[Vol . 3. No. 31. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARIDH, 2, 1895. No 31.
Meud na Cruinne.
Tha ’n saoghal na bhall cruinn, ochd mile de mhiltean troimh, agus mu choig mile fichead de mhiltean nun cuairt. Tha na uachdar da chiad muillion de mhiltean ceithir chearnach (suqare.) Na ’n seasadh neach air mullach beinne bho’m faiceadh e da fhichead mile air gach taobh, no da chiad is da fhichead mile mun cuairt, chitheadh e coig mile de mhiltean ceithir chearnach. Ach mor ’s mar tha ’n sealladh sin, cha ’n ’eil ann ach an da fhichead mile pairt dhe uachdar an t-saoghail, uime sin, mu ’m faiceadh e uil’ e, dh’ fheumadh e da fhichead mile sealladh mar a dh’ ainmich sinn fhaicinn. Agus na ’n robh gach sealladh dhiubh a gabhail uair de thim, agus a tabhairt da uair dheug de ’n latha, ghabhadh e corr is naoi bliadhna mu ’m faiceadh e an t-iomlan. No na ’n rachadh neach air thuras gu aghaidh an t-saoghail uir fhaicinn, agus dol thairis air gach mile ceithir chearnach dhe, aig ruith deich mile fichead ’s an latha, ghabhadh e corr is ochd mile deug bliadhna mu ’n rachadh e thairis air an iomlan. Ged a thoiseachadh e air a thuras ’nuair a chaidh Adhamh a chruthachadh, cha bhitheadh e thairis air an treas pairt dhe fhathast!
Litir o Raibeart.
Tha ’mios mu dheireadh do ’n gheamhradh a nis aig a cheann. Bha ’n t’ side glé mhaith dh’ionnsuidh so. Tha ’n sean-fhacal ag radh “Cha tig fuachd gu’n tig earrach.” Faodaidh sinn a nis a bhi coimhead a mach air son fuachd agus reothaidhean. Cha d’ thainig ach glé bheag sneachda fathast, gidheadh thug e atharrachadh mòr air cùisean ann a so’ le bhi toirt air falbh glagarsaich ’s gleadhraich na’n cairtean. ’S ann a chluinneas sinn a nis ceòl binn clag na ’n each luatha air na sràidibh o mhoch-thrà gu feasgar an-moch. Tha mòran de mhuinntir na dùcha a’ gabhail cothrom na ’n ròidean matha’ tha ann a nis. Cha ’n fhaod mi dearmad innseadh gu ’m bheil e air aithris a measg na thàinig do ’n bhaile so air an t-seachduinn a dh’ fhalbh, gu ’n robh “Ceann Liath” féin. ’S iomadh neach a leubh a chuid litrichean leis am bu mhiann gu mòr fhaicinn. Tha mi làn chinnteach gu ’n do chuir MAC-TALLA còir féin fàilte chridheil air. Faodaidh e bhi gu ’n d’ fhàg e rud-eiginn aige ri chur ’an clò, oir bu toigh leinn cluinntinn uaithe na bu trice. Bha sinn glè dhuillich an uair a leubh sinn anns an litir mu dheireadh a sgriobh e gu ’n robh ’m bàs a toirt air falbh aois agus òigridh a bha nan deadh luchd eòlais dhuinn ’san àite sin. Tha na nithean ceudna ri ’m faicinn ri ’n aithris cha mhor gach là anns a bhaile so. Cha ’n fhada chàirdean gus am bi sinn uile air àireamh na muinntir ud. Cha ’n eil mi cleachdadh a bhi sgriobhadh Gailig, mar sin tha mi ’n dùil gu ’n gabh do luchd-leubhaidh mo leith-sgeul. Faodaidh e bhi gu’n cluinn tha uamsa fathast. Bithidh mi ’n dràsd a comhdhunadh leis an rann a leanas:—
Thoir beannachd uam gu luchd na Gàelic
Anns a chearn so, ’s fad thar chuan,
’S ann orra chuirinn féin an fhàilte,
’S a chainnt mhathreil bhlasd gu’n ghruaim.
Tha mi guidhe dhuibh a chàirdean,
Oir bu ghnàth leibh a bhi suairc;
Gu’n neartaich sibh “le’r cead” na làmhan
Tha togail na Gàelic suas.
Do chairid dileas,
RAIBEART.
Is fhearr am beag seadhach na ’n draghaiche mòr mi-ghnìomhach.
Is iomadh uair a b’ fhearrde daoine srian a chur ri ’n teangaidh.
SEAN FHACAIL
If fhearr slàinte na saoibhreas.
Is fhearr deagh riaghladh na teachd-a- steach mòr.
Is fhearr duine bochd ’s e fìrinneach na duine saoibhir ’s e breugach.
Is fhearr lagh a’ ghràidh na gràdh an lagha.
Is fhearr deadh aimn na crios de ’n òr.
Is fhearr a bhith sàmhach na bhith ’labhairt uile.
Is fhearr rud a dhiùltadh gu modhail na thoirt seachad gu mi-mhodhail.
Is fhearr deadh ainm na deadh aghaidh.
Is fhearr gruaim caraide na aoidh nàmhaid.
Is fheaer beagan ’fhaotainn le còir, na ionmhas mòr le eucoir.
Is fhearr iomall a’ phailteis na teis-meadhon a’ ghanntair.
Is fhearr dhuinn gun rud a bhristeadh na bhith ’g a chàradh an déigh a bhristeadh.
Is fhearr cuimhne luchd nam fiach na cuimhne na muinntir air am bheil na fiachan.
Tha droch cleachdadh coltach ri deadh aran, is fhearr air a bhristeadh e na air a ghleidheadh slàn.
SGIORRADH UAMHASACH. —Chaidh soitheach mór smùide do’m b’ainm an “Elbe” a chur do’n ghrùnnd a mach o chladach a deas Shasuinn, ’sa mhaduinn Di-ciaduinn s’a chaidh, agus chailleadh mu thri cheud gu leith duine. Bhuail soitheach eile innte mu bheul an latha, agus chaidh i fodha cho luath ’s nach d’fhuair ach mu dha fhichead duine aisde le ’m beatha. Bha ceathir cheud air bord. Bha i air a turus as a Ghearmailt gu New York.
LeighsidhMinard ’s LinimentCràdh.
[Vol . 3. No. 31. p. 2]
TAIGH NA COILLE.
LE IAIN.
CAIB I.
Ann an taobh tuath na h-Alba tha gleann bòidheach ris an canar, an Gleann Crom. Tha e mu chòig mìle air fad, agus mu mhìle gu leith air leud. Tha ceann dheth ris an àird an iar, agus an ceann eile ris an àird an ear-thuath. Tha amhainn lubach a’ ruith troimh ’mheadhon do cheann Loch a’ Bhuird.
