[225]

[Vol . 3. No. 29. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH, 19, 1895. No 29.


An Seillein.

(Busg Bee. )

Nach saoithreach gleust an seillein beag,
Ri blàs is teas an ,
Adeothal mealameasg nam bruach
A cuachaibh maoth nam blàth.

Nach innleachdach a choinneag chruinn,
Le ciribh meala bàn;
S nach dichiollach an seillein beag,
Gan deanamh loma làn.

Mar so gu tarbach dichiollach,
Gun saothairicheam maraon;
Oir buairidh an t-Abhaisteir gu h-olc,
A mhuinntir dhiomhain, fh aoin.

Afoghlum ceaird no sgoileireachd,
Gun caithinn laithean mòig;
Gun dthugain air gach mar so,
Deagh chunntas ait fadheoidh.


FACAL NO DHA A BAILE NEW YORK.

A MHIC-TALLA Runaich; —Bliadhna mhath ùr dhuit! Tha faisg air mios bhon leugh mi le mor spéis litir phongail air a spriobhadh a réir coltais le fior Ghàidheal anns abhaile mhòr so atoirt cunntas do luchd-leughaidh MHIC-TALLA air na h-oidhearpan a tha àireamh mhath de Ghàidheil New York adeanamh air son an cànain aosda, cheòlmhor, a chumail beò. Tha mise agus moran eilegabhail fadail nach eil ar coimhearsnach, an t-Americanach ageurachadh gob a phinn gu litir eile chur dor n-ionnsuidh. Tha dòchas againn gu bheil an Gàidheal suairce slàn fallain. agus gun dfhuair e bhliadhnùr seachad gu cridheil sùnndach; ach mar a thuirt Donnacha Ban,—

“ ’S ioma car a dhfhaodas
Tighn air na fearaibh.”

Ma dhfhaoidte gun do phòs e! Mase sin a rinn e, guidheam buaidh leis us beannachd fhadsa mhaireas a linn.

Ach coma co-dhiù, feuchaidh mise le mpheann leibideach féin innseadh dhuibh gu tha Gàidheil Nova Scotia, Cheap Breatuinn, Eileina Phrionnsa agus Chanada, adeanamh a measg Ghàidheal abhaile so. Mar tha fhios agaibh, dhfhosgail sinn Sgoil Shàbaid o chionn còrr us tri miosan, agus bidh sibh toilichte chluinntinn gu bheil a nise barrachd air leth-cheud acruinneachadh bho Shabaid gu Sàbaid a leughadh facal an Tighearnanan cànain féin. Nach còir dhuinn, ma ta, buidheachas a thoirt do Dhia air son an cothrom so a bhi againn gach latha Sàbaid, a bhi seinn a chliù mar a chleachd sinn fo stiùireadh Dhomhnuill Sgoileir ann an Eaglais àchnuic. ’S e Domhnull Domhnullach, gillóg a mhuinntir Thirithe, aig a bheil mor eòlas air Gailig, agus aig a bheil guth binn atha cur am mach nan salm. Tha mi làn chinnteach gum bi sibh toilichte fhaicinn na h-ainmean a leanas a bhinan Gàidheil cho dileas, oir tha fhios agam gu bheil sibh eólach air cuid dhiubh; mur eil, tha ur luchd-leughaidh.

A Framboise, ’an Ceap Breatunn, —Iain M. Strachan, Deòrsa Strachan, Niall Strachan, Sìne Strachan, Màiri Sine Strachan, Sine C. Strachan, Deòrsa Moireastan, Murcha Dòmhnullach, Coinneach D. Mac Asguill, Iain A. Mac Leòid, Uilleam I. Reid. A Baddeck, —Eoghan Mac Gilliosa, Tormoid Mac Gilliosa, Iain R. Domhnullach, Leina Nic Aonghais. A Sidni, —Coinneach Domhnullach, Aonghas Mac Fhearghais. A Eilean aPhrionsa, —A. Nic Neachdain.

Faodaidh mi nis ainnseadh dhuibh gu thadol air adhart a measg cuid eile de Ghàidheil abhaile so. Chuala sibh, tha mi cinnteach, (oir ge be chluinneas MAC-TALLA bidh e air aithris) gu bheil an Comunn Ceilteach afeuchainn o chionn còrr agus bliadhna ris a Ghàilig a chumail beò, ach mo chreach, an àit iad a bhi fàs làidir, ’s ann tha iad afàs lag, seadh, lag, lag; tha deò air eiginnan cuislibh, achse sin fhéin uile. Agus gu cinnteach, chan eil iongantas ann, a chionn gu bheil neart den luchd riaghlaidh caoin-shuarach mun

Chainnt bhlasda, shnasda, cheólmhor, Bhinneach, òranach, gach linn.”

Gu fortanach, tha Gàidheil cheanaltas aig am beil spéis agus gràdh do chainnt am màthar fhathast rim faotainn anns abhaile so. Chunnaic iad nach robh ceòl, litreachas, agus pàirt de chleachdaidhean an sinnsir afaotainn cothrom na Féinne a measg nan gall, agus chuir iad air bonn comunn ùr, —Comunn Gàilig New York. Bidh sibh toilichte chluinntinn gu bheil fior Ghàidheil, eolach air cainnt, ceòl, litreachas, agus gach ni eile bhuineas do eachdraidh Chlanna nan Gáidheal, ceangailte ris achomunn so, agusse dùrachd ar cridhe nach faigh a Ghàilig bàs.

Chlann nan Gàidheal, bibh cuimhneach
Air ur cainnt a chur an cleachdadh:
Chan iarr i iasad air cànain,
S bheir i féin do chàch am pailteas.
Gur meirg a leigeadh air diochuimhn
Achainnt rioghuil, bhrioghail, bhlasda;
S mòr an onair anns gach àm
Do dhaon a labhras i le ceartas.”

Bhur Caraid Dileas,
DOMHNULL EACHUINN.


