[273]

[Vol . 3. No. 35. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 2, 1895. No. 35.


MAC-THAMHAIS BEAG NAN SAIGHDEAN.

Bu chleachdadh leis na daoine treuna on dthainig sinn, an uair nach bitheadh iad acogadh an aghaidh a cheile no an aghaidh nan Sasunnach, a bhi atogail creiche. Anns na laithibh sin cha robh e air a mheasn a ni tamailteach do neach air bith a bhi ri meairleadh air an doigh so, ach is ann a bha e air a mheasna ni ro mheasail a bhi acreachadh fine eile. Mar so bha e gle thric atachairt gun rachadh ard-uaislean len cuid daoine a ghoid cruidh agus chaorach. Bha buidhnean beag de chreachadairean anns gach gleann, agus mar a bfhaide a rachadh iad a thogail creiche, is ann a bu mheasaile iad am measg an luchd-duthcha.

Anns na linntibh a dhfhalbh, thog ochdnar de ghillean lùthor, tapaidh orra o Bhaideanach, agus thriall iad gu sunndach air an slighe troimh mhonaidhnean Atholl. Ghabh iad gach ath-ghoirid troimh na beanntan gun tighinn am fagus do na bailtean. Chum iad, gun stad air an ceum, air an aghaidh gu deas. Theirinn iad air Srath-Thatha aig Laganràta, agus ghabh iad an ceum gu Srath-Bhreamhainn. Cha do stad iad an so, ach dhirich iad troimh Ghleann-Gamhar, mu thri mile an iar o Dhunchaillionn, agus an uair a rainig iad ceann eile aghlinne, aig dol fodha na greine, rinn iad suidhe car tamuill a leigeil an sgios. Bhon aite-suidhe chitheadh iad ceo deathaich baile Pheairt, agus iomadh achadh ruadh fo bharr tarbhach. Aig iochdar na beinne, dluth dhoibh, bha Tulaich-Bhealltainn le iomadh mart boidheach ag ionaltradh air a raointean gorm. Is ann a spuinneadh nan raointean sin a thainig na daoine gach ceum a Baideanach. Rinn iad tamh gu tamh. An sin theirinn iad agus chruinnich iad an spreidh richeile, agus ghreas iad ris abheinn iad gun aon neachg am faiainn nog an cluinntinn. Cha do chum iad an t-slighe air an dthainig iad, ach chaidh iad thairis air Breamhainn aig Allt-amhadaidh, ceithir mile ni bairde, agus rainig iad aite fasail am fagus do Ruith-na-Scotach rir an abradh iad Ruith-an-t- srathain mu choig mile o Abarpheallaidh. Runaich iad fuireach an so gus an tigeadh an oidhche, agus an sin dol air an aghaidh troimh Shrath-Thatha. An deigh mheadhon latha thoisich na glllean air cluichean, a chur seachad na h-uine gu feasgar. Bha boghachan-saighead aig ceithir dhiubh, agus thoisich iad air bhi tilgeadh shaighead air comhar a chuir iad suas. Am feadh a bha iad gu cridheil afarpais richeile mar so, thainig gille beag de chìobair dan iounsaidh, agus bha e asealltainn orra, ma bfhior, le tlachd ro mhor. Thoisich e air ruith a thoirt air ais nan saighead a bha iad atilgeadh. An uair a bha e greis mhor aruith mar so, thuirt e nan tilgeadh iad na bhaca de shaighdean, gun tugadh e air an ais iad comhla. Rinn iad so, achs ann a thrus an ciobair na saighdean agus chuir e iad ann am balg a bhaige air a dhruim fobhreacan. Thug e ann sin tarruing air boghs beag de stailinn a bha air chleith fochota. Thionndaidh e an sin ris na creachadairean agus thuirt e mur fagadh iad an crodh agus an rathad a thoirt orra gu luath, gun cuireadh e saighead troimh gach fear dhiubh. Thug iad ionnsaidh air bhi aige, ach an uair a chunnaic iad an t-saighead deas air abhogha stad iad. Thuirt an ceannard ris, “Ciod a tha thu ag radh, a phocain leibidich, no co thusa?” “Tha sibh acluinntinn ciod a tha mi ag radh,” arsam beul aghlinne gus an robh an oidhche dorcha, agus muinntir air dol esan, “agus co air bith mi faodaidh tusa bhi cinnteach as an t-saighead so ma thig tha ceum nas faisge.” Man robh uine aige freagairt a thoirt rinn aon da chompanaich cagarn a chluais gun robh e am barail gum be so Mac-Thamhais beag nan saighdean air an cualiad moran iomraidh. Bha Mac-Thamhais ro ainmeal mar am fear-bogha a bfhearr anns an duthaich air fad; agus bha e cheart cho ainmeil air son a luathais. Thug e mach iomadh buaidh air son a theomachd leis abogha, agus air son ruith réisean. Rainig a chliu eadhon gu Baideanach gar am fac iad e fein riamh. “An tusa Mac-Thamhais nan saighdean on tha thu cho sporsail as do thapachd?” dhfheoraich an ceannard dheth. “Is mise sin, gu dearbh, ler cead,” arsan ciobair. Chunnaic na spuinneadairean nach robh seol aca air curn a aghaidh nis o nach robh saighead aca; agus ged rachadh iad ga ruith, bha fios aca nach robh aonn am measg a burrainn a ghlacadh. A thuilleadh air sin, chaitheadh e an saighdean fein orra. An deigh comhairle a ghabhail am measg a cheile, chunnaic iad nach robh ach an aon doigh aca aìr dol asfalbh agus an crodhfhagail as an deigh. Aguidhe mile mallachd air a chìobair, thionndaidh iad agus thug iad am monadh orra. Chruinnich an ciobair an spreidh agus thug e iad air an ais gus na daoine dam buineadh iad aig Tulaich Bhealtainn, Air son a thapachd fhuair Mac-Thamhais aite fearainn dan ainm Arachail, am braigh Abar-pheallaidh, saor da fein, a mhac agusogha. Tha a shliochd ann an Arachail gus an lathan diugh, ged a mhùth iad an sloinneadh gu Caimbeulaich; agus tha an sgriobhadh a fhuair Mac-Thamhais beag nan saighdean, fathast aca a leigeilfhaicinn mar a fhuair e còir air an àite.

