[Vol . 3. No. 3. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 21, 1894. No 3
SGEUL AIR BOCHDAN.
Air taobh a tuath Amhuinn St Lawrence, eadar Siorramachdan Ghlinn-Garraidh us Stormort, tha stiall chaol fearainn, mu fhichead mile ’dh fhad, agus mu dha mhile ’leud. Bha am fearann so an toiseach air a chur air leth dha na h-Iroquois, tréibh Innseanach a bha aig an àm sin a deanamh an còmhnuidh air na h-eileanan mora th’anns an amhuinn mu choinneamh nan Siorramachdan a dh’ ainmicheadh. Riamh uaithe sin theirear mar ainm ris an stiall so “fearainn Innseanach,” agus bha e air àiteach mu cheithir fichead bliadhna air ais le daoine thainig a mach á Siorramachd Pheart an Alba. Mar a rinn na Gàidheil uile ’nuair thainig iad air imrich, thug an sluagh so an cleachdaidhean féin thar a chuain sgus lean iad riutha ann an tomhas mor no beag riamh uaithe sin. B’ àbhaist dhaibh a bhi dol air chéilidh air a chéile cho tric ’sa b’ urrainn daibh, agus ’n uair a chruinnicheadh iad mu chlach-an-teinntein oidhche fhada fhuar gheamhraidh b’e ’n seanchas, a bhiodh aca mar bu trice, sgeulachdan a bha air an aithris leis gach ginealach dhe’n sinnsir o làthean Oisein a nuas, —euchdan Uilleim Ualais us Raibeirt Bhruis, —beul-aithris nan seanairean a thaobh nam blàra fuilteach a bhiodh gu tric aig na fineachan Gaidhealach ’nam measg fein, —agus na h-uile ni iongatach a a bha air fhàgail air Seòras Buchanan, co-dhiu rinn no nach d’ rinn e iad. Agus am measg gach sgeul eile bhiodh aca, cha robh dearmad ri dheanamh air na bòchdain ’s air na daoine sithe. Bha sean us òg, mar so, air an cumail ann an dlùth-cheangal ris an dùthaich as an d’ fhalbh iad, ’s air am misneachadh ’s air an nearteachadh gach latha le bhi cuimhneachadh air na daoine o’n d’ thainig iad. Tha na paipearan naigheachd ’s na leabhraichean a gheobhair an diugh cha mhor an nasguidh, an deigh cur as do chleachdaidhean nan làithean sona ’dh’ fhalbh. Cha’n anineamh leinn a nis sliochd Ghàidheal fhaicinn aig nach eil fhios de chearna dhe’n Ghàidhtachd anns an d’ fhuair an fheadhainn o’n d’ thainig iad am breith ’s an àrach. Tha mi tighinn thairis air so air son ’s gu’n tuig an luchd-leughaidh mosgeul na’s fhearr.
Tha rathad mòr a dol troimh ’n fhearann Innseanach o cheann gu ceann, agus tha eaglais us cladh mu’n cuairt dhi mu leth-cheud troidh o’n rathad. Pios beag a deas air an eaglais tha tom coille còrr us mile ’leud. Aon oidhche reòta ’sa gheamhradh, chaidh duine, ’bha fuireach a deas air an tom choille sin, air chéilidh air cairide dha a bha mu leth-mhile tuath air an eaglais. Bha ’n duine còir sin loma-làn de sheann sgeulachdan ’s de gach seòrsa ròpraich mu bhòchdain ’s mu shithichean ’s rachadh aige air an aithris ann an deagh Ghàilig. Air an oidhche so lean e orracho fada ’smu’n d fhuair fear na céilidh air falbh uaithe gu robh e meadhon oidhche. ’N uair fhuair e mu dheireadh thall an tigh fhàghail, bha oidhche cho àluinn am muigh ’sa chunnaic e riamh; bha ’ghealach làn, bha’n t-athar gorm gun sgòth, ’s na fir-chlis a’ leumadraich ’san àirde tuath ’s ’gan sgaoileadh féin gach rathad, ’s iad air dath cho dearg ’s gu robh ’n sneachda ’bha còmhdach an làir ag atharrachadh dreach, ’s ag ath-thilgeil an t-soluis air ais ’s air adhart. Agus còmhla ris gach mi eile bha sgiath-runnaig an dràsd ’sa rithist ri faicinn a’ cur réis tre’n speur. ’N an robh dithis no triùir air a bhi am mach cha chuireadh coltas na h-oidhche athadh ’sam bith orra, ach ’nuair nach robh aig an duine so ach e fhèin, agus sin an deigh dha bhi ’g éisdeachd ri sgeulachdan mu bhòchdain ’s mu shithichean, agus aige ri dhol seachad air cladh anns an robh càirdean us luchd-eòlais a’ cadal a’ chadail dheireannaich, ’s beag an t-ioghnadh ged a bha nàdar de sgian air, ’s ged a bha e clisgeadh a h-uile uair a chluinneadh e an sneachda a diosgan fo ’chasan.
’Nuair bha e direach aig a gheata a bha fosgladh dh’ionnsaidh na h-eaglais, chual e fuaim uamhasach anns a chladh a thug air a chridhe leum, fuaim mar gu’m biodh neach-eigin ’ga thachdadh ’s ’ga shior thachdadh. Sùil gu’n d’ thug e ’n rathad a bha ’m fuaim sin a tighinn, agus de chunnaic e ach seann chailleach na h-aodach mairbh a falbh air a màgan ’sa ’deanamh direach air a gheata. B’e aon sùil fhéin a thug e; cha d’ fheith e ris a chòrr, ach thug e na buinn dhi. Cha b’ urraim dha tilleadh gu taigh air an robh e air chéilidh, oir bhiodh a chailleach aig an rathad an thoiseach. ’S e chuir e roimhe feuchaim ri tigh nàbuidh eile thoirt a mach a bha fuireach air frith-rathad a bha fàgail an rathaid mhoir mu mheadhon na coille. Ruith e cho cruaidh ’sa dheanadh a chasan dha, ’s ruith am bòchdan na dheigh, ’s chluinneadh e ghuth tùchannach, tachte an dràsda ’sa rithist. Fhuair e co-dhiu a choille thoirt am mach ’s leis a chabhaig anns an robh e ghabh seachad air an rathad air an robh duil aige dhol agus b’ fheudar cumail roimhe, ’sa dhearg nàmhaid am bochdan air a shàil. ’Nuair a bha e gu tuiteam as a sheaamh leis an eagal ’s leis an sgios, thachair each us sleighe air. Chuir an duine bh’ anns an t-sleighe fàilt air, ach cha do fheagair esan thall no bhos ach thuit e ann an niall, agus bha e tacan math gun dùsgadh. ’Nuair a thainig e thuige fhèin, gu de b’ iongataiche leis na ’m bòchdan fhaicinn na sheasamh ri taobh na sleighe, ’s nach robh ann ach muc.