Aig aon àm bha coille thiugh air gach taobh de ’n amhainn; ach o chionn iomadh bliadhna cha’n ’eil ach craobh an sid ’s an so ri fhaicinn air taobh deas na h-aimhne. Bha mòran tuatha aig aon àm air taobh deas na h-aimhne, agus bha cead aca o’n uachdaran a bh’ air an oighreachd aig an àm, air na bhiodh a dhìth orra de’n choille a ghearradh a chum an cuid thaighean a chur an òrdugh. O bhliadhna gu bliadhna bha ’choille ’dol ni bu taine ’s ni bu taine, gus mu dheireadh an d’ rinn an tuath fhein lagh ’nam measg fhein, nach robh ’chridhe aig fear sam bith maide a ghearadh aisde, ni’s lugha na bhiodh feum ro shònraichte aige air. Cha robh an t-uachdaran a’ dol eadar iad is ni sam bith a thogradh iad a dheanamh ris a’ choille a bh’ air an taobh aca fhein de’ n amhainn.
Bha na bh’ air taobh tuath na h-aimhne de ’n oighreachd aig an uachdaran ’na làmhan fhein. Bha mòran coille air an taobh ud de ’n amhainn. O’n a bha am fearann ri aghaidh na grèine, agus na monaidhean àrda a bha os cionn a’ ghlinne a’ cumail fasgaidh air o ghaillionn na h-airde tuath, bha ’choille ni b’ airde ’s ni bu dlùithe na bha i air taobh deas a’ ghlinne, an uair a b’ fhearr a bha i. Bha taigh-còmhnuidh an uachdrain ann an teis-meadhon na coille, agus b’ ann air a shon sin a thugadh “Taigh na Coille” mar ainm air.
Anns an àm ’s an do thogadh Taigh na Coille b’ ainneamh àite ’s an robh taigh uachdarain a bha cho eireachdail ris air an taobh a muigh, agus cho farsuinn ’s cho comhfhurtail ris ’na bhroinn. Bha ’n t-uachdaran a thog e ’na dhuine glic, tuigseach, tùrail do ’m b’ aithne mar bu chòir taigh a thogail, a bhiodh araon maiseach agus comhfhurtail. Ged a bha ’n t-àite anns an robh an taigh car iomallach, cha robh ni a bha feumail nach d’ thugadh ann le bàtaichean. Aig an àm cha robh na rathaidean mòra aon chuid cho lionmhor no cho math air an deanamh ’s a tha iad a nis.
Mar bu trice, bha na h-uachdarain agus an tuath glè mheasail air a chéile aig an àm ud. Ged b’ e uair no àite anns an tachradh iad ri ’chéile, bhruidhneadh iad ri ’chéile gu cridheil, càirdeil. Ged a bha ’n tuath ag amharc suas ris na h-uachdarain cha robh sin a’ toirt air na h-uachdarain a bhith ’g amharc sìos air an tuath.
Bha ’n t-uachdaran a thog Taigh na Coille, comharraichte na latha ’s ’na linn air son cho iriosal agus cho caoimhneil ’s a bha e ris gach bochd s beairteach a bh’ air an oighreachd aige. An uair a bha ’n taigh ’ga thogail, dh’ òrduich e gu ’m biodh aon seòmar mòr, maiseach air a dheanamh ann, far am biodh e fhein agus a chuid tuatha aig cuirm maille ri’ chéile, aon uair ’s a’ bhliadhna. Fhad ’s a bha e beò agus air chomas ni sam bith a dheanamh, bhiodh e gach bliadhna, ’toirt cuirm do na h-uile aon de ’n t-sluagh a ghabhadh cuireadh uaithe. Ged a bha “Talla na cuirme” gu math farsuinn, cha ghabhadh e ach gann an dara leith dhe ’n t-sluagh do ’n robh e a’ toirt cuiridh gach bliadhna. Air an aobhar sin bha e ’roinn an t-sluaigh nan dà earrann. Air a’ cheud latha dhe ’n chuirm, bhiodh na fir agus na mnathan pòsda, na seann fhleasgaich agus na seana mhaighdionnan air an gairm Air na dara latha, bhiodh na gillean ’s na nigheannan òga a bha os cionn dà bhliadhna dheug a dh’aois aig a’ chuirm. Bhiodh an t-uachdaran fhein fad na h-ùine maile riutha. Bha e ’na dhuine sunndach, cridheil, agus chumadh e air aghart gach fearas-chuideachd a shaoileadh e a bheireadh toileachadh do gach sean is óg. Ach cha ’n fhuilingeadh e do neach sam bith ni mi-iomchuidh a dheanamh. Neach sam bith a ghluaiseadh e fhein gu mi-iomchuidh, dh’ fhaodadh a bhith cinnteach nach fhaigheadh e cuireadh thun na cuirme air an ath bhliadhna. B’ e so am peanas a bha e leagadh air gach aon a rachadh ceum as an rathad. B’ ann uair glé ainneamh a bha neach sam bith a’ cosnadh diumadh an uachdarain anns an dòigh so.
Bha ’n cleachdadh so a’ deanamh móran feuma ann an dòigh no dha. Bha e ’nochdadh do’n tuath gu léir, nach robh an t-uachdaran a’ cur dealachaidh eadar am bochd agus am beairteach. Tha cuid ann aig am bheil meas ro mhòr air maoin ’s air saoibhreas, agus ged a bhiodh mìle cron air an duine bheairteach, bidh meas mòr aca air. Ach cha b’ ann ’s an dòigh so a bha ’n t-uachdaran so ag amharc air a chuid tuatha idir. Co dhiubh a bhiodh iad bochd no beairteach, ma bha iad fìrinneach, onarach, dìchiollach, deanadach, sgus measail iomchuidh ’nan gluasad, bha’n aon meas aige orra gu leir. Bha so a’ leigeil ris do ’n tuath nach b’ ann am mò-rshaoibhreas, no ann an inbhe àird a bha meas is cliù dhaoine a’ co-sheasamh, ach ann an giùlan iomchuidh, glic.
Bha ’n cleachdadh so mar an ceudna ag ionnsachadh do’n tuath mar bu chòir dhaibh iad fhein a ghluasad ann an cuideachd a b’ àirde inhbe na iad fhéin. Tha ionnsachadh dhe’n t-seòrsa so ro fheumail, gu h-àraidh do ’n mhuinntir nach ’eil ach uair ainneamh a’ dol am measg dhaoine a chunnaic barrachd dhe ’n t-saoghal na chunnaic iad fhein. Tha iomadh neach, an uair a tha iad ’dol do chuideachd a’s àirde agus a’s urramaiche na iad fhein, glé dhiùid, agus gu math tric b’ fhearr leotha a bhith as na bhith ann.
