[201]

[Vol . 3. No. 26. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 29, 1894. No 26.


Guth bho Abhuinn Mhargaree.

Chaidh an Nollaig seachad ga sitheil, samhach. Bha seirbhiss an eaglais pharaist againn aig coig uaireans a mhaduinn. Chaidh matan Nollaig seachad gu samhach, agus, taing do Dhias ann mar sin a babhaist di dhol seachadan so. Cha robh duinair mhisgn ar measg. Ach gun teagamh chaneil mig radh sin mu mhuinntir na h-aibhne leis an aon inntinns an dthuirt maite an t-soithich man chaiptin e. Bha caiptin ann roimhe so dam bfheudar latha de na laithean an leabhar air falbh an t-soithich a chumaila chionn nach robh am maite air chomas a dheanamh. An uair a bha cunntas an latha deante, sgriobh an Caiptin aig iochdar na duilleige, “bhan maite air an daoirich an duigh fad an latha.” Rinn am maite gearann uair a chunnaic e so, achs e thuirt an caiptin ris, an urrainn thu dhol as aicheadh nach robh thu air an daoirich? Ach, coma co dhiu, la-r na mhaireach bham maite cumail nan leabhraichean. Agus an uair a bha obair an latha deas, sgriobh e aig bonn na duilleige, “bhan caiptin sobaren diugh fad an latha.” Fhuair an caiptain gun teagamh coire dha airson so, achs e thuirt am maite ris, na sgriobh mi facal ach an fhirinn? Ach than fhirinn fhéin searbh air uairibh. Ach gu tilleadh ris an Nollaig, bha muinntir na h-aibhne sobare fad na h-oidhche, aguss ann mar sin a babhaist daibh a bhi cuideachd; —mo bheannachd aca.

Tha dochas aig daoine gun toir Tearlach (mor) am falt deth fhéin man teid e tuilleadh do thigh sgoile a Bhraighe aghabhail oran, —taobh a stigh nan uairean.

Bliadhna mhath ur diubh fheins dur luchd-leubhaidh uile.

GILLEASBUIG NA GILE.
La-Nollaig, 1894.


DONNACHADA BAN AGUS AN GLAS-GHIULLAN. —Tha e air aithris gun robh Donnachadh Ban air latha araidh agabhail a thuruis triomh mhonadh, is edol a dhamharc air aon dechairdibh, agus gun do thachair gille og risnuair a bhan comhradh a leanas eatorra:—

D. BAN. —Ciod i naigheachd aghlais-ghuillain an diugh?

G.—
S glas an claidheamh as an truaill,
S glas an tuadhs an teid achas;
Nam biodh am faobhar gasda cruaidh,
Cha bu mhisda snuadhbhith glas.
A Dunnachaidh Bhainic an t-saoir,
S tu oigear gun aoidh gun tlachd;
Cha tugainn fhein air do bhardachd
Na lionadh cutag thombac!

Ghabh Donnachadh Ban a leithid a dhioghnadh den fhreagradh a fhuair es nach robh smid sios no suas aige. Ghabh e ceum air aghart. Ach smuainnich e gum bu bhochd dha fhein a bhith air a thilgeadh fo na cosaibh le aon bheadagan balaich a chunnaic e riamh, agus phill e air achois-cheum cheudna feuch am faiceadh se e. Cha robh forais air aghille. Mur do shluig an talamh e na mur do thog an t-athar e cha robh e rifhaicinn!


SGUABADH LE FHIACAIL. —Bha dithis dhaoinòga o chionn ghoirid a comhradh mu na h-eich, mar is tric len seòrsa bhith. Arsa Murchadh ri Callum, “Co an t-each-réis as fhearr a than taobh agaibh am bliadhna?” ‘O, co,’ arsa Callum, ‘ach am fear as àbhaist. Chan eil gin ann a théid air toiseach air. Con t-each as fhearr an taobh agaibh féin?’ ‘Tha,’ arsa Murchadh; ‘an t-each óg agam fhin. Sghabaidh e an district.’ ‘Mur a sguab,’ arsa Callum, ‘ ’s cinnteach mi gun sguab e an sabhal! Bidh e gu math glan aige romh Bhealltuinn.


Minard ’s Honey Balsamaon uairs na h-uile h-uair.


GAIDHEIL GHLASCHO.

Tha sinn atoirt a chunntais a leanas a aon de phaìperan an Obain, a bha air a chur a mach mu thoiseach a mhios:—

Be cuspair a phaipeir a thug Mr. Mac Raing seachad aig a Chéilidh Ghàidhealach oidhche Di-sathurnasa chaidh, “Còmhradh air Litreachas Ghàilig. Bha àireamh mhor ann de dhòighean, de ghillean òga, de bhodaich chòire, agus dhe gach seorsa bhiodh feumail airson comunn cridheil a chumail a dol le foirms deasboireachd gun diomladh. Cha robh ni ri ràdhn aghaidh a phaipeir ach cho goiridsa bha e. Na bhann dheth, bha e tùrail ggus iomraideach, bha e coltach ri roimh-radh do rud ainneamh mathcoltach ri blasad air ubhall ro mhilis, bhitheamaid air son na h-uile h-aon a bhair a chraoibh ithe gu léir. Co-dhiu, feumaidh sinn a bhi mar a bhan Gàidheal a bhadol thar an aisig, ’nuair thug e na sia sgillinn don t-Sasunnacha bhi toilichte leis na fhuair sinn.

Bha Mr. Mac Raing ag ràdh n deachaidh mòran den bhàrdachd Ghaidhealach air chall, a chionn nach robh sgil aig na Gàidheil air clo-bhualadh sam bith ach air an cuimhne, agus nach robh iad acleachdadh sgriobhadh fhéin ach glé ainneamh.

Chaidh e thairis air moran de na bàird Ghàidhealach, ann an dòigh ro thuigseach, agus tha sinn a meas, ma bhios a chuid a leanas de na cuspairean a theid a thoirt seachad aig a Cheilidh Ghàidhealach cho math ris an fhear so, ’s math is fhiach iad a dolg an éisdeachd. Oidhche Di-sathuirne sa tighinn bidh paipear air a thoirt le Aonghas Mac Dhonnachaidh, muShuiridh agus pòsadh anns aGhàidhealtachd.”


