[217]

[Vol . 3. No. 28. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH, 12, 1895. No 28.


Duanag Ghaoil.

Thainig an gille dubh,
N raoir na blaile-so;
S trom mo cheum,
Oo threig do ghealladh mi.

Gur mis tha gu tinn,
Le goirteas mo chinn,
S ged rach mi na chill,
Cha phill mo leannan mi.
Thaiuig an gille, &c .

S e mulaidhs mo ghràdh,
Fear dubh agus bàn;
Chan innis mi chach,
Gu brath, do ghealladh dhomh.

Than gille dubh caol,
N a laidhe s an fhraoch;
S a ghunna ri thaobh,
Ben fheudail fhalaich e.

S tu marbhaich an fheidh,
S acholich air geig,
S abhric air on leum
S gun reibten eala leat.

N uair lubadh tun glùn,
S a chaogadh tun t-sùil;
Bhiodh eilid nan stùchd,
S a cùl ri talamh leat.

S deirge do ghruaidh
Na suidheag nan bruach
Thug mise dhuit luaidh
Geds cruaidh ar dealachadh.

Gur guirme do shùll,
Nan dearcag fon driùchd:
S gur finealtdo ghnuis,
No ùr-ros mheanganan.

Mo bheannachd ad dhéigh,
Ma dhfhag thu mi féin;
Ach guidheamaid céile,
Beusach, banail dhut.


BAIS

Aig Uisge Fhramboise, air an latha mu dheireadh dhen bhliadhna dhfhalbh, Mairearad, bean DhomhnuillIc Fhionghain, mu dha fhichead bliadhna dhaois. Dhfhàg i teaghlach lagna deigh.

Aig Loch Lomond, air a mhois a dhfhalbh, Gertie Brene, nighean bheag a bha fuireach còmhla ri Coinneach F. Mac Asguill, agus Cairistiona a bhean. Bha i maoi bliadhnas seachd miosan a dhaois.


Minard ’s Honey Balsam,Leigheas cinnteach


AGhardhealtachd.

Bha stoirm mhòr aca anns a Ghàidhealtachd air an t-seachdain roimh Nollaig a rinn call mòr air muirs air tir. Bha tri bàtaichean iasgaich air an call anns a Bhàigh Leathann, ’an Leòghas, agus bha h-uile duine bhair bòrd (20) air am bàthadh. Thòisich an stoirm Diordaoin no Di-haoine, agus bha i sior dhol am mothaid gu tràthsa mhaduinn Di-sathairnenuair a sguir i. Bha na h-iasgairean fad na h-ùinefeitheamh gus am faigheadh iad cothrom air a dhol am mach, agusnuair a dhfhàs an t-side ciùin, chuir iad am mach, ach cha robh iad ach gann aig an obairnuair a shéid a ghaoth na bu làidire na bha i roimhe, agus chaidh mòran dhe na bátaichean fhuadach air falbh, agus mar a thuirt sinn roimhe bha tri dhiubh air an cur thairiss na daoine bhannta air an call. Bha tri bàtaichean eile air am bualadh air na creagan, ach gu freiasdalach, fhuair an sgiobachan iad fhéin a thearnadh, Biasgairean a h-uile duim chailleadh; bha iad adeanamh am beòlaind eadar iasgach us tuathanachas. Bu dhaoine cliùiteach, measail iad uile, agus tha mar a dhéirich dhaibh an deigh gruaim a chur air Leoghas ais fad. Cha do thachair ni cho cianail mu chladaichean an Eilein Fhada o chionn deich bliadhna fichead, ’nuair a chailleadh deich duine fichead. Faisg airPortroy,” bha soitheach air a call agus bhàthadh cóignear.

Cha robh an stoirm dad na bu lugha air tir. Ann am Baile-mhàrtuinn, ’an Tirithe, bhan Eaglais Shaor, togalach trom iaruinn, air a togails air a tilgeadh dhan mhuir, tri cheud slat air falbh. Bha carbad a Phosta tha ruith ann am Muile air a thilgeadh thairis leis an stoirm tri uairean agus cha robh ann ach gun dfhuair am fear a bha falbh leis as le a bheatha.


Cherokee Vermifugeair son nam biastan


Sean Fhacail.

Gunnaiche mor gun srad fhùdair.

Gus am faigh thu deoch as fhearr nam fiom, chan fhaigh thu biadh as fhearr nan fheèil.

Gus an tràighir a mhuir le cliabh, cha bhi fear fial falamh.

Gleidheadh a chlamhain air na cearcan.

Gleidheadh an t-sionnaich air na caoraich.

Innsidh ùineh-uile rud.

Ionnsaich do dsheanmhair brochan a dheanamh.

S àirde tuathanach air a chasan na duin’ -uasal air a ghlùinean.

S aithne don chù a choire fhéin.

S amaideach a bhicur a mach airgid a cheannach aithreachais.

Is ann a bhios a chòir mar a chumar i.

Is ann air a shon fhéin a nin cat an cronan.

S ann air deireadh an lathas fhearr na Donallaich.

S ann an àm a chruadail a dhaithnichear na càirdean.

S ann an ceann bliadhna dhìnnseas iasgair a thuiteamas.

S ann an uair as gainnem biadh is coir a roinn.

Chan uaisle duine nacheaird.

Cha robh call mor gun bhuinig bhig.

Cha robh caraid riamh aig duine bochd.

Cha robh bàs fir gnn ghràs fir. Cha robh briagach nach robh bradach.

Cha robh duine riamh gun latha ach am fear gun lathidir.

Cha robh thu as tigh an uair a chaidh an ciall a roinn.

Cha tèid an sionnach nas fhaide na bheir a chasan e.


Minard ’s Family Pills,glan, fallain.



[218]

[Vol . 3. No. 28. p. 2]

AN TEINE MOR.

(Willo the Wisp. )

Oraid a sgriobhadh do Chomunn Gailig Inbhirnis, mun am so an uiridh.

Le IAIN.

