[233]

[Vol . 3. No. 30. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B. DI-SATHAIRNE, IANUARAIDH, 26, 1895. No 30.


Litir a Strathalba.

DON MHAC-TALLA, —Mur eil mi car beag anmoch, ceadaich dhomh fàilte na bliadhn.’ Uirechur oirbh fhéin agus airur luchd-leughaidhmo luchd-dùcha gaoilanns gach àite den t-saoghal anns am bùl iad. Sinn a than comain an Fhir-dheasachaidh, am fior Ghàidhel, a shuidhich paiper Gailicnar mearg, leis am beil cothrom again air eòlas fhaotainn air cach a chéile nach biodh againn gu bràth mur biodh e ann. ’S math an naidheachd a thug thu dhuinn air an t-seachduinn sa chaidh gu bheil de chàirdean adol an lionmhorachd. Bha dòchas agam on cheud latha chunnaic mi MAC-TALLA gun robh de dhilseachd nar measg na chumadh suas e. Tha e fior gu leòr nach faigh thu dad nis tarbhaiche, bho chuid na sodal beòil, rud nach cosg dad daibh, ach taing don Fhreaisdal, chaneil iad uile mar sin. ’S mòr an t-adhartas a thàinig air MAC-TALLA bhon chunnacas an toiseach e. Tha e, a reir mo bheachdsa, a tighean air adhart gach latha. Tha e toirt caochladh nithin, nuadh is sean, duinn gach seachduin, gu bhi freagairt do chàil gach seòrsa luchd-leughaidh. Ach aon ni air son am beil e ri mholadhchan eil facal ri fhaicinn ann a dhùsgadh smuain shuarach no thruaillidh ann an inntinn neach air bith. Tha thu fhéin agus sinne an comain do luchd-cuideachaidh a tha sgriobhadh cho taitneach a dionnsaidh as gach cearn. Tha mise ag aideachadh mo dhearmaid. Ach chan e cion suim is coireach ach an fhior chabhag. Chan eil mi fàs sgith no coma dhiot.

Tha sinne an Eilean a Phrionnsa air dol a nise dar cairtealan geamhraidh. Than carbad-iaruinnga ghabhail air a shocair seach mar bha en tim an t-samhraidh. Tha Bàtaichean-smùid an t-samhraidh air gabhail mu thàmh. Tha sinn mar sin ann an tomhas air ar gearradh air falbh on chuid eile den t-saoghal. Ach ged a tha, tha saoghal beag againne dhuinn fhèin. Agus an uair a bhios sibhse air taobh eile an uisge ri tartar mòr anns an t-saoghal mhór agaibh fhèin, bidh sinne ri tartar beagnar measg fhéin. Mar sin chan eil sinn cho dona dhethsa shaoileas sibh.

Tha bhliadhur acur nar cuimhne gu bheil tìm aruith agus nach e so baile a mhaireas. Gun robh abhliadhna so na bliadhna mhath dhuinn uile anns an t-seadh as àirde. ’Se sin guidhe dhùrachdach

Ur caraide dìleas
C. C.
Strathalba, P. E. I., Ian. 14, ’95.


A MALAGAWATCH.

Tha micur thugad dolair anns an litir so air son bliadhna eile de dphaipear gasda Gàidhealach. Tha miga fhaotainn o chionn da bhliadhna, agus gu dearbh, chan eil mo shùil an déigh na chosg e dhomh. Mun do thòisich mi air fhaotainn, a chionn nach robh minam sgoileir math Beurla, cha robh na paipearan gallda ach air glé bheag sùigh dhomh; ach tha mi nis air meòr-thaing; faodaidh mi naigheachdan na dùthcha a leughadh ann an cainnt as fhearr blas.

Tha roinn de mhuinntir an àite so a gearan cnatain, ach on tham faoileach air tighinn, cha chreid mi nach tilg iad uape.

Tha seann duine cóir anns a choimhearsnachd so, Eachunn òg Mac Fhionghain a tha suas ris acheithir fichead, agus an la roimhe, chunnacas e tighn dhachaidh le madadh-ruadh a ghlac e ann an ribe.

Tha an deigh air tighn air na h-acarsaidean a nis, agus tha daoineg obair air iasgach na h-easgainn. Tha iad agearan gu bheil i gle ghann.

Bha Ioseph Doucette mun cuairt an diugh, agus bha egearan nach robh e na shlàinte o chionn da sheachduin agus gu dearbhs beag an t-ioghnadh, oir chuir e an deicheamh duine de theaghlach fon fhòd air a gheamhradh so. Bha aon duine deug de theaghlach aige, agus chan eil beò an diugh ach aon duine. Tha Calum Mac-an-Tòisich, a bha tinn o chionn faisg air bliadhna, air a dhol gu math am feabhas. Tha mar an ceudna bantrach Lachuinn Dhomhnullaich, màthair an Urr. A. I. Domhnullach, Bhaile-nan-Gall, a bha tinn on Mhart sa chaidh adol nas fhearr. Air eagal gun toir mo litir tuilleadhsa còir de rùm a mach, bidh mi aig an am so agabhail slàn leat. Do bhan-charaide dhileas,

P. D.


Air Lic.

Tha an sgriobhadh maiseach a leanas air lice-lighe araidh ann an Gaidhealtachd na h-Alba, agus is airidh e a bhi air a chumail air chuimhne. Bha e air a ghearradh a mach ann an litrichibh mor agus soilleir. So agabh, uime sin, na briathran:—

Feuch! fon chloich so, tha isena sineadh san duslach, bha millis, maltana giulan. Tha a cuimhnegam lionadh le bron. Och! tha teangadh aChiuilna tosd, agus tha lamh an Eireachdais a nis aig fois. Cha ghuidh am bochd nis mo a bheannachd ort, agus cha chomhdaichear an lomnochd nis mo le rusgaibh do threud! Cha tiormaich thu tuilleadh na deoir o shuilibh nan daoinibh doruinneach agus truagh! Sibhse a ta diblidh agus fann, cait a nis am bheil bhur cuideachadh gnathaichte! O! thusa a bionmhuinn am measg bhan, cha chomhlaich sinn thu tuilleadh nis mo ann an talla na feil e, agus cha suidh sinn sios gu brath aig bord do chuirme aoibhnich. Air falbh am feasd tha fuaim an t-sugraidh agus aghairdeachais. Ochan! cha mhaireann nis mo ise a bha suairce, agus maith, caomhail agus ceanalta! Co dan comus ar n-amhghar a chur an ceill? Co as urrainn a luaidh? Silibh gu bras, silibh, silibh a dheuran abhroin!”