Chan fhaighear eòlas luachmhor ach le mòr-dhìchoill agus strith. Feumaidh gach neach na raointean agus na machraichean a shiubhal leis fein, agus dol air aghaidh le misnich air feadh nam beann agus nan garbhlach. Chan fhaigh oganach eolas a nasgaidh; feumaidh e a chosnadh le strith agus foighidinn. Dhaindeoin eo aineolachs gum feud e a bhi, ma tha deigh aige air eolas, ma tha e an toir air mar airgid, ma tha ega rannsachadh a mach mar ionmhas folluichte, cha bhi a shaothair gu diomhain. Is e eolas duais an dichill, agus cha chaill an dichiollach air chor sam bith a dhuais fein.

Than duine sin a làbhras do ghnàth an fhirinn ghlan, ’n a dhiulnach a ta moran nis tapaidh na ghabhar e.



[226]

[Vol . 3. No. 29. p. 2]

AN TEINE MOR.

(Willo the Wisp. )

Oraid a sgriobhadh do Chomunn Gailig Inbhirnis, mun am so an uiridh.

Le IAIN.

Bha n gobha car greise adol fosmaointeans gun fhios aige gu ro mhath ciod a dhiarradh e. Mu dheireadh thuirt e: “Is e mo cheud iarrtus, ge be uair a thogras mi, gun lean làmhgn fir sam bith a bheireas air an órd mhòr ri cas an ùird, agus gun lean an t-òrd ris an innean, agus gun lean an t-innean ris an ùrlar. Is e mo dhara iarrtus, ge be uair a thogras mi, gun lean fear sam bith a shuidheas air achathair a thanns an t-seòmar ris achathair, agus gun lean achathair ris an ùrlar. Agus is e mo threas iarrtus, bonn airgid sam bith a chuireas minamsporran nach tig e as gu bràth gus an toir mi fhein as le mo làimh e.”

Ud, ud,” arsan seann duine, “is bochd mar a dhiarr thu. Cuime nach diarr thu nèamh.” Ghabh an seann duine roimhe air a thurus agus thill an gobha dhachaidh.

Air acheart latha a dhainmich e, thàinig androch-fheara dhiarraidh aghobha. Bhan gobha an ud ag obair gu trang anns acheardaich. An uair a thàinig androch-fhearghabh e dìreach don cheardaich.

So, so,” arsesan ris aghobha, “grad fhaigh deiseils gum biodh tufalbh comhladh rium.”

Foighidin bheag, a dhuine,” arsan gobha, “gus an cuir mi crioch air an obair a thagam ri dheanamh. Bha e riamh mar chleachdadh agam seasamh ri mfhacal, agus crìoch a chur air obair sam bith a ghabhainn os laimh a dheanamh. Ach ma tha cabhag ort is fhearr dhut làmh-chuideachaidh a thoirt domh. Beir air an òrd mhòr agus thoir buille no dhà air an iarunn so.”

Rug androch-fhearair an òrd mhòr, agus mun dthug e tri buillean air an iarunn, lean a làmhan ri cas an ùird, lean an t-òrd ris an innean, agus lean an t-innean ris an ùrlar.

Tha mi an sàs agad,” arsandroch-fhear.”

Tha thu, agus mum faigh thu as, feumaidh tu a bhith glé umhail dhomhsa,” ars an gobha.

Leig as mi agus bheir mi dàil latha is bliadhna dhut, agus am pailteas a dhòrs a dhairgiod mar a bhagad o chionn bliadhna,” arsandroch-fear.”

Air achnmhnanta sin leigidh mi as thu, agus grad bi falbh as mo shealladh,” arsan gobha.

Chuir an gobha agus a theaghlach abhliadhna ud seachad ann an sòghs ann an sunnds ann an cridhealas. Bha gach cùis adol leotha mar am miann, agus mar sin bu ghann a dhfhairich iad a bhliadhna dol seachad.

Air an latha ainmichte thàinig androch-fhearmar a thubhairt e. Fhuir e an gobha ag obair gu farumach anns acheardaich agusfhallusga dhalladh. Ghlaodh e air taobh a muigh an dorus ris aghobha, agus thuirt e, “Thig a mach á sin agus bi falbh còmhladh riumsa gun tuilleadh dàlach.”

Chaidh an gobha a mach agus thuirt e ris, “Chan iarr mise de dhàil an diugh ach fhads a bhios mitoirt dhiom na feusaig agus acur deise ghlan umam. Uair sam bith a tha mifalbh on taigh tha e mar chleachdadh agam mi fhein a nigheadhs a ghlanadh, agus deise ghrinn ghlan a chur uman. Is suarach an toileachadh dhomh ged a gheibhinn uiread so dhe mo thoil fhein an diugh.”

Cha dealaich mi riut a muigh no mach,” arsandroch-fhear.”

Chaneil mig iarraidh sin ort. Faodaidh tu suidhe làimh rium anns an t-seòmar fhadsa bhios mig amdheanamh fhein deiseil,” arsan gobha.

Dhaontaich androch-fhearso a dheanamh. Lean e an gobha steach don taigh, agus don t-seòmar anns an robh an gobha gus e fhéin a nigheadh. Dhiarr an gobha air suidhe air achathair a bhanns an t-seòmar. Rinn e so. Thòisich an gobha air toirt na feusaig dheth fhéin, agus air deise ghlan a chur uime. An uair a bha e deas thuirt e ris androch-fhear,” “Tha mise nis deiseil. Is fhearr dhuinn a bhith falbh.”

An uair a thug androch-fheargluasad as gu éirigh bhar na cathrach cha burrainn da éirigh; oir lean e ris achathair, agus lean achathair ris an ùrlar.

Tha mi ann an sàs agad a rithist,” arsandroch-fhear.”

Tha thu, agus chan fhaigh thu as a sin mur geall thu dhomhsa nach tig thu gu ceann lathas bliadhna. Feumaidh tu mar an ceudna am pailteas a dhórs a dhairgiod a thoirt dhomh mar a bàbhairt dhut,” arsan gobha. Dhaontaich androch-fhear gun deanadh e mar a dhiarr an gobha. Leig an gobha cead a choise dha agus dhfhalbh e.

