[281]

[Vol . 3. No. 36. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 9, 1895. No. 36.


CUMHA.

Don Urr. Mr. Alasdair McFhearchair.

FONNOch nan och tha sinn fo thùrs’,
S tric na deòir aruith or sùil;
Chaidhar ceannardchur fon ùir,
Fear-àùll gu tir Imanuel.

Nuair thàinig am pecdon t-saoghl
Thruaill e freumh a chinne-daonn’;
S dhfhàg sud buailteach sinn faraon
Do bhròn, do dhaorsa, ’s an-shocair.

Dhfhàg e buailteach sinn don bhàs;
Bha e buadhach air gach àl,
Righ nan uamhas e don phàirt
Nach pillna thràth on aimideachd.

Ach teachdairsith e don mheud
Cheannaich Criosdsa lean a cheum,
Gan toirt dachaidh mar ris féin,
S a chaoidh cha trèig a ghealladh iad.

S teachdairebheir buaidh an t-eug,
Nach gabh truas ri neach fon ghréin.
Thug em buachaille uainn féin,
S bu chruaidh lethreud an dealachadh.

Gach beag as mòr, sean as òg,
Togaibh suasur guth le bròn
Caoidh a chall a thàinig òirnn,
Ceann-iùil an t-slòigh, cha mhaireann e.

Cuid den bhuaidh bha ort ri d:—
Foighidinn, suairceasus gràdh,
Irioslachd, stuamachd, na dphàirt,
S na h-uile àite an rachadh thu.

Bha thu òirdheirc a measg chiad
An cliù, an còmhradh, ’s an gniomh,
Solus, eólas glòir an Triath,
Chuir maises rian air thalamh ort.

Measg gach àdh bha ort ri luaìdh
Bha maisis àilleachd na dghruaidh
Sgoinneil tàbhachdach gun uail
Bha t-uile bhuadhan eireachdail.

Maighstir Mac Fhearchair nam buadh,
Fàthar bròin gu bheil e uainn,
S iomadh aon a bha fo ghruaim
Nuair chualiad nach bu mhaireann e.

Bha do thrusgan glan gach uair,
An cùrsa t-eilthireachd air chuairt
Cha dshleamhnuich do cheumaibhuat
Oir chumadh suas gu seasmhach thu.

Bha diobairtean cùbhraidh ghnàth,
Le cridhe brùitfo dhriùchd nan gràs,
S deatach na tùisedol an àird,
Gu ruige Pàras fhlathaneis.

Dol troimh fhàsach bochd nan deòir,
Bha uisge mhara searbh ri ól
Iomadh amhghair anns an fheòil
Ach chumadh beò le manna e.

Fhuair thu armachd dhearbt on Triath,
Claidheamh, ceann-bheart, agus sgiath,
S chleachd thu iad mar ghaisgeach riamh
Fo bhrataich Chriosd gu deas-bheumach.

Don Eaglais Shaoir bu daor am beum
Gun thuit an laoch nach bfhaoinsan t-streup;
Bu dileas saothrach thu làn eud
An aobhar Dhésa bheatha so.

Ruith eréis le foighid mhòir,
Chriochnaich ethurassan fheòil,
Ghléidh en creideamh mar rinn Pòl
S chaidh crùnan glòir a thasgadh dha.

Tha e nis a measg an t-sluaigh,
A ràinig néamh tre dheuchainn chruaidh,
Thiormaicheadh gach deur oghruaidh,
S chaidh bròn us truaighe thairis air.

E sgeadaichtann an còmhdach grinn
Air sràidh òir le clàrsaich bhinn,
Aseinn an óran feadh gach linn
Don Ti rinn righ us sagart deth.

S ma leanas sinn cos-cheum an t-sluaigh
A nigh an trusganfuil an Uain,
Coinnichidh sinn na sgaradh uainn,
Sa chaoidh cha dual dhuinn dealachadh.


Rinneadh an cumha so don Urr. Mr. Mac Fhearchair ministeir na h-Aimhne Meadhonaich, a chaochail mun bhliadhna 1859, agus athair an Urr. Alasdair òig Mhic Fhearchair, ministeir cliùiteach Shidni a chaochail an 1862.

