[249]

[Vol . 3. No. 32. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B. DI-SATHAIRNE, FEBRUARIDH, 9, 1895. No 32.


Freagradh do Dhomhnull Deombach.

S olc an obair don a bhard
Bhi cur bacail air na sàir,
Dam bu chòir a thinn gun dàil
A thàmh do Mhanatòba.

S iomadh buaidh a thair an àit
Rinn thu dhiomaladh na ddhàn,
S gheibh thu mach an uine gheàrr
Gur feárr e na Dacòta.

Ged tha n geamhradh reota, fuar,
Cha chuir sud oirn geilt mo gruaim,
Aimsir shoileir, theioram, chruaidh,
Cur dreach an gruaidhar n òigridh.

Theìd sinn gn clachans gu féill,
Airar còmhdach ann am béin,
S cha bhi domail dhuim no beud,
Ged sheideadh a ghaoth reòta.

Nuair thig an t-earrach le spìd,
Theid gach fear a chur an t-sil,
S cha bhi mathachadh a dhith
Air talamh min a chòmhnaird.

Nuair thig am foghar mun cuairt,
Theid na machraichin a bhuain,
S cha bhì duine gun a dhuais,
A giùlan sguaban or-bhuigh.

Tir an toraidh, tir an àigh,
Tir na tuirneips a bhuntàt,
Tirs an dean an cruineachd fàs,
An coirce bànsan t-eòrna.

Tir na saorsa, tir nam buadh,
Far nach leagir màl air tuath,
S far nach faicir Bàillidh cruaidh
Acur an t-sluaigh air fògradh.

M fear a thig dhiobh an cabhaig
Gheibh e taghadh air an fhearann;
Snuair bhios cach gun chrodh, gun aighean,
Bìdh esan dheth dòigheil.

S iomadh Gàidheal smiorail cruaidh,
Dhfhàg a dhuthaich falamh, fuar,
A than diugh na shuidhe suas,
Le uaislin Msanatòba.

Anns an Eaglais, ’s anns an Stàid,
S leis na Gàidheìl nrram àrd;
S mor an onair sud a ghnàth
Don tir a dhàraich òg iad.

Mo luchd-dùthcha thann an éis,
Fagaibh fearann nach leibh fhéin;
Thigibh thar fairge nur leum,
S na dthugaibh géill do Dhòmhnull.

CARAIDA DHUTHCHA.


Litir aCabra Feidh.”

FHIR-DEASACHAIDH. —Cha robh min dùil gu leiginn leis an t-seana bhliadhna dhol seachad gun sgriobhach thugaibh a ghuidheadh dhuibh féin agus dor leughadairean, “Bliadhna Mhath Ur,” ach bha mi cho dripeil aig deireadh na bliadhnas nach dfhuair mi cothrom air facal a chur thugaibh gu ruig so.

Tha nithe Gàidhealach a dol air an aghaidh an so am bliadhna car mar a bàbhaist. Tha na Comunnan Siorramachdail a cumail danns agus coisir-chiùil an dràsts a rithist ach tha mi duillch a ràdh nach mor Gàidhlig a chluinnear aca.

Than class Gàidhlig a soirbheachadh gu math agus than céilidh a thaca aig ceann gach mios na choinneamh cho gasdas a dhiarradh neach fhaicinn. Cha chluinnear guth ach Gàidhlig fad na h-aidhche agus tha e glé thaitneach an òigridh a chluinntinn a scinn nan seann óran. Aig achoinneamh mu dheireadh sheinn Alasdair Hepburn òran a dhionnsaich e à MAC-TALLA— “Gur moch rinn mi dùsgadh.”

Bha mi thoilichte litir anAmericanaichfhaicinn an àireamh 22. ’S iad na naigheachdan den t-seòrsa thug e dhuinn a bu mhath leam fhaighinn bho gach cearn anns am beil MAC-TALLA a taghail. Nan innseadh ar càirdean dhuinn ciamar a thaGhàidhlig asoirbheachadh feadh an t-saoghail, bheireadh iad misneach dhuinne tha deanamh ar dichioll air a cumail suas aig an taigh agus dhùineadh iad beul na muinntreach sin a tha daonnan ag radh gum beil i dol bàs agus nacheil ann ach faoinealachd do neach sam bith a bhi feuchainn ricumail beò.

Nach iongantach an ni e gum beil Comunn na Gàidhlig an New York direach anns an dearbh staids a than comunn a tha dol fodhn ainm cheudna anns abhaile seo mar a dh innis mi dhuibh o chionn ghoirid; agus tha e coltach gur e an aon ni a tha toirt an uilc mun cuairt anns an àite— ’Se sin a bhi leigeil naimhdean (Goill) a steach don champ. Bfhearr leam gu mor Comunn fhaicinn anns nach bitheadh ach dusan ball nan robh an dusan nam fior Ghàidheil agus comasach air labhairt richéile anns aGhàidhlig, na Comunn eile anns am bitheadh na ciadan den t-sluagh sin anns nacheil an spiorad ceart agus aig nacheil deidh sam bith air a bhinan Gàidheil ach an ainm. Tha mi cinnteach gum beil ur leughadairean uile glé fhad an comain ar caraidAonghasairson na deagh naigheachd a thug e dhuinn mu thimchioll na Gàidhlig an Oil-thigh Antigonish. Tha min dòchas nach deanAonghasdi-chuimhne air a bhig innseadh dhuinn bho àm gu àm ciamar a than class Gàidhlig agus an Céilidh adol air adhart.

Fhuair mi litir o chionn no dhà bhon fhior Ghàidheal sin Rob Mac Ille-dhuibh a Siam agus chuir e thugam seachd tasdain airson MAC-TALLA. Chaneil micur an t-suim so thugaibh an dràsd oir tha dùil agam gum bi tuilleadh agam air ur son an ceannseachduinn no dha, agus an sin cuiridh mi thugaibh còmhla e, ach bithidh min ur comain ma thoisicheas sibh air aphaipeir achur a dhionnsaidh mo charaid cho luaths a gheibh sibh so.

