[265]

[Vol . 3. No. 34. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B. DI-SATHAIRNE, FEBRUARIDH 23, 1895. No. 34.


Litir a New Zealand.

Bha mileughadh ann am paipearan Albannach mum faca mi MAC-TALLA, cliù mor air a thoirt da air son a bhi cho glan, gun truailleadh sam bith le Beurla. Gabhaidh sibh mo leisgeal ma their mi, le dùrachd mhath, nach eil sibh a cumail ris a sin mar bu chòir. Ann am paipear an 27mh. la de mhios an Damhair(October), dhainmicheadh Kempt Head, an uair bu chòir a chantuinn risCeanna Camp,” àite agus ainm a baithne dhuinn gu math. Agus tha cuid de dhainmeannan eile air an cur sios anns a phaipear air an aon doigh. Bu choir dhan luchd-sgriobhaidh a bhi faiceallach nach dean iad a leithid de mhearachd a rithist.

Tha na caoraich a nis air an rùsgadh, agus tha chloimhga reic air àrd-fhéillean a tha air an cumail air lathaichean sonraichte. Tha cheud fhéill seachad, agus tha tri eile ri bhi air an cumail, bho àm gu àm. Cha robh a phris cho math air abhliadhna so. ’Nuair thug iad a chis bhar na cloimhe anns na Stàitean, bha luchd nan caorach an dùil gum bitheadh a phris na bfhearr, ach an àite sin, ’s ann a bha i mu sgillinn am punnd na bisle. Thainig droch naigheachd à Lunnuinn air latha na féille. Chaidh a leughadh don luchd-ceannach, agus thuit pris na cloimhe. Ma bha gus nach robh am fios ceart, bha e na mheadhon air aphris a bhi cho iosal.

Tha moran sluaigh a falbh as an dùthaich so, feadhainn eadhon á Waipu, ’sa dol gu Coolgardie a shireadh òir. Than t-àite sin ann an Astralian ear, agus mu thri cheuds fichead mile bho bhaile-mor Pheart. Tha cheud earainn, ceud us ceithir fichead milena rathad-iaruinn, eadar Peart agus baile Deas-Chrois. Tha iadan sin ceud agus fichead mile bhon ceann-uidhe. Bidh an sluagh agabhail an coise, agus a h-uile doigh-shiubhail eile, a reir an cothroim air a chuid sin dhen t-slighe. Tha moran chàmhal air an rathad mhor so, a giulan bathair agus luchd-turuis, agus ioma rud eile. Tha na beothaichean so glé fhreagarrach air dùthaich theth agus gann de dhuisge mar a tha Astralia. Than rathad gu Coolgardie adol troimh fhàsach gainmhich, anns a bheil meran de cheagan garbha, agus tha e glé dhuilich a choiseachd. Bidh an luchd-turuis a fulang ana-cothrom mòr le teas na gréine agus gainnead an uisge. Tha àitean an cois an rathaid ris an can iadàitean fliucha;” ’se sin pollagan aig bonna creag far am bi uisge na speur a laidhe. Théid an t-uisge so a thogail gu cùramach; cha mhor nach fàisg iad an talamh gus gach driùchd a bhios ann a thoirt as. ’S fior an sean-fhacal a thag ràdh, “ ’S math gach fliuch air a phathadh.” Tha deoch den uisge an sud sia sgillinn, agusnuair a thachras càirdean ri chéile an tigh-òsda, an àite drama dhen deoch làidirse ghabhas iad an t-uisge. Tha mèinnean gle bheairteach anns an àite; tha òr glé phailt anns na clachan, ach tha e gle dhoirbh a thoirt asda. Cha dean daoine bochda feum sam bith ann, agus chan eil aca ach tighinn air an ais mas urrainn daibh. “Tha iteagan briagh air a h-eòin tha fad as.”

Tha craobh anns an dùthaich so a tha anabarrach briagha mun àm so dhen bhliadhna. Tha in dràsda fo bhlàth, a h-uile mir dhith gu lasrach dearg, agus a cur sealladh neo-chumanta greadhnach dhith. Bha i fo bhlàthnuair thàinig a cheud sluagh don dùthaich, mu àm na Nollaig, agus thug iad mar ainm oirreblàth-Nollaig.” Tha i afàs an cois a chladaich an measg chreagan, us eile, le geugan mòra, fada, farsuinn, làn de chromagan a tha ro mhath air son togail shoithichean.

IAIN ROTHACH.


LeighsidhMinard ’s LinimentCràdh.


Bha iad Goirt.

Bha madadh-ruadh ann roimhe, agus air dha a bhifalbh an fhàsaich air latha tiorram teth, dh-fhàs e ro phàiteachs cha robh uisge no ni air bith eile ann a chaisgeadh iota. Mu dheireadh de chunnuic e ach craobh fhion-dhearcan. Bha na fion-dhearcan ro bhriagha, na h-uile aon diubh abuich, agus iad cho lionmhors gun romh iad a lùbadh barraibh nam meangan. Arsan sionnach, “ ’S ann domh a rug an cat an cuilean; nath ann an sin de fhion-dhearcan, gach aon diubh cho maiseachs cho làn; ’s iad a chaisgeas mo thart,” agus an so thug e leum suas ris achraoibh an dùil gum biodh làn a chraois aige tighinn air ais. Ach leibeidean, cha dfhuair rm bainne; —cha ruigeadh e leth na slighe gus na fion-dhearcan. Leim e, ’s leim e, ach ged a bhitheadh e aleum fhathasd cha deanadh e tùrn. Mu dheireadh dhfhalbh e, agus, arsesan. “Tha mi coma dhe na fion-dhearcan, —tha iad goirt!”