An uair a bhiodh pòsadh is bainis ann an taigh aoin de’n tuath air an oighreachd, gheibheadh an t-uachdaran cuireadh gus a dhol ann, agus mar bu trice rachadh e car ùine ann. Nam biodh e furasda dha, dh’ fhanadh e aig a’ chuirm gus am biodh i dlùth air a bhith seachad. Aig gach cruinneachadh dhe ’n t-seòrsa so b’ ann aige a bha dleasdanas uachdaran na cuirme ri chur an gnìomh.
Cha robh maor no bàilidh a’ riaghladh fo a làimh aig àm sam bith. Bha gach cùis a bhuineadh do riaghladh na h-oighreachd air a chur ’na láthair fhein, an uair a bhiodh e aig an taigh. An àm dha ’bhith air falbh o’n taigh, bha òrdugh aig an tuathanach bu shinne a bh’ anns gach baile gach ni a bhiodh cearr a chur ceart, nam b’ urrainn e. An uair a thigeadh e-fhein dhachaidh, chuireadh e a h-uile ni ann an òrdugh gu cothromach agus gu ceart.
Nan tachradh gu ’m biodh aimhreit sam bith eadar duine agus duine, dh’ fheuchadh an t-uachdaran ri ceartas agus réite a dheanamh eatorra, nam biodh iad toileach a’
[Vol . 3. No. 31. p. 3]
chùis earbsadh ris. Mar bu trice ghabhadh iad leis a’ cheartas a dheanadh e eatorra.
Uair sam bith a bhiodh comhairle a dhìth air a h-aon dhiubh ruigeadh iad Taigh na Coille, agus gheibheadh iad comhairle ghlic, phoncail uaithe. Bha e dha chuid tuatha, ’na uachdaran math, ’na chaomh charaid, ’na fhear riaghlaidh glic, agus ’na dheadh chomhairleach.
(Ri leantuinn.)
Na Baird Ghaidhealach bho linn Oisein gu ruig a Bhliadhna 1400.
A réir nan seann sgeulachdan, bha Conall Cearnach, mic Uisnich, Fraoch, Cuchullainn, agus Conlaoch nan gaisgich ainmeil. Bha iad ann aig toiseach na ceud linne bho theachd Chriosda. Bha iad uile fo ’n talamh roimh ’n bhliadhna 50 A. D.
’S e daoine a bha ’leanachd cogaidh mar cheaird a bha ’sna Fianntan. Bha iad air an ionnsachadh anns gach arm-chluich a bha cleachdte ri ’n am. Bha ard-cheannard aca, agus bha iad fo mhionnan a bhi umhailte agus dileas dha. Bha iad a cur seachad na h-uìne a sealg fhiadh agus thorc, a cumail ghnothaichean ceart ann an duthaich an righ dha ’m biodh iad a deanamh seirbheis, agus a cogadh as a leith nuair a bhiodh sin ri ’dheanamh. Bhiodh buidheann de dh-Fhianntan aig gach righ a b’ urrainn an cumail. Bhuineadh Cumhall, Fionn, Diarmad, Caoilte, Oisean, agus Oscar do Chlanna Baoisgne, agus bhuineadh Goll, Conan, Garaidh, agus Aodh Caomh do Chlanna Morna. Am bitheantas bhiodh an da bhuidhinn so a cogadh an aghaidh a cheile. Chaidh Cumhall, ard-cheannard Chlanna Baoisgne, a mharbhadh le Goll, ard-cheannard Chlanna Morna, aig blar Chnucha mu’n bhliadhna 210. Bha Fionn, mac Chumhaill, na ard-cheannard air Clanna Baoisgne re uine fhada. Bha e na dhuine tuigseach agus na sheanaileir math. Mharbhadh e le iasgair, do ’m b’ ainm Athlach, mu’n bhliadhna 283. Bha e na sheann duine aig an am. Chuir Athlach as da le morghath a bhradain a sparradh troimh amhaich. Fhuair Caoilte mac Ronain greim air an iasgair bhruideil, goirid an deidh dha Fionn a mhort, agus ghearr e ’n ceann deth.
Chuireadh cath fuileach Ghabhra ’sa bhliadhna 284. B’ iad an luchd cogaidh Cairbre Lifeachair, ardrigh Eirinn, air an aon laimh, agus Mogh Corb, righ Mhumhain (Munster), air an laimh eile. Bha Clanna Morna air taobh Chairbre, agus Clanna Baoisgne air taobh Mhogh Choirb. Theab an da bhuidhinn so a cheile a sgrios. Bha Oisean air fear de na dh’ fhuirich beo. Thuit Oscar, a mhac. Thuit Cairbre Lifeachair cuideachd.
Rugadh Padruig a reir coltais, faisg air Dunbreatunn. Chaidh e mar theachdaire-soisgeil do dh-Eirinn mu’n bhliadhna 432. Chaochail e mu’n bhliadhna 493. Rugadh Calum Cille an Eirinn sa bhliadhna 521. Bu mhac e do dh-Fheilim, mac Fhearghuis, mac Dhonaill, mac Neill Naoighiallaich, ard-righ Eirinn. Thainig e do dh-I ’sa bhliadhna 563. Chaochail e sa bhliadhna 593. Ma thug Albinn Padrig no dh-Eirinn thug Eirinn Calum Cille, duine a cheart cho math ri Padraig, do dh-Albainn.
Thoisich na Lochlannich air tighinn do Shasunn sa bhliadhna 793, do dh-Albinn sa bhliadhha 794, agus do dh-Eirinn sa bhliadhna 795. Cha robh cogadh riamh eadar iad-fein agus muinntir Shasuinn, Alba, no Eirinn roimh na h-amannan so. Chaidh Mànus, righ Norway, a mharbhadh ann an Eirinn ’sa bhliadhna 1099.
Tha ochd-ar-fhichead de dhain gaisge ann an leabhar Sheumais Mhic-Griogair, Deaghan Lismhoir. Tha e air a radh gun do rinneadh aon diu so le Conall Cearnach, aon le Caoilte mac Ronain, a dha le Fearghus Filidh, agus a naoidh le Oisean. Sgriobhadh a sios iad na leabhar le Seumas Mac-Griogair mu ’n bhliadhna 1512.
Tha e lan chinnteach nach fac Oisean Padrig riamh agus nach robh eolas sam bith aig air na Lochlannich, ach le cluinntinn mu ’n deidhinn. Faodaidh sinn mar sin a bhi cinnteach nach deachaidh dan gaisge sam bith, ’sa bheil Padruig no na Lochlannich a tighinn a staigh, a chur ri cheile le Oisean.
