[Vol . 3. No. 33. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBRUARIDH 16, 1895. No 33.
ORAN UR.
FONN:—
Hug hoironn ho, ro bha ho,
Nighean donn bhòidheach,
Hug hoironn ho, ro bha ho.
Gu a mitich dhomh glùasad
Agus cùairt’ thoirt air òran.
Los gu séinn mì do bhuaidhean
Bho ’n a fhùair mi ort eòlas.
Tha thu modhail, ciùin, siobhalt’,
Tha thu rìomhach neo-phròiseil.
Tha thu irriosal, stùama,
Smearail fùasgailteach, seòlta.
Inntinn shoilleir gun fhòill innt’—
Tha thu caòimhneil an còmhnuidh.
’Se do chòmhradh glan, sùairce
’Chuir na h-ùaislean an tóir ort.
Tha do phearsa deas, dìreach,
Cuimir fìnealt, grinn, béothail.
Fallt dùalach, [ ? ] cùachach,
Mu’d ghùaillean ’an òrdugh.
Gur a binn leam ’bhi t-éisdeachd
’Nuair a ghléusas tu ’n t-òrgan.
Ceol brìagha, glan, tiamhaidh
’Ni thu dhéanamh le ’d mheòirean.
Mear a chuireas ’an sgrìobhadh
Cainnt bhrìoghail ’an òrdugh.
Deanamh fùaigheal le snàthaid
Cha n-eil fàillinn na ’d éolas.
Tha do ghlùasad ro éutrom
Deanamh gleus anns an t-seomair.
Lamh a ghrinneas ’s na fialachd—
Cha n-eil fìarag na d’ chòmhradh.
Leat bu mhìannach ’sa chéitean
Tional spréidhe thar lòintean.
Bhi ’ga’n ìomain do’n bhùaile
Seinn dhùanagan bòidheach.
Ceilidh ann am Baile New York.
FHIR MO CHRIDHE,— ’Nuair a sgriobh mi do ’r ’n ionnsuidh mu dheireadh, dh’ ainmich mi gu ’n robh Gàidheil a’ bhaile so ag iomradh air Comunn Gàidhilig a chur air chois, agus mar a thubhairt b’ fhior; chaidh an Comunn a stèidheachadh air an 24mh de Nobhember. Aig a chéilidh bhliadhnail air a mhios ’s a chaidh liubhair Nial Dòmhnullach, ceann-suidle agus bàrd a Chomuinn, an òraid chiatach a leanas:—
’S e rùn a chomuinn, ars esan, a bhi cumail suas cànain, ceòl, bàrdachd agus eachdruidh nan Gàidheal: a bhi meudachadh an teis ghràidh a tha ’nar cridheachan do Thir an Fhraoich ’s a Mhurain, agus còmhnadh ’us comhairle a thabhairt do neach air bith de ’r luchd-dùthcha a thig a dheanamh an dachaidh na ’r measg; ni mò bhios àbhaistean ar sinnsir air an cur air chùl, no companas ’us fearas-chuideachd air an dearmad.
Cha ’n e, arsa ’m filidh, gaol stòrais a mheudaich ar gràdh do ’n Ghàidhlig na ’s aobhar dhuinn a bhi comhairleachadh dhuibhse a h-ionnsachadh. Tha spéis againn di a chionn gur h-i ar cànain féin; an dilib a dh’ fhàg ar sinnsir again a’ tìghinn a nuas troimh linntibh thar cùuntais. Thr tlachd aig feadhainn eile do ’n cànain féin ged nach ’eil iad ach mar an dé an coimeas ris a’ Ghàidhlig. Nach mo gu mòr a bu choir dhuinne a bhi mùirneach mu ’r cànain aosda, bhlasda. Mu ’n cualas iomradh air fileantachd gun choimeas Chisero ann am tallaichibh na Roimhe; mu’n robh aig a’ chànain mheasail ’s an do labhair e, bith, bha ’Ghàidhlig ann. Cha chànain marbh a’ Ghàidhlig, air a pasgadh seachad bho dhion aig sgoilearan ’s luchd-fòghluim, ach cànain bheò fhallain a’ ceangal ar linn am beachd ’s an smuain ris an tiom o chian. Chaidh na ceud sgriobhaidhean a chall ’s bu bheul-aithris a mhàin iad o chionn dà mhile bliadhna; ach tha chànain i féin a’ seasamh gun mhòran atharrachaidh troimh shiubhal na h-aimsir. Cha tuigeadh Greugaich an latha ’n diugh smid de na labhair Paul ri muinntir Athens ni mo thuigeadh Eadailltich an latha ’n diugh Horace agus Bhirgil agus Sallust. Cha ’n ionann sin ’s do ’n Geàidhlig aosda, urramach, a tha ionann ris a’ chainnt a chuir an céill talannan Oisean, agus a thàinig bho bhlàth ann am bàrdachd, ann an dàn, agus ann am fileantachd, còig ceud bliadhna mu ’n do ghabh a Bheurla mheasgaichte dealbh cànain.
Tha a’ Ghàidhlig air atharrachadh dhòighein air a labhairt le eadar ceithir agus còig muilleanan sluaigh anns an Bhraing, ann an Wales, an Eirinn, air Gàidhealtachd ’s an Eileanain na h-Alba agus àitean eile. Do chànain aig a bheil ainm a bhi marbh, no co dhiubh a’ bàsachadh, tha a beothalachd ’na aobhair ioghnaidh. Deanamaid mata na ’s urrainn duinn a chum a’ Ghàidhlig a chumail suas. Bidh sinn, ged nach cuir e bonn na ’r sporan, ni ’s fear agus ni ’s glice le bhi ’cur an cleachdadh ar cànain aosda, bhlasda. Mar is mò a gheibh sinn de dh’ eòlas air ar cànain ’s ann is mò a ghràdhaicheas sinn ar luchd-dùthcha, ar ’n eachdraidh ’s’ an tir a dh’ fhàg sinn.
Gaol dùthcha agus dachaidh—cia blath an smaointinn!
Mhisnich e treun-laoich gu scasamh ri gaisge ’s ri cruadal. Bhrosnuich e na baird gu an duain a ghleusadh, ’s leig e e fein ris ann am fileantachd a chuir aoibhneas ann an cridheachan sluagh rioghachd. Ghluas e daoine anns gach linn gu seasamh ri càs ’s ri cruadal, agus tha na cùnntasan a’s cliùitiche air clàr eachdraidh an domhain a’ tabhairt fianuis m’a euchdan.