Chaidh abhliadhna sin leis aghobha cho maths a chaidh gach bliadhna eile. Cha robh éis no deireas ni sam bith air fhein no air a theaghlach. Ach mar a bfhearr a bha cuisean adol leis is ann bu ghiorra a bha efaireachadh na h-ùine. Mu dheireadh tháinig ceann na bliadhna. Thàinig androch-fhearair a latha fhein mar bu ghnàth leis. Cha rachadh e aon chuid asteach don cheardaich no idir do thaigh aghobha. Bha greann an uilc air. Labhair e gu fiata ris aghobha, agus thuirt ris, “A nis, chaneil a null no a nall agad an diugh. Feumaidh tu falbh còmhladh riumsa anns an t-seasamh bonn. Cha dean do chuid chuilbheartan feum nis fhaide. Tog ort mar a tha thus biomaid a grad fhalbh.”

Tha mifaicinn nach eil feum a bhithcurnadaghaidh nis fhaide. Biomaid agrad fhalbh, ma ta,” arsan gobha.

Thog iad orra agus dhfhalbh iad gun tuilleadh dàlach. Cha robh còmhradh sam bith eatorra car beagan ùine. Mu dheireadh thuirt an gobha as a ghuth-tàimh, “Tha iad ag ràdh gun teid agadsa air thu fhein a chur ann an riochd sam bith a thogras tu.”

Tha sin fior gu leor,” arsandroch-fhear.”

Cha chreid mi e gus am faic mi e. Ach mas urrainn duit, cuir thu fhein ann an riochd bonn airgid, agus an uair sin creididh mise gun teid agad air a dheanamh mar a tha iad ag ràdh,” arsan gobha.

Mun gann a leig an gobha am facal as a bheul bhandroch-fhear” ’na bhonn airgid air a bheulaobh. Cho luaths a bhaige rug an gobha air abhonn airgid agus sparr e gu teann cruaidh anns an sporran e, agus chuir ena phòcaid e. “Tha thu an sàs agam a nis air sgròib, agus theid min urras gum bi latha no dhà mum faigh thu do chead fhein,” arsan gobha. Thionndaidh e air a shàil agus thill e dhachaidh. Ach ma thill cha bann gu sìth no gu samhchair. Bha am fear a bhanns an sporran air iomairt ghabhail achuthaich ag iarraidh as agheimheil anns an robh e. Bhiodh e air uairean asgreadails asgreuchail mar gum biodh muc ann,



[227]

[Vol . 3. No. 29. p. 3]

agus air uairean eile bhiodh e ag at cho mòr anns an sparrans gu robh eagal air aghobha gu sracadh e e. Cha robh fhios aige air an t-saoghal ciod a dheanadh e ris. Ach bha aon ni a bha soilleir gu leòr dha, agus be sin, gu feumadh e an sporrans na bhana bhroinn a chur as an t-sealladh air aon dòigh no dòigh eile. Bha edol fosmaointean mar a bfhearr a burrainn da feuch ciod bu chòir dha a dheanamh. Is ebhuails a cheann aige mu dheireadh gum pronnadh e an sporrans na bhana bhroinn cho mìns a ghabhadh deanamh leis na h-ùird air an innean. Chuir e fios air dithis ghillean làidir, tapaidh a baithne dha, agus thug e orra teannadh ris an sporrans na bha bhroinn a bhualadh air an innean. Ach ma bha am fear a bhanns an sporran asgreuchail roimhe sin, cha bu lugha bha de sgreuchail air an uair a thòisich na fir ribhualadh air an innean. “Gabhaibh dha, gabhaibh dha, ’illean; cumaibh fodhaibh e ma dhfhaodas sibh,” theireadh an gobha. Pronns mar a bha e, thug am fear a bhanns an sporran e fhein as cho luma-luaths a chràmh an sporran le buillean nan òrd. Chaidh e as an t-sealladhna shradagan teine a mach air an luidhear, agus chan fhaca an gobha a dhubh nodhath riamh tuilleadh air an talamh.

Ma fhuair an gobha an latha ud cuibhteass androch-fhear,” ghrad thòisich gnothaichean an t-saoghail ri dholna aghaidh. Thòisich an crodhs na h-eichs na caoraich ri faighinn bhàis air. Nam biodh caora air a bàthadh ann an tuilifeins amhòintich, dhfhaoidteadh a bhith cinnteach gum bu leis aghobha i; agus nam biodh sùil-chruthaich no bogach ann an àite sam bith faisge air aghleann, dhfhaoidteadh a bhith cinnteach gu faighteadh a dhà no trì de spréidh aghobha marbh annta. Rachadh na h-eich aige ann an aimhean far nach éireadh beud do dheich nan coimhearsnach. Ged a dheanadh e curachd mar a dheanadh daoine eile, cha bhiodh cail no toradh a bfhiach anns abharr a bhiodh aige air an t-samhuinn. A dhaon fhacal, cha robh ni cruthaichte a bhuineadh dha nach robhleaghadh air falbh mar an sneachda fo bhlàths na gréine.

Fad nam bliadhnachan a bha òr is airgiod aige cho pailt ris na clachan beaga, bha e sior-chur cuid mhath dheth ma seach, air ghaol gum biodh pailteas aig a mhnaois aig a theaghlach an déigh dha fhein an saoghalfhàgail. Lion e aireamh mhòr chisteachan leis an òrs leis an airgiod, agus chuir e moran dheth ann an sluichd fon talamh; ach an uair a dhfhosgladh na cisteachan agus na sluichd, cha robh annta ach torradan beag de bhuachar each!

Cha bu luaite a thàinig e gu bochdain crannachuir agus gu éis na thòisich a theaghlach ri dhol thun na dunach. Bha iad ro theith air an togaìl, agus cha dfhóghlum iad mar bu chòir dhaibh iad fhein a chothachadh anns an t-saoghal. Bha iad gu léir, leasg, lunndach, làn anamiann agus dhroch bheusan. Sgap iad an sids an so air feadh na dùthchadh, agus cha drinn iad fiach frine de chuideachadh len athair no le am màthair riamh.