Minard ’s Honey Balsam,Leigheas cinnteach



[202]

[Vol . 3. No. 26. p. 2]

LITIR O FHIONNLADH PIOBAIRE, MUN BHLIADHNUIR.

A THEACHDAIRE GHAOLAICH,

BLIADHNA mhaith ùr dhuit, agus mòran diubh. Thug mi cuntas duits an litir roimhe mun dóigh air an do chuir sinn seachad an oidhche Challuinn mu dheireadh a chunnaic mi ann an tigh Ghlinne-deiseiridh. Thèid mi air madhart a nis mar a gheall mi, gu cunntas a thoirt duit mun chamanachd air latha na bliadhnùire.

Bhaghrian air maduinn latha Coinnle fada gun a gnùis a nochdadh, agusan déigh dhi teachdam follais os ceann nam beann, bu ghlas-neulach a h-aogas, mar gum biodh in raoir a mach air aChalluinn. Bhan ceò gu h-ìosal air an leacainn, achorra-ghriobhach ag éiridh on lòn, bha langan an fhéidh air achreachann, bhan coileach-dubh anns an leitir, aceartachadh a chuid ibhtean, agus le dùrdail bhòidheach acur fàilte na bliadhnùirair an liath-chirc shomalta a bhasràidimeachd ra thaobh.

An déigh dhomh fàilta chur air mo theaghlach, agus am beannachd a bàirda ghuidhe as an leth; agus an déigh dhomh achaora-nollaig a chur seachad, agus sguab a thoirt don sprèidh, mar a bha mig am cheartachadh fhéin, thàinig orm ach Pàra mòr, agus mo ghoistidh Aonghas òg. “Mo bhannag ort a Phìobair, arsiadsan, le aona ghuth: bliadhna mhaith ùr dhuit.” “Mar sin duibhse,” ars mise: “ciod so, a Phàraig?” (is etoirt làimhair searraig a bhaigen a achlais), “Coileach dubh aig am bheil gogail nas mìsle na aon rán a tháinig riamh à sionnsair do phìoba.” Dhòl sinn air a chéile, agus thug Màiri an sin làmh air rud beag a bhaice ann an seotal na ciste mòire, den fhìor Thòiseach. ’N a dhéigh sin thog mi fhéin orm, oir be mo dhleasnas na daoina chruinneachadh air maduinn an so, le fuaim na pìoba. Ghabh mi suas an Gleann o bhaile gu baile, atoirt air mac-talla nan creag freagradh don phort

A mhnathan aGhlinne,
Nach mithich dhuibh éiridh.”

Na-m biodh aphìob an diugh pàiteach, bullamh a gheibheadh i a pathadh a chasg. Bhachuideachd adòmhlachadh mar a chaidh sinn air ar n-aghaidh, gus an do phill sinn a nuas taobh eileGhlinne, gu tigh Eòghain Bhàin Mhaoir, far an robh muinntir aGhlinne air an so ran tràth mainde a ghabhail. Chuir aBhaintighearna trì-bhliadhnach muilt do thigh Eòghain a dheanamh na h-eanaraich. Bha boc-earbagainn a Coire-na-n- iùraich, bradan a Linne-nan-gealag, agusn uair a chuireadh ra chèile na thàinig as gach tigh, de mhulachagan cáise, de chuachan ime, rgus de bhonnaich chruaidhe choirce, bha ann na dh’ -fhòghnadh do uibhir eile, ged a bha sinn ann deich-fir-fhichead, de cheatharnaich deas uidheamaichte air son na camanachd, a bhàrr air mnathans air cloinn. thachair a bhis achuideachd ach an duine cneasda Lachann nan ceist, agus cha robh do charaid am Ministeir Galldan a urrainn altachadh a bfhéarr a thoirt duinn nafhuair sinn. Bha greis an déigh dhabhi réidh mun do labhradh focal. “So! so! a mhuinntir mo chridhe,” arsam Maor, “bithibh tapaidh, tham pailteas roimhibh, agus na caomhnaibh e. Than eanaraich maith, agus abhuidheachas sin dhise a chuir an deadh mhultg a deanamh.” “Chaneil an eanaraich dona,” arsa Pàra mòr, “ach tha i anabarrach teith, ar leam fhéin nach bu mhisdi dileag bheag den Tòisegchg a fionnarachadh.” “ ’S maith a dhfhàg thu e,” ars am Maor, “Càitam bheil an t-slige-chreachainn?” “Sin i fa dchomhair, a ghoistidh, cuir seachad i, agus cuimhnich nacheil aiseag saoran Albainn. Bi tapaidh, a Phìobaire, thaghrian atarruing suas ri Dùn--ghaoith, agus air amheadhon thachamanachd ri tòiseachadh.” “Fhalbh! Fhalbh!” arsa Pàra mòr, “leig leis aghréin gabhail air a h-aghaidh; tha rathad aice-se, agus rathad againne. Chaneil Dùn--ghaoith soirbh ra dhìreadh an diugh fhéin; tha iomadh ceum sleamhainn gumhullach. Thaghrian ro chiallach mun àm sobhliadhna; chaneil an t-anabarr deifir oirres amhaduinn, ged is cinnteach mi gun tèid in a deann-ruith mun tig am feasgar; mar a rinn i a h-uile feasgaa sunndach a chunnaic mi riamh.” “Mo thruaighe, a Phàra mhòir,” arsa Lachann nan ceist, “na bilabhairt mar sin mun ghrèin, agus atighinn thairis air faoineachd den t-seòrsa sin.” “Cum do thruas agad fhéin,” arsa Pàra mòr; “cha truagh leam agus marag ma amhaich:” leis aso thug e làmh air sgonn de dhìsbein a bha ma choinneamh. Rinn Lachann còir gàire; deir e, “chaneil maith a bhibruidhinn ri Pàraig.” Thug am Maor sùil orm fhéin, agus an déigh do Lachann buidheachas a thoirt seachad, thog mi orm a mach agus chluich mi“ ’Ghlasmheur,” fhads a bha Eòghan Ruadh saighdear atarruing suas nan daoìne, a h-uile fears a chanmann a dhòrn Ràinig sinn Guala-nan-càrn, far an robh na h-uaislean againn fhéin rar coinneachadh; agus mun robh fhios againn càitan robh sinn, chuir e fhéin air ar ceann ach Dòmhnull òg againn fhéinOighren teaghlaich— ’s en dèigh tighinn dachaidh air amhaduinn sin, gun chadal oidhche on a dhfhag e Dun-èideann. A dhuine chridhe! be fhèin am fiùran àillidh! Cha burrainn domh deò a chur s aphìob. “Séid suas, ’Fhionnlaidh,” arsa Pàra mòr, “ciod am mulad a thort?” “Mulad,” e deir mise, “is fhada ghabh e uam.” Thàinig muinntir an Leathairam fradharc, agus Alastair Ruadh aChaoil air an ceann. An uair a mhothaich an bhuidheann da chéile, thog iad iolach ait ghàirdeachais, afàilteachadh achéile le mòr shubhachas. —Ràinig sinn an fhaiche, agus bann an sin a bhan iomadh fhàilte chridheilam measg chàirdean agus luchd-eòlais.