Agus dachaidhean caomh na Gàidhealtachd! Cia lion ceangal blàth a bha a tath a’ Ghàidheil riu le banna nach sgaoileadh ach am bàs. Bha ’n co-chomunn bu taitniche leis ri fhaotain na theaghlach; agus bha gach alltan agus òb, gach cnoc agus gleann mar gu ’m biodh iad a’ deanamh càirdeas agus furan ris. Bha ’n Gàidheal cho gràdhach mu dhachaidh ’s gu ’n robh e ’ga chunntas na ni iomchuidh agus taitneach bàsachadh air sgàth a dhùthcha.
AMERICANACH.
[Vol . 3. No. 33. p. 2]
TAIGH NA COILLE.
LE IAIN.
CAIB III.
Anns an àm ud cha robh dòigh aig daoine air fios ’fhaotainn ann an aithghearr mu thimchioll nan càirdean a bhiodh air falbh as an rìoghachd, mar a th’ aig sluagh an latha ’n diugh. B’ ann uair ’san t-seachduin, no uair ’s na deich latha, a gheibhteadh fios ann an Ceann-Locha air mar a bhiodh cùisean a’ dol air aghart air feadh na rioghachd. Mar bu trice dh’ fheumteadh sia sgillin a phàigheadh air son a h-uile litir. Bhiodh na litrichean ùine fhada a’ tighinn a Sasunn, oir cha robh guth no iomradh air an rathad-iaruinn aig an àm ud, ach ann am fior chorr àite. B’ ann le carbaid cheithir-each, agus le marcaichean a bhiodh litrichean is paipearan-naigheachd a’ tighinn á Sasunn.
Bha uachdaran Cheann-Locha corr is seachduin tinn mu ’n cualas iomradh ann an Taigh na Coille gu ’n do thachair tubaist dha, ged a ghrad chuireadh litir gu àrd-stiubhart an taighe a dh’ innseadh dha mar a thachair. Cha bu luaithe a fhuaradh fios ann an Taigh na Coille air mar a dh’ éirich do’n uachdaran, na fhuair muinntir a’ ghlinne gu léir fios air. An ceann latha no dhà bha fios aig sluagh na h-oighreachd gu leir air mar a thachair. Bha e air innseadh anns an litir gu robh an t-uachdaran cho tinn ’s nach b’ urrainn e làmh no cas a ghluasad, no aon fhacal a labhairt. An uair a chuala an sluagh gu robh e anns an t-suidheachadh so, ghabh iad an t-eagal gu faigheadh e bàs, agus gu’n tuiteadh an oighreachd ann an làmhan mhic bhrathair athar. O’n a bha càirdeas is counn is gaol eadar iad fhein agus an t-uachdaran o ’n cheud latha ’fhuair e riaghladh na h-oighreachd ’na làmhan fhein, bha iad uile fo mhòr dhragh-inntinn a thaobh mar a thachair dha. Bha iad a’ smaointean nach robh uachdaran fearainn ann an Alba gu léir a leith cho math ris. Cha robh iad fada ceàrr, oir bha e anns gach dòigh ’na uachdaran cho math ’s a bha anns an dùthaich ri ’latha ’s ri ’linn.
Ged bu chruaidh leotha dealachadh ris an uachdaran, bha ni eile a bha ’cur iomaguin orra, agus b’ e sin, ciamar a dh’ éireadh dhaibh an déigh a’ bhàis. B’ e mac bhràthair athar an t-aon bu dlùithe dha ann an càirdeas, agus mar sinn, b’ ann ’na làmhan a thuiteadh an oighreachd. Cha robh an duine so fo dheadh ainm idir. An uair a bha e òg rinn e companaich de dhaoine òga a bha ann an inbhe mòran ni b’ àirde na e fhein. Ged a bha e air a thogail agus air a theagasg gu maiseach, measail, cliùiteach le a phàrantan, thug na companaich a thagh e dha fhein air cùl a chur ris an eiseimpleir mhath a chuireadh roimhe ’na òige. Dh’ òladh e an sgillinn nach fhaca e. Bhiodh na mionnan ’na bheul air gach treas facal. Bhiodh e uair is uair a’ cur seachad beagan ùine ann an Taigh na Coille, o ’n a bha e aig an àm a’ smaointean gur ann aige fhein a bhiodh an oighreachd. Ach o nach robh aon chuid a chainnt no a ghluasad a’ cordadh ris an uachdaran bhiodh e, mar a bha iomchuidh dha a dheanamh, a’ comhairleachadh dha sgur de gach droch cainnt agus droch cleachdadh a bha e ’leantuinn. Ach an àite an deadh chomhairle a thugadh air a ghabhail is ann a bha e ’sìor dhol ni bu mhiosa gach latha. Mu dheireadh thuirt an t-uachdaran ris, gu feumadh e an dara cuid sgur de ’n obair a bh’ aige ar neo an t-àite fhàgail. Ach b’ e sin am fear a ghabh ’san t-sròin i. An esan a ghabhadh comhairle aon duine a chunnaic e riamh mu choinneamh a dhà shùl. Is e a bh’ ann, gu ’n deachaidh e gu bòilich ’s gu bragadaich a chionn a chridhe a bhith aig duine sam bith a ràdh gu ’m b’ olc a bha e ’deanamh. Gun dàil sam bith thog e air agus thug e a’ Ghalldachd air.
Chuala sluagh na h-oighreachd aig an àm mar a bha, agus cha do ghabh iad barail mhath sam bith air. Aig an àm, agus ùine mhath ’na dhéigh, cha robh neach sam bith a’ smaointean gu’m pòsadh an t-uachdaran gu bràth, agus bha iad air an clisgeadh gu ’n tuiteadh an oighreachd là-eiginn ann an làmhan an sgaomaire òig ud. Ach ’san àm an cuala iad gu robh eagal air an luchd-sgil nach cuireadh an t-uachdaran dheth a thrioblaid agus a thinneas, ghabh iad an t-eagal buileach glan.
Thug an ath litir a thàinig a Sasunn misneach mhath do na h-uile a bhuineadh do ’n oighreachd. Bha e air innseadh innte, gu robh an t-uachdaran a’ dol gu math ni b’ fhearr, agus gu ’n tilleadh a dhachaidh aon uair ’s gu ’m biodh e làidir gu leòr air son an turus a ghabhail.