On a bha gach neach aig an àm ud acreidsinn gur baobh a bhann am bean Challum Shagairt, agus gur h-ann a chionn gun dfhuair i a guidhe a bha h-inghean afalbhna meall teine air feadh na dùthchadh, bha gràin an uilc aca oirre. Tuigidh sinn so on cheathramh òrain a leanas:—

Nam biodh Callum Sagart marbh,
Dhfhalbhamaid le crùisgean;
Nam biodh Callum Sagart marbh,

S echuireadh an sogan oirinn;
Nam biodh Callum Sagart marbh,
Dhfhalbhamaid dhachaidh ler fuighcall

Dhionnsuidh na cailliche duibhe;
Bhean as miosa thann an Uidhist;
S buidhe leam nach leam i.”
Nam biodh Callum Sagart marbh &c .

Chaneil air chuimhne agam den òran ach so, ged a tha fios agam gun cuala mi tuilleadh dhe o chionn corr is fhichead bliadhna.

A réir mar a chuala mise an uair a bha mi óg, bhaAn Teine Mòrrifhaicinn mar an ceudna ann an Eirinnsan àm a dhfhalbh. Bann mar a leanas a bha iad atoirt cunntas air mar a thòisich e.

O chionn fadan t-saoghail bha gobhafuireach ann an gleannan uaigneach a thann an aon de choig chòigibh na h-Eirionn. An ceann àireamh bhliadhnachan an deigh dha pòsadh bha teaghlach trom, lag aige. Ged a bha ena ghobha cho maths a bhanns an dùthaich rilathas rilinn, agus cho dichiollach gu obair ri fear sam bith, bha barrachdsa dhiol aige ridheanamh mun cumadh e a bheans a chlann ann am biadh agus ann an aodach. Cha bhiodh éis sam bith air fhein no air a theaghlach, nam faigheadh e pailteas obrach ri dheanamh, agus pàigheadh air a shon. Ach gu mi-fhortanach, cha robh an obair, mar bu trice, ach gann; agus cha robh efaotainn ach fior bheagan pàighidh air son na bha edeanamh a dhobair. Bliadhna dhe na bliadhnachan thàinig cùisean cho cruaidh airs gu robh eagal air gu faigheadh a chlann am bàs air le cion abhìdh. Rud nach bioghnadh, chuir soinntinn glé mhòr troimh a chéile. Ach cha robh an dragh-inntinn so acur ni sam bithna rathad a dheanadh feum dha. Thuirt e uair is uair ris fhein, gun gabhadh e cuideachadh ged a bann ondroch fhearfhein a gheibheadh e e.

Air feasgar anamach àraidhs an gobha ag obair anns acheardaich, thàinig coigreach a steach don cheardaich agus chuir e fàilte rir aghobha. Thòisich iad ri còmhradh mu chaochladh nithean. Mu dheireadh thuirt an coigreach ris aghobha, “Cha chreid mi fhein nacheil do dhiol agad fhein ri dheanamh do bhean agus do chlann a chumail ann am biadh agus ann an aodachs na bliadhnaichean cruaidhe a than so.”

Ma ta tha sin agam, an uair is pailte an obair agus is fhearr am pàigheadh. Ach air abhliadhna so than saoghal air thur a dhol amaghaidh buileach glan,” arsan gobha.

Ciod a bheireadh tu do dhfhear a bheireadh dhuit na mhiannaicheadh do chridhe de dhòrs de dhairgiod,” arsan coigreach.

Bheireadh rud sam bith a dhiarradh e orm, agus a burrainn domh a thoirt dha,” arsan gobha.

Ma gheallas tu dhomhsa gu falbh thu comhladh rium bliadhna o màireach, bheir mi dhuit de dhòrs de dhairgiod na chumas tu fheins do theaghlach cho math air bhur dòigh ri bhur beò ri àrd-rìgh na h-Eirionn. So mar a ni mi riut; a h-uile uair a chuireas tu do lamhna do phòcaid dheis, bidh i loma-làn òir, agus a h-uile uair a chuireas tu do lamh annna do phòcaid chlì, bidh i làn airgid. Ged a bhiodh tu asior thoirt an òir agus an airgid as do phòcaidean, bidh iad làn a h-uile uair a chuireas tu do lamhan annta. Ach thoir do cheart aire nach cuir thu air aisna do phòcaidean aon bhonn a bheir thu asda, ar neo ma chuireas, bidh iad falamh an latha sin,” arsan coigreach.

Ach bu mhath leam fios fhaotainn cia mar a dhéireas dhomh fhéin ma dhfhalbhas mi comhladh riut. Ged a than tairgse gu math, ’s tha i sin, tha e cruaidh leam dealachadh ri mo mhnaois ri mchloinn,” arsan gobha.

Bidh tu,” arsan coigreach, “air an aon charadh rium fhein; agus ma bhios do bhean deonach falbh leamsa uair eiginnna dheigh so, faodaidh i sin a dheanamh. Ach cha bi cuid no gnothach agam ri do chuid cloinne gus am bi iad cho seans gu faod iad falbh air an urradh fhein. Ma tha thusa glic gabhaidh [ ? ]gse a tha mise atoirt dhut. Chan ann a h-uile lathagheibh thuleithid. Faodaidh tu mun dthig ceann na bliadhna pailteas a dhórs a dhairgiod a chur ma seach air son do mhnas do chloinne.”

Chòrd an tairgse anabarrach math ris aghobha, agus thuirt e ris fhéin gun gabhadh e i, agus gun gabhadh e an urra ris am àm ri teachd. “Chaneil fhios bhios beò bliadhna on diugh. An uair a thig e air mo thòir, cuiridh mi Dia eadar mis e,” arsan gobha ris fhein.

Se a thàinig as achùis gun do gheall an gobha gu falbhadh e comhladh ris, nan tugadh e dha an t-òrs an t-airgiod mar a gheall e.

Bha ausgadh aig aghobha fad na h-ùine a bhan coigreach abruidhinn ris nach robh ann ach androch-fhear;” agus tiotadh mun dfhalbh e as acheardaich thàinig lasag as an teallach, agus thug an gobha an aire gu robh na casan a bhair coltach ri ladhran muice. An uair a chaidh e mach air dorus na ceardach chaidh e as an t-sealladh ann am priobadh na sùl.