Gheall mi dhuibh aig toiseach aGheamhraidh gum feuchainn ris an óraid a thug an Leighich MacIllIosa seachad aig achlass Ghàidhlig eadar-theangachadh gu Gàidhlig agus tha mi toilichte a ràdh gun deach agam air sin a dheanamh air dhòigh air choreigin ach tha droch eagail orm gun do mhill mi moran di anns an eadar-theangachadh. Tha miga cur thugaibh leis aphost so, agus bu mhath leam nan cuireadh sibh thugam àireamh no dhabharrachd air nas àbhaist dhuibh a chuir de na h-àireamhan anns an clo-bhuail sibh i.

CABAR FEIDH.
Lunnainn, 21, 1, 95.



[250]

[Vol . 3. No. 32. p. 2]

TAIGH NA COILLE.

LA IAIN.

CAIB II.

Be Eachunn Ros, a bainm don uachdaran. Ged a bhan oighreachd farsuinn, be Oighreachd Cheann-Locha, a theirteadh gu cumanta rithe, do bhrigh gu robh i aig ceann Loch aBhuird, agus gach taobh dheth.

Bhiodh an t-uachdaran adol fad mìos no dha gach bliadhna gu ruige Sasunn a chur seachad dùdlachd agheamhraidh maille ri càirdeans ri luchd-eòlais. Bliadhna dhe na bliadhnachan thachair gu tubaisteach gun do ghoirticheadh gu h-olc e le leagadh a fhuair e bhar muin eich. Bha e fad thrì mìosan air an leabaidh ann an taigh aoin dechàirdean. Bha e fad acheud sheachduin cho lags nach robh dùil sam bith aige fhein no aig amhuinntir a bhatoirt an aire dha, gum biodh e beò. Cha robh ni a burrainn sgil lighiche, agus caoimhneas chàirdean, agus aire agus curam luchd-frithealaidh a dheanamh, nach drinneadh ris. Nochd nighean òg a bhanns an taigh mòran caoimhneis dha. Ghabh i os làimh a bhithtoirt an aire dha, an uair a thuig an luchd-sgile gu robh e air tòiseachadh ri dhol ni bfhearr. Bha dithis de na daoine a bfhearr sgil a bhanns an àite afrithealadh dha, ach, mar a dhaidich iad le chéile, bfhearr dha an aire agus an cùram a ghabh an nighean òg dheth, na na h-uile cungaidh-leighis a fhuair e on luchd-sgil. Bhuilich an Cruithfhear buadhan sònraichte air gach creutair a chruthaich e; ach chaneil aon de na buadhan nàdurra a bhuilich e air achinne-daon, as comharraichte nan comas a thug e do na mnathan, anns gach linn, air a bhith math gu altrum agus gu àrach na muinntir a tha òg agus lag, agus tinn. A réir choltais gun do bhuilicheadh foighidinn mhath agus caomhalachd-inntinn ann an tomhas mòr air abhoirionnach òg so.

Thug an caoimhneas agus an aire a nochd i do dhFhear Cheann-Locha, ann an àm a thinneis agus a thrioblaid, air a bhith mòran ni bu mheasaile air mnathan, sean is òg, na bha e riamh roimhe. Ged a bha e fhéinna dhuine ro chaomhail agus ro thruacanta gu nàdurra, bha e ann am beachd gu robh na mnathan ni bu chruaidh-chridhiche gu mòr na na fir. Fhuair am beachd so greim daingean air an inntinn aige, an uair a bha e glé òg, agus mar bu shine a bha efàs, is ann bu treise a bha am beachd so acinntinn suasna inntinn. Gus an toirear fa near an dòigh anns an dfhuair eàrachna òige, cha bhi e furasda dhuinn a thuigsinn cionnus a burrainn duine, a bha gu nàdurra ro chaomhail, caoimhneil ris gach neach, a bhithg àrach beachd dhen t-seòrsa so.

Cha robh aigathair de theaghlach ach e fhéin. Beagan laithean an déign a bhreith dheug a mhàthair. Chuireadh esan air chùram banaltruim, agus bha a bhanaltrum so a réir choltais, glé chas, cruaidh-chridheach gu nadurra. Air ghaol esan a chumail gu math fo smachd, bha i mar bu trice ni bu chruaidhe air na bu chòir dhibhith. An uair a bha ena leanabh cha robh e ni bfhearr no ni bu mhiosa na bhiodh a h-aon sam bith eile a bhiodhna shuidheachadh. Bhaathair adeanamh mòran dheth. Bha so nàdurra gu leòrs gun ann de shliochd ach e fhein. Bha gach aon den luchd muinntir adeanamh móran dheth, ge be uair a thachradh e orra. Bha abhanaltrum ann am beachd, gu feumadh ise a bhith ni bu chruaidhe air na bàbhaist dhi a bhith, an latha a bhiodh daoine eile ni bu chaoimhneile ris na bàbhaist dhaibh. Bha am paisde, ògs mar a bha e, atoirt fa near mar a bha cùisean, agus mun gann a bha e aig aois gu leòr air son a bhith air a chur fo làimh fir-teagaisg, bfheudar abhanaltrum a chur air falbh, agus fear-teagaisg fhaotainn a ghabhadh cùram dheth.

Gu fortanach bhan duine ris an dearbadh cùram a ghabhail dhethna dhuine ciùin, foighidneach, tuigseach, agus ann am beagan làithean ghabhadh an t-oighre òg a chomhairle cho maths a dhiarradh e. Thug gach neach a bhuineadh don taigh an aire gu robh e mòran ni bfhusa richeannsachadhs richumail à cron na bha e fo riaghladh na banaltruim.

Chan ann do na h-uile neach is aithne clann òg a riaghladh. Feumar foighidinn a chleachdadh riutha. Feumar an nàdur a thannta a thuigsinn. Feumar a bhith ciùin, sìobhalta riutha am feadh a dhfheumar an cumail fo smachd. “Na chi na bigse ni na big: na chluinneas iadse chanas iad.” An uair a chi achlann na pàrantan agus an luchd-muinntir adeanamh ni cearr, saoilidh iad gur còir dhaibh fein a leithid cheudna a deanamh. Chaneil iad atuigsinn nàdur an uilc, agus mar sin, ged a ni iad olc, ni iad e mar is trice, a chionn gu bheil iad afaicinn muinutir eilega dheanemh. Mar an ceudna, is i achainnt a chluinneas achlann bheag a bhios aca. Tha teaghlaichean ann aig am bheil e mar chleachdadh a bhithlabhairt gu cas, greannach, frithir, crosda ri cach a cheile gach latha. Aon uairs gun ionnsaich iad an cleachdadh truagh so cha bhi e furasda dhaibh dealachadh ris, ged a bhiodh toil aca.