Bhuail e ’s a’ cheann aig a h-aon no dithis de ’n tuath a bh’ air an oighreachd, gu ’m bu chòir litir a chur a dh’ ionnsuidh an uachdarain a dh’ innseadh dua, gu robh gàirdeachas nach bu bheag air an t-sluagh gu léir an uair a chuala iad gu robh e air a dhol ni b’ fhearr, agus gu robh e gu tilleadh air ais an ùine gun bhith fada. Chuireadh fios air feadh na h-oighreachd gu léir a dh’ innseadh do ’n t-sluagh gu robh a leithid so de litir gu bhith air a sgrìobhadh, agus a dh’ iarraidh air muinntir gach baile fear-ionaid a chur air latha àraidh gu ruige Taigh na Coille. Sgrìobhadh an litir agus chuir gach fear a bha làthair ’ainm rithe. So na briathran a bh’ anns an lìtir:—
“Do ’n Uasal Urramach Mr. EACHUNN ROS.
Uachdaran Cheann-Locha.
Tha sinne, ann an ainm agus le òrdugh na tuatha a th’ air an òighreachd, a’ sgrìobhadh do bhur n-ionnsuidh a dh’ innseadh dhuibh, gu robh sin uile fo bhròn mòr, an uair a chuala sinn mu ’n tubaist a dh’ éirich dhuibh, agus a thuig sinn gu robh sibh ann an cunnart bhur beatha a chall air a thailleamh. Tha fios againn nan robh sinn cho mi-fhortanach ’s gu ’n do chaill sinn sibh mar uachdaran agus mar charaid, nach ruigeamaid a leas dùil a bhith againn gu bràth ri uachdaran ’fhaotaiun a bhiodh cho math dhuinn ann an dòigh sam bith ’s a bha sibhse dhuinn riamh o’n latha ’fhuair sibh an oighreachd. O’n a chuala sinn gu bheil sibh air a’ dhol ni ’s fhearr tha sinn air ar lìonadh le gàirdeachas, agus tha sinn ro thaingeil do ’n Ti a tha riaghladh anns na h-àrdaibh, air son gu bheil bhur beatha air a caomhnadh. Agus tha sinn an dòchas gu ’m bi sibh ann an ùine ghoirid comasach air tighinn air ais ann an deadh shlàinte, a chum a bhith ’riaghladh os ar cionn mar a b’ àbhaist dhuibh. Ann an deadh rùin dhuibh aig gach àm, is sinn bhur seirbhisich umhail gu latha ar bàis.”
An uair a fhuair an t-uachdaran an litir so bha e cho toilichte ’s ged a chuirteadh mìle punnd Sasunnach ’na dhòrn. Bha fios aige gu robh meas mòr aig an tuath air, agus thug an litir dha làn dhearbhadh mu ’n chùis. Is ann latha na h-airc a dh’ aithnichear cò iad na caomh chàirdean. Sgrìobh e thun na tuatha mar a leanas:—
“A chàirdean caomha, —Tha mi ’toirt mìle tàing dhuibh
[Vol . 3. No. 33. p. 3]
air son na litreach a chuir sibh do m’ ionnsuidh, agus air son nam briathran caoimhneil leis an do chuir sibh an ceill rùintean bhur cridhe do m’ thaobh. Bha fios agam gu robh meas mòr agaibh orm; ach a nis dhearbh sibh e, nam biodh dearbhadh a dhìth orm. O’n a tha dùil agam a dhol dachaidh an ùine ghoirid, cha ’n abair mi an corr ruibh gus an coinnich sinn aon uair eile far am bu tric a choinnich sinn. Is mi bhur caraid dìleas an là a chì ’s nach fhaic
EACHUNN ROS.”
Ma thug an litir a chuir an tuath a dh’ ionnsuidh an uachdarain toileachadh mòr dha, cha bu lugha na sin an toileachadh a thug e do ’n tuath fios-freagairt ’fhaotainn o’n uachdaran. Ma bha iad miadhail air roimhe bha iad mòran ni bu mhiadhaile air an uair ud. Shuidhich iad eatorra fhein gu ’n tugadh iad fàilte chridheil, chaoimhneil dha an latha ’thigeadh e dhachaidh. A chum so a dheanamh chruinnicheadh fiodh ann am pailteas, agus gach ni eile a ghabhadh losgadh, a dh’ ionnsuidh nan cnoc a b’ àirde a bh’ air an oighreachd, agus am feasgar air an d’ thàinig e dhachaidh bha tein’ -aoibhneis air mullach gach cnuic, a chìteadh mìltean air astar. Choinnich buidheann de na daoine òga bu tapaidhe ’s bu sgairteile na cheil a bh’ air an oighreachd e air an rathad faisge air criochan an h-oighreachd. Thug iad na h-eich as a charbad, agus dh’ fhalbh iad leis, agus cha do stad iad gus an d’ ràinig iad Taigh na Coille. Aig dorus an taighe, bha an earrann bu mhò de ’n tuath ’nan seasamh, agus an uair a chunnaic iad an t-uachdaran rinn iad uile iolach a chluinnteadh mìle o ’n taigh. Labhair fear de na seann tuathanaich ann an ainm na tuatha gu léir, agus chuir e an céill cho subhach ’s a bha sluagh na h-oighreachd a chinnn gu ’n d’ thàinig an t-uachdaran dhachaidh beò, slan. Thuirt e nach robh ach aon ni eile ann a bheireadh uibhir de thoileachndh dhaibh ’s a bh’ aca an oidhche ud, agus gu ’m b’ e sin, nam faiceadh iad e a’ tighinn dhachaidh agus a bhean maille ris.
Fhreagair an t-uachdaran iad ann am beagan fhacal, (oir bha e sgìth an déigh a thuruis,) agus thuirt e, gu robh e anabarrach fada ’nan comain air son na fàilte chridheil a thug iad dha, agus gu robh e an dòchas gu faiceadh iad e a’ tighinn dhachaidh leis a’ mhnaoi mu ’n tigeadh ceann na bliadhna. “Agus faodaidh mi innseadh dhuibh,” ars’ esan, “gur i a’ bhean uasal óg a bha gu caoimhneil, curamach a’ toirt an aire dhomh air leaba na h-euslaint an aon té a phòsas mi, ma ni mi gu bràth e. Mur b’ e an aire agus an cùram leis an do fhritheil i dhomhsa o chionn trì mìosan, is fhad o ’n a thàinig mo chorp dachaidh ugaibh.” An uair a chuala iad so rinn iad iolach eile. An déigh dhaibh biadh is deoch a ghabhail ann an “Talla na cuirme” dh’ fhalbh iad dhachaidh.
(Ri leantuinn.)
Sgeula beag Iudhach.