Bha Mr. Mac F. na dhuine air an robh mor mheasna sgireachd féin agus anns an Eaglais uile. Besan a cheud mhissionari a chuir Eaglais na h-Alba gu Ceap Breatunn. Thàinig e mach mun bhliadhna 1835. Bha Ceap Breatunn aig an àm sin gun rathaidean mòra ni bfhearr na ceum coise ri taobh nan cladaichean agusblazetre na coiltean farsuing. Anns a gheanhradh, bu tric le sneachda trom tuiteam agus gu minic cha robh dòigh suibhail ann ni bfhearr na brògan-sneachda nan Innseanach. Bha sluagh air ùr-thighinn don dùthaich; bha iad sgapte o chéile, agus bochd nan chrannchar. A measg an t-sluaigh so shaothraich Mr. Mac Fhearchair le mor dhùrachd agus dhicheall fad àireamh bhliadhnaichean, na aonar, a fiosrachadh gach àite mar dhfhaodadh e, a thuilleadh airobair na sgireachd fharsuinn féin, a bha aig an am ud a gabhall a stigh Loch Ainslie, Baddeck agus Margaree, a thuille air an Amhuinn Mheadhonaich. Chan e mhàin gun robh e siubhal tre gach aite an Ceap Breatunn ach bha mar an ceudna gairm air gu dhol leis an deadh sgeul a dhionnsuidh a luchd-dùthcha an aitean eile. Chaidh e air chuairt do Eilean a Phriunnsa an 1745. Besan a chum a cheud chomanachadh am a Strathalba, agus tha cuimhne fathast air a thurus don àite sin aig an àm ud. Tha aon duine beò anns a choth-thional sin a shuidh aig bòrd an Tighearna a bha air a sgaoileadh an ud air son a cheud uair an StrathalbaIain Mac Leòid, (Iain Mac Iain Mhic Thorcaill) athair an Urr. A. B. McLeòid, Coldstream, N. S. Bu mhath leinn gum biodh an seann duine còir air a chaomhnadh beò gu Iubli a choth-thionail fhaicinn air an t-samhradhs a tighinn. Tha e mu tuimchioll 90 bliadhna dhaois.

Rinneadh an cumha so do Mr. Mac F. le Iain Caimbeul fear den choth-thional aige fhéin, agus athair C. C., ministir Strathalba P. E. I. Bha mor ghràdh aige da mhinistir agus bha a bhàs air fhaireachadh gu goirt leis. Chaochail e fhéin an 1888. Tha sinn a creidsin gun choinnich iad, “ ’S a chaoidh cha dual dhaibh dealachadh.”


LeighsidhMinard ’s Linimentri reics gach àite.



[282]

[Vol . 3. No. 36. p. 2]

TAIGH NA COILLE.

LE IAIN.

CAIB V.

Tha àireamh mhòr de shluagh an t-saoghail aig am bheil e mar chleachdadh a bhithcàineadh agus aruith sìos muinntir eile. Mar is trice chan iad na daoine as miosa giulan agus as suaraichenan cleachdadh is a gheibh de chàineadh idir. Gus an toir sinn fa near achùis, saoilidh sinn gu bheil so glé iongantach, agus glé mhi-nàdurra. Ach le beachd nis dlùithe a ghabhail air achùis, tuigidh sinn nach ruig e leas ioghnadh sam bith a chur oirnn. Bidh a h-uile creutair atighinn beò a réir a ghnè fhéin. Na daoine anns am bheil nàdur glan, uasal, measail, cha bhi e mar chleachdadh aca a bhith ri cùl-chàineadh, no ri togail tuaileis no droch-sgéil air neach sam bith, agus idir cha toir iad géill no creideas do chainnt na muinntir a tha suarach, mi-mheasail, an uair a chluinnneas iad iad acàineadhs asmàdadh dhaoine eile. Ach na daoine a tha gu nàdurra truaillidhnan cainnt agusnan gnìomh, is e bhithcomharrachadh a mach gach uilc agus fàiling a thann an daoine eile obair as tlachdmhoire leotha sam bith.