Thog an latha oirnn gu grianach, soilleir. Air na cnoic mun cnairt den Bhlàr-ruithbha na mnathans na leanaban, maighdeauan na tìre, uasal agus ìosal, eadar chloich na dùthcha, ag amharc na camanachd. Chomharraicheadh a mach an taghal, agus thòisich iad air na daoina tharruing. “Buaileam ort, ’Alastair,” arsa Dòmhnull òg. “Leigeam leat,” arsAlastair. “Is leam-sa Dòmhnull bàn Chuil-fhodair” —an aon duinebu shinebhair an fhaiche. Thug Dòmhnull bàn ceum gu taobh, agus shaoileadh tu gun leumadh an shùil as le h-aighear. An uair a bha na daoinair an roinn fhichead air gach taobh agus buideal air gach ceann den taghalthilg Alastair Ruadh an caman suas. “Cas no Bas, a Dhòmhnuill-nan-Gleann?” “Bas a chumas ri dchois gu h-oidhche,” arsa Dòmhnull. Bann air Alastair a thàinig acheud bhuillebhualadh; agus air dha am ball-iomanach a shocrachadh, mar a bha etogail achamain, ghlaodh Dòmhnull òg— “Deis ! ’Alastair,’ arsesan; “rinn



[203]

[Vol . 3. No. 26. p. 3]

sinn dearmad air cleachdadh latha, achs maith an t-àm fhads a dhfhaodar a leasachadh. Thig air dadhart, ’Eòghain bhàin, agus aithris riaghailtean na h-iomanach.” Chruinnich gach aon ma thimchioll, agus thoirmisg Eòghan, ann an ainm Cheann-feadhna na camanachd, agus do réir nòis an sinnsireachd, connsachadh no trod, focal àrd no mionnan, buille no dórn, caonnag no misg, agus bhrosnaich e iad gu farpuis chàirdeil, co-strì dhuineil, fhearail, gun bhacag, gun cheap-tuislidh.

Bhuail Alastair acheud bhuille, agus thòisich achamanachd. Ach chaneil cainnt agam-sa gus na thachair a chur sìos. Chaidh acheud taghal le muinntir an Leathair, ach ma chaidh, cha deachaidh an latha. Rùisg Dòmhnull ògs a chuid ghillean, agus shaoileadh tu gun robh Blàr-na-léine a rithistg a chur. Bhan latha leinne. Bhuaileadh abhuille-choilleig le Eòghan bàn leathann, fìdeag choimheach a chuir a thaghal am ball. Thog sinn caithream nam buadh, ach cha robh ann ach gràdh agus fiùghantas. Chruinnich sinn mun bhuideal, agus cha robh dìth no ganntar oirnn. ’N a dhéigh sin chaidh acheathairne a chaitheamh na cloiche neirt, agusan déigh iomadh urchair thàbhachdach choisinn Eòghan bán leathann urram an latha.

Mo nàire, ’Illean,” arsa Pàra mòr, “na caileagan bòidheach, lurachg am meileachadh ri taobh an tuim; càitam bheil na dannsairean? Séid suas Ruidhle-thulachain, ’Fhionnlaidh.” Thòisich an dannsadh, agus bhaghrian atéarnadh sìos gu ìochdar Mhuile, agus seachad air Barra mun do dhealaich sinn. Thog sinne oirnn do na Glinn, agus sgaoil ar càirdean sìos a chum an Leathair. Cha chualas focal àrd no mi-mhodhail. Bha iomadh peirceall agus lurgan air dhath nan cearcan-tomain, ach cha robh fuath no farmad mun chùis. Ràinig sinne tigh na h-uaislebu lìonmhor leus a bhan oidhche sinan aitreabh na h-aoidheachd, ged is ìosal dorchan diugh i. Chaidh an oidhche seachad le ceòl agus le sùgradh, agus cha do dhealaich sinn gus an dthàinig bristeadh na fàire a threòrachadh gach aon againn, a bha gu sgìth cadalach, dar leapaichean fhéin. Agus a nis, a Theachdaire Ghaolaich, sin agad cunntas air an dòigh anns am bàbhaist do dshinnsirean latha Coinnlechur seachad. Agustheagamh, ged nach creid iad air aGhalldachd e, is iomadh deadh bhuaidh a bhan lorg a cho-chomuinn so eadar uaislean agus an cuid daoine. Bha cainnt ar dùthchaan sin aig ar n-uachdrain, agus cha bu tàmailte leis an aon a bàirde dhiubh labhairt ruinn air ar n-ainm aig aon choinneimh, no còmhdhail aig am bitheamaid. Bha cinneadas, co-dhaltas agus càirdeas eadaruinn. Ged a bùbhlan iadsan air aghèig a bàirde bu mheanglain sinn uile den aon chraoibh. Ruigeadh an aon bhuille oirnn air fad; ach taobh a mach den teaghlach fom bheil air an àm, faodar a ràdh,

Dhfhalbh sud uile mar bhruadar,
No bristeadh builgein air uachdar nan tom.”

Pìobairean chaneil a nis aca; agus mas iad na gillean, chan fhiach leo fear-dùthcha ghabhail, ach garraich Ghallda: peasain chaola, leibideach, lem brigisean goirid, agus stocainean geala, gun smid Ghàelicn an ceann; gun dùthchas, gun dàimh, gun uiread misnichs a theasairgeadh Oighren teaghlaich o ghob achoilich Fhrangaich. Cha bionanns do ghillean, a Dhòmhnuill nan Gleann, an a thàinig an Rìgh air tìram Mùideart, mun cuala mi mathair cho tric alabhairt. Slàn leat, a Theachdaire Ghaolaich, is dòcha nach bi cothrom agam air litir a churan cabhaig adionnsuidh, ach is mi da rìreadh, an a chìs nach fhaic,

Do charaid dìeas,
FIONNLADH MAC-AONGHAIS.