’An uair a bha Abraham na shuidh ’an dorus a bhùth mar bu ghnà leis, a ’feitheamh gu luchdturuis a ghabhail a stigh, chunnaic e seann duine, crom, lag, a thaic air a luirg, a bha ceud bliadhn’ aois, a’ teachd far an robh e: ghabh e ris gu fialuidh, dh’ ionnlaid e a chosan, thug e dha a shuipeir: ach air dha fhaicinn nach d’ asluich an seann duine beannachadh air a bhiadh, dh’ fhiosraich e dheth c’ arson nach d’ thug e aoradh do Dhia néimhe. Thuirt an seann duine ris gum b’ e amhàin an teine bu chuspair aoraidh dhàsan, agus nach robh e’g aidmheil dia air bith eile. Le so a chluinntinn las corruich Abrahaim co mòr ’s gun do chuir e’n seann duine a mach, d’a aindeoin, as a bhùth, g’a fhàgail buailteach do dhosguinn na h-oi’che, gun dion gun gun fhasgadh. ’Nuair a dh’ fhalbh an seann duine, ghairm Dia air Abraham agus dh’ fheoraich e dheth c’àit an robh an coigreach? thuìrt e ris, Chuir mi mach e, chionn nach d’ thug e aoradh dhuìtse. Fhreagair Dia e, leig mise leis o cheann cheud bliadhna, ged a chuir e eas-urram orm; agus nach b’ urrainn duitse fhulang car aon oidhche, an uair nach robh e draghail duit? ’Nuair a chual Abraham so, thug e dhà aoidheachd fhialuidh, agus deagh chomhairle.” Dean thusa air an dòigh cheudna, agus bithidh do bhiatachd air a dìoladh le Dia Abrahaim.
Sgeul Beag Iongantach.
Bha duin’ -uasal araidh ann roimh so a bha air turas ann an aon de na carbadaibh sin a bha ’ruith le ceithir eich, mu’n do dhealbhadh na slighean iaruinn. Aig aite sonraichte bha drochaid fhiodha air a togail thar abhainn bheag, agus air a suidheachadh air da chreig, creag air gach taobh, agus linne mhor, dhomhain eatorra. Le cudthrom a’ charbaid agus a luchd, gheill, agus thuit an drochaid, agus thilgeadh an luchd-turais gu h-iosal anns an t-sruth. ’Nam measg bha Easbuig araidh, a bhean, agus a leanabh. Chaidh na parantan a dhith ach theasairg an duin’ -uasal an leanabh le mor-chunnart da bheatha fein. Bliadhnaichean an deigh so, bha ’n duin’ -uasal ann an cuideachd shonraichte far an d’ aithris e an sgeul beag muladach so, agus far an robh na h-uile ag eisdeachd le mor-churam. Am measg chaich bha bantighearna og, mhaiseach ann, a thug cluas do’n sgeul moran ni’s durachdaich na neach sam bith eile a bha lathair. An uair a sguir an duin’ -uasal. ghrad dh’ eirich a’ mhaighdean og suas air a cosaibh, thilg si i fein ’n a ghairdeanaibh, agus thubhairt i, “Is mise an leanabh sin, is mise gun teagamh an leanabh sin, agus riamh gu ruig an la an diugh, cha robh fios agam co a theasairg mi, agus cha robh comas agam air mor-thaing a thoirt da.” —Bha ’n comhlachadh so taitneach da-rireadh; ach cia mor nis taitniche a bhios ar comhlachadh anns na neamhaibh maille riu-san a chaidh a theasairginn o leir-sgrios: agus a ta ’nis a’ gabhail comhnuidh rnns an tigh sin nach d’rinneadh le lamhaibh, siorruidh anns na neamhaibh.
Thachair do mhinisteir stòlda, agus oifigeach òg coinneachadh, agus a bhi ’seanchas; agus mu dheireadh, thainig an seanchas gu car beag cònnsuchaidh. Bha’n t-oifigeach ag at le feirg; agus mar thàmailt do’n mhinisteir, thuirt e ris— “Nam biodh do mhi-fhortan orm gu’m biodh ùmpaidh mic agam nach b’urrainn ni eile dheanamh, gu cinnteach dheanain ministeir dhe.” “Cha robh t’athair-sa dhe’n aon bharail riut,” arsa ’n ministeir, gu socrach.
Cha do bhrist fear riamh a bhogha, nach d’ fheum fear eil’ an t-sreang.
Bidh adhaircean fad air a chrodh a tha ’n Eirinn.
An searrach bu chòir a bhi ’na làir ’s ann a dh’fhàs e ’na ghearran.
Is beag fios aig fear an tàimh air ànradh fear na mara.
[Vol . 3. No. 33. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney Cape Breton.
SIDNI, FEBRUARIDH 16, 1895
Bidh cuimhne air ceud mhios an earraich anns an dùthaich so iomadh latha ’s bliadhna. Cha robh leithid na stoirme bh’ againn air an t-seachdain so ’dh’fhalbh anns an dùthaich o chionn ioma bliadhna. Bha ’n stoirm cheudna, a réir coltais, anns na Stàitean, far an d’ rinn i call mor, agus ann am Breatuinn. Cha ’n eil sinn cinnteach naah b’e ’n dùthaich so fhéin a’ fhuair a chuid a b’ fhearr dhith, ged a bha i trom gu leòr ann.
Fhuair sinn litir á New Zealand o ar deagh charaid Iain Rothach, agus b’ fheudar dhuinn a cur seachad air son àireamh na seachdain s’a tighinn. Sgriobhadh i air an 27mh latha de mhios deireannach na blindhna. Ged a bhios i car sean ’nuair a ruigeas i ar luchd-leubhaidh, tha fhios againn gu leubh iad i le fior thlachd. Tha sinn an dòchas gur ioma litir eile thig ’na deigh o’n pheann cheudna.
SEAN FHACAIL
Cha do chleachd am bodach biodag.
Cha d’ eug duine beairteach riamh gun dìleabach.
Cha d’fhuair Conan riamh dòrn gun dòrn a thoirt g’a cheann.
Cha d’ fhuair am madadh-ruadh riamh teachdaire b’ fhearr na e fhéin.
Esan a tha a ghnath deas gu bhi toirt comhairle, tha feum mor aige fein oirre.
Cha deanar math gun mhulad. Cha deanar tréine gun triùir, ’s bidh iad crubach gun cheathrar.
Fios a Antigonish.
Fhlr Deasachaidh Ghradhaich,— ’S fhad o’n a bha toil agam fios a thoirt d’ ur luchd-leughaidh mar tha ag èiridh d’ an chlass Ghàidhlig a chuir sinn air chois o chionn corr ’s dà mhios; ach bha sinn uile cho dreapail air thailleabh a’ cheasnaichidh, a bhios daonnan agàinn, an deigh na Bliadhn’ Uire.