Mar a dhfhaodar a chreidsinn, bha daoine dona, suarach ann am measg na tuatha aig Fear Cheann Locha, mar a bha ann am measg gach tuatha eile. Ged a bha bean an uachdarain cho còir, ciùin, tlachdmhor ri h-aon dhe seòrsa a gheibhteadh air feadh taobh atuath na h-Alba, dhfheumadh iad so a bhithg a ruith sìos mar a bfhearr a burrainn iad. Cha bann air son na bha iad afaicinn de chron innte a bha iad afaotainn coire dhi idir, ach a chionn nach robh i den aon bheachd riutha fhéin. Bha iad an dùil nach robh anns an t-saoghal daoine dom baithne ni sam bith a dheanamh ceart ach iad fhéin.

Anns an àm ud cha robh daoine bochda na dùthcha afaotainn cuideachaidh on sgìreachd mar a tha iad a nis. Ach air a shon sin bha na bochdan pailt cho math dheths a tha iad an diugh. Faodar a ràdh co dhiu gu robh iad ni buaisle nàdur agus mòran ni bu taingeile na tha na bochdansan àm so. Gun teagamh sam bith bha cuid dhiubh iomadh uair ann an éis. Ach bha tuath na dùthcha ni bu chuimhniche air cuideachadh a thoirt dhaibh na than tuath a than diugh beò.

Cha robh bean an uachdarain ùine fhada pòsda an uair a thòisich i ri cuideachadh a dheanamh leis na bochdan. Mar bu trice ruigeadh i na taighean aca; agus ged nach robh na taighean aon chuid cho glan no cho comhfhurtailsa dhfhaodadh iad a bhith, rachadh i steach agus shuidheadh i greis acòmhradh riutha. Mum falbhadh i bheireadh i misneach dhaibh; agus gun dàil sam bith chuireadh i biadh agus aodach don ionnsuidh. Cha bu trice leatha airgiod a thoirt dhaibh; oir aig an àm ud cha chuireadh bochdan na dùthcha uibhir a dhfheum air airgiods a tha iad acur airnar latha-ne. Ach nan aideachadh iad fhein gur e airgiod a bfheumaile dhaibh na biadh is aodach gheibheadh iad e. Cha robh e mar chleachdadh aice a bhithg iarraidh orradhol gu Taigh na Coille a dhiarraidh ni sam bith. Bfhearr leatha gu mór ni sam bith a bhiodh a dhuireasbhuidh orra a chur thun an teine uca, na gum biodh aig na coimhearsnaich ri ràdh gu robh iad adol o thaigh gu taigh a dhiarraidh na déirce. Bha na bha itoirt seachad ann am biadh agus ann an aodach agus ann an airgiod eadar cheann na bliadhna atighinn gu suim airgid nach saoil duine. Bha an àireamh bu mhò dhe na bha mar so afaotainn cuideachaidh uaipe anabarrach taingeil. Theireadh iad an làthair an t-saoghail, gum be latha an àigh dhaibhsan an latha air an dthàinig inam measg.

Ach mar is minic a thachair, bha àireamh nach bu bheag den t-sluagh diùmbach dhi, a chionn nach robh iad fhein afaotainn cuideachaidh mar a bha an sluagh bochd a bha gun chuideachadh gun chùl-taic sam bith eile. Theireadh iad, “Ged nacheil sinne cho fìor bhochd ris an fheadhainn a thafaotainn cuideachaidh, tha sinn bochd gu leòr. Is math a dhfhaodadh bean an uachdarain beagan cuideachadh a thoirt dhuinn. Cha chuireadh e mòran air a h-ais i seach mar a tha i ged a bheireadh i dhuine a leithids a tha itoirt do chàch.”

Ged bu mhath leotha so cuideachaidh fhaotainn chan aidicheadh iads iad beò gu robh iadnan diolacha-déirce. Cha robh atoirt air an àireamh bu nhò dhuibh a bhithgearain air bean an uachdarain ach dìth na nàire, agus cion amhothachaidh. Bha cuid dhuibh air nach robh èis sam bith. Is ainneamh neach air nach bi éis uair no uair eiginn, ach ged a bhiodh éis air neach aig iomadh àm, cha dean sin diol-déirce dheth. An uair a chluinneas cuid don t-sluagh gu bheil airgiod no aodach no ni feumail sam bith eile ri bhith air a roinn air na bochdan, théid iad anns na gaoirean guil a dhinnseadh cho bochds a tha iad, agus mur faigh iad cuibhrionn de chuid nam bochd cha bhi iad idir toilichte.