DIARMAD.
[Vol . 3. No. 3. p. 2]
AM PIOBAIR AOSDA AGUS A PHIOB.
Tha eachdraidh ar dùthcha a’ leigeadh ris duinn iomadh ni iongantach a thachair an uair a bha na fineachan ag eiridh an aghaidh a’ cheile, agus an uair a b’ iad na claidhean, mar bu trice, a dheanadh suas an reit eatorra. Bha na h-amanna sin gun teagamh, fuasgailte, lasach, agus buaireasach; agus cha b’ urrainn neach e fein fhaicinn tearuinte a là no dh’ oidhche, a thaobh nan aimhreitean a bha do ghnàth mu ’n cuairt da. Cha robh na cùisean gu mòr air an ath-leasachadh ri linn cogannan nan Stiùbhartach. Nach mòr an odhail agus an upraid a bha air feadh gach cearnaidh dhe ’n Ghaidhealtachd ann am bliadhna Thearlaich, an uair a bha fineachan tréun air a thaobh, agus fineachan ceart cho tréum ’na aghaidh? Bha ’n dùthaich air a roinn agus air a buaireadh agus bha cairdean agu luchd-dàimh air an tarruing gu bhi nàimhdeil ri chéile. Rinneadh spàirn ro chruaidh chum na Stiubhartaich a shuidheachadh air an rìgh-chaithir, ach dheònaich am Freasdal a chaochladh, agus tha aobhar againn a bhi taingeil a thaobh sin. O na h-amanna fuilteach sin thàinig iomadh caochladh mu ’n cuairt chum na cumhachdan a ta ’riaghladh os ar ceann a chomh-dhaingneachadh air an righ-chaithir, agus chum dòchas nan ceannairceach a smàladh as gu bràth. Cha’n ’eil teagamh nach robh càirdean Thearlaich lionmhor, dileas, agus cumhachdach. Am measg chàich bha am piobair aosda, air an toirear a nis gearr-iomradh. Bha e ’na charaid dian, agus dileas do ’n Phrionnsa. Bha e ’na là gus na linn fein comharraichte, cha ’n e mhàin air son a neart, agus a thréubhantais ach mar an céudna air son an fheabhais leis an cluicheadh e a’ phiob-mhòr. B’ aon de chloinn Sgéulaich e, Iain Mac Griogair, a rugadh ’sa bhliadhna 1720, ann an Fatrichill, ann an siorramachd Pheirt far an robh a shinnsear cliùteach ré iomadh linn, mar na piobairean a’s fearr ’san dùthaich air fad. Bha clann Sgeulaich ceart co iomraiteach sna lìnntibh a dh’ fhalbh ri cloinn Mhic Criomain Dhùnbheagain, no ri cloinn Mhic Artair, piobairean Mhic Dhomhnuill nan Eilean. Bha Ian MacGriogair ’na dhuine tapaidh, tréun agus bu tearc e r’a fhaotuinn a chuireadh a dhruim ri talamh. Bha spéis gun tomhas aige do’n Phrionnsa, agus ceart cho luath ’sa chàraich e a chos air mòr-thìr na h-Alba, ghrad thug Ian leis a’ phiòb-mhòr do Glheann Fhionghain air agus chuir se e fein fo bhrataich Thearlaich Oig. Cha b’ fhad air an laimh eile, gus an robh mòr-thlachd aig a’ Phrionnsa dha, agus cha dealaicheadh e ris ’na chuairtibh anns gach àite. Chumadh e còmhradh càirdeil ris a’ phiobair bhochd, agus dh’ iarradh e a chomhairle anns gach cùis. Cha robh, gidheadh, ach eòlas ro bheag aig Iain còir air a’ Bhéurla, agus cha b’ urrainn da comhradh freagarrach a dheanamh ris a’ Phrionnsa. Ach cha b’ fhad gus an d’ rinn Tearlach gréim air earrannaibh sònraichte dhe ’n Ghaelig, agus an trà ’sa rìs, ghlaodhadh e ris a’ phiobair,— “Séid suas do phiob, Iain.” An uair a chaidh Tearlach a steach do Dhùneidin, agus an uair a theich Cope agus a mharc-shluagh aig Prestonpans ghlaodh am Prionnsa gu cruaidh, cabhagach, “Séid suas, séid suas do phiob, Iain.” Chaidh am piobair bochd anns an ruaig gu Derbi, —bha e ’lathair ’san Eaglais-Bhric, agus aig séisd Chaisteil Shrìghlaidh, —agus mu dheireadh ag faiche mhi-shealbaich Chuil-fhodair, far an d’fhuair e an sealladh mu dheireadh de ghnùis thlà a’ Phrionnsa. An deigh iomadh déuchainn agus cruaidh chàs, phìll MacGriogair air ais gu sgìreachd a bhreith, far an robh e gu là a’ bhàis. Bha ceathrar mhac aige, agus ochdnar oghaichean, agus bu phiobairean air fad iad. Ach dhe ’n àireamh so gu léir cha bheò an diugh ach a h-aon.
Bha ’phiob chéudna leis an do dheachd Mac Griogair misneach agus spiorad a chuid companach anns a’ chath, aig ogha dha, Iain Mac Griogair eil, a chaochail ann an Druimcharaidh, ann an sgireachd Fhautrichill o cheann beagan bhliadhnaichean air ais, mu cheithir fichead a dh’ aois. Bha e ’na dhuine stuama, measail, agus cliùiteach, d’ an robh mòr-spéis aig a luchd-eòlais gu léir. Bha ’n t-seann phiob ann an deagh ghléus agus òrdugh, an uair a chaochail Mac Griogair, agus goirid o la a’ bhàis, bha e ’na shòlas da’ chridhe a bhi ’ga séideadh suas, an uair a bha eadhon an anail goirid. Ach tha i fathast a làthair aig Diuc Athol ’na chaisteal fein ann am Blàr. Cha ròbh aice riamh ach da dhos de bhrigh nach robh an treas dos air a chleachdadh anns an h-amannaibh o
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.
G . H. GUZZWELL,
SIDNI, C. B.
C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr.
Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadan, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air dlaimh aonnan.