[234]

[Vol . 3. No. 30. p. 2]

SAOBH-CHRABHADH ANNS NA H-INNSIBH.

Is ceart a thubhairt an Salmadair gum bheilAiteandorcha na tire làn de ionadaibh-còmhnuidh an fhòirneirt.’ Chan fhaicear fon ghréin tir nis maisiche agus nis òidheirce air iomadh seòl na Innsean na h-Aird-an-ear; gidheadh, chaneil tir eile ann, feudaidh e bhi, far am bheil nitheg an deanamh a tanochdadh truaillidheachd nàdair an duine air mhodh nis soilleire agus far am bheil nitheg an deanamh a ta nis leòir chum gach neach aig am bheil an comus, a dheachdadh le dichioll agus deagh dhùrachd, gu cur as don t-saobh-chrabhadh sin leis am bheil na h-Innseanaich air an toirt co cianail air seacharan. Than dùthaich féin àillidh gun teagamh. Tha gach ni air muir agus air tir, mar gum bann ag oibreachadh le cheile chum gach eòlas agus toilinntinn a bhuileachadh air an luchd-àiteachaidh. Thairis air an dùthaich fhadagus fharsuing sin gu léir tha ghrian asoillseachadh le toirbheartas ro tharbhach, agus atoirt air gach ni ann an nàdar a bhi aoibhneach ann an àilleachd a soluis dealraich. An sin, feudar a radh gum bheil uile chraobhan na machrach abualadh am basan, agus na glinn adeanamh gairdeachais air gach taobh. Tha gach ni acur an céil glòire an Ti bheannaichte a tariaghladh os an ceann, agus atoirt gu cuimhne, ann an seadh, dealbh-choslas nan ionad sin far an do ghluais ar ceud sinnseara gun truaillidheachd ann am pàrras. Ach, mo thruaighe! anns acheart tir sin, air an do bhuilich an Ti as àirde iomadh buaidh urramach, tha nithe cianailg an cur an gniomh air an lan diugh! Anns an tir sin, a dhfheudadh, a thaobh maise, a bhin a gàradh don t-saoghal gu leir, tha clann air an co-éigneachadh gu bhifaicinn am pàrantan féin agus pàrantan gu bhifaicinn an cloinne féin, adol gu muladach a dhith! Tha so a tachairt, chan ann do bhrigh nacheil lòn air na h-achaibh, treudan anns amhainnir, agus feudal air na raointibh, ach achionn gum bheil iad air am buaireadh, agus air an co-éigneachadh le saobh-chràbhadh ifrinneach agus air gach seol, ro dhéistinneach, chum bàs eagallach fhaotuinn le lámhaibh aoin a chéile.

Faicibh an còmhlan cianail sluaigh ud a deanamh cabhaig fo ghathannaibh teth na gréine gu taobh an t-sruth naomha, agus adeanamh grad-sheasamh air a bhruaich. Ach faicibh ciod a tha iad agiulam air an guaillibh chum an ionaid far am bheil iad aseasamh ri taobh na h-aibhne. So agaibh mic agus nigheana, gu cràbhach, diadhaidh, atarruing air an adhairt an athar no am màthar féin, a bhuaileadh le tinneas, chum gum bi iad air an tilgeadh mar so len sliochd féin don doimhneachd mhoir uisge a ta air am beulaobh, far am bi iad gu h-ealamh air am báthadh, air son leas an anama. Grad ghiùlainidh an sruth sios iad far an ithear iad le eunlaith agus le uile-bhéistibh nan uisgeachan! Is eagallach an cleachdadh, so. Tha e co mi-nádurras nacheil idir cumhachd aig briathraibh an gniomh oillteil a chur gu freagarrach an céill.

Ach faicibh a ris, achruach àrd sin, air a togail suas, air a deanamh de fhiodh tioram, air a sgoltadh as a chéile; agus ciod is ciall don tòrr sin? Carson a chàrnadh co cas suas e? Air uachdar chithear air an sineadh taobh ri taobh, corp marbh, breun an athar, agus coluinn bheò na màthar! Tha iad air an suidheachadh an sin gu bhi air an losgadh cuideachd gus am bi iadn an luaithre! Buidheachas don Ti Bheannuichte a tariaghladh os ceann nan uile, tha na torran fiodh sin air an cur as anns gach cearnadh de na h-Innsibh a bhuineas don Rioghachd Bhreatuinnich, ach chaneil na reachdan uamhasach sin a dhealbh iad air an cur air cùl, ni mo than spiorad a tharmaich iad air a smàladh as. Nam biodh gairdean treun na Cumhachd Bhreatuinnich air a tharruing air ais an diugh, bhiodh air an la màireach mile tòrr alasadh air còmhnardaibh nan Innsean! Far nacheil lagh na Rioghachd so aruigheachd, than cleachdadh gràineil so fathast air a ghnàthachadh mar a bàbhaist. Tilgibh bhur sùilean, ma ta air an tòrr chianail sin, air a dheanamh de chuailtibh tiorma agus corp marbh an athar, agus coluinn bheò na màtharn an luidhe airuachdar. Mun cuairt da chithearn an seasamh achlann bhochd, thruagh, adil-bheachdachadh air an t-sealladh bhrònach. Ach carson tha iadn an seasamh an sin? An ann a dhùsgadh suas truacantais agus co-fhulangais na màthar! Chan ann. An ann chum na lasraichean eagallach a smàladh as len deuraibh? Chan ann. An ann gu gach innleachd a ghnàthachadh chum cuirp am pàranta féin a theasairginn beò no marbh? Chan ann. Ach tha iadn an seasamh an sin, chuin, ann an ainm nan dia dam bheil iad adeanamh aoraidh, gun cur iad an leus teinnteach ris achruaich trid an éirich na lasraichean millteach suas, leis am bheil na creutairean truagh sin air am fàgail ann am priobadh na sùlan an dilleachdanaibh gun athair, gun mhàthair, ann an saoghal coimheach, fuar.

