhse mas en coileach Frangach a tha aig tigh an eilein, co ach esan? Ma dhamhairceas cearc no tunnag air coileach no dràchd, grad lasaidh e le feirg, èiridh gach itair a dhruim, sgaoilidh emachearball mor, leathann, togaidh e a spogan fada caola, fàsaidh a sprogan cho dearg ri sgàrlaid, cluinnear a ghlugail leth-mhìlair astar; co ach esan? aspaisdeireachd cho mor-chuiseach, leearball ri gréin, chó stràiceils ged bu leis fhéin am baile. Ach coma co dhiubh, cha luaithe shìneas an dràchd fhèin a cheann ris na ghrad theicheas e, an dara cas aruith, thairis air achois eile, ’earball paisgte, gun ghugail as a bheul, a chìrean glas-neulach le h-eagal, gus am faigh an trusdar fasgadh na cruaiche moinemeasg nan cearc. Tha dùil agam gur ann mar so a tha na Frangaich uile.

CUAIR. —Tog a damaideachd, ’Eachainn. Slàn leat. —Caraid nan Gaidheal.


Minard ’s Honey Balsamaon uairs na h-uile h-uair.


Flur math air $3 .50 a dhairgiod. Theid sinn an urras gun dean e aran math. Jost Bros.



[188]

[Vol . 3. No. 24. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney Cape Breton.


SIDNI, DESEMBER 15, 1894.

deanadh iad aon ni, ’se sin, pàigheadh aig toiseach a h uile bliadhna, no gle fhaisg air a toiseach, chan e mhàin nach cluinneadh iad sinn agearan no atalach, ach bhiodh am MAC TALLA gu math nas modhan diugh na tha e. Chan urrainn dhuinn a chur am meud am feasda mur dean iadsan a thaga ghabhail nas fhearr na tha iad a deanamh. Chan ann againne tha choire nach robh e air a mheudachadh o chionn fhada, ach aca-san. Tha áireamh mhath a thadeanamh cho mathsa dhiarramaid; cha luaithe bhios aon bhliadhna seachad na bhios an dolair a stigh air son bliadhneile. Tha sinn glé bhuidheach dhiubhagus

Tha toil againn aig an àm so beagan fiosrachaidh a thoirt do ar luchd-leughaidh a thaobh a phaipeir. Tha fhios againn nach eil duine thaga gabhail nach bu mhiann leis am paipear fhaicinn adol air adhart gu math, agus mar sin bu choir fhios a bhi aca cia mar tha cùisean adol leinn. Tha aig an am so a machsa stigh eadar miles aona ceud agabhail a phaipeir. Than àireamh sin tuilleabh us beag. Ged tha gu leòr de phaipearan Beurlas an dùthaich aig nach eil uiread sin de luchd-gabhail, bu chòir don aona phaipeir Gailig barrachd, a thri no cheithir uiread sin a bhi aige. Ach ged than àireamh a thaga ghabhail beag, ’s en àireamh a thaga phàigheadh as lugha. Nam biodh gach aon a tha gaghabhail cho maths gun tha sinn an dòchas gu lean iad air an deagh chleachdadh sin, agus gum bi tuilleadh adol rin àireamh. Tha feadhainn eile ann air atharrachadh sin ged is duilich leinn e bhi againn ri ràdh, aguss ann riutha sin a tha sinn a labhairt. Tha nisen geamhradh air tòiseachadh agus bidh feum mor airgiod gus gnothuichean a chumail ceart. Bidh paipear, clo bhuailtearan, luchd-ceairde, agus nithean us feadhainn eile adeothel uainn an airgid mar a thig e stigh, agus mur bi an teachd-a- stigh mor, bidh an deothal singar goirteachadh. Nise ged nach eil aon dollair mòr, gidheadh, ’n uair a thig e stigh, bheir e a leud fhèin as na tha ri chur a mach. Dhiarramaid uime sin, orra-san nach do phàigh fhathast, iad a dheanamh dichioll air a chur gar n-ionnsuidh mun tig a bhliadhn ùr. Chan eil sinn ag iarraidh tuilleadhsa chòir, agus tha sinn an dòchas nach saoilear gu bheil, ach gu faic gach duine gum bi a chuid fhéin deante mun am a dhainmich sinn. Ma ni iad sin théid againn air an gnothuch a chur air adhart nas fhearr na theid againn aig an àm so. Theid sinn an urras nach bi am MAC TALLA cho beag na cho gann-bhriathrach mun àm son ath-bhliadhnasa tha e dràsda, ’se sin ma chuireas ar càirdeannar comas e.