Bhan gobha agus a bhean mun dfhàg iad an saoghal, cho bochd dhen t-saoghal, agus cho breoite ri dithis air an cualas riamh iomradh. An uair a dheug a bhean cha robh aig aghobha ach a bhithfalbh o dhorus gu dorusna chripleach truagh ag iarraidh na déirce. Cha robh den aodach air ach gann na bheireadh aphoit bhar an teinc. Mar bu shines mar bu truaighe a bha efàs is ann bu mhiosa a bha a nàdur adol. Cha robh beannachd Dhé no dhaoine air a cheann, agus on a bha e gun charaid, gun ghaolaich, gun duine leis am bu truagh e, is gann a bha duine anns an àite a bheireadh, le toil, fasgadh na h-oidhche dha. Mu dheireadh fhuaradh a chorp marbh ann an seann tobhtaidh. On a bha fios aig muinntir an àite gu robh e ann an co bhainn ris androch-fhearcha dthug iad a dhurram dha gun do chuir iad ciste is anart ma chorp an uair a chuir iad fon talamh e. Cha mhò na sin a chunnacas iomchuidh àite a thoirt dha chorp anns achladh. Thilgeadh ann an slochd e an àite eiginn iomallach faisge air bruaich na h-aimhne.

An uair a dhfhág e an saoghal chaidh e ball-gacha-direach a dhionnsuidh an droch àite; oir bha fhios aige nach fhaodadh eaghaidh a thoirt air nèamh. An uair a ràinig e an dorus, choinnich e ach a sheana charaid, androch-fhear.” “Thainig tu mu dheireadh le do làn thoil fhein,” arsesan.

Nan dfhuair mi mo thoil fhein cha dthainig mi fhathast. Olcs mar a bha mo shuidheachadh on a chunnaic mi thusa mu dheireadh, tha mi cinnteach nach bi mo shuidheachadh dad nis fhearr fo do riaghladh-sa,” arsan gobha.

Cha ghabh mise a steach an so idir thu. Chaneil do leithid eile an taobh a staigh de chrìochan mo rioghachd. Tha mise afadadh teine nach mùchar a chaoidh ann adbhrollach, agus tha mig òrduchadh dhut tilleadh air ais a dhionnsuidh na talmhainn, agus a bhithg imeachd sìos is suas air an talamh gu latha bhreitheanais. Cha bhi fois oidhche no tàmh latha agad. Bidh do thriall air an talamh air feadh a h-uile àite as fluiches is ìsles is ùdluidhes is reamhalta na cheile. Agus bidh tuna do chulaidh-ghràin dhut fhein agusna do chulaidh-eagail do gach creutair beò a chi thu.”

A réir beachd nan Eiriannach so mara thàinig anTeine Mòr” (will othe wisp) gu bhith air fhaicinn air an talamh.


Tha mismaointean nach biodh e as an rathad beagan fhacal a ràdh mu thimchioll an ur-sgeoil so. Tha mòrans an dùthaich a tha deas gu bhithfaotainn beum do gach sgeul dhen t-seòrsa. Their iad nacheil e a chum feuma sam bith a bhithcumail naigheachdan den t-seòrsa so air chuimhne; do bhrigh nacheil duine sam bith anns am bheil gliocas agus tùr a bheir creideas no geill dhaibh. Chaneil mise atoirt creideis no geill dhaibh nis na duine eile; ach air a shon sin tha mimeas gur airidh iad air a bhith araon air an cumail air chuimhne, agus air an aithris, do bhoigh gu bheil tomhus mòr de dhfhiosrachadh agus de ghliocas air fhilleadh a steach annta.

Is fheairrde gach neach leis an aill fiosrachadhfhaotainn fios a bhith aige air na beachdan a bha cumanta ann am measg an t-sluaighs an àm a dhfhalbh. Is e so aon de na dóighean air am faighear a mach seann eachdraidh nan Gaidheal. Am fear a tha aineolach air na seann naigheachdan, air na seann òrain, agus air na sean-fhacail, tha a ann an tomhas mòr aineolach air seann eachdraidh a dhùthchadh. An Gaidheal a tha aineolach air seann eachdraidh a dhùthchadh is gann is urrainnear fior Ghaidheal a ràdh ris.

A réir mo bhararl-sa tha mòran

(Air leantuinn an taobh 7.)



[228]

[Vol . 3. No. 29. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney Cape Breton.


SIDNI, IANUARAIDH 19, 1895.

Than geamhradh acur gu cruaidh ris an luchd-oibreach anns na bailtein mora. Tha moran dhuibh nan tàmh le cion oibreach, agus a tha moran eile nan tàmh len coire fhèin. Ann am Montreal, chruinnich iad au la roimhe, ag iarraich air luchd riaghlaidh a bhaile obair a thoirt dhaibh gus an cumail o ghort. Ann an Brooklyn, N. Y., tha moran de luchd-oibreach a mach adiùltadh obair a dheanamh, agus abagradh cron a dheanamhair duine sam bith a théid a dhobairnan àite. Tha obair gann gu leor air agheamhradh so, ged nach biodh daoinega tilgeadh air falbh. ’S fhearr gu mor oibreachadh air tuarasdal beag na gun a bhig obair idir.

Chan iad na nithe a ta sinn asealbhachadh, no na nithe nacheil sinn asealbhachadh a mhéudaicheas, no a lughdaicheas ar sonas fein. Is e a bhig iarraidh barrachd na tha againn, agus a bhigabhail farmaid riusan aig am bheil barrachd, a ta milleadh sith ar n-inntinn, agus atarruing truaighoirnn mu dheireadh mu dheireadh.

Cha mhaith an suaimhneas sin a dhruideas an fhìrinn a mach air an dorus. Mur teid suaimhneas agus firinn laimh air laimh, is coir an fhirinn a roghnachadh, agus greim a dheanamh oirre mar bhan-chompanaich an àite suaimhneis.


A Framboise.

Than t-side a fuireach glé bhlàth fhathast. ’Sann tha daoine asmaoineachadh nach tig fuachd na sneachda am bliadhna. Chan eil teagamh gun iarraimid moran fuachd, ach mur tig sneachdas docha nach bi sinn uile gu léir tolichte.