An comas do chuilbheartaibh na h-ifrinn fein dol nis faide an aghaidh àitheantan agus iarrtais Soisgeul an Tighearn Iosa Criosd? Feudaidh, —oir tha parantas na criochaibh iodhal-aorach sin a ni greim air an cloinn féin, agus chum dia éigin a thoileachadh, a thilgeas a mach iad, aon chuid gu bhi air an itheadh suas le fiadh-bheathaichibh na macharach, no gu bhi air an cagnadh beò, slán, le geur-fhiaclaibh uile-bhéistean achuain.

Ach anns na criochaibh iomallach sin, far am bheil gach dichiollg a dheanamh leis gach Eaglaisn ar measg féin chum teagasgan an t-Soisgeil a chraobh-sgaoileadh, tha cleachdadh eile ceart co déistinneach, graineilris na nithibh a dhainmicheadh cheana. Tha e air a dheanamhmach, gun do chuireadh, o làthibh Chriosd air an talamh, còrr agus ochd ceud deug mile leanabh-nighinn gu bàs lem maithrichibh fein! Onach eagallach da rireadh an saobh-chràbhadh sin trid am bheil mortadh co uamhasachg a dheanamh le màthairichibh air an cuid cloinne féin, an dùil le sin gum bheil iad aciùineachadh an diathan fein, agus acosnadh an deagh-ghean dan taobh. Tha na mathairichean so adeanamh mach gum bheil achlann-nighean atoirt gach tubaist, donais agus mi-sheilbh a stigh do na teaghlaichibh aca; agus, uime sin, gur e an dleasnas dan diathaibh agus dhoibh féin na leanaba sin a ghearradh as eadar bhun agus bhàrr! Gu cinnteach is e so ro mheud gach cumhachd agus bhuaidh a bhuineas do Shàtan, thairis air achreutair bhochd, thruagh sin a chaill iomhaigh a Chruitheir féin, agus a rinn e fèin buailteach do mhearachd agus do sgrios. Is e dleasnas nan uile a bhi beachd-smuaineachadh air na nithibh so, agus a bhiguidhe air an Dia sin, a thariaghladh os ceann nan uile, gun tionndaidheadh e amhuintir shaobh-chràbhach sin o dhorchadas gu solus chum seirbhis a dheanamh dha féin a mhàin. Eireadh na h-uile suas air



[235]

[Vol . 3. No. 30. p. 3]

ball, chum an dleasnas a dheanamh dam fuil agus dam feòil féin, agus na fàgadh iad clach gun charachadh chum na criche sin. Tha, agus bha moran de dhaoinibh trennn ar duthaich fein de gach creidimh agus eaglais, a nochd iad fein tairis agus eudmhor chum an soisgeul a chur a dh-ionnsuidh nan cinneach so.


Oran Don Mhusg.

LE DONNACHA BAN.

S iomadh car a dhfhaodas tighn air na fearaibh,
Is theaggun gabh iad gaol air an nach faigh iad,
Thug mi fichead bliadhna don chiad ghabh mi,
Is chuir i rithist cùl rium, is bha mi falamh.

Is thàinig mi Dhunéideann a dhiarraidh leannain,
Is thuirt an Caiptin Caimbeul, ’s en geard abhaile,
Gum baithne dha banntrach an àite falaich,
S gun deanadh e àird air a cur am charamh.

Rinn e mar a bàbhaist cho mhathsa ghealladh,
Thug e dhomh air làimh i, ’s am paigheadh mar ri;
Is ge be bhios afeòraich a h-ainm no sloinneadh,
Their iad rithe Seònaid, ’s be Deòrsa seanair.

Tha i soitheamh, suairce, gun ghruaim, gun smalan
Is i cho àrd an uaisle ri mnaoi san fhearann;
Is culaidh a mchumail suas i, on tha i marrium,
Is mòr an t-aobhar smuairein don fhear nach faigh i,

Leig mi dhìom Nic-Còiseam gedtha i maireann,
Is leig mi na daimh chròcach an taobh bhan aire,
Is thaobhmi ris an òg-mhnaoi, ’sann leam nach aithreach,
Cha n-eil mi gun stòras on phòs min ainnir.

Bheir mi fhéin mo bhriathar gu bheil i ro mhath,
Is nach daithnich mi riamh oirre cron am falach,
Ach gu foinneamh, finealta, dìreach, fallain,
Is i gun ghaoid, gun ghìomh, gun char fiar, gun chamadh.

Bithidh i air mo ghiùlain, ’s gur math an airidh,
Ni mi fhéin a sgùradh gu maths a glanadh;
Chuirinn ri an t-ùilleadh ga cumail ceanalt,
Is cuiridh mi ri mshùil is cha diùlt i aingeal.

Nuair bhios cion an stòrais air daoine ganna,
Cha leigeadh nighean Dheòrsa mo phòca falamh;
Cumaidh i rium òl anns na tighean-leanna,
S pàidhidh i gach stòpan a ni mi cheannach.

Ni i mar bu mhainn leam a h-uile car dhomh,
Cha-n innis i breug dhomh, no sgeula mearachd;
Cumaidh i mo theaghlach cho maths bu mhath leam,
Gednach dean mi saothair no obair shalach.