Is e an droch-fhear a bhann gun teagamh sam bith,” arsan gobha, “Tha min sàs aige; ach ma chumas e a ghealladh riumsa gu cionn lathas bliadhna, ni mi mfhortan, agus faodaidh gun teid agam air a char a thoirt as an uair a thig e.”

Smaoinich an gobha gum bu chòir dha falbh dhachaidh. Bhachòta an crochadh air stobs acheardaich, agus an uair a thug e lamh air gus a chur uime fhuair e e ni bu truime na babhaist dha bhith. Ciod a biongantaiche leis na pòcaidean achota bhith luma-làn òir is airgid. Bha car de sgáig air roimhn òrs roimhn airgiod, a chionn gur ann ondroch fheara fhuair e iad; ach thuirt e ris fhein gum bu cho math dha feum a dheanamh dhiubh on a fhuair e iad.

Cha robh fios aige ciod air an t-saoghal an dòigh air am bfhearr dha am fortan a thàinigna rathad innseadh don mhuaoi. Bha eagal air nach biodh i réidh ris, nan innseadh e dhi facal air an fhacal mar a bha eadar e fhein agus androch-fhear.” Bha e làn-chinnteach nach biodh i idir toilichte a chionn gun do gheall e falbhs a fàgail ann an ceann a teaghlaich aig ceann na bliadhna. An uair a bha e greis mhath adol fosmaointean mun chùis, is e bhuail anns acheann aige, gun abradh e ris a mhnaoi



[219]

[Vol . 3. No. 28. p. 3]

an uair a rachadh e dhachaidh, gun dthàinig coigreach don cheardaich, agus gun dinnis e dha gu robh mòran ulaidh an tiodhlacadh fo ùrlar na ceardach, agus an uair a chladhaich e fon ùrlar, gun dfhuair e mar a thuirt an coigreach ris.

An uair a chaidh e dhachaidh bha ioghnadh air a mhnaoi ciod a bhaga chumail cho fads acheardaich, agus bha i glé ghreannach, frithir ris fhein agus ris ochloinn. Cha ruig so a leas abheag a dhioghnadh a chur air neach sam bith; oir cha robh na bhiadhadh am t-isean circe de bhiadh an taobh a staigh den dorus aice an oidhche ud.

Biodh misneach mhath agad, a bhean,” arsan gobha, “Cha bhi do thaigh oidhche ri do bheò cho falamhs a tha e an nochd.”

Chaneil fhios,” arsises ifreagairt gu cas, frionasach, “cia mar a bhios sin. Tha mise agus na pàisdean truagha air thuar a bhith bàs co dhiubh, agus chan e do chuid-sa dheth dad is fhearr.”

Dean thusa foighidin gus an innis mise mo naigheachd dhut, agus theid min urras gum bi thu toilichte gu leor,” arsan gobha: “ach chan fhaod mi facal innseadh dhut ann an éisdeachd na cloinne, no ann an éisdeachd neach sam bith eile.”

An uair a chuireadh achlann a laidhe thòisich an gobha ri innseadh mun ulaidh. “Bha mi,” arsesan, “ag obair anns acheardaich ann am beul anamach na h-oidhche, agus thàinig duine àrd, dubh a steach, agus sheas e aig cùl an doruis. Chuir e fàiltorm, agus chuir mi fàiltair. Thòisich sinn as a sin ri còmhradh mu chaochladh nithean. Mu dheireadh thàinig sinn gu bhithcòmhradh mu shuidheachadh an t-sluaigh air feadh na dùthchadh. “Cha chreid mi fhein,” arsesan, “nacheil thu fheins do theaghlachg a ruith glé chruaidhsan àm so.”

Tha gu dearbh,” arsa mise: “nam faighinn mar a dheanainn a dhobair agus duais riaghailteach air son mo shaoithreach, cha bhiodh éis bidh no aodaich orm fhein no air mo theaghlach. Ach ciod is urrainn mo leithidsa a dheanamh, ged a tha ceaird agam, an uair nach fhaigh mi obair, no pàigheadh air a son, ged a gheibhinn i.”

Ma ta,” arsesan, ’s egam fhreagairt, “is beag a ruigeas tusa leas a bhithga ruith cho cruaidh agus pailteas òir is airgid an tiodhlacadh fo ùrlar na ceardach. Cladhaich fon innean, agus gheibh thu am pailteas ann. A h-uile uair a bhios éis ort thoir leat dhachaidh luma-làn do phòcaidean. Na biodh caomhnadh sam bith agad air. Cha teirig na thann dhut ri do bheò.” Agus mar dhearbhadh gu robh e ag innseadh na fìrinn, thug an gobha làn a dhà chròige den órs den airgiod as a phòcaidean, agus thug e don mhnaoi e.

Cha robh fios aig a mhnaoi ciod a theireadh i. Chan fhaca i uibhir a dhòrs a dhairgiod còmhladh mu choinneamh a shùl riamh roimhe. Thug i taing don fhreasdal a chuir a leithid de phailteasna làmhan.

Cha robh éis air aghobha no air a theaghlach, oir bha pailteas airgid is òirna phòcaidean a h-uile latha. Rud nach bioghnadh, chuir e gu leòr ma seach. Is gann a bha àite aige a chumadh na bhaige a dhòrs a dhairgiod.

Ach cha robh e fhein nobhean adeanamh ana-caitheamh sam bith air am maoin, air eagal gun gabhadh na coimhearsnaich amhrus nach bann air dhòigh cheirt a fhuair iad i. A dhaindeoin cho faicleachs gu robh iad bha e air aithris am measg an t-sluaigh, gu robh an gobha ann an co-bhainn ris androch-fhear.” Cha robh teagamh aig neach sam bith nach robh òr is airgiod tuilleadh is pailt mu làimh aghobha. Thog e taighean ùra. Bha crodh is eich is caoraich aige. Bha airgiod gu math pailtna phòcaid aig gach àm; ach cha burrainn duine beò a dheanamh a mach cia mar a bha etighinn cho math air aghart.