D. C.


LeighsidhMinard ’s LinimentLòinidh.



[274]

[Vol . 3. No. 35. p. 2]

TAIGH NA COILLE.

LE IAIN.

CAIB V.

Mar is trice, an uair a bhios daoine car ùinebruidhinn mu nithean cumanta, fàsaidh iad sgìth den cuid bruidhne, agus mu dheireadh théid guth thairis air achùis gu buileach, agus cha chluinnear iomradh tuilleadh air. Ach cha bann mar so a thachair don t-sluagh a bhair oighreachd Cheann Locha. Cha robh de dhaobhar bruidhne aca fad iomadh seachduin ach pòsadh an uachdarain. Mar bu dluithe a bha àm aphòsaidh atarruinn dhaibh is ann bu mhò a bha an aire air a togail leis achùis.

Mu dheireadh thàinig an t-àm. Le òrdugh an uachdarain rinneadh gach ulluchadh feumail a chum banais mhór, éibhinn, aighearach a dheanamh air an oighreachd, agus cuireadh fialaidh, farsuinn a thoirt do gach beag is mòr, òg is sean, bochd is beairteach a thogradh cruinneachadh air latha na bainnse gu ruige Taigh na Coille. Thachair don aimsir a bhith glé bhriagha; oir bann mu thoiseach an fhoghair a rinneadh am pòsadh. Is gann gu robh duine dom burrainn a dhol a mach á taigh an taobh a staigh de chrìochan na h-oighreachd nach do chruinnich thun do bainnse. Bha Taigh na Coille làn o làr gumhullach, agus bha gu leòr de na daoine òga aig abhòrd mhòr, fhada a bha am muigh air an réidhlean mu choinneamh an taighe. Bha mòr-phailteas de bhiadh de gach seòrsa air gach bòrd. Bha sitheann fhiadh agus earbachan, agus bradain tharra-gheal ann am pailteas ann. Agus bha lionn is fion de gach seòrsa air an cur an tairgse gach neach. Cha dòrduich an t-uachdaran deòch bu treise a thoirt seachad, air eagal gun tachradh do chuid de na bhiodh aig abhanais barrachd den dibh a ghabhail air na bhiodh gu math dhaibh. Aig an àm ud cha robh e mar chleachdadh aig cuid mhòr de na daoine bu mheasaile agus bu shaoibhire a bhith tairgse mòran de dheoch làidir, mar a tha branndaidh agus uisge-beatha, don mhòr-chuideachd a bhiodh cruinn aig bainnsean no aig cuirmean móra eile. Bha daoine mar bu trice acreidsinn nach robh deoch ann cho math ri fion. Mar dhearbhadh gu robh so mar so, faodar an sean-fhacal a leanas ainmeachadh: “Gu faighear deoch as fheàrr na fìon, chan fhaighear biadh as fheàrr na feòil.”

A dhaindeoin cho pailts gu robh am biadhs an deoch, cha burrainnaar a ràdh gu robh neach am measg na cuideachd gu lèir a ghabh barrachd air na bu chòir dha. Mar a dhainmicheadh aig toiseach na h-eachdraidh so, bhan sluagh air an cleachdadh ri bhith aig cuirm ann an Taigh na Coille o àm gu àm, agus mar sin, basthne don àireamh bu mhò dhiubh cia mar bu chòir dhaibh iad fhein a ghluasad ann an làthair muinntir a bàirde inbhe na iad fhein.

Cha ruìgear a leas mion-chunntas a thoirt air mar a chuireadh an lathas an oidhche seachad. Fòghnaidh dhuinn a ràdh gun do chuir iad seachad an ùine gu cridheil sunndach aig gach fearas-chuideaehd neò-lochdach a bhiodh daoine acleachdadh aig an àm ud. Bhaghrian an àirde nan speur an -iar-na-mhàireach mun dfhalbh iad o Thaigh na Coille.

Bha e dlùth air toiseach agheamhraidh mun dthàinig an t-uachdaran agus a bhean á Sasunn. Chuireadh Taigh na Coille ann an òrdugh a muighs a staigh gu maths gu ro mhath air an coinneamh. An lathabha dùil riutha dhachaidh rinneadh a h-uile ullachadh a chum fàilte chridheil, chaoimhneil a thoirt dhaibh. Bha tein’ -aighir air mullach gach slèibhe, agus rinneadh a h-uile subhachas agus greadhnachas a bha freagarrach agus iomchuidh aig an àm. Bha na h-uile ag aontachadh gum bu chòir dhaibh gach ni a dheanamh a ghabhadh deanamh, a chum a leigeil fhaicinn don bhann-Sasunnaich gu robh meas mòr aca araon oirre fhein agus air an uachdaran, agus gu robh mòr-aoibhneas orra ri bhithg a fhaicinn atighinn dhachaidh le a chéile nuadh phòsda maille ris.

Choinnich còmhlan de na fleasgaich òga bu tapaidhes bu sgairteile a bhair an oighreachd ris achàraid òig ann an àite sònraichte dlùth air crìochan na h-oighreachd, agus thug iad na h-eich as acharbads dhfhalbh iad leis gun tilleadh buille gus an dràinig iad Taigh na Coille.

Bann air acheart oidhche sin fhein a bhabhainis-taighe ri bhith aig an uachdaran. Cha robh air an cuireadh thun na bainis-taighe ach na ghabhadhTalla na Cuirmeden tuath. Cha drinneadh eadar-dhealachadh sam bith eadar ua tuathanaich mhòra agus na tuathanaich bheaga. Cha bann air saoibhreas a bhan t-uachdaran acur urraim idir, ach air caitheamh-beatha cothromach agus ceart.