Sgìthich mi ri gnìomh, ged nach drinn mi earras,
Thug mi bòid nach bfhiach leam bhi ann am sgalaig,
Sguiridh mi gam phianadh, on thug min aire,
Gur en duine dìomhain is faide mhaireas.

S i mo bheanag ghaolach nach dean mo mhealladh,
Fòghnaidh i dhomh daonnan a dheanamh arain;
Cha bhi fàillnn aodaich orm no anairt,
S chaidh cùram an t-saoghail a nisas maire.


Comhairlean.

Na cuir mor-dhòchas anns an duine sin nach cuir a dhòchas féin ann am muinntir eile. Chaneile ena dhuine eeart. Chaneile a chridhe glan. Than duine sin aig am bheil àmharas an uilcna inntinn a thaobh sluaigh eile, afaicinn annta-san, acheart nisin a tha efaireachadh ann féin. Do na fior-ghlan tha na h-uile nithe fior-ghlan, ach ceart co cinnteach ri sin, tha na h-uile nithe neò-ghlan dhaibhsan a tha neó-ghlannan cridhe féin.

Dean cinnteach à meud do theachd-a- stigh, agus biodh e mor no beag, feuch gun tig thu beo air nis lugha, agus ma bheir thu an aire da sin, cha bhi thu achaoidh ann am bochduinn.

Ma tha sinn ag iarraidh a bhitogail air steigh chinntich ann an càirdeas ri muinntir eile, feumaidh sinn ar càirdean a ghràdhachadh ann an tomhas nis air an sgath féin, na air sheòl sam bith air ar son féin.

Far am bheil ceann air a dheagh-lionadh le gliocas, chan eagal da. Gheibh e suaimhneas ge be àite dan téid e, agus sealbhaichidh e tàmh agus fois air ge be ciod achluasaig a dhfheudas amhghairean an t-saoghail a shudheachadh focheann.


Am Ministear Sanntach.

(Air a leantuinn.)

Dorcha mar bha e, shuidhich e a chùrsa air an ionad so, ’s leaidna làimh, smeuraich e air adhart cho faiceallachsa burrainn da. Uairna sheasamh, uair air a mhàgan, ’s uairna shìneadh, shlaod se e féin thairis air gach clais us gàradh us droighneach dhe gach seorsa, cho dìreachsa burrainn dha air acheardaich. Glé thric bidh comhlan de dhaoine diomhain cruinn ann an àite mar so, ’s uime sin faodaidh an leughadair a ghabhail a stigh n luathghairs an t-iollach a chaidh suasnuair a rainig an duine bochd, leaodach reubte, ’s e fann, sgith, gun anail, gun léirsinn. Ach a dhaindeoin gach othail us feala-dhà, thug an gobha fa-near gu feumte cobhair a dheanamh air, agus sin gun dàil, air son a bheatha chaomhnadh. Leis gach comharra thug am ministear seachad, thuig fear an ùird gu robh dhìth air aphòit a bhristeadh, agus threòirich e dhionnsuidh an innein e, ’s càch nan sgaoth tinch ioll orra. ’N uair a fhuair an gobha ceann a mhinisteir a shocreachadh air an innein, ghabh en t-òrd mòrna laimh. Chuir ebheul ri bile na poite, ’s dhfheòraich e, “Am toir mi buille làidir dhith a mhinisteir?” Thoir buille cho làidirsa thogras tu,” fhreagair am ministear, “ ’S fhearr buille mun leth-cheann na bàsachadh a dhith analach.” Air dha cead fhaotainn mar so, dhfheuch e buille mhath, throm, air aphoit, ’s bhrist e na mirein i, mar a bhristeas an còcaire slige giomaich gun chron sam bith a dheanamh air abhiadh bhog a bhios an taobh a stigh. ’N uair a fhuair am ministearanail a tharruing gu réidh beagan mhionaidean, ’sa dhòl e deur beag á searrag bean-an-taighe, thog e air dheachaidh, ’s tha sinn an dochas nach robh e cho sanntach riamh tuilleadh. —EADAR. LE IAIN D.


Fhuaireadh an cnap oir bu mho chunnaic an saoghal riamh, ann an Astraliasa bhliadhna 1872. Thomhais e ùnnsa no dha a bharrachd air sia ceuds da fhichead punnd. Reic am fear a fhuair e e air seachd mile deug thar fhichead punnd Sasunnach ( £37 .000).



[236]

[Vol . 3. No. 30. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney Cape Breton.


SIDNI, IANUARAIDH 26, 1895.

Tha na deuchainnean troimhm beil Newfoundland adol aig an àm so a toirt oirre bhi sealltuinn ri Canada air son cobhair. Tha triùir de na daoines àirde guthna riaghladh air an turus an dràsda gu Ottawa feuch ciod na cumhachan air am faigh iad a stigh dhan aonadh. Chan eil teagamh nach bi Newfoundland na h-uallach glé throm air Canada, achse bharail a thaig a chuid as motha gum bi air agabhail a stigh. Bha Canada deonach, sin a dheanamh o chionn fhada, ach cha robh i fhéin deonach. Ach a nisenuair tha i deonach ged is ann dha h-aindeoin, tha e iomchuidh gun deanadh Canada cho math rithes is urrainn dhi gun cron a dheanamh oirre fhéin. ’Nuair bhios Newfoundland air a h-aonadh ris an dùthaich so, bidh gach mir fearainn a thaig Breatuinn ann an Ceann Tuath American taobh a stigh de chriochan Chanada,

Tha sean-fhacal Gàidhealach ag radh gum biceann mòr air duine glic, ’s ceann circair amadan,” ach tha luchd-foghluim an lathan diugh ag ràdh nach eil sin fior. Tha Oillear Gearmailteach, Vichrow, ag innse dhuinn gu robh na Greugaich o shean comharraichte air son cho beagsa bhan cinn, agus tha fhios aig na h-uile nach robh sluagh ann riamh a bheireadh bàrr orra ann an gliocas agus ann an tuigse.