Than àireamh as mosan àite so ro thoilichte gun deachaidh Mr. Mathannach a thagadh na fhear pàrlamaid, oir tha e na dhuine beothail, tapaidh, agus na dhuine aig a bheil math a dhùthchadh an comhneidhna bheachd.

Chan eil an Teachdaire gruamach adeanamh dearmad air an àite so seach àite eile agus sin gun mhoran rabhaidh roi a theachd. Air an latha mu dheireadh den bhliadhn a dhfhalbh, chaochail Mairearad, bean Dhomhnullic Fhionghain. Cha robh ach mu dha uair de thim eapar i bhig obair air feadh an tighe agus i bhi marbh; dhfhág i fear agus clann og lag na deìgh. A rithist air an ochdamh latha den mhios so chaochail Anna M., nighinn do Dhomhnull K. Mac Leoid an deigh dhi bhi tinn ach beagan làithean. Bha i da bhliadhna deug a dhaois. Tha co-fhaireachduinn againn ris na teaghlaichean ud nan dubhachas. Sud an Teachdaire nach dean leth bhreth air an uachdaran nis mona air a neach is isle.

Tha moran de dhaoinog an àite so a deanamh ullachadh air son tighean comhnuidh a chur suas dhaibh fèin. Tha e air a ràdh gur comharra ciunteach air teachd an t-samhraidh na h-eoin a bhitogail nan nead; agus saoilidh sinn gur comharra cinnteach air a phosadh na daoin og a bhi ri leitheid sud de dhullachadh. ’S ma than comharra ud fior, rud tha sinn an dochas gu bheil, tha sinn aguidhe soirbheachadh math dhaibh, agus an dochas gum bi iad na meadhon air na seana-ghillean a chur a thoirt sgairbh a creagan dhaibh fein mas fas iad cho seans gum bi iad an cumart a dhol car mu char leis a chreig.

CEANN LIATH.
11, 1, ’95.


Anns gach truaighe far am bheil athleasachadh comasach, biodh mi-fhoighidinn air a seachnadh, do bhrigh gum bheil i acall agus acaitheadh na h-ùine sin ann an gearainibh a bheireadh le buileachadh ceart an t-athleasachadh sin mun cuairt.


FLUR
$3 .50 am barailte,
Air son airgid. Theid sinn an urras gun dean e deagh aran.

BROGAN BHAN
$1 .00 am paidhir.
Tha iad laidir agus air an deagh dheanamh.

STOC OR DE BHATHAR UR.
aig
JOST BROS.
Sid. B., Nov. 9, ’94.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[229]

[Vol . 3. No. 29. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Cha dfhuaireadh sgeul riamh fhathast air an nighin bhig, Roach, a chailleadh aig a Mhéinn Uir latha na BliadhnUire. Chan eil fhios dhéirich dhis chan eil dòigh air fhaotainn a mach.

Bha crith-thalmhainn bheag aca anns an taobh an Iar de Nova Scotia mu dheich uairean oidhche Di-sathairne sa chaidh. Cha drinn i cron sam bith, ach rinn i fuaim mòr mar gum biodh carbadan a ruith air rathad cruaidh.

Tha àireamh mhòr acur a stigh paidheadh a phaipeir gach seachdain. Bidh an ainmean uile anns aphaipeir a thig a mach air acheud sheachdain dhen earrach. Tha sinn an dòchas gun tig moran tuilleadh a stigh gus a dhol nan ceann roimhe sin.

Bha duine stigh againn a bhòn-de a gabhail a MHAC-TALLA as ùr an deigh dha sgurga ghabhail aig toiseach na bliadhna. Shaoil leis gum burrainn dha deanrmh as aonais air a bhliadhna so, ach dhuth-dhfhairtlich air. Ma gheobh duine blasad air rud math aon uair, cha ghabh e cumail uaithe tuilleadh.

Chaidh sabhal le fear Iain Heelen ann an Ceap Nòr, a losgadh gu làr aon oidhche o chionn ghoirid. Chaidh an tigh aigena theine aig an aon àm, ach fhuaireadh a chur as. Chaidh am priosan, a bhair a thogail ùr o chionn ghoirid a losgadh oidhche Nollaig. Tha iad adeanamh mach gum bu daoine chuir an teine ris.

Chaidh duine bochd a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg air Glace Bay oidhche Chiaduin. Chaidh na carbadan thairis air. Cha robh fhios gun do thachair a leithid gu maduinn an ath latha, ’nuair a fhuair an fheadhain a bhag amharc thairis air an rathad a chorp. Cha chuala sinn ceart ciod a bainm dha.

Than geamhradh anabarrach briagha. ’S ann tha cuid agearan gu bheil e tuilleadh us briagha. Chan fhacas ach glé bheag de shneachda on thainig e, agus than deigh a cheart cho gann. Than acarsaid gun reothadh fhathast, agus tham bàt-aiseig adeanamh a tri turuissan latha cho riaghailteachsa bha i am meadhon an t-samhraidh. Tha soitheach smùide mòr a stigh an drasdag iarraidh luchd guail, rud nach fhacas an Sidni glé thric mun ám son bhliadhna.

Di-sathairnesa chaidh, ranaig a cheud charbad-iaruinn baile Louisburg. ’S iomadh uair a chaidh a ghealltuinn, aguss iomadh uair a bha dùil ri fhaicinn a ruigheachd. Cha robhn fheadhain a bhaga ghealltuinn roimhe so achmar mhagadh,” ach air an turus so tha e coltach gu robhn gealladh air a thoirtdha cheart da-rireadh,” Bha Whitney, Mac Iain, Mac Gillfhinnein, Pearson, agus grunnan eile de luchd-riaghlaidh an rathaid air bòrd, agus chuir luchd-àitichSeana Bhaile Mor nam Frangachfàilte chridheil orra. Tha iad an dòchas, mar tha sinn féin cuideachd, gun tig soirbheachadh mor air a bhaile ri linn an eich-iaruinn.