Thuig bean an uachdarain glè mhath nach robh e comasach dhi a h-uile neach air an robh éis a riarachadh agus a thoileachadh. Cha bann gu bhith toileachadh dhaoine, no gu bhithcosnadh cliù agus urram dhi fhein a bha i adeanamh na bha ideanamh. Is ann a bha toil aice a bhithdeanamh math mar a dhiarr Dia. Agus on a bha so mar so, bha i car coma co dhiubh a bhiodh am mòr-shluaghga moladh gus nach bitheadh.

Uairs abhliadhna bhiodh itoirt cuirm do na bochdan ann an Taigh na Coille. Bhiodh gach bantrach bhochds gach dilleachdan, gach seann duine agus seana bhean a burrainn éirigh a leabaidh aig achuirm so. Iadsan a bhiodh cho lag, lapachs nach robh e an comas dhaibh coiseachd do Thaigh na Coille, chuirteadh carbad gan iarraidh. A bharrachd air achuirm, gheibheadh gach aon, beag is mòr, ball aodaich no dhà. Bhan t-aodach so air a dheanamh air an oighreachd, agus bha i fhein apàigheadh na muinntir a bhag a dheanamh. Bha mnathan air an oighreachd a bha os cionn dèirce iarraidh noghabhail, ged a bha iad bochd gu leòr ann an crannchur. Bha itoirt clòimh dhaibh so, agus bha cuid dhuibh adeanamh stocainnean, cuid eile adeanamh stuithean gorma, agus cuid eile adeanamh chlòidhnean agus phlangaidean. Bha gach aon a bha bochd afaotainn earrann den aodach so a réir am feuma.

Aig àm àraidh a h-uile bliadhnamar bu trice, agheamhraidhbha mnathan agus nigheannan nan tuathanach mòra acoinneachadh oidhchesan t-seachduin ann an Taigh na Coille, agus bha iad adeanamh léintean de gach seòrsa air son nan dìlleachdan laga, agus air son nam



[283]

[Vol . 3. No. 36. p. 3]

bochdan eile bu laiges bu bhreòite a bhair an òighreachd. Air an dòigh so bha na daoine bochda cho comhdaichtes gu saoileadh aon choigreach a thigeadh an rathad nach robh duine bochd air an oighreachd idir.

Cha bann do na daoine bochda a mhàin a rinn bean an uachdarain feum, ach mar an ceudna do na tuathanaich mhòra, agus do n teaghlaichean. Ged nach burrainn neach sam bith a ràdh le ceartas agus le firinn gu robh na tuathanaich mhòra air dheireadh air an leithidean eile anns an dùthaich ann an caoimhneas ris na bochdan, gidheadh cha robh iad cho caoimhneils bu chòir dhaibh a bhith. An uair a thug iad fa near an cùram a bhaig bean an uachdarain do na bochdan, agus a chunnaic iad an t-saothair agus an dragh a bha i agabhail a chum nach biodh dìth bìdh no aodaich orra, is ann a bha car beag de nàire orra, a chionn cho beags a bha de shùim aca fhein do na bochdan. Thuig iad glé mhath nach bann idir a chum gu faigheadh i cliù is ainm math dhi fhein a bha bean an uachdaraing a cur fhein gus a leithid de dhraghs de shaothair.

Dhatharraich bean Bhaile-Chnoic i fhein a barail air an dòigh anns am bu chòir dhi caoimhneas a nochdadh do na daoine bochda. Anns an àm anns an robh i toirt oirre fhein a chreidsinn gu robh an t-uachdaran gu dhe na nigheannan aice a phósadh, bha inochdadh barrachd caoimhneis do no daoine bochda na bha eile dhe seòrsa anns an dùthaich. Cha bann uile gu léir a chionn gu robh fìor thoil aice math a dheanamh do na daoine bochda, ach air ghaol ainm math a chosnadh dhi fhsin. Bha ismaointean gun tugadh an caoimhneas a bha inochdadh do na h-uile a bha ann an inbhe ni bisle na i fhein air an uachdaran barrachd meas a bhith aige oirre fhein agus air a teaghlach. An uair a chunnaic i nach robh coltas sam bith gun deanadh so feum dhi, dhfhás i car caoin-shuarach mu na bochdan. Ach an uair a fhuair i fhein agus a cuid nigheannan cuireadh o bhean an uachdarain, mar a fhuair mnathan uaisle eile na dùthchadh gus a dhol uairsan t-seachduin do Thaigh na Coille a dhfhighe agus a dhfhuaghal aodaichean gus an sluagh bochd a chòmhdachadh, ghabh i an cuireadh gu toileach. Am measg gach còmhraidh a bhiodh eadar na mnathan uaisle so an àm dhaibh a bhithfighes afuaghal, bhiodh iad alabhairt mu shuidheachadh nan daoie bochda. Air feasgar araidh bhan còmhradh a leanas eatorra, agus labhair bean an uachdarain mar so:—

