[209]

[Vol . 3. No. 27. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH, 5, 1895. No. 27.


NAIDHEACHDAN A NEW ZEALAND.

Chaidh soitheach-smùide dom bainmWairarapaa bhristeadh air na creagan mu na cladaichean so air an naodhamh latha fichead dhen mhios a chaidh seachad (October). Chaidh mu shia ficheadsa còig a bhàthadh oirre, eadar luchd-turuis us sgioba, agus mun àireamh cheudna shàbhaladh. Chailleadh an t-àrd cheannard, Iain Mac-an-Toisich, beagan ùinen deigh dhi bhaladh. Bhan soitheach fada bhar a cùrsa. Bhan oiche dorcha, ceothach, agus chaidh i seachad air an tigh-sholuis aigMokohinan,” gun duine dhe na bhoirre leus fhaicinn, agus i a ruith àrd a comais, tri mile deugs an uair. Bha i air a cuairt à Sidni, ’an Astralia, agus ataghall anns na h-uile port timchioll nan dùthchannan so. Cha robh e ach astar-seolaidh ceithir uairean a thìm bho chala baile mor Auckland. Chaidh e air taobh na h-àirde tuath den eilein ris an canarGreat Barier, ” (Bacadh Mor), àitetha fiadhaich, garbh. Mu chairteal na h-uarach an deigh dhan t-soitheach bualadh, chaidh i air a taobh-mor, agus cha burrainn dhan t-sluagh greim a chumail oirre. Sguab na tuinn moran dhiubh air falbh dhan bhith-bhuantachd. Cha burrainn dhaibh ach a dha dhe na bàtaichean a chur am mach: bha càch uile air am bristeadh. Bha feadhain den chuideachd agabhail fasgaidh anns na croinn gus an dfhuair iad air tir. Bha na bana-stiùbhardan gu treun; atoirt criosan-beatha bhorra féin don chloinn bhigsg an ceangal umpa. Bha iad abrithealadh mar an ceudna do na boirionnaich eile bha air bord, ’s gun iad atoirt oidhearp sam bith air iad féin a shàbhaladh. Tha mi duilich gu bheil agam ri innse nach deachaidh a h-aon dhiubh a thearnadh. Buinidh aWairarapa do chuideachd aig a bheil moran eile de shoithichean-smùide. Bha i so mu thomhas da mhile tunna. Tha cuid dhe na soithichean eile moran nas motha na sin.

Bha Iain Mac-an-Toisich, a chailleadh air aWairarapa, ’na dhuine measail agus na dheagh mharaiche, agus bha earbsa mhor aig a chuideachd leism bu leis an soitheach as. Cha drinn e ach eiridh a enslaint beagan ùine roimhe so a thachairt, agus chan eìl teagamh nach do lean tuaineal ris a chuir car air aimhreit e. Rugadh eam Bail’ -a-Chaimbeulaich ann an Siorramachd Earra-Ghàidheal. Bha e mu dha fhichead bliadhnasa h-ochd a dhaois. Bhruidhneadh e aGháilig gu math: ’s ann innte chuireadh e fàilte air a chàirdean Gàidhealach. Chuir a bhàs cianail mulad mor air a luchd-eolais uile.

IAIN ROTHACH.
Rudha Mharsden, Nov. 29, ’94.


IAIN GLAS.

Bha Iain Glas, Morair a Bhealaich, ’n a dhuine ro sheolta agus ro chuilbheirteach. ’S ann gle ainmig a dheanadh e mearachd ann an ni sam bith anns an cuireadh elaimh. Le faicil agus geur-thuigse air nadar na muinntir ris an robh e roinn, bheireadh e air gach ni tachairt mar bu mhiann leis; air an aobhair sin bha sluagh na duthchacreidsinn gun robh buidseachd aige; as cha chuireadh iad diumb air, ni mo dhiultadh iad e. Bha a chuid daoinecreidsinn gum burrainn da an gleidheadh bho gach cunnart. Than sgeul a leanas airaithris mar dhearbhadh air a thapachd:—

Bha fearg air Iain Glas ris an Iarla Chatach, agus chuir e roimhe creach a thogail uaithe. Thug e ordugh do chuid dhaoine a bhi cruinn air latha araid aig Fionnlairig. Chruinnich na fir bho gach gleann mar a dhiarradh orra. An sin ghabh Iain Ghlas doigh air na daoinebu thapaìdhe a thaghadh airson na seirbhis a bhan a bheachd. Chaidh breacan a chrochadh eadar dithis dhiubh gus an robh an oir abeantainn don lár. Gach fear a leumadh thairis air abhreacan mar so fo lan armachd chuireadh air leth e airson dol do Chataobh. Leum tri cheud fear thairis air abhreacan; agus on sin dhordaich Iain Glas biadh a chur air beulaobh nam fear mun gabhadh iad an turus. Am measg nam biadh bha mios bhrochain, agus chaidh iarraidh air gach neach ol aisde. Thuig na daoine gun do chuir e giseagan anns abhrochan, agus dhòl iad an sath dheth. Chaidh iad air an turus. Thug iad creach mhor leo bho na Cataich gun aon duine challN uair a bha iad apilltinn dachaidh dhfhas fear de na fir gu tinn us dheug e. Cha do ghabh an duine so den mheis bhrochain mun dfhalbh iad, oir bha e aig an tigh atoirt leis ni-eigin a dhi-chuimhnich e. Le so bha cach an lan bharail gur h-i abhuaidh a bhas abhrochan a chum iadsan bho gach olc as aimhleas. —An Gaidheal.

A charaid, mun iarr thu comain air neach sam bith eile, thoir na tri nithe a leanas fainear. An toiseach, an urrainn duit a sheachnadh? A ris, am bheil o comasach don ti air am bheil thudol ga iarraidh thoirt seachad? Aguss an treas aite, an deanadh tusa air son do charaid, nam biodh en ad aite-sa, acheart ni sin a tha thu mar chomain ag iarraidh airsan? Uime sin, smuainich air na nithibh so, agus feodaidh e bhi gun atharraich thu do bharail.

Cherokee Vermifugeair son nam biastan

Thainig dotair ùg don bainm Paygant ri bheatha ann an tigh ósda ann a Halifax oidhche Chiaduinn. Ghabh e deoch phuinnseantas cha robh e beò ach mu fhichead mionaid.

Minard ’s Family Pills,glan, fallain.



[210]

[Vol . 3. No. 27. p. 2]

AN TEINE MOR.

(Willo the Wisp. )

Oraid a sgriobhadh do Chomunn Gailig Inbhirnis, mun am so an uiridh

Le IAIN.

Is e so an t-ainm a thaig muinntir Bheinn-a- bhaoghla agus dhà Uidhist air an t-solus a bhiodh cuid dhen t-sluagh afaicinn na h-oidhche ann an àiteachan uaigneach, iosal air feadh na dùthcha. Anns an Eilean Sgiathanach, is e, “An Teine Biorach,” a theireadh iad ris. Ma bha gus nach robh an solus iongantach so rifhaicinn air feadh na Gaidhealtachd gu lèir chan urrainn domh a ràdh.

Chaneil teagamh sam bith nach robh iomadh neach afaicinnAn Teine Mhòir.” Faodaidh cuid a bhithg ràdh nach robh a leithid de ni riamh ann; ach feumaidh mi fhein a ràdh, nach urrainn domh gun a bhithcreidsinn, gu robh mòran den t-sluagh, araon sean is òg, afaicinn an t-soluis ris an canadh iad, “An Teine Mòr.” Fad fhichead bliadhna bha an solus so rifhaicinn aig amannan àraidh den bhliadhna. A réir barail àrd-luchd-fóghluim, is e meall den ni ris an abrarfosforus,” a bhann. Cha do gabh mise os làimh ach cunntas a thoirt seachad air an t-solus a bha daoine afaicinn, agus air abharail a bhaca mu thimchioll ciod a baobhar don t-solus, agus air an aobhar sin cha gabh mi gnothach ri barail àrd-luchd-fòghlum. Theid àrd-luchd-fòghlum, air uairibh, a cheart cho fada cearr ri daoine eile, no nis fhaide. Air mo shon fhein dheth, ged a dhèisdeas mi ris na their iad, agus ged a bheir mi geill do chuid de na beachdan a tha iad ag àrach mu thimchioll mòran nithean, chan urrainn domh geill a thoirt don cuid bheachdan gu léir.

Cha robh an solus ris an abradh iad, “An Teine Mòr,” rifhaicinn, mar bu trice, ach o mheadhon an fhoghair gu meadhon an earraich. Chan fhacas riamh e ach an uair a bhiodh an oidhche dorcha agus ceò is uisge ann. Thachùis coltach nach burrainn da cur suas le solus na gealaich, no le fuachd an reothaidh, no le sìde tioram sam bith. Cha mhò na sin a sheasadh e ri stoirm. Ach neò-ar-thaing nach deanadh e siubhal gu leòr an oidhche a bhiodh blàth, dorcha, agus a bhiodh aghaoth on deas, no on iar-dheas, agus a bhiodh uisge min, trom, dlùth, asileadh. Anns an àm mum bheil mi asgriobhadh cha robh làinntir rifhaighinn ach ann an taigh ro ainneamh. An uair a bhiodh daoine a falbh air chéilidh, no adol air cheann turuis o bhaile gu baile, nam biodh an oidhche dorcha bheireadh iad leotha àithinne no dhà ann am beul achlobha, no air gobh corrain, mur biodh bior àithinne a bfhearr aca, a chum solus a dheanamh dhaibh air an t-slighe. Ach nam biodhAn Teine Mòrair a chuairt an oidhche sin, bu ghlé thoigh leis a bhith gu math dlùth don aithinne theine. Bidh cuimhne agam ri mbheò air oidhche àraidh anns agheamhradh o chionn deich bliadhna fichead. An uair a bha sinnn ar suidhe mun cuairt den teine, leum dithis ghillean òga, tapaidh a steach don t-seòmar agus an anail an àird achléibh aca. Bha an sùilean gu sgionnadh as an cinn leis an eagal. Shaoil sinn gur ann a bha taigh adolna theine, no gun do thachair ni eiginn neo-ghnàthaichte anns achoimhearsnachd. Ciod a bhann ach so: —bha na gillean afalbh air cheilidh, agus àithìnne teine aca. Sùil gun dthug fear dhuibh thar a ghuaille chunnaic eAn Teine Mòrafalbh nan cuideachd. Ghlaodh e richompanach gu robhAn Teine Mòrair an culaobh. Ghrad thilg iad uatha an t-àithinne teine, agus thùg iad ri bruthach i. Cha do stad iad riamh gus an dràinig iad an taigh againne, agus iad an impis a dhol a cochull an cridhe leis an eagal. Chaneil ùine agamsa aig an ám so air cunntas mhion a thoirt seachad air na chuala minam òige munTeine Mhòr.” Bhiodh e gu math tric atachairt ri daoine air bogaicheans aig feur-lochain, agus mun cuairt air na h-òbains air na tràighean a tha cho lionmhor ann am Beinn-a- bhaoghlas an Uidhist. Nam biodh fearna ònar ag iomradh eathair anns an oidhche dhuibh, dhuirche, thigeadhAn Teine Mòrgu bog, balbhna rathad, agus shuidheadh e gu socrach air sgruig-dheiridh an eathair. Ach cha bu luaithe a bhuaileadh srón an eathair tìr na bheireadhAn Teine Mòre fhein as. Chìteadh e a seòladh os cion na mara, agus tarsuinn nan òbs nan lochans e cur soillsas an uisge. Agus an sin rachadh e as an t-sealladh timchioll gob rudha, no dhìreadh e suas ris amhonadh. Ged nach drinn e cron air neach riamh, gidheadh bha eagal an cridhe aig gach neach roimhe, do bhrigh gu robh iad acreidsinn nach bann o ni math sam bith a dhéirich e. Bheir mi a nis cunntas cho gearrs is urrainn domh air an dòigh anns an robh, araon Gaidhell na h-Alba agus sluagh na h-Eirionn acreidsinn gun dthàinigAn Teine Mòrgu bhith air an talamh.

Cha robh na Gàidheil riamh air dheireadh air sluagh sam bith eile ann a bhithtoirt cunntas air na h-aobhair air son gu robh nithean iongantach rim faicinn air an talamh. Mar bu trice cha robh na beachdan a bhaca mu nithean iongantach an t-saoghail dad ni bu ghlice no ni bamaidiche na na beachdan a bhaig sluagh eile an t-saoghail. Thachùis coltach gu robh iad fhein glé riaraichte len cuid bheachdan, agus air an aobhar sin, fàgaidh sinn beachdan nan seann daoine còire far an dfhuair sinn iad, agus mar a fhuair sinn iad. Ged a tha sinne gu math glicnar barail fhein, is docha gu bheil cuid de ar beachdan a cheart cho amaideachsa bha am beachdan-san.

O chionn corr is cheud bliadhna bha an àireamh bu mhò de shluagh na Gàidhealtach air am beathachadh agus air an còmhdachadh le toradh na dùthchadh dom buineadh iad. Cha robh na marsantan ach glé thearc anns an àm, agus air an aobhar sin, dhfheumadh an sluagh cur suas leis na nithean a gheibheadh iad anns an dùthaich. Bhiodh iad aig an àm ud adath le dathan na dùthchadh. Dheanadh iad dath uaine agus dath buidhe cho briagahs a burrainn duinefhaicinn le barr an fhraoich. Ann an àiteachan bogas amhòintich gheibheadh iad talamh ris an abradh iad, “dubhach.” Is cuimhne leam feadhainn dhe na sluichd as am biodh iad acladhachnadubhcha” ’fhaicinn. Is minic a chuala mi mun cho-thlamadh a bha seana bhean àraidh adeanamh uair dhan robhn saaghal. So na dathan a bhann:— “Dubh na dubhcha ciar na caorach is glas aotrom is glas trom.”

Tha e air aithris gu robh sluagh nan Eileanan an Iar déidheil air dathan dearga. An uair a bhiodh na marsantan-paca san àm a dhfhalbh asiubhal air feadh na Gaidhealtachd bu ghnáth leotha bhith reic dhathan dearga, mar a thacàrnaidagusmàdar.” Bha aon ni rifhaotainn



[211]

[Vol . 3. No. 27. p. 3]

anns an dùthaich a dheanabh dath dearg, agus be sin, “rùdh.” Is e freumhan feair a thanns anrùdh.” Chan fhaighear e ach ann am bruthaichean tiorma gaineamhaich. Bhiodh mnathan adol a bhuain anrùidhanns an oidhche air eagal gu faigheadh am maor, no h-aon sam bith eile den luchd-riaghlaidh fios air. Tha e coltach gu robh an t-uachdaran fada an aghaidh a bith buain anrùidh,” do bhrìgh gu robh mòran den mhachaire thioram air a chladhach an àm a bhithga bhuain, agus gu robh mòran de ghaineamhaich thiorain nam bruthaichean air a siapadh air feadh amhachaire an uair a thigeadh tiormachd an earraich.

Bha tuathanach ann am Beinn-a- bhaoghla ris an abradh iad gu cumanta, “Callum Sagart.” Bann de Chloinnic Carmaic a bha Callum Sagart a thaobh cinnidh. Bu mhath a baithne dhomhsa ogha dhaIain mac Aonghaisic Callum Shagairt. Cha chuala mi an t-aobhar air son an dthugadhCallum Sagartmar fhar-ainm air. Ach ma thachair gu robh e air mhuinntireas aig sagart, bhiodh e nàdurra gun canadh iad, “Callum an t-Sagairt,” ris. An sin thigeadh an t-ainm gu bhith mar a chuala mi e. Tha e coltach gu robh Callum Sagartna dhuine cho modhails cho iomchuidhs a gheibhteadh anns an dùthaich gu léir. Ach a réir mar a chuala mi, is ann aige a bha an aon bhean bu mhiosa a bhann an Uidhist. Is e baobh a bhinnte. Tha e air a ràdh, ma gheibh baobh a guidhe nach fhaigh a h-anam tròcair. A reir choltais gun dfhuair bean Challum Shagairt a guidhe aon uair co dhiubh. Bha nighean aig Callum Sagart a bha, mar a thachair a dhiomadh roimpes na déigh, an geall air dathan annasach a bhith anns an aodach aice. Chuir i roimpe gu rachadh i bhuain rùidh gu snàth no clòidh a dhath. Chan fhaodadh i a dhol ga bhuain air an latha, air eagal gun tugteadh suas don mhaor i; agus a chum achùis a chumail cho falachaidhsa ghabhadh deanamh, chuir i roimpe gu rachadh i ga bhuain air oidhche Luin-Domhnaich, e is sin ri ràdh, an deigh da uair dheug oidhche Dhomhnaich. Bha a màthair anabarrach fada an aghaidh dhi a dhol a bhuain anrùidh;” ach cha dthugadh an nighean cluas no geill a dhaon fhacal a theireadh a mathair rithe. Ma bha a mathairna baoibh tha e coltach gu robh an nighean a cheart cho rag ris amhac-mhollachd. On a chuir i roimpe falbh a bhuain anrùidh,” dhfhalbhadh i ged a rachadh am muir h-ear thar amhuir h-iar. An uair a chunnaic a màthair i adol a mach air an dorus, thuirt i, “Tha thu nis afalbh agus mollachd do mhàthar air do cheann. Nam bu dthig an a chithear aghaidh do bhonn.’ Thachùis coltach gun dfhuair a màthair a guidhe; oir cha dfhuaras beó no marbh nighean Challum Shagairt riamh, aon chuid air muir no air tìr. Ach an uair a thugadh dùil thairis nach robh itighinn dhachaidh, dhfhalbh na càirdean agus na coimhearsnaich ga marbh-iarraidh, agus fhuair iad pàirt de h-aodach air amhachair far an robh ibuain an rùidh.

An ceann beagan ùine an déigh dha so tachairt, chunnacas an solus ris un abrar, “An Teine Mòr.” A réir choltais gun do chreid gach neach a chuala mar a thachair, gun dfhuair bean Challum Shagairt a guidhe, agus gum bi nighean Challum ShagairtAn Teine Mòr.” Faodar ainmeachadh gu robh mòran den mhuinntir a bhafaicinnAn Teine Mhóirag ràdh gu robh iadga shamhlachadh ri teine ann an cliabh. Bha so atoirt orra fhèin agus air mòran a bharrachd orra a bhithcreidsinn gur h-ann an com nighean Challum Shagairt a bhan teine. Bha iad mar an ceudna acreidsinn gu robh i gu bhith siubhal air an talamh gu lathabhreitheanais; araon a chionn gu robh i fhein cho dìorrasach, agus a chionn gnn drinn a mathair droch ghuidhe dhi.

(Ri leantuinn.)


Leighisoadh mise o lòinidh leMinard ’s Liniment.
Halifax. ANDREW KING.

Leighiseadh mise o droch sgamhan leMinard ’s Liniment.
Sussex. COL. C. CREWE READ.

Leighiseadh mise o loinidh leMinard ’s Liniment.
Markham, Ont. C. S. Billiug.


Tha D. J. Domhnullach a creic moran de dhaodaichean deante, do fhirs do mhnathan agus tha e deònach an sealltuinn aìg am sam bith.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.
A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.
Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.

Call and Examine Stock.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.



[212]

[Vol . 3. No. 27. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney Cape Breton.


SIDNI, IANUARAIDH 5, 1895.

Rainig amBlenheimacarsaid Halifax aig meadhon-latha Di-màirt, latha na BliadhnUire. Bha corp Shir Iain Thompsoin air a chur gu tir mu dha uair feasgar. Bhan latha fliuch, fuar, ach bha na sràideans na laimhrigean air an domhlachadh le sluagh. Bha Gunnaichean-mòrag an losgadh an ceann gach mionaid aon uairs gun dtháinig an soitheach-cogaidh am fiannis, Bhan giùlain air a thoirt gu Eaglais St. Marys, far an robh e gu àm an tòrraidh, Dior-daoin Bhan tònadh cho riomhachs cho greadhnachailsa ghabhadh e deanamh. Bidh sùil againn cùnutas nas fhearr a thoirt air san ath àireamh.

Tha litrichean a thàinig as an Tuirc o chionn ghoirid ag innse nach robh breug sam bith anns na sgeòil a bha sinn achuinntinn a thaobh an sgrios a rinn na Turcaich ann an Armenia. S ann than sgeul a tha tighinn an dràsda cheart cho dona no nas miosa na cheud . Tha e air a mheas gu robh mu chòig mile deug pearsa air an cur gu bás, agus sin air gach dòigh bu bhrùideile na chéile. Ann an aon àite lion na saighdraran eaglais le mnathan s le nigheanan òga, agus mhort iad a h-uile h-aon dhiubh. Bhan àireamh cho mors gu robhn fhuil a sruthadh a mach air an dorus. Bha coig bailtean deug air fhichead air am fàsachadh, an sluagh air am marbhadh, ’s na taighean air an losgadh.

Nuair bhios na Gàidheil adeanamh gàirdeachas ris a BhliadhnUir, agus acur rompa moran de nithean matha chur an gniomh mun tig crioch oirre, tha sinn an dochas nach dean iad dearmad air Mac-Talla. ’S e an aon chuspair a tha feuchainn rin cainnt a chumail suas air an taobh so dhen chuan mhor, agus nach còir dhaibh a dhol an guaillibh a chéile agus a chuideachadh? Tha dòchas againn gun dean iad sin, agus ma ni, thig adhartas mor air a Mhac-Talla mun ruig e BliadhnUr eile. Co-luathsa chuireas luchd na Gàilignar comas e, fidh am paipear air a mheudachadh. An toir iad an comas sin dhuinn?


SLISEAG ABRUIDHINN.

Tha an Soisgeulaiche, Iain Williams, ’n a leabhar, “Missionary Enterprises, ”ag innseadh, air dha bhig obair air togail bàta gun do dhi-chuimhnich e air latha araidh achearnag(square)a thoirt leis guaite oibre. Ghairm e air duine dubh easgaidh, furachail, agus thug e dha sliseag air an do sgriobh e ciod a bha dhith airs thuirt e ris dol le sin gu bean an t-Soisgeulaiche. Sheall an duine bochd air le tarcuis ag radh, “Nach meas i gur fior amadan mi adolg a h-ionnsaidh le sliseig?” “Cha mheas, cha mheas, tha an t-sliseag gu innseadh ciod a tha dhith orm.” ‘Chaneil beul no cainnt aice, ’s cia mar a dhinnseas i sin?’ ‘Bifalbh,’ arsan Soisgeulaiche, ‘agus greas ort.’ ‘Agus ciod a their mi rithe?’ ‘Cha ruig thu leis diog a radh, ach an t-sliseag a shineadh dhi.’ Dhfhalbh an duine dubh agus thug e an t-sliseag a dh-ionnsaidh bean an t-Soisgeulaiche. An uair a sheall i air an t-sliseig, thilg i air an urlar i; dhfhosgail i achiste-acfhuinn, agus thug i dha achearnag. ‘Cia mar,’ arsesan, ‘a tha fhios agus gur e sin a tha dhìth air?’ ‘Dhinnis an t-sliseag e,’ arsise, ‘Ma ta,’ arsesan, ‘bha mise ag eisdeachd gu furachails cha chuala mi i ag radh smid.’ ‘Ach chuala mise i, agus bifalbh; tha e ga dfheitheamh.’ Thog e leis an t-sliseag agus chum e suasn a laimh i feins achearnag, aglaodhaich ris gach neach a choinnicheadh e, ‘Faicibh gliocas nan daoine geala, bheir iad air na sliseagan labhairt agus an gnothaichean innseadh!’ Fhuair e sreang agus chroch e an t-sliseag ma mhuineal, ’g a giùlan car uine fhada, agusg a nochdadh mar an t-ioghnadh a bu mhò air an cuale riabh iomradh.


FLUR
$3 .50 am barailte,
Air son airgid. Theid sinn an urras gun dean e deagh aran.

BROGAN BHAN
$1 .00 am paidhir.
Tha iad laidir agus air an deagh dheanamh.

STOC MOR DE BHATHAR UR.
aig
JOST BROS.
Sid. C. B., Nov. 9, ’94


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[213]

[Vol . 3. No. 27. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Rinn a Bhan-righ ridire de Mr. Mac Coinnich Bowell, priomhair ùr Chanada. Theirear ris a nise, Sir Mac Coinnich Bowell.

Than t-Urr. Mr. Forbes, ministeir St. Andrews gle thinn air an t-seachdain so. Tha sinn an dòchas gum bi ena shlàinte abhaistichan uine ghoirid.

Than gille beag (Mac-Leoid) anns an deach am peilear air an t-seachdain sa chaidh air a dhol gu math am feabhas. Tha na dotairean ag ràdh nach bi dad air an ùine ghoirid.

Chaidh soitheach-seòlaidh a mhuinntir Eilein a Phrionnsa a bhristeadh air cladach Bhroad Cove Di-luain roimh Latha Nollaig. Bha i air a turus eadar Alberton us St. Johns, Newfoundland, le luchd buntàtas coirce. Tha e coltach gum bi i air a call gu buileach. ’Se bainm dhiSwift Current. ”

Oidhche Nollaig, thug coithional Strath-lorne, còt-uachdair béin don Urr. Domhnull Domhnullach, am ministear aca, agus sporan airgid da mhnaoi. Tha sinn atuigsinn gu bheil Mr. Domhnullach afaighinn air adhart gu math anns a choithional, agus gu bheil an sluagh glé riaraichte leis, mar is math a dhfhaodas iad.

Bha cruinneachadh aca ann aHogamah oidhche Dior-daoin air an t-seachdain sa chaidh, air son airgiod a chur cruinn gus clag a cheannach dhan eaglais. Bha cuirm de nithean matha acan toiseach, agusan sin bha òraidean, órain, agus ceòl aca. Chuireadh am feasgar seachad gu cridheil, agus thug iad a stigh mu tri fichead dolairsa deich.

Chaidh fear Albert Ball, a mhuinntir Balls Creek, a scàldadh gu dona an la roimhe. Bha e stigh leis fhéin aig an àm, agus tha e coltach gun dthàinig laigsair, agus gun do ghreimich e air coire bha air an teine gus a chumail bho thuiteams gun do dhòirt an t-uisge goileach air. Bha e cho dona, ’s gum bfheudar a chur air falbh dhan ospidal.

Rinn bàs Iompaire Ruisia feum dhaibhsan a bhanns na priosain. ’Nuair thainìg an t-Iompairòg air a chrùn, thug e an saorsa do mhoran dhiubh, agus lughdaich e na peanasan a bha air an cur air moran eile. Tha còrr us fichead mile duine anns an Iompaireachd a fhuair faochadh mar sin. Tha àireamh gun rian ann am priosain na dùthcha sin.

Gheibhear ainmean na muinntir a phàigh gu BliadhnUr ann an àit eile. Cha chuir sinn ainmean na feadhnach a phàigheas a mhios so gu toiseach an ath mhios, feuch co meud a bhios ann. Deanadh ar càirdean an dichioll air an àireamh a bhi cho morsa ghabhas deanamh. Gach aon nach do phàigh fhathast, cuireadh e ainm fhéin ris au àireamh, agus gach aon a rinn an dleasnas sin cheana, feuchadh e ri toit air cud-eigin eileainm a chur ann.

Bha dithis dhaoinegearradh coille aig Oxford, N. S., aon la air an t-seachdain sa chaidh agus fhuair iad garaidh mathain. Loisg iad a stigh air agus mharbh iad e. Fhuair iad tri dolair fhichead air an t-seiche.

Than amhach-ghoirt a deanamh sgrios uamhasach ann an Wesley, baile beag a tha ann am Manitoba. Air a mhios a dhfhalbh, chaochail da fhicheadsa ceithir deug leatha, agus ann am baile beag eile, tri milen iar air Wesley, chaochail tri fichead sa sia anns an ùine cheudna. Chan eil dotair no fear-sgil sam bith ann am fear seach fear dhiubh, ’s chan eil dóigh aig an t-sluagh air casg a chur air an euslaint.

Bha fear Arsenault, tuathanach ann an Eilean a Phrionnsa, a falbh gu tiodhlacadh a mhic, an la roimhe agus air dha bhicoiseachd ri taobh a charbaid, ghearain e gu robh efàs lag, agus chaidh e stigh dhan charbad. Cha robh e ann ach beagan mhionaideannuair a chaochail e. Chaochail a bhean o chionn mios, agus nighean dha mios roimhe sin. Bha mar sin na ceithir bàissan aon teagheach an taobh stigh de dha mhios.

Chuireadh latha na BliadhnUire seachad ann an so mar a chuireadh seachad latha Nollaig, gach duinena thigh fhéin. ’Se bu choireach ri sin nach robh moran toileachaidh ann a bhidol a mach, Shil dha no tri dhòirlich de shneachda oidhche Di-luain ach sa mhaduinn thòisich e ri leaghadh, agus mun dthàinig am feasgar bha na sràidean nan eabar, sneachdas poll am measg a chéile. Shil deàrsach mhor uisge air an oidhche.

Chan eil cùisean adol dad nas fhearr ann an Newfoundland. Chaidh an Riaghladh an urras air airgiod-paipear nam bancaichean a bhrist; gheall iad gum biodh 80c air a phàigheadh air a h-uile dolair a bhuineadh do fhear dhiubh, agus 20c dhe gach dolair a bhuineadh don fhear eile. Chan eil an sluagh idir toilichte le so, agus tha iad a cur rompa gun toir iad orra na h-uile sgillinn a phàigheadh. Cha mhor gu bheil airgiod ri fhaotainnsan dùthaich idir, agus than sluagh air an ceangal gu mor as aonais.


Iadsan a Phaigh

D. K. Mac Gilleain, Berwick , Ont.
Fionnladh Caimbeul, Avonmore , do.
D. P. Mac Fhionghain, South Finch, do.
Domhnull Mac Ille-mhaoil, Priceville , do.
Dùghall Mac Gilleain, do.
Calum Mac Ille-mhaoil, do.
Ailein Mac Gille-bhràth, McPherson , N. S.
Domhnull Domhnullach, Ashdale , do.
Mor Nic Cuidhein, Brookline , Mass.
Iain Mac Suain, Ch ’town, P. E. I. (60c)
Gilieasbuig Moireastan, Horn ’s Road, C. B.
An t-Urr. L. I. Mac-a- Phearsain, L ’ Ardoise
A. B. Domhnullach, Meat Cove.
Aonghas Mac Fhearghais, Grand River.
V. A. Mac Ill-fhaollain, Port Hood.


Air son nam biastan—Cherokee Vermifug


DUAISEAN

dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra don MHAC-TALLA eadar so us BliadhnUr. Bheir sinn don neach a gheibh an àireamh as a cheud duais, an neach as fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach as fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas.

I. Caraid nan Gaidheal.
II. Sàr-obair nam Bàrd.
III. Foclair GàiligIc Ailpein.

Bldh iad againn ron bhliadhnuir, ’s bidh iad air an cur gan ionnsuidh-san a choisinn iad cho luathsa bhios fhios againn iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn don phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan as fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an sionmhòrachd.


Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires air son gach àm eile dhen bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.
Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich



[214]

[Vol . 3. No. 27. p. 6]

RIDIRE GHRIANAIG.

Chaneil ach aon oidhche agam gus am feum mi bhi pòsta ris an fhahmair.”

Càite am beil am fhamhair?’

Thas abhéinn-sheilg.’

‘ ’D é an dòigh a thair fhaotainn dachaidh?’

An t-slabhraidh-chòmhraig sin a mach taobh an tighe a chrathadh, ’s chaneil es am fhiorachd nos an fhuarachd, no an ceithir rannan ruadh an domhain, na chrathas i, ach Iain òg mac an t-saighdeir a Albainn, ’s tha e ro òg fhathast: chaneil e ach sia bliadhndiag dh-aois.’

Tha daoine an Albainn cho làidir ri Iain òg mac an t-saighdeir, ged a bhiodh an saighdeir leis’.

Chaidh e machs thug e tarrainn air an t-slabhraidh, ’s thuit e air a dha ghlùn. Dhèirich es thug en ath tharrainn oirre, ’s bhrist tri tinneachan. Chual am famhair sids abhéinn-sheilg,

Ahà!’ arsesan, ’s chuìr e an t-sitheann air gad air a ghualainn, ’s thàinig e dhachaigh.

Co a burrainn mo shlabhraidh-chòmhraig-sa charachadh, ach Iain òg mac an t-saighdeir à Albainn, ’s tha e ro òg fhathast: chaneil e ach sia bliadhndiaga a dh-aois.’

Tha daoìne an Albainn cho laidirri Iain òg mac an t-saighdeir, ged a bhiodh an saighdeir leis.’

Tha sid anns an fhaisneachd againne.’

Tha mise comade è thas an fhàisneachd agaibhse.’

‘ ’D é an dòigh air am math leat thu fcin fhiachainn?’

Ann an cruaidh ghramannan-carachd.’

Rug iad air a cheiles chur am famhair air a dhà ghlùn e.

Is leat mo bheatha,’ arsIain, ‘is is treasa na mise. Fiachamaid car eile.

Dhfhiach iad a chéile rithist, ’s bhuail Iain a shail air an fhamhair, ’s an aobrunn, ’s chuir e air slait a dhroma air an làr e.

Fhithich, arsesan, ‘bu mhath dallanach dhiot a nis.’

Thainig am fitheach, agus dhall as bhodhair e am famhair, ag gabhail da leghob, leìnean, ’s lesgiathan.

Am beil tarrainn airm agad?’

Chaneil,’

Cuir do làmh aig bun mo sgéithe deise-sa, ’s gheobh thu ann corc bheag, bhiorach a bhios agam abuain nam braonan, ’s thoir an ceann de.’

Chuir e a làmh fo bhun sgiath dheas an fhithich, ’s fhuair e corc anns thug en ceann den fhamhair.

Nise théid thu stigh, glanaidh tu fhéin le uisge blàth, gheobh thu am ballán-iochlaint; suathaidh tu riut fhein e, théid thu laidhe, ’s bidh tu gu slan, fallain am màireach. Bidh i so gun taing nas seòlta, ’s nas bialaiche na bha an roimhe, ag iarraidh ort tìlleadh; ach, na toir thusa feairt oirre, ’s bheir thu dhomh-sa gréim tombaca.’

Bheir mi sin, ’s gu dearbhs airidh air thu.’

Chaidh e stighs rinn e mar a dhiarr am fitheach air, An uair a dhéirich e an r n-ath mhaireach, bha e gu slàn fallain.

Is fhéar dhut tilleadh,’ arsa nighean mheadhonach an Ridirr, ’s gun thu fhéin a chur an tuilleadh cunnairt: tha gu leòr de dh-òrs de dh-airgiod an so.’

Cha dian mi sin, gabhaidh mi air maghart.’

Ghabh e air adhart gus an dràinig é gus an tigh anns sn robh nighean bheag an Ridire. Chaidh e stigh, ’s chunnaic e ise fuaghals a miaran fluich le a deòir.

“ ’ thug thusan so?’

‘ ’D é thug thu fhéin ann nach fhaodainn-sa tighinn ann?’

Thugadh mise ann gun taing.’

Tha fios agam air sin.’

An tu Iain òg mac an t-saighdeir à Albainn?’

Is mi, carson a tha thu caoineadh?’

Chaneil de dhàil agam gus am famhair a phòsadh, ach an oidhche so?’

Càite am beil e?’

Tha es abhèinn-sheilg.’

D é an dòigh a thair a thoirt dachaigh?’

An t-slabhraidh-chòmhraig ud a mach a chrathadh.’

Chaidh e machs thug e crathadh oirre, ’s thuit e air a mhàsan. Dh’ -éirich es thug e an t-ath chrathadh oirre, ’s bhrist e ceithir tinneachan dis rinn e toirm, mhòr. Chual am famhair sids abhéinn-sheilg, ’s chuir o an gad sithne air a ghualainn.

Cos an fhiorachd nos an fhuarachd, no an ceithir rannan ruadh an domhain a burrainn mo shlabhraidh-chòmhraig-sa chrathadh, ach Iain óg mac an t-saighdeir à Albainn, ’s mas e thann tha mo dhà bhrathair-sa marbh roimhe so.’

Thainig e dhachaighn a dheann ag cur an talmhainn air chrith roimhesn a dheaghaidh!

An Iain òg mac an t-saighdeir?’

Cha mhi.’

Cos an fhiorachd nos an fhuarachd, no an ceithir rannan ruadh an domhain, a burrainn mo shlabhraidh-chòmhraig-sa chrathadh, ach Iain òg mac an t-saighdeir à Albainns tha e, ro òg fhathast: chaneil e ach sia bliadhndiag a dh-aois!’

Nach ioma h-aon a than Albainn cho laidir ri Iain òg mac an t-saighdeir ged a bhiodh an saighdeir leis.’

Chaneil es an fhàisneachd againne.’

Coma leamd é thas an fhàisneachd agailbhse.’

‘ ’D é an dòigh air am math leat d fhiachainn?’

Snaimeannan cruaidhe, carachd.’

Ghlac iad a chèiles chuir am famhair air a mhàsan e.

Leig as mi, ass leat mo bheata.’

Rug iad air a cheile rithist, bhuail e shail air an fhamhairs an aobrunns leag e e air slait a dhroma air an làr.

Fhithich ghéarr, dhuibh, nam bìodh tun so a nis!’

Cha bu luaithe a thuirt e an facal na thàinig am fitheach. Leadair e am famhair mun aodann, ’s mu na sùilean, ’s mu na cluasan, le a ghob, ’s leinean, ’s lesgiathan.

Am beil tarrainn airm agad!’

Cha neil.’

Cuir do làmh fobhun mo sgeithe deise, ’s gheobh thu corc bheag, bhiorach ann a bhios agam abuain nam braonan, ’s thoir an ceann de.”

Rinn e sid.

Nis,’ arsam fitheach, “gabh fois mar a rinn thun raoir; ’s as uair a thilleas tu le triuir nighean an Ridire gu bearradh na creige, theid thu fhéin sios an toiseach, ’s theid iadsan sios ad dheaghaidh, ’s bheir thu dhòmhsa grein tombaca.

Bheir gu dearbh, ’s math is airidh air thu: so dhut air fad e,”

Cha ghabh mi ach greim, is ioma latha fada gu Bealltainn: tha fhios agadd é tha as do dheaghaidh ach chaneil fhios agadd é tha romhad.’



[215]

[Vol . 3. No. 27. p. 7]

An r na-mhaireach chuir iad an ordugh asailean, ’s chuir iad air am muin an t-òrs an t-airgiod a bhaig na famhairean, ’s rainig e fein agus triuir nighean an Ridire bearradh na creige. An uair a rainig iad bearradh na créige, an earalas gun tachradh tapadh-cion do ghin de na nigheanan, chuir e sios iad, te an deigh te, anns achliabh, Bha tri ceapan oir orra air an deanamh suas gu gasda le daoimeinceapan a rineadh anns an Roimh, ’s nach robh an leithidean ra fhaotainn anns an domhan. Ghleidh ebhos an ceap a bhair an te a boige; bha efeitheamh, ’s a feitheamh, ’s ged a bhiodh efeitheamh fathast, cha tigeadh an cliabh a nios ga iarraidh. Chaidh cach air bord, s air falbh ghabh lad, gus an drainig, iad Grianaig. Bha easn airfhagail an siod, ’s gun doigh aige air faotainn as an aite. Thainig am fitheach far an robh e. “Cha do ghabh thu mo chomhairle.” “Cha do ghabh; nan gabhadh cha bhithinn mar a tha mi.” Chaneil atharrach air, Iain; an t-aon nach gabh comhairle gabhaidh e comhrag. Bheir thu dhomhsa greim tombaca.” “Bheir.” “Ruigidh tu tigh an fhamhair agus fanaidh tu ann an nochd.” “Nach fan thu fein leam a chur dhiom mo chianalais.” “Chan fhan; cha fhreagair e dhomh.’ An lar na-mhaireach thainig am fitheach far an robh eTheid thu nis gu stabull an fhamhair, agus ma bhios tu tapaidh tha steud an sin as coingeis leatha muir no tir, a dlhfhaodas do thoir; as na casan so.” Dhfhalbh iad comhla, ’s thainig iadgus an stabullstabull cloiche, air a chladhach a stigh ann an creig, agus dorus cloiché ris. Bhan dorus aclapadh gun stad, air ais sair aghaidh o mhoch latha gu h-oidhche, ’s o oidhche gu lathaFeumaidh thunis faire, arsam fitheach, ‘agus cothrom a ghabhail, feuch an dean thu dheth dol a stigh an uair a bhios e fosgailte, gun edheanamh greim ort.’ ‘ ’S fearr dhuitse fheuchainn an toiseach, on as tus eolaiche.’

(Ri leantuinn.)


An duine a bheireadh achmhasan don t-saoghal gu leir bu choir dha fhein a bhin a dhuine do nach burrainn don t-saoghal gu leir ach-mhasan a thoirt.


Minard ’s Honey Balsamaon uairs na h-uile h-uair.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mhathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan



[216]

[Vol . 3. No. 27. p. 8]

Comhairle don Talmach.

Le MR. SEUMAS MAO-GRIOGAIR, D. D.

O! ’s a Thalmaich, a ghraidhein,
Gur ro aite leam slan thu,
Bha do chridhe dhomh cairdeachs do chomhradh.

Thug thu comhairle chaoin domh,
Thug thu earail le gaol domh;
Gabhaidh manam gu caomhail ri mbheo iad.

Thug an Tighearna ghras duit,
Agus atharrachadh nadair,
Thug e sud duit is talannan boidheach.

Ach cha drinn e thu foirfe
Air talamh na coirbteachd,
Uime sin bi a toirmeasg na feola.

Gabh-sa comhairle uam-sa,
Bheir mi seachad gu suairc i,
Ann an eirig na fhuair mi gun sgleo uait.

Tuig cuilbheartan Shatain,
Gur ro mhiann leis do thaladh
Gu bhiciurradh lag ghras na cloinn oga.

Gur h-e fear-casaid nam braithrean,
Gur toil leis aimhreit nan cairdean,
Gun math leis aimhleas dan gradh is dan solas.

Thig e ugad mar aingeal,
No mar namhaid an aingidh,
Ghabhail fath ort is amgu do leonadh.

Gu bhicur amharais fhiat ort
Mu luchd-leanmhuinn na diadhachd,
Is gu iad-sa chur dian air do thorachd-s’ ,

Their e riut-sa gu sgaìrteil
Gur tu fear-seasamh a cheartais,
S gu bheil iad-sann an clais taobh an ròide.

Their e riu-san ga seangant
Gu bheil thusanad chealgair,
Nach h- ’eil do choireannan ainmics gur mor iad.

Theid an sin bhur da ardan
A chogadh dian ann sna blaraibh;
Seo a chosnas ach namhaid bhur solais?

S miann leis thusa chur taire
Air do chothromsan ait so,
Sesior mholadh na dhfhag thusan Eorpa.

On tha fios aig an namhaid
Nach e idir na dhfhag sinn,
Ach na thagainn an drasdani foghnadh.

S miann leis Eachann is Calldair
Bhinam fath dhuinn air calldach,
Ged nach fheil an nis thall ach an ceo dhiu.

Mar be mhiann san t-sean Eaglais
Deagh Apollos is Peadar,
Bhinam milleadhsan teagasgthug Pol daibh.

Tha mi grios ort, Gabh curam,
Grad fhosgail do shuilean,
Seachainn Satansa chuilbheirtean seolta.

Gabh an Spiorad gu gradhach
O laimh an Athar as airde,
Chums gun cuir e do ghrasan am moid dhuit.

Bi claoidheadh ardain a chridhe,
Bi iosal daimheilnad shlighe,
S ruig an tobar gu dnigheadh gach lo ann.

Na bi togairt gu freanas,
Is na h-iarr a bhi dreamach,
On is cinnteach gun crean thu gu leoir orr

Agus cuimhnich gu h-araidh
Gun cleachd thu an gradh sin
A thug Criosd mar an aithne as mo dhuinn.

Gradh fad-fhulangach, caomhail
Gradh fad-fhaighidneach, faolaidh,
Gradh as ciataiche smaointeans e oirdheirc.

Gradh o chreideamh ro dhearbhte,
Gradh o chridhe neo-chealgach,
Gradhbheir umhlachd neo-chearbach gu deonach.

Gradh gun fhalachd, gun fharmad,
Gradh gun diobradh, gun dearmad,
Gradh ro mhins e gun searbhas, gun mhor uaill.

S na dean an urnaigh a chaomhnadh;
Tha mor fheum aig gach aon oirr’,
S aig an fhearthana aodhair gu sonraicht’.

Biodh am facal leat priseil,
Cuir an cleachd e le dichioll,
Bheir e teagasg ro dhileas is seol duit.

Bighnath ro mheasail mun t-searmain
Is meadhon sonraichte dearbhti
Gn bhig altrum nan leanabans gam foghlum.

Gabh an fhirinn mar theagasg,
Is a chaoidh na cuir teagamh
Nach sabhail a creideamh fa dheoidh thu.


Chaidh fear Raonull Mac Leoid, a mhuinntir an Uillt Mhoir, a mharbhadh, air a 15mh latha den mhios a dhfhalbh, le craobh a thuiteam air. Bha e féin us feadhainn eile ag obair anns achoille, agus thàinig te dhe na craobhan a bha iad a leagadh, gun fhios da, agus bhuail i air mun druim, ’ga leònadh cho donas gun do chaochail e an ceann cheithir latha. Bha e na dhuine bha riamh fo dheagh chliù, agus bha e glé mheasail aig na h-eòlaiah uile. Cha robh e posdidir.

Bha stoirm mhor shneachda aca ann an Cuibeicsan Ontario, ’s anns na Stàitean air an t-seachdain sa chaidh. A bhos na taobhannan so, cha dfhairicheadh i, ach shil frasan troma de dhuisge.

Mur urrainn duit a bhi ann ad abhainn mhoir agiulan luingis lan beannachaidh thar an t-saoghail, faodaidh tu a bhi ann ad fhuaran beag ri taobh rathad-mor na beatha aseinn gu ceolmhor a lathas a dh-oidhche agus atoirt cupan de uisge fionnar don fhear-thurais airsnealach, sgith a bhios agabhail seachad.

Minard ’s Honey Balsam,Leigheas cinnteach

Tha saothairn a leagheas ach beag air son gach truaigh. Na bi-sa aonaranach, diomhanach, cianail. Cha dthugadh beatha do mhac an duine, gu bhi air a caitheadh ann am bruadaraibh, agus am faoin-smuaintibh, ach air son dichill bheothail, ghniomhaich; seadh, air son dichill a thig chum maith aig acheann thall dhoibh-san uile a chleachdas i.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Soithichean Creadha agus Glaine.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh

Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris as fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B
Feb.

titleIssue 27
internal date1895.0
display date1895
publication date1895
level
reference template

Mac-Talla III No. 27. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page