Tha an class a seirbheachadh gu math; ach cia mar a b’urrainn dha ’bhi air chaochladh, ’n uair tha cridhe gach aon a tha mu thimchioll an trom dhéidh air an obair rioghail a chuir air aghart; agus tha iad a faighinn càirdeas agus cuideachadh, a dhearbhas gu bheil fior fhuil nan Gàidheal a ruith cho blàth ann an Albainn Uir ’s a tha i ’na tir dhùthchasaich fhéin.
A bharrachd air an duais a dh’ ainmich mi ’n am cheud litir, tha bonn cuimhne òir, fiach fhichead dollair, air a bhuileachadh air a chlass leis a “Chomunn Ghàidhealach” ’s bhaile so o bhliadhna go bliadhna—gu ma fada beò iad! Thug smior nan Gàidheal e fhéin, Iain Domhnullach (Iain Cailean,) Bàillidh Antigonish, dhuin $5 .00; bithidh so air a chuir a mach air son leabhraichean d’ an chlass. Thaghail an t-Urr. Iain C. Siosal, á St. Peters, C. B., againn o chionn ghoirid, agus dh’ fhàg e $2 .00 airson a chainnt mhàtharail a chuideachadh, agus tha sin a nis an deigh an dàrna tabhartas, dà leabhar, fhaotainn bho’r caraide dìleas, an t-Urr. Iain Mac-a- Mhaighstear. Tha sin a toirt mòran taing dhiabh uile airson na tha iad a toìrt dhuinn.
Moran taing do “Chabar Féidh” airson a bhriathran caoimhneil. Tha an Céilidh a’ dol air adhart gu fior mhath. Ma chi “Fionn” ughdar a “Celtic Garland” so, tha toil againn innsidh dha gur a h-iomadh gàire cridheil a thug a sgriobhaidhean a mach bho thoiseach a gheamhraidh; agus ged a theirear nach ’eil meas air fàidhe na thir fhéin, cha ’n ’eil paipear na leabhar fo ’r làimh a’s fhearr leinn na Mac-Talla.
AONGHAS.
Oil-thigh Antigonish, 11 Feb. ’95.
Tha Riaghladh Bhreatuinn an deigh mile dolair ’s an t-seachdain a chur air leth air son cobhair air na feumaich ann an Newfoundland.
LeighsidhMinard ’s LinimentLòinidh.
CUIMHNICH!
gu bheil aghainn
Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh
dhe gach seorsa, agus ’ga reic air
PRISEIN IOSAL.
JOST BROS.
Sidni, C. B., Feb. 1, ’95.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETER’S, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Leabhraichean Gailig.
RI’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 3. No. 33. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Bhuail da charbad iaruinn na chéile faisg air Richmond, Cuibeic, an la roimhe, agus bha dithis dhaoine air am marbhadh.
Thuit fear Melvin Mac-a- Phearsain, ann an Ontario, a craoibh aon latha air an t-seachdain s’a chaidh, agus chaidh e a cnàimh na h-amhach.
Tha e air aithris gu’n d’rinn cuideachd a ghuail (Dominion Coal Co. ,) mu chairteal muillean dolair a chur ma seach an uiridh. Tha airgead gu leòr anns a ghual.
Chaidh tearnadh glé chaol air dithis dhaoine aig Leitches Creek an la roimhe, Bha iad a’ dol seachad air an rathad le eich us sleigheachan agus bhuail an carbad annta ’g an tilgeil an darra taobh.
Chaidh soitheach mòr smùide a luchdachachadh le gual aig Sidni Tuath air an t-seachdain s’a chaidh. Tha e car iongatach gu’m faigheadh soitheach tighinn do’n acarsaid an teis-meadhon a gheamhraidh.
Shuidh Pàrlamaid Mhanitoba Dior-daoin s’a chaidh, agus suidhidh Pàrlamaid Ontario air Dior-daoin s’a tighinn. Cha suidh Pàrlamaid Chanada ’an Ottawa gu ceann tri seachduinnean no mios fhathast. Tha cuid a’ deanamh dheth nach suidh i tuilleadh gus am bi taghadh ann.
Bho’n thainig an t-earrach, cha mhòr gu robh dà latha an deigh a chéile gun a bhi stoirmeil. Tha sneachda mòr air tuiteam agus e ’na dhroch chitheachan. agus tha na ròidean gle dhona, Ach cha d’ thàinig fuachd no reòtachd mar a b’ àbhaist a bhi againn mu’n àm so ’n bhliadhna fhathast.
Bha seann duine do’m b’ ainm Domhnull Mathanach a mhuinntir Eilean a’ Phrionnsa, air a thachdadh le greim feòla a bha e ’g ithe aig a dhìnneir, Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ceithir fichead bliadhna dh’ aois. Bha e ’na thuathanach cothromach, agus glé mheasail aig a choimhearsnaich. Dh’ fhàg e teaghlach mòr.
Tha fiadh-bheothaichean na coille a’ deanamh call mòr air spréidh s air caoraich ann an cearnan de dh’ Ontario. Tha na madaidh-alluidh anabarrach pailt, agus beothach eile ris an canar tigear-beinne. Dh’ fhalbh àireamh de shealgairean air an tòir an la roimhe agus an deigh dhaibh an leantuin fad chòig mile fichead, rug iad air grunnan dhiubh agus mharbh iad a tri dhiubh.
Chaidh duin’ òg a mhuinntir Leitches Creek, do’m b’ ainm Iain Mac Carmaic, as a rian air an t-seachdain s’a chaidh le eagal a ghabh e. Theich e a tigh athar, agus an teis-meadhon na stoirme choisich e dh’ionnsuidh a Bhras d’ Oir Bhig. agus chaidh e gu tigh an t-sagairt, an t-Urr. M. A. Mac-a- Phearsain. Chaidh gabhail ris gu caoimhneil ann an sin, agus an aire thoirt dha gus an robh e slàn gu leòr gus a thoirt dhachaidh. Bha a dha làimh ’s té dhe chasan air an reothadh gu dona. ’S ann a tha e ’na iongatas nach do chaill e a bheatha anns an stoirm.
Tha sinn a faotainn luchd-gabhail ùra na h-uile seachdain. Tha sinn an dòchas gu lean iad air tighinu mar sin. Bu chòir am MAC-TALLA bhi dol do na h-uile tigh anns a bheil Gàilig air a labhairt. Deanadh gach duine tha ’ga ghabhail a dhichioll air a chur a theaghlaichean anns nach eilear ’ga ghabhail idir agus bidh i a sior fhàs làidir.