Chan fheil teagamh sam bith nach robh Oisean ann, s chan fheil teagamh nach robh e ’na bhard, ach a bheil a chuid bardachd againn an diugh? Chan fheil dearbhadh sam bith againn gun do chuir e ri cheile gin de na dain a tha air an ainmeachadh air an leabhar Mhic-Griogair. Faodidh e a bhith gu bheil a dha no tri de no dain sin, a chaidh a dheanamh gu math trath, ach air a shon sin chan fheil e leanachd gur h-e Oisean a rinn iad. Cha’n fheil teagamh sam bith nach robh moran de dhain air an ainmeachadh air Oisean, mu’n bhliadhna 1500, nach fac e riamh.
Chuireadh an Duan Albanach ri cheile mu’n bhliadhna 1057. Chaidh a labhairt aig crunadh Calum a chinn mhoir. Tha e ag ainmeachadh nan seann righrean a bha air Albinn. Cha deach ainm an ughdair a chumail air chuinhne.
Phos Sir Niall Caimbal, triath Loch-Odha, Mari Bhrus, agus bha mac aige do’m b’ ainm Cailein. Fhuair Cailean so coir sgriobhte air fearann Loch-Odha sa bhliadhna 1316. Chaochail e mu ’n bhliadhna 1340. Theirteadh Cailain Math ris. Tha beagan de shreathan ann an leabhar Sheumais Mhic-Griogair a rinneadh leis. Ma bha e na bhard, is e a cheud bhard a ’s aithne dhuinn air ainm. Ach faodaidh e a bhith nach robh e na bhard. Cha’n fheil a h-uile fear a chuireas rann no dha ri cheile na bhard.
Tha e lan chinnteach gun robh moran de dhaìn gaisge(heroic ballads)am measg nan Gaidheal fada roimh ’n bhliadhna 1400. ’Se ’s docha, mata, gun deach cuid diu sin a chur ri cheile anns a Ghaidhealtachd. Cha’n fheil bann sam bith againn gu a cho-dhunadh gur h-ann an Eirinn a chaidh an deanamh uile. Bha, codhiu, urad de bhardachd ann an Gaidheil Alba ’sa bha ’n Gaidheil Eirinn. A. M. S.
Mu *Chorra -Ghrain Mhor America.
Tha’n t-eun miorbhuileach so ri fhaicinn mu chuid de chladaichean America! ’Nuair a bhitheas e ag iasgach ann an doimhneachd uisge, cuiridh e solus a mach as a bhroilleach co laidir ri leus mor. Le so theid aig air pailteas a ghlacadh ann an tiota. Is mor an dearbhadh a thagaìnn air gliocas agus maitheas an Fhreasdail anns gach dhaigh th’ aig creutairean an domhain air teachd beo. ’S e so aon de na h-eunlaidh is eireachdail’ a tha ri fhaicinn. Tha e ro-gharg, agus feumaidh an cinnteach gu bheil e marbh, no mar’ eil ach leointe bithidh e na bhad, agus ’s ann air suilean an t-sealgair a bheir e a cheud ionnsuidh.
*The great American Bittern.
[Vol . 3. No. 31. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d, ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney Cape Breton.
SIDNI, FEBRUARIDH 2 1895
Tha dha no tri litrichean againn a fhuair sinn re na seachdain, nach urrainn dhuinn a chlò-bhualadh le cion rùm. Gheobh ar luchd-leughaidh iad anns an ath àireamh.
Bha toiseach na bliadhna so anabarrach fuar ann an Alba. Tha na daoine ’s sine ’san dùthaich ag radh nach robh leithid a dh’ fhuachd ann o’n is cuimhne leotha. Bha cur mor sneachd’ ann cuideachd, na’s motha na bh’ ann riamh o bhliadhna ’chogaidh Ruiseanaich, da fhichead bliadhna air ais
’N uair a bha Diùc Earra Ghaidheal a labhairt aig coinneimh ann an Glascho air a choigeamh latha deug de’n mhios a dh’fhalbh, thuit e ann an neul. Ged chaidh e na b’ fhearr an ùine ghoirid, tha e lag, tinn, gu leòr, agus cha d’ fhuaireadh a thoirt gu ’dhachaidh fhéin fhathast. Tha e tri fichead bliadhna ’sa dha dheug a dh’ aois.
Tha e air innseadh dhuinn gu bheil Mr. Gladstone a’ cur roimhe dhol do thigh na pàrlamaid a rithist. Tha e air aiseag gu mòr ’na shlàinte, agus bidh a sheann chàirdean uile toileach fhaicinn nam measg aon uair eile. Cha’n eil e ’dol a ghabhail gnothuch sam bith ri riaghladh na rioghachd. Tha e nise ceithir fichead bliadhna ’sa còig a dh’aois, ach ged tha, cha’n e h-uile fear òg a leigeadh a leas a dhol ris, agus bidh e ’na neart mòr d’a phàirtidh fhéin anns a phàrlamaid.
FHIR DHEASACHAIDH: —Chunaic mi òran Mhic Fhionghain o ’n Iar-Thuath anns a MHAC-TALLA agus thaitinn e gu math rium. Thug thu dhuinn e air Ian. 12. Cha’n eil na h-uile fear cho measail air an dùthaich ri Mac Fhionghain. Chuir “Domhnull diombach” —cha d’ fhuair mi riabh a mach co e—òran diomolaidh air Manatoba gu paipeir Mhic Coinnich ann an Inbhirnis an Alba, beagan bhliadhnachan air ais. Tha mi cur pairt deth a d’ ionnsuidh. Tha mi cur ad ionnsuidh mar an cundna òran a rimieadh ann am freagradh dha mar a leanas:—
Teist Dhomhnuill air Manitoba.
FONN— “Hi-ri-ri ho rathaill o, si ’n nighinn donn is boidhche.”
Dh’fhàg sinn dùthaich fhallain bhlàth,
Tacharach an taice ’n t-sáile
Ged bha uachdarain na’m plàigh
Bha sinn’ air lár ar n-eòlais.
Rinneadh ‘plot’ le droch-bheairt suas
Air taobh bhos a’s thall a’ chuain
Chum gu’m mealladh iad an sluagh
Gu tir an fhuachd ’s an dòlais.
Dh’ fhaighneachd mi de Dho’all Chaluim
Cuin a thig an deigh a talamh
Thuirt e rium le tursa “a charaid”
Fanaidh i ri d’ bheo ann.
Nuair bhios ‘blizzard” san tir aognaidh
Feumar béin gach béist mar aodach
Cha dean clò de chlòimh ar saoradh
Bheir a ghaoth an fheòil dhinn.