A thaobh an duine mum bheil sinn alabhairt, feumar a ràdh, nach do dhionnsaich e droch cleachdadh sam bithna òige ann am measg na muinntir a bha mun cuairt air. Bha gach aon den luchd-muinntir fo dheadh ainm, agus maiseachnan caitheamh-beathasnan giulan. Mur biodh iad mar sin, chan fhaodadh iad bhith latha ann am muinntireas am maighstir. An uair a dheanadh iad fastadh ris, dhinnseadh e dhaibh na coireannan air son an rachadh an cur air falbh. Bha so atoirt air gach aon mun teaghlach a bhith gu mòr air am faicill, oir anns an àm ud bha ena thàmailt mhòir do neach sam bith, nan cuirteadh àsàite e air son a dhroch dheanadais.

Bha aon ni a dheasbhuidh air an duine so fad làithean òige, agus be sin, nach robh aon chuid màthair no piuthar aige. Cha do thuig e gu ro mhath riamh ciod e an ni a thann an gràdh na màthar. Tha iomadh neach beò an diugh aig an robh màthair chaomh, a chaith a làithean agus a neart atogail a teaghlaich gu measail, cliùiteach. Ach tha mòran ann nach do thuig riamh, mar bu chòir dhaibh, meud aghràidh a thaig màthraichean don cloinn, agus air an aobhar sin, chaneil meas aca air am màthraichean mar bu chòir dhaibh. Cha mhò na sin a thuigeas iad gu ceart, gn bheil achuid as de mhnathan an t-saoghail gu nàdurra ro bhlàth-chridheach, agus a ghnàth deas gu bhithdeanamh cuideachaidh agus comhnaidh leis gach creutair a bhios ann an eiginn no ann an cunnart bàis.

Thug an trioblaid agus an cràdh cuirp a dhfhuiling Fearr Cheann-Locha, fad nan tri miosan a bha e air an leabaidh ann an Sasunn, atharrachadh mòr air an inntinn



[251]

[Vol . 3. No. 32. p. 3]

aige. Cha robh e latha tinn riamh roimhe sid. Bhiodh truas aige ri daoine an uair a bhiodh iad tinn, trioblaideach, ach cha burrainn dhasan nis na burrainn do neach sam bith eile, fìor nàdur an tinneis agus na trioblaid a thuigsinn, gus an dfhairich e fhéin iad. Thug e fa near mar an ceudna gu bheil duine glé lag-chuiseach an àm an tinneis agus na trioblaid, eadhon ged a bhiodh mòr-shaoibhreas aige. An uair a tha duinena laidhe gu tinn air a leabaidh, biodh e bochd no biodh e beairteach, than aon fheum aige air frithealadh. Tha taigh math, comhfhurtail, seòmraichean blàtha, agus leaba ghlan, shocair glé mhath annta fhein; ach mur bi an luchd-frithealaidh ciùin, caoimhneil, foighidneach, fiosrach, bidh muinntir an tinneis mi-thoilichte.

Thug Fear Cheann-Locha na nithean so fa near glé mhath, agus thòisich e ri smaointean gu faodadh trioblaidean agus tinneasan tighinnna rathad. Is ehhuail anns acheann aige gum bu choir dha an òg-bhean chiùin, a bha cho cùramach agus cho aoidheil afrithealadh dha fad nan tri miosan a bha e tinn air a leabaidh, a phòsadh. Be so acheud uair a smaoinich e air pòsadh, ged a bha e aig an àm adlùthachadh ris an fhichead bliadhna. Leis mar a bha inntinn cho fad an aghaidh mòran de na cleachdaidhean a bhaig na mnathan uaisle air an robh e eòlach, bha ecur roimhe nach biodh cuid no gnothach aige ri pòsadh.

Chuir an duine uasal a bhag a theagasgn a oige, agus a bha mar chomhairleach aige an déigh dha tighinn gu aois, car far a shiùil e mar an ceudna. Bhan duine so aon uair ann an trom-ghaol air mnaoi uasail òig; ach mar is minic a rinn a bhàrr oirre, chuir i cùl ris, an uair a chunnaic i gu faigheadh i fear bu bheairtiche agus a bàirde inbhe na e. Chuir so intinn duine uasal cho mòr troimh a chéiles gun do bhòidich e nach cumadh e taigh no searbhanta gu bràth; ach gun caitheadh e a bheatha ann an taigh duine eile. Chum e air abhòid so; oir bha ena fhear-teagaisg agus na chompanach aig Uachdaran Chinn Locha fad iomadh bliadhna.

A dhaindeoin cho fads bhainntinn an Uachdarain an aghaidh dha pòsadh. thàinig e, mar a dhainmeachadh mar tha, gu bhithfaicinn gum be a ghliocas, on a bha e gun phiuthair, gun dlùth bhana-charaid, aon fhaotainn a bhiodh dhan a bana-chompanaich dhìleis ann an àm na slàinte, agus a bhiodh cùramach uime, agus caoimhneil ris, nan tachradh dha a bhith ann an tinneis no ann an trioblaid. Bi abhean-uasal òg a bhafrithealadh dha anns an tinneas an aon , a réir a bheachd, bu fhreagarraiche air a shon anns gach dòigh a burrainn da fhaotainn. Thàinig i o aon de na seann teaghlaichean cho measails a gheibhteadh anns an t-siorrachd. Bha àrd-fhòghlum aice, agus cha robh pròis no meud-mhòr sam bith innte. Bha i ann an iomadh dòigh tur dealaichte o gach mnaoi uasail air an do chuir e riamh eòlas. Ged a bha i mun cuairt air fad nan tri miosan a bha e tinn, agus ged a bha fios aice gu robh en a dhuine measail anns an dùthaich, a bharrachd air a bhithn a dhuine eireachdail rifhaicinn, cha do leig i fhaicinn riamh gu robh an toil bu lugha aice a bhithn a chuideachd, ach an uair a bhiodh ifrithealadh dha mar bhanaltrum. Cha bionnans mar a bha an àireamh bu mhò dhe na mnathan uaisle a bhatachairt ris an uair a bhiodh e air chuairt ann an àite sam bith eile air feadh Shasuinn no Alba. Bha iad mar gum biodh toil aca a bhithna chuideachd an comhnuidh. Chaneil ecur ioghnaidh sam bith oirnn ged a bha so mar so; oir bha e anabarrach aoidheil, cuideachdail, còmhraiteach, tlachdmhorna dhòighean.