Chaidh fear Iain Hardy a ghoirteachadh gu dona ann am muileann-sàbhaidh ’an Gabarus, Di-ciaduin air an t-seachdain s’a chaidh. Ghreimich na cuidhlichean air a chuid aodaich agus bha e air a tharruinn a stigh ’nan measg. Bha a làmh dheas air a milleadh cho dona ’s gum b’ fheudar a gearradh dheth, a làmh chearr air a bristeadh an dà àite, té dhe asnaichean air a bristeadh, agus a bhodhaig uile air a droch bhruthadh. Bha e leis fhéin aig an àm agus choisich e anns an t-suidheachadh sin leth-mhile dh’ astar dh’ ionnsuidh an taighe b’ fhaisge. Tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil e ’dol am feabhas.
Rinn stoirm na seachdain s’a chaidh call uamhasach air cladach a tuath an eilein so, eadar Eilean Phoil us Ingonish. Bha taighean, saibhlean, stòraichean, us laìmhrigean air an sguabadh air falbh leis a mhuir, agus bha cuid a theaghlaichean air am fàgail gun ni dhe’n t-saoghal ach na bha ùmpa, ach gu fortanach cha do chailleadh beatha duine sam bith. Bha ’n stoirm ’na cùis-eagail air Eilean Phòil; na tonnan ag éiridh ’na b’ àirde na chunnacas iad riamh roimhe, agus a’ bagradh gach ni a sguabadh leotha. Cha robh dad ann ach gu ’n do dh’fhagadh an tigh-soluis agus tigh air fhir a tha ’ga ghleidheadh. Bha i a cheart cho trom ann an New Haven agus ’an Ingonish. Ann ’an New Haven, bha laimhrig ùr, factoridh ghiomach agus taighean iasgaich anns an robh moran truisg, air an sguabadh air falbh. Tha ’n call air a mheas eadar naoidh us deich mile dolair. ’An Ingonish bha àireamh mhor de thaighean ’s de laimhrigean air an call. Cha d’ fhairicheadh leithid na stoirme ann riamh roimhe.
BAIS
Aig Framboise, air an latha mu dheireadh de cheud mios na bliadhna, Ailein, am mac a b’ òige aig Aonghas Mac Ascuill, 14 bliadhna dh’ aois.
AigGrand River,Ian. l6mh latha, Iain Mac Coinnich tri fichead us ochd bliadhn’ deug a dh’ aois. Cha robh e tinn ach uine ghoirid. Dh’ fhag e bean, triùir mhac, us coignear nighean.
POSAIDHEAN.
Aig Gleann Ainslie, an 21 datha de Ian., leis an Urr. Alasdair Grannd, Eoghan Mac Ille-mhaoil us Cairistiona Nic Fhionghain.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
DUAISEAN
dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra do ’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Bheir sinn do ’n neach a gheibh an àireamh a’s mò a cheud duais, an neach a’s fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach a’s fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas.
I. Caraid nan Gaidheal.
II. Sàr-obair nam Bàrd.
III. Foclair Gàilig ’Ic Ailpein.
Bldh iad againn ro’n bhliadhn’ uir, ’s bidh iad air an cur g’ an ionnsuidh-san a choisinn iad cho luath ’sa bhios fhios againn cò iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn do’n phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan a’s fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC-TALLA chur an sionmhòrachd.
Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
SANAS.
Bathar Ur na h-uile Seachdain.
Na prisean na’s isle na bha iad riamh.
Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.
Tha Gailig aig na cleirich.
STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich
[Vol . 3. No. 33. p. 6]
Na Baird Ghaidhealach bho 1525 gu 1645.
Cha’n fheil againn ach gle bheag de dhain a chaidh a chur ri cheile eadar 1525 agus 1645. Faodidh e a bhith gun robh na baird fior ghann anns an am ud. Ach ’s e is docha nach robh iad uile gu leir cho gann ’s a shaoileamaid. Tha aon ni cinnteach, agus is e sin, nach robh cruinneachadair dhan ann, cosmhuil ri Deaghan Lismhoir, sa bhliadhna 1645.
Am measg nan daoine ’s nam mnathan a bha ann eadar 1525 agus 1645 agus a rinn a bheag no mhor de dhain, bha an fheadhainn a leanas; —tighearna Chola, Domhnull Mac-Fhionnlaidh, an t-Easbig Carsuel bean Ghriogair Mhic-Griogair, Niall Mor Mac-Mhuirich, Calum Garbh Mac Ghillechaluim, Fearchair Mac Iain Oig, Mor Nic-Faidein, Cathall Mac-Mhuirich, Mac Cullach na Pairce, bean Mhurchidh Mhic-Amhlaidh, an t-Urramach Alasdair Munro, Iain mac Eoghain Bhain, Forsair Choir’ -an-t- Sith, agus Murchadh Mor Mac Mhic Mhurchidh.
’S e Domhnull Mac Fhionnlaidh a rinn oran na Comhachaig. ’S ann a mhuinntir Ghlinne-Comhann a bha e.
A Chomhachag bhochd na Sroine,
An nochd is bronach do leaba.
Ma bha thu ann ri linn Dhonnghail,
Chan ionghnadh ge trom leat t’ aigneadh.
’S co-aois mise do ’n daraig
’Bha na faillein anns a choinich;
’S iomadh linn a chuir mi romham,
’S mi comhachag bhochd na Sroine.
An nis on a tha thu aosda,
Dean-sa t’ fhaosaid ris an t-sagairt,
Agus innis dha gun euradh
Gach aon sgeul de na bheil agad.
’S furasda dhomhsa sin innse
Gach aon la millteach a rinneas;
Cha robh mi mionnach no breugach,
Ged a bha mo bheul gun bhinneas.
Cha d’ rìnn mi riamh braid no meirle,
No cladh no tearmunn a bhriscadh;
Air m’ fhear fhein cha d’chuir mi iomagain,
Gur cailleach bhochd, ionnraic mise.
Rugadh Iain Carsuel an sgireachd Chillemhartainn an Siorramachd Earra-ghaidheal. Rinneadh easbig dheth sa bhliadhna 1560. Is ann de ’n Eaglis Shasunnich a bha e. Chuir e am mach leabhar-urnigh ann an Galig sa bhliadhna 1567. B’e so a cheud leabhar Galig a chaìdh a chlo-bhualadh an Albinn. Chaochaoil an t-Easbig Carsuel sa bhliadha 1572. Rinneadh beagan de laoidhean leis. Bha e na dhuine mor, foghainteach. Bhiodh a phaigheadh aige a dheoin no ’dh-aindeoin. Bha sluagh a cur air gun robh e sanntach. Rinn duine air chor-eigin an rann a leanas:—
An Carsalach mor ’tha ’n Carnasari,
A tha na coig càirt na chasan,
Tha dhroll mar dhruinnein na curra,
’S a sgroban lom, gionach, farsuinn.