Air son nam biastan—Cherokee Vermifug


Leighisoadh mise o lòinidh leMinard ’s Liniment.
Halifax. ANDREW KING.

Leighiseadh mise o droch sgamhan leMinard ’s Liniment.
Sussex. COL. C. CREWE READ.

Leighiseadh mise o loinidh leMinard ’s Liniment.
Markham, Ont. C. S. Billiug.


Tha D. J. Domhnullach a creic moran de dhaodaichean deante, do fhirs do mhnathan agus tha e deònach an sealltuinn aìg am sam bith.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.

A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.

Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.

Call and Examine Stock.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.



[204]

[Vol . 3. No. 26. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney Cape Breton.


SIDNI, DESEMBER 29, 1894.

Tha e gu math cinnteach a nise nach mair an cogadh eadar Sina us Iapan moran mas fhaide. Tha chùis air dol gu donan aghaidh Sina agus tha i ullamh gu striochdadh do Iapan. Chan eil teagamh nach bi cumhachan sithe air an deanamh eatorra an ùine ghoirid. Is tuiteam mhor so do Shina.

Tha àireamh mhath de ghabhaltaichean ùra atighinn a stigh an dràsda agus tha sinnan dóchas gun tig aireamh mhor eile air an sàil. Bu chóir do gach duine aig a bheil meas air a Ghàilig a bhigabhail aphaipeir Ghàilig, agus chan eil àm dhen bhliadhnas fhearr air son dolair a chur a stighga iarraidh na mu àm na BhliadhnUire. Tha sinn an dochas gun tig na ceudan dhiubh!

Tha ena thoileachadh mor leinn a bhi cluinntinn gu bheil a Ghàilìg aig an àm so atogail a cinn ann an iomadh àite anns nach dfhuair i urram sam bithsan àm a dhfhalbh. Tha air a chuid as lugha sgoil ùr Ghàilig ann an America air a gheamhradh so, aonan oil-thigh Antigonish s aonan Mew York. Bha roimhe so sgoilean Gàilig an co-cheangal ir Comuinn Ghàilig Thoronto us Hamilton, agus tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil iad ag obair air a gheamhradh so a rithist. ’S math a tha iad adeanamh: tha e na ni gasda toiseachadh air deadh obair, ach tha e na ni moran nas fhearr leantuinn oirre bho bhliadhna gu bliadhna. Tha Gàidheil Thoronto us Hamilton airidh air am moladh. Agus iadsan nach eil ach air ùr-thoiseachadh, tha sinn an dochas gun gabh iad nisneach, gun oìbrich iad gu math, agus gu m bi soribheachadh mor leotha Cha dfhuiar sinn ach an aon fhios à Antigonish, ach tha sinn acluinntinn gu bheil an class a thann an New York adol air adhart gu math; thoisich e le na bu lugha na fichead, agus a nise tha corr us leth-cheud ann, ’s cuid dhiubh a tlghnn astar fada. Tha sin na dheagh mhisnich dhaibh-san a chuir air chois e. Tha Comunn Gàilig aca anns a bhaile-mhor sin cuideachd, ’s tha choltas air gum fàs e. Bhitheamaid fior dheònach a bhig innse dar leughadairean o àm gu àm, mar tha dol do na sgoileans do na comuinn Ghàilig. ’S nan cuireadh iad-san a tha dhiubh, fios beag gu Mac-Talla an drásdasa rithist, bheireadh esan dhan luchd-leughaidh e, ’s chan eil teagamh nach biodh sìn, na mheadhon air àiteachan eile dhusgadh suas gus an eiseamplair a ghabhail. ThaCabar-Feidh” ’sa chàirdean glé chuimhneach aìr bhig innse dhuinn mar tha dol dhaibh ann am Baile Mor nan Gall, agus car son nach innseadh Gàidheil Thoronto us Hamilton us Mhontreal us New York us Antigonish mar tha dol dhaibh féin? Bidh sùil againn gun dean iad sin. Gu ma fada beò a Ghàilig agus na h-uile dhfheuchas ricumail beò!

Bha aig muinntir Sirroamachd Richmond ri fear-pàrlamaid a thaghadh Dior-daoin. Bha Mr. Mathanach (an liberal) air a chur a stigh. Fhuair e mu cheud bhot a bharrachd air aMhoireastanach.

DROCH SGIORRADH. —Chaidh gille òg le Alasdair Mac Leóid (Feòladais) aleónadh gu dona le urchuirsa mhaduinn Di-ciaduinn. Bha bràthair dha (Uilleam) a lòdadh guuna beag a bhaige agus air dòigh air choir-eigin dhfhalbh an urchuir. Bha esan ri thaobh aig an àm agus chaidh am peilear an sàs ann mu chuaimh au t-slinnein. Dhfhairtlich air na dotairean am peilear fhaotainn; chan eil ìad cinnteach an deachaidh no nach deachaidh e rathad an sgamhain. Bhan gille bochd gle iosal, ach tha e air a dhol beagan am feabhas, agus tha dòchas aca gum faigh e thairis air.


Cherokee Vermifugeair son nam biastan

Minard ’s Family Pills,glan, fallain.


FLUR
$3 .50 am barailte,
Air son airgid. Theid sinn an urras gun dean e deagh aran.

BROGAN BHAN
$1 .00 am paidhir.
Tha iad laidir agus air an deagh dheanamh.

STOC MOR DE BHATHAR UR.
aig
JOST BROS.
Sidni, C. B., Nov. 9, ’94.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[205]

[Vol . 3. No. 26. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Chan eil teagamh nach teid àireamh de mhuinntir Cheap Breatunn gu Halifax gu tòrradh Shir Iain Thompsoin, ’nuair ruigeas a chorp a nall. Cha chosd an turus à Sidni ach $2 .80, eadar falbh us tighinn. Than t-adhlacadh gu bhi air a dheanamh le greadhnachas mòr.