Ged a smaoinich e uair is uair gum bu chòir dha abhean uasal ud a phòsadh, bha e ùine mhath mun do làn-shuidich ena inntinn gun deanadh e e. Bha caochladh nithean atighinn fa chomhair na h-inntinn aige, a bhag a chumail air ais. Theireadh e ris fhein, nach robh fhios ciamar a fhreagradh bann-Sasunnach air uachdaran a bhiodh mar bu trice afuireach ann an cearn iomallach de dhAlba, far an robh e mar chleachdadh aig an uachdaran a bhithcumail suas càirdeis agus caoimhneis, araon ris an tuath bhig agus ris na tuathanaich mhòra. Bfhearr leis gun phòsadh idir na gun cuireadh abhean eadar e fhein agus a chuid tuatha. Ach an uair a smaoinicheadh e air cho iriosals cho iochdmhors cho faighidneachs a bha i, theireadh e ris fhein, gu freagradh i glé mhath air. Theireadh e ris fhein mar an ceudna, nach robh fios an còrdadh an dóigh aoraidh a bha cumanta ann an Alba rithe. Cha burrainn e, bha esmaointean, cur suas le mnaoi leis nach bfhiach a dhol don taigh-aoraidh maille ris air Latha an Tighearna. Bha e ann am beachd nach bu chòir a dhfhear sam bith bean a phòsadh, mur biodh i deònach a dhol don eaglais maille ris a h-uile uair a burrainn di. Is e rud a bhuailna inntinn air acheann mu dheireadh, gun cuireadh e an tairgse mucoinneamh agus gun innseadh e dhi gu saor, soilleir mu gach dleasdanas a bhiodh aice ri dheanamh a thaobh na tuatha agus na h-oighreachd, nam pòsadh i e.

(Ri leantuinn.)


Comhairlean Leigh.

Sen t-aon leigheas air gach anashacair gabhail aige gu tràthail. ’Nuair a dhfhaireas duine grisfhuachd air, agus laigsinn mu na h-uilt, le càil eiginn de chrith, bu choir na cosan a chuir ann an uisge blàth gu ruig na gluinean, agus am fagail ann car ùine bheag: na dhéigh sin grad dhol a luidhe, agus deoch bhrìoghor bhlàth òl, a chuireas fallas diubh; agus gu h-àraidh deagh phurgaid mhath, laidir a ghabhail, agus mareìl na cùngaidhnean sin aca ram faotainn, cha bhi iad gu h-olc dheth fhads a tha iad dlùth don t-sàile. Rachadh so a ghnàthacha car latha no dhà, agus feudar iomad droch fhiabhras a chumail air falbh.

Nuair a thig droch fhuachd agus cratan, le casataich air duine, deanadh e mar thuird sinn; ach ma mhothaicheas e greim na thaobh a cur stad air anail, tha e feumail beagan foln tharruing, agus os ceann gach ni an aira thoirt nach bi e teannna chorp. ’Nuair a dhfhairgheas duine goirteas mu iochdar a chuirp no man ghoile, ’s en aon ni purgaid a ghabhail gun dàil, cùrainn a thumadh ann an uisge teith, agus an déigh fhàsgadh gu teann, a chàramh ris an aite sa bheil an goirteas agusnuair a dhfhasas e fiunnar a bhlathteachdadh a ris, agus an t-àit earabhruicheadh air an doigh cheudna. Ma tha e comasach se an doigh is fearr a cholain gu h-uile a thumadh an uisge plodach.

Is tric le muinntir dùchadhnuair thig tinneas, ’nan caramh làmh a thoirt air deochannaibh làidir de fhion no dhuisgebeatha; ach chaneil ni is cunnartaiche dhaibh na so ann an toiteach tinneis; ’nuair tha gach cunnart fiabhruis thairis, cha dean beagan de sin coire dhoibh. —Ib.



[252]

[Vol . 3. No. 32. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney Cape Breton.


SIDNI, FEBRUARIDH 9, 1895

BHA stoirm mhor ann an Gàidhealtachd na h-Alba toiseach na seachdaìn so. Thuit meall mor sneachda. agus thainig fuachd mor leis. Tha na carbaid-iaruinn air an curnan tàmh, ’s cuid dhiubh an sàs ann an citheachan sneachda. Tha na féidhs na caoraich a faighinn tàire mhor; na miltean dhiubh air am meileachadh leis an fhuachd no air an tachdadh anns an t-sneachda. Bhan stoirm cheudna aca air a Ghalldachd, agus rinn i call mor air daoines air ainmhidhean. ’S in stoirm as miosabhuail Breatuinn o chionn ioma bliadhna.

THA Pàrlamaid Bhreatunn na suidhe air an t-seachdain so. Shuidh i Di-màirt. Tha phàirtidh aig a bheil an riaghladh, a réir coltais glé lag. Tha ioma ni an crochadh riutha a bhios glé dhoirbh dhaibh a chur air doigh. Ged tha Rosebery na dhuine tapaidh gu leor, chan eil e cho làidir, no cho seolta sa bha Gladstonena latha fhéin. Mar tha gnothuichean anns an rioghachd aig a cheart àm, chan ann do dhuine lag-lamhach a thigeadh a dhol air an stiùir. Ach theagamh nach deanadh iadsan a than aghaidh Rosebery dad na bfhearr ged bhiodh iad fhéin mu chùl a ghnothuich. “Saoilidh am fear a bhiosna thamhgur e fhéin as fhearr làmh air an stiùir.”


Facal a Ceap Nor.