Tha ’m facal càirt a ciallachadh cairteal de shlait, no naoidh oirlich. Bha mar sin da fhichead oirlcach sa coig ann an casan an Easbig Mhoir. Tha cuid an duil gu bheil sgroban a h-uile pears’ -eaglis lom, gionach, farsuinn. ’S math an gnothach ma tha na daoine a tha dhe ’n bheachd sin caoimhneil, blath-chridheach, pairteach iad fhein. Ach gun teagamh sam bith, is culaidh-ghrain pears’ -eaglis cruaidh, spiocach. Mur h-fheil duine ullamh gu chuid airgid fhein a thoirt seachad, ciamar a dh’ iarras e air daoine eile airgiod a thoirt seachad.
’Se Eirionnach a bh’ ann am Muireach Albanach. Chaith e moran de ’ùine an Albinn. ’S e sin a dh’ aobharrich gun abairteadh Muireach Albanach ris. Is ann bhuaithe a thanig seanachaidhean Chloinn-Raonuill. Rinn fear de na seanachaidhean so marbhrann fhada air Ailain mac Ruari, a dhith-cheannadh aig Blar Atholl sa bhliadhna 1509, agus air Raonull Bàn, a mhac, a dhith-cheannadh am Peirt ’sa bhliadhna 1514. Tha tri dain againn a rinneadh le Niall Mor Mac-Mhuirich. Tha fear da na dain so air a dheanamh mu shia oidhchean a chuir am bard seachad comhla-ri Ruari Mor Mac Leoid, triath Dhunveagain. Tha e soilleir gun robh an adharc mhor aig Ruari a tighinn am folais gu math tric. Cha robh aobhar aig Ruari air a radh mar thubhairt am Bard Mac-Gilleain mu’n adhairc mhoir aige fhein,—
Ciamar bheirinn-s’ thu ’m folais,
’S nach h-fheil boin’ air do chlar?
Bha Cathall Mac-Mhuirich na dheagh bhard. Tha tri de na dain aige an Leabhar Chloinn-Raonuill; marbhrann a rinneadh an 1619, marbhrann a rinneadh an 1636, agus dan molaidh a rinneadh an 1647.
Bha baillidh ann an Cinntail mu ’n bhliadhna 1590 do ’m b’ ainm Domhnull Mac-Rath, —Domhnull Dubh Mac Dhonnachaidh Mhic Fhionnlaidh Dhuibh nam Fiadh. Bha e na dhuine sanntach, cruaidh-chridheach. Chaidh e latha gu taigh Fhearchair Mhic-Rath, Fearchair Mac Iain Oig, agus thug e leis mart agus coire mor copair. Nuair thanig Fearchair dhachaidh ghlac e an gunna ’s dh’ fhalbh e an deigh a bhaillidh. Loisg e air is mharbh e e mar a bha e a dol troimh amhuinn Chonnaig. B’ fheudar do Fhearchair teicheadh. Bha e seachd bliadhna ga fhalach fhein ann an uamha an Coire gorm a bheallaich an Gleann-Lic. Nuair a bha na seachd bliadhna seachad thill e Dhachaidh. So criomag bheag de dh-oran a rinn Fearchair nuair a bha e air theicheadh:—
Chan e direadh a bhruthaich
Dh’ fhag mo shiubhal gun treoir,
No teas ri la greine
Nuair a dh’eireadh i oirnn.
Laigh an sneachd so air m’ fheusaig
Is cha leir dhomh mo bhrog.
’S gann is leir dhomh na’s fhaisge,
Ceann a bhata ’tha ’m dhorn
’Se mo thubhailte m’ osan,
’S e mo chopan mo bhrog.
’Se mo thaigh mor na creagan,
’S e mo dhaingeann gach frog,
Ged a cheannaichinn am buideal.
Chan fhaigh mi cuideachd ni ol.
’S ged a dh’ fhadainn an teine,
Chi fear foille dheth ceo.
A. M. S.
FAICIBH.
Air a bhliadhna so chithear an so litrichean iomadh aon a chuir dearbhadh airMINARDS LINIMENT,agus a fhuair e deanamh feum dhaibh.
C . C. RICHARS, Co.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
[Vol . 3. No. 33. p. 7]
Litir as an Eilean Sgiathanach.
A Mhic-Talla Ionmhninn: —Is tric a chluinneas sinn nach eil fior choimh-sheirm Ghàilig uair sam bith anns a’ Ghàidhealtachd, agus feumaidh mi fhéin a ràdh gu’n d’ fhuair mi sin fior gus an d’ thàinig mi do’n àite so. Bha mi aig cruinneachadh ann am mòran àiteachan, agus cha d’ fhuair mi riamh coimh-sheirm a chòrd cho math rium ’sa chòrd an té a bha againn an so an raoir. Cha robh aon de na h-òrain shuarach Bheurla sin, a tha cho coitchionn am measg nan Gàidheal, air an gabhail ann. Bha òran no dha Beurla air a sheinn, ach b’ òrain a b’ fhiach an t-saothair iad. Bha ’n Lighiche Domhnullach ’sa chathair, agus thàinig a bhana-bhàrd, “Màiri nighean Iain Bhàin,” à Sgeabost a sheinn ann. Rinn an luchd-seinn uile glé mhath, agus gu h-araidh an fheadhain bheaga sin, Alasdairina Chamaran, Màiri Dhomhnullach, Agnes Nic Ascuill, agus Anna Dhomhnullach. Bha e ’cur iongatas air càch cho luath ’sa thàinig a’ choisir Ghàilig air adhart fo theagasg Mhr. Mhic Alasdair, oir cha’n eil ach dà mhios o’n thòisich iad, agus rinn iad fior mhath. An deigh nan òran chuir an sluagh seachad beagan ùine le ruidhlein dannsa, agus faodaidh mi ràdh nach robh dannsan Gàidhealach, agus rinn iad uile moran na b’ fhearr na b’ àbhaist dhomh fhaicinn aig na coinneamhan dùthchasach. Tha uiread de spiorad nam fior Ghàidheal an so an dràsda ’s gu bheil dòchas againn nach bi fada gus an lean àiteachan eile an lorg an àite so le cumail suas na h-uile rud a fhuair chlù d’ an sinnsir. Bha ainm nan òran ’s an luchd-seinn mar a leanas:—
A’ CHEUD PHAIRT.