[Vol . 3. No. 3. p. 3]
shean. Bha ’n sionnsair air a chòmhdachadh le bannaibh airgid, làn sgriobhaidh ann am Beurla ’san Gaeilg. Chuir an Ridir Iain Athol Mac Griogair nach maireann, clàr leathann airgid air, leis an sgriobhadh a leanas anns an dà chàinnt:— “Bha ’phiòb so, a bhuineas do Iain Mac Griogair, piobair Dhiùc Athoil, air a cluicheadh le ’shean-athair Ian Mac Griogair, ann an cogannaibh Phrionns’ Teàrlaich Stiubhart ’sa bhliadhna 1745-6; agus chuireadh an sgriobhadh so oirre le ’Cheann-cinnidh fein, an Ridir Iain Athol Mac Griogair, ’sa bhliadhna 1846, mar chùimhneachan air obair urramuich na piòba.”
Bha Iain Mac Griogair so mu dheireadh aig an robh a’ phiob ’na fhear-cluiche ro eireachdail gu deireadh a làithean. Choisinn e a’ phiob mhòr mar dhuais-cluiche ann an Dùnedin, ann am mios mu dheireadh an t-sàmhraidh 1811. Bha e ré iomadh bliadhna ’na phiobair aig Diùc Athol, agus a ris aig Mac Fhionnlaidh, Mhonaltri, agus an déigh sin aig Mac Fhionnlaidh Finghein. Chluich e ’s a bhliadhna 1813 aig co’ -chruinneachadh nan uachdaran ’san Eilean Mhanainneach, aig Ceinn Thinbhailt. Bha e a’ cluicheadh air ceann nan Griogaireach ann an Dùnedin, an uair a thàinig an righ ’sa bhliadhna 1822. Bha e ’na phiobar aig Gaidheil Dhiuc Athol aig Faoin-chòmhrag Eglinton ann an 1839, agus chuireadh an t-urram air cliucheadh an làthair na Bànrighinn aig Caisteal Bheallaich. Ach mu dheireadh luidh an aois gu tròm air Iain còir. Dh’ fhàs e diblidh, fann le luchd nam bliadhnaichean a chaidh thairis air a cheann. Agus a thuilleadh air sin, dh’ fhàs e glé ghann na chuid, ’na laithibh deireannach. Chuir e litir o làimh fein dh’ ionnsuidh an Sgiathanaich air da a bhi na fhear-cinnidh dha, dh’ fhéuchuinn an gabhadh duin-uasal éigin tlachd dhe ’n t-seann phiob chum gu ’m biodh i air a gleidheadh re linntean ri teachd mar chuimhneachan air a seirbhis ’s an àr-fhaich. Chuir an Sgiathanach eachdraidh Chloinn-Sgéuluich agus na piòb anns an litrichibh naigheachd mar a rinneadh eadhon a nis, agus thàinig na h-uiread dhaoin’ -uailse air an aghaidh a a bha deónach gréim fhàotuinn air a phiob, agus a bheireadh suim airgid do ’n t-seann duine chòir air a son, ach am measg chàich chuir Diùc Athol nach maireann fios gu ’n suidhicheadh e uiread ’sa bhliabhna, fhad s’ bu bheò e, air a’ phiobair aosda air son na piob. Gheall e uiread ’sa dh’ fhagadh an seann duine coir soimheach, socaireach rè uile làithean a’ bheatha. Rinn an Diùc mara a gheall, agus shìneadh laithean a’ phiobaire gu beagan bhliadhnaichean an déigh sin, a’ sealbhachadh le taingealachd teirbheartais an Diùc. Ach mu dheireadh fhuair e am bàs, agus fhuair an Diùc a’ phiob, —agus cha ’n eagal nach gleidhear tearuinte i leis an teaghlach àrd-uasal sin re linnte ri teachd. —SGIATHANACH, ’sa Ghaidheal 1876.
AN SIONNACH.
Gheibhear an sionnach cha mhòr anns gaoh cearn do’n domhain. Buinidh a do’n aon seòrsa ris a’ mhadadh. Tha a dhath donn, a bheul biorach, a chluasan àrd agus dìreach, agus ’earball fad, dosach, agus breac. Tha an toll sam bheil e a’ gabhail còmhnuidh am bitheanta fo’n talamh no ann an sgeiribh chreag. Cha ’n fhàg e a gharadh gu feasgar; agus an sin théid e mach air feadh nan coillteach agus an fhearainn air son cobhartaich, agus fanaidh e am muigh gu maduinn. ’Se is biadh dha a’ mhaidheach, an coinean, cearcan agus eunlaith do gach seòrsa. Ithidh e mar an ceudna faimh, radain, agus luchaidh; agus tha e ro dheigheil air ùbhlaibh agus air gach gné meas.
Ged tha an sionnach ro dhiùbhalach am measg eunlaith agus uan, tha e deanamh feum mòr le bhi cur as do iomadh creutair millteach agus gràineil Ann an Sasunn, agus ann an iomadh àite eile do ’n domhain, tha an sionnach a’ toirt mor-shùgradh agus aighear do luchd-seilg. Tha na sealgairean a’ marcach ’na dhéigh, agus ’ga ruagadh le madaibh; ach is tric a sgithicheas e nacoin, na h-eich, agus na Sealgairean; agus feudaidh e bith, an déigh dhoibh a leantuinn car leth-cheud mile, gu’n toir e an car asda m’a dheireadh, —gu’n ruig e ionad folach éigin, agus gu’n tearuinn e a bheatha.
Tha an sionnach ro innleachdach chum breith air a chobhartach, agus chum a namhdean a sheachnadh. Tha so co aithnichte do gach neach is gu’n abrar mar ghnàth-fhocal ri duine carach agus cuilbheartach, “Gu bheil e co seòlta ris an t-sionnach.” ’S iomadh sgeul a dh’ innsear mu thimchioll an t-sionnaich agus mu thimchioll nan innleachdan tha e ghàthachadh a mhealladh a naimhdean. Bha aon do na creutairibh so gu tric air a dhlùth-leantuinn le madaibh, ach chaidh e as a ghnàth le bhi ruith gu mullach creige corruich, far an robh àite-tuinidh aige; agus is minic a thachair e, ’nuair a bha na madaidh an dian-thòir air, gu’n deach iad thar a’ charraig, agus gu’n do mharbhadh iad.
Le bhi gabhail beachd air an àite so, fhuair an luchd seilg a mach mu dheireadh gu’n robh garadh aig an t-sionnach ann am beul eudain na carraig, agus gu’n robh e a’ greimeachadh le ’fhiaclaibh ri slait làidir a bha fàs aig taobh a thuil, agus air an dòigh so ga thilgeadh féin a steach ann. Ach tha innleachd an duine ni ’s mò na seòltachd an t-sionnaich. Ghearr na sealgairean an t-slat, agus chum an car a thoirt as an t-sionnach, dh’ fhàg iad i ’na seasamh far an robh i. An ath-uair a chaidh an sionnach a ruagadh, ruith e gu bile na carraig mar a b’ abhaist da, —rug e air an t-slat’ na fhiaclaibh, ach ghéill i roimhe, agus thuit e sios car air char gu iochdar na carraig, agus air an dòigh so reubadh ’na bhloighdibh e.