Be Dior-daoin air an t-seachdain sa chaidh an latha bu ghiorras bhliadhna. Cha robh ach gann ochd uairean eadar beul an lathas beul na h-oidhche, Tha nisen latha teannadh ri sìneadh, agus leanaidh e mar sin fad shia miosan gus am bi an oidhche cho gairidsa than lathan dràsda.

Chaidh maidean a chur air an rathadiaruinn faisg air Eas Niagara an la roimhe, ach gu fortanach thugadh fa-near dhaibh mun dthàinig an carbad an rathad. Chaidh dithis dhaoine a ghlacadh air amhrus, ach mun deach an toirt gu cùirt, dhaidich gillóg, aois sheachd bliadhndeug gum besan a chuir na maidean air an rathad.

Tha MAC-TALLA aig an àm so acur fàilte na BliadhnUire air a chàirdean anns gach cearna dhen t-saoghal. Mun tig àireamh eile dheth a mach, bi a bhliadhna so air a dhol an rathad a chaidh na bliadhnaichean uile, agus bi a bhliadhnùr air a h-àite ghabhail. Tha sinn aguidhe dar luchd leughaidh BLIADHNA MHATH UR AGUS MORAN DHIUBH!

The paraisde Mhira an deigh Manse breagha chur suas dhan mhinisteir aca, an t-Urr. Uilleam Calder. Tha Mr. Calder agus a theaghlach a nisefuireach ann, agus tha sinn an dòchas guu cuir iad ioma latha sona seachad na bhroinn. Tha cuimhn aig ar luchd-leughaidh gu robh an tigh anns an robh iad a fuireach roimhe air a losgadhsa gheamhradhsa chaidh.

LATHA NOLLAIG. —Chaidh latha Nollaig a chur seachadsa bhaile gu math socair. Cha robh sneachd againn idir, agus mar sin cha robh toileachadh ann a bhi mach, oir bhan talamh reòta, agus na ròidean sgreagach, cruaidh. Tha sinn anns an dùthaich so cho cleachte ri sneachda bhi againn ri àm na Nollaigs na BliadhnUire, ’s nach bi sinn toilichte as aonais. Mur cluinn sinn gliengarsaich nan clag air na sràideins air na ròidein-mora, ’s gann a chreideas sinn gur h-i an Nollaig noBhliadhnUr a thann idir.

Tha seann duinn ann an Chatham, Ontario, don ainm Uilleam Chambers, agus ged tha e ceud bliadhnasa h-ochd a dhaois. tha e gu math tapaidh fhathast. Thog e air o chionn ghoirids chaidh e gu Manitoba a choimhead air dithis mhac dha aig am bheil fearainn anns an dùthaich sin. Tha fear dhiubh ceithir ficheadsa tri, ’s am fear eile tri ficheadsa h-ochd deug. Cha robh duine còmhla ris air a thurus. Bha ena dhuinòg làidir ri linn Napoleon agus bha e treis an cogadh na Spàine. Dhfhàg en t-arm beagan roimh Bhlàr Waterloo, agus thàinig e air imrich a Chanda.

Tha na stòraichean anns a bhaile so ri bhi air an dùnadh aig sia uairean na h-uile feasgar ach feasgar Di-sathairne eadar a BhliadhnUr us Bealltuinn. Than riaghailt so air a deanamh aìr son faochadh a thoirt do na cléirich, agus tha e glé cheart. Tha iad ag obair gu cruaidh fad an t-samhraidhs gu deireadh na bliadhna, agus tha e iomchuidh gu leòr a nisenuair nach bi fior mhoran ri dheanamhsna stòraichean, gu faigheadh iad cothrom air an anaìl a leigeil

Than carbad iaruinn a nise ruith da uairs an latha eadar Sidni us Port Morien, no mar theirte ris roimhe so, ’s mar as trice theirear ris fhathast, Cow Bay. Thainig àireamh mhor sluaigh a stigh dhan bhaile oidhche Shatharna, uiread no barrachdsa thainig a stigh aig aon àm fad an t-samhraidh. Than crabad a bhi ruith mar sona dheisealachd mhòr, agus ni e feum do mhuinntir an da bhaile. Tha dùil aca gum bi e a ruith gu Louisburg mu mheadhon an t-samhraidh.


Iadsan a Phaigh

Iaiu R. Boyd, Lakevale , N. S.
Catriona FhrisealStellarton , do.
Iain Domhnullach, Pinkie Town, do. (25c. )
N. & T. MacFhionghain, Forest Hill, E. P. I. 50c
Callum Mac-a- Phearsain, Kinross , do.
Aonghas I. Moireastan, Launching , do.
Uisdean Mac-a- Phi, Souris , do. 25c.
Tormoid Moireastan, Peueril , Que.
Murcha Mac Rath, Ottawa , Ont.
Domhnull Mac Coinnich, Glascho, Alba.
Andra Mac Gille-Chriosd, Burnbank , do.
Alasdair L. Gillios, Lincoln , Mass.
An t-Urr. P. R. Cunningham, St . Paul Minn.
A. MacCoinnich, Meinn Victoria, C. B.
R. Dughallach, Margaree , do.
Ailein Mac Gill-fhaolain, do. S. W.
Iain U. Mac Isaic, Amhuinn Bourgeois do.
Iain Domhnullach, Ceap Nòr, do.
Anna B. Nic Leoid, Framboise , do,
Catriona Mhoireastan, North Gut, St. Ann’ s
Aonghas Mathanach,
Ruairidh Mac Néill, Glace Bay.
Eilidh Dhomhnullach, Amhuinn Dhennis.
Uilleam Domhnullach, Drochaid Mhira.
A. D. Domhnullach, Stirling .
Callum Gillios, Iron Mines.
Seumas Mac Leoid, Point Bevis.
Iain MacCoinnich, Amhuinn Tuath, St . Ann’ s
Curstidh B. Dhomhnullach, do. (50c.)
Curstidh Dhomhnullach) do. do.
Seonaid Ros, Baigh Bhaddeck, (50c.)
Iain Mac Ille-mhaoil, Acarsaid Mhor.
Tormoid Buchanan, Cnoc Mor, St . Anns.
Deórsa Mac Neacail, Beaver Cove.
A. Mac-an-t- Saoir, Loch Ghabarus, (50c.)
Fear aPhosta, ’sa Bhain Ear.
Uisdean Mac Cuish, Cow Bay.
Ailein Camaran, Amhuinn Dhennis.
Iain Gillios, Sidni.
An t-Onarach Iain Mac Neill, Mabou .