A h-uile neach mar a bha ruighinn an taighe bhan t-uachdaran fhéing an toirt an làthair bean-an-taighe, agus ag innseadh dhi iad. Bha ise abreith air làimh orra agusg am fàilteachadh gu caoimhneil. Feumar a ràdh gu robh cuid den tuath bhig air an robh eagal nach baithne dhaibh ciamar bu chòir dhaibh iad fhein a ghluasad an làthair bann-Sasunnaich; ach cha bu luaithe chunnaic iad acheud shealladh dhi na thuig iad nach robh pròis no meud-mhòr sam bith fuaighte rithe. Ged a fhuair iad cuireadh gus a dhol thun na bainis-taighe cha robh iad idir an dùil gu suidheadh an t-uachdaran agus a bhean aig an aon bhòrd riutha. Ach cha bann mar so a bha. Mar a bàbhaist, bham bòrd mòr air a shineadh o cheann gu ceann deThalla na Cuirme,” agus on a be oidhche na bainis-taighe a bhann, bha sgiobadh aphòsaidh air an cur nan suidhe aig meadhon abhùird, dìreach anns an dòigh anns an robh iadnan seasamh an làthair aphears-eaglais an uair a phòsadh iad. Bha so gu léir a réir achleachdaidh a bha glé chumantas an dùthaich.

Aig an àm ud bha an àireamh bu mhò de na Sasunnaich ag amharc sìos le tàir air an àireamh bu mhò de shluagh na h-Alba. Cha chreideadh iad o dhuine sam bith gu robh abheag de mhodh no de dhinnsachadh aig sluagh bochd na h-Alba. Bha iad acreidsinn air an cosg gu robh na h-Albannaich treun, gaisgeil, cruadalacd an àm cogaidh; ach o nach robh fios aca air cor na dùthcha, cha robh smaointean sam bith aca gum baithne don mhòr chuid den t-sluagh cionnus bu chòir dhaìbh iad fhein a ghluasad ann am measg cuideachd.

A nis, thàinig beagan chàirdean a Sasunn maille ris an uachdaran agus ris a mhnaoi. An uair a chunnaic iad achuideachd a bha air an cuireadh thun na bainis-taighe bha mòr-ioghnadh orra. Ach is ann a bhan t-ioghnadh orra an uair a chunnaic iad an dòigh anns an robh na tuathanaich bheaga agus an cuid mhnathangan gluasad fhein aig abhòrd.



[275]

[Vol . 3. No. 35. p. 3]

Bha gach aon a bha làthair air an éideadh gu grinn, glan, sgiobalta mar a bha còir aca air a bhith aig a leithid de chomhdail. Ach ged a bha so mar so, bha e furasda gu leòr do neach sam bithaithneachadh iad na daoine bochda, agus iad na daoine beairteach. Ged a dhfhaodas na tuathanaich bheaga a dhol gu grinn, glan, speisealtanan éidaadh, gidheadh chan urrainn dhaibh iad fhein a chur ann an aodach cosgail, riomhach mar a ni na tuathanaich mhòra. Le amharc air an aodach agus air an riomhadh leis an robh na tuathanaich mhòra air an eideadh, bha e furasda dealachadh a chur eadar iad agus na tuathanaich bheaga; ach bha na tuathanaich bheaga a h-uile buille cho modhail, cho iomchuidh, agus cho math gus iad fhein a thoirt as aig bòrd na bainnse ri daoine sam bith, ach ainneamh, a gheibhteadh ann an àite dùthcha sam bith.

Dhiunnsaich iad am modh agus an uaisle leis an robh adg an gluasad fhein aig an àm ud le bhithdol o àm gu am do Thaigh na Coille a dhionnsuidh nan cuirmaan a bhiodh an t-uachdaran atoirt seachad gach bliadhna. Am modh agus an uaisle a bha na pàrantan afoghlum ann an cuideachd na muinntir a bha ni bfhìosraiches ni bàirde inbhe agus breith na iad fhein, bha iadg a theagasg don cloinn. Mar bu trice dhaithnicheadh duine sam bith air cainnt agus air gluasad an t-sluaigh gu léir gu robh iad ni buaisles ni bfhiosraiche nachuid eile de shluagh na dùthcha.

Tha moran ann nacheil atoirt fa near gu bheil iad acur urrainn air an dùthaich dom buin iad le bhith measail, modhail, iomchuidhnan gluasad. Air an làimh eile, faodaidh daoine mi-chliù agus masladh mor a thoirt orra fhein agus air an dùthaich dom buin le cions nach toir iad fa near ciod is coir dhaibh a ràdh no dheanamh an uair a thachras dhaibh a bhith ann am measg choigreach. Am fear aig nach bi meas air fhein ann an àite an suidh non seas e cha ruig e leas dùil a bhith aige gum bi meas aig muinntir eile air.

Mun deachaidh na Sasunnaich air an ais don dùthaich fhein dhaidich iad nach fhaca iad tuath riamh roimhe a bheireadh bàrr ann an uaisles am modhs am fiosrachahh air an tuath a bhair oighreachd Cheann Locha. Cha burrainn dhaibh gun mor mheas a bhith aca orra. Cha be sin a mhàin, ach bha am meas a bhaca air an tuath atoirt orra barrachd meas a bhith aca air an uachdaran na bhaca air roimhe sid. Thuig iad gu robh an t-uachdaran agus a chuid tuatha ro mheasail air a chéile.

Bha bean an uachdarainna boirionnach ro thùrail, tuigseach, agus chord gach cùis rithe anabarrach math. Bha cuid dhe na càirdean a gràdh rithe mun dfhalbh i à Sasunn, nach robh ach gann teaghlach ri fhaotainn ann an taobh tuath na h-Alba, ach teaghlaichean a bha ni baineolaiche na chéile. Cha dthug i moran geill do na beachdan so, do bhrìgh gu robh amhrus làidir aice gur ann o aineolas a dhéirich iad. An uair a chunnaic i mar a bhan tuathg an gluasad fhein aig abhord ghrad thuirt i rithe fhein, ma bha an tuath chumanta cho uasal agus cho fiosrach nan doighean, gu feumadh gu robh àrd uaislean na dùthcha a h-uile buille cho fada mach anns gach doigh ris na Sasunnaich.