Am Fitheach.
Tha am ficheach ’na eun láidir agus garg: ’Se is àite-còmhnuidh dha àrd-mhonadh, far am bheil pailteas do sprèidh g’a chumail suas. Cosmhuil ris an iolair tha am fitheach a’ teachd beò air eoin bheaga, air uain, agus, feadh a’ gheamhraidh, air cairbh bheathaichean tha faotainn bàis le plàigh, le fuachd, no le gorta. ’Se an t-sùil a’ cheud ni air am bheil am fitheach a’ toirt ionnsuidh ’nuair tha e ’g iarraidh cobhartaich; agus tha e gu minic a’ dalladh chaorach le a sgiathaibh, agus an sin a’ spìonadh a mach an sùilean, agus ’gam marbhadh. Bha an cleachd so aig Solamh ’na bheachd, ’nuair a thubhairt e, “An t-sùil a ni magadh air athair, agus a ni tarcuis air ùmhlachd d’ a mhàthair spìonaidh fithich a’ ghlinne mach i, agus ithidh ha h-iolairean òga suas i.”
Anns a cheann an iar de’n chuan chiùin (Pàcific) tha àireamh de dh’ eileanan a tha tigh’nn ris ’sa dol á sealladh cha’n eil fhios cia meud uair ’sa bhliadhna. Thig iad air uachdar an uisge mar gu’m biodh iad a dol a ghabhail na gréine an diugh ’a an ceann beagan lathaichean, no ma dh’ fhaoidte seachduinean, théid iad fodha rithist ’s cha bhi sgeul orra.
LeighsidhMinard ’s LinimentBreac
[Vol . 3. No. 3. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, IULAIDH 21, 1894.
THA sinn a tuigsinn gu ’n do chórd Turus-cuain Chaluim ’Ic Fearghais, agus Eachdraidh Bhartimeuis, ri luchd-leughaidh a MHAC-TALLA gle mhath. Tha eachdraidh eile againn o pheann Mhurchaidh ’Ie Laomuin mu thighinn nan Gàidheal a dh’ Eilein a Phrionnsa, agus bi’dh i anns an ath àireamh. Tha na h-eachdaidhrean goiride so luachmhor ann a bhi cur solus air staid na dùthcha an am a bhi ’ga h-àiteach an toiseach, agus air cor an t-sluaigh a’ fàgail thall ’sa ruigheachd a bhos, agus ’s ann a dol na’s sior luachmhoire bhitheas iad mar a ruitheas tim ’sa bhios cuimhne ’nan bliadhnaichean a dh’fhalbh a’ dol as an t-sealladh.
THA Pàrlamaid Chanada a nis air sgaoileadh an deigh a bhi ’na suidhe còrr us ceithir miosan. Shaolamaid gu ’m feudadh fir na pàrlamaid gnothuichean na dùthcha chur air dòigh ann an ùine bu ghiorra na sin, ach tha e coltach nach deach aca air sin a dheanamh. ’S e ni ’s cudthromaiche rinn iad an aonta chur ris a chòrdadh a rinneadh an uiridh eadar Canada ’s an Fhrainig a thaobh malairt. Leis a chòrdadh sin tha aig Canada ri nithean àraidh a thig as an Fhraing, mar tha fion, a leigeil do ’n dùthaich air cis na’s lugha na bh’ orra roimhe so, agus tha aig an Fhraing ris an ni cheudna dheanamh ri nithean a chuirear a null á Canada. Tha ’n darra taobh de thigh na pàrlamaid (an taobh a rinn an còrdadh so) a deanamh cinnteach gu bheil e dol a dheanamh feum mor do mhalairt Chanada; agus tha ’n taobh eile cheart cho cinnteach gu bheil e ’n àite sin a’ ’dol a dheanamh milleadh air. Se ’s coltaiche nach dean e aona chuid cron no feum cho mor ’sa dh’ fhagair air an dràsda. Agus ma bhios Canada, an ceann na bliadhna, a faicinn nach eil a cuid-se dhe’n bhargan cho math ’sa bha i ’n dùil, faodaidh i bristeadh air a chòrdadh, ’s cha bhi ’n còrr m’a dheibhinn. Agus, air an laimh eile, ma chi an Fhraing nach eil i-fhéin a’ faotainn na bu mhath leatha faodaidh sinn a bhi cinnteach gu’n cuir i stad air a chòrdadh cho luath ’sa ’s urraim dhi.
THA chuid a’s mò de’n ’n luchd-oibreach a bha seasamh a mach ’sa cumail nan ròidean-iaruinn ’nan tàmh ’sna Stàitean an Iar air a dhol air ais gu’n obair, gun iad aon phuinc na’s fhearr dheth na bha iad roimhe. Gu dearbh ’s ann tha cuid dhiubh ag guidhe gu’n gabhair air ais iad, ’s gun fhios aca co-dhiu ghabhas no nach gabh luchd-seilbh nan rathaidean riutha. Thatar a’ cur coire mhòr air aon duine, Mr. Debs, a thug òrdugh do na daoine dhol am mach gun reusan ceart a bhi aige air sin a dheanamh. Tha cuid a dhaoin’ ann ’s ’nuair a gheibh iad ann an ùghdaras, feumaidh iad rud-eigin mòr a dheanamh air son a leigeil fhaicinn do’n t-saoghal gur h-iad-san na daoine, ’s ma’s fior na tha air fhàgail air, ’sann dhiu Mr. Debs. Chaill an luch-oibreach moran tuarasdail, agus chaill am maighs irean a cheart cho mor leis na rathaidean a bhi ’nan tàmh. ’Sann gle ainneamh a bhiol buannachd a’s fhiach aig taobh seach taobh air a cheann mu dheireadh, agus tha e gach latha fàs na’s soilleire do na h-uile nach eil na leithid a dh’ obair ach na’s miosa na ghòraiche.
THA àireamh mhor righrean an tiodhlacadh ann an I-Challum-Chille. Tha da fhichead de righrean na h-Alba fhéin ann, a bharrachd air da righ Eireannach, da righ Lochlunnach, ’s aon righ Frangach.
Tha Mr. Uilleam Dòmhnullach, à Alba ann an Sidni an deigh dha bhi aig Féill an t-Saoghail ’s a cur cuairt air na Stàitean. Bidh e anns a “Chounty Hall” oidhche Di-ciaduinn an 25mh la aig 8 p. m. Bi’dh Piobaireachd, Dannsa Gàidhealach, agus seinn Oran Gailig us Beurla aige, ’s e fhéin anns an éideadh Ghaidhealach. Cha chosd a dhol ’ga éisdeachd ach 25cts. Clann 10cts.