BAIS

Aig Amhuinn Shidni, air an treas latha fichead de Desember, Bessie M., nighean ghradhach Eachuinn Mhic Fhionghain, da bhliadhnas tri miosan a dhaois.


DUAISEAN

dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra don MHAC-TALLA eadar so us BliadhnUr. Bheir sinn don neach a gheibh an àireamh as a cheud duais, an neach as fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach as fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas.

I. Caraid nan Gaidheal.
II. Sàr-obair nam Bàrd.
III. Foclair GàiligIc Ailpein.

Bldh iad againn ron bhliadhnuir, ’s bidh iad air an cur gan ionnsuidh-san a choisinn iad cho luathsa bhios fhios againn iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn don phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan as fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an sionmhòrachd.


Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires air son gach àm eile dhen bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.

Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich



[206]

[Vol . 3. No. 26. p. 6]

RIDIRE GHRIANAIG.

Bha aig Ridire Ghrianaig triùir nighean nach robh an leithid ri fhaotainn no ri fhaicinn an àite sa bith. Thainig béisd bhon chuans thug i leathiad, ’s cha robh fiosd é an rathad a ghabh iad, no càite an rachteadh gan iarraidh.

Bha saighdear anns abhaile, ’s bha triùir mhac aige, ’s an àm na Nollaig bha iad aig iomain, ’s thuirt am fear a bòige gun rachadh iad agus gun cuireadh iad bair air léana Ridire Ghrianaig.

Thuirt càch nach rachadh, nach biodh an Ridire toilichte gum biodh sid atoirtn a chuimhne call a chloinne, ’s ag cur duilichinn air. “Biodh sin a roghainn da,” ars Iain, am mac a bòige, “ach théid sinn, ’s bheir sinn bair, tha mise coma air son Ridire Ghrianaig biodh e buidheach no diombach.”

Chaidh iad a dh-iomains bhuidhinn Iain tri bair air a bhràithrean. Chuir an Ridire cheann a mach air uinneig, ’s chunnaic e iad ag iomain, ’s ghabh e corruich mhòr, gun robh a chridhe aon sa bith dol a dh-iomain air a lèana, a bha toirt call a chloinnen a chuimhne, ’s ag cur mìothlachd air. Thuirt e ri mhnaoi, “Co tha cho mìomhails a bhig iomain air mo ghrùnnd-sa, toirt call mo chloinnem chuimhe! Biodh iad air an toirt an so a thiotas gun rachadh peanas a dhianamh orra.” Chaidh an triùir ghillean a thoirt an lathair an Ridire, ’s bha iadn an gillean gasda.

“ ’D e thug dhuibhie,” ars an Ridire, bhi cho mìomhails dol a dh-iomain air aghrùnnd agamsa, toirt call mo chloinnem chuimhne. Feumaidh sibh peanas fhulang air a shon.”

Chan ann mar sin a bhitheas,” arsIain, ach bhon a thuit duinne tighinn céarr ort, is fhéarr dhut fàardach de luing a dheanamh dhuinn, agus falbhaidh sinn a dh-iarraidh do nighean; ’s ma tha iad fon fhiorach no fon fhuarachd, no fo cheithir rannan ruadh an domhain, gheobh sinne mach iad, mun tig ceann lathas bliadhna, ’s bheir sinn air an ais iad do Ghrianaig.”

Ged is tus òige, ’s ann ad cheann tha chomhairles fhèarr; bidh sin air a dhianamh dhuibh.”

Fhuaradh saoir, ’s an ceann sheachd latha bhan long deas. Chuir iad a stigh biadh as deoch mar a dhfhéumadh iad air son turuis. Thug iad a h-aghaidh ri muirs a cùl ri tìr, ’s dhfhalbh iad: ’s an seachd latha ràinig iad tràigh gheal ghainbhich, agusn uair a chaidh iad air tìr bha sia fir dhiag ag obair an aodunn creigeg a cur as a chèile.

“ ’D é an t-àite tha so?” ars an sgiobair.

Is e so an t-àites am beil clann Ridire Ghrianaig. Tha iad adol a dhòoadh triùir fhamhairean.”

“ ’D é an dóigh a thair faotainn far am beil iad?”

Chaneil dòigh sa bith ach dol suass achliabh so ri aodann na creige.”

Chaidh am mac a bu shines achliabhsn uair a bha e shuas aig leth na creige, thàinig fitheach géarr, dubh, ’s thòisich e air le ìneans le sgiathan, gus nach mòr nach dfhàg e dall, bodhar e. Cho robh aige ach tilleadh air ais.

Chaidh an darna fears achliabh, ’sn uair a bha e shuas leth an rathaid, thàinig am fitheach géarr, dubh, ’s thòisich e air, ’s cha robh aige ach tilleadh air ais mar a rinn am fear eile.

Chaidh Iain mu dheireadhs a chliabh. An uair a bha e shuas leth an rathaid thàinig am fitheach géarr, dubh, ’s thoisich e airs ghread e e mun aodann. “Suas gu clis,” arsesan, “mum bi mi dall an so.” Chuireadh suas e gu bràigh na creige. An uair a bha e shuas thàinig am fitheach far an robh es thuirt e ris:

An toir thu dhomh greim tombaca?’

A dhaor shlaightire, is beag comain a thagad orm air son sin a thoirt dut.”

Na biodh umhail agad do sin, bidh misem charaide math dhut. Nise theid thu do thigh an fhamhair mhoir, ’s chi thu nighean an ridire fuaghal, ’s a miaran fliuch le a deòir.’

Ghabh e air aghart gus an dràinig e tigh an fhamhair. Chaidh e stigh. Bha nighean an ridire fuaghal.

“ ’D é thug an so thu?’ arsise.

D é thug thu fhein ann nach fhaodainn-sa tighinn ann!”

Thugadh mise ann gun taing.”

Tha fios agam air sin. Càite am beil am famhair?”

Tha es abhèinn-sheilg.’

“ ’D en dòigh a thair fhaotainn dachaidh?’