Bha fear ann an àite ris an abradh iadIain mor nam madadh,” air son cho feumails a bha e air faotainn chon do na tuathanaich feadh an eilein. Bha ena dhtine làidir geur-fhoclach; caoin-shuarach mu dhol an dàil nisam bith. Bha ecoiseachd na tràigh-moire aon oidhches e air mhisg, agus gun a bhi toirt fainear abhoghabhair an tràighbhan a inntinn gun leanadh esan dìreach air aghaidh co dhiubh a rachadh e troimh oir na fairge no nach rachadh. Air dha leantuinn dìreach air aghaidh bha e mach mu dheireadh ann am briseadh nan tonn. Mar a bha mach gu maths efaicinn tuinn mhoir atighinn, ghlaodh e gu h-éiginneach, “A Dhia, cuidich leam!” Mar a chaidh an tonn seachad gun Iain a chur far a chas thuirt e gu caoin-shuarach‘ “O cha ruig thu leas, ni mi fhé a chùis.”


LeighsidhMinard ’s LinimentLòinidh.



[266]

[Vol . 3. No. 34. p. 2]

TAIGH NA COILLE.

LE IAIN.

CAIB IV.

Is anabarrach comharraichte mar a chumas an sluagh cuimhne cho fad air nithean nach do chuir riamh dragh orra fhéin. Tha so gu sònraichte fior a thaobh na h-aimhreit a bha eadar Alba agus Sasunns an àm a dhfhalbh. Is cuimhne leinn gu léir a bhithcluinntinn mòran anns na bliadhnachan a dhfhalbh mu thimchioll an treubhantais agus nan euchdan a rinn Uallas agus Brus, an uair a bha righrean Shasuinn ag oidhirpeachadh air Albathoirt fo chìs. Ged nach dfhuair Sasunn lamh an uachdar air Alba, gidheadh chum sluagh na h-Alba, gu sonraichte sluagh a bhuineas do thaobh tuath na h-Alba, air chuimhne an aimhreit a bheadar an da rìoghachd, anabarrach fada. Gus an lathan diugh tha mòran de na Gàidheil asmaointean nacheil truas, no blàths, no caranas, no caoimhneas rifhaotainn ann am measg na h-àireamh as de na Sasunnaich. Chaneil iad atoirt fa near gun dthàinig atharrachadh mòr air sluagh gach rìoghachd on a sguir an t-srìths an aimhreit a bheatorra. Cha mhò a tha iad atoirt fa near gu faod mòran de shluagh gach rìoghachd a bhith caoimhneil, càirdeil, tlachdmhor anns gach dòigh, eadhon am feadh a bhios iad deas gu dhol a chogadh ri cinneach sam bith a chuireas dragh orra.

Ged a bhan àireamh bu mhò den tuath a bhair oighreachd Cheann Locha anabarrach toilichte gu robh an t-uachdaran gu pòsadh an ùine gun bhith fada, bha cuid dhiubh ann an teagamh nach deanadh bann-Sasunnach bean fhreagarrach dha idir. Cha robh a bheag a dheòlas aca air na Sasunnaich, agus o nach cuala iad a bhi labhairt mòran math umpa riamh, cha robh aca ach fìor dhroch bharail orra. Bhan àireamh bu mhò den tuath bhig riaraichte gu leor le mar a bha cùisean air thuar a bhith, oir bha barail cho math aca air gliocas agus tuigse an uachdarains nach creideadh iad gun deanadh e ni sam bith ach ni a bhiodh glic agus ceart. Bha aon is aon de na tuathanaich mhòra nach aidicheadh idir gum bu ghnothach glic don uachdaran bean a thoirt á Sasunn. Fhads a gheibheadh fear bean a fhreagradh air ann an Alba cha robh iad afaicinn car son a rachadh e ni bfhaide air falbh a dhiarraidh mna. Chaneil e coltach gun cuala iad riamh an sean-fhacal a thag radh, nacheil dùthchas aig mnaoi no aig ministear.

Bha aon taigh air an oighreachd anns an robh mòran air a ràdh mu thimchioll pòsadh an uachdarain. Ben taigh so, taigh Fir Bhaile-chnuic. Be Baile-chnuic am baile fearainn bu mhò a bhair an oighreachd gu léir, agus bha Fear abhaile agus a theaghlachg am meas fhéin anabarrach àrd os cionn achumanta. Thainig e fhéin agus a bhean o na tuathanaich cho mòrs cho measails a bhanns an dùthaich, agus mar is minic a thachair, bha iad an dùil nach robh an leithidean fhein rim faotainn air taobh tuath na h-Alba. Bha sianar de theaghlach acatriuir mhac agus triuir nighean. Bhan teaghlach gu léir cho maiseach ri teaghlach a gheibhteadh ach ainneamh ann an àite sam bith. Bha aon de na nigheanan anabarrach tlachdmhor anns gach dòigh. Ann am bodhaig, bha i àrd, dìreach, deas, dealbhach; bha i banail, ciùin, sìobhaltana nàdur; agus bha i tùrail, tuigseach, geur-chuiseachna h-inntinn. Bha i bliadhnachan ann an Dùnéidionn, far an dfhuair i sgoil is ionnsachadh cho math ri nighean tuathanaich a bhas an taobh tuath. Mar a bha nàdurra gu leòr, bha moit mhòr air a h-athairs air a màthair mudéidheinn, agus bha iad adeanamh tuilleadhs achòir dhith. Bhiodh an t-uachdaran ataghal gu math tric anns an taigh, agus bhiodh e amoladh na h-ighinn, agus ag ràdh, gu robh moit air fhéin air son a leithid a bhith air an oighreachd aige.