JOST BROS.
(Roimhe so, C . S. Jost & Co.)
STOC MOR DE BHATH ARUR
Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa.
Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c ., &c .
Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor,
CHEAPSIDE WAREHOUSE.
Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETER’S, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
HEARN & HEARN,
Fir-Tagridh, Notairean, &c ., &c .,
Sidni & Arichat.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
Leabhraichean Gailig.
RI’ N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig .D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 3. No. 3. TD 5]
NAIDHEACHDAN
A CHAIRID, cuir do lamh ’na do phòcaid ’s cuir dollar air adhart air son bliadhna eile dhe’n MAC-TALLA
THA e air a radh gur h-i ban-righ Victoria an aon urra rioghail a bha riamh am Breatuinn a chunnaic an t-iar-ogha.
CHAIDH tuathanach de’n ainm Beverly a mharbhadh le tarbh crosda ann an Ontario an la roimhe. Cha robh e beò ach mu ochd mionaidean an deigh a thoirt o’n tarbh.
AM bheil thu gabhail a MAC-TALLA? Mur h-eil cuir g’ a iarraidh gun dàil. Cha ’n eil àm ann a’s fhearr air son cur g’ a iarraidh na’n uair tha e tòiseachadh air bliadhn’ ùr.
Thatar a meas gu ’n do chaill iad-san d’ am buin na rathaidean-iaruinn anns na Stàitean, eadar còig us ochd muillein dollar fhad ’sa bha ’n luchd-oibreach a seasamh a mach.
BHA cheud tri latha dhe’n t-seachdain so anabarrach teth, cho teth ’s nach robh e sàbhailt do neach a bhi mach ri teas an latha. Bha Diordaoin beagan na b’ fhionn-fhuaire.
CHAOCHAIL duine beairteach ann an Ontario o chionn ghoirid, fear Donnacha Mac-an-t- saoir. Tha chuid dhe ’n t-saoghal air a mheas aig muillein no dha. Dh’ fhag e ’n t-iomlan aig a theaghlach fhéin.
DH’FHEUCH dithis dhaoine ri bristeadh a stigh do’n bhùth aig Bonnion ann an Glace Bay an oidhche roimhe air son deoch làidir a ghoid. Loisg Bonnion orra agus chaidh fear dhe na daoine leònadh.
CHAIDH duine ’s bean a mhuinntir nan Stàitean a bhàthadh aig Brackley Point, E. P. I., Di-sathairne s’a chaidh. Bha iad an sin air cuairt shamhraidh, agus bha iad am muigh a snámh ’nuair a chilleadh iad.
THA seann duine d’ an ainm Iain Mac Leóid a’ fuireach air an Allt Mhor eadar Amhuinn Dhennis us Amhuinn “Inhabittants,” a tha ceud bliadhna ’sa tri a dh’ aois. Thainig e mach as an Eilean Sgiathanach ’sa bhliadhna 1831.
CHAIDH duin’ òg da ’m b’ ainm Domhnull Mac Aonghais a bhualadh leis a ghrein Di-dòmhnaich s’a chaidh agus chaochail e maduinn an ath latha. Bha dithis no triuir eile air am bualadh anns a bhaile re na seachdain, ach chaidh iad am feabhas.
THA co-thional Ghrand River an deigh clàr-chuimhne chur suas anns an eaglais mar chuimhne air an Urr. Mr Ros, a shaothraich ’nam measg fad iomadh bliadhna. Tha ’n sgireachd a bha aige, an diugh air a roinn na tri paraisdean.
Tha ’n t-iasgach anabarrach math air cladaichean Newfoundland anns na lathaichean so. Tha h-uile duine ’s urrainn lamh no cas a thogail, am mach, agus cha ’n eil bàta ri fhaotainn air pris sam bith; tha iad uile cho trang.
BHA crith-thalmhainn ann an Constantinople o chionn ghoirid. Bha àireamh thaighcan air an leagadh, ’s àireamh dhaoine air am marbhadh, Tha moran de na taighean air an dùnadh a nis agus tha moran sluaigh air campachadh a mach as a bhaile.
THA fios as am Roimh ag innse gu bheil am Pàp gle fhad air ais na shlainte, ’s gu bheil na“Cardinals”an deigh sanais fhaotaìnn iad a bhi deiseil gu cruinneachadh ’s an lùchairt aige, gun fhios c’ uin a chuirean fios orra.
THA co-thional cléireachail a Bhras d’ oir Bhig an deigh eaglais ùr a chur suas. B’ i ’n t-seann eaglais a th’ aca a cheud thigh-aoraidh a chuir muinntir na h-Eaglais shaoir suas an Canada an deigh dhaibh dealachadh ris an stait ’sa bhliadhna 1843.
THA soitheach iasgaich Geancach ann an lamhan an Riaghlaidh an dràsd air son a bhi ’g iasgach an taobh a stigh de thri mile o thir. Tha i ri bhi air a rup an ceann latha no dha. Tha caiptean an t-Soithich ag radh nach eil e ciontach idir ’s tha e ’dol a chur na cùise dh’ ionnsaidh an lagha.
CHAIDH Daibhidh Forbes a mharbhadh le bualadh-gréine aig Fall River, New York, air an t-seachdain s’a chaidh. Cha robh e beò ach da uair an deigh a bhi air a bhualadh. Bu mhac e do ’n Urr. Uilleam Forbes a bha ann am Port Hastings. Bha e leth-cheud bliadhna ’sa tri a dh’ aois.
BHA mèinn a Bhlockhouse air a creic leis an t-Siorram ann a Halifax air an t-seachdain s’a chaidh. ’S e Banca Nova Scotia a thug a mach i, agus tha e paigheadh ceithir mile fichead dollar s’a sia air. ’S i soméinn cho math ’sa tha air an eilein, agus ma thòisechear air a h-oibreachadh aon uair eile ni é feum mor do mhuinntir Phort Morien.
THAGHAIL soitheach aig Sidni a Tuath air an t-seachdain s’a chaidh air a turus eadar Boston us St. Pierre, ’s an caiptean marbh air bòrd; Chaidh an sin Caiptean R. Domhnullach air bòrd oirre gus a toirt gu ’ceann-uidhe. ’Nuair a ranaig i cladaichean St. Piere, chaidh i air chall ann an ceo ’s chaidh a bristeadh air sgeir.