Than cogadh eadar Sina us Iapan adol air adhart, ged nach eil sinn acluinntinn moran ma thimchioll aig an àm so. Tha iadsan as fiosraiche mun chùis ag ràdh gu bheil na h-Iapanich adeanamh dìreach air Pekin ceanna-bhaile Shina, agus acur rompa gun toir iad a mach e, agus ma ni iad sin, bidh cumhachd Shina air a thilgeadh an darra taobh.


Failt Don Earrach.

Fàiltort fhéin, O Earraich fhuair,
Ged is greannach snuadh do ghnùis;
S e miann gach aon neach den t-sluagh,
Thu thighinn mun cuairt as ùr.

Tha còmhdach den t-sneachdo shuas
Mu do cholainn chruaidh mar chleachd;
Tha danail abioradh chluas,
S acaochladh tuar gach aon neach.

Thàinig thuchur beathas ùr
Ann an gnùis achruinne-ché;
A bhrosnachadh, ’s a chur sùrd
Air gach dùil a tha fon ghréin.

Dhaindeoin reothaidh, sneachdis fuachd,
Bheir thusa mach buaidhna thráth;
Bheir thu snodhach ùrail, uain
Air cluainibh glasas gach àit.’

Bidh an uiseag chliuiteach, shuairc,
Air sgiathaibh luatha gu sèimh
Aseinn gu binn mar bu dual,
S idìreadh suas dhionnsuidh nèimh.

Bidh còisir na coillgu léir
Gu fonnar, gleusda, ’s gu binn,
Aseinn air barraibh nan geug,
Gu math moch mun éirich sinn.

Bidh aghrianbheir teas is fàs,
Sior dhol nis àirdes an speur;
S bidh láithean is oidhchean fuar
Ateicheadh mu thuath le chéil.’

Bidhneoinean, a dhaindeoin fuachd,
Air feadh nan cluaintean afas;
N uairthig blàths na gréine nuas,
Bidhaghaidh-san suas gun dàil.

Bidhn t-sòbhrach as aille snuadh
Acur maisair bruaich nan eas;
S ig ràdh gu bheil crannadhs fuachd
Acall am buaidh leis an teas.

Bidh treabhadh is cur an t-sìl
Anns gach tìr a tha fon ghrein;
Ged is tricbhios daoine sgìth,
Bidh iad dìchiollach aig feum.

Air an talamhs air achuan,
Agus shuas an àird nan speur,
Tha beathas obair gach uair,
Ann am measg gach sluaigh gu léir.

Ach bidh an leisgeanna thàmh,
S a làmhan paisgte ma ghlùin;
Chan iarr e gluasad on bhlàths:
S culaidh-ghràin emeasg gach dùil.

IAIN.


FLUR
$3 .50 am barailte,
Air son airgid. Theid sinn an urras gun dean e deagh aran.

BROGAN BHAN $1 .00 am paidhir.
Tha iad laidir agus air an deagh dheanamh.

STOC OR DE BHATHAR UR.
aig
JOST BROS.
Sid. B., Nov. 9, ’94.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[237]

[Vol . 3. No. 30. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Chaidh Innseanach dom bainm Louis Victor a chrochadh ann an Columbia Bhreatunnach an la roimhe air son Innseanach eile mhort.

Than gual mìn gu math saor ann an Sidni Tuath an drásda. Gheobhair leith tunna dheth air 30c. Ann an Sidni cosgaidh an leith-tunna 60c. Chan eil fhios carson nach biodh e cho saoran sosa bhiodh en àit eile.

Tha eaglais ur Chléireachga togail ann an Louisburg, agus tha i ri bhi air a fosgladh mu thoiseach a Mhàrt. Bhan t-Urr. Domhnull MacIlle-mhaoil anns a bhaile air an t-Sàbaid sa chaidh, agus shearmonaich e annsa mhaduinn us feasgar.

Than t-Urr. Mr. Forbes adol gu math nas fhearr, Tha sinn an dòchas fhaicinnsa chùbaidan ùine gun bhi fada. Shearmonaich an t-Urr. Mr. Laingna àite air an t-Sàbaid sa chaidh, agus than t-Urr. Coinnich Mac Coinnich, a bha roimhe so am Baddeck, gu searmonachadhna àitemàireach.

Chan eil am bàt-aiseig aruith eadar an Shidni air an t-seachdain so. Reoth an acarsaid oidhche Shatharna, agus cha burrainn don bhata bristeadh troimhn deigh uaithe sin. Than carbad-iaruinn a ruith eadar an bhaile gach maduinn us feasgar Di-luain, Di-màirt, Dior-daoin, ’s Di-sathairne. Leanaidh e air ruith mar sin gus am fosgail an acarsaid a rithist.

Tha iadsan a thagabhail orra fhéin fiosachd a dheanamh mun t-sìde ag radh gu bheil ceud mhios an earraich (Februaridh) gu bhi cho fuars cho greannachsa bha mios faoillich riamh. Tha iad ag radh gu bheil stoirm air muin stoirmedol a thighinn, uisges sneachda ma seach. Bhan t-sìde cho briagha fad a gheamhraidhs nach biodh ena ioghnadh ged thigeadh side gharbh air an earrach.

Fhuair Mac Dhùghaill agus Mac Néill, a tha ri ceannachd aig na Narrows Mhòra, litir o chionn ghoirid, agus suin mhath airgid innte. Cha robh ainm rithe idir, achs ann a àit-eiginsna Staitein a thainig i, agus bha e air iarraidh orra gun rannsachadh sam bith a dheanamh dha taobh. Ge be co-sgriobh i, tha e coltach gu robh chogaisga dhìteadh air son rud-éigin a rinn e nach robh uile gu léir a réir na h-aithne.