Sinn ag obair air bheag tàmh
Air fearann “Alcali” bhàile;
’S ged a thogamaid am bàrr,
Bidh cus d’ an ghràn aig Seoras*
Ma bhios mise beò gu Earrach
Fàgaidh mi aig cach an t-earradh,
Ruigidh mi Dakota thall-ud—
Tha fearann ’us òr ann.
DOMHNULL DIOMBACH.
*Sir George Stephen an Rathaid-Iaruinn.
Rinn ar càirdean glé mhath ruinn air a mhios a chaidh seachad, na’s fhearr na rinn iad ann an aona mhios riamh o’n chuir sinn ar ceud eolas orra. Tha sinn fada ’nan comain air son sin, agus fior thaingeil gu bheil na Gàidheil air an dòigh so a’ nochdadh an spéis do’n cainnt mhàthrail, agus a cur rompa gu’n cum iad suas am paipear Gàilig a dh’ airdeoin co theireadh nach cum. Bho ’n thòisich iad a bhliadhn’ ur cho math, tha sinn an dòchas gu’n lean iad mar sin, agus gu’m bi soirbheachadh mor leis a’ MHAC-TALLA air a bhliadhna so. Tha fhios againn gur e sin guidhe agus dùrachd a chàirdean anns gach cearna dhe’n t-saoghal.
CUIMHNICH!
gu bheil againn
Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh
dhe gach seorsa, agus ’ga reic air
PRISEAN IOSAL.
JOST BROS.
Sidni, C. B., Feb. 1, ’95.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETER’S, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Leabhraichean Gailig.
RI’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 3. No. 31. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Chaidh faisg air naoidh mile fichead tunna feòir a chur a null a Shasuinn à Canada air a’ bhliadhna chaidh seachad.
Tha bean ann an Cuibeic a tha nise pòsda ’n siathamh uair. Chuir i dithis fhear fo’n fhòd air a bhliadhna s’a chaidh.
Tha àireamh de shoithichean smuide ’g an togail ann an Glascho air son tarruing a ghuail o na méinnein anns an dùthaich so.
Tha dithis oifigeach airm aìr chall ann a Halifax, an drásda agus tha tri mile dolair a thugadh dhaibh air son a ghleidheadh, air chall còmhla riutha. Cha’n eil fhios c’ aite ’n tug iad orra.
Thug fear Alasdair Bown, a mhuinntir Shidni Tuath, ionnsuidh air tigh’nn ri bheatha, maduinn Di-sathairne ’sa chaidh. Loisg e air fhein ’s chaidh am peileir ’na cheann. Tha na dotairean ann an teagamh ga thaobh, an tig no nach tig e uaithe.
Bha stoirmeannan mòra sneachda anns na Staitein an Iar, mu mheadhon a mhios so, gu h-àraid ann an California. Bha na citheachan ann an àiteachan eadar fichead us deich troighean fichead a dhoimhnead. Bha maille mhor air a chur air na carbadan.
Chaidh soitheach Frangach a bhristeadh faisg air Solus Louisburg deireadh na seachdain s’a chaidh. Chaidh a rup Di-luin agus fhuaireadh ochd oeud ’s da fhichead dolair oirre. Bha seanair us seanamhair fear de’n sgioba ’n còmhnuidh ann an Louisburg àireamh bhliadhnaichean mu’n tug Breatuinn a mach e.
Chaidh duine bochd a mharbhadh aig Sand Lake air an rathad a thatar a togail eadar Cow Bay us Louisburg, ’sa mhaduinn Di-ciaduin. Bha e ’g obair timchioll air a charbad iaruinn agus thuit e air an rathad, s chaidh an carbad thairis air. Bha a cheann air a ghearradh dheth. ’Se Frangach a bh’ ann agus bhuineadh e do New Brunswick.
Chaidh fear Iain Mac Néill, a mhuinntir St. Peters, a mharbhadh ann an Quincey, Mass., Di-màirt air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’g obair ann an gairbheal(quarry)agus thuit clach air, ’ga mharbhadh air ball. Bhuineadh pàirt dhe’n ghairbheal dh’a fhèin. Chaidh a thiodhlacadh ann am Boston. Bha e mu dha fhichead bliadhna ’sa sia a dh’ aois; tha bràthair dha a’ fuireach ann an St. Peters, agus piuthar us bràthair eile ann am Boston.
Tha bruidhinn ann an dràsda air drochaid ùr a chur air Amhainn St. Lawrence. Tha i gu bhi anabarrach mòr. Bi’dh i mu dha mhìle air fad, agus bi’dh i còrr us seachd fichead traidh os ceann an uisge. Cosgaidh i mu shìa muillein dolair. Bidh i air a togail air dògh ’s gu’m bi àite siubhail aig carbadan-iaruinn aig carbadan-each ’s aig coisichean oirre. Ma théid iad air adhart leatha, ’s gu’n cuirear crioch oirre, ’se drochaid ìongatach a bhios innte.
Tha bruidhin aca ’sa bhaile air réis each a bhi aca air deigh na h-acarsaid mu mheadhon a mhios so. Tha tri duaisean ri bhi air an toirt seachad is fhiach còrr us ceud dolair. Tha sinn a tuigsinn gu bheil sùil ri àireamh mhath de dh’ eich a bhi ann, agus ma bhios an t-side gu math ’si réis a’s fhearr a bha ’n taobh so chionn bhliadhnaichean.
Tha ’n t-side beagan na’s coltaiche ri side geamhraidh, ach tha i briagha gu leòr fhathast. Tha na h-acarsaidean air reothadh suas, ach cha’n eil an deigh air a meas làidir gu leòr fhathast gus eich us sleigheachan a bhi ri moran falbh oirre. Cha’n eil ach glè bheag de shneachda air an làr, ach tha na ròidean, mar a’s trice, cho math ’sa dh’iarramaid.
’N uair a bha ’na carbadan iaruinn a tha ruith eadar Sidni us Cow Bay a fàgail a bhaile Di-sathairne s’a chaidh, ge air bìth de chaidh cearr, chaidh fear dhe na carnadan bhar an rathaid, agus bha e air a dhroch bhristeadh. Cha robh ann ach aon duine aig an àm, Domhnullach a mhuinntir Eilean a Phrionnsa, agus gu fortanach cha d’ rinneadh dochann sam bith air.
Tha h-uile coltas air gu’m bi na ròin gu math pailt mu chladaichean Newfoundland air an earrach so. Tha ’n dùthaich sin aig a cheart am glé fheumach air rud-eigin a bheir cosnadh do na daoine bochda. Ach leis mar tha gnothuichean air a dhol bun os ceann cha bhi e comasach dhaibh an aireamh shoithichean a b’àbhaist dhaibh a chur a mach air a’ bhliadhna so, agus cumaidh sin ioma fear ’na thámh aig an tigh, a bhiodh aig an iasgach bliadhnaiachean eile.