A CHARAID, —So dhuibh dolar o bhur caraide Domhnull Moireastan. Tha e air a bhi leughadh àireamhan den MHAC-TALLA o àm gu àm, ach tha e nis acur roimhe gum faigh e gach áireamh an deigh a chéile mar a dheasichear iad. Ma chuireas sibh da ionnsuidh e gu riaghailteach fad bliadhna, ’s gum faigh sibh féin agus esan a bheag a shaoghal an deigh sin, ’s cinnteach mise gur iomadh dolar eile bhios aige feitheamh oirbh. Tha sinn glé thoilichte bhi faicinn gu bheil àireamh luchd-gabhail a MHAC-TALLA a sior mheudachadh, Na saoileadh Gàidheal sam bith gu bheil e na dhuine dleasnach ma tha etighinn baò as eugmhais. Cha-neil a bheag a naidheachdan agam an dràsda. ’N uair a bhitheas, feudidh gun cluinn sibh uam a rithisd.

M. D.
Ceap Nor, Ian. 23, ’95.


SEAN FHACAIL

Is ann aige-san is mo a their is lugha tha ri radh.

Seachain an t-suil a tha teoma air faicinn an uilc agus mall a dh-fhaicinn amhaith.

Chan arrainnear a radh gun dthainig bàs ath-ghuirid air-san a chunnaic laithean fada.

Is aithne don duine ghlicaineolas fein, ach tha an t-amadan am barail gur aithne dha na h-uile nithe.

Chaneil ni sam bith urramach nacheil neo-lochdach, no ni sam bith suarach nacheil atarmachadh an uilc.

Is e ar cridhe fein, agus chan e barailean sluaigh eile, a bhuilicheas meas agus urram oirnn am measg ar co-chréutairean fein.

Iadsan a tha toigheach air a bhi cur an ceill ah-uile ni as aithne dhoibh, tha iad ealamh gu bhicur an ceill tuilleadhs as aithne dhoibh.

Far am bheil ceann air a dheagh lionadh le gliocas, gheibh e tamh agus fois air gach cluasaig a dhfheudas amhgharan an t-saoghail a chur fodha.

Cha taitneach leinn a bhi air ar mealladh ler naimhidibh, agus air ar treigsinn ler cairdibh, gidheadh tha sinn gu minic air ar mealladh agus air ar treigeinn leinn fein.


CUIMHNICH!
gu bheil againn
Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh
dhe gach seorsa, agusga reic air
PRISEIN IOSAL.
JOST BROS.
Sidni, C. B., Feb. 1, ’95.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI. C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[253]

[Vol . 3. No. 32. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Tha pàrlamaid Nobha Scotia a nsiena suidhe, agus acur air dòigh gnothuichean a thaobh riaghladh na dùthcha.

Tha Sidni air a riaghladh le bàillidh agus sia seanairean. Dhiubhsan a thann an dreuchd air a bhliadhna so, chan eil ach aon fhear aig nach eil Gàilig, agus am fear sin fhéin, bha Gàilig aig a phàrantan.

Tha caraid a Eilean a Phrionnsa ag iarraidh sgeul air teaghlach de chloinn-an-Aba, a thàinig a mach à Albasa bhliadhna 1840, agus a rinn àiteachan ann an Sidni non àit-eigin faisg air. Mas urrainn do neach sam bith innse dhuinn càite bheil iad fhéin no an sliochd, bu mhath leinn cluinntinn uatha.

Bhrist teine mach ann am Montreal oidhche Di-màirt agus bha dha no tri thaighean air an losgadh. Bha bàthach air a losgadh, agus chailleadh àireamh de dheich ro fhiachail. Bha aon each a bfhiach ceithir mile dolair air a losgadh. Bha fiach leth-cheud mile dolair de thaighean air call.

Thanaig duinòg dom bainm Uisdean Mac Eachainn dhachaidh à Montana o chionn ghoirid, agus chaochail en tighathar, air taobh deas an Eilein Mhóir air an t-seachdain sa chaidh. Bha e o chionn beagan bhliadhnachan ag obair ann am méinn airgid. Bhrist air a shlàintè toiseach a gheamhraidh so, agus thainig e dhachaidh feuch an rachadh em feabhas.

Tha e air innseadh dhuinn a nise nach bi Marta Roach, achaileag bheag a thair chall, a chunnacas còmhla ri seann duinedol troimh Shidni idìr. ’S ann air an latha mu dheireadh dhen t-seana bhliadhnachunnacas duine agus caileag bheag adol troimhn bhaile, agus cha deachaidh Marta Roach air chall gu feasgar latha na BliadhnUire. Cha burrainn, mar sin, gur h-i bhann. Cha dfhuaireadh fios cinnteach de sheòrsa sam bith dha taobh fhathast.

Bu chòir na h-ainmean a leanas a bhimeasg na h-àireamh a phàigh air a mhios sa chaidh:—
Dr Mac Thearlaich, Cypress River, Man.
A Bruce, Grand View, P. E. I.
Alasdair Feargastan, Grand River.
Cha chuir sinn an còrr ainmean anns a phaipear gu toiseach an ath mhios, agus an sin clobhuailidh sinn ainm na h-uile phàigheas a mhios so. Tha sinn an dòchas gu faic ar càirdean nach bi an aireamh air deireadh air àireamh a mhios mu dheireadh.

Than t-sìd fhuar a thàinig oirnn leis an earrach an deigh na h-acarsaideans na lochans na h-aimhnichean a chòmhdach thairis le deigh. Tha gach bàtas soitheach, beag us mòr, air gabhail mu thàmh, agus tha daoines eich us sleigheachan agabhail an àite. Tha muinntir nan each luatha astri ri chéile feuch aige than t-ainmhidh as chuireas de dharstar na dheigh. Cha bhiodh iad sin idir toileach an geamhradh a dhol seachad gun reothaidhean a thighinn, ge be bu mhiann le feadhain eile.