Bhuail e anns acheann aig a màthair gur ann a bhan t-uachdaran asmaointean an nighean a phòsadh. Aon uairs gun dfhuair am beachd so gréim air a h-inntinn dhfhàs i ni bu mhòs ni bu mhò aisde fhéin na bha i riamh. Thòisich i ri amharc sìos air na tuathanaich eile a bhair an oighreachd. Mu dheireadh is gann a baill leatha taghal ann an taigh aoin de na taighean aca. Neo-ar-thaing nach robh i caoimhneil ris an t-sluagh a bha ann an suidheachadh ni bìsle na i fhéin. Bha fios aice gu robh an t-uachdaran anabarrach caoimhneil ris na daoine bochda, agus bha ismaointean gum biodh meas a bharrachd aige oirre fhéins air a teaghlach air son a bhithnochdadh caoimhneis do na doine bochda. Chaneil teagamh sam bith nach robh meas aige oirre air a shon so; ach cha do smaoinich e riamh air an nighinn a phòsadh. Bha e ag amharc roimhe ni bfhearr na sin. Bha fios aige gu feumadh e, nam pòsadh e gu bràth, fhaotainn a bhiodh anns an aon inbhe ris fhéin. Aig an àm ud bha daoine ann am beachd nach bu chòir a dhfhear sam bith a phosadh ach a bhiodh ann an inbhe cho ard ris fhéin, no bàirde. Air an làimh eile, chan fhaiceadh iad idir cearr do mhnaoi fear a phòsadh a bhiodh ann an inbhe ni bìsle na i fhéin. On a dhfhaodadh am fear a dhol a dhiarraidh mnà, theirteadh gum bu chòir dha amharc ri a bhiodh ni báirde na e fhéin; ach on a dhfheumadh abhean feitheamh gus an tigeadh fear ga h-iarraidh, chan fhaicteadh cearr dhi ged a phòsadh i fear nach bitheadh anns gach dòigh cho fior mhath rithe fhéin. Feumar a thoirt fa near, gu robh daoine aig an àm ud atoirmeasg a dhfhear phòsadh a bhiodh cleachdte mum pòsadh i ri biadhs ri aodach nach burrainn a bhith aice an déigh dhi pòsadh. Tuigidh neach sam bith so on t-sean-fhacal a leanas:— “Na toir bean á tigh mòrs na toir á gràisich.” Bha an sean-fhacal so afreagairt air an tuathanach bheag gu sònraichte; agus a réir mar a bha e air a ghnàthachadh am measg dhaoine, is e bu bhrigh dha, nach bu ghliocas do thuathanach beag a phòsadh bhiodh ùine mhathna searbhanta ann an taigh tuathanaich mhoir, do bhrìgh gum biodh i cleachdaidh ri biadhs ri ròics ri sgaireap nach freagradh ann an taigh tuthanaich bhig. Bhan t-uachdaran mion-eòlach air gach beul-aithris agus bha etoirt fa near gu robh gliocas agus tuigse air am filleadh a steach annta gu léir.

Bha doctair òg anns an àite a bha glé sgileil agus glé fhoghluimte. Bha ena dhuine àrd, deas, dreachmhor. Bha e mar an ceudna anabarrach tlachdmhor cuideachdailna chòmhradh. Anns an àm ud bha iomadh fear dhe na doctairean air feadh na Gàidhealtachd afaotainn am pàigheidh mar nacheil doctairean aig an àm so. Bhan tuath gu lèir atoirt sùim àraidh dhaibh a h-uile bliadhna, agus dhfheumadh iad frithealadh air gach neach a bhiodh tinn, ged a bann



[267]

[Vol . 3. No. 34. p. 3]

air dubh amheadhon oidhche a chuirteadh fios orra. Mar so, cha robh cearn den dùthaich anns nach feumadh iad a bhith gu math tric. Ged a bhan tuath gu léir glé chaoimhneil ris gach neach a thaghladh orra, bhiodh iad iomadh uair neo-chomasach air nithean freagarrach a chur air bòrd fa chomhair duinuasail mar a bhan doctair. Chan e nach cuireadh esan suas car latha le biadh glan sam bith a chuireadh na daoinena thairgse; oir cha robh pròis no meud mhòr sam bith ann. Mar bu trice bann an taighean nan tuathanach mòra a bhiodh egabhail gréim bidh an àm dha bhithfrithealadh do na daoine tinne am measg na tuatha. Cha robh taigh tuathanaich air an oighreachd gu léir anns am bu trice bhiodh ecur seachad pairt de ùine na ann an taigh Fir Bhaile-chnuic. Bha fios aige gum be bheathadhol ann aig àm sam bith. Ach cha bann idìr air son na dhitheadhs na dhòladh e a bha e cho trice adol ann, ach a chionn gum bu toigh leis a bhith car ùine ann an cuideachd dhaoine òga mar a bha e fhéin. Feumar a ràdh, ged nach robh e fhéin deonach achùis aideachadh aon chuid dha fhein no do neach eile, gu robh tlachd nach bu bheag aige don mhaighdinn òig, mhaisich a bhanns an taigh. Cha chuireadh so ioghnadh sam bith air aon neach dom baithne i.

Air feasgar àraidh mun àm an cualas gu robh an t-uachdaran gus bann-Sasunnach a phòsadh, thugadh iomradh air achùis an uair a bha iadnan suidhe aig an dinneir. Thuirt bean an taighe nach robh i fhéin a muigh nomach ag aontachadh gum bu ghnothach glic a dhfhear bean a phòsadh, mur robh eòlas aice air dòìghean agus air cleachdaidhean na dùthcha anns an robh i gu bhithcaitheamh a beatha. Thuirt a h-uile dhecuid nighean, gum be sid am beachd fhein air achùis cuideachd. Ged a bhan doctair a dhatharrachadh beachd bu leasg leis teannadh ri curnan aghaidh nan taigh fhéin; mar sin cha do ghabh e mòr-shùim den chòmhradh anns acheud dol a mach. Mu dheireadh, an uair a chunnaic e gu robh abhann-Sasunnnach air thuar a bhith air a diteadhs gun i fhein an làthair, sheas e gu duineil air a taobh. Thuirt e gun do chuir e seachad bliadhna dheùine ann an Sasunn, agus gun dthug e an aire gu robh na Sasunnaich mar bu trice cho tùrails cho tuigseach, cho caoimhneils cho càirdeil, ri daoine a thachair riamh ris. Thuirt e mar an ceudna, gu robh e cinnteach nach tugadh an t-uachdaran bean à Sasunn mur biodh e cinnteach gu freagradh i air. Dhaontaich fear an taighe leis, agus mar sin bha na bha mun bhòrd air an roinn an aghaidh a chéile.

(Ri leantuinn.)


An t-Urr. Iain Mac Thamhais, D. D.