’Sa mhaduinn Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh, fhuaireadh nighean òg, do’m b’ ainm Nic-a- Phearsain, ’na cadal ri taobh an rathaid faisg air Glace Bay. A réir coltais bha i ann an sin a chuid bu mhò dhe’n oidhche, agus bha a da chois air reothadh cha dona ’s gu bheil ’na dotairean am barail gu feumar an gearradh dhith. Cha’n eil teagamh nach e deoch-chadail a thugadh dhi a dh’ fhàg ’san t-suidheachadh sin i. Tha àmhrus aca air fear a chunnacas ’na cuideachd aìr feasgar Di-ciaduin. Cha’n eil i ach sia bliadhn’ deug a dh’aois.
Tha ’m fear a tha rannsachadh a mach mu chall na h-ighnne bige, Marta Roach, a’ deanamh mach gur e goid air falbh a rinneadh. An latha ’n deigh dh’i dhol aìr chall chunnacas a leìthid a’ dol troimh Shidni ann an carbad cómhla ri leith sheann duine, agus chaidh iad air adhart mar gu’m bitheadh iad a’ dol gu Sidni Tuath. Thaghail an duine ann an stòr air an t-sràid isil, ’s ghabh e drama, ’s cheannaich e mìllseanan dh’an nighinn. Bho’n fhuaireadh air an luirg a nise, tha dòchas againn nach fhada gus am faighear a mach c’ àite ’n do stad iad.
LeighsidhMinard ’s LinimentDéideadh.
LeighsidhMinard ’s LinimentLòinidh.
LeighsidhMinard ’s LinimentCrup.
DUAISEAN
dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra do ’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Bheir sinn do ’n neach a gheibh an àireamh a’s mò a cheud duais, an neach a’s fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach a’s fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas.
I. Caraid nan Gaidheal.
II. Sàr-obair nam Bàrd.
III. Foclair Gàilig ’Ic Ailpein.
Bldh iad againn ro’n bhliadhn’ uir, ’s bidh iad air an cur g’ an ionnsuidh-san a choisinn iad cho luath ’sa bhios fhios againn cò iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn do’n phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan a’s fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an sionmhòrachd.
Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
SANAS.
Bathar Ur na h-uile Seachdain.
Na prisean na’s isle na bha iad riamh.
Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.
Tha Gailig aig na cleirich.
STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich
[Vol . 3. No. 31. p. 6]
ORAID.
Coma co dhiu bhios as, no theid ann,
Co bhios as no co théid ann,
Coma co dhiu bhios as no co théid ann,
Theid mise gu céilidh nan Gàidheal.
Sin agaibh, fhir-mo-chridhe, na focail a bha mar rann dhomh fad seachduinn no dha. Bha iad ’g an seirm, ’s gan seinn ’n am inntinn, ’s ’n am chridhe, agus cha b’ ann gun aobhar. Bha coinneamh gus a bhi air a cumail aig na Gàidheil anns a bhaile seo, air oidhche challuinn. Thàinig oidhche na coinneimh, ’s b’ i sin an oidhche, agus céilidh cho taitneach, cha do thachair mi riamh air. Bha ceòl na pioba mòire a’ cur sùrd us sunnd air luchd mo ghràidh. Bha fearas-chuideachd agus Sgeulachdan Gaidhealach, òrain agus òraidean Gaidhlig a’ gabhail cuairt mu seach. Agus am measg chàich air ceann-uidhe nan sgeulaiche, bha fear ann, a labhair mar seo.
Oidhche dhomh air coinneamh Ghaidhlig agus mi gu bhi feuchainn ri òraid a dheanamh. Dh’ eirich fear-na-cathrach agus thubhairt e; tha fios agam gu bheil mo theanga air fàs ro mhaol, agus cha’n ’eil teagamh nach eil sibh-s’ a’ toirt an aire gun do chaill i gleus na Gaidhlig. Ach am fear seo, a tha gu bhi labhairt a nis, bha esan anns an eaglais Ghàilig, ann an Dun-Eidinn, air an dòmhnach a chaidh. Mar sin is cinnteach gum bi a Ghàidhlig-san air a deagh ghleusadh agus gum faigh sibh òraid ghasd uaithe. Nis a’ chàirdean ge b’e an ni a thachair an àm sin, cha d’ fhuair mi a leithid sin de chothrom ullachaidh an tràsd. Ach a dh’ aindheoin sin, rinn mi fa chomhair na coinneamh seo, an t-ullachadh a b’ fhearr a b’ urrainn mi, —agus ’se seo e:—
Rug mi air papeir-naigheachd Gàidhlig a chuir caraid ’g am ionnsuidh, o cheann eile an t-saoghail, agus leugh mis’ a h-uile focal a bh’ ann eadar ceann us crioch. Los gum biodh fios agam agus gun innsinn dhuibh, mar a tha cùisean a’ dol aig na Gaidheil thall. Ta fios agaibh mar tha, gum bheil moran de na Gàidheil air an sgaoileadh ’s air an sgapabh “a dheòin no dh’ aindeoin” air feadh an t-saoghail. Cuid dhiu a chaidh thairis air cuan, chuala sinn gun deach iad “gu tir a’ gheallaidh far nach fhaireichear fuachd.” Bha na Gàidheil riamh fulangach air teas agus fuachd, agus cuid eile a bha air am fuadachadh à tir nan ard-bheann. Rainig iad “cearn na h-éiginn, na h-eigh ’s an fhuachd” ann an tir “America” mu thuath, aite ris an canar a nis, “Albann Ur” (Nova Scotia.) Agus na daoine sin, ’n an gaisgeach mar a bha iad, thug iad leo, do ’n tir iomrallach sin, cainnt nam beann ’s nan gleann agus rinn iad ’n a cànain i do na cuirn ’s do na coilltean a tha co uamhasach agus cho lionmhor ann. Siad ma ta, sliochd nan daoine sin, a tha cur amach, agus a tha cumail suas a’ phaipeir sin, air an robh mi bruidhinn. Paipeir anns nach bi focal ach Gàidhlig. Paipeir anns am bi a h-uile fios us fiosrachadh, a h-uile naigheachd us neònachas, air chur sios anns a’ Ghàidhlig. Agus cha ne mháin sin ach chi nis’ ann, gum beil iad a gleidheadh air cuimhne, agus a cleachdadh mar a gheibh iad cothrom orra, iomadh focal Gàidhlig a tha ’n impis a bhi caillte oirnn aig an taigh.