An t-slabhraidh chomhraig ud a mach a chrathadh; ’s chaneil es an fhiorachd nos an fhuarachd, no an ceithir rannan ruadh an domhain, a h-aon a chumas còmhrag ris, ach Iain òg mac an t-saighdeir, à Albainn, ’s chaneil e sia bliadhndiag a dh-aois, ’s tha e tuilleadh as òg gu dol a chòmhraig ris an fhamhair.’

Tha ioma h-aon an Albainn cho laidir ri Iain mac an t-saighdeir ged a bhiodh an saighdeir leis.’

Chaidh e mach. Thug e tarrainn air an t-slabhraidh, ’s cha dthug e car aisde, ’s chaidh e air a ghlun. Dhéirich e suas, thug en t-ath chrathadh air an t-slabhraidhs bhrist e tinne dhi. Chual am famhairs a bhéinn-sheilg e.

Aha!’ arsesan, ‘Co a burrainn mo shlabhraidh-chòmhraig sa charachadh, ach Iain òg mac an t-saighdeir à Albainn, ’s chaneil e ach sia bliadhndiag a dh-aoistha e ro òg fhathast.’

Chuir am famhair an t-sitheann air gad, ’s thàinig, ’s thàinig e dhachaidh.

An tusa Iain òg mac an t-saighdeir à Albainn?’

Cha mhì.’

Co thus an fhiorachd nos an fhuarachd no an ceithir rannan ruadh an domhain, a burrainn mo shlabhraidh-sa charachadh, ach Iain óg mac an t-saighdeir à Albainn?’

Tha ioma h-aon an Albainn cho làidir ri Iain og mac an t-saighdeir, ged a bhiodh an saighdeir leis.’

Tha sids an fhàisneachd agam-sa.’

Coma leamd é thas an fhaisneachd agadsa.’

D é an doigh air am math leat thu fhéin fhiachainn!’

An uair a bhithinn fhins mo mhàthair thair a cheile, ’s a bhiodh toil agam mo thoil fhin fhaotainn, ’s ann an snaimeannan-carachd a bhitheamaid afiachainn; uair a gheobhadh i chuid a bfhearr, ’s da uair nach fhaigheadh.’

Rug iad air a chéile, ’s bha gramannan cruaidh aca, ’s chuir am famhair Iain air a ghlùn.

Tha mi faicinn,’ arsIain, ‘gur tus treasa.’

Tha fios gur mi,’ arsam famhair.

Chaidh iad an dàil a chéile rithisd, ’s bha iad ag caradhs atarrainn a chéile. Bhuail Iain a chas air an fhamhairs an aobrunn, ’s chuir e air slait a dhroma foidhe air an lár e. Ghuidh e gum biodh am fitheach



[207]

[Vol . 3. No. 26. p. 7]

aige. Thainig am fitheach gèarr, dubh, ’s ghabh e don fhamhairs an aodunn, ’s mu na cluasan, leinean, ’s le sgiathan, gus an do dhalls na bhodhair e e. ‘Am beil tarrainn airm agad a bheir an ceann den bhéisd?’

Chaneil.’

Cuir do lamh fo msgèith dheis-sa, ’s gheibh thu corc bheag, bhiorach ann, a bhios agam abuain nan braonan, ’s thoir an ceann de.’

Chuir e làmh fo bhun sgiath dheas an fhithichs fhuair e chorc ann, ’s thug en ceann den fhamhair.

Nise, Iain, theid thu stigh far am beil nighean mhor Ridire Ghrianaig. Bidh ig iarradh ort tilleadh, ’s gun dol nas fhaide; ach na toir thusa feairt oirre. Gabh air daghart, ’s ruigidh tu an nighean mheadhanach, ’s bheir thu dhomhsa greim tombaca.’

Bheir mi sin dut gu dearbh, ’s math a choisinn thu e: gheobh thu leths na thagam.’

Chan fhaigh gu dearbh; is ioma latha fada gu Bealltainn.’

Nara leigeadh am Fortan gum bi misan so gu Bealltainn.’

Tha fios agad air na tha seachad, ach chaneil fios agad air na tha romhad. Faigh uisge blàth, ’s glan thu fhéin ann. Gheobh thu ballan-ìocshlaint os cionn an doruìs, suath ri dchraiceann es theirig a laidhe leat fhéin, ’s bidh tu gu slàn, fallain am maireach; ’s am maireach gabhaidh tu air daghart gu tigh na h-ath .’

Chaidh e stighs rinn e mar a dhiarr am fitheach air. Chaidh e a laidhe an oidhche sin, ’s bha e gu slàn, fallains amhadainn, an uair a dhéirich e.

Is fhéarr dhut tilleadh,’ arsa nìghean mhor an ridire,’ gun dol nas fhaide, ’s gun thu fhèin a chur an tuilleadh cunnairt; tha gu leoir de dh-ors de dh-airgiod an so, ’s bheir sinn leinn e, ’s tillidh sinn.’

Cha dian mi sin,’ arsesan, ‘gabhaidh mi air maghart.’

Ghabh e air aghart gus an dràinig e an tighs an robh nighean mheadhonach Ridire Ghrianaig. Chaidh e stigh, ’s bha isen a suidhe fuaghal, ’s i caoineadh, ’s amiaran fliuch le deoir.

‘ ’D é thug thusan so!’
‘ ’D é thug thu fhéin ann nach fhaodainn-sa tighin ann?’

Thugadh mise gun taing ann.’

Tha fios agam air sin; ach, ’d é chuir a chaoineadh thu?’

(Ri leantuinn.)


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[208]

[Vol . 3. No. 26. p. 8]

DOMHNULL MAC IAIN DHUINN.

Failt air MAC-TALLA! Tha mi a curg ad ionnsuidh ann an so óran a rinneadh le Alasdair MacIlle-mhaoil, no mar theireadh iad ris, Alasdair Mac Eobhain mhic Gilleasbuig mhic Dhomhnull Dhuinn. Thàinig e don àite so a Lochabersa bhliadhna 1802. Anns a bhliadhna 1817 tháinig càirdean dha don àite so mar an ceudna; am measg fheadhain eile bha Domhnull MacIlle-mhaoil, no air sheòl eile, Domhnull Mac Iain Dhuinn, fear a bha ioma bliadhna na bhrocairsan t-seann dùthaich, ’sa bha air a chùnntasna fhear-gunna a bha ainneamh math. Bha ena dhuine eireachdail agus measailsa h-uile dòigh. Rinn a charaid an t-òran so dha air a thighinn a nall.