Se bainm dhan duinechiadh a mharbhadh aig Glace Bay oidhche Di-ciaduin air an t-seachdain sa chaidh, Uisdean Mac Varish. Bhuineadh e do Chregnis, ann an siorrach Ionbhairnis. Mu bheul na h-oidhche dhfhàg an carbad Glace Bay gu dhol gu Cow Bay, agus cha robh e ach mu cheud slat on chalanuair a chaidh e thairis air an duine bhochd, ’ga mharbhadh air an spot. Bhachorp air a phrannadhs air a ghearradh gu grànda. A réir coltais, bha ena chadal air an rathadnuair thainig an carbad air. Tha iad ag ràdh gun dfhuaireadh botull de dhuisge-beathana phòca.

Tha pàrlamaidean Nova Scotirs New Brunswick air an gairm gu bhi cruinn air an latha mu dheireadh dhen mhios so.

N uair a chi thu so, dùin do shùileans feuch an cuimhnich thun do chuir thun dolair gu MAC-TALLA fhathast. Mur do chuir na dean an bòrr dàil.

Chaidh Eadailteach a leònadh ann am méinn Springhill, Di-ciaduin air an t-seachdain sa chaidh, cho donas gun do dheug e. Thuit torr mòr de chlaichs de ghual air, ’s e aig obair, ’s cha mhor nach robh e air a thiodhlacadh fòpa. Bha slige chinn air a dhroch bhristeadh.

Tha fear Uilleam Domhnullach a mhuinntir Phicton an sàs ann an Charlottetown, E. P. I., air son airgiod fhaotainn on bhancasa bhaile sin le slaoightireachd. Sheas e cùirt agus fhuaireadh ciontach e. Bàbhaist da bhig obair air soitheach-smùid a bha ruith eadar an t-eilein us Pictou.

Thainig bàs glé aithghearr air fear Iain Mac Ille-mhaoil, air Beinn Stiubhairt, E. P. I., air an t-seachdain sa chaidh. Bha eg obair air gearradh connaidh aig a dhorus fhéin, agus thuit e ann an laigse, as nach do dhùisg e riamh. Chaochail e an ceann cheithir uairean fichead. Bhuineadh e do Cheap Breatuinn. Bha ena ghreusaiche, agus bha eg obair aig Meinn Victoria gus o chionn cheithir bliadhna, ’nuair a chaidh e dhEilein aPhrionnsa. Bha e mu thri fichead bliadhna dhaois.

Air a chòigeamh latha dhen earrach, bidh aig muinntir Shidni ri Bàillidh(mayor)agus triuir sheanairean a thaghadh. Chan eil uiread de dhothail orra mun taghadhsa bhoara bliadhnaichean roimhe so, ged than àireamh thag iarraidh a stigh a cheart cho mòr. Air son na bàillidheachd, tha dithis aruith, Cailean Mac Fhionghain agus Aonghas Domhnullach. Tha sianar a ruith air son a bhinan seanairean, dithis anns gach earann dhen bhaile; Iain Mac Gillfhaollainn us Domhnull Cuiridh, ’sa cheud earann; Seumas Townsend us Aonghas Mac-Gilleain, ’san darra h-earann; agus Domhnull Domhnullach us Murcha Moireastan anns an treas earann.

Cha dfhuaireadh fios no sgeul air Marta Roach fhathast, ged tha nise còrr us tri seachduinean on chaidh i air chall. ’S ioma barail a thaig daoine dha taobh, ach chan eil dòigh air a dhearbhadh gu bheil aon seach aon dhiubh ceart. Co-dhiu chaidh a mort no a goid air falbh, chan urrainn duine sam bith a dheanamh mach an dràsda achs cinnteach an ni gun tig an fhirinn am follais uair no uair-éigin. Chaidh a choille agus gach àit eile ceithir-thimchioll air an áites an do chailleadh i a rannsachadh gu cùramach, ach cha dfhuaireadh lorg no comharra sam bith. Tha chùis gle dheuchainneach air a càirdein, ’s gu h-àraidh air a pàrantan. Tha a màthair bhochd air a dhol as a rian, agus gu dearbhs beag an t-ioghnadh. Tha ceud dolair air a thairgse mar dhuais do neach sam bith a gheobh an nighean beò no marbh.


DUAISEAN

dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra don MHAC-TALLA eadar so us BliadhnUr. Bheir sinn don neach a gheibh an àireamh as a cheud duais, an neach as fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach as fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas.

I. Caraid nan Gaidheal.
II. Sàr-obair nam Bàrd.
III. Foclair GàiligIc Ailpein.

Bldh iad againn ron bhliadhnuir, ’s bidh iad air an cur gan ionnsuidh-san a choisinn iad cho luathsa bhios fhios againn iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn don phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan as fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an sionmhòrachd.


Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires air son gach àm eile dhen bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.

Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich



[238]

[Vol . 3. No. 30. p. 6]

COMHRADH

Eadar an Gobha agus Domhull Post.

GOBHA. —So, so, a Dhomhuill, thig a nall an so agus thoir buille no dhà air an iarunn so leis an òrd mhòr. Tha mi air mo chridhe a sgaineadh o mhoch thrath ag obair air an droch iarrunn so a thug Callum beag ugam an latha roimhe gu soc is coltair a dheanamh dha. Ge be air bith àite an dfhuair e an sgonn grànda so chaneil e furasda dhomhsa feum a dheanamh dhe gun chuideachadh.

DOMHULL POST. —Cha robh thu riamh air atharrachadh. A dheoin no dhaindeoin bheir thu an ceilidh ceardach asam a h-uile lathathig mi. Is e bhios ann air acheann mu dheireadh gu seachainn mi acheardach buileach glan. Is math a dhfhaodadh Callum beag fhein a bhith an so mar bu chòir dha. Tha mi glé sgith an diugh fhéin ged nach teannainn ri bualadh an ùird mhòir.