Thainig bàs glé aithghearr air seann duine mhuinntir a bhaile so, dom bainm Tòmas Routledge, ’sa mhaduinn Dior-daoin. Bha e air a thurus gu Pictou, agus aìg na Narrows Mhòra, thainig e as a charbad gus a bhraiceist a ghabhail. Cha robh e ach beagan cheumannan air adhartnuair a thuit e, agus mun dfhuaireadh a thoirt air ais dhan charbad bha e marbh. Thugadh a chorp dhachaidh a Shidni air a charbad-fheasgair.

Thainig an stoirm bu mhotha chunnaic sinn air a gheamhradh, air an t-seachdain so. Thòisich i oidhche Luain agus cha do sguir i gu maduinn Di-ciaduin. Bha cur mor sneachdann, agus cathadh fiadhaich, Bha na roidean air an dùnadh suas, agus fad latha no dha, cha robh dòigh air gluasad. Bhan carbad-iaruinn air a chumail air ais gu mor leis an t-sneachda fad latha no dha. Cha do thuit uiread sneachda air tir-mòr ach bhan t-side a cheart cho doirbh aca.

AN TRACHDAIRE GRUAMACH. —Aig Loch na h-Aimhne Deas, N. S., air maduinn na BliadhnUire, chaochail Iseabail, bantrach AlasdairIc-an-Tóisich, 96 bliadhna dhaois. Aig an àite cheudna, air an 17mh latha den bhliadhna, chaochail Ailein Mac Neachdain, 73 bliadhna dhaois. Bha iad so le chéile dhen cheud fheadhain a thog fearann aig an Loch, agus bha iad fo dheagh chliù, agus measail aig na h-uile. Bha Mr. Mac Neachdain na dheagh sgoilear Gàilig agus glé mheasail air a chainnt mhàthrail. Bha co-chruinneachadh mòr de leabhraichean Gáilig aige.

Bha Di-màirt, lathan Taghaidh, gle stoirmeil, ach ge do bha, thainig a chuid mhòr de mhuinntir abhaile mach len cuidbhòtaichean.” Fhuair Aonghas Domhnullach a stighna Bhàillidh, agus fhuair Iain Mac Gill-fhaollain, Aonghas Mac Gilleain, agus Dòmhnull Domhnullach a bhinan seanairean. Tha sinn an dòchas gum iad uilenan luchd-riaghlaidh a bhios glic agus ceart. Ann on Sidni Tuath, bha Uilleam Purves air a chur a stighna bhàillidh, agus D. Rudderham, Uilleam Horne, R. Musgrave, agus Uilleam Tobin, ’nan seanairean. Ann a Hawkesbury, bha Alasdair Mac-an-Toisich air a chur a stighna bhàillidh, agus Caipt. I, Philpot, Uisdean Mac Coinnich, agus Iain W. Kite, nan seanairean.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh
SAOR AIR SON AIRGID.


DUAISEAN

dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra don MHAC-TALLA eadar so us BliadhnUr. Bheir sinn don neach a gheibh an àireamh as a cheud duais, an neach as fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach as fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas.

I. Caraid nan Gaidheal.
II. Sàr-obair nam Bàrd.
III. Foclair GàiligIc Ailpein.

Bldh iad againn ron bhliadhnuir, ’s bidh iad air an cur gan ionnsuidh-san a choisinn iad cho luathsa bhios fhios againn iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn don phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan as fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an sionmhòrachd.


Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires air son gach àm eile dhen bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.

Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich



[254]

[Vol . 3. No. 32. p. 6]

NA BAIRD GHAIDHEALACH BHON BHLIADHNA 1400 GU RUIG A BHLIADHNA 1525.

Am measg uam bards nam bana-bharda bha ann on bhliadhna 1400 an nuas gu ruig a bhliadhna 1525 bha an fheadhainn a leanas; Lachainn Mor Mac-Mhuirich, Mac Eachaig, Gillecriosd Taillear, Donnachadh Mor o Leamhanach, Efric Nic-Corcadail, Gillecalum Mac an Ollaimh, Ailain Mac Ruari, Donnachadh Mac-Caibe, Iain Mac Eachairn, Iain Chnoideirt, Pheilim Mac Dhughaill, Donnachadh Mac-a- Phearsain, Anndra Mac an-Toisich, Eoghan Mac Combaidh, am Bard Mac-an-Saoir, Sir Donnachadh Mac-Cailein, Mac Gillfhiondaig, Dughall Mac Gilleghlais, Fionnladh Ruadh am Bard, Maoldonach Mac Aonghuis Mhuilich, ann Bard Muileach, Mac-Cailein, Iseabal Ni Mhic-Cailein, Sir Iain Stiubhart, Mac-Mhuirich, agus Donnachadh Mac-Griogair.

S e Lachainn Mor Mac-Mhuirich a cheud bhard Gaidhealach air a bheil iòmradh againn. Ged nach h-fheil moran de bhardachd anns a bhrosnachadh-catha a dhfhag Lachainn, chan fheil teagnmh sam bith nach robh e na bhard comasach.

Tha tri dain againn bho Ghillecalum mac an Ollaimh. Tha fear diu sin air bas Chonlaoich’. Tha e gle choltach gur h-e Peirteach a bha ann an Ailean Mac Ruari, agus gun robh e a comhnuidh lamh ri Gleann Sith. Tha aon dan againn a rinn e air bas Dhiarmaid agus dan eile a rinn e air bas Oscair. ’S es docha gur h-ann an Gleann Sith a bha Eoghan Mac Combaidh, cuideachd, a gabhail comhnuidh. Feumidh e a bhith gur h-e Mac-an-Toisich a bha ann. Tha e gu math coltach gur h-ann faisg air Loch Rainneach a rugadh am Bard Mac-an-t- Saoir, agus gun deach e a dhfhuireach lamh-ri Loch-Innse am Baideanach mun bhliadhna 1497. ’Ses docha gur h-ann bhuaithe a thanig Clann-an-t- Saoir Bhaideanich; —Shaws MacKintoshes, and Clan-Chathan, p. 165. Be Sir Donnachadh Mac-Cailein Sir Donnachadh Caimbal, triath Ghlinn Urchaidh. Chaidh a mharbhadh am Flodensa bhliadhna 1513. Rinn Fionnladh Ruadh am Bard dan air bas Ailain Mhic Ruari, a chaidh a dhith-cheannadh aig Blar Atholl sa bhliadhna 1509. Bha droch naimhdeas aig Fionnladh dha. Tha e ag radh nach robh ann ach, “Aon diabhal nan Gaidheal.”