Tha sinn duilich gu bheil againn ri innse air an turus so mu bhàs Shir Iain Thompsoin, Priomh Mhinisteir Chanada, agus fear de na daoine bu tapaidhe chaidh àrach riamh anns an dùthaich. Chaochail e ann an Caisteal Windsor, faisg air Lunnuinn, aig cairteal gu da uair fesgar Di-ciaduinn. Mu dheich uairean sa mhaduinn, bha e air a ghabhail a stigh do Ard-Chomhairl, Dhiomhair na Rioghachd(Privy Council). An deigh sin bha e gabhail greim bidh maille ri uaislean eile anns a chaisteal, ’nuair a thainig laigs air. Chuireadh fios air dotair, ach mun dthainig an dotair bha esan marbh. Cha robh dhùine eadar e dhfhàs tinns e chaochladh ach cairteal na h-uarach.


Chaochail fear Aonghas Mac Aoidh ann am Bowra, an Astralia, o chionn ghoirid, agus e ceud bliadhna dhaois. Bu sheann saighdear e. Bha e féin agus triùir bhràithrean daa nam saighdearan ann an reireamaid an Fhrisealaich (an 78 mh) ri linn cogadh Napoleon, agus bha cheathrar a ann am blàr Waterloo.


Minard ’s Family Pills,glan, fallain.


FLUR
$3 .50 am barailte,
Air son airgid. Theid sinn an urras gun dean e deagh aran.

BROGAN BHAN $1 .00 am paidhir.
Tha iad laidir agus air an deagh dheanamh.

STOC MOR DE BHATHAR UR.
aig
JOST BROS.
Sidni, C. B., Nov. 9, ’94.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[189]

[Vol . 3. No. 24. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Chaidh a chuid bu mhò den bhaile bheag a tha aig Beinn Stiubhairt, E. P. I., alosgadh oidhche Di-haoine air an t-seachdain sa chaidh. Bha seachd taighean deuga air an call, eadar thaighean-comhnuidh us stòraichean.

Bhan eaglais ùr Bhaisteach air a fosgladh maduinn na Sabaid sa chaidh. Bha tri seirbheisean innte air an latha sin, aig aon uair deug, aig tri uaireans aig a seachd. Bhan eaglais air a dòmhlachadh le sluagh aig gach àm.

Thòisich sabaid ann au tigh-òilan Antigonish Di-ciaduinn air an t-seachdain sa chaidh, agus bha tuathanach, fear Gilleasbuig Domhnullach air a thilgeil le fear an taighe. Chaidh an urchairna bhroilleach, ach tha choltas air gun tig e air adhart.

Chaidh fear Alasdair Mac Aonghais, a mhuinntir Taobh Siar Loch Ainslie a lionadh gu dona ann am Meinn Albion am Pictou, o chionn da mhios. Tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil e air a dhol gu math am feabhas. Chaill e fradharc dhe shùilean.

Bha coinneamh mhor aig Fielding us Davies anns a bhaile feasgar Di-luain agus ann an Sidni Tuath air an oidhche. Bha coinneamhan gu bhi aca ais feadh nam bailtean eile, achnuair a fhuair iad sgeul báis Shir Iain Thompson, sguir iad, agus chaidh iad dhachaidh.

An la roimhe, thuirt seann da[ ? ]e ann an Cuibeic, aois thir fichead bliadhnasa dha dheug, ri theaghlach gu robh e dol dhan leabaihh, agus nach robh e air son gum biodh dragh sam bith air a chur air. An ceann treis, chaidh cuid-eigin suas far an robh e, agus bha en deigh e fhéin achrochadh.