G. —Chaneil mise ag iarraidh ort ach beagan bhuillean a thoirt air an iarunn leis an òrd. Cha mhisde thu blàths a chur ort co dhiu. Tha fior ghreann an fhuachd air do shròin. Cha chreid mi nach robh thuna do sheasamh greis mhath an àite eiginn abruidhinn mun dthàinig thu. Ged a tha do cheann air liathadhs do chiabhagan air tanachadh is fior thoigh leat a bhith ann an cuideachd nan nigheanan òga. Neo-ar-thàing nach dean a h-uile dhiubh briodal beoil is cabaireachd gu leòr riutsas ris gach fear dhe do sheòrsa. Beir air an òrd agus cuir blàths ort fhéin. Tha thu air crampadh le cion obrach.

D. P. —Air crampadh le cion obrach! Tha mi far an cuala mi riamh a leithid. Bu chòir dhut, nam biodh tùr duine annad, a ràdh, gu bheil mo bhonnan air tolladhs mo luirgnean air lomadh afalbhnam throtan air feadh nam bailtean a h-uile lathas abhliadhna ach Didonaich. An uair a thòisich mise ris aphostachd an toiseach cha robh agam ach ri dhol tri uaireansan t-seachduiu o aon cheann-uidhe gu ceann-uidhe eile. Tha mi nis ri bhithnam dheannabh a h-uile latha. Is ainneamh latha nacheil mo dhà cheanns an talamh le eallach litrichean is phaipearan is pharsalan. Aig àm na Nollag theabas mo mharbhadh buileach glan. Cha robh seòrsa air an smaoinicheadh duine nach robhtighinn dhachaidh bhar na Galldachd ann am parsalan baagas mòra. Feumaidh mi a dhol a dhionnsuidh nan dorsan aca leis gach ni gréine a thignam rathad.

G. —Ma ta gu dearbh is iomadh latha a tha thugiulan an deadh eallaich. Tha na parsalan air thuar an dùthaich a sgrios. Chaneil sgillinn air am faighear greim nach cuirear air falbh a dhiarraidh na s an tombaca.

D. G. —Tha thu air chùl do sgeoil. Tha am fions abhranndaidhs an rumas an t-uisge beatha atighinn dhachaidh cho math ris an s ris an tombaca. Nam biodh tusagiulan an eallaich mar a tha mise is ann a bhiodh fios air a liuthad seòrsa a thatighinn don dùthaich an diugh. An uair a dhfhalbhas mise troimh na bailteans glug, glug aig an deoch làidir air mo mhuin anns aphoca, is ann a bhios car de nàire orm. Tha mig innseadh na firinn.

G. —Chan fhhod e bhith nach toir iad dhut deur beag den stuth mhath nair is uair, gu h-àraidh an àm an t-sneachda.

D. P. —Is iad nach tabhair, ged a rachadh mo bheul càm. Chaneil na daoine a tha beò an diugh a leith cho cóir ris na daoine a bhann ri mo cheud chuimhne. Tha daoine an lathan diugh air fàs ro ghallda. Is gann a gheibh thu ni sam bith mur pàigh thu glé dhaor air a shon.

G. —Bfhearr leam gum pàigheadh iad dhomhsa an dara leith den obair a tha mideanamh dhaibh. Is leasg leam an diùltadh an uair a thig iad Ach tha amhrus agam gu feum mi an diùltadh an ùine gun bhith fada. A dhinnseadh na firinn duit, bha mi air dubh-chùl a chur ri cuid diubh roimhe so mur be gu bheil eagal orm nach fhaigh mi sgillinn de na fiachan uapa gu bràth, ma dhiùltas mi obair a dheanamh dhaibh an dràsta.

D. P. —Is tu a tha górach aleantuinn air a bhithg obair dhaibh. Chan fhaigh thu sgillinn de na fiachan ri dbheò. Is ainneamh duine anns am bheil de dhonair an diugh na phàigheas fiachans an àm so. Tha micluinntinn na h-aon ghearain aig a h-uile fear-ceairde a thands an dùthaich. Mas e sin fhein e, cha phàigh iad na paipearan-naigheachd.

G. —On a thàinig agad air, saoil thu nach ann a tha car de nàire orm air son na tha de mhuinntir abhaile so fhein fo ain mdhroch phàighearan aig luchd nam paipearan-naigheachd an Inbhirnis agus anns an Oban.

D. P. —Nach coma leam co aca. Tha muinntir nam paipearan sin adeanamh am fortain, tha micluinntinn. Ach nam be pàipearan Gàilig a bhiodh aca cha deanadh iad mòran fortain. Than àireamh as de Ghaidheil an lathan diugh ag amharc sìos le dimeas agus le tàir air aGhailig. Is gann a chi thu facal Gàilig ann am paipear naigheachd ach am beagan a tha rifhaicinn ann an aon phaipear an Inbhirnis, agus anns an Oban.

G. —Is ann a tha choire sin aig na Gàidheil fhein. Neo-ar-thàing nach fhaigheadh iad Gàilig gu léòr nam bfhiach leotha a leughadh. Chaneil faighneachd sam bith air aGhailig am measg nan Gàidheal a chionn nacheil dùil aca beairteas a dheanamh leatha.

IAIN.


Dhiarramaid orra-san a bhios a sgriobhadh dhionnsuidh a phaipeir gun iad a sgriobhadh ach air aon taobh dhen duilleig, agus gun an sgriobhadh a bhi tuilleadh us meanbh. ’N uair a ruigeas litir sinnsa bhios an sgriobhadh meanbh, ged bhiodh i ceart gu leòr air gach dòigh eile, cha ghabh an clo-bhualadair gnothuch rithe, agus feumaidh sinn a sgriobhadh thairis bho thoiseach gu deireadh. ’N uair than sgriobhadh garbh, théid againn air ceartachadh sam bith a bhios feumail a dheanamh eadar na sreathan; achnuair tha e meanbh, chan eil againn air ach sinn fèinga sgriobhadh a rithist, agus tha moran sgriobhaidh, mar tha moran leughaidh, ’na sgìos don fheoil. Tuigeadh iadsan a leughas.