Bha duine anns a Ghaidhealtachd mun bhliadhna 1175 dom bainm Donnachadh Mac Duibhne. Bha mac aige do m bainm Dughall; bha mac aig Dughall dom bainm Gilleasbig; agus bha mac aig Gilleasbig dom bainm Cailain. A reir beul-aithris bha brathair aig Dughall dom bainm Iamhair, agus be so an t-Iamhair bhon danig Clann-Iamhair. Chan fheil dearbhadh sam bith ann gur h-e brathair do Dhughallt a bha an Iamhair. Mar sin, faodaidh e a bhith nach h-fheil cairdeas sam bith eadar na Caimbalaich is Clann-Iamhair. Theirear ann an Eachdraidh ri Cailain Mac Ghilleasbig mhic Dhughaill, “Cailain Mor.” Bha mac aige dom bainm Niall. Bha Niall na dhuine glic, gasda. Chog e gu dileas, duineil air taobh a Bhrusich. Bha mac aige dom bainm Cailain. “Cailain Math;” bha mac aig Cailain dom bainm Gilleasbig, agus bha mac aig Gilleasbig dom bainm Donnachadh, “Donnachadh an aigh.” Bha da mhac aig Donnachadh, Gilleasbig agus Cailain, Is ann bho Chailain a thanig teaghlach Bhraidalba. Chaochail Donnachadh an Aighsa bhliadhna 1453. Chaochail Gilleasbig a mhac roimhe Bha mac aig Gilleasbig dom bainm Cailain. Thanig Cailain so a staigh an aite a sheanar sa bhliadhna 1453. Rinnaadh na Iarla e sa bhliadhna 1457. Chaochail esa bhliadhna 1493.

Phos Cailain, ceud Iarla Earra-Ghaidheal, Isabal Stiubhart, nighean do dh-Iarla Stiubhart, Morair Lathurna. Be a mhac Gilleasbig, “Gilleasbig Ruadh,” an darna h-Iarla. Bha seachdnar chloinne aige Gilleasbig, Cailain, Gilleasbig, Iain, Ealasaid, Iseabal, agus feadhainn eile. Chaidh a mharbhadh am Floden sa bhliadhna 1513. Thanig Cailain a staigh na aite. Bha Ealasaid posda ri Lachainn Catanach. Rinn Cailain, an treas Iarla, beagan de na rannan a tha ann an leabhar Sheumas Mhic Griogair. Rinn Iseabal a phiuthar, a dha no tri de dh-orain ghoirid.

Bha triuir nighean aig Iain Stiubhart, Morair Lathurna, ri a mhnaoi, agus bha mac diolain aige dom bainm Dughall. Bha Dughall na thighearna air an Apuinnsa bhliadhna 1493. Thanig a mhac Iain a staigh air an Apuinn na aite. Rinn Iain so, —Sir Iain Stiubhart, tighearna na h-Apunn, —dan no dha.

Bha mac aig Iain Riabhach mac Griogair an Gleann-Liobhain ris an abairteadh Dughall Maol. Bha da mhac aig Dughall Maol, Seumas agus Donnachadh. Tha Seumas a tachairt ruinn mar notair sa bhliadhna 1511, rgus mar dheaghan Lismhoirsa bhliadbna 1514. Chruinnich e moran de dhains de rannan eadar 1510 agus 1525. Gu fortanach chaidh curam math a ghabhail den cho-chruinncachadh so. Chaidh a chuid mhor dheth a chlo-bhualadh sa bhliadhna 1862.

Bha Donnachadh Mac-Griogair, brathair an Deaghain, na bhard. Ann an aon de na dain a dhfhag e tha etoirt gearr-iomraidh dhuinn air Cloinn-Ghriogair agus air na triathan aca. Bha e na dheagh sgoileir. Bha Galig is Laideann gu leoir aige.

Thigeadh e do na Gaidheil a bhi gu mor ann an comain an Deaghain Mhic-Griogair airson nan dan a chruinnich e sa dhfhag e ann an leabhar-sgriobte againn. ’S math an gnothach nach deach an call.

Sen t-Olla Mac-Lachuinn a bhan Duneideann a chuir am mach co-chruinneachadh Mhic-Griogair. Bha obair mhor aigair. Bha e duilich a leughadhs duilich a thuigsinn.

Tha mi a toirt nan rannan a leanas a co-chruinneachadh an Dotair Mhic-Giileain;—

Teachdaireachd Mhic-Cailein gu Mac-Dhomhnuill.”

S mis a bhcithir laidir, bhorb,
S mairg a bheanadh ri mcholg.
Ge be bheireadh am mach mfhearg,
Tha i dearg mar Dhriothlunn ord.

Freagairt Mhic-Dhomhnuill,”

S mairg a bheanadh ri mShamhuil,
Mar cheann nathrachs a teang air chrith.
Tha mi geur an deidh mo bhearradh,
Beist air bun a h-earradhith.

Beithir nathair mhor. Driothlunn, sradag, gath soluis. Earr, earball.
A. M. S.


LeighsidhMinard ’s LinimentLòinidh.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.



[255]

[Vol . 3. No. 32. p. 7]

Litir a Ontario.

FHIR-DEASACHAIDH, —Ceadaich dhomh beagan sgriobagan a chur gad ionnsuidh air an àm so, a dhinnseadh mar tha sinn acur seachad agheamhraidh anns an àit so. Tha cuidga chur seachad ann am bròn, acaoidh chàirdean a chaidh a thoirt air falbh leis abhàs. Cuid eilega chur seachad gu cridheil, sùnndach, a chionn gu bheil an saoghal adol leotha gu math. Cuid eile gu breòite tinn agus cudthrom mòr nam bliadhnachan a chaidh seachadg an tarruinn sios gu luath gu ceann an turuis. Tha mòran den chloinn air an leagadh sios leis an amhaich ghoirt. Tha cuid dhiubh acaochladh leis ach tha e nisedol air ais seach mar bha e.