Tha cuid de dluchd-leughaidh aig am beil cuimhne mhath air an Urr. Iain Mac Thamhais(Rev. John Mc-Tavish)a bha àireamh mhòr bhliadhnachan a saothrachadh mar mhinisteir ann an Canada. Tha e nis ann am baile Inbhirnis, an Alba, agus, air Desember a chaidh, bha Inbili a mhinistreileachd air a choimhead anns a bhaile sin. Bha Mr. Mac Thamhais air chuairt an eilean a Phrionnsa mu thimchioll fichead bliadhnair ais. Shearmonaich e ann an caochladh àitean den eilean so, agus bha mòr bhuaidh aig a theagasg a measg an t-sluaigh, gu h-àraidh ann a Valleyfield agus anns na h-Eileanan Coille.

ThaFianuisna h-Eaglais Shaoire an Albatoirt iomradh ath-ghearr air beatha Mhr. Mhic Thamhais. Rugadh e an Diùrasa bhliadhna 1816. Is mac e don Urr. Gilleasbuig Mac Thamhais Chilldaltain an Ile, sgireachd a tha ainmeil ann an eachdraidh na Gàidhealtachd. Buinidh ethaobh a mhàthar don Urr. Seumas Stiùbhart, Chillinn, a dheadar-theangaich an Tionnadh Nuadh Greigeis gu Gàiligsa bhlaadhna 1767. Bha Mac T. bleadhna a dhaois atighinn do chilldaltain. Anns an sgireachd so tha làrach aosda Caisteil Dhùn Naomhaig ri fhaicinn gus an lathan diugh. Be so prìomh dhaingneach Mhic Dhòmhnuill nan Eilean anns na linntein a dhfhalbh. Bhan Dùn so air a sgrios le Iain Fear Caimbealach Chaladair, ’ia bhliadhna 1631. Chaidh Mr. Mac Thamhais do oilthigh Ghlaschunuair bha e trì bliadhna deug a dhaois, agus nuair bha e da bhliadhna thar fhichead thug Cléir Ileus Dhiura cead searmonachaidh dha. Aig am an dealachaidh, an 1843, roghnaich e tighinn a mach leis an Eaglais Shaoir. Anns abhliadhna 1845 chuireadh e air chuairt do Chanada a dhaingneachadh na h-Eaglais, agus an deigh a bhi fad sheachd miosan a siubhal agus a searmonachadh tren dùthaich fharsuinn so, thill e dhachaidh. Ach mu chuairt air ochd bliadhna an deigh sin dhfhàg e tir a bhreith us àraichs thainig e a dhfhuireach do Ontario far an dfhuair e raoin fharsuinn gu saoithreachadh innte. Anns a bhliadhna 1859 thug e sgriob do Mhanitoba far an robh àireamh mhòr de Ghàidheil à Dùthaich Mhic Aoidh agabhail còmhnuidh. Chuireadh a mach iad don àite iomallach sin leis a Mhorair Selkirk mun bhliadhna 1819. Cha robh e na ni farasda dhol air thuras do Mhanitoba aig an àm ud. Bha Mr. Mac T. fhd laithean deug air an rathad, “acadals an oidhche ann an tent, le a ghunna làimh ris.” Shaothraich e fad tri seachduinean a measg a luchd dùthchas a chearn ud, ni bha na riarachadh mor don t-sluagh bhochd a bha air an dùnadh a mach on chuid eile den t-saoghal. Anns a bhliadhna 1887 fhuair en onair D. D. o dha oil-thig Phresbiterianachan Canada. Dhfhàg e Canada o chionn bliadhna deug agus dhruid e ri gairm a Inbhirnis far a bheil e fathast e saoithreachadh.

Bha sluagh mor cruinn ann an Talla a bhaile air a 4mh latha de Dhesember a dhfhalbh, gu onair a chur air an Dotair aig ceann an leth-cheud bliadhna demhinistrealachd. Bha sporan airgid air a chur na làimh anns an robh fichead pùund Sasunnach. Bha mar an ceudna òraidean fileanta air an liubhairt agus litrichean-molaidh air an leughadh o Chléireans o cho’ -thionalan araon an Albas an Canada.

Than Dr. Mcc Thamhais fathasd làidir fallain, ged tha e dlùth air a cheithir fichead, agus comasach air obair gu math na cho’ -thional fhéin ann an priomh-bhaile na Gàidhealtachd.

C. C.


Geinn dheth fhéin a sgoilteas an darach.
Na abair ach beag, ’s abair gu math e.
Na cuir do spàinan càl nach buin dhuit.
Millidh bo buaile, ’s buairidh bean baile.
Chan eil àitem bi meall nach bi fasgadh mubhon
Chan e na chosnar ni saibhir ach na chaomhnar.



[268]

[Vol . 3. No. 34. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J .G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney Cape Breton.


SIDNI, FEBRUARIDH 23, 1895

Tha fuachd gàbhaidh aca anns an Roinn-Eorpa. Chaidh tri duine fichead a dhìth leis an fhuachd ann an ceàrna de Austria eadar Di-domhnaichs Di-ciaduin sa chaidh. Cha robh leithidsan dùthaich sin o chionn fada.

Faodaidh sinn a ràdh air son fiosrachadh na muinntir sin lem bàil litir no ni dhen t-seòrsa sin a chur anns aMHAC-TALLA, gu feum ainm an fhir a sgriobhas i a bhi ris gach litir. Tha sinn ag iarraidh so, chan ann gus an t-ainm a chlò-bhualadh, ach air son fios a bhi againn bhuaithe tha i, agus mur bi sin againn, cha chùram gun téid litir no óran no ni sam bith eile an clò.

Tha cogadh Shina us Iapan adol air adhart, agus Iapan a sior bhuannachadh. Thug a h-armailtean a mach daingneach làidir air cladach Shina o chionn ghoirid, ann an àite ris an canar Wei Hai Wei. Ghlac iad gach gearasdan us soitheach-cogaidh us eile a bhaig na Sineich a dion a phuirt. ’N uair a chuala Iompaire Shina gun dthug an t-arm aige suas, dhorduich e gum biodh na ceannardan uile air an cur gu bàs; ma chaidh gus nach deachaidh sin a dheanamh cha chuala sinn.


NA SEAN-FHACAIL.

AIR GHLAINEAD AN TOBAIR, BIDH SALACHAR ANN.”