Bha stoirm mhòr shneachda ann an Sasuinn Di-sathairne sa chaidh. Bha na citheachan ann an ioma àite cho domhain ri da throigh dheug. Bha na carbadan uile air an curnan tàmh, agus fad latha no dhà cha robh doigh air gluasad taobh sam bith.

Chaidh fear Seumas Miller a mhuinntir an eilein so a mharbhadh air bòrd soithich ann an Takoma, Washington, o chionn ghoirid. Bha e ri saoirsneachd air bòrd an t-soithich agus thuit e bhar fáraidhs bha e air a ghoirteachadh cho donas gun do chaochail e an ceann beagan uairean. Rugadh esa bhliadhna 1839. Bu mhac e don Urr. Uilleam Miller, acheud mhinisteir a tháinig riamh do Mhabou.

Tha cùisean gun a bhidol dad nas fhearr ann an Newfoundland, agus tha e gle choltach gum bi iad mar sin a cheud-treis. Than sluagh anabarrach bochd, agus tha iad agearan gu mòr air an luchd-riaghlaidh, ged nach eil iad sin moran nas comasaiche air gnothaichean a leasachadh na iad féin. Tha Banca Mhhntreal an deigh oifig fhosgladh ann an St. Johns, agus an deigh suim mhor airgid a thoirtan iasad don luchd-riaghlaidh. Tha iad an dòchas gun dean an t-airgiod sin fuasgladh mor air an dùthaich.


Duan Le Oisein.

S luàineach mo chadal an nochd
Ge beo mi fhein, cha bheo mo thlachd;
Mo chridh air searg ann am uchd,
S trom dubhach minntinn gu beachd.
S anns an àraich an so shios
Tha bhean is meachair mhin ghil cruth;
Deud air dhreach cailcena beul,
Bu bhinne na tèud chiùil a guth.
Mar chobhar an uisge ghloin,
Mar shlios eala ri uisge mear;
Glan leug mar an cathadh cuir,
Dhfhag thu mi gun chobhair addheigh,
Slat ùr nam fàinne fionn,
Bean is mine, mhóghair sùil;
S a gruaidh mar an caorrann dearg,
Air lasadh mar dhealbh an ròis.
Meoir fhionn air bhasaibh bana,
Uchd soluis is aillidh snuadh;
An gaol a thug mi dhi, ra luaidh
Ochain nan och’, s cruaidh an càs;
Cha dirich mi aonach no beinn,
Mo cheum air a lagadh gu trom;
Aithear cha dthig air mo ghnùis,
Gus an dean an ùir mi slan.
Mar ghrainne mullaich na déis,
Mar ghallan san òg-choille fos,
Mar ghrein ri folach nan reull,
Bu tu fein am measg nam mnà.


Than duine sin saibhear aig am bheil deagh nàdar, a tha do ghnàth càirdeil, foighidinneach, aoibhneach, dochasach, agus a tag a ghiùlan fein gu suibhear a thaobh nan uile.

Cha mho a dhfhoghluimear fior chreideamh á leabhraichibh, na dhfhoghluimear seoladaireachd, no saighdearachd, no innleachdaireachd, no dealbhadaireachd, no ceaird, no ealaidh sam bith eile as da.


DUAISEAN

dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra don MHAC-TALLA eadar so us BliadhnUr. Bheir sinn don neach a gheibh an àireamh as a cheud duais, an neach as fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach as fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas.

I. Caraid nan Gaidheal.
II. Sàr-obair nam Bàrd.
III. Foclair GàiligIc Ailpein.

Bldh iad againn ron bhliadhnuir, ’s bidh iad air an cur gan ionnsuidh-san a choisinn iad cho luathsa bhios fhios againn iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn don phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan as fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an sionmhòrachd.


Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires air son gach àm eile dhen bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.

Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich



[230]

[Vol . 3. No. 29. p. 6]

Am Ministear Sanntach.

Bha ministear uair air ceann sluaigh ann am paraisde àraidhan Alba, a bha cho mi-thoilichte le chrannchurs nach robh ni air an leagadh eshùil nach miannaicheadh e aige féin. Bha e fuathsach sanntach, eadhon air nithibh nach gluaiseadh smuain dhen t-seòrsa sin, ach ann an cridhe duine ainneamh. Dearbhaldh an sgeul a leanas a chùis a bhi mar sin.

Air dha bhi air a chuairt àbhaisteach afiosrachadh nan teaghlaichean a bha fochùram, thàinig e gu tigh bantraich a bha fuireach ann an àite aonranach, monadail, ’an iomall a choithionail. ’N uair a bha e tacan a stigh, thug e an aire do phoit bhig, iaruinn, a thachair a bhi aig an àm an oir an teine, lán de bhuntàtachaidh a bhruich air son dinneir na cloinnenuair a thigeadh iad dhachaidh as an sgoil. Thòisich e air moladhna poite. Chan fhace poit riamh cho cumadails cho snasail rithe air a h-uile dòigh. Cha robh poit eile ann an Albathigeadh suas rithe ann an dòigh air bith. Bha leithid de bhuaidh aig na labhair e air a bhantraichs gur h-ann a thuirt i,— “Ma ta, a mhinisteir, ma thaphòit acórdadh ribh cho fior mhath sin, tha miguidhe oirbh gun ceadaich sibh dhomh a cur dor n-ionnsuidh don Mhanse. Tha poit as modha na i againnetha nas freagarraiche mar as trice air son ar feuma. Cha chosg i dad dhuibh. Cuiridh mi null isa mhaduinn le Seumas beagnuair a bhios edol dhan sgoil.” “O,” arsam ministear, “cha cheadaich mi dhuibh a dhol gu leithid sin de dhragh idir, ach seach gu bheil sibh cho maths gu bheil sibhga toirt dhomh, giùlainidh mi fhéin dhachaidh ina mo làimh. Tha uidhir a dhùigh agam inntes gur fearr leam gu mòr mi fhéin gagiùlain.”