Chaidh fear Seumas Sproul a bháthadh ann àn acarasaid Phicton air an t-seachdain sa chaidh. Bha e leis fhéin ann am bàta, agus chan fhios ciamar a thachair. Chuala seann Innseanach e ag eigheach, ach bha e fhéin cho lapachs nach burrainn da a chuideachadh, ’s cha robh duineile faisg air láimh.

Chaidh duinòg a mhuiuntir Bhaddeck, mac do Bhantrach Ghilleasbuig Dhomhnullaich, a ghoirteachadh ann am Brookfield, N. S., air an t-seachdain sa chaidh. Bha eg obair air gearradh coille, agus thuit craobh air. Bhristeabh a chas os ceann na glùine, s thainig an cnaimh ris. Tha eagal air na dotairean gun toir e a bhàs. Cha drinn e ach an tigh fhàgail Di-màirt agus thachair so dha Dior-daoin.


Ceist.

Tha caraid à Ontario ag iarraidh oirnnfeuchainn ri fhaotainn a mach mu shoitheach a thainig a nall à Alba le luchdimrichsa bhliadhna 1793. Tha cuid ag ràdh gun dràinig i tir air Fhéill Andrais. ’S e bainm don chaiptein, Thomas—. Mas urrainn do neach sam bith dad innse thaobh an t-soithich, bidh sinn gle thoileach fhaotainn.


Chaidh echd tunna de dheasgannan a chur air falbh à Yarmouth gu ruige Boston an la roimhe. ’S iomadh easgann a tha snamh ann an lochan Cheap Breatunn, ’s nan deante greim orra, gheibhte deagh pris orra anns na Stàtean.

Than rathad-iarninn gu Port Morein deiseil, agus bidh e gun fhosgladh gus an tig fear-dreuchd a Ottawa a dhfhaicinn gu bheil gach ni ceart. Than carbad-oibreach a dol cho fada ri drochaidIc Neacail, taobh deas Loch Chatalone.

Chaidh sabhal le fear Oliver Lawton, tuathanach ann an New Brunswick, na theine, an la roimhe, agus am feadhsa bha e feuchainn ris na h-eich a shabhaladh, chaidh a thachdadh leis an toit, agus chaill e a bheatha. Bhan sabhals gach ni a bhana bhroinn air a losgadh gu lar.

Bhuail soitheach-smùideann an soitheach-smùide acarsa;d Bhoston air an t-seachdain sa chaidh, agus chuir i dhan ghrùnnd i agus sianar air bòrd. Fhuaireadh tri dhe na cuirp air an t-acachdain so. Bhoineadh fear dhiubh. Fearchar Bonar, do Arichat. Tha cuirp chaich gun am faighinn fhathast.


Iadsan a Phaigh.

Aonghas Feargastan, Port Hamond, B. C.
Domhnull Mac Coinnich, Cowell Cove, P. E. I.
Aonghas MàrtuinnGrand View, do
D. W. Mac Gillebhrath, Dalkeith , Ont.
Domhnull Domhnullach, Mira .
Calum Gillios, Braigh Mhargaree
Bean L. D. Mac Illemhaoil, Loch Ainslie.
Murcha Mathanach, St . Anns
D. I. MacIllemhaoil, Port Morien
Alasdair D. Dùghallach, Margaree Deas.
Mor Nic Aonghais, Roxbury , Mass.


Tha D. J. Domhnullach a creic moran de dhaodaichean deante, do fhirs do mhnathan agus tha e deònach an sealltuinn aìg am sam bith.


Gu ma Fada beo a Ghailig.

Tha mi cinnteach gun toir e mor-thoireachadh dor luchd-leughaidh a chluinntinn gu bheil aGhaidhlig an drasdaga teagasg ann an Oil-thigh Antigonish. Cha robh e furasda cead toisichidh fhaotainn, ’chionn tha moran eile aig na sgoilearan agus aig a luchd-teagaisg ri dheanadh. Ach de riamh a dhfhairtlich air clanna nan Gaidheal n uair o chuireadh iad an cinn ri cheile agus a sheasadh iad guallainn ri guallainn? Chuir ma dhusan de ghillean dileas, tapaidh anns am bheil am fior spiorad togarrach, suidhichte, a thug buaidh anns gach cearna den t-saoghal rompa gun tugadh iad onar iomchuidh do, chainnain màthair, dhaindeoin cosdais is gach ni eile a bhaca ri dheanadh. Thug duinuasal òg, urramach mor-bhrosnachadh dhaibh le bonn cuimhne òir a thairgsinn don fhear is fhearr a sgriobhas agus a leughas Gàidhlig aig ceann na bliadhna. Shoirbhich gu math leotha agus a nis than Class Gàidhlig ag coinneachadh da uairsan t-seachduinn; agus a bharrachd air a sin tha ceilidh aca ann an seòmar an fhir-theagasg a h-uile h-oidche Di-Luain. So a chuid is cridheile den gnothach. Gu de le sgeulachdan, òrain, agus comhraidhean theid an oidche thairis tuille is luath.

Bithidh an CLASS gle thaingeil airson cuideachadh sam bith a dheònaicheas càirdean na Gàidhlig a dheanadh leotha.

AONGHAS
Oìl-Thigh Naomh Francis Xavier,
La Fheill Aindreas, 1894.


Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires air son gach àm eile dhen bliadhna
THA NA PRISEAN CEART
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.

Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI,
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich


An S. S. Arcadia.
THAN ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Anns, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Dior-daoin.
P . KERR,
Maighstir.



[190]

[Vol . 3. No. 24. p. 6]

Air Faondradh.

Dhéirich aghrian, agus chaidh mi a rithist air faondradh le beanns le gleann. Bha aghrìan gheal asior-dhealradh os mo cheann agus a soillseachàdh suas dhomh rudan neònach agus atoirt solus air àitean bòidheach ùr. A rèir coltais bha spiorad nam beann a nochadh dhomh, fabhar agus deadh-ghean thar cumantas agus fios da rireadh aig gum burrain mi, “S gum bu bhàird mi,” iomadh focal fileanta, agus ro math, a raidhtinn mu na beanntan aig’. Air amhaduinn sin gu dearbh, leig e fhaicinn dhomh, na beanntan a bannsa leis, air dòigh air nach fhaicear gu tric iad. Ach cuideachd, chunnaic na beanntan mis’, air riochd air nach fhaicear le moran mi. Bhana mo shùilean adealrachadh, seudan a cheart cho luachmhor riu-san e bhanam laìdhe air feur aghlinne agus bha driuchd a ghràidh, mar dhealt na maidne, afliuchadh mo ghruaidhean. Thuig na giubhais gach ni, a bhana mo chridhe agus rinn iad an cuid meanglain a luasgadh, ’g an crathadh gu cairdeil rium, mar a na daoine balbh an làmhan chum an gàirdeachas a leigeil fhaicinn do chàch. Tuilleadh fòs, a tighinn astigh orm, bha fuaim anabarrach binn, mar gum biodh na cluig aseinn air eaglais iomrallach a chaidh air challs a choille. Is ábhuist do mhuinntir na dùthcha, clag beag a chur air gach crodh is caoraich. Bi aig na cluig sin fonn taitneach air leth, agus theirear gur e an co-ghliongarsaich, a an torman binn sin, a chluinnear air feadh frithean na tire. A rèir àirde na gréine, ’s e aithn-an-la a bhann, ’nuair a thachair mi air an dearbh-leithid seo de threud cluigeach. Chuir mi fàilte air a bhuachaill, fear càirdeil, donn, òg agus rinn e furan rium. Fad iomadh ruigh mun cuairt cha robh taigh idir ann, agas bha mi glé thoilichte nuair a thug fear nam crodh, cuireadh dhomh biadh a ghabhail comhla ris. Ghabh mi gu buidheach ris a chuireadh, agus rinn sinn suidhe, mar gum bann gu greim-cubhaige, o nach robh againn ach aran is cáise. Ghabh sinn ar cuirm gu sona sùnndach, na h-uain atiolpadh air na criomagan. Bha na laoigh bheaga, cuideachd, adlùthadh oirnn, cuid dhiu aplathadh gu tlusail ruinn len tlàth-shùilean mor, cuid eile ri surds ri suigeart, na meanbh-chluigein acagliongailt gu h-aighearach. Bha sinn ann, direach mar righrean. Am buachaille gu h-airidh, agus esanna shuidhe air tolman bhoidheach bha e a reir mo bheachd-sana dhearbh-righ, agus ler cead, bi misacur air mo bharail, dreach is coltas na bardach, mar seo
Is righ gu cinntam buachaille,
Gach tòm mar chathair dhà,
S mar choron ghlormhor os a cheann
A ghriansan speir gach .”

Eadar le GALL-GHAIDHEAL.


Meirle-Sgriobhaidh.

Mu bhliadhna on am so, thainig duinestigh don taigh-sgoil anns robh mi-fein namcheannard, agus, do-brigh gum baithne dhomh e riomh, agus gun robh e air a chunntas na dhuine geur-chuiseach, bha mi fior thoilichte tachairt ris. An deigh dha roinn don chlionn a cheasnachadh ann a leubhadh sgriobhadh, sruinne-eolas agus eolas ceart-chainnt, dhfharraid e dhomh fein an cuala mi an toran a rinn e don Bhraighe, no mar a theiradh edo Ghleann Aoghnais Duibh.” Thuirt mi ris nach cuala gu-dearbh, agus gum bu shubhachas leam eisdeachd ris. “Well mu thaars ehsan, ’s e ga leagadh fhein air a bhlian air bord-sgriobhaidh fa m chomhair, agus an toiseach ag aireamh gach reusan a bhaig air cumha san am, a bharr air gach aillead naduir a bha foillsichte fa chomhair a shuilnuair a shuidh e airCreag Dhubhaillsa mhaduinn chiuin air an dthug An Ceolraidh buaidh air, ghabh e sios domh deich na dusan ceithreamh do bhardach a bha ro-eireachahdail na mbharail-sa; agus le cho fior mhath sa chord i rium dhfhoighneachd mi dheth am biodh en aghaidh dhomh a cur gu Mac Talla. Bha e ro-aontach na a aoilinh feìn gum bfhiadh e rum ann. Sann le mor thir-ghraìdh a chaidh feln gu saothair an CUMHA fhaighainn ann sa phaipear, ach gu mi-sheal bhar bha miseg obair don mheirlach. Re uine na dheigh so, chunnaic mi-fein a chuid bu mhodha den oran cheudna ann am paipear Albanach a thainig amach o chionn beagan bliadhnaichan agus faodaidh neach a thiugsean gu de salan a chuirinn-sa brochan Thearlaich an latha sin. Mun dfhuair mi sgriobhadh gu Mac Talla mu dheibhinn, thuair an thudar buaille sgaiteach on fhear dom baithne toirt seachad. Chunnaic luchd-leubhaidh Mhic-Talla briathran A. M. Lean Sinclair a bagairt air a leithid do dhanadas, Tha min dochas gu dthainig gach ni gu cluasan Thearlaich ged a tha iad fo mhoran fuilt mar as tric; agus faodaidh e bhi gle cinnteach mu shuidheas e gu brath tuille airCreag Dhubhailgum bi mise deaseil gu upag thoirt da leis a Sgriodan.
CALUM


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.

A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.

Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.

Call and Examine Stock.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.



[191]

[Vol . 3. No. 24. p. 7]

Toimhseachain.

Bha duine araidh air son faighinn thairis air loch; bha madadh-ruadh, giadh agus adag eorna aige ri thoirt thairis leis, —dhitheadh am madadh-ruadh an giadh agus ditheadh an giadh an t-eorna, ’s bhan tuigheam aisig cho beags nach burainn e ach aon diubh a thoirt leis comhladh. Cia mar a fhuair e tharis iad?

AISEAG NAN CEARDAN. —Bha aig seanar cheardan, truir fhear agus truir mhnathan, ri faighinn thairis air caolas le eathar beag, nach tugadh leatha ach dithis comhladh. Bha na fir agiadach ri cheile, agus chan fhaodadh aon de na mnathan dol thairis ach le fear fhein; ni mo a dhfhaodadh i bhi lathair air taobh seach taobh maille ris na fir eile, gun a fear fhein a bhi comhladh rithe. Dhfhaodadh na mnathan a dhol a null nonall le cheile, ach gun aon de na fir eile a bhi maille riutha. Cia mar a fhuair iad thairis?


Minard ’s Honey Balsam,Leigheas cinnteach.


Tha e air aithris gu robh brùidealachd uamhasach adol air adhart air gach taobhn uair a bha na h-Iapanich a thoirt a mach Port Arthur. ’N uair a chunnaic na Sineich nach robh dòigh acair an daingneach a ghleidheadh, rinn iad diol uamhasach air a chuid sin dhen naimhdean air an dfhuair iad greim; chuir iad gu bàs iad, agus thug iad an cuirp as a chéile nam mirein. An deigh don daingneach tuiteam ann an lamhan nan Iapanach, rinn iad an diol ceudna air na Sineich.


Leighisoadh mise o lòinidh leMinard ’s Liniment.
Halifax. ANDREW KING.

Leighiseadh mise o droch sgamhan leMinard ’s Liniment.
Sussex. COL. C. CREWE READ.

Leighiseadh mise o loinidh leMinard ’s Liniment.
Markham, Ont. C. S. Billiug.


Than clar-cuimhne a bha Gàidheil Ghlinn Garraidh a dol a chur suas anns an t-seann eaglais aig Kirk Hill mar chuimhneachan air an aithrichean a thàinig thar cuain ann an 1793 agus a shuidhich ann an Gleann Garraidh an ath shamhradh, a nise deiseil, agus bidh e air a chur suas Latha Nollaig.


Cherokee Vermifugeair son nam biastan.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[192]

[Vol . 3. No. 24. p. 8]

Oran an Uisge-Bheatha

LE RAONULL MAC IAIN MHIC EOGHAIN.

Nan eiridh anns a mhaduinn domh,
S mi dol a mach gum Sheirbheis,
Gun thachair oigfheur gasda rium,
S bu chath [ ? ]nach a sheanachas.
Bhon thaitinn fhearas chuideachd rium,
S ann cuide ris a dhfhalbh mi
Thug esan bharr an rathaid mi,
S dhfhag sin an gnothach cearbach.

Ged dhfhalbh mi air an turas ud,
Air murras bha mi smaointinn,
Gum bu mhath an tearnadh dhomh.
Nan tairinn a bhi saor bhuaith.
Thachair cuid dechairdean ris
Dam babhaist a bhin gaol air.
S cho fadsa mhaireadh fairdinndhaibh
Bhiodh pairt deth air a thaobh san.

N uairbha mi greis na chomunn,
Is a bha mi togairt falbh bhuaith
Bhon fhuair mi e cho caoimhneil,
Gun do fhoighneachd mi de bainm da.
Thuirt esan dean air tadhail
Is glaodh fhathast air an t-searbhant,
Is lion an soitheach solasach,
Am fear than stop mar ainm air.

Ghnoc mi màs a ghurraich
S chuir mi cuireadh air an t-searbhant’;
Smaointich mi, on dhfhuirich mi,
Gum paighinn bun a sheanachais
Dhfhaighneachd mi a shloinneadh deth
Ged cheileadh e de s ainm dha;
Is thuirt e rium le faoilt
Cha bhi aon diu ort an dearmad.

Ma tha thug iarraidh eolais orm
S gu bheil thu feorachd mainme,
Gu faigh thu fios mo shloinnidh
Ri bhi [ ? ] bhig am sheanachad.
S mi mac na poite duibhe
Bhios na suidhem bun a ghealbhain:
Sen t-eorna buidhes athair dhomh,
Sen atharnach mo sheanamhair.

Mase s gur [ ? ] urra sin,
Chaneil a [ ? ]ch [ ? ]rbach :
Chan fhaca mi fear ealaidh
Bheireadh barrachd ort, an Albainn,
Gu dearbh bu deagh fhear-gnothaich thu.
S bu chomharraicte air falbh thu;
Bu dannsair math le fidhil thu,
S nad shuidhe bu tun seanachaidh

Bu mhath air cheann gach feumthu
Bha thu treubhach, fearail, dalma.
Bu tric thu air na feilteachan,
Bhiodh speis diot aig luchd-bargain;
Cha bhiodh aiten suidheadh iad;
Nach guidheadh iad fear tainmann;
S tu bfhianuis air an cumhnantan,
S bhiodh trian den chuis ad earbsa.

Bu leoghann treubhach, sgairteil thu,
Cha robh thu lag no leanabail;
Mur biodh iad ga do bhaisteadh
Gum biodh cus dhe dbheairtean ainmeil,
Dhuisgeadh tu na cadaltaich
S gun lagadh tum fear amasguidh;
Is deanadh tum fear lapach
Chur an staid an fhir bu mheanmnaich’.

De nis is ni[ ? ] fuirich dhuit,
No bha [ ? ] bhunaidh dearbh dhuit?
No [ ? ] aig daoin’ -uaisle,
Mar a [ ? ] uair dho taimsir?
Is minig a bha fuaim acort
Ca[ ? ]ch cuachan airgid;
Bhiodh uisge teth is fuar aca
Ri [ ? ] do mhac-meanmna.

Chan fhuiling iad an drasta mi,
Tha [ ? ] anabarr
G an [ ? ] leis an statalachd;
Tha [ ? ] ro shearbh leo.
Cha leig iad bith [ ? ] lathair dìom
Bhon tha mi [ ? ] Albainn;
S fearr fion, [ ? ] ’s branndaidh leo
Tha tighnn a nall thar fairge.

Gur gnothach tha ro chruadalach
Ma chumas bhuainn do chomhradh;
Gum deid a chuis bho eireachdas
Ma cheilear air an stop thu.
Do ghlasadh ann an seileirean
Gun choire tha e neonach,
S gur h-iomadh fear a theireadh
Nach bu bheag air thu na sheomar.

Rugadh Raonull Domhnullach, Raonull mac Iain mhic Eoghain, ann Sgire Mhinginish san Eilein Sgitheanach, Bhe é na dhiune geur, deas chainnteach, Chaidh tri de na h-orain aiga chur am mach ann an Leabhar Dhomhnuill nan Oransa bhliadhna 1811, Marbhrann Fear Thalasgair, Oran an Uisge-bheatha, agus Oran an Acrais. Chaochail fear Thalasgairsa bhliadhna 1800. Bha Raonull beo aig an am sin. Feumaidh e a bhith gu bheil fios aig cuideigin cuin a rugadh e, cuin a dheug e, agus co dhiu a bha e pòsda no nach robh.
ALASDIR.


Aig àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba, air an t-samhradh sa tighinn, bidh an t-Urramach Domhnull Mac Leòid, à Glascho, air ainmeachadh gu bhi na cheann-suidhe. Is mac e don Urr. Tormoid Mac Leòid, ris an abradh iadCaraid nan Gàidheal.” Bha athair, bràthairathar, agus a bhràthairnan cinn-suidhe air ard-sheahadh na h-roimhe, Eaglais aguss esan mar sin an ceathramh neach as an aon teaghlach airn do chuir [ ? ] obair. Tha e tri fichead bliadhna sa ceithir a dhaois. Tha e na àrd sgoileir, agus na fhear sgrióbhaidh air nach toir moran bàrr. Bu dual dha sin o athair.


Bham buntàta glé fhad air ais ann an Eirinn air an fhoghar sa chaidh, agus chan eil teagamh nach bi bochduinn an an àiteachan air tàileabh sin. Chaidh dlùth air tri mile deug duine à Eirinn gu Sasuinn air an fhoghar, dhionnsuidh na buana.


DUAISEAN

dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra don MHAC-TALLA eadar so us BliadhnUr. Bheir sinn don neach a gheibh an àireamh as a cheud duais, an neach as fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach as fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas.

I. Caraid nan Gaidheal.
II. Sàr-obair nam Bàrd.
III. Foclair GàiligIc Ailpein.

Bidh iad againn ron bhliadhnuir, ’s bidh iad air an cur gan ionnsuidh-san a choisinn iad cho luathsa bhios fhios againn iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn don phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan as fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an sionmhòrachd.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Soithichean Creadha agus Glaine.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh

Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C, B
Feb.

titleIssue 24
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla III No. 24. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page