Cnaneil neach sam bith coimhlionta. Chaneil neach sam bith cho glics nach dean e iomadh car gòrach, mar a rinn Solamh, ged is é an duine bu ghlice a bha nobhitheas air an t-saoghal. Ged bu chiùin Maois, nochd e uair is uair gu robh beagan den chaisena nàdur. Ged bu laidir, treun Samson, chaill e a neart car ùine, a chionn nach do sheachain e an t-olc. Ged bu mhòr foighidinn Iob, thug trioblaidean troma an t-saoghail airfhoighidinn a chall car ùine. Tha so agus mòran eile a dhfhaodamaid ainmeachadh acomharrachadh a mach dhuinn, nach ruig sinn a leis uaill a dheanamh as ar mathas. Chaneil neach math ann ach a h-aon, eadhon Dia.

AIR MHEUDS A THEIR NA SLOIGH, CHA GHLOIR A DHEARBHAS ACH GNIOMH.”

Anns gach linn, agus am measg gach sluaigh, bha agus tha daoine a dheanadh feum mòr, nan deanadh bruidhinn e. Tha iad làidir gu leòr gus an cuirear deuchainn orra; tha iad fialaidh gu leòr, mur iarrar dad orra: tha iad fòghluimte gu leòr gus an ceasnaichear iad. An uair a shuidheas iad air creig anns achladach, is ann dhaibh is fhearr is aithne seòladaireachd a dheanamh na do na fir a tha gu dìchiollach afeuchainn ris abhàta a thoirt a steach don acarsaid. Nam faigheadh iad an cothrom, dheanadh iad am fortan saoghalta ann an aon bhliadhna. Chuireadh iad ceart a h-uile ni a tha cearr anns an rìoghachd, nan robh iad ariaghladh. A dhaon fhacal, dheanadh iad a h-uile ni anabarrach mathach na nithean a tha iad adheanamh. Mar is trice, chan fhaicear abheag a dhobair mhath sam bith an déigh saothair nan daoine briathrach so.

AIR SON MO CHUID-SA DEN GHRAN, LEIGIDH MI AN ATHANA TEINE.”

Is e duine truagh, féineil a labhair na briathran so. Tha mòran dhaoine ann a tha cearta coma ged a thigeadh call mór air daoine eile, mur tig abheag de chall orra fhéin.

AITEAMH NA GAOITHETUATH AIR AN T-SNEACHDATUILLEADH A CHURNA CHEANN.”

Is e gnè na gaoithetuath a bhith fuar aig gach àm. Gedthigeadh aghaoth a tuathsan iuchar bidh am fuachd na fochar. Tha iomadh neach ann a dhfhàgas gach obair anns an cuir e a lámh moran nis miosa na fhuair e i.
IAIN.


CUIMHNICH!
gu bheil aghainn
Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh
dhe gach seorsa, agusga reic air
PRISEIN IOSAL.
JOST BROS.
Sidni, C. B., Feb. 1, ’95.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[269]

[Vol . 3. No. 34. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Chaidh còig ceud dolair a chosg air an rathad-iaruinn eadar Sidni us Cow Bay, acur an t-sneachda dheth an deigh na stoirme.

Tha Sàcramaid na Suipeir ri bhi air a frithealadh an eaglais an aiseig am Mira am màireach. Than t-Urr. Mr. Calder ri bhi air a chuideachadh leis an Urr. D. Sutharlan, á Gabarus.

Than latha afàs gu math fada. Cha mhor nach aithnichear na thadol ris na h-uile latha. Bidh an latha mu dheireadh dhen mhios so uair us deich mionaidean nas fhaide na bha cheud latha.

Tha na ròìdean glé dhona air feadh na dùthcha an dràsda. Ann an iomadh àite chan fhaighear ach gann falbh orra idir. Tha na tuathanaich mar sìn air an glasadh aig an tigh, agus tha sin acumail malairt anns na bailtean car marbh. Than dùthaich glé fheumach air uisge.

Ghearr fear Ruairidh Mac Aonghais, tuathanach a mhuinntir Eilean a Phrionnsa, a chas latha-eigin air an t-seachdain sa chaidh, ’s egearradh connaidh anns a choille. ’N uair a fhuaireadh e, cha mhòr nach robh e air tràghadh, agus bha e ùine mhòr gun tighn thuige fhéin.

Chaidh duinòg, Eideard Brenton, a mharbhadh ann am muileann-sàbhaidh faisg air Truro, air an t-seachdain sa chaidh. Bhadha chois air an gearradh dheth, agus bha a chorp air a mhilleadh gu dona. Baon mac bantraich e, agus cha robh dòigh tighinn beò aice ach a chosnadh-san.

Cha robh réis each ann Di-màirt idir mar a bha daoinen dùil. Bhan deigh air a còmhdach le sneachda air chors nach burraiun daibh réis a chur. Mur tig uisge a dhaithghearr a leaghas an sneachda, tha iad a cur rompa rathad a réiteach air an deigh, agus bidhn réis aca air an ath sheachdain.

S duilich an duinethoileachadh. Mu mheadhon a mhios sa chaidh, bhan aon fhacal am beul gach fir, “ ’S bochd nach tigeadh tuilleadh sneachda.” Thàinig an sneachda, agus an diugh cha chluinnear ach daoineguidhe gun tigeadh aiteamh a bheireadh air falbh meall dhen t-sneachda.

Chaochail seann duine dom bainm Godfrey Worth ann an New Brunswick air an t-seachdain sa chaidh a bha ceud bliadhnasa seachd a dhaois. Bu sheann saighdear e; bha e anns a chogadh a bheadar Breatuinns na Stàiteansa bhliadhna 1812. Bha e tarruinn peinsean o chionn ioma bliadhna. Chan eil teagamh nach be an duine bu shinebhanns an dùthaich.

O chionn da sheachdain, dhfhàg seana bhean dom bainm Mòr Robestan, a dachaidh faisg air Charlottetown, E. P. I., gus a dhol gu tigh coimhearsnaich. Cha do thill inuair o bha dùil rithe, agus shaoil càch gur ann a dhfhuirich i gus am biodh an stoirm seachad. An ceann chòig latha, chaidh iadga h-iarraidh, agus fhuair iad a corp anns an t-sneachda, faisg air an tigh.

Chuir fear Frank Forost, ann an Lowell, Mass., geall gun òladh e de dhuisge beatha phàigheadh fear eile air a shon, agus an deigh dha tri gloineachan deuga òl, thuit e marbh.

Rinn na stoirmeannan a bhann air amhios so call mòr air a mhuir. Bha soithichean air an call, agus bha feadhain eile air am milleadhs air an cumail air ais gu mòr. Rainig soitheach-smùide Frangach baile New York air an t-seachdaìn sa chaidh, ’s i còrr us seachcain air deireadh air an àm a bha dùil rithe.

Tha luchd-riaghlaidh a bhaile a bruidhinn air còig mile fichead dolair ( $25 ,000) a ghabhail an iasad air son an obair-uisge chriochnachadh, seann ainbhfhiach a phàigheadh, agus cabhsairean cearta chur ris na sràidean. Tha coinneamh gu bhi aca Di-ciaduin sa tighinn, agus gheobh a h-uile h-aon a tha pàigheadh cìsesa bhaile, cothrom air a ràdh co-dhiù théid no nach téid iad air adhart leis.

Co is urrainn an t-óran ris an canarMeirleach nam maraga chur gar n-ionnsuidh. Bha e air a chlò-bhualadh anns aPhictou Newso chionn beagan bhliadhnaichean. Tha etòisoachadh mar so:—

An dfhidir, an dfhairich, non cuala sibh.
Co em fear giobarlach, suarach ud,
Thug leis mo chuid ime,
S mo mharagan milis,
S gach ubhal us iomall a fhuair e leis.”

Bidh sinn an comain neach sam bith a chuireas an t-òran gar n-ionnsuidh.


Chaidh gille beag dom bainm Francis Baker, a mharbhadh ann an Eilean a Phrionnsa an roimhe, le each a dhol thairis air. Bha e fhéin us treud de ghillean eile aspéileadh (coasting) air taobh cnoic le sleigheachan beaga, agus thainig triùir dhaoine le eich us sleigheachan an rathad. Chaidh dhe na sleighaachan fo chasan fear de na h-eich, agus leis an eagal a ghabh e thug e cruinn-leum air adharts air muin fear dhe na gillean. Bhuail esa cheann e, agus leòn e e cho donas nach robh e beò ach gu maduinn an ath latha.


POSAIDHEAN.

Aig Sidni, air an 12 la den mhios so, leis an Urr. I. F. Forbes, Iain Mac Fhionghain, us Mairi A. Dhomhnullach, le chéile aSalmon River.

Air Feb. 19mh la, leis an Urr. U. R. Calder, Aonghas Moireastan us Bessie Mhoireastan.


BAIS.

AigKennington Cove, Bantrach Uisdein Wilsoin, 88 bliadhna dhaois. Rugadh i ann an Uidhist a chuin a Deas, agus thainig i don dùthaich sosa bhliadhna 1842. Dhfhàg i ceathar mhac us aon nighean, fear de na micsan t-seann dùthaich. ’Se Nic-Phéitiris a bhinnte mun do phòs i.


LeighsidhMinard ’s LinimentCrup.


DUAISEAN

dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra don MHAC-TALLA eadar so us BliadhnUr. Bheir sinn don neach a gheibh an àireamh as a cheud duais, an neach as fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach as fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas.

I. Caraid nan Gaidheal.
II. Sàr-obair nam Bàrd.
III. Foclair GàiligIc Ailpein.

Bldh iad againn ron bhliadhnuir, ’s bidh iad air an cur gan ionnsuidh-san a choisinn iad cho luathsa bhios fhios againn iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn don phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan as fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn fèin nach bi athreachas sam bith or air son na rinn iad gus càirdean MHIC TALLA chur an sionmhòrachd.


Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires air son gach àm eile dhen bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.

Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich



[270]

[Vol . 3. No. 34. p. 6]

Na Baird Ghaidhealach bho 1645 gu 1725.

Bha moran de bhairds de bhana-bhaird ainmeil an Albinn eadar 1645 agus 1725. ’Nam measg bha an fheadhainn a leanas: —Eachann Breach, Diorbhail Nic-a- Bhrierthainn, an Ciaran Mabach, Iain Lom, Niall Mac-Mhuirich, Bard Mhic- ’Ic-Iain, an Clarsair Dall, Iain Mac Ailain, Iain Dubh mac Iain mhìc Ailain, Sile na Ceapich, Catriona Nic-Gilleain, Tormaid Ban Mac Leoid, am Piobaire Dall, am Bard Mac-Mhathain, an Aigeannach, Mairearad Nighean Lachinn, agus an Ceistear Crubach.

Tha e air a radh, ’nuair a bha Clann-Ghilleain a deanamh deas gu dhol gu blar Inbhircheitein, gun danig bean as an Ros Mhuileach le seachdnar mhac gu fear Ghrulain. Cait, ars esan, an dfhag thu Niall Buidhe? Fhreagair i gun dfhag i aig an taigh e, air gun robh ismaointinn gun dearndh seachdnar an gnothach. Thoir dhachaidh an t-seachdar, arsa fear Ghrulain, agus cuir Niall Buidhe an so. Thanig Niall Buidhe, a bha na dhuine anabarrach foghainteach agus dhfhalbh e fein sa sheachd braithrean a chum a bhlair. Thuit iad uile ann an Inbhircheitein ach Eachann. Be so Eachann Bacach am bard. ’S ann an Inbhircheitein a fhuair e na leoin a dhfhag bacach e.

Tha oran an Sar Obair nam Bard le Eachann Bacach a tha toiseachadh mar so:—

A Lachinn Oig gun innsinn ort
Sgeul as binn ri aireamh,
Nis on rinn e craobh-sgaoileadh
S na bheil an taobh so dh-fhairge.
Tha thu lan de dh-fhinealtachd,
Cho cearts a dhinnseas seanachas;
S gur macan garg da-rireamh thu
An am dol sios an garbh-chath.

Cha bann do Lachinn Mor Dhubhairt a chaidh an t-oran so a dheanamh, ach don Lachinn sin a chog fo Mhontros, ogha Lachinn Mhoir. Tham facal macan a ciallachadh gaisgeach. An aite macan garg no gaisgeach garg is e a than Sar-Obair nam Bard mac Iain Ghairbh, facail a tha uile gu leir cearr.

Bha mac aig Niall Mor Mac-Mhuirich dom bainm Lachainn, bha mac aig Lachinn dom bainm Domhnull, is bha mac aig Domhnull dom bainm Niall.

Rugadh Niall Mac-MhuirichNiall Mac Dhomhnuillmun bhliadhna 1635. Rinn e marbhrann air Domhnull Muideartach a chaochail sa bhliadhna 1686, marbhrann air Sir Tormaid Macleoid, Bhearnara a chaochail sa bhliadhna 1705, agus marbhrann air Ailain Muideartach a Mharbhadh an Sliabh-an-t- Siorra sa bhliadhna 1715. Tha na tir dain so ann an leabhar Chloinn-Raonuill. Bha Niall mac Mhuirich na dheagh sgoileirs na bhard math. Is e a bughdar don chuid mhoir de Leabhar Chloinn-Raonuill. Chaochail e an uine ghoirid an deidh 1715. Bha da mhac aige, Domhnull agus Lachinn. Bha Domhnull na bhard. Bha mac aig Lachinn dom bainm Niall. Bha Niall so, cuideachd, na bhard. Thug Niall beagan de chraicnean sgriobhte do Mhac Mhaighstir Alasdair agus beagan do Raonull a mhac. Thug e an Leabhar Dearg do Sheumas Mac-Mhuirich sa bhliadhna 1760.

Chuir Raonull Domhnullach am mach da dhan le Niall Mac-Mhuirich, Niall Mac Dhomhnuill. Tha iad le cheile ann an Sar-Obair nam Bard. Chan fheil coltas sam bith aca ris na dain a sgriobh Niall fhein ann an Leabhar Chloinn-Raonuill. Gidheadh faodaidh e a bhith gur h-e a rinn iad.

Rinn Sile na Ceapich marbhrann air bas Shir Seumas Mac-Dhomhnuill, a chaochail sa bhliadhna 1723. Tha an darna ceathramh air bas a fir, an treas ceathramh air bas a nighinn, agus a chuid eile air bas Shir Seumas. Bheir mi seachad da cheithreamh dheth.

Chaill mi sins mo chuilein gradhach,
Bha gu foinnidh, bha gu h-aillidh,
Bha gun bheum, gun leum, gun ardan,
S guth do bheil mar theud na clarsich.

Ons e so deireadhn t-saoghail bhruidhnich,
Ard Righ, dean sinn ortsa cuimhneach;
N deidh an latha thig au oidhche,
S thig an t-aog air chaochladh staidhle.

Chaochail Alasdair Dubh Ghlinne-Garadh sa bhliadhna 1724. Rinn Sile marbhrann da. So an ceithreamh mu dheireadh dhi:—

Guidheam tanam a bhi sabhailt
On a chaìreadh anns an uir thu;
Guidheam sonas air na dhfhag thu
Ann ad aross ann ad dhuthich;
Guidhean do mhac a bhit aite
Ann an saibhreass ann an curam.—
Alasdair a Gleanna-Garadh,
Thug thun diugh gal air mo shuilean.

Tha cuid ag radh gur h-e nighean do Dhomhnull Gorm Shleite a bha anns an Aigeannich. Chan fheil bonn aca air a shon sin ach gu bheil leabhar Mhic-Gillios ag radhnighean Dhomhnuill Ghuirmrithe. Bha da Dhomhnull Gorm ann ann am Muideart aig a cheart am san do rugadh an Aigeannach. Nach faodadh i a bhith le fear dhiu so? Tha Mac Mhaighstir Alasdair ag radh gur h-e Mari a bainm dhi, gum bu nighean i do dh-Iain Mac Iain, agus gur h-ann de theaghlach Mhuideirt a bha i. Faodaidh e a bhith gum buineadh i do dh-Iain Dubh mac Iain Mhic Ailain.

Tha cuid ag radh gur h-e Nic-Gilleain a bham Mairearad nighean Lachinn, ’s cuid eile gur h-e ban-Domhnullach a bha innte. Tha i-fhein ag, radh ann an aon aite

Cait a bheil iad an Albinn,
No thall anns an Olaint,
Leithid cinneadh mo mhathar,
Mach o ardan Chloinn-Domhnuill?”

Ge be gu de a bhinnte bha i na bana-bhard mhath. ThaGaoir nam Ban Muileachna dhan comasach. ’S in fhirinn gun do rinn Mairearad moran de dh-orain mhatha.

A. M. S.


FAICIBH.
Air a bhliadhna so chithear an so litrichean iomadh aon a chuir dearbhadh airMINARDS LINIMENT,agus a fhuair e deanamh feum dhaibh.
C . C. RICHARS, Co.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.



[271]

[Vol . 3. No. 34. p. 7]

SEAN FHACAIL

Ge donan t-ians miosan t-isean.

Ge dubh an dearcag, ’s milis i; ge dubh mo chaileags boidheach i.

Ge dubh an saors geal a shliseag.

Ge glas am fiar, fàsaidh e.

Ge milis am fion tha e searbh ridhiol.


Tha deich muillein teaghlach anns an Fhraing. Tha mhuillein dhuibh so anns nach eil duine choinne, da mhuillein eile anns nach eil ach aon duine choinne, agus chàn eil ach gann cairteal muillein anns am bheil seachdar chloinne.

Anns an t-Suain, duine sam bith a ghabhas an daorach ceithir uairean, chan fhaigh e cead bhotadh tuilleadh. Ann an St. Petersburg, ceanna-bhaile Ruisia, ’nuair a ghabhas duinen daorach, tha ainm air a chur suas an àiteachan follaiseach air feadh a bheile, agus a bhàrr air sin bidh ainm air a chlò-bhualadh ann am fear de na paipearan-naigheachd.