Is e ar dleasdanas gu léir gach ninar comas a dheanamh a chum gach cuideachadh agus comhfhurtachd a thoirt do na daoine bochda air nach do bhuilich an Cruithfhear saoibhreas. Tha mi fhein alàn-chreidsinn gu bheil an àireamh as den t-sluagh aig am bheil feum air cuideachadh anns achuid so den dùthaich, agus ann an iomadh àite eile, anns acheart shuidheachadh anns an dorduich am Fearr-iaghlaidh dhaibh a bhith. Gun teagamh sam bith tha iomadh aon ann a dhfhaodadh a bhith ann an suidheachadh as fhearr nan suidheachadh anns am bheil iad, nan robh iad an àm an oige ni bu dìchiollaiche aig an obair na bha iad. An uair a tha daoine og, luath, làidir, tha iad gu math tric adìchuimhneachadh gu faod trioblaid is tinneas agus iomadh éis tighinn nan rathad. Ach ma thachair dhaibh so iomadh éis agus trioblaid a thoirt orra fhein le goraiche agus le cion toirt fa near, cha choir do neach sam bith air an do bhuilich am Fear-riaghlaidh barrachd gliocais agus tuigse, agus aig am bheil cuibhrionn de mhaoin an t-saoghail so, cùl a chur riutha an uair a tha iad ann an éis agus ann an trioblaid. Thigeadh dhuinne uile a bhith ro thaingeil gu bheil sinn uile comasach air cuideachadh a thabhairt do chuid aig am bheil feum air cuideachadh. Feumaidh mi fhein aideachadh gu saor nach robh mi riamh cho tàingeils bu choir dhomh; ach riamh on a thoisich mi ri taghal ann an taighean nan daoine bochda tha mi sìor fhàs nis tàingeile na bha mi roimhe.”

Than fhìrinn anns gach facal a thubhairt sibh,” arsa bean Bhaile-an-àth, ’s ifreagairt: “Mar a than sean-fhacal ag ràdh, chan fhidir an séathach an seang. Fhads nach robh mi fhein atoirt fa near mar a bha cuid den t-sluagh atighinn beò, cha robh mi leith cho measail air na sochairean a tha misealbhachadhs a tha mi nis. Tha migabhail beachd o chionn ghoirid gu bheil cuid den t-sluagh cho bochds is aithne dhomh mòran nis taingeile na iomadh a h-aon aig am bheil pailteas de nithean matha an t-saoghail so. Tha eagal orm gu bheil sinn uile acur barrachd earbsa na bu chòir dhuinn anns na nithean a chi an t-sùil agus a laimhsichsicheas an lámh. Nach ann a thuirt bantrach bhochd rium an latha roimhe, gun deachaidh i fhein agus a dithis phàisdean laga a laidhe an oidhche roimhe sin gun ghreim a ghabhail ach na ghabh iads amhaduinn. Cha robh fhios aice, bha i ag ràdh, càite am faigheadh i greim a chuireadh bhar na ciallaidh achlann an uair a dheireadh iad. Chuir abhean bhochd so i fhein agus a dithis phàisdean air chùram an Athar néamhaidh, agus chaidil iad gu trom gus an dthàinig amhaduinn. Cha chuala mise gu robh abhean bhochd anns an t-suidheachadh thruagh so, ach bhuail e anns an inntinn agam gum bu chòir dhomh beagan bìdh a chur da h-ionnsuidh. Cho luaths a fhuair mi deas dhfhalbh mi fhein leis. Ged a bha greis den latha air a dhol seachad, cha robh abhean bhochd ach air an teine a thogail. An uair a thuig i gu robh ioghnadh orm a chionn i bhi cho fada gun éirigh, thuirt gun dfhan i anns an leabaidh còmhladh ris achloinn cho fadas a burrainn i, feuch an cuireadh Dia ann an cridhe neach eiginn gréim den bhiadh a chur uca. Sheall i ormsan aodann an uair a thug mi dhi am biadh, agus thuirt i, ‘Taing do Dhia air a shon so, agus taing dhuibhse. Ach is e Dia a chuirnar cridhe tighinn an so an diugh a dheanamh cobhair ormsa agus air mo phàisdean laga.’ Na dhéigh sin dhinnis i dhomh na dhainmich mi mar tha, agus tuilleadh dheh-eachdraidh; ach gheall mi dhi nach tugainn iomradh air ri neach sam bith. An àite a bhithg innseadh cho bochds a tha is ann a tha iga chleith. Tha nis suidhichte gun dean mi gach ninam chomas chum creutairean truagha den t-seòrsa so a chuideachadh.”