Do Charaid Dìleas
AONGHAS MACILLE-MHAOIL.
Lagan , Ont.

Ach a Dhomhnuil mhic Iain duinn,
Cas a dhireadh nam beann,
A shiubhal nan allt snan stònghlac,
Les a ghunna gun mheang
Chuireadh luaidhe neo-cham,
Bheireadh fuil air damh seang a chrònain.
Ged a bhiodh e na dheann
Air an leachdainnsa ghleann,
Bhiodh do theachdaire teann an tòir air.
Se bhiodh nduil nach robh ann
Gin a bhuidhneadh air geall,
Rachadh stad airs gun taing da dhòchus.

Gum bu lionmhor fear cràic
Chuir thu laidhe gu làr,
S nach dthug ionnsaidh gu bràth air éiridh,
Eadar criochan chinn-tàil,
Gleann-a- cuaichsa chainn-bhàn
San cuid aighean fo phramh mandéighinn,
Bhiodh tu gealaidh le dsmàig
S do bheul ris an làr,
Gus am faigheadh tu nàite feumadh
Sn uair thogadh tun làmh.
Sa thairngeadh tu nstràc
S mi bhiodh cinnteach a bàs mhic éilde.

Nuair a rachadh tu suas
Do choille nam bruach,
Stric a chuir thu mboc ruadh bhòn leunnaich,
Se na dhuibh-ruiths na ruaig,
Dol ri cnocan man cuairt
Dara-tomain a bhuair bho chéil e,
Bhiodh tu féin ann an cluain
Cumail beachd air a chluais
Gunna snaipte nam buadh ga gleusadh;
Snuair a shaoil leis dol suas
S ann a bheireadh tu nuas le chéil iad.

Bu tu sealgair a gheoidh
As na h-eal air an lon,
Slach chinn uain ann an reidhlein
Eadar Lochan na-sguad,
As Bun-chingie nam bruach
Far am minig a fhuair thu treud diubh,
Eadar Eilein an fheidh
Garbh-choill a bhuic leith,
Farm bu lughor do cheum gam buannachd
Nuair a ghabhadh tu steidh
M Bad-an-tseabhaig fon ghrein
Bhiodh na mnathan lan foisd le dchnuasachd.

Bu tu marbahaichbricbháin
Bu chlis saighde air àth,
Struth nan puinne nan tàmh nan réidh-uisg
Crann de ghiubhsach nam blàr,
Air dheagh shnaidheadhnad láimh
S mor-ghath cumhann ri bhàr bu ghèire,
Co-dhuibh bheireadh e strác
Ris an amhainn no bhàn,
Bhiodh do shaighead an àird a chléibh aig
s tu bu chinntiche làmh,
Théid min urras na càch
S co es urrainn a ràdh gur breug e.

Nàmhaid béist ann an càrn,
Cha do dhfhiosraich min àl
Na thug barrachd sa chàs ud fèin ort;
Bhiodh do ghillean glé thràth
Len lothainn nan làimh
Ann sa mhadainn man tárainn éiridh.
S iomadh sionnach len àl
Chuir thu dhith anns gach àit,
Ni nach urrainn mi ràdh na léirsinn;
S ged robh peann ann am láimh
Chaoidh cha sgriobhainn gu bràth
Trian dhen chuir thu gu bàs de cheudan.

Bha seòrs eil ann air snàmh
S bha thun tòir orra ghnàth,
Dobhrain-donna sbu nàmhaid éisg iad;
S bu tric bian na seachd càrt
Aig mo Dhòmhnull na láimh,
S càch nan cadal air sgá-nan-éibhlein,
Le chuid àbhaigs iad dàn
Rachadh nimheil an sàs
Nach gabhadh cunnart an càs non éiginn.
Chinneadh fuil leat gach
An coill an abhuinn nan àrd
Dhaindeoin buìdseachd na plàigh na geadseachd.

Bu lionmhor udlaiche mòr
Dhfhàg thuDhomhnuill gun deò,
Eadar Glas-leitirs Mor-thir gheugaich;
Bha thu eòlach gu leòir
An Gleann eilge Mhic Leoid,
S an Gleann-seile nam mòr fhear treubhach;
Cloinn ic-rath leat na seòid
Bu neo-sgrubail mun bhòrd
Dhioladh buideal snach sòradh éirig
Luchd do chomuinn gu pòit
Nám suidhe stigh-òsd
Sbhiodh luchd-fidhle toirt ceòil á teudan.

Bha thu measail gu dearbh
S fhuair thun turram gu sealg,
Air na hurad us dhearbh thu fein e,
Liughad coire slios garbh,
Beann us bealach us learg
Rinn thu shiubhal man dfhalbh do spéirid,
Adharc us crios ort gun chearb
Fuise fhada bheòil mheanbh,
Chuireadh guineach fo chalg an creubhaig,
S cha téid dichuimhnair taimn,
Ann an iar-àrd na hAlb
Fhad sa mhaireas fir fhalbhas sléibh ann.

Nis bhon thainig thu nall
Air long bhallach nan crann
Do Chanada nam Frangach thréine,
S mor do mhulad scha ghann,
Smaointinn àbhachd nam beann
S air na fhuair thus gach àmgan reidhlein,
Ach tha thu nis air fàs mall
Tuìsleach lapanach fànn,
Ruith cha dean thu le sannt scha leum thu.
Ach chunnaic mise thus tu thall,
Ullamh ealamh gun taing,
S grad a dhireadh tu sreang Bheinn-éideann.

Chaochail diomhaighs do bhlàth,
Chrom do phearsa gu làr,
Dhfhàg do spiorad, do chàil, sdo ghéir thu,
Tha nt-sùil molach air fàs,
Chuireadh fradharc gun sgàth
Fadas goirid bho làimh mar fheumadh,
Ach mo chomhairle an dràst
Dhuit bhi cuimhneachadh trath.
Air an tslighe than dàn gu lèir dhuinn;
Tha thufaicinn gach ,
Crioch a tighinn air càch,
S nach teid duine gu brath bho neug as.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Soithichean Creadha agus Glaine.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh

Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B
Feb.

titleIssue 26
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla III No. 26. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page