Tha ’pharlamaid an deigh suimeannan math airgid a chur air leth air son rathaidean-iaruinn anns an eilean so. Tha $96 .000 aìr a chur air leth air son cuideachadh le rathad a thogail eadar Port Hawkesbury us St. Peter’s, $80 .000 air son rathad eadar Port Hawkesbury us Cheticamp, agus $113 .000 air son rathad eadar Orangedale us Broad Cove.
THA seana bhean a fuireach mu fhaisg dha mhile do Wolfville, N. S., a tha còrr us ceithir fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois. Tha i na deagh shlàinte, agus tha a fradharc cho math ’sa bha e riamh. ’Se rud a’s iongataiche m ’a timchioll gu’n do chuir i seachad a saoghal mu dha mhile o’n àite ’s d’ rugrdh i, ’s nach robh i riamh ann an Kentville no ann an Hantsport, dha bhaile bheag a tha gle fhaisg air a dachaidh. Cha mhò bha i riamh oir bòrd earbad iaruinn no air bàta smùide.
Chaidh fear Niall Mac Nèill a ghoirteachadh gu dona ann am Méinn Lorway Dior-daoin. Thuit tòrr guail air, ’s tha eagal air na dotairean nach tig e uaith.
LeighsidhMinard ’s LinimentCnatan.
Chaidh mise leigheas o chuing leMINARD ’S LINIMENT.
Lot 5, P. E. I. MRS. A. LIVINGSTONE.
Leighseadh mise o lòine leMINARD ’S LINIMENT.
Mahone Bay. IAIN MADER.
Leighseadh mise o chas ghoirt leMINARD ’S LINIMENT.
Bridgewater. IOSUA WEGNACHT.
SANAS.
Bathar Ur na h-uile Seachdain.
Na prisean na’s isle na bha iad riamh.
Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.
Tha Gailig aig na cleirich.
STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich
Taillearachd.
Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Innein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.
[Vol . 3. No. 3. p. 6]
MO THURUS DO’N GHAIDHEALTACHD.
LEIS AN URR. RUIRIDH MAC LEOID.
Air an latha màireach thog mi rithe gu Sgarastadh Bheag. B’e sin an rathad math. Cha robh aon chuid pollag phuill na maidean drochaid ri coinneachadh ris gu carbadan a chriathradh as a chéile. Is ann da mo chois a bha mi agus bha an latha breagha grianach. B’ e sin an ni toil-inntinneach a bhi ag amharc air caoirich mhòra le ’n uain a cleasachd ri chéile air cliathaich na Maodail air an darra laimh agus air mointeach a chaolais air an laimh eile. Ach tha taobh dorcha air gach subhachas. Nach muladach ri innseadh gu’m biodh milltean do dh’ acraichean aig aon duiné fuidh chaoirich mhòra ’nuair a tha na ceudan de theaghlaichean air am fògradh á tir an dùthchais gu iomallaibh na talamhainn. Chaidh mi seachad air Nisa-sith agus thainig e gu’m chuimhne gu’n robh aon uair grunn de theaghlaichean a’ còmhniudh ’an so na ’measg an robh teaghlach duine urramaich da ’m b’ ainm Tormad Mac Alastair. Is iongantach r’a innseadh e, ged a bha Tormad na dhuine comharraichte ’s an diadhachd, cha tugtadh riamh a chreidsinn air nach robh comas aig duine no bean brigh a bhaine a thoirt o choimhearsnach. Rainig mi tigh Sgarastaidh Bheag ro àm na dinnearach agus choinnich mi ri fàillte fhuranach o bhean a bhaile, nighean Fear Tharansaidh nach maireann agus piuthar Dhomhnuill Bhàin Tharansaidh a chaochaill a bhliadhna roimhe. Chaidh lamh a thoirt air a bhotull mar bu ghnàth ’s an tigh uasal so. Thug mi taing ach dhiult mi beantuinn ris an stuth phuinnseanta loisgteach ged nach b’e sin cliù a bheireadh na fior mhisgeirean air, oir is e a chuid bu treise agus bu neo-thruailte de’n uisge bheatha a bha ann. An deigh na dinneir thog mi rithe gu caolas Tharansaidh. Bha e uair ro dhol fodha na gréine ’nuair a ràinig mi Aird Nisaposd. Sheas mi an toiseach ’an còmhail a mhaighstir sgoile agus an deigh ùine chaidh mi do chòmhail an Tighe Mhòir. Bha a ghrian gu dol fadha ’nuair a thainig geòla dha ramh g’am iarruidh. Dh’ fhan mi an oidhche sin ’san Tigh Mhòr agus thug mi searmon dhoibh an là na mhàireach ’s an tigh sgoile. Chaidh ceithir bliadhna deug seachad bho na bha mi ’teagasg sgoile ’s an eilean iomallach so. Thainig moran chaochlaidhean air an àite bho’n uair sin. Dh’fhás a chlann suas gu ’bhi na’n daoine agus bha na seann daoine ceithir bliadhna deug ni bu shine. Tha aon de na ballaich—Iain Mac Ruairidh Mhic Ascaill—a foghlum air son na ministrealachd. Dh’ iunndrainn mi Domhnull Mac Challum as am measg. Chaidh e a dh’ ionnsuidh a shonais. Is e eilean a tha an so a bheannaich an Tighearna ann an tomhais ro mhòr. Bha dùsgaidhean anabarrach ann ri linn Aonghais Mhic Illeathain an ceisteir o chionn faisg air tri fichead bliadhna agus tha toraidhean na’n amaibh sin ri fhaicinn fathasd. An uair a bha mise a’ teagasg sgoile ann bha gach teaghlach an seilbh air fear aideachaidh no bean aideachaidh ach a h-aon, agus bha triùir ann an cuid dhiubhh. Ghabh mi slàn leotha an ath latha agus ghabh mi an t-aiseag a chum an Tairbeart. B’e Di-sathuirne a bha ann agus air an ath lath shearmonaich mi ann an eaglais Mhic Illeathain do làn na h-eaglais as gach Bàgh agus Rutha bho Aird a Mhùlaich gu Licisto. Air feasgar na Sàbaid thainig bàta na smùid a chum a challa air tighinn a Eilean Hiort. Bha air bord árd eildeir an eilean sin, agus aig an aoradh teaghlaich chuir mi a dh’ urnuigh e. Is e banaghall a bha ann am bean a mhinisteir agus ’nuair a bha an duine còir a cùir an céill ann an cainnt neo mhearachdachd gach teagasg bho Thuiteam an duine gu Glòrachadh a chreidmhich, dh’ fhàs a bhean uasal sgith agus mu dheireadh thall shuidh i air a cathair. Cha do chuir sin gluasad air an eildeir agus lean e air aghart suas ri uair an uaireadair mu’s do sguir e. Is iongantach cho greimeil ’s an diadhachd ’s a tha luchd aideachaidh an eilean iomallaich so. Thug an t-Olladh Domhnullach stéidheadh bunacharrach dhoibh an uair a thug e an soisgeul do ’n iunnsuidh an toiseach. Air dhomh taghall re na seachduin air càirdean ’s a choimhearsnachd thog mi rithe air son cuairt a thabhairt do Leòghas. Thuarasdalaich mi fear turais agus a charbad gu Baile Allain. Bha sinn ceathrar air bord. Suas am bruthach os ceann Aird hàsaig b’ éigin dhuinn coiseachadh agus bha sinn gu math sgith mu ’s do ràinig sinn am mullach. Bu mhaiseach an sealladh na beanntan
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
[Vol . 3. No. 3. p. 7]
arda sgurach a bha sinn a’ gabhail seachad ri ’m bonn. Bha iad gu mòrchuiseach ag amharc a nuas oirnn mar gu’m biodh iad a’ cur an teagamh ar coir air dragh sam bith a chur air an t-suaimhneas a bha iad a’ sealbhachadh le glagraich cuibhlichean ar carbaid. Smuainich mi ged bu mhór am morchuis gu’m bu mho cumhachd na cuileig na ’n cumhachd, oir stampaidh a chuileag bheag a bheinn is mo fo’ cois.