Oraid Ghàilig, le Màiri nigh’n Iain Bhàin.
Oran, Fàilte Theaghlaich Sgeabort,
Oran, ’Ghruagach Dhonn, A’ Choisir. le Mairi nigh’n Iain Bháin.
Oran, Hi-ri, ho-ro, mo nionag, D. Mac Pharlain.
Oran, Muile nam mor-bheann, Na Sgoilearan.
Oran, Gillean mo rùin, D. Camaran.
Oran Beurla, Banks of Loch Lomond, A. Nic Ascuill.
Oran, Ho ro, mo nigh’n donn bhòidheach, A’ Choisir.
Sgaoileadh nam Milsean.
Port air a’ Phiob, E. Domhnullach.
Oran, Hi ho ro ’s na horo èile, A. Chamaran.
Oran Beurla, Father O’Glyn, A. Mac Alasdair.
Oran, Bruaichean Ghlinn-braoin, A’ Choisir.
Oran, Faill ill o ro faill ill o, D. Domhnullach.
AN DARRA PAIRT.
Port air a’ Phiob, E. Domhnullach.
Oran Beurla, Row well my BoatirNa Sgoilearan.
Oran, Breacan Màiri Uisdean, D. Mac Ascuill.
Oran, Eirich agus tiugainn o, A’ Choisir.
Oran, Hi ri ill ogi ho ro nan, N. Mac Suain.
Sgaoileadh nam Measan.
Oraid Ghàilig, D. Mac Suain.
Oran, Ho i o agus horo éile, U. Cuimeanach.
Oran, Thoir mo shoraidh, Màiri Dhomhnullach.
Oran, Mo chridhe trom, Uilleam Domhnullach.
Oran, Moladh na Lanndaidh, A’ Choisir.
Oran, Fàilte ’Phrionnsa, Eàiri ni’n Iain Bhain.
Oran Beurla, Auld Lang Syne, A. Mac Alasdair.
“Gabhaidh sinn an rathad mòr,” A’ Choisir.
Tha mi cluinntinn gu bheil iad a’ cur rompa band phiobairean a thogail an so, agus o’n tha còig no sia ’phiobairean ann, cha bhiodh e gle dhuilich. sin a dheanamh. A nis cuiridh mi crioch air an litir so le mor dhùrachd agus beannachdan. Is mi do charaid,
CREAG AN FHITHICH.
An t-Aodann Bàn, Diùirinis, 19,1, ’95
LeighsidhMinard ’s LinimentDéideah.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinu bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A, Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN
Taillearachd.
Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnn
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.
[Vol . 3. No. 33. p. 8]
MARBHRANN
do dhaoine chaidh a bhàthadh aig an Eilean Sgiathanach am foghar 1893.
La Iain Mac Coinnich.
Gur muladach mo dhuan an drasd’
Gu innseadh dhuibh mu ’n chrew ud,
A dh’ fhalbh gu slan le bàt’ air sail,
’S nach pill gu brath gu ’n cuideachd.
’S gur h-iomadh mairich’ gleusda, calm’,
A bha air cuan an la ud,
Nach till gu brath a dh’ ionnsuidh’ ait,
’S nach faicear ’chaoidh leis cala.
Gur h-ann air madainn moch Di-haoin’
A dh’ fhalbh na daoin’ ud cuideachd;
Bha ’n cridhe blath ri ’n cairdean graidh,
A’s b’ fhearr le pairt diubh fuireach.
’S e falbh a b’ eiginn doibh ’s an am,
Oir thainig uair an siubhail;
Thagair an Teachdair’ Mor a choir,
’S cha ’n fhaodadh iadsan fuireach.
Cha e a mhain, an cuideachd fein
A dh’ ionndrainneas an sgiob’ ud;
Bi t-Achamhealbhaich ’s iad gu leir
A’ caoidh le cheil nach tig iad.
Gur coir dhomh innseadh dhuibh na ’bh’ innt’—
Bha ’n crew ud uile tapai dh
Bha Ruaraidh coir, mac Aonghais Ruaìdh,
A’s Domhnull calm’ bu mhac da.
Bha Domh’l Munro, mac Al’stair mhoir,
S gu dearbh bu shuairc’ an gil’ e;
’S Ruaraidh Macleoid, aon mhac a’s treoir
Na dachaidh gu ’s nach tig e.
’Nuair thog i curs’ bha ’n fhairge ciuin,
Is bha ’n ar suil ri ’m pilleadh;
An oidhch ’s an stoirm ’nuair thainig dluth
Beo cha robh duil ri ’n tilleadh.
Bha ’m bata mor, ’s i treun gu leoir,
Gun bheud gun chron gun ghaiseag;
Cha b’ e an cuan a rinn a leon,
Ach tir an-iochdmhor chreagach.
An t-eilean Sgiathanach mu thuath
Nochd caoimhneas mor ’s a chruaidh-chas;
A siubhal traigh a dh’ oidhch’ ’s a la,
’S na cuirp ac’ uile fhuair iad.
Is thug iad chum an tighean iad,
A’s chuir an sin orr’ ordugh,
Le cisteachan a’s anart grinn,
Rinn iad gach ni gu doigheil.
Do thionail iad gu h-eireachdail,
’S a chostuis aiseig phaidh;
S na mairbh gu h-uasal chuireadh leo,
A null gu ’n cairdean gràidh.
’Nuair chaidh an toirt thar bord ’s an oidhch’,
Gun adhlaceadh ’s an Inbhear,
Bha sean a’s og a’ gal ’s a’ bron
’S bu chruaidh a bhi g’ an cluinntinn.
Do thugadh chum na h-uireach iad,
Le lochairean ’toirt soluis;
Bu chruaidh an t-snaimn ga’n cuir fo’n fhoid,
An sin luidh iad-san cuideachd.
’S e ghuidhinn oirbh a dhaoine coir,
Sibh ’chuimhneachdain an cuideachd,
A dh’ fhagadh bochd, san leon co mor,
’S gun chuid ac’ chum am furtachd.
O! sibhse uil’ a chual an sgeul,
Tha so as ur dhuibh rabhadh,
Gum fhios co ’n uair a thig nar gairm
Bhi deas gu dol ’na choinneimh.
LeighsidhMinard ’s LinimentCràdh.
LeighsidhMinard ’s LinimentCrup.
C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.
Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.
A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.
Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.
Call and Examine Stock.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Soithichean Creadha agus Glaine.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh
Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B
Feb.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
title | Issue 33 |
internal date | 1895.0 |
display date | 1895 |
publication date | 1895 |
level | |
reference template | Mac-Talla III No. 33. %p |
parent text | Volume 3 |