Cha mhor de na seana Ghàidheil a tha beò a nis anns an àite seo, —dhiubhsan a ghiulain fuachd agus cruas an lathan uair bhan t-àitena fhàsaich choilltich, leth cheud bliadhna air ais. Tha seana bhean faisg orm a tha ceithir ficheadsa tri deug a dhaois. Cha do ghabh i ùnnsa de chungaidhean-leighis dotair riamh, agus tha i gu làidir, fallain, fhathast. Faodaidh bhith gun dean i an ceud dheth. ’Se mo mhor bharail fhéin nach eil stuth cho math ann an linn an lathan diughsa bha anns an linn a dhfhalbh. Bidh tinneas grùain, no tinneas cridhe, no tinneas air choreigin eile orra.

Tha mi afaicinn ann an litirDhomhnuill Eachuinngu bheil a Ghàilig air a cumail beo ann am baile New York, ’n uair tha sgoil Shabaid aca innte. Ma ta, tha e nàrach dhuinn fhéin ann am baile beag Priceville, far nach burrainn do dhuine moran mearachd a dheanamh ge do labhradh e Gàilig ris gach dàrna duine air an coinnicheadh e, agus cha do smaoinich duine riamh air sgoil Shabaid Ghàilig a chur air chois. Faodaidh e bhith gun gabh cuid dar seanairean Gàidhealach (nach urrainn moran cuideachaidh a dheanamhsa sgoil Bheurla) nàire dhiubh fhéin, agus gun tòisich iad air Gàilig a theagasg, oir tha gu leor de chloinn againn a labhras i gu math, agus gu cinnteach bhiodh ena rud taitneach nam biodh i air ateagasg dhaibhnan oige.

Tha ochdnar eildearaa againn anns an eaglais Chléirich aig a bheil Gàilig, agus dithis aig nach eil. ’S es ainm do na h-eildearan Gàidhealach, Domhnull Mac Aonghais (Sgoilear), a tha ceithir fichead agus coig bliadhndeug a dhaois, Seumas Dòmhnullach, Dughall Mac Gilleain, Ailein Mac Gilleain, Alasdair Mac Gilleain, Domhnull Domhnullach, Niall Mac Coinnich, agus Alasdair Monaich. Luchd na Beurla, —Iain Mather agus Iain Simpson.

Tha sneacha gu math domhain againn an so. Tha e air an àm so mu thri troighean air a chomhnard. Cha robh moran againn gu BliadhnUr. Bha ceud mios na bliadhna gu math fuar on thàinig e stigh. Bhan reothadh air uairean 15° fo zero, agus tha sin fuar gu leor.

Tha biadh spréidhe gu math gann am bitheantas. Tha fiar bho ochd gu deich dolair an tunna. Tha prisean gràin gu math iosal: —Coirce, 27c am buiseal agus flùr math an $2 .75 am barailte. ’S math am biadh a bhi saor, ach ged bhiodh am bolla air an sgillinnnuair nach eil an sgillinn ann tha e gu math duilich fhaotainn.

Cha bhi misgriobhadh tuilleadh air an am so, oir tha eagal orm gun drinn mi mo litir tuilleadh is fada cheana. Tha stoirm mhor againn bhon thoisich mi air sgriobhadh. Tha na roidean air an dùnadh le torran sneachda. Is mi do charaid,
IAIN MAC GHILLEASBUIG.
Priceville, Ont., Ian. 28mh, ’95.


LeighsidhMinard ’s LinimentDéideah.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnn
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[256]

[Vol . 3. No. 32. p. 8]

Ochoin, a Righ, Gur a mitha Muladach!

Ochoin, a Righ, gur a mi tha muladach!
Nach robh thall an Loch Aillsafureach leat.
Farm bi na h-òigearang òl nam buidealan
Agabhail òrans an stop an urraca.

Nuair chaidh sinn sios bha in iar-eas againne,
Be sud a rmianns a bhi triall mar chaitheadh i;
Bhi togail cùrsa os cionn nam bancaichean,
A dhionnsaidhn Laoidhs bu neo-chinnteach cadal dhuinn.

Am béul na h-oidhche bu chruinn am baideal sinn,
Bu bheag bha láthair air cheann nam maidne dhinn;
Bha croinn gan rùsgadh us siùil gan sracadh ann,
S gur ioma chaill a coile leapach ann.

Man da uair dhéugs ann a shéid e buileach oirnn,
S itighnn a nall oirnn thar beanntan Newery.
I falbh gu h-aotram ri tàobh nan rughachan,
S nuair dhàt an fhairge bhachainbgle fhulangach.

Nuair dhubh an spéur as a shéid an fhras oirnn,
Sinn labhairSéonaida chionn bu tapaidh i
Na gabhaibh cùram, tha smùir na maidne air,
S fhads mhaireas maòdach cha chluinnse macain-sa.

Bha Domhnull Ruadh anns bu chruaidh an cuiraidh e,
S ann da bu dual bhi gu fuasgailt, furanach,
An am a ghniomh, cha bu mhiann leis cuideachadh
S erachadh suas ged bhiodh fuaim ma h-ulagan.

Fhir a shiubhlas a null thar bhealaichean
Thoir soraidh bhuamsa a dhionnsaidh Ealasaid,
Gur en aon rudtha cumail maille orm,
A ghaothbhi tuath, an t-sid fuar, ’s clach-mheallain ann.

Chan eil àite nach bi mi bruidhinn ort,
S am measg nan céud thug mi spéis mo chridhe dhut;
Na h-uile uair gur a truagh a bhitheas mi,
Mo chridhe brùites mo shùil as snithoirre.


Esan a tha a ghnath deas gu bhitoirt comhairle, tha feum mor aige fein oirre.


LeighsidhMinard ’s LinimentCràdh.

LeighsidhMinard ’s LinimentCrup.


FAICIBH.
Air a bhliadhna so chithear an so litrichean iomadh aon a chuir dearbhadh airMINARDS LINIMENT,agus a fhuair e deanamh feum dhaibh.
C . C. RICHARS, Co.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.

A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.

Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.

Call and Examine Stock.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Soithichean Creadha agus Glaine.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh

Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris as fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B
Feb.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd

titleIssue 32
internal date1895.0
display date1895
publication date1895
level
reference template

Mac-Talla III No. 32. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page