(Ri leantuinn.)
Fios a Strath-Alba.
A CHARAID, —So agad da dholar—aon uam fhéin agus aon bho m’nàbuidh còir Muracha Lamond. Cuiridh tù MAC-TALLA thugainn bliadhn’ eile. ’Smath is fhiach e dolar. Cha’n eil mi cluinntinn duine tha ’g ràdh na’s miosa na sin mu thimchioll. Tha e coltach gu leòr de aois da bhliadhna, ’s ma bhios a chàirdean uile gu math dha faodaidh fàs mor tighinn air ann am bliadhn’ eile. Cuireadh na h-uile neach a dholar fhéin air adhart agus faigheadh e aon na dha eile de ghabhaltaichean ùra. Bheir sin misneach dha agus cuiridh e spionnadh ann.
Tha aimsir mhath againn air Eilean a Prionnsa air an t-samhradh so. Tha coltas math air fear ’s air fochunn. Tha e mar dh’iarradh daoine o shean,—
Geamhradh rèota,
Earrach ceòthach,
Samhradh breac, riabhach,
Foghar geal, grianach.
Tha samhradh breac riabhach againn, grian is frasan ma seach. Mur dig domail no grabadh sam bith ’s gun cuir am Freasdal foghar grianach oirnn bidh saibhlean làn agus a cur thairis aig tuathanaich Eilean-a- Phrionnsa. Tha daolagan a bhuntàta nan crois, ach cha’n eil daoine nise, mar bha iad an toiseach, “brisdeadh an caoildraim as an deigh.” Ni am puinnsean Frangach an gnothach orra.
C. C.
Strath-Alba, E. P. I., Iulaidh 16, ’94
Tha bathar math an còmhnuidh iga D. J. Domhnullach. Brògan, Adan, Aodaichean, agus gach seòrsa bathair eile. ’S tha e ’gan creic gle shaor.
LeighsidhMinard ’s LinimentCrup.
MA thòisicheas duine tha fichead bliadhna dh’ aois air éiridh ’sa mhaduinn da uair na’s traithe na b’ abhaist da ’s gu’n lean e air sin gus am bi e tri fichead, tha e ’cur, mar gu’m b’ ’eadh, deich bliadhna ri ’bheatha.
Air a Leughadh Cheana.
Bha duin’ ann uair d’ am b’ ainm Domhnull, agus mar a dh’ éirich do iomadh neach eile, b’ fheudar dha falbh o’n tigh, agus ge b’e ceàrna dhe’n t-saoghal a thug e air cha leig sinn a leas ainmeachadh. Ach co-dhiu bha e dol a sgriobhadh gu ’athair a dh’ innse mar bha dol dha. Shuidh e sios ’s thoisich e “Athair Ghradhaich: Tha mi a cur na litir so d’ ar n-ionnsuidh a dh’ innse dhuibh gu bheil mi ’n am shlàinte, agus an dòchas gu bheil sibhse agus càch ’n ur siàinte cuideachd,” agus mar sin air adhart. Bha barail mhor aige air fhéin mar sgriobhadair agus air son a dheanamh cinnteach nach biodh mearachd sam bith ’san litir, ’nuair a sgriobhadh e beagan shreathan, thòisicheadh e aig a toiseach, agus leughadh e na h-uile facal. Chuireadh e ’an sin beagan eile sios agus leugheadh e ’n litir o ’toiseach a rithist. Lean e air an obair sin gus an robh e gu bhi ullamh, agus an sin thionndaidh e ri companach dha a bha stigh còmhla ris ’sa bha gabhail deagh bheachd air a dhòigh sgriobhaidh, agus ars esan ris, “Gu de tuilleadh a their mi ri m’ athair, Ailein?” Cha robh freagairt riamh air chall air Ailein, ’s cha robh air an turus so. “Faodaidh tu,” ars esan, “a radh ris nach leig e leas an litir a leughadh idir, gu bheil i air a leughadh cheana!”
Thig beo gu Subhailceach.
Bi-sa bochd, agus buanaich ann, Oganaich, an uair a ta muinntir eile mu ’n cuairt duit a’ fàs saibhir trid foirneirt agus fòill. —Bi-sa gu’n inbh, gu’n chumhachd, am feadh ’sa ta sluagh eile ag éiridh suas air slighibh sleamhuinn na h-eucorach. Fuiling gach àmhghar a dh’ éireas o mhealladh-dòchais, agus gnàthaich foighdinn, an uair a ta cuid eile a’ dol air an aghaidh gu goileamach, miodalach, seòlta! Paisg thu féin suas ’n ad’ shubhailc féin agus na cùm comunn ach ri fior charaid, “oir sgriosar companach nan amadan.” Iarr t-aran laitheil, agus air a shuarraichead, bi tàingeil, toilichte leis. Ma dh’ fhasas tu aosmhor, liath, air an t-slighe urramaich so, dean gairdeachas, agus do’n Ard-Righ thoir fior thàingealachd do chridhe!
LeighsidhMinard ’s L’ mentCrosdachd.
TAGHAIL AIG AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI—C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
Rubbers dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean ur Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
[Vol . 3. No. 3. p. 8]
Oran do Mhac-Leoid Dhunbheagain.
(Air a leantuinn.)
An nis tilleam gu d’ chainnt
Bhon a b’ fhòsrach mi anns gach sion.