Gheobh ar leughadairean anns an àireamh so litir ghoirid bhoC. C.” fear om math leinn a bhi cluinntinn gu math tric. Gheobhair mar an ceudna comhradh air a sgriobhadh leIain,” duin-uasal dom math is aithne Gàilig a sgriobhadh, agus a than deigh Mac-Talla agus a leughadairean a chur fo chomain mhor dha cheana Air an t-seachdain sa tighinn bheir sinn dar càirdein a cheud chaibideil de sgeul ghasda, Ghàidhealach, on pheann cheudna. Leanaihh i bho sheachdain gu seachdain fad dha no tri mhiosan, agus tha sinn cinnteach gun cord i gu math ris a h-uile h-aon a leughas i.



[239]

[Vol . 3. No. 30. p. 7]

SEAN FHACAIL.

Thig math a mulad.

Ruigidh grotachan suim.

Is luath fearus eagal air.

Millidh aon leibid a chuinneag.

Is mairg a ni droch cleachduinn.

Far nacheil lagh chaneil saorsa.

Far am bi mo run bithidh mo shùil.

An car a bhan Eoghann bha e an Iain.

Is ann as a bheagan a thig am moran.

Cha chreidear an fhirinn o bheul nam breug.

An ni a thig leis a ghaoth falbhaidh e leis an t-sruth.

S e goirteas a chinn féin a dhfharaicheas gach duine.

Am fear nach cleachd claidheamh fagaidh e air tom e.

Biodh iadsan a bruidhinns bithidh na h-uibhean againne.

Bithidh a h-uile fear a tarruing uisge gu mhuileann féin.

Am fear as treise an uachdar, ’s am fear as luaithe air toiseach.

Co a gheibheadh am port mur fhaigheadh nighean an fhidhleir e.

Ceannsaichidh a h-uile fear an droch bhean ach am fear aig am bi i.


Minard ’s Family Pills,glan, fallain.


Leighisoadh mise o lòinidh leMinard ’s Liniment.
Halifax. ANDREW KING.

Leighiseadh mise o droch sgamhan leMinard ’s Liniment.
Sussex. COL. C. CREWE READ.

Leighiseadh mise o loinidh leMinard ’s Liniment.
Markham, Ont. C. S. Billiug.


Is miann le triubhas a bhi measg aodaich, is miann leam fein a bhi measg mo dhaoine.

Air son nam biastan—Cherokee Vermifug.

Cherokee Vermifugeair son nam biastan

Minard ’s Honey Balsam,Leigheas cinnteach


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnn
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh s le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige mu thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhsan.



[240]

[Vol . 3. No. 30. p. 8]

An Sealgair agus am Fiadh.

LE DOMHNALL MOR OG.

S mim shuidh’ ’sa bhadain chaorinn
S beag maighear ris a ghaoith so,
S igabhail dhomhsan aodunn,
S gun dfhag sud maogasg bochd.

Tha damhna laighesuas bhuam,
S eg amharc orm le tuaileas,
S cha leig a shuilean luaineach
Dhomh gluasad ceum a so.

Nam faighinn a so slaodadh
Gu cul na craoibhe caoruinn,
Le mghunna fada craosach,
Gun taomainn ina chorp.

Am Fiadh.

Gum bfhearr dhuit cur is claithadh,
Bhig iomain cruidhs gam biathadh,
Na staric de mshithinn bhliadhnich,
S nach fhiach icur am poit.

Mo sheiche cha dean feum dhuit
Is tuill oirraig na feursnabh;
Nach grannd a dhuitbhin deidh orm,
S nach drinn mi eucoir ort.

An Sealgair.

Nach cuimhne leat gach sealbhag
A dhith thu ann san arbhar;
Theid cuilein ann ad shealbhan,
S do mharbhadh air an spot.

Am Fiadh

Nan eisdeadh tu ri msheanachas
Gun innsinn dhuit le dearbhadh,
Nach misa bhann san arbhar,
Ach fearbu ghairbhe dos.

An Sealgair.

Ma dhinnseas tusa dhomhsa
N ceart bhallsa bheil e comhnuidh,
Cha deid mo chu an toir ort,
S cha leonar thu an nochd.

Am Fiadh.

Is tric a cuithear thall e
N Creig-chorraig ann san t-samhradh,
S ma gheibh e fasgath teann oirr
Cha gheall e tighnn a so.

An Sealgair.

Gum bfhearr leam na mo chota
Ni-fhins mo ghunna grobach
A thachirt ann sa mhointich
Air croicearnach nan cnoc.

S e Comaranach a bha ann an Domhnull Mor Og. Is ann a mhuinntir Lochabair a bha e. Rinn Alasdir Mac-Fhionghain marbhrann dha. Rinn Ailain Dall cuideachd marbhrann da. Bha e na bfhearr air sealgaireachd na air orain.


Minard ’s Honey Balsamaon uairs na h-uile h-uair.


Bha shrirm mhor shneachda anns aGhàidhealtachd acheud sheachdain dhen mhios so; cha robh a leithid anns an dùthaich o chionn corr us tri bliadhna. Thoisich i air feasgar na Sàbaid, an siathamh latha agus chuir i stad air acharbad-iaruinns air gach doigh shiubhail eile, ’s cha dfhuaireadh an cur air obair a rithist gusn do sguir an stoirm Di-ciaduin. Bha citheachan air na roidean a bha eadar deich us dusan troigh a dhoimhnead.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.

A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.

Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.

Call and Examine Stock.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Soithichean Creadha agus Glaine.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh

Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris as fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B
Feb.


An S. S. Arcadia.
THAN ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Anns, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Diordaoin.
P . KERR,
Maighstir

titleIssue 30
internal date1895.0
display date1895
publication date1895
level
reference template

Mac-Talla III No. 30. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page