Ma chord doighean na tuatha agus gach ni eile a chunnaic iad ann an Taigh na Coille ris na Sasunnaich, cha bu lugha na sin a chord bean an uachdarain agus na càirdean a thàinig maille rithe á Sasunn ris an tuath. Cha robh prois no meud-mhor sam bith annta. Bha iad simplidh, aoidheil, fosgarranan comhradh. Bha iad achnan cumadh. Bha eadhon bean Bhaile-chnuic agus a cuid nigheannan ag aideachadh nach do chreid iad riamh roimhe gum burrainn a leithid de dhaoidh, de cheanaltas agus de thlachd a bhith anns na Sasunnaich.

(Ri leantuinn.)


Seann Sgeulachd Mu Bhraid-Albann.

NA COIN DHUBHA.

An uair a thainig an t-ordugh rioghail a mach gu Clann-Ghriogair a sgrios, agus gun aon sean no og, beag no mor dan chinne threun, mhisneachail sinfhagail beo, cha robh aon dan naimhdean fuileachdach a bu deine air an toir na na Caimbeulaich agus Donnachadh Dubh, Morair Bhealaich. Cha bu leoir leo daoine bhiruagadh nan Griogarach agusg am murtadh, ach fhuair iad da chu a leanadh Griogarach cho dian agus nach robh seol dol as aige.

Ghlac na Caimbeulaich bean de Chlann-Ghriogair agus thug iad oirre an da chuilean sothogail air a broilleach; agus an uair a dhfhas na coin, bha iad cho deigheil air na Griogaraich, agus gun togadh iad faile aoin diubh an measg ceud fear de chinneach air bith eile. Mar so chaidh moran dan chinneach bhochd sin a ghlacadhn an àitibh-folaich leis na coin dhubha sin, agus a chur gu bàs, gus mu dheireadh an deachaidh doighfhaotainn air na coin a mharbhadh. Thachair e mar so:—

Bha duine dam bainm Mac-Eoghain atamh aig Taobh-Loch-Tatha aig an robh ban-Ghriogarach mar mhnaoi. Bha eagal air gum biodh a bhean air a murtadh leis na coin, agus bha blàthsn a chridhe do Chlann-Ghriogair air sgath a mhnatha. Chuir e roimhe cur as do na coin nam burrainn da. Thoisich e le bhi ag radh nach robh na coin aglacadh ach neach air bith a thigeadhn an rathad, agus gun robh gach uile neach an cunnart uapa. Air do fheill a bhi anns aCheann-mhor, chaidh Mac-Eoghain chum na feille, ach man dfhag e a thigh fein fhliuch e a lamh agus a dhorn le fuil a mhnatha. Chaidh na coin a leigeil am measg an t-sluaigh a dh-fheuchainn an glacadh iad aon de Chlann-Ghriogair anns achuideachd. Chuir Mac-Eoghain e feinn an rathad an deigh da bhi ag radh ris gach neach mun cuairt da gun leanadh na coin air Caimbeulach co ealamh ri neach eile. Thog aon de na coin faile na fola a bha air a laimh, agus ann am priobadh na sul bha e an sas ann. Bhafhios gach neach nach bu Ghriogarach Mac-Eoghain; dheirich buaireas am measg an t-sluaigh, agus chaidh aon de na coin a spadadh an sin, agus am fear eile latha no dha as a dheigh: mar so chaidh cur as do na coin dhubha.


Thoir gràdh do na h-uile; dean earbsa à beagan; na dean olc do neach; bi adfhearr dùlain an neart nis mo nan cleachdadh; agus gléidh do charaid fo iuchair do bheatha féin; fuiling bacadh air son a bhi sàmhach agus na togar cìs dhiot a chaoidh air son a bhi labhrach.

Facails am bith anns am bheil thu ag innseadh do sgeoil mureil iad a toirt do mhuinntir eile na brìgh a tha thu féin atoirt asda, chaneil thu adfhear-labhairt na fìrinn o dchridhe.



[276]

[Vol . 3. No. 35. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney Cape Breton.


SIDNI, AM MART 2, 1895

Bha deich air fhichead de dhfhòghlumaichean òga air am báthadh ann an amhuinn ann an Ruisia o chionn ghoirid. Bha iad aspéileadh air an deigh agus bhrist i fopa,

Chaochail Tormad Mac Leòid, Ceann-cinnidh nan Leòdach, ann am Paris, baile-mòr na Frainge, o chionn tri seachduinean. Bha e ceithir fichead bliadhnas a tri a dhaois, agus be an darra air fhichead ceann-cinnidh dhen ainm. Bha ena dhuine air an robh meas mor araon am measg a luchd-cinnidh fhéin agus am measg dhaoine eile. Bu leis na Leòdaich aon uair Leòdhas, Uihhist, agus a chuid mhòr den Eilean Sgiathanach; cha bhuin dhaibh aig an àm so ach glé bheag an coimeas ri sin ge do tha mu cheud gu leth mile acair fearainn air an ainm a tha toirt a stigh dhan uachdaran mu chòig mile punnd Sasunnachsa bhliadhna. ’S e Caisteal Dhunbheagain is dachaidh don teaghlach, agus is e an t-àite-comhnuidh as sine than Albainn air an la an diugh. Bha Mac Leòid so pòsda da uair. Tha a mhac as sine, Caiptean Tormad Mànus Mac Leòid, a nise air an oighreachdna àite.

Dhfhoighnich maighsrir-sgoile dechuid sgoilearan uair gu m feum a bhann an séithrichean, agus fhreagair nighean bheag gur h-ann a bha iad air son daoine chumail bho thuiteam air an urlar.


Litir bhon Chamus.