Air da ministear a bhiceasnachadh sean bhean da luchd éisdeachd, dhfheòraich e dhi mar so:— “Nacheil fhios agad gur h-ann de shliochd Adhaimh thu; agus gun do thuit thu annsan?” Fhreagair isegun robh dòchas aice nach bann; gur h-ann a bha ise de na daoine coire, na Caimbeulaich, daoine foghainteach ris nach robh ni sam bith riamh ri ràdh.”


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.

A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.

Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.

Call and Examine Stock.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnn
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[272]

[Vol . 3. No. 34. p. 8]

DOMHNULL BEAG.

Oran le Dùghall Mac Phail, air dha bhi air an rathad do Shasunn, ’s en deigh a bhean agus a mhac ògfhàgail.

A Dhomhnuill bhig, o o ,
A Dhomhnuill bhig, o o ,
A Dhomhnuill bhig, o o ,
Tha minntinn trom on dhealaich sinn.

A Dhomhnuill bhig, ’s tu mùigh as mannsachd,
S i do bhlàth-shùil grian mo shàmhraidh;
Chlaon gach ni gu duibhregheamhraidh,
Bhon a chaill mi sealladh ort.
A Dhomhnuill bhig etc.

Dhfhàg min nochd thumeasg nan -Ghall,
Ghabh mi fathn uair bha do chùl rium;
S cinnteach leam gun dean thu miùnndrainn
Mun tig dùiseal cadail ort.

Dhfhàg min diugh thu fhéins do mhàthair,
As mo dheigh ro chianail, cràiteach;
Cruadhsna bliadhna, ’s chan en t-àilghios,
Chuir an dràst do Shasunn mi.

S trom mo ghleuss minochd gar n-iùnndrainn,
S mi air bàrr nan strachd-thonn dùmhail,
Fàgail Albainn air mo chùl-thaobh,
Dol a nùll tharBerwick.”

Chi mi mach thar gualan fhuaraidh,
Cladach garbh is gailbhich nuallan;
S mor gum bfhearrbhifàgail Chluaidh,
Sastiùradh tuath airEalasaid.”

S beag tha dhfhios aig fleasgaich aosda,
Liuthad ànradh as cruaidh-fhaochnadh
Thaig fear-teaghlaich air bheag maoin,
Astrì ri saoghal carraideach.

Ach ged tha mi bochdn am chrannchur,
S beag na thagam fhéin de fharmad
Ris na fleasgaich sheasga, bharr-chruaidh
Ged robh sealbh air fearann ac.’

Am fads a gheibh mi biadh as aodach.
S comunn bláth mo chéile ghaoil
Lefiùrain ògafàs ritaobh,
Cha chuir an saoghal smalan orm.

Ged tha mise cian air fògar
Bho na glinns an goir an smeòrach,
S ioma linn on bha mo sheòrsa
Eadar Rothaills Brathadal.

S ioma cearn dan drinn iad sgaoileadh,
Deas as tuath air feadh an t-saoghail;
S iad na Goills na caoirich-mhaola
Chuir mo dhaoinair allaban.

S ioma fàrdach fhialaidh, aoibheil.
Bhanns aghleann am faightan aoidheachd,
Tha gun cheann, gun chrùb, gun taobhan,
Fo na caoirich Shasunnach.

Gleann mo chridhe! gleann mo dhùthchais,
Gleann nan raons nam fuaran cùbhraidh,
Nam bu leam ach trian dem dhùrachd,
Sud an ùirs an caidilinn!


ORAN.

A rinneadh le Domhnull Moireastan (Domhnull Fidhleir) ann anKenyon ca Siorramachd Ghleann-a- garraidh, an Canada, do mhathan a thug muc bho dhuine àraidh sa choimhearsnachd.

FONN:—
Ho io hi ri o ho ro hall.
Ho is hi ri o ho ro hall.
Ho io hi ri o ho ro hall.
Smairg tha fuireach gu bràth.
Anns an àitetha ann.

S lium as duilich mar thachair
Do mhac Ruairidh bhuachille,
Bhon bha meòlas cho gasd air
Se fada mun cuairt domh:
Duine foinnidh, deas, toirteil,
Do Chloinn Toircill a chruadail,
Snan robh aire air a mhortair,
Cha drinn e mhuc a thoirt bhuaithe.

Thàinig famhairsan dorcha
Gu Tormad mac Ruairidh,
Cha robh an duine fo armachd,
Cha robh farbhas man cuairt da,
Na bithibh idir am barail;
Gur h-i ghealtachd a bhuail e;
Bha e fada bho dhaoine,
S bha e glaodhaichs cha chual iad.

Bha ecluinntinn a h-atar,
S gu grad chuir echluas ris,
Cha robh aire air a chadal
S ann a bfhada sud bhuaithe,
Cluinntinn sgreuchail na muice
S theich ha h-uirceanan bhuaipe,
Tha an dòlas air tighinn,
Neosen cuthach a bhuail i.

Dhéirich enairde
S chuir e làmh anns gach ursainn,
S bha cuid diubh gu sgàthach
A cluinntinn àinich an trusdair;
Thuirt màthair Iain bhán ris,
Gabh ma thàmhsna can dìog ris;
Ma thàrras e greim ort,
Bith thud bhloighdean thiota.”

S truagh nach robh claidheamh
Na dlàimh anns an uair sin,
No musgaid mhath, chinnteach,
Air a lionadh le luaidhe.
Do shuil dùinte air an amhairc,
S tu caitheamh air thuarmas;
S nan tugadh i sradan,
Bhiodh am mathan gun ghluasad.

Galair a ghonaidh
Air an rogaire bhradach,
Meirleach na feòla,
An eòrnasa choirce,
Chan fhaigh earraidean còir ort,
Chan eil dòigh air do gacadh;
Chan eil craobh anns an àite,
Air a h-àirde nach streap thu.

A. M. M.


LeighsidhMinard ’s LinimentDéideah.

Cluinnidh am bodhar buaim an airgid.

Cuiridh aon tràth air ais laogh us leanabh.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Soithichean Creadha agus Glaine.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh

Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris as fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B
Feb.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd

titleIssue 34
internal date1895.0
display date1895
publication date1895
level
reference template

Mac-Talla III No. 34. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page