Chi mi cuideachd ann, naigheachd eile, nach eil idir cho taitneach. Tha fear a’ sgriobh’ mar seo ann. Tha moran dhe ’n òigridh againn a’ gabhail cosnadh anns na ’Stàitean Aonaichte, agus an uair a thig iad a rithist, ’n ceann bliadhna no dha, agus a labhras mi riu ann an cainnt am màthar, ’s ann a fhreagras iad gu gallda, “no Gàilig.” Is muladach da rireadh an sgeul, ach ciod e theirear. Nach tric a thachair an dearbh ni aig an taigh; nach eil sinn uile eòlach air Gàidheal no dha, a bha, an deigh dhoibh bliadhna gu leth a chur seachad anns na bailtean mòra mu dheas, a bha ’gabhail orra fein a bhi cho gallda ris na goill iad féin. Ach cha bhi mi trod riu, cha ruig mi leas agus gun neach dhe ’n leithid sin a làthair.
Ach mar chomharradh air nach eil smior a’s spiorad nan Gàidheal a’ dol bàs cho ealamh anns na creutairean sin, cha do thachair mi riamh air Gaidheal galld’, (a dh’ aindheoin cho galld’ ’s a bhitheadh e, agus a dh’ aindheoin cho suarach ’s a chuireadh e a’ Ghàidhlig,) nach bu toil leis ceòl na pioba. Agus fhad ’s a bhitheas an deò Ghàidhealach mar sin, beó ’n a chridhe, cha-n eil fhios (agus dh’ fhaodadh dochas a bhi ann) nach tig mosgladh air agus gun tog e a cheann a’ rithist ’na fhior Ghàidheal còir, a tabhairt gràdh do na Ghaidhlig, agus a’ toirt urram do na daoine bho ’n d thainig e, direach mar a tha sibhs’ an comhnuidh a’ deanamh. Tha mi gle thoilichte a bhi làthair an nochd, agus gu dearbh thoilichte a bhi faicinn ann, a luithad chàirdean air am bheil mi eòlach. Dhuibh se uile gu léir, dhuibhse ’s aithne dhomh agus dhuibhse nach aithne, tha mi ’guidhe “bliadhna mhath ur” agus gun robh agaibh slaint’ agus suaimhneas sonas us aoibhneas an la chi ’s nach fhaic, an la a chi cho sunndach ri nollaig mhòr, agus an la nach fhaic cho suilbhir ri nollaig bheag.
GALL-GHAIDAEAL.
FAICIBH.
Air a bhliadhna so chithear an so litrichean iomadh aon a chuir dearbhadh airMINARDS LINIMENT,agus a fhuair e deanamh feum dhaibh.
C . C. RICHARS, Co.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig.
[Vol . 3. No. 31. p. 7]
ORAN.
AIR SEID,— “ ’Se mo chaochla mor a thanig.”
LUINNEAG.
’Si Bhlidhn-Ur so ’dh’uraich bròn domh;
’Si Bhlidhn’ -Ur so ’dh’fhàg gun sùnnd mi:
Dh’fhalbh mo rùn a b’ùrail comhradh;
’Si Bhlidhn-Ur so ’dh’ùraich bròn domh.
’Si Bhlidhn’ -Ur so ’dh’fhàg mi cianail;
Thog i trom na’m chom-sa fiabhras;—
Cha’n ’eil sùnnd agam ri gniomh
O’n rinn mo chiall-sa triall o’n chórsa.
’S iomadh car ’thig air an t-shoghal
Ann an ùine ghearr, nach saoìl sinn;—
Gur e ghrian tha soills’ air raoinntean
A bheir uisge ’s gaoth a neòill oirnn.
Dh’ fhalbh an cailinn donn gun m’ fhoighneachd;
Shaoil mi nach b’e sid a thoill mi;—
Bheirinn gùn a bùth troi ’n choill dhut,
’S dheanainn daoimean’ chuir mu d’mheòiran.
Cheannain earradh dhut de’n t-shioda
Nach biodh deareasach an riomhachd;
’S bheirinn srann air ceòl na fiodhle
Gus do mhi-ghean ’chuir air fògradh.
Chunnaic mise ’n uiridh oidhch’ thu
Ann an comunn— ’s math mo chuimhn’ air—
Bha do chridhe blàth le caoimhneas,—
Shaoil leam nach robh foill ad chòmhradh.
Bha do ghluasad uallach, ealamh,
Cha robh fuath agam ri d’ ghealladh,
’S do dha shùil bu bhlàithe sealladh
’G amharc arm ’s a mealladh m’ òige.
’S iomadh àilleachd a tha fuaìghte
Ruit, a ghráidh, ’thug bàrr an uaisle;—
Do bheul mànran lan do stuamachd.
’S do dha ghruaidh air snuadh nan ròsan.
Cha bhi mearachd, cha bhi fàilinn
Ann a d’ aodach ann an càradh;
Bidh gach fasan ùr a’s àille,
’Thig do’n àite, ort an òrdugh.
Bidh gach fasan ùr a’s uaisle
Ann an càradh grinn mu d’ ghuaillaibh;
’S bidh d’fhalt bachlach, cleachdadh, dualach
Paisgte suas na chuairtean bòidheach.
Làmh a ghrinneis thu ’s na fialachd,
Cridhe caoimhneil, com na ciatachd,
Meur na chraoibh thu ’s nach robh crionach;
Tha thu ’shiol nach deanadh foirneart.
Tha thu ’shiol nan curraidh ainmeil,
Ann an cruadal, a bhiodh foirmeil;—
Gheibhte anns na blaraibh dearbhadh
Tric air fearraghleus na fear mora.
Bu tu ’mhaduinn, bu tu flùran,
Bu tu ’ghaoth, on ghàradh, cubhraidh,
Ceann na céille, beul an t-sùgraidh;—
Be mo dhùrachd thu bhi comhl’ rium.
Fhir a siùbhlas thun an àite
’Bheil an ghruagach dhonn a tàmhachd,
Aisig uam-sa mile fàilte
Dh’ionnsaidh ’n àilleagain a’s bòidhche.
Gùliain uam-sa mile beannachd
Gu nigh’n donn nam buadh gun mhearachd;
’S innis dhi gur daor a leannachd
’Rinn a gaol a cheannach dòmhsa.
C.
Braighe Mhargree.
Guth a Margaree.
Tha mi faighinn MAC-TALLA gach seachduin; agus tha ’chòmhradh gu lèir, a’ toirt moran fears-chuideachd domh. Tha mi ann am dùrachd gu soirbhich leis gach la. Tha ’n geamhradh blàth, briagha, agus ràithdein math againn. Tha daoine, cho fad ’s léir dhòmhsa, toillichte as an staid. Tha chuid as momha den àite so air àiteach le Gáidheil, agus tha bòsd orm a ghràitean gu bheil iad uile ro-dheònach air spiorad agus cleachduinn nan laoch a bha thall a chumail suas, ged a tha cuisean a deanamh so deacair ann am pàirt. Tha ’n dannsa fhéin a’ dol a fasan glé mhòr, agus gu dé a’s bòidhche na ceathrar òga smiorail ’ga shiubhal air ùrlar le ceòl taitneach Neill Ghough. Ach tha eagal orm, ann am beagan bhliadhnachan eile, nach bi againn ach spriodadh gun tlachd.