Bhan gobha gu nàdurrana dhuine fialaidh. An latha bu chruaidhe a bhan saoghal riamh air bheireadh e biadh is leaba do dhuine bochd sam bith a thigeadh thun an taighe aige. Neo-ar-thaing nach robh e fialaidh an ùair a bha pailteas airgid an còmhnuidhna phòcaid. Thachair dha air feasgar àraid a bhithtighinn dhachaidh bhar a thuruis a ceann eile na dùthchadh. An uair a bha edlùthachadh ris an taigh thachair seann duine liath ris. Chuir e fàilte chridheil air an t-seann duine, agus dhiarr e air a dhol thun an taighe maille ris. Ghabh an seann duine an cuireadh a fhuair e. Thug an gobha agus a bhean aoidheachd dha an oidhche sin a cheart cho cridheils cho caoimhneils ged a be fear a buaisle a bhiodh anns an dùthaich. An -iar-na-mháireach an uair a bhan seann duine afalbh chaidh an gobha maille ris gus a chur thairis air an allt. An uair a bhan gobhadealachadh ris, thuirt an seann duine, “Air son cho caoimhneils a bha thu rium on a thachair thu orm an , bheir mi dhuit tri nithean sam bith a dhiarras tu orm. Thoir an aire gun iarr thu nithean a ni feum dhut.”

(Ri leantuinn.)


Air son nam biastan—Cherokee Vermifug.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.

A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.

Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.

Call and Examine Stock.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.



[220]

[Vol . 3. No. 28. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney Cape Breton.


SIDNI, IANUARAIDH 12, 1895.

A réir a chùnntais mu dheireadh, tha glé fhaisg air còig ceud deug muillein sluaigh air an t-saoghal. Tha còrr us leth na h-áireamh sin anns an Asia leatha fhéin, agus còrr us leth sin a rithist, no ceithir cheud muillein, ann an Sìna.

Ged tha an geamhradh so briagha, blàth, cho fadsa thàinig e, chan eil e richoimeas ri geamhraidhean a chunnaic daoine anns na bliadhnaichean a dhfhalbh. Anns abhliadhna 1172, bhan aimsir cho blàth ann am Breatuinns gu robh an duilleach air na craobhanam mios deireannach agheamhraidh; agus thug na h-éóin a mach linnteanan ceud mhios an earraich. Anns abhliadhna 1431, bha na craobhan-meas fo bhlàth anns aMhàrt, agus bha na dearcan-fiona abuich mu Bhealltuinn. Anns na bliadhnaichean 1572 agus 1585, bha n aimsir dìreach mar bha isa bhliadhna 1172; bha na craobhan fo dhuilleacham mios deireannach agheamhraidh, agus bha na h-iseanan aig na h-eòin ceud mhios an earraich; tha e air a ràdh cuideachd gu robhn t-arbhar fo dhèis mun chàisg.

Tha sinn a tairgse ioma taing do na cairdein a thacur thugainn pàigheadh a phaipeir, agus a cur fàilte chridheil onasan a thaga ghabhail as ùr. Gu ma fada beò iad uile! Tha sinn an dochas gun chuinn sinn bho mhoran eilean ùine ghoirid. Ma theid Clanna nan Gàidheal an guaillibh a chéile chan eagal dhan Ghàilig, a chainnt as fhearr air thalamh.


Litir as an Iar-Thuath.

Fhir Deasachaidh Ionmhuinn: —Bhon tha Bhliadhnur atarruinn dlùth, smaointich mi gu robh an t-àm agam an dollair a chur air adhart, rud a tha mi nise deanamh leis a h-uile deagh dhùrachd dhan Mhac-Talla, agus ag guidhe soirbheachadh math dha air abhliadhna tha nis aig làimh.

Bi mifaicinn bho àm gu àm litrichean anns aMhac-Talla as gach cearna, ach chan fhaca mi guth riamh ann as a chuid so dhen t-saoghal, ged tha Gàidheil gu leòr ann. Thàìnig iad uile ach fior theagan à Uidhists tha iad uile gun dith gun deireas ged tha gorta ann an iomadh àite eile. Cha dean mi dad as fhearr na beagan rannan air buadhan an àite chur thugaibh. So agaibh iad:—

Gun dean mi duan chur suas gun dail
Air sgàth na tir tha fiallaidh,
An tir tha greannmhor, fonn an àigh,
Ged theireadh cach nach bfhiach i.

Do ghlinn làn lus as caoine blàth,
Bha t-àird fo bhàrr aig ciadan;
Tha measnad phreas maraons air làr,
S air driùchds am bláthsgam biathadh.

Ma bhios do dhùthaich dhut car fàs,
Cuir ort us fàg a criochan,
S ma bhios tu stuama sona thráth,
Gu sgur gu brách a riasladh.

Sioma aon tha anns an àit
Dham baithnen cáss gach miar dhe,
Atighinn a nall bu ghann an làmh,
Ach fhuair iad fàth bhi riararcht’.

An sealgair calma dhearbh a làmh,
Gu sealg dem fáth dha ialaidh?
Cha dean fear aran gun an t-àit,
S chan fhaigh en t-áit gun iarraidh.

Gur lionmhor aon bheir sgeul bhios cearr,
Nach fhaic gu bràch na criochan,
Air fuachd us teas, ’s mu threubh an àit,
S gu h-àraid ma chuid bhiastan.

Thasmùdan féin á ceann gach fòd,
S chan eòl càs nach fhior e
Ma thigsan t-samhradh greann air la
Gu faod sinn tàmh bho shianntan.

N uair thig an geamhradh teann gun bhàigh
Le bhrataich bhàin dhar criochan,
Ged bhios an t-àm car gann de bhlàth,
Bidh slàint gach mar riadh leis.

S ann bhios sinn daonnan air ar cnàmh
Mar shearg gu làr na biastan,
S cho beagsa chi sinn dhe chuid nàis
Tha faoillidh, bàigheil, ciallach.

Seumas N, MAC FHIONGHAIN,
Earlswood , N. W. T., Dec. 28, ’ 94


Minard ’s Honey Balsamaon uairs na h-uile h-uair.


FLUR
$3 .50 am barailte,
Air son airgid. Theid sinn an urras gun dean e deagh aran.

BROGAN BHAN
$1 .00 am paidhir.
Tha iad laidir agus air an deagh dheanamh.

STOC MOR DE BHATHAR UR.
aig
JOST BROS.
Sid. B., Nov. 9, ’94.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[221]

[Vol . 3. No. 28. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Latha roimh la Nollaig, mharbh fear Domhnull Smith, ann an Smithfield, an Guysboro, mathan mor a thomhais coig ceud punnd.