Rinn na chuala iad mun bhantraich bhochd so drùbhadh mòr air gach aon de na mnathan uaisle. Mun do dhealaich iad air an fheasgar ud shuidhich iad gun coinneachadh iad air an ath sheachduin, a chum an comhairle a chur richéile, feuch ciod an dòigh anns am bfhearr a rachadh aca air cuideachadh le gach neach a bha bochd air an oighreachd.

(Ri leantuinn.)



[284]

[Vol . 3. No. 36. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney Cape Breton.


SIDNI, AM MART 9, 1895

Tha sinn duilich gu bheil againn ri àireamh de dheagh sgrsobhaidhean a chumail air ais o chionn dha no tri sheachduinean le cion rùm. Faodaidh sinn aon no dha dhiubh ainmeachadh, mar tha òraid an Lighich’ ’Ic Gill-Iosa, á Lunnuinn, a chuir ar deagh charaidCabar-Féidhugainn, agusBàird an lathan diughleCona,” a tha làn airidh air a bhi air a mheas mar aon de na bàird e-fhéin. Tha àireamh eile againn air laimh, nach ruig sinn a leas ainmeachadh, ach tuigidh iadsan a sgriobh iad nach ann adeanamh tàirorra tha sinn idir. Tha romhainn an cur an clò a cheart cho luaths is urrainn dhuinn.


Sloinntireachd

Tha muinntir an la an diugh nis gleusda ann am mòran de ghnothaichean na bhan athraichean, ach chan eil iad idir, tha mi duilich a ràitinn, am faisg cho dàimheil. Is gann a choinnicheas sinn ri neach an diugh aig am bheil cùram sam bith mu thimchioll a chàirdean an taobh a mach de bhuill a theaghlaich fhéin. Agus is iongatach agus bochd e ri innseadh gu bheil na Gàidheil air fàs coltach ris na Goill anns acheum so. Tha sinn ann an cunnart gun caill sinn ar dùchasachd(patriotism)gu léir mur amhairc sinn romhainn. Tha ena ni iongatach ra innseadh gun coinnich neach an diugh ris an tuilleadh de dhuinealas ann a bhi acumail ri doigh nan aithrichean ann an Canada na ann an Gàidhealtachd na h-Alba. Tha annan cuid de chearnaibh de Chanada, muinntir a chaidh a bhreith us àrach air an taobh so dhen chuan, agus chuireadh iad nàire air an càirdean air Alba air son gloine an Gáilig, an cùram mu chumail suas beul-aithris agus gnath-fhacail an sinnsireachd, agus air son mar tha iad ataisbeanadh nan déiligeadh ri aon a chéile, gu bheil aruith nan cuislean an fhuil bhlàth a rinn Gàidhealtachd na h-Alba, ’sna linnibh a dhfhalbh, ainmeil air son a caoimhneis agus a cathrannais. Bha mi gu mòr air mo ghoriteachadh air mo thurus don Ghaidhealtachd o chionn da bhliadhna, a bhicoinneachadh ris an spiorad spiocach, a tha gu mòr atàrmachadh ann am broilleach nan Gall, ariaghladh ann an cