[193]

[Vol . 3. No. 25. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 22, 1894. No 25.


Oran Alasdair.

(LE DONNACHA BAN.)

LUINNEAG.
Alasdair nan stop
Ann an sràid achùil.
Sin an duine còir
Air am bheil mo rùn.

S coma leat an sile
Bannsa leat an stòp,
Cha n-e sin bu docha
Ach am bòtal mòr,

Théid thu don tigh-òsda,
S òlaidh tu gu fial;
Cha robh gainne stòrais
Air do phòca riamh.

Bha thu greis ataimsir
Ann an àrm an Rìgh,
Cumaidh sin riut airgead,
S fhearra dhuit e no ni.

Gheibheadh tu le dcheanal
Leannan anns gach tìr,
Geda bhiodh tu falamh
Cha bhiodh bean addhìth.

Tha thu math air fairge,
S tric thu marbhadh éisg,
Cas a shiubhal garbhlaich,
Théid thu shealg an fhéigh.

Gedthuirt Calum-breac
Nach robh thu tapaidh riamh,
a chreideadh sin
Ach duine bha gun chiall?

Nuair a théid mi Ghlascho
S taitneach leam bhig òl,
Ann an tigh mo charaid
Alasdair nan stòp.


AN T-OGANACH AGUS AM BAS.

Tha e air aithris gun dthainig am Bas aig am araidh a dh-ionnsaidh gille oig agus dhinnis e dha gun dthainig e ga iarraidh. “Chaneil sin coltach,” fhreagair an gillemise nach do bhlais ach gle bheagan de thoilinntinnean na beathathoir thu fein as gu ceann fhichead bliadhna co dhiu, gus am pos mi agus am meal mi tomhas de shasachadh an t-saoghail.” Dhfhag am Bas e air an am. Thainig e rithisd mu cheann na h uinechaidh ainmeachadh. “O, bhochdainn!” ars an duine og, “an dthainig thu cheana?” Fhreagair am Bas, “Nach do dheon, aich mi dhiut an dàil a dhiarr thu?” ‘Ach,” arsan duine, “nacheil thufaicinn leis an iomaguinns an dragh a thagam atogail mo theaghlaich nach dfhuair mi fhathast abheag dan toileachadh ris an robh suil agam, —bi falbh gu ceann fhichead bliadhna eile; bithidh an sin mo chlann air an togail agus comasach air son cothachadh air an son fhein.” Dhfhag am Bas e a rithisds cha do thill e gus an robh an duine mu thuaiream tri fichead bliadhna dhaois. “Chan fhaod ebhi nacheil thu nis air do lan shasuchadh leis an t-saoghal,” arsam Bas, “air chor agus gun tig thu leam a nis gun do shuil a bhin a dheigh.” “Fhuair mi gu cinnteach uine chuimseach ach bu mhomha mo charraid na mo thoileachadh. Thar leam, a nis nan deonaicheadh tu fathasd dhomh beagan bliadhnachan a chaithinn ann an siths an suaimhneas, gum falbhainn leat air bheag doilgheis; ach cuimhnich gun cuir thu tri comharan am ionnsaidh man tig thu, a thoirt sanais dhomh gu bheil thutighinn.” Mu thuaiream deich bliadhnana dheigh sin thachair am Bas air ann an riochd eile, air choirs nach daithnich e gur e bhann. Chuir e failt air an t-seann dhuine as thuirt e, “Tha mi toillichte dfhaicinn adol man cuairt cho calma.” “Mise calma!” arsan duine chaneil mo cheum ach goirid, turamanach; —nacheil thufaicinn gu bheil mi am feum bàta gam chumail o thuisle.” “Tha do chlaisteachd maith,” arsam Bas. “O, chan eil mo claisteachd ach fior dhona; is ro bheag a chluinneas mi de chomhradh ged a bhios mi gle dhluthlaimh.” “Tha do leirsinn gle mhath co dhiu,” arsam Bas. Gu dearbh chaneil; tha mi feum nan speuclair.” “So so,” thuirt am Bas, ’s e ag innseadh co e, “thig leam gun tuilieadh dàlach.” “Ach nach do gheall thu tri comharan a chur air toiseach ort?” “Agus nacheil thu fein ag aideachadh,” fhreagair am Bas, “gun dfhuair thu tricall do lùths, do chlaisteachd agus do leirsinn? Chuir thu uait, o am gu am, gach iomradh air abhas, acur romhad a bhi ullamh an ath uair a thiginn; ach tha mifaicinn nacheil buannachd ann a bhi cur seachad nas fhaide; feumaidh tu tighinn leam a nis, co dhiu tha thu deas no nacheil.”

Eadar. le J. W.


A Amhuinn Dhennis.

A Charaid:— ’S fhad on bha dùil agam sgriobag a chur dor n-ionnsuidh, ach bha cion naidheachdg am chumail air ais. Bha min dùil gun rachadh agam air gabhaltaichean ùra fhaotainn dor paipeir gasda; ach tha e cho duilich do chuid a dhaoine dealachadh ri sgillinn; ’s fhearr leotha bhi aineolach air staid Gáidheal air feadh an t-saoghail, na sent a chur a mach air son aGhàilig a chumail beò, ged is i an ites fhearr a thanam boineid.

Gheibh sibh dollar anns an litir so bho charaid air son bliadhneile den MHAC-TALLA. Tha an t-ainm aig bonn na litreach.

Air maduinn Di-màirt, an t-aona latha deug dhen mhios so, chaochail seana bhean chòir, bantrach Ghilleasbuig Cheanadaich, aig Caolas aBhoomsa choimhearsnachd so. Bha i ceithir fichead bliadhnasa ceithir deug a dhaois. Thàinig i áTir nam Beanno chionn còrr us tri fichead bliadhnasa sia.

Tha sinn acluinntinn gu bheil Iain Caimbeul a Ghlinne an deigh bean òg aphòsadhs na Stàitean. Tha sinn aguidhe saoghal fada agus soirbheachadh math dhaibh.

An còir seann luchd-eòlais dhol á beachd, ’s gun chuimhnorra bhi ann?” Cha chòir idir; agus uime sin ceadaichibh dhomh Nollaig Chridheil aghuidhe dhaibh uile troimhn MHAC-TALLA.

Leis gach deagh Dhùrachd
Dec, 18, 1894. X. Y. Z.



[194]

[Vol . 3. No. 25. p. 2]

LITIR O FHIONNLADH PIOBAIRE, MU OIDHCHE NA CALLUINN.

A THEACHDAIRE GHAOLAICH,

FAILTus furan ort, ’fhir mo ghràidh, rùn do chridhe air do chliathaich; nam biodh e mar a bu mhiann leam-sas ann agad a bhiodh an cridhe eutrom, agus an sporan trom. Tha misaon uair eile ann am thigh fhèin, agus da rìreadh is fhiach do dhuine dol on tigh air son an t-sòlais a tha ann am pilleadh dhachaidh. ’S ann an sin a bham furan; ach Màirin uair a fhuair i abhoineid chonnlaich, agus an cleòca sgàrlaid. Chunnaic mi nach robh feum seasamh a mach na bfhaide. Is duine pòsda thu fhéin; a Theachdaire, agus thafhios agad nacheil e iomchuidh cur uile gu lèir an aghaidh nam ban. Is prìseil sìth, agus bu choma leam riamh cànran teallaich mu fhaoineis.

N uair a dhealaich sinn air aGhalldachd gheall mi sgrìobhadhad ionnsuidh o àm gu h-àm, mu chuid de na cleachdaidhnean sin a bha cumantan ar dùthaich anns an àm a dhfhalbh. Ged nach miann leinn cuid diubh ath-ùrachadh, on a tha iad gu luath adol air -chuimhn’, chan eil e mi-iomchuidh an aithris leo-san a chunnaic iad, air son fiosrachadh na h-aitim a thign ar déigh.

S ann air deireannach amhìos so a bàbhuist doihh aChalluinn a chumail. Tha iad ag innseadh dhomhsa, (achs ann agad fhéin is fearr a thafhios,) gum bheil am focal so, Calluinn, aciallachadh fuaim, gleadhraich, no farum, ’s gur ann on othail a bhiodh air na Gàidheil air an oidhche sinn a fhuair in t-ainm. Bheir mi cunntas duit air an oidhche Challuinn mu dheireadh a chunnaic mi ann an teaghlach Ghlinne-deiseiridh, anns abhailud thall. Och! och! be sin tigh amhanrain, ’s na h-aoidheachd, ge fliuch fuar an nochd a làraichean briste.

Be mathair-sa pìobaire Ghlinne-deiseiridh, mar a bhaathair fhéin roimhe. Faodaidh miràdh gun drugadh sinnn ar pìobairean; cheneil mac a rugadh dhomh mun gann a théid e bhàrr na cìche, nach glac feadan cho nàdurras a thogas am meann ris achreig. Ach mar a bha midol a ràdhbe cleachdadh an teaghlaich so an tuath, ’s an gillean, gach oidagus muimagus co-dhalta a chruinneachadh air Oidhche Challuinn; agus marbu ghnàth, thàinig Eòghan Bàn Maor mun cuairt latha no dhà roin àm. “ ’Illean,” arsEòghan, “biodhur camain deas agaibh air son latha na bliadhnùire, aguss e iarrtas an teaghlaich gun cumamaid aChalluinn mar bu nòs. Baobhar sòlais an cuireadh so leis na daoine; agus cha dfhàgadh a mach air abhliadhna sin ach Calum dubh nan gabhar clann Eòghainn mhòir nan cluas. Cha bann gun aobhar a rinneadh so; ach on oidhche sinn bham binn a machs a dùthaich, agus béigin doibh iad fhéin a thoirt as.

Thog mathair air mu áirdan fheasgair, ’n a làn èideadh Gàidhealach, agus claidheamhchinn airgid air a chrios, a thug e fhéin a mach latha Chuil-fhodair. Ràinig sinn an tigh mòr, agus an saoil mi fhèin am bi mo chridhe am am feasd tuilleadh cho eutrom, shunndach? Choinnich maighdeanan an teaghlaich sinn le dos de ribeinean air son na pìoba. Thug mathair cuairt air an réidhlean, agus chruinnich na daoine. Thàinig àm na Calluinn. “ a ghiùlaineas an t-seichem bliadhna?” ’deir Eòghan Bàn Maor. “ ach Pàra mòa,” arsan dara h-aon. “ ach Iain bàn leathann,” arsan t-aon eile. “ ’Mach an t-seiche, ’Phàra mhòir.” arsam maor, “agus thus’, ’Iain bhàin, seas ra ghualainnan earalas nach tuislich e.” Cha robh an t-seiche fadag a toirt a nuas bhàrr nan sparran, leis gach sùidhus luath a luidh oirre, on a chaidh an tarbh buidhe leis achreig deireadh an fhogharaidh. Tharruing Pàra mòr, aguss ann da a baithne, an t-seiche mumhullach a chinn, agus cuairt den earball aige gu daingeannn a dhòrn. “Cothrom na Fèinne,” arsa Pàraig, ’s e gabhail a nunn gu dorus an tigh-mhóir, far an robh fear abhailen a sheasamh, lechamann a dhòrn. “AChalluinn so,” deir esan, ’s etoirt na ceud bhuille. Thug Para mòr as— ’s ma thug, ’s ann an sin a bhachomh-ruithn a dhéigh: a dhaindeoin a luais bha ceathairn aGhlinne ra shàil! Shaoileadh tu gun robh gach buailteans an dùthaich air aon lobhta, ’s a h-uile mac máthairs aChalluinnn am beul. “AChalluinn abhuilg bhuidhe bhoicinn, buailibh an craicionnaChalluinn so!” Trì uairean chuairtich iad deiseal na h-aitreibh. “Séid suas a Phìobaire,” arsam Maor, “ ’s an uair a chearrtaicheas achuideachd iad fhéin rachadh iad a steach do sheòmar amhàil.” Chluich mathairFàiltaPhrionnsa;” oir ged nach robh duines an rìoghachd a bu rìoghaile na Fear Ghlinne-deiseiridh don Teaghlach a bhair achathair, bha bàigh aige ris aphort so; agus is minic a chunnaic mi esileadh nan deur ri cluinntinn achiùil nuallanaich sin, a bhrosnaich na daoinon dtháinig e, gu fearalas air na blàraibh iomraideach anns an do chaill iad an nis an daoine.

Ghabh sinn a stigh don t-seòmar far an robh an teaghlach agus na h-uaislean cruinn. Bha e fhéin, ceann-uidhe na féille, aig ceann abhùird, agus abhaintighearna mhàlda, chaomh ra thaobh. Bhan òigridh rùnach (ach O! ’s beag dhiubhthan diugh a làthair) ’n an seasamh mun cuairt doibh. Bha Fear-a’ -Choire aig an dorus mun goideadh aon air bith a stigh gun Rann ua Calluinnaithris, agus Iain bàn nam buideal ra ghual, agus searragn a làimh. Cha robh neach aig nach robh Rann air an oidhche sin ach Iain mòr Gallda, agus gille óg moiteil, a bha bliadhna no dhàan Glascho, ’s a dhì-chuimhnich cleachdadh na dùthcha. Cho luaths a bhachuideachd a stigh chaidh an caisein-uchd a dhothadh, agus chuireadh mun cuairt e. —Chuir Iain bán nam buideal mun cuairt an deoch, agus bhan t-arans an càise air a chàrnadh suas air an ruideil mar bu nòs.

An déigh beagan seanachais thòisich na h-Orain. Thug e fhéin duinn Iorram, agus bann da a baithne. Ghabhadh iomadh Luinneag agus Duanag bhòidheach, maille ri órain iomraimh agus luathaidh. Thug am Brocair dhuinn Dàn aChoin ghlais, agus Aonghas nan Aoirean sgeulachd mun Fhéinn. ’An déigh nan òran thòisich an dannsadh, ’s cha biad na ceumanna mìne sìod, a thacan tràs’! Cha déirichs acheud dol a mach ach a h-aon a tháinig a stigh fo éideadh cailliche làidir tighe, leh-iuchraichean agliongarsaich air a crios, agus fire, faire! ’n a coslas. Sheinn na mnathan port à beul di— “Cailleach-an-Dùdain,” — ’sichuireadh na cuir dhi! ’N a dhéigh sin dhannsadh anDubh-luidheach,” agusDannsaChlaidheimh:” achs ann a bhan fhearas-chuideachd annn uair a thòisichDannsadh-nam-Boc,”



[195]

[Vol . 3. No. 25. p. 3]

Figh-an-Gùn,” agusCroit-an-droighinn.” Thàinig àm dealachaidhchuir na h-uaislean fàilte na Bliadhnùiroirnn le caoimhneas, agus dhfhalbh sinne. “ ’Illean,” arse fhéin, mar a bha sinn adol a mach, “bithibh tapaidh am màireach air an fhaiche, tha muinntir an Leathair amaoidheadh gum fairtlich iad oirnns achamanachd am bliadhna.”

Mar so chuir sinn seachd aChalluinn, agus ge sean mathair chan fhace tuasaid, agus cha chuale focal mi-thlachdmhor riamh air aleithid a chòmhdhail. ’S ann o na sguir na h-uaislean a choinneachadh nan daoine, agus o eòlas mar so a ghabhail orra, a thòisich amhisg ghràineil anns na tigheau dubha òsda, a thatarruing a dhionnsuidh gach mibheus. Bha muinntir gach oighreachd mar aon teaghlach, snaim aghràidh aceangal gach cridhe ra chéile, agus sùil chàrdeil an uachdarain thairis air an iomlan. Be sgeul abhròin dha-san nach fhaigheadh cuireadh a dhionnsuidh na Calluinn. Mar than caidreamh agus an dlùth eòlas so eadar uaislean agus ìslean adol à cleachhadh tha modh agus sìobhaltachd afàgail na tìre; agusan àitan fhleasgaich mhodhail, shuairce, aoidheil, dhàicheil, a bàbhaist duinnfhaicinn, ’am measg ceathairne na dùthcha, chan fhaic sinn ach an dubh-bhalach trom-cheannach, gun mhodh, gun suairceas, —Dhfhaodainn an so iomadh deadh chomhairle tharbhach a thoirt air na h-uaislean, ach cha leugh iad aGhàelic, agus cha ghabhadh iad suim de chomhairlaPhìobaire. Slàn leat, a Theachdaire Ghaolaich, ma chaomhnar mi gu na Bliadhnùire leigidh mi fios duit cia mar théid don chamanachd. Is mi air an àm,

Do charaid dìleas,
FIONNLADH MAC-AONGHAIS.


Chaidh stad a chur air train ann anTexas air an t-seachdain sa chaidh agus gach duine bhair bòrd a robaigeadh. ’S gann gu bheil seachdain dhen bhliadhnadol seachad gun so a thachairt. ’S olc an teisteas sin air lagh na dùthcha

Chunnaic mi mo sheann charaide Callum Bàn an diugh,” arsa Domhnullagus Os e tha tana, caol. Tha mise caols tha thusa caol, ach, air mfhacal, gu bheil esan nas caoile na ged bhitheamaid air ar cur cuideachd!”


MIANN NA BAN-EIREANNAICH.

Bha duine uasal àraid ann an Eireann, agus bha a bhean ro dhona airson an òil. Cha ro fiù a leine nach reiceadh i gu ceannach an uisge-bheatha Bha an duine air eigneachadh leatha, ’s cha romh fios aige ciod edheanadh e gu thoirt oirren t-òl a thréigsinn. Mu dheireadh, ’s ann a chaidh e gu lighichebhas àitedhiarraidh comhairle air son a galair.

Am bheil e nur comas sam bith a thoirt domh air son bean a bhios a gabhail na daoraich? arsan duine.

“ ’N e puinnsean a tha uaitarsan lighiche, “mas e, iarr gu fearail e, ’sna bideanamh éis?”

O chaneil miseg iarraidh puinnsean, ach rud-éigin a bheir oirre sgur den òl.”

Na m burrainn mise leigheas a thoirt air a ghalair sinarsan lighiche, “bha mfhortan deanta. Ach coma ce-dhiù, dian mar so anochd. Thoir leat galan uisge-bheatha agus leig leatha òl gus gum miannach leatha fhéin sgur; agus theid misen rathads amheadhon oidhche.”

Mar so bha. Thug an duine leis an t-uisge-beatha. Dhòl a bhean e; agus anns amheadhon oidhche, thàinig an lighiche. Dhfhalbh an dithis leis a bhean, agus shìn iad i fuar marbh leis amhisg ann an seilear iochdrach seann chaisteil a bhas anàbuidheachd. An deigh beagan cadail, dhùisg i, agus shìn i air feòrachd càite an romh i.

Tha thu ann an tìr ua bithbhuantachdarsan lighichebhag a fhalach fhéin air a cùl-thaobh.

Agus cfhada letha mis an tìr so? ’arsise.

Tha còrr is bliadhnaarsan lighiche.

“ ’S cinnteach gum bheil mi marbh ma tha mi cho fada sin annarsise.

Tha cho marbh ri clach.’

Agus am bheil thusa marbh mar an ceudna?’

Tha.’

Agus cfhada tha thus an dùthaich so?’ arsise.

Tha còig bliadhnaarsan lighiche.

Gun teagamh tha sinn uile marbh a réisd.’

Tha; gach neach againn.’

Air don lighichem freagairt so a thoirt di, rinn i suidhe agus air son seal beag lean i air smuaineachadh gu cùramach. Cha robh fhios aig an lighiche ciod e bha idol a chantuinn.

Mu dheireadh thuirt i— “Tha mi cinnteach gum bheil thusa gu math eòlachs an àite; am bheil fios agad cait am faigh mi uisge-beatha?’

Cha robh fhios aig an lighiche ciod edheanadh en uair a chunnaic e gu n do shir in dran ann an dùthaich nan spioradan; s thug e chasan as. —An Gaidheal.


Tha e air a ràdh gun tèid aig Banrigh Victoria air labhairt an chànain dheug, a h-aon deug de chànainean na Roinn-Eorpa, agus aon de chànainean na h-àirden Ear, Hindustanee. Chan eil ach ceithir no còig bliadhna bhon thòisich i air a chainnt sin ionnsachadh, agus théid aicen diugh air a labhairt gu fileanta pongail.

Bha Eirionnach agus Albannach uair a gabhail an rathaid cuideachd ann an carbad, agus ghabh an t-each eagals theich e. Chuir so eagal mor air an Eirionnach, agus dheigh e, “Bfhearr leam na crùn gu robh mi as an uidheam so!” “Dean air do shochair,” arsan t-Albannach; “bidh tu as luath gu leòr, ’s cha chosg e crùn no sgillinn dhuit.” Agus mar a thubhairt bfhior.

Bha saor Eirionnach uair ag obair air tigh a thogail, agus lion e eadar an da bhalla le min saibh air son nach cluinnte fuaim sam bith triomhe. ’N uair a bhan obair ullamh, chaidh e fhéins fear an tighe chur deuchainn air. Chaidh fear a machs sheas e dlùth ris a bhalla, ’s sheas am fear eile mu choinneamh air an taobh a stigh. “An cluinn thu mi?” arsa fear an taighe. “O cha cluinn guth!” arsan t-Eirionnach.

Air son nam biastan—Cherokee Vermifuge

Ma dhèisdeas tu ris gach sgeul a chluinneas tu, èisdidh tu iomadh uair ris na breugan. Ma dhéisdeas tu ris na breugan, thig thu air acheann mu dheireadh gu bhithgabhail tlachd dhiubh. Agus aon uairs gun gabh thu tlachd de na breugan tòischldh tu an toiseach ri an aithris, agusna dhéigh sin, rin deanamh. Thoir an aire, ma ta, nach creid thu gach sgeul a chluinneas tu, air eagal gun creid thu na breugan.

Minard ’s Honey Balsam,Leigheas cinnteach.

Flur math air $3 .50 a dhairgiod. Theid sinn an urras gun dean e aran math Jost Bros.



[196]

[Vol . 3. No. 25. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney Cape Breton.


SIDNI, DESEMBER 22, 1894.

Tha duinethug sgriob air feadh na Gàidhealtachd air an t-samhradh sochaidh ag innse gu bheil cor nan croitearan adol nas fhearr na h-uile bliadhna. Tha na seann taighean a sior dhol nas gainne agus tha taighean ùra, cloiche, air an deagh thogail, agabhail an àite, Fhadsa phaigheas croitear an lathan diugh am màl, chan urrainn Diùc no bàillidh a chur as an fhearran. Cha bann mar sin a bha leth-cheud bliadhna roimhe so. Than Diùc Sutharlanach a creic fearainn ris an tuath air pris glé reusanta, agus ann an iomadh àite tha na Gàidheil a faotainn seilbh air an fhearann asn do chuireadh an aithrichean air son àite dheanamh do na caoraich. Bidh so na sgeul mhath le Gàidheil na dùthcha so.

Tha sinn o sheachdain gu seachdain a feuchainn ris a phaipear a dheanamh cho feumail dor luchd-leughaidh sas urrainn duinn. Tha sinn an dòchas gun do shoirbhich leinn anns an oidhirp sin an tomas co-dhiu. Tha sinn duilich nach eil barrachd de na Gàidheil a gabhail a MHAC TALLA, ach ma bhios iadsan a thaga ghabhail cho dileassa bu dual dhaibh on sinnsir cha chùram dha. Tha sùil againn ri bhicur eòlais eadar so us BliadhnUr air àireamh mhor nach baithne dhuinn gu robhn leithidean ann roimhe so. Chan eil am MAC TALLA ach dolairsa bliadhna; cha burrainn do neach fiach dolair a bfhearr na e fhaighinn air son na bliadhna tha tighinn.

Se Di-màirt sa tighina latha Nollaig. Tha MAC-TALLAan dòchas gum bi a luchd-leughaidh uile ann am fonn math air son am latha chumail gu cridheil, sunndach.

Tha na h-Iapanich a sior ruagadh nan Sineach. Chan fhiorsrach sin gun do choisinn na Sineich aon bhlàr fhathast. Tha na h-Iapanich a coimhead riaghailtean cogaidh gle mhath, agus tha iad an deigh ioghnadh a chur air sluagh an t-saoghail air fada.

Tha corp Shir Iain Thompsoin ri bhi air a thoirt a nall thar a chuain air bòrd soithich-cogaidh Breatunnach, am Blenheim. Tha so air a dheanamh air iarrtus na Ban-righ. Tha e ri bhi air adhlacadh le mòr ghreadhnachas ann aHalifax. Dh fhàg Sir Iain bantrach agus coignear chloinne, dithis ghiliean agus triùir nighean. Tha dhe na h-igheanan car tinn o h-òige. Than dithis ghillean ag ionnsachadh lagha ann an Toronto.

An deigh bàs Shir Iain Thompsoin, ghairm an t-Ard-riaghladair Mr. Mac Coinnich Bowell gu bhi na Phriomh Mhinisteir air Canada. Tha Mr Bowell a nisen deigh an ard-oifig sin a ghabhail, agus an deigh a luchd-comhairle thaghadh. Than luchd-comhairle bha aig Sir Iain aig air an taghadh uile, agus tha triùir ùra air an gabhail a stigh còmhla riutha, Mr. Dickey, Dr Montague, agus an t-Onarach Domhnul Mac Fhearghais.

Tha coig ceud ceithir fichead us seachd canain air an cleachadh anns an Roinn-Eorpa. Anns an t-saoghal air fad, tha machsa stigh mu dha mhile cànain.

Oidhche Luain sa chaidh, fhuaireadh poit-dhubh aig obair ann an teis-meadhon baile Chuibeic, ’s cha robh fhios aig duine beò roimhe sin gu robh a leithid ann ach mhàin aig an fhear leism bu leis i. Be n dòigh air an dfhuaireadh a mach i, gun do spraidh i, ’s ghabh an tigh anns an robh i teine. Thug so an sluagh mun cuairt agus fhuair iad an sin fios air an obair a bhadol air adhart. Bhuineadh i do dhfhear Redmond, aon de dhard-mhaoir a bhaile! Bha e fèin us naoinear eile air an goirteachadh gu dona. Rinn maoir a bhaile greim air na bha làthair dhen phoit agus dhen stuth a bhatar a deanamh leatha.


FLUR
$3 .50 am barailte,
Air son airgid. Theid sinn an urras gun dean e deagh aran.

BROGAN BHAN
$1 .00 am paidhir.
Tha iad laidir agus air an deagh dheanamh.

STOC MOR DE BHATHAR UR.
aig
JOST BROS.
Sidni, C. B., Nov. 9, ’94


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI. C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[197]

[Vol . 3. No. 25. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Bha coinneamh aig Cléir Shidni ann an Sidni Tuath Di-Ciaduinn.

Tha Eaglais ùr Chléireach air a cur suas ann am Bridgeport agus bidh i air a fosgladh am màireach.

Than trosg gu math pailt mu chladaichean St. Anns an dràsda. Tha so math ma leigeas an t-side leis na h-iasgairean a dholgan glacadh.

Bha Cùirt na Siorramachd na suidhesa bhaile air an t-seachdainsa chaidh, agus gu meadhoin na seachdain so, Cha robh air a beulaobh ach càsan beaga.

Tha e air aithirs gu bheil Diùc York acur roimhe cuairt a chur air Canada air an t-samhradh a tha tighinn. An deigh dha an dùthaich so fhaicinn gu math, théid e gu Astralia.

Chaidh soitheach, seòlaidh a St. Pierre a ghlacadh eadar Sidni Tuath us Cow Bay air an t-seachdain sa chaidh, agus luchd de stuth làidir aice air bòrd. Chaidh an stuth a thoirt dhith, agus air don chaiptean càin a phàigheadh fhuair e fhéins an soitheach ma sgaoil.

Cuimhnicheadh ar luchd-leughaidh gu bheil feum mòr againn air airgiod mun àm son bhliadhna. Tha againn ri ioma ullachadh a dheanamh air son agheamhraidh nach gabh deanamh ma chumas ar càirdean uainn ar cuid fhèin. Thoireadh gach aon nach do phàigh cluas dha so, agus deanadh iad an dleasnas gun dàil.

Chaidh soithach-iasgaich dom bainmMaggie E. McKenziea chall aig St. Pierre air an treas latha dhen mhios so. Bhan tigh-soluis a bhaig an àite air a losgadh an latha sin agus cha robh dòigh ann air rabhadh a thoirt do shoithichean. Chaidh an criù a thogail le soitheach-smùid a thàinig an rathad, agus cha do chailleadh duine. Bhuineadh a chuid bu mhò dhe na seòladairean do Cheap Breatuinn.

Bha bailOttawa, ’sa mhaduinn Di-màirt, fad cheithir uairean gun bhoinne uisge ri fhaotainn ann. Chaidh rud-eigin cearr mun obair-uisge, ’s cha tigeadh deur troimh na pioban. Bha moran a mhuinntir a bhaile a siubhal o thigh gu tigh feuch am faigheadh iad uisge air son biadh na maidne dheasachadh; agus bha feadhainn eile ag obair fad nan ceithir uairean ag aiteamh nam pioban an dùil gum bannn air reothadh a bha iad.

Tha muinntir Newfoundland ann an droch staid aig an ám so. Bhrist da bhanc ann an St. Johns air an t-seachdain sa chaidh, agus àireamh de na taighean-caannachd bu mhò bhanns an dùthaich. Tha airgiod nam bancaichean sin a nise gun luach sam bith, agus tha còrr us muillean dollar dheth air feadh na dùthcha. Tha luchd-riaghlaidh na dùthcha abruidhinn air pris a chur air gach dollar paipeir a tha mach air chors nach bi an call cho trom air na daoine bochda aig a bheil iad. Tha iad adeanamh mach gun téid aig fear de na bancaichean air slànachadh.

Ged a bàrd inbhe Shir Iaìn Thompsoin, cha robh aige ach glé bheag dhen t-saoghal air cùl a làimhe. Thatar an dràsda cruinneachadh airgid air son a bhantrachsa theaghlach a chumail suas. Chuir Sir Domhnull A. Smith leis fein coig mile dollar ( $5 ,000) anns au ionmhas air an son.

Tha pris nan each air tuiteam glé iosal anns na Stàtean. Bha duinuasal ann an de na stàitein an Iar o chionn ghoirid a chuir as do dhs each eireachdail a bhaige, a chionn nach robh feum aig orra gu toiseach an t-samhraidh, agus gum biodh e moran na bu shaoire dha an leithidean eile cheannach an uair sin na an toirt troimhn gheamhradh. ’s ann air na h-eich a thàinig an latha. Bha pris mhòr orra deich no dusan bliadhnair ais, ach tha i a sior thuiteam. Anns an ám bha na h-eich ri ioma obair a tha innealan smùide us éile adeanamh an diugh.


Iadsan a Phaigh

Aonghas Màrtuinn, Grand View, E. P. I.
Uisdean MacIllealain, Narrows Creek
Gilleasbuig Currìe, Dundas ,
An t-Urr. I. C. Mac Ille-mhaoil, Cardigan ,


Chaidh seana-bhean dam bainm Sine Nic Latchy a losgadh gu bàsan tigh peathar faisg air HillsboroN. B., maduinn Di-màirt. Chaidh a pinthar a mach air ceann gnothuich agusn uair a thill i bha isesa h-aodach air a losgadh dhithsi marbh Bha i beagan as a rian o chionn treis ùine, agus tha e coltach gun robh i car a cleasachd leis an teine.

Bha teine mor ann am meinn Springhillsa mhaduinn Di-ciaduinn. Thoisich e ann an tigh na h-olla, agus sgap e gu luath. Bha na h-uile sion faisg air laimh làn olla, agus cha robh dóigh air stad a chur air an teine gus an dràinig e àiteachan air nach faigheadh e greim cho math. Than call air a mheas aig $75 ,000. Chan fhiosreach sinn gun drinneadh leònadh air duine.

Bha dithis mhac aig duine àraidh; agus bàbhaist don dara fear a bhig éiridh gu mochn uair a bha am fear eile na chodal. Air àm éigin fhuair fear na moch-éiridh sporan airgid air an rathad. Arsathair agus e dol leis an sporan thun an fhir a bhas an leabaidhnam bitheadh thusa air éiridh cho moch ri do bhràthair dh-fhaodadh thu fhéin an sporan fhaighinn,’ “ ’S math dh-fhaoidhte gu m faodadh,’ arsesanach na m bitheadh an duine bochd a chaill e na chadal cho anmoch riumsa, cha chailleadh e sporan.”

Chaidh soitheach dom bainm Don Juan a bhristeadh air cladach Denmark beagan roimhn ám son uiridh agus bha àireamh dhe na bhair bord air an call. Dissathairne sa chaidh fhuaireadh corp a chaiptein air an tràigh, ’sa choltas air gu robh en tiodhlacadh fad na bliadhna anns aghainmhich. Fhuaireadhna phòcaidean airgiod agus paipearan a bfhiach naoi fichead mile dolair ( $180 ,000). Bhan corp cho slán sa bhan latha bhristeadh an soitheach.


Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires air son gach àm eile dhen bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal

Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich


An S. S. Arcadia.
THAN ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Anns, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Dior-daoin.
P . KERR,
Maighstir



[198]

[Vol . 3. No. 25. p. 6]

Lachuinn agus a Mhuc.

Bha sid ann uair duine dom bainm Lachuinn, agus bha e pòsda ri beann chòir dom bainm Màiri. Bha iad agleidheadh fearainn, agus am measg an stuic a bhaca bha treud beag mhuc. Aon bhliadhna thàinig galair mosach air de na mucan, agus ghabh Lachuinn an t-eagal mur gabhadh e aicena àm gum biodh càch uile air an aon ruith rithe. Bha e treis mhath a feuchainn ri dòigh leighis fhaighinn, achn uair dhfhairtlich sin air, ’s ann a thuirt e ri bhean, “A Mhàiri, ’eudail, chan eil mi smaoineachadh gu bheil dòigh ann as fhoarr dhuinn na Kerosene a chur oirre agus sradag theine chur rithe; cuiridh sin as do na creutairean leibideach a thacur as dhi, agus ma ghabhas i gu math luath, cha dean e coire sam bith dhi.” ’Se so a rinn iad. Chaidh gach ni a chur an órdugh, agus chaidh Lachuinn a dhobair. Fhuair e air adhart glé mhath, ’s cha robh reusan gearain air ni gus an deach an teinelasadh. An sin thòisich a mhuc air gearanna dòigh cheòlmhor féins air cur nan car dhi air feadh nan cnoc. Cha robh choltas air an teine gu rachadh e as a dhaithghearr, agus thug Lachuinnsa chuideachdMàiri a measg chàich, a mach as a deigh, feuch am bnrrainn daibh an teine mhùchadh. Anns an ruith a bhaca thainig a mhuc faisg air Màiri, agus ghabh a h-aodach teine. Bha Lachuinn an sin eadar an teinesa ghriosach, —Màiri adol na toine, ’sa mhuc adolna teine. Thug e làmh aìr Màiri a chur as, ach sùil gun tug e thar a ghuaille, ’s bha mhuc a deanamh direach air dorus an t-sabhail. “A Mhàiri, a ghràidh,” ars esan, “bidh mig ad fhàgail-sa an làmhan an Fhreasdail, ’s théid mi thilleadh na muice. Ma gheobh a bhèist a stigh dhan t-sabhal cuiridh ina smàl e.” Dhfhalbh e na ruiths na dheannaibh, ’s fhuair e mhuc a thilleadh mun drinn i cron sam bith, agus fhuair e fhéins na coins na gillean a saodach gu boglaich, anns an deach i an sàs, agas an sin chuir iad as na lasaichean a bhaga cuartachadh. Cha robh air fhàgail oirre dhen fhionntaich ach na bha mun amhuichs mun shlinnein; dhfhàg sin i car coltachna dreach ri leòghann, agus benLeòghannan t-ainm a bhaig nàbuidhean Lachuinn oirre gu la a bàis. Cha dean math dhomh sgur gun innse mar a chaidh do Mhàiri. Cha do dhéirich dad dhi: chuidich am Freasdal leatha mar a ghuidh Lachuinn, agus fhuair i cuibhteas an teine gun a bhi uireads air a dáthadh.

TORMOID MOR.


Ann am Beloochistan, dùthaich a thanns na h-Innsean an Ear agus a bhuineas a nise do Bhreatuinn, nuair a bheirear lighiche gu duine tinn, agus a bheir e deoch-leighis dha ri òl, tha aige fhèin ri deoch dhen t-seòrsa cheudnaghabhail. Mases gum bàsaich an duine tinnnuair tha e fochùram, tha còir laghail aig dislein an duine air a chur gu bàs, ach air uairibh bidh còrdadh air a dheanamh eatorra nach cuirear gu bàs e idir. Ach ma bhithear adol a chur as dha feumaidh e gabhail ris coltach ri duine. Shaolamaid nach biodh na dotairean glé phailtsan dùthaich sin.


Leighiseadh mise o lòinidh leMinard ’s Liniment.
Halifax. ANDREW KING.

Leighiseadh mise o droch sgamhad leMinard ’s Liniment.
Sussex. COL. C. CREWE READ.

Leighiseadh mise o loinidh leMinard ’s Liniment.
Markham, Ont. C. S. Billiug.


Bha réisimeid ann an aon de dh-Innsean na h-àirde n iar; bha moran do na daoine bàsachadh, agus cha mhòr gum b fhèarr na h-oifigich. An déigh do n iarmad tighin dhachaidh, bha duin’ -uasal a choinnich aon do na saighdearan, a feòrach ciod bu choireach ris na daoine bhisiubhal co lionmhor. “ ‘Se bhig òl a rum ùr a bhagam marbhadh,” arsan saighdear. “Creididh mi sin mu na daoine, ars an duin uasalach chan urrainn e bhith gun robh na h-oifigich ag òl àn rum ùr! “Cha robh idir, ler cead, arsan saigheear; “sen seann rum a chuir as do na h-oifigich.’


Chaidh dithis ghillean aois choig bliadhna deug, an losgadh gu bàs aig Denbigh, ’an Ontario, feasgar Di-màirt. Bha iad air am fàgail leotha fhéin ann an tigh coimhearsnaich, agus air dòigh-eigin air nach eil fios, chaidh an tighna theine agus bha iadsan air sn losgadhna bhroinn.


Minard ’s Family Pills,glan, fallain.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.

A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.

Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.

Call and Examine Stock.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.



[199]

[Vol . 3. No. 25. p. 7]

An Gille Dubh cha Treig Mi.

SEISD:—
An gille dubh cha tréig mi,
S le fear a chruidh cha téid mi,
An gille dubh cha tréig mi,
Bhon thug mi fhèin mo ghealladh dha.

Tha mo chàirdean deonach,
S iad toileach misephòsadh,
Ri fear airson a stòrais
Nach gòrach libhn am barail iad!

Is e mo ghaol an t-uasal
A dhimich thar nan cuantan;
Bu shealgair choileach-ruadh e.
Man gluaiseadh iads a chamhanich.

N uair dhìreadh tu na stùcan
Le dghunna caol nach diùltadh,
Bhiodh coilich dhuth na dùrdail
Gan toirt o chùl nan toman leat.

Nuair thèid thu thun na féille
Don chlachan ri gréine,
Chan fhaicear measg nan céudan
Fear éugais a ghille dhuibh!

Gur e mo ghaol an t-òigear
Aigbheil aphearsa bhòidheach
Troidh chuimir am broig chòmhnaird
Nach toir air feoirnean carachadh.

Gur e mo ghaol an t-òigear
Aigbheil amheall-shuil bhòidheach
Gun aithnichinn do cheum còmhnard
A mach air lòn a bhaile so.

Gur e mo run an t-àrmunn
A chaidh a nunn thar sàile;
Nam faighinn cead do chàirdean,
Gun dàil gun deanainn banais dhut.

Cha bioghnadh mi bhin tòir ort,
S do ghruaidhean mar na ròsan;
Do chneas mar chanach lòintean,
S mar iten eòin do mhalaidhean.

S ann an raoir a rinn mi bruadar
Am chadal air a chluasag
Samhaduinnnuair a ghluais mi,
Gum bfhada bhuam an gille dubh.

Gur mise thair mo lionadh,
Bhi cuimhneachair do bhriathran;
Gum bfhearr nach fhacas riamh thu,
Ma thug thum bliadhnan car asam.

Ma rinn thu misethéigsinn
Le comhairle luchd-bréige
Chan fhiosrach mi fon ghréin,
Ciod em féum a thanns an leannanachd.

Ma rinn thu misethréigsinn
Le comhairle luchd-bréige,
Mo mhile beannachd fhéin leat
Bhonse gum bfhéudar dealachadh.


Minard ’s Honey Balsamaon uairs na h-uile h-uair.

Tha D. J. Domhnullach a creic moran de dhaodaichean deante, do fhirs do mhnathan agus tha e deònach an sealltuinn aìg am sam bith.

Cherokee Vermifugeair son nam biastan.


Taghail aig Stor
MATHESON & TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[200]

[Vol . 3. No. 25. p. 8]

AM BRUADAR INNSEANACH.

AIR FONN.— “Air feasgar luain is mi air chuairt.”

Air dhomhsa tuiteam trom an suain
Gun bhruadair mi mu Thir an Fhraoich,
Ge fada bhuam thu air achuain,
An cearnaibh tuath bha tir nan laoch;
S gum facas leamnam aisling bàrd,
Ro aosd air fàs le ciabhaig liath,
S air leam gun thog e ghuth gu h-àrd,
Ri gul gun tàmhs ri caoidh nan triath.

Na aonar leig ethrom air bat,
S gu cianail chrom e sios e fein,
Ri gabhail soraidh leis gach àit
A bàillidh leis na àit fodhn ghrein;
Gun cuimhnich e na laithean cian
A thriall a null, ’s nach till a chaoidh,
S gun cuala mi am bárd fodh phian
Mar so ri deanamh bròn no caodh:—

(CAOIDH ABHAIRD.)

O, thir mo graidh, ’Thir ard nam Beann,
S tun tir a bannsa leam bho thùs,
S an tric a thriall mi cnoc co gleann,
Mas dfhàs mo cheum cho mall gun lus;
Se lion mo chridhe lan de bhron
Bhi faicinn fearainn coir mo ghaoil,
Na fasach lom le feidhs le eoin,
S an sluagh nam fògraich bhochd fodh sgaoil.

Than sliachd nach striochdadh riamh do namh
A nis air falbh do chearnaibh cein,
S tha cearcan-fraoich an aite-tamh
Nan Albannach bha calma treun;
Na glinn bu coghainn leam thar càch
Gu tur dol fàs fodh choill gun bhrigh,
S och, och, nach fhaigh ni chaoidh gu bráth
An dream a dhfhag fodh leon mo chridh’.

Cha barmailt bhorb a nall tharsail
Thug buaidh am blar no shàruich sinn,
Oir riamh cha dfhuaireadh siol no àl
Bu chalmair blar bho lian gu linn;
Cha be: —ach sionnaich miosach breun
A bhrath aGhaidhealtachd do Ghoill,
Sa mhialls a mheall na Gaidheil threun,
Le laghan eucorach luchd-foill.

Be uachdarain gun iochd gun truas
A sgap an sluagh bho chuairt nam beann,
S na slaighteireanbha lan de chruas
G am fuadach as gach cluainus gleann;
Mar Indas lubach lan de cheilg,
Gun ghlac iad coir air roinnus raoin,
Gan reic le foill do lamh luchd-seilg,
Chum faighinn seilbh air moran maoin.

Mor mhallachd bhuan gu robh ri tamh
Bho cheann gu sàil nam meirleach breun,
G an leantuinn dluth gach taobhus lamh
S an dàn dhoibh tamh no triall fodhn ghrein;
Mar bhuin iad fos ri bochdan truagh,
S ri dilleachdain gun truas, gun bháigh
Mar sin gun tuiteadh sios an snuadh,
S an cridhe cruaidh le bron no craidh.

Air leam gun cluinn mighaoth ri seinn
Gu cianail binn tre ghlinn mo chridh;
S gach sruth gun tamh ri caoidh na sonn
A dhfhalbh thar tuinn, ’s nach till a chaoidh;
Than uiseag bheag don ciùine ceol,
S an smeorach bhochd, gu tursach fann,
Ri guls acaoidh na sonn a sheol
S nach till rim beo gu Tir nam Beann.

Am aonar tha mi caoidh do ghnath
An dream a babhuist comhnuidh leam
Achs fada bhuamsa dh-fhalbh gu brath
An dream nach fagadh minntinn trom;
S mar sìn chaneil cion fath fon ghrein
Ni manam eibhinn bho so suas
Gun dthig am bas am ionnsuidh fein
Loshaighdean guineach geur gun truas

Chan ioghnadh ged tha minntinn trom
S nach tog mi fonn air oran binn
S mi nis air fas cho lags cho lom
S gur coma leamsa ceol a sheinn;
Oir thriall mo roghainn as an tir,
S nan ait tha ciobaireanus eoin,
S cha baill leam féin a riamh gu fior
Bhi striochdadh sios do shiol na foill.

Gur cianail tha mi ghnath leam féin
Mar chailleach-oidhchair call h-àl,
Mar Oisein bochd an deigh na Feinn,
Tha mise caoidh na dhfhalbh air sail;
Oir dh-fhagadh minam aonar truagh,
Mar long air cuan gun chrann, gun seol,
Le cridhe brist air call mo shnueadh,
Nach eirich suas le duan no ceol.

Cha chluinn mi tuilleadh cainnnt nam beann
Achainnt a bannsa leam fodhn ghrein,
S chan fhaic mi chaoidh air raon no gleann,
Na h-oighean grinn ri seinn gu seimh;
S ma chluinn mi pìob lo torman ard,
Bho bhalgairean aig siol luchd-dreuchd,
S ann thuteas inntinn throm abhaird,
S a chridhe sgaintle cràidhus creuchd.

Ach beannachd leis gach cnoc no sliabh,
S gach sruththa triall tre ghlinn mo ghaoil.
Tha manail fàs gu fannnam chliabh,
Mo shuilean blians mo cheann cho maol,
Tha manam tùrsach trom fodh chàs,
Gu fann afas le brónus caoidh,
S mar sin aig uairus ám mo bhàis,
Oh, thir mo ghraidh, slan leat a chaoidh!

An sin, gun thuit am bard fodh sgios,
S air leam air ball gun chaill en deo,
Snuair bhásaich esan, dhfhailnich sios,
An Gaidheal deireannach bha beo;
Gun chrom an giuthas sios a ceann,
S mu thimchioll chruinnich ainglean neamh.
S gun thiodhlaic iad en Tir nam Beann,
Chum codal trom gu suthainn seimh.

Gun chlisg mo chridhe, ’s dhuisg mi suas
Bhon aisling suain a bhruadar mi,
S air ainm mo Dhetha lan de thruas,
Gun dthug mi luaidh le run mo chridh;
Toirt taing do Righ na cruinne
Gu bheil na Gaidheil fathast beo,
S an dochas feadh gach linns gach re,
Gun dtheid E-fein mar thearmunn leo!


Rinneadh an t-oran so le fior-GhaidhealMhr I. MacGriogair a tha na Ard-Oifigeach san Arm anns na h-Innseachan. Leugh mi e o chionn ghoirid ann am paipeir Gàidhealach agus smuainich mi gun taitneadh e ri leughadairean MHIC TALLA.

CABAR FEIDH.
Lunnainn, 28, 11, ’94.


DUAISEAN

dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra don MHAC-TALLA eadar so us BliadhnUr. Bheir sinn don neach a gheibh an àireamh as a cheud duais, an neach as fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach as fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas.

I. Caraid nan Gaidheal.
II. Sàr-obair nam Bàrd.
III. Foclair GàiligIc Ailpein.

Bidh iad againn ron bhliadhnuir, ’s bidh iad air an cur gan ionnsuidh-san a choisinn iad cho luathsa bhios fhios againn iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn don phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan as fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an sionmhòrachd.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Soithichean Creadha agus Glaine.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh

Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Feb.

titleIssue 25
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla III No. 25. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page