Air falbh dhachaidh ghabh e, a phoit greisna làimhs greisna achlais mar bu shocaire gheobhadh e i. Gu mi-fhortanach, bha n latha blàthl, an rathad fada, agus am ministear reamhar, tri nithean a dhfhàg glé sgith e mun robh e leathach na slighe. ’N uair a bha e mar so air a chlaoidhga giùlain air a chliathaich car ùine, smaoinich e nam biodh i air a cheann nach biodh i cho trom. Bha an fheallsanachd nàdarra dhionnsaich enuair a bha e òg ateagasg a chùis a bhi maa sin. Cha robh e fadacur na smuain an gniomh. Chuir e phoit mar chlogad ma cheann, ’s le aid na làimh, ghabh e gu sunntach air adhart. Leis an innleachd so fhuair e comhfhurtachd agus faothachadh mòr, ach gidheaeh cha robh a thrioblaid ach air tòiseachadh. Air son e fhéin a chumail bho shùil luchd-gabhail an rathaid mhòir, ghabh e frith-rathad aithghearr troimh na h-abhaidhean, ach mar bhan tubaist an dàn dha, thainig e air olais leathainn, eadar achadh, air nach burrainn da dhol seachad gun cruinn-leum math a thoirt as. Leum e; ach an deachaidh leum don dorcha thoirt riamh coltach rithe? Leis a chriothnachadh a fhuair a bhodhaig anns an tearnadh, ann am priodadh na sùla, bha tiugh-dhorchadas na h-Eipheit ma thimchioll. Mur dràinig a cheann màs na poite, ’se gun do choinnich a beul a ghuaillean an toiseach bu choireach. Cùis bu mhiosa air fad; an t-sròn a leig sios i cho sgiobalta, ionga cha leigeadh air ais i, dhaindeoin gach deuchainn a chleachd e. An robh ministear riamhna leithid de chàs? An do dhall duine air bithgun tighinn air ministeara dha shùil cho buileach bho sholus a mheadhon-latha? Ciod idir a ghabhadh deanamh? Bhan t-àite aonaranach, an t-slighe doirbh agus cunnartach, cuideachadh bho cho-chreutair fad air falbh, eadhon do-ruigsinn. Bha e eu-comasach dha glaodhaich air son cobhair, agusged a bhiodh e comasach, cha ruigeadh an glaodh troidh na bfhaide na dha chluais féin. Bha cho doirbhsa bha e dhaanail a thasruìng aleasachadhan-shocair, agusan-shocair air a h-an-tromachadh le teas na gréine abualadh air màs na poite. Agabhail beachd air a h-uile doirbheadas a bha air tuiteam air, bha e glé choltach, mur cuireadh freasdal math cobhairna rathadan ùine ghoirid, gum biodh bàs anns aphoit. Ach feuchaidh an neach as deiseile tha air son am bàs a choinneachadh risheachnadh cho fads is urrainn dha. Tha an ceangal so ris a bheathatha làthair ag aobharrachadh barrachdsa bhitheamaid deònach earbsa riutha de sheasmhachd inntinn ri uchd cruaidhchais, ann am muinntir aig a bheil, gu nàdarra, cinn gle thiugh, agus buadhan inntin car maol. ’S ann mar sin a thachair a thaobh an neach a bhan so. Air a chur thuige le iomadh dòruinn, chuimhnich e gu robh ceardach mar fhaisg mhile air, agus nam burrainn ega ruigheachd mas biodh e air a mhort, smaoinich e gu faodadh e bhi gu faigheadh e fuasgladh.

(Ri leantuinn.)


An Garbh Mac Stairn.

Dhimich Garbh mac Stairn a dhfhaicinn Fhinn agus a threun fheara colgach, iomraiteach ann an gniomharaibh arm. Bha Fionn san àm sinna athighedas samhraidh am Buchanti. Nan turus da ionnsuidh, ghabh iad beachd air gach gleann agus faoin mhonadh, air gach allt agus caol choirean. Ghabh iad sgeul de gach coisiche agus gach fear a thachairnan còir. Ann an gleaun nan cuach agus nan lòn, chunnaic iad bùth taobh sruthain; chaidh a steach, dhiarr deoch; dhéirich ribhinn a bàluinne snuadh a dhfhàilteachadh an turuis le sìth. Thug i biadh dhoibh ri itheadh, deoch ri h-òl; dhiarr sgeul le cainnt thlà. Bhuail gaol o a sùil an Garbh borb, agus dhinnis cia as doibh. “Thainig sinn o thir nan crann, far an lioumhor sonnmac righ Lochlainn misemainm Garbh nam baill leat, esan Dual, o thìr nam beann, a thùinich an Albainn o thuatha ghabhail càirdeas gun sgàth on àrd righ Fionn; sud fàth ar turuis a chiabh na maiseciod am bealach am buail sinn? seòl ar cos gu teach Fhinn, bi dhuinn mar iùl, is gabh duais.” “Duais cha do ghabh mi riamh,” ars an nighean bu bhlàithe sùil, s bu deirge gruaidh; “cha be sud àbhuist Fheadhaich nam beann éilde, gam bu lionmhor daimhichna thalla, ’g am bu tric tathaich o thuathni mise dhuibh iùl.” Gu gleannsith thàrladh na fir: gleann an tric guth féidh is loin; gleann nan carn is nan scor; gleann nrn sruth ri uisg is gaoth. Thachair orra buaghar bhò, is rinn dhoibh uìl; thug dhoibh sgeul air duthaich nan creag, air fir agus mnaibh, air fàs shliabh agus chàrn, air neart feachd, air rian arm, air miann slòigh, agus craobh-thuinidh nam Fiann.


Feuch nach toir thu do bharail mu ni sam bith air am bheil thu aineolach, gu sonraichten an lathair-san aig am bheil deagh eòlas air. Mur bi e an comhnuidhn a dchomas labhairt gu ceart mun chùis, tha e gu cinnteachn ad chomas fantuinnn ad thosd. Ged tha cuimhne aig na miltibh air an lonais agus air an sgeilmearachd fein, is tearc iad aig an robh aobhar aithreachais air son fantuinn nan tosd.