’S tric a chunnacas gill’ og
’Bhiodh gun uireasbhuidh stoir no ni,
’S bhiodh am beachd aige fein
Bhon a cheannaicheadh e feudail saor
’Dh-aindeoin caitheamhachd dha.
Nach bu chunnart da lamh nam maor.
’S ionnan sin ’s mar a tha
Cuid de dh-uachdarain ard an dùigh,
Bho nach léir dhaibh an call
Meud an deidh air cuirt Ghall cha sguir,
Gus an deid iad do ’n Fhraing,
’S gur a soilleir ri am a bhuil;
Bidh droch ghalar gan cnamh,
’S theid an storas a ’n laimh na shruth.
’Nuair a thid e gu blar
Air each cruitheach a’s gairmhor srann,
Diallaid lasdail fo ’mhas,
’S mor gum b’ fheairrd e srian oir ’na cheann.
Fichead gini cha n-fhiach,
Gun deid sud a chur sios an geall;
Cha deid bonn deth ’am feum,
Is cha n-fhaighear e ’n deidh a chall.
’Nuair a theg e bho ’n reis
Theid e ’dh-iomairt le beisd air glac;
’S mur dig lamh ’sam bi feum
Gun caill e an leum gu grad
Ma ’s iad disnein a mhiann
Bheir e thairis h-aon-diag mu seach;
’S ged a chaill e coig ciad,
Fire, faire, ’s beag fhiach am mairt.
Theid coig coigean de ’n or
’Thoirt gu faoin airson cord do ’n aìd;
’S urad eil’ oirre fein,
’S math na bharail a feum gu spaid;
’S a ghrabhat a s glan li
Theid punnd Sasunnach innt’ gun stad;
Ach ’s beag sud as a mhal,
Theid a chunntadh air clar gu grad.
Theid luach mairt no na ’s mo
An da stocain de ’n t-seors’ a ’s fearr;
Sud na gartain a suas
’S paidhir thasdan de luach nam barr.
Ducait diuca no ’n corr
Theid a chur ann sa bhroig ’bhuinn aird,
’S clachan criostal ’s math sunadh
Ann an bucaill mu ’n cuairt le straic.
Theid e staigh ann am buth
’S chi e fasan as ur bho ’n Fhraing;
’N t-aodach gasda ’bha ’n de
Air a phearsa le speis neo-ghann
Theid a thilgeadh an cuil;—
“Fasan dona, cha n-fhiu e plang.”
Air mal baile no dha
Bidh a pheann is a lamh ri bainn.
Bidh a pheidse gun mheas
Mur bi eideadh am fasan chaich;
Ged bhiodh e gini an t-slat
Gheibhear uil’ e air mart no dha.
Casag riomhach gun sgod
Theid a cheannach do dh-og an deigh
’S briogais bhelbheit bhuig bhriagh’
’Bhios a ruigheachd a sios gu’ shail.
Cha bhi pheids’ ann am pris
Is e fhathasd a dhith a chleoc;
Cealltair olla cha n-fhiac,
’S cuis fhanaid cloth liath mu ’n og,
Aodach riomhach o ’n bhuath,
Le crios airgid, luach chruintean oir,
Feumar sin ’fhaotuinn dha;—
“Tilgidh m ’fhearann dhomh mal na ’s mo”
’Nuair a thig e air sgriob
A dh’ amharc a thire fein
’N deidh na miltean ’chur suas
Gum bi gaoir air an t-sluagh mu ’n spreidh,
Ach ged thogar na mairt,
’S ged a nitear an reic aig feill,
Bidh na fiachan ag at,
’S theid an tagradh o ’mhac na dheidh.
Theid Mac-Mhartuinn am mach,
’S e gu statail ai reach le srian,
E cho ard ann am beachd
Ris an armunn a chleachd ’bhi fiall
Cas a chaibe no crann
’S e nach glacadh ’na laimh ’s cha b’ fhiach;
E cho spaideil ri dùic
Mac a bhodaich a b’ umaidh riamh.
Thoir-sa teachdaireachd uam
Grad le deatam gu Ruari og,
Agus innis da fein
Meud a chunnairt, ged ’s e Mac-Leoid,
Biodh e ’sealltuinn na dheidh
Air an Iain a threig ’s nach beo,
Ge b’ e ’leanadh a chliu
’S e nach fagndh an dun gun cheol.
Gheibhear an t-oran so ann an leabhar no dha, ach chan fhaighear mar so.
Hoirinn Ho, Cha Bhi Sinn Tursach.
LUINNEAG.
Hoirinn ho, cha bhi sinn tùrsach,
Gabhaidh òran, ’s olaibh srùbag,
Dh’ fhaodadh fortan thigh’nn an dùthaich,
Nach eil dùil agaibh, ’ni feum dhuibh.
Mile marbhaisg ’air an t’ saoghal,
’S mairg a bheir anabarra gaoil da,
’S mor gum b’ fhearr a bhi as aonais,
Na fear fhaotainn nach dean feum dheth.
Hoirinn oh, &c .
Am fear a bhios da thional gàbhaidh,
Rud aige, ’s nach cuir e ’làmh air,
Bithear dha sgaoileadh air càch
An deighe ’bhàis, ’s cha ’n fhearrd e féin e.
Hoirinn ho, &c .
Chunna mise daoine còire,
Na mo nàbachd, ri am m’ òige,
’S nuair a shuidheadh iad mu bhòrd,
Bu bhinn an ceol a bhi dha ’n éisdeachd.
Hoirinn ho, &c .
Gheibhte ceòl, is òl, is mànran,
Gheibhte rainn, is fuinn, is gàir’ ann,
Gheibhte piob mhor nan dos àrd,’
Aig Iain Macaidh, ’s be làmh ga gleusadh.
Hoirinn ho, &c .
Thainig rud eile bho ’n uair sin,
Thainig gaine, ’s thainig cruadal,
Thainig pròis, is croic, gun uaisle,
’S dh’ fhàs na daoine fuar ri chéile.
Hoirinn ho, &c .
Am fear a shaolas tu ’tha sàbhailt,
H-uile ni dh’ fheumas e ’laimh ris,
Min, is anlan, is buntàta,
’S miosa ’ghair na da ghil-deirce.
Hoirinn ho, &c .
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid.
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Faigh Paidhir air son an Earraich.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh
Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c.
Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAN W. DILLON,
SIDNI C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith ’a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
CLOIMH.
THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr ’sa mhargadh oirre.
D . F. Mac RATH,
Baddeck, C. B.
title | Issue 3 |
internal date | 1894.0 |
display date | 1894 |
publication date | 1894 |
level | |
reference template | Mac-Talla III No. 3. %p |
parent text | Volume 3 |