Than t-Urr. Mr. Forbes beagan nas fhearr, ach tha e tinn gu leòr fhathast. Tha an t-Urr. Mr. Mac Glaisein ri searmonachadhna àite am màireach.

Chuir ceannaiche ann an Sidni Tuath mile maigheach air falbh gu St. Pierre Di-sathairne s a chaidh. Tha feill mhor air sitheann mhaigheach am measg nam Frangach.

Chuir a Mhéinn a Tuath a mach da cheuds deich mile fichead tunna guail (230,000) air a bhliadhna sa chaidh. Rinn i na bfhearr na aon sam bith eile de mhéinnein Cheap Breatuinn.

Chaidh an soitheachSaxonair tir aig Glace Bay feasgar na Sabaid. Thugadh roinn mhòr dhen luchd aisde Di-luain, ’s iadan dùil gu robh i gu bhi air a brìsteadh, ach an deigh sin fhuaireadh a toirt bhar tire, agus thugadh gu Sidni Tuath i gu bhi air a càradh.

Bidh aig muinntir a bhaile so riMayora thaghadh air a 5mh latha dhen mhios sa tighinn. Tha Mr. Harrington, a thasan dreuchd sin a chionn bhliadhnadolga leigeadh dheth. Tha dithis eiledol a dhfheuchainn ri faighinn a stigh, Mr. Cailein Mac Fhionghain, agus Mr. A. J. Domhnullach.

Bha Mr. D. D. Mac Coinnich à Sidni Tuath, air a ghoirteachadh gu dona ann aHalifax latha tòrraidh Shir Iain Thompsoin. Bha e-fhéinsa bheans cuid-eigin eilenan seasamh ann an sleighe, agabhail beachd air a chuideachd a bha leantuinn aghiùlain, agus ghabh an t-each eagals thug e leum air adhart, ’s bha iad nan triùir air an tilgeadh as an t-sleighe. Bhuail ceann Mhr. ’Ic Coinnich air an t-sràid, ’s rinneadh gearradh grànda air. Bfheudar do na dotairean an gearradh fhuaigheal. Tha sinn a tuigsinn gu bheil e air a dhol gu math nas fhearr, agus tha sinn an dochas nach bi sion air an uine ghoirid.

Chaidh nighean bheag le Padruig Roachsa Mhèinn Uir(Reserve), air chall feasgar na BliadhnUire, agus cha dfhuaireas sgeul oirre uaithe sin, ’s chan urrainn duine a dheanamh mach dhéirich dhi. Chaidh i mach mu cheithir uairean a cheannach mhilseanan; ràinig i an stòr aig Tomas Henneseys dhfhàg i ga tilleadh dhachaidh agus chan fhacas i uaithe sin. Bha mu leth-mhile dhastar eadar an stòrs tigh a h-athar, ’s bha i glé eòlach air. ’N uair nach dràinig i dhachaidh ghabh a pàrantan an t-eagal, agus thionndaidh iad fhéins an coimhearsnaich uile machg a h-iarraidh, ’s lean iad air siubhal fad na h-oidhche. Agus a h-uile latha uaithe sin tha iad am mach; aon latha bha cóig ceud duineg a h-iarraidh. Ach cha dfhuaireadh fios sam bith oirre shios no shuas. Tha e doirbh fhios a bhi thigeadh rithe.

Tha Siorramachd Antigonish a nise, le bàs Shir Iain Thompsoin, gun fhear-pàrlamaid. Tha bruidhinn aca air a mhac Ioseph Thompson a chur a stighna áite. Mases gun tachair sin bidh am mac agabhail àiten athar.

Rinn an stoirm call mor ann am Margaree air an t-seachdain roimhn t-seachdain sa chaidh. Chaidh suas ri fichead drochaid a sguabadh air falbh, agus bha shoitheach air an cur bhar nan acraichean, ’s dhiubh air a tur mhilleadh.

Agus a nis aon uair eile tha iad ag innse dhuinn gu bheil an rathad-iaruinn eadar Orangedale us Broad Cove ri dhol air adhart gun dàil. ’S ioma uair a chuala sinn roimhe e, agus tha cuid dhen bharail gun cluinnear fhathast e. Ach dhfhaoidte nach cluinn. “Ge fad an duan, ruigear a cheann.”

Tha iad ameas gu robh mu mhilair fhichead duine air stràidean Halifax latha tòrraidh Shir Iain Thompsoin. Bha eadar coig us sia cheudan dhiubh à Ceap Breatuinn. Bhan giùlains an sluagh a bhag a leantuinn dhionnsaidh na h-uaghach, ’na shealladh a bfhiach do dhuine sam bith a dholga fhaicinn.

Chaidh an carbad-iaruinn thairis air seann duine bochd, dom bainm Uilleam Armstrong, aig Toronto air an t-seachdain sa chaidh; chaidh a dha chas a ghearradh dheth, alàmh a bhristeadh, agus a cheann a ghoirteachadh. Tha e anns an ospidal, agus tha na dotairean ag ràdh nach urrainn da dhol am feabhas.

Chaidh an tigh aig Iain Mac Néill, French Vale, ’na theine maduinn Di-luain air an t-seachdain sa chaidh, agus chaidh sàbhaladh gle chaol air fhéins aìr a theaghlach. Dhùisgeadh e air feadh na h-oidhche leis an toit, agus fhuair en toiseach a bheans pàisde beag a thoirt a mach; an sin thug e chuid eile dhen chloinn am mach, duine ma seach, ach bhan teine cho fad air adharts nach dfhuair e uireads an cuid aodaich a shàbhaladh.

Chaidh fear Domhuull Dunn a mhuinntir Cheap Breatuinn a mharbhadh air an rathad-iaruinn aig Malden, Mass., oidhche Chiaduinn air an t-seachdain sa chaidh. Bha eg obair anns na Stàitein o chionn còig no sia bhliadhnaichean. Bha e anns an ospidal ann an Boston, agus thatar a deanamh mach gun dfhalbh e as gun fhios da fhéins gun deach e air an rathad farn do chaill ebheatha. Bha e mu sheachd bliadhna fichead a dhaois.

Chaidh duin óg a mhuinntir New Harris, fear Aonghas Mac Leòid. a bhàthadh ann an St. Anns, Di-haoine air an t-seachdain sa chaidh. Bha o feuchainn ri dhol thairis air an deigh eadar an laimhrig aig South Gut agus Rudhan Rothaich, agua bha e mu leth an rathaidnuair a bhrist i fodha. Chunnaic feadhain eile e bho thir, agus chaidh iad a mach ga thearnadh cho luathsa dhfhaodadh iad, ach chan fhacas sealladh dheth tuilleadh, agus cha dfhuaireadh a chorp fhathast. Cha robh e ach mu ochd bliadhndeug a dhaois.


DUAISEAN

dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra don MHAC-TALLA eadar so us BliadhnUr. Bheir sinn don neach a gheibh an àireamh as a cheud duais, an neach as fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach as fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas.

I. Caraid nan Gaidheal.
II. Sàr-obair nam Bàrd.
III. Foclair GàiligIc Ailpein.

Bldh iad againn ron bhliadhnuir, ’s bidh iad air an cur gan ionnsuidh-san a choisinn iad cho luathsa bhios fhios againn iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn don phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan as fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an sionmhòrachd.


Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires air son gach àm eile dhen bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.

Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich



[222]

[Vol . 3. No. 28. p. 6]

RIDIRE GHRIANAIG.

Bithidh e cho math.” Thug am fitheach beic agus godarleum, ’s chaidh estigh; ach thug an dorus ita bun asgeith, ’s sgreuch e. “Iain bhochd! nam faigheadh tusastigh air cho beag doruinn riumsa, cha bhithinn agearan.” Ghabh Iain roid air ais, ’s roid air aghaidh; thug e leum as a dhol a stigh; rug an dorus air, ’s thug e leth amhais deth. Ghlaoidh Iain, ’s thuit e fuar marbh uir urlar an stabuill. Thog am fitheach e; ’s ghiulain e air barraibh asgeith e, mach as an tigh, do thigh an fhamhair. Leag e air bord e, air a bheuls air a shroin; chaidh e mach: chruinnich e luibhean, ’s rinn e ceirean a chuir e ris; ’s ann an deich laithean bha e cho maiths a bha e riamh. Chaidh emach a dhol a ghabhail sraid, ’s chaidh am fitheach a mach leis. “A nis, Iain, gabhaidh tu mo chamhairle, ’s cha ghabh thu iongantas de ni sam bith a chi thu feadh an eilein; ’s bheir thu dhomhsa greim tombaca.” Bha e spaisdearachd feadh an eilein, ’s a dol roimh ghleann; chunnaic e triuir làn laoch nan sineadh air an druim, sleagh air uchd a h-uile fir dhiu, ’s e na shioram suain chadails na lòn falluis. “Thar leam fein gur deistinneach so; ’d é choire a bhiodh anns na sleaghan a thogail diu?” Chaidh e, ’s dhfhuasgail e dhiu na sleaghan. Dhuisg na laoich, ’s dheirich iad a suas. “Fhiannis air an fhortans air daoine, gur tu Iaìn òg mac an t-saighdier a Albainn, ’s gu bheil e mar gheasaibh ort dol leinne roimh cheann mu dheas an eilean so, seachad air uamhan ias gair dhuibh.” Dhfhalbh e feins na tri lan laoich. Chunnaic iad smùid chaol a mach a uamha. Chaidh iad gus an uamha. Chaidh aon de na laoich a stigh, ’sn uair a chaidh e stigh bha cailleach an sinn a suidhe, ’s an fhiacail a bu lughan a beul dheanadh i dealgn a h-uchd, lorgn a laimh, ’s maide brosnachaidh don ghriosaich. Bha car da h-ìnean mu h-uilt, ’s car da falt liath mu ladhran; ’s cha robh i aobhach ri amharc oirre. Rug i air slachdan druidheachd; bhuail i e, s rinn i carragh maol cloiche dheth. Bha iongantas air an fheadhain a bha mach de chuir nach robh etilleadh. “Theirig a stigh,” arsIain ri fear eile, “ ’s amhaircd e tha cumail do chompanaich.” Chaidh estigh; ’s rinn achailleach air mar a rinn i air an fhear eile. Chaidh an traas fear a stigh, ’s rinn i airsan mar a rinn i air cach. Chaidh Iain a stigh ma dheireadh. Bha cat mor claghann ruadh an sin, ’s chuir i bara den luaith dheirg ma cloimhe, an los a bhodhradhs a dhalladh. Bhuail e barr a chois oirre, ’s chuir en t-eanachainn aisde. Thug e lamh air achaillich. “Iain! na dean. Tha na daoine sin fo gheasaibh; agus airson nan geasan a chur dhiu, feumaidh tu dol do dh-eilean nam barr mora, ’s botull den uisge bheothoirt as: asn uair a rubas tu riu e, falbhaidh na geasans thig iad beo.” Thill Iain air ais fo dhubh thiamhas. “Cha do ghahh thu mo chomhairle,” arsam fitheach, “ ’s thug thu tuillidh dragh ort fein. Theid thu luidhenochd, ’sn uair a dheireas tumaireach, bheir thu leat an steud, ’s bheir thu biadh as deoch dhi. ’S coingeas leatha muir no tir; ’sn uair a ruigeus tu eilean nam ban mora, coinneachaidh deug de ghillean stabuill thu, ’s bithidh iad air fad air son biadh a thoirt don steud, ’s a cur a stigh air do shon; ach na leig thusa dhoibh. Abair gun toir thu féin biadh as deech dhi. ’N uair a dhfhagas tus an stabull i, cuiridh a h-uile aon den t-se deug cars an iuchair: ach cuiridh tusa car an aghaidh a h-uile car a chuireas iad ann. Bheir thu dhomhsa greim tombaca.” “Bheir gu dearbh.” Chaidh eluidhe an oidhche sin; ’s anns amhadainn chuir en steud an ordugh, ’s ghabh e air falbh. Thug e h-aghaidh ri muir, ’s a cul ri tir; ’s dhfhalbh i na deann, gus an do rainig iad eilean nam ban mora. ’N uair a chaidh e air tir, choinnich gille deug stabuill e, ’s bha h-uile fear ag iarraidh a cur a stighs a biathadh. “Cuiridh mi fein a stigh i, ’s bheir min aire dhi; cha dthoir mi do h-aon sam bith i.” Chuir e stigh i; ’sn uair a thainig emach chuir a hsuile fear cars an iuchair; ’s chuir esan car an aghaidh a h-uile car a chuir iad innte. Thuirt an steud ris gum biodh iad atairgseadh a h-uile seorsa deoch dha, ach gun esan a ghabhail deoch sam bith uapa, ach meug as uisge. Chaidh estigh; ’s bha h-uile seorsa deoch ga chur mun cuairt an sin, ’s bha iad atairgseadh gach seorsa dhasan; ach cha ghabhadh esan deur de dheoch sam bith ach meug as uisge. Bha iadsan ag òl gus an do thuit iadn an sineadh mun bhord. Dhiarr au steud airsan mun do dhealaich i ris, e thoirt an aires gun chadal, ’s a chothrom a ghabhail airson tighinn air falbh. ’N uair a chaidil iad, thaing e mach as an t-seomar, ’s chual en aon cheol a bu bhinne chualas riamh. Ghabh e airaghaidh agus chual e ann an aite eile ceol moran ni bu bhinne. Thainig e gu taobh staidhreach, ’s chual e ceol ni bu bhinnes ni bu bhinne, agus thuit en a chadal. Bhris an steud a mach as an stabull; thainig i far an robh e; bhuail i breab air, ’s dhuisg i e. ‘Cha do ghabh thu mo chomhairle,’ arsise, ‘ ’s chan eil fios a nis am faigh thu do ghnothuch leat no nach faigh.” Dheirich e le duilichinn. Rug e air claidheamh soluis a bhan oisinn an t seomair, ’s thug e na se cinn deug a mach. Rainig en tobar; lion e botull, ’s thill e. Choinnich am fitheach e. ‘Falbhaidh tu agus stablachaidh tu an steuds theid thuluidhenochd; ’s am maireach theid thus bheir thu beo na laoich, ’s marbhaidh tu chailleach; ’s na bi cho amaideach am maireachs a bha thu roimhe so.” “Nach tig thu leam an nochd a chur dhiom mo chianalais?” “Cha tig; cha fhreagair e dhomh.” An lar na-mhaireach rainig en uamha. “Failte dhuit, Iain,” arsachailleach. “Failte dhuitse; ach cha shlainte dhuit.” Chrath en t-uisg air na daoine, ’s dheirich iad beo. Bhuail echas air achaillich; agus spread en t-eanachainn aisdt. Ghabh iad a mach, ’s chaidh iad gu ceann deas an eilein. Chunnaic iad an t-iasgair dubh an sin ag obair ri chuilbheartan. Tharruinn ebhas, ’s bhuail e e; spread en t-eanachainn as, ’s thug e na laoich dhachaidh do cheann deas an eilein. Thainig am fitheach far an robh e. “A nis theid thu dhachaidh, ’s bheir thu leat an steud— ’s coingeis leatha muir no tir. Tha tri nigheanan an Ridire ri banais a bhi acadithis ri bhi posda air do dha bhrathair, agus an te eile air acheannabhart a bhair na daoine aig achreig. Fagaidh tu an ceap agamsa; agus cha bhi agad ach smaointeachadh orm, ’n uair a bitheas e dhith ort, ’s bithidh mi agad. Ma dhfheoraicheas aon diot co as a thainig thu, abair gun dthainig thu as do dheigh; ’s ma their e riut caitebheil thu dol, abair gu bheil thu dol ramhad.’ Chaidh e air muin na steud; thug e h-aghaidh ri muir, ’s a



[223]

[Vol . 3. No. 28. p. 7]

cul ri tir; ’s air falbh a bha e; ’s cha drinneadh stad no fois leis gus an drainig en t-sean eaglais ann an Grianaig; ’s bha lòn feoir an sin, agus tobar uisge, agus tom luachrach. Thainig e bharr na steud. ‘A nis,’ arsan steud, ‘gabhaidh tu claidheamh, agus bheir thun ceann diomsa.’ ‘Cha toir gu dearbh; bu duilich leam a dheanamh; cha be mo chomain e.’ ‘Feumaidh tudheanamh; ’s ann a thannamsa nighean òg fo gheasaibh: ’s cha bhi na geasan diom gus an toirear an ceann diom. Bha mi feins am fitheach asuiridhesann a ghille òg, ’s mise am nighinn oigs chuir na famhairean druidheachd oirnn; ’s rinn iad fitheach dhethsan agus steud dhiomsa.’ Tharruinn echlaidheamh; thionndaidh echul; ’s thug en ceann dith le sgath bhuille; ’s dhfhag en ceanns achlosach an siod. Ghabh e air aghaidh. Choinnich cailleach e. ‘Co as a thainig thu,’ arsise. Thainig mi as mo dheigh.’ ‘Caitebheil thu dol.’ ‘Tha midol romham.’ ‘Sin freagairt fir caisteil’ ‘Freagairt gu math freagarrach air cailleach mhiobhail mar a tha thusa.’ Chaidh e stigh leathas dhiarr e deoch. Fhuair e siod. “Caitebheil t-fhear.’ ‘Tha aig tigh an Ridire ag iarraidh ór as airgiod a ni ceap do nighean òg an Ridire, mar a thaig a peathraichean: ’s gun leithid nan ceapan ra fhaotainn an Albainn.” Thainig an Gobha dhachaidh. ‘Des ceaird duit, òganaich. “Tha mim ghobha.’ ‘ ’S math sin; ’s gun cuideachadh tu leamsa ceap a dheanamh do nighean òg an Ridires i dol a phosadh.’ Nacheil fios agad nach urrainn thu sin a dheanadh?’ ‘ ’S eiginn feuchainn ris; mur an dean mi ebhithidh mi air mo chrochadh am maireach.’ ‘So is fearr dhuit a dheanamhglais mise stigh s acheardaich; gleidh an t-ors an t-airgiod; ’s bithidh an ceap agamsa dhuits amhadainn.” Ghlais an gobha stigh e. Ghuidh em fitheach. Bhris e stigh roimhn uinneig, ’s bhan ceap leis. “Bheir thun ceann dhiomsanis.’ ‘Bu duilich leam sin a dheanamh, ’s cha be mo chomain e.” Feumaidh tudheanamh; is gille òg fo gheasan mise; ’s cha bhi iad dhiom gus an tig an ceann dhiom.” Tharruinn echlaidheamh; sgath en ceann deth; ’s cha robh siod doirbh a dheanamh. Anns amhadainn thainig an gobhastigh, ’s thug e dhan ceap. Thuit en a chadal. Thainig oganach ciatach le


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar bheachd


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnin
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[224]

[Vol . 3. No. 28. p. 8]

falt donn a stigh, ’s dhuisge e. “Is mise,’ arsesan, ‘am fitheach, ’s tha na geasan a nis dhiom. ’” Choisich e leis sios far an dfhag en steud marbh, ’s choinnich boirionaach òg an sin iad cho aluinns a chunnaic suil riamh. ‘Is mise,’ arsise, ‘an steud, ’s tha na geasan diom a nis.’ Chaidh an gobha leis acheap gu tigh an Ridire. Thug an searbhanta thun nighean òg an Ridire e, ’s thuirt i rithe gu robh asiod an ceap a rinn an gobha. Dhamhairc i air acheap. “Cha drinn en ceap so riabh. Abair ris an t-slaightire bhreugach ethoirt an fhir a thug dhan ceap an so, aìr neo gum bi e air a chrochadh gun dail.’ Chaidh an gobhas fhuair em fear a thug an ceap dha; ’sn uair a chunnaic is e ghabh i boch mor. Chaidh achuis a shoilleireachadh. Phos Iain agus nighean òg an Ridire; s chaidh cul a chur ri cach, ’s chan fhaigheadh iad na peathraichean eile. Chuireadh roimhn bhaile iad, le claidheamhnan maide, ’s le criosa-guailne conlaich. —Bho Sgeulachdan Gaiphealach le I. F. Caimbeul.


TURUS A MHARAICHE

LE EOBHAN MACLAOMUINN. M. A., D. D.

Mach a Uamh anns a charraig theich Calman dh-ionnsuidh na h-oigh, agus chualas guth o bhràigh na creige: A nighean tha do pheacaidhean air a maitheadh dhuit. Mach as an ionad naomh thainig seanair, a bheannaich an Oigh, a thug dhi neamhnuid ro luachmhor, agus falluinn co geal as nach burrain fear-glanaidh air thalamh an deanamh nis gile. Lean i e agus las téinntean altrach an iònaid naoimh. Ghabh an seanair uan agus mharbh se e agus chrath en fhuil air an altair anns an ionad naomh agus air a ghruagaich. An sin thog e suas a shuilean agus ghabh e beachd air na maraichean, a dh-fhan samhach mar gum biodh an Tighearn aig laimh. Chuir e fàilte orra. Labhair an oigh riutha, mar an ceudna, briathran bha làn gràis agus firinn. ’Nuair chuala an seanair ainn Emanuel, agus fios bhi aige gu robh creideas acannsan, thubhairt e: Is beannaichte sibh on Tighearn, mar an ceudna dh-àithn e dhaibh nigh annsan tobar, ni a rinn iad agus bha iad gu mòr air an ùrachadhiad uile achDearsadha mhaina raoghnaich tumadh ann sa chuan shaillte, agus e fein a sgaradh bho chách. Ann sin chrath an seanair fuil an uain orra agus thug e dha gach aon ainm nuadh, nach aithne do neach air bith, ach don ti a gheibh i. Chualas fuaim an aoibhneis oscionn na creige: rinn ainglean De gairdeachas le iolach mhor. Thuit criosduidh, maille ris na maraichean, air an aghaidhean agus rinn iad aoradh ag radhChan aite eile so ach Tigh Dhe agus geatha neamh.” An sin thainig glaodh a nuas bharr-bile na cseag: “Cia maiseach air na sleibhtibh cosan an teachdair aoibhin!’ Agus feuch! aon cosmhuil ri Mac an Duine, air a sgeadachadh mar fhear nuadh posda teachd an comhail bean-na-bainnse; teachd chum an t-seanair agus an oigh, agus chaldh an triur a steach don Ionad Naomh. Dhfheith na maraichean gus an d-thainig a seanair a mach, agus aig togail suas a lamhan da, thubhairt e: Dhubh mi as, mar neul, deu-ceartan; agus mar cheo, do lochdan; pill rium oir shaor mise thn. Fhreagair an oigh mar an ceudna a bha sgeadaichte ann an geal: “Séinnibh o neamhan, oir thug an Tighearn gu crich; togaibh iolach. O dhoimhneachda na talmhainn!’ Sheulaich a seanair gach aon de na maraichean le spiorad naomh a Gheallaidh. Thug e dhaibh mar an ceudna earlas na h-oighreachd, agus ghuidh e orra gun iad bhi nis nan cloinn air an luasgadh a null agus a nall leis gach gné sheorsa teagaisg, agus nuair thubhairt e riutha: Agus na cuiribh doilgheas air Spiorad Naomh Dhè, leis an do chuireadh seula oirbh gu na saorsa, bheannaich e iad a rithisd agus chan fhac iad tuilleadh e.
(Ri leantuinn.)


Leighisoadh mise o lòinidh leMinard ’s Liniment.
Halifax. ANDREW KING.

Leighiseadh mise o droch sgamhan leMinard ’s Liniment.
Sussex. COL. C. CREWE READ.

Leighiseadh mise o loinidh leMinard ’s Liniment.
Markham, Ont. C. S. Billiug.


Tha D. J. Domhnullach a creic moran de dhaodaichean deante, do fhirs do mhnathan agus tha e deònach an sealltuinn aig am sam bith.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Soithichean Creadha agus Glaine.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh

Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris as fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B
Feb.


An S. S. Arcadia,
THAN ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Anns, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Dior-daoin,
P . KERR,
Maighstir

titleIssue 28
internal date1895.0
display date1895
publication date1895
level
reference template

Mac-Talla III No. 28. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page