Is mor an aobhar thoileachadh e, da rireadh, gum beil cothrom air a thoirt de Chlann-nan-Gàidheal air comhrath a bhi aca ri chèilenan cainnt mhàthaireil fhéin, anns aMHAC-TALLA. Is ioma bliadhnabha so eu-comasach dhaibh a dheanamh; ach a nise bhon than cothrom aca, is còir daibh a bhi dìleas, duineil, fialaidh, agus gach cuideachadh as urrainn daibh len sporains lem peann a chur an géill, los gun soirbhich leis a phaipear Ghàilig agus leis an uasalthaig a cheann.

Tha aireamh mhòr agabhail aMHAC-TALLA fhads a tha meòlas dol air feadh Siorramachd Inbhirnis, agus tha meas mòr aig gach aon diubh air mar phaipear naigheachd. Tha, a rithisd, na sgeulachdan taitneachtha tighinn, bho am gu am air an cur an eagamh a chéile ro-mhath. Tha na h-òrain beusach, blasda, ceòlmhor agus air an toirt duinn nis dloghuinniche na chuala sinn roimhe iad. A dhaon fhacal, cha chuala mi duine fhathasd acàineadh a MHAC-TALLA, —rud nach eil mar aineol air mòran de na paipearan beurla.

Mun do thog MAC-TALLA a cheann, cha robh luchd leughaidh Gàilig ach tearc rim faotainn anns a chearn so; ach an diughsann a shaoileas sibh gun robhas ateagasg Gàilig anns na sgoilean chionn bhliadhnaichean, leis cho fileantasa théid aig earrann mhòr den òigridh air a leubhadh. Is aithne dhomh mar an ceudna, cuid diubhtha teannadh risgrìobhadh, agus chan fhada gus an cuir feadhainn diubh so litrichean pongail gu MAC-TALLA.

Tha àireamh mhath de luchd-sgriobhaidh comasach, deas-chainnteach agaibh. Nam bheachdsa thaIainagusSinclairair thoiseach. Dlù air an sàil thaC. C.” “Gall-Gháidheal,” “Cabar Feidh,” agus fear no dha eile nach eil an ainmeannam chuimhne. Tha Gilleasbuig-nan-Gilb na dheagh sgoilear Gàidhlig, agus bfhearr leam gun gearradh e tuilleadh litirichean fhads a bhitheadh na gilbean aige geur.

Bha litir Aonghas bhig, goirid, teoma, snasaildìreach mar a chreidinn air. Mas i sud acheud litir, ’s docha leam nach i an ma dheireadh a gheibhear bhuaithe.

An dòchas nach eil mo litir tuilleadh is fada,

Is mi ur Seirbhiseach iriosail,
D. D.
Feb. 21, ’95.


CUIMHNICH!
gu bheil aghainn
Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh
dhe gach seorsa, agusga reic air
PRISEIN IOSAL.
JOST BROS.
Sidni, C. B., Feb. 1, ’95


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[277]

[Vol . 3. No. 35. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Be Di-màirt acheud latha dhen charghus. ’S ann air a 14mh latha de dhApril a bhios Di-dòmhnaich na Càisge. Cha bhi, mar sin, “earrach fad air chùl Cáisgeagainn am bliadhna, agus mas fior an seanfhacal, cha mhisd na saibhlean e.

Tha iad ag innse an dràsda gu bheil an rathad iaruinn eadar Port Hawkesbury us Louisburg gu dhol air obair air an earrach so. Bhatar a bruidhinn air an rathad so o chionn ùine mhath, agus tha mòran nach creid gu bheil e gu tighinn gus am faic iad e.

Be oidhche na Sàbaid sa chaidh an oidhche bfhuaire thàinig air a gheamhradh. Bha chuid eile dhen t-seachdain glé bhlàth. Than t-side acumail car briagha, ach tha sneachda mor ann, agus tuilleadh adol na cheann cha mhor a h-uile latha. Tha na ròidean glé dhona.

Tha mu sheachd mile sluaigh, eadar bheag us mhòr, a faighinn déirce ann am baile St. Johnsan Newfoundland. Tham baile sin ann an suidheachadh bochd, ach tha dòchas mòr aca gum bi iasgach nan ròn glé mhath air an earrach, agus ma bhitheas, ni e cuideachadh math leis an dùthaich.

Thugadh ionnsuidh air bristeadh a stìgh do thigh nan litrichean ann am Baddeck, oidhche Di-haoine air an t-seachdain sa chaidh. Ghearr na robairean aghlas as an dorus, agus bha iad adol a stigh an uair a dhfhairich iad straighlich a shaoil iad a bhan ceann eilen taighe; chuir so an t-eagal orras thug iad an casan leotha.

O chionn sheachd bliadhndeug, bha duine ag obair air bòrd soithich ann am Baigh St. Lawrence, agusn uair a bha ega fàgail, fhuair e, ann am mearachd. da dholair a bharrachd air na bhatighn air. Cha dthuirt e dad aig an àm, àch tha e cóltach nach robh a chogais uile gu léir réidh ris, oir chuir e air ais an da dholair o chionn ghoirid, agus dholair eilenan cois mar riabh.

Chaidh gille beag le Uilleam Cann, aois thri bliadhna, a losgadh gu bàs aig a Mhéinn-a- Tuath, Di-haoine air an t-seachdain sa chaidh. Chaidh a mhàthair a mach dhan tobar, agusnuair a thill i bhan gille aig an dorussa chuid aodaichna theine. Thug i dheth an t-aodach cho luathsa burrainn dhi, ach bham pàisde bochd air a losgadh cho donas gun do chaochail e an lair-na-mhàireach.

Chaill an soitheach-iasgaichN. E. Symondsdithis de criù eadar Newfoundland us Gloucester, air an 26mh latha de Ianuaraidh. Chaidh rudeigin cearr mu na siùil, agus chaidh an dithis soga chur ceart, agus leis an stoirm a bhann, chaidh an tilgeadh thairiss am bàthadh. Bhuineadh fear dhiubh, Niall Caimbeal, do Bhaoghasdal, agus am fear eile, Lachuinn Mac Fhionghain, (mac Ruairidh), do Mhalagawatch. Cha robh fear seach fear dhiubh pòsda. Dhfhàg Mac Fhìonghain màthair, triùir bhràithean us dithis pheathraichean. Tha dhe pheathraichean posda ann an Auckland, ’an New Zealand.


Iadsan a Phaigh.

Domhnull Moireastan. Ceap Nór.
Gilleasbuig Mac Néill, Ceap Dauphin.
I. W. A. Mac Neaoail, Oban.
Ruairi Domhnullach, Brinn Mharmor.
Bean D. T. Dhomhnullaich, Mabou .
An t-Urr. I. F. Forbes, Sidni.
Bean IainIc Fhionghain, Salmon River.
An t-Urr, C. Mac Coinnlch, Louisburg .
A. I. Mac Gilleain, L ’ Ardoise.
Caipt. D. Mac Leòid, Baile-nan-Gail.
Iain C. Mac Rath, Boulardarie .
Raonull Domhnullach, Kempt Road.
Stephen Domhnullach, Méinn Ghardiner.
Iainn I. Mac Néill, Gleann Bharra 25c.
Micheal Mac Nèill, Pón Mór. 25c
Caipt. R. Domhnullach, Sidni Tuath, 60c.
Anna Dhomhnullach, Glengarry , 60c.
Alasdair Domhnullach, Thedford , Ont. $2 . 00
D. M. Caimbeal, Dunveagain,
I. R. Mae Coinnich, Skye P. O.
Aonghas Mac Fhionghain,
Alasdair Mac Ille-Mhaoil, Laggan ,
N. A. Domhullach, Ripley ,
Callum Caimbeal, Kinross , E. P. I.
A. D. Mac Leoid,
Uilleam Ros, Flat River,
Fionnladh Smith, Bail’ -Ur.
Iain Mac Calamain, Rudha Phrim
Iain Caimbeal, BeinnIc Mhannain,
An t-Urr. A. MacG. Sinclair, Belfast , $5 . 00
A. D. Mac Leòid, Ch ’town,
Domhnull Domhnullach, Oneco , Conn.
A. Mac Nèill, Orr, Dakota Tuath.
Iain Ceanadach, Argyle , N. S.
Iain Mac Gilleain, Gleann-a- Bhàird, N. S.


POSAIDHEAN.

Aig Sidni, air 26 latha de Feb., leis an Urr. I. F. Forbes, Domhnull Mathanach, us Peigi M. Mhoireastan.

Aig a Chladach-a- Tuath, 19mh de Feb., leis an Urr. Iain Friseal, Iain Smith, us Catriona Nic Gilleain.

Anns an àite cheudna, 12 de Feb. leis an Urr. Iain Friseal, Caipt. A. Caimbeal, us Màiri Anna Nic Leòid.

Air a Chnoc Mhor, 12 de Feb, leis an Urr. A. I. Domhnullach, Domhnull I. Dunlap, us Caitriona Nic Neacail.


BAIS.

Aig an Amhuinn Mheadhonaich, air an treas latha deug de Dhesember, Eachann Moireastan, 67 bliadhna dhaois. Bha ena dhuine cùramach, measail. Bu mhac e donGhréidhear Ruadha bhaig Sir Fransis, Ghearrloich. Dhfhag e bantrach agus còignear mhac.

Aig Orangedale, air 13 latha de Ianuaridh, Donnachadh Mac Coinnich, (Ruadh) 91 bliadhna dhaois. Dhfhàg e bean us teaghlach mòr.

Aig an aite cheudna, air an 6mh latha de Feb., Bean IainIc Ille-mhaoil, 98 bliadhna dhaoìs.

Aig Mabou, air 11mh latha de Fob., Cairistine, bean ghràdhach Iain Ic Gilleain, a Cove-nan-Ròn, Malagawatch.


Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan, Pinn, Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires air son gach àm eile dhen bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.

Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich



[278]

[Vol . 3. No. 35. p. 6]

Na Baird Ghaidhealach bho 1725 gu 1815.

Bha moran de bhaird, de bhana-bhaird, ’s de luchd-oran sa Ghaidhealtachd eadar 1725 agus 1815.

ALASDAIR DOMHNULLACH.

Rugadh Alasdair Domhnullach, Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, mun bhliadhna 1700. Bha e na sgoilair math agus bha fìor chomasan bardachd aige. Chaidh e air obair mar bhard mun bhliadhna 1725. Bhuail e am mach slighe dha fhein, agus thoisich e air sgriobhadhs air seinn mu bhoichids mu ghloir oibribh nadair. Leum e a staigh air taobh a Phrionnsa le uile chridhe. Ghairm e a suas buadhan inntinn gu an lan neart am moladh aobhar nan Stiubhaitach agus a riuth a sios aobhar nan Deorsach. Chuir e am mach roinn de chuid oran sa bhliadhna 1751. Chaochail, ’s es docha, eadar 1765 agus 1775. Bha moran de chumhachd aige air bardachd na Gaidhealtachd.

Faodidh sinn a thoirt fanear gum bu mhac ministir Seumas Thomson, cosmhail ri Alasdair Domhnullach, gun do rugadh e sa bhliadhna 1700, agus gun do chuir e am mach a dhan air a gheamhradh sa bhliadhna 1725.
Tha e mar so soilleir gun do rinn na Gaidheils na Gaill aramach aig a cheart am an aghaidh na seann bhardachd. Chaochail Seumas Thomson sa bhliadhna 1748.

AN T-AIREACH MUILEACH.

Tha cuid de mhuinntir Chola ag radh gur h-e Iain Mac-Gilleain a bainm don Aireach Mhuileach, gur h-e Iain Mac Eoghain mhic Iain Ruaidh a theirteadh ris, agus gun robh e gle dhluth an cairdeas do theaghlach Chola.

Phos Iain Garbh, an seachdamh Mac-Gilleain a bha air Cola, Fionnaghal, nighean do Shir Dughall Caimbal, tighearn Acha nam breac, le a mhnaoi, Mari Erskine, nighean Iarla Mharr. Bha tri mic aige, Eachann Ruadh, Iain Ruadh, agus Eoghan. Chaidh Eoghan a mharbhadh an Inbhircheitein. Bha Iain Ruadh a comhnuidh an Tota-Raonuill. Chaidh a leon gu guineach an Inbhircheitein. Bha e posda, is bha teaghlach aige. Bha mac diolain aige dom bainm Eoghan. Faodaidh e a bhith gur h-e mac do dh-Eoghan so a bha san Aireach. Mase bha fuil uasal gu leoir a ruith na chuislibh. Tha e gu math cinnteach gur h-e mac do dh-Iain Ruadh Thota-Raonuill a bha an Lachinn mac mhic Iain, am bard Colach.

Rinneadh an t-oranTha mo run air ghillele Ceit Mhunn am Muile. Cha robh gnothach aig Bean a Bharra ris.

DUGHALL BUCHANAN.

Rugadh Dughall Buchanan sa bhliadhna 1716. Bha e na sgoilair math is na dhuine fior fhiosrach. Chuir e am mach a laoidhean sa bhliadhna 1767. Chaochail e an 1768. Bha e posda, is bha da mhac is da nighinn aige. Cha mhor de na baird a ghabhadh coimeas ris a thaobh chomasan bardachd.

SEUMAS MAC-AN-T- SAOIR, FEAR GHLINN-NODHA.

Be Donnachadh Mac-an-Saoir, Fear Ghlinn-Nodha, ceann-cinnidh Chloinn-an-t- Saoir. Phos e nighean do Phara Beag Caimbal, fear Bharra-challtuinn, agus bha aon mhac aige rithe, Domhnull. Chaochail e sa bhliadhna 1695. Bha Domhnull Ghlinn-Nodha posda da uair. Ris a cheud mhnaoi, Seonaid, nighean do Ghilleasbig na Ceapich, bha aon nighean aige. Ris an darna mnaoi, Ceit, nighean do dh-fhear Dhail-an-eas, bha triuir chloinne aige, Seumas, Ceit, agus Mari.

Rugadh Seumas Mac-an-t- Saoir mun bhliadhna 1727. Fhuair e ionnsachadh math. Phos e Anna, nighean Dhonnachidh Chaimbail, fear Bharra-challtuinn, agus bha naoidhnear chloinne aige, Domhnull, Martuinn, Donnachadh, Ceit, Anna, Iseabal, Mari, Liusaidh, agus Sine. Chaochail e sa bhliadhna 1799.

Bha Domhnull, mac Sheumais Ghlinn-Nodhna, na dhotair. Thanig e do dh-Americasa bhliadhna 1783. Bha ceithear mic aige, Seumas, Domhnull, Thomas, agus Martuinn. Chaochail e sa bhliadhna 1792. Thanig Seumas a mhac a staigh mar cheann-cinnidh Chloinn-an-t- Saoir sa bhliadhna 1799. Bha sia mic aige, Domhnull, Padrig, Seumas, Eoghan, Gilleasbig, agus Martuinn. Tha Eoghain am baile New York a creic chungaidhean leighis. Tha Gilleasbig na mharsanta ann an Albany. Chaochail Domhnull, am mac bu shine. ’Se Seumas mac Dhomhnuill is ceann-cinnidh an diugh air Cloinn-an-t- Saoir.

Rinn Seumas Ghlinn-Nodha oran no dha air an Olla mac Iain. Chain e an Sasunnach gu maths gu ro-mhath.

SEUMAS MAC-MHUIRICH.

Rugadh Seumas Mac-Mhuirich am Baideanach sa bhliadhna 1738. Fhuair e ard ionnsachadh. Chuir e am mach dan dom bainm, An Sealgair, sa bhliadhna 1756, agus dan dom bainm an Gaidheal sa bhliadhna 1758. Chuir e am mach bardachd Oisein eadar 1760 agus 1763. Chuir e am mach eachdridh Bhreatuinn sa bhliadhna 1775. Chaochail e sa bhliadhna 1796. Chuireadh am mach bardachd Oisein an Gadhlig sa bhliadhna 1805.

Tha tri beachdan am measg sluaigh mun bhardachd a chuireadh am mach an ainm Oisein le Seumas Mac-Mhuirich. Tha cuid ag radh gur h-e Oisean a rinn na dain. Tha iad so a creidsinn gun dug Mac-Mhuirich iomadh atharrachadh asda agus guu do rinn e criomagan an suds an so gus an tàthadh ri cheile. Tha cuid eile ag radh gur h-e Mac-Mhuirich e fhein a rinn na dain bho thoiseach gu deireadh, Tha an treas buidheann de na bheachd a leanas, —Rinn Oisean beagan de dhain gaisge. Chaidh an sgriobhadh a sios mun bhliadhna 500. Bhatar gan seinn, gan aithris, ’s gan atharrachadh, a deanamh dhan urras gun cur ris na sean danaibh. Mun bhliadhna 1450 bha Albinn agus Eirinn lan de dhain gaisge. Faodidh e a bhith nach do rinn Oisean gin diu, ach bha chuid mhor diu air an ainmeachadh air. Fhuair Mac-Mhuirich grein air moran de na seann dain. Dhatharrich e iad air iomad doigh, agus thàth e iad ri cheile le piosan fada de obair fhein. Rinn e righ de dhFhionn, agus chruthaich e rioghachd dha ann an Albinn. Chuinn e moran de dh-ainmeannan ura, mar tha Caomh-mhala, Binnbheul, Cridh-mor, Caolmhal, agus Gaol-nan-daoine.

Tha moran de bhardachd mhath anns na dain a chuir Mac-mhuirich am mach. Faodidh sinn a bhi coma co a rinn iad. Buinidh gach cliu a tha ceangailte riutha do na Gaidheil.

A. M. S.


Bha teine mòr ann aHalifax Di-ciaduinn. Bha laimhrig mhòr agus tighg-leidhidh gràin air an losgadh, agus ceithir cheud tunna de bhathar a chaidh a chur air tir an latha roimhe sin. Mur biodh gu robh mullach nan taighean air an còmhdach le brat tiugh de shueachda, bha cuid mhor dhen bhaile air a losgadh.



[279]

[Vol . 3. No. 35. p. 7]

Crionntachd.

Tha e gu tric atacaairt gum bi acheud fichead punnd Sasunnach a chosnas oganach glic, an deigh gach ni achurn a aite fein, chum mor bhuannachd dha air son a dheagh ghiulain an deigh laimh. Than t-suim sin, ged nacheil i ro mhor, ateagaisg curaim agus dichill dha a leanas ris uile laithean a bheatha. Tha e maran nis fearr air a shon fein gun cosnadh e le saothair a lamh am fichead punnd Sasunnach sin, na gum faigheadh e mar thiodhlac iad o neach eile. Ma chosnas e an t-airgiod sin, tha fios aige air an dichioll a ghnathaich e ga chur ra cheile. Bha achuid as mo dhiubhsan a ta saibhirnar measg aon uair bochd, agus air doibh len dichioll onaraich fein beagan a chur mu seach, tha meas nis mo aca air. Bha iadsan a rugadh le spainibh airgidn am beul a ghnath buailteach air bliadhnaichean an oige a chur seachad ann an ruiteireachd agus diomhanas, agus mar is minic a chunnacas, cha deirich iad suas gu bhi aon chuidn an cliu dhaibh fein, non am buannachd idir don t-saoghal mun cuairt doibh.

S.


Bathar dhe gach seòrsas fhearr, agus cho saorsa gheibhearsa bhaile, ri chreic aig D. I. Domhnullach. Taghail aige.

LeighsidhMinard ’s LinimentDéideah.

LeighsidhMinard ’s LinimentCrup.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.

A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.

Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.

Call and Examine Stock.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnn
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[280]

[Vol . 3. No. 35. p. 8]

LAOIDH.

Seas suas! seas suas, gu dìleas!
O thus a lean an crann!
Tog suas abhratach rìoghail,
Chan fheud i dol air chall:
O bhuaidh gu buaidh gun téid sinn,
Ler Slanuighfhear air ar ceann;
S gach nàmhaid fòs gun cìosnaich,
S gu rìghich Iosa leinn.

Seas suas! seas suas, gu dìleas!
Is umhlachd thoir da éigh;
Le dol a chum achòmhraig
Na latha glóirmhor féin:
A ghaisgeachbithibh tréubhach,
An aghaidh nàimhdean Chriosd;
Sur misneach fòs gun éirich,
Mur géill sibh anns an t-strì.

Seas suas! seas suas, gu dìleas!
An neart an Triath a mháin:
An gàirdean feòlmhor géillidh;
Na cuir do dhòchas ann.
Cuir clogaid fós no slàintort,
Dean faires ùrnuighghnàth,
S do dhleasnais’, nuair a ghairmeas,
Bi thusa deas aig làimh.

Seas suas! seas suas, gu dìleas!
Thachòmhstrì teann is buan;
An diugh tha gaoir achòmhraig,
Na dhéigh bidh òrain buaidh.
S gu faigh am fear nach geill dhiubh
Crùn beatha mar a dhuais;
Is rìoghachd nach bidh truaillidh
Le Dias na néamhan shuas.


Mar Chaidh an Cal a Dholaidh.

Sid mar chaidh an càl a dholaidh,
So mar chaidh an càl a dholaidh,
Sid mar chaidh an cál a dholaidh
Air na bodaich Ghallda.

Latha dhuinn mu àm na buana,
Cuideachd ghrinn de ghillean uallach,
Cruinn mu bhòrd ag òl na cuaiche
An tigh-òsd air Galldachd.

Air dhuinn greisbhi gabhail óran,
S tacan eilair sgeulan gòrach,
Chuir Rob Cam aphiob an òrdugh,
S thóisich cuid ri dannsadh.

Stigh oirnn thàinig bean-an-taighe,
Leis gach a bha aig baile,
Nighean òg us seana chailleach,
S iad a togairt dannsadh.

Rug Mac Raing air bhig Chlannaich,
Ghabh mi fhéin rium bean-an-taighe,
S am prioba sùl bha an achlais
H-uile fear a bhann dhinn.

S ann an sin bhan obair shùnndach,
Cur nan car chinn air an ùrlar
Feadan piobaspreigeadh sùrd oirnn,
S dosan mòr adranndan.

Mar bhan ùpraiddol an déinead,
S caiteang éiridh air na déilein,
Ràinig fear-an-taighe fhein,
Le treud de bhodaich ghallda.

Leithd a dhothail sios an staidhir,
Iadsan direach bhar an fhaidhir,
Gairm gu crosda air na mnathan,
S buamhasach an greann riu.

Air an claoidh le sgios no acras.
Fad an latha gun dad aca,
Bolc an ni, air tighinn dhachaidh,
N càl a bhi air chall orr

Throd am fear ri mhnaoi gu sgraingeil,
Fhreagair ise cheart cho searbh ris,
Bhodaich mhùgaich, cum do theanga,
S caisg air ball do dhranndan.

S beag orm thu a bhodaich ghràinnde
Seach bhi cluich am measg nan Gàidheal
Ceòl na pioba, fuaim na Gàilig,
Sid iad riamh a banns leam!”

Sid mar chaidh an càl a dholaidh,
So mar chaidh an càl a dholaidh,
Laidh a mhin air màs a choire,
S bean-an-taighedannsadh.


LeighsidhMinard ’s LinimentCràdh.


Chaidh fear Niall Dùghallach, duine mhuinntir Eilean a Phrionnsa, a mharbhadh air an rathad iaruinn faisg air Truro, ’sa mhaduinn Di-luain. Chan fhaca duine ciamar a thachair.


FAICIBH.
Air a bhliadhna so chithear an so litrichean iomadh aon a chuir dearbhadh airMINARDS LINIMENT,agus a fhuair e deanamh feum dhaibh.
C . C. RICHARS, Co.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR AON AIRGID.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Soithichean Creadha agus Glaine.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh

Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris as fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B
Feb.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.

titleIssue 35
internal date1895.0
display date1895
publication date1895
level
reference template

Mac-Talla III No. 35. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page