AOGHNAS BEAG.
Cò i a mhaighdeann àillidh tha tighinn oirn air a h-éididh ann an deise ùir air shnuadh uaine? Tha fleasg do na blàithibh òg mu ceann, agus anns gach àit an leag i cas, tha lusan maoth a’ fas. Tha fuachd a’ teicheadh roimpe, leaghaidh an sneachda o fhireach nam beann, agus an teann reodha o gach linnidh, ’nuair a mhothaicheas iad ga h-anail chùbhraidh: sgaoilidh guch blàr a chòmhdach àluinn roimpe. Fosgailidh na cuileagan beaga féin a mach an sgiathan sioda, air an dùsgadh le caoimhneas a blàis. Tha ’n snothach a’ direadh na’n craobh a chuir fàilt’ oirre. Tha na h-uain bheaga co geal ris a chanach ri mireag ma’n cuairt di. Tha coin bhachullach na’n craobh ga failteachadh le ’n co’ sheirm cheolmhor. Tàlaidh na leannain bheaga r’ a cheile agus togaidh iad an nid chlùthmhor. A fhleasgaiche òga, agus a mhaighdeanna, chunnaic sibhse an òigh àillidh so, ma chunnaic innisibh dhomh cò i, agus ciòd e a h-ainm? —Ib.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN
Taillearachd.
Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnn
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.
[Vol . 3. No. 31. p. 8]
Iadsan a Phaigh
Domhnull Mac Leoid, Park Hill, Ont.
Tigh nan Cumantach, Ottawa ,
Iain Mac Thearlaich,
Iain D. Mac Cuaig, Dunbheagain,
Fearchar Deora,
Ruairi Moireastan, Mac Crimmon,
Domhnull Cuiridh, Flesherton Stat’n,
Aonghas Mac ’Ille-mhaoil, Laggan ,
Domhnull I. Friseal, Vankleek Hill,
Iain I. Sutherlan, Kerrowgare , N. S.
Domhnull Camaran, Amhuinn Deas,
I. M. Baillie, Stellarton ,
Dannacha Caimaran, Bridgeville ,
An t-Urr. D. Camaran, Georgeville ,
An t-Urr. D. B. Mac Leoid, Orwell , P. E. I.
Iain C. MacLeoid, Amhuinn an t-Sealgair,
Uisdean Mac Leoid, Braidalbainn,
Tearlach Mac Coinnich,
Alasdair Buchanan,
D. B. Mac Leoid, Elliots P. O.
Aonghas Mac Neacail,
D. R. Stiubhart, Belle Creek,
Alasdair Mac Citheagain, Everett , Mass.
An t-Urr D. Healy, Peirce City, Mo.
Aonghas I. Mac Fhearghais, Newark , N. J.
Dr. Uisdean Mac Néill, Chicago , Ill.
Aonghas P. Mac Leoid, Anaconda , Mont.
Tearlach Mac Gilleain, Eureka , Cala. $2 .00.
D. Mac Cuaig, Abbotsford , B. C.
Iain N. Mac Fhionghain, Wapalla , N. W. T.
A. T. Dhomhnullach, Springhill , P. Que.
Iain R. Domhnullach, Whitwick , $2 .00.
I. H. Staples, Dun-Eideann. Alba.
Eoghan Domhnullach, Dunbheagain,
Seumas Craigie, Brechin,
D. M. Cuiridh, Sidni, C. B.
Tormoid Mac Neill,
Eoghan Mac-a- Phiocair, $1 .50.
Somhairle Mac Gilleain, St . Esperit,
R. Mac Gilleain, P. M,
Domhnull Mac Gill-fhinnein, Boulardarie .
Iain Mac-a- Phi, seana Bhridgeport.
Micheal D. V. Mac Neill, Xmas Island.
Gilleasbuig Peutan, Judique .
Aonghas Mac-a- Phiocair, Drochaid Mhira.
Seumas Mac Coinnich, Marsh Lake.
Domhnull Caimbeul, Eilean nan Ian.
Coinneach F. Mac Asguill, Loch Lomond.
A. Bain, Port Hawkesbury.
Domhnull Daimbeìl, Baddeck Mhor.
Domhnull Mac Citheagain, Horn ’s Road.
Alasdair Caimbeul, Strathlorne .
Aonghas Mac Ritchie, Baile-nan-gall.
Bean Iain ’Ic Dhiarmaid, Stirling .
Domhnull Mac Gilleain, Goose Cove.
Coinneach A. Mac Fhearghais, L ’ Ardoise.
Crllum Mac Ghriogair, Malagawatch .
Alasdair M. Mac Leoid, Framboise .
Niall Mac Cuspìc, Grand River.
Alasdair Domhnullach, Mira Gut.
Ceit Anna Nic Fhearghais, New Boston.
Alasdair Mac-an-t- Saoir, Catalone .
Dughall Mac Gill-fhinnein, River Dennis.
Aonghas Domhnullach, Amhuinn Mhuileach
Iain Peutan, Mabou .
Bantrach L. Dhomhnullaich, Malagawatch .
Iain Mac Thearlaich, South Gut.
Domhnull Moireastan, Blues Mills.
A D Mac Dhiarmaid, Stirling .
I W Domhnullach, Malagawatch
Aonghas Mac Gilleain, Kennington Cove
D R Boyle, Arichat-an-Iar.
D. Mac Fhionghain, Gleann Ainslie
Tormoid L Mac Leoid, Loch Lomond 50c.
Domhnull Mac Philip,
Uisdean Mac-a- Phi, Meadows ,
Murcha Mac Fhionghain, G . Valley,
Ioseph Domhnullach, French Road
Uisdean Calder, Malagwatch 25c.
Rob Moireastan, Baì ’n Iar
Iain A Mac Asguill, Sidni
Iain D Camaran, Glengary
Callum Mac Fhearghais, St Esperit
Bean Thearlaich ’IcGilleain, Loch Ainslie
S A Nic Gilleain,
Iain Walker, Mira
A. H. Mac Citheagain,
Seumas Gillios, Rona , P. E. I.
C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.
Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.
A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.
Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.
Call and Examine Stock.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Soithichean Creadha agus Glaine.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh
Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B
Feb.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
title | Issue 31 |
internal date | 1895.0 |
display date | 1895 |
publication date | 1895 |
level | |
reference template | Mac-Talla III No. 31. %p |
parent text | Volume 3 |