[231]

[Vol . 3. No. 29. p. 7]

gliocais airfhilleadh a steach anns an sgeul so. Anns acheud aon tha cunntas againn air nighinn a bha rag, reasgach, agus eas-umhail do phàrantan, agus air màthair a bha cho beag de ghràdh nàduirs gun drinn i droch ghuidhe da h-ighinn. Cha neil ena ioghnadh sam bith ged a chaidh an nighean a dhìth, agus ged a thamàthair fo dhroch ainm gus an lathan diugh.

Than sgeul mun ghobhabhan Eirinn gu soilleir ateagasg dhuinn, nach urrainn crìoch mhath a bhith air duine sam bith nach toir oidhirp air tighinn tromhn t-saoghal le dichioll, le firinns le onair. Is iomadh dòigh anns am faod duine beairteas a dheanamh, agus inbhe àrd is mòr-urram fhaotainn dha fheins dhatheaghlach; ach an duine a gheibh na nithean so le dhol ann an co-bhainn ris an olc, faodar a bhith cinnteach nach bi beannachd Dhé no dhaoine, no soirbheachadh sam bith aige fhein no aig a theaghlach air acheann mu dheireadh.


Minard ’s Family Pills,glan, fallain.


Leighisoadh mise o lòinidh leMinard ’s Liniment.
Halifax. ANDREW KING.

Leighiseadh mise o droch sgamhan leMinard ’s Liniment.
Sussex. COL. C. CREWE READ.

Leighiseadh mise o loinidh leMinard ’s Liniment.
Markham, Ont. C. S. Billiug.


Suidhich dinntinn fein gu stoldta air na chaidh seachad, mas miannach leat na nithe a ta chum teachd a thoirt gu ceart fainear.

Air son nam biastan—Cherokee Vermifug.

Tha D. J. Domhnullach a creic moran de dhaodaichean deante, do fhirs do mhnathan agus tha e deònach an sealltuinn aìg am sam bith.

Cherokee Vermifugeair son nam biastan

Minard ’s Honey Balsam,Leigheas cinnteach

Minard ’s Honey Balsamaon uairs na h-uile h-uair.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnn
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[232]

[Vol . 3. No. 29. p. 8]

ORAN

Do Dhomhnall Ban Mac Dhomhnill Duibh, Tighearna Lochiall.

LEIS AN TAILLEAR MAC ALASDAIR.

So deoch slainte mo ghaisgich,
S coir a faicinn ga lionadh,
Is a cumail an cleachdadh
Mar dheagh fhasan da-rireadh.
H-uile fear leis nach ait i
Fagam e-san an iotadh;
Bhi ga h-ol gur h-e bannsa
Mas a branndidh no fion i.

Mas a branndidh mhath chruaidh i,
Druid an nuas i gufeuchinn,
Gus an cuirinn lan cuaich dhi
A suas fo chlar mludinn.
S olc an obair do chaìrdean
Bhi mi-ghradhach mucheile;
Do gach fear leis an aill i,
So deoch-slainte nan reubal.

Is a Dhomhnill oig Abrich,
Do shlaintfaiceam mun cuairt i;
S tun t-og firinneach smachdail,
Nach robh tais an am cruadail.
S beag an t-ionghnadh an t-ardan
Bhi gu h-ard ann ad ghruaidhean,
Is a luithad fuil rioghail
A tha sioladh mu dghuaillibh.

Gur a lionmhor fuil fhrasach
Thair a pasgadh fo dleine
Bho shliochd iomraideach Chairbre,
Bha gu h-armailteach, treubhach,
Le an sgiathibh breac dubilt
Is len luirichean reidhe,
N am dhaibh dol ann san iomirt
Cha be tilleadh bu bheus daibh.

Gur a lionmhor do chairdean
Ann an Albinn rim feuchinn;
S car thudh-oighre na Dreallinn,
S do shir Domhnull a Sleite,
Do Mhac-Shimi nam bratach,
Nach robh tais an am feuma;
S gum biodh Eoghan og Chluainidh
Is a shluagh leat gun eiradh.

Latha bhlairbha ri Halaidh
Dhfheuch sibh tàbhachd mar bhuidhinn,
Nuair a thionndaidh na naimhdean
Nan si rangansa bhruthach.
Dhuit cha biomrall an cruadal
Ghlac thun dualchas bu chuibhe;
Nuair theann do chinneadh ri cheile,
Ghabh na beistean mu shiubhal.

Cha be suibhal na slainte
Bhr aig a ghraisg ud a teicheadh;
S iomadh fear cota madair
Chaidhsan araich a leagail.
Biomad slinnein gun ghualinn
Agus cnuac bha gun leith-cheann,
Le luths nam fear laidir,
Ghabh an t-ardan gun eagal.

S mairg a tharladh ruibh crasgach
An am tachirt ri namhid;
Is mo ghaol sair an toiseach,
Craobh chosgirt a bhlair thu.
Nuair a thogteadh do bhratach
Le fir ghasda neo-sgathach
Le trein bhuillean an treun lamh
Bhiodh luchd-Beurlas an araich.

Cairbre, Cairbre Riada no Ruigh-fhada, a bha na righ an Dailriada an Eirinn eadar 220 agus 258 A.D. Oighre na Dreallinn, Mac-Gilleain Dhubhairt. Halaidh, Seanaileir Hawley, a bha air ceann nan Deorsach latha blar na h-Eaglise Brice.

Bha coir aig Domhnull Bàn Lochiall air a deas anns a bhlar. Be Eoghan Dubh Lochiallan t-Eoghan a thug an sgornan as an t-Sasunnach le fhiaclana sheanair; agus be Eachunn Ruadhan t-Eachann carchaichtea thuit ann am blar Ionarcheitein brathair a sheanathar.

Tha e air a radh gu bheil cuid de shliochd an Tailleir Mhic Alasdair an Ceap Breatunn. Co iad?

ALASDAIR.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.

A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.

Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.

Call and Examine Stock.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Soithichean Creadha agus Glaine.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh

Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris as fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B
Feb.


An S. S. Arcadia,
THAN ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Anns, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Diordaoin.
P . KERR,
Maighstir

titleIssue 29
internal date1895.0
display date1895
publication date1895
level
reference template

Mac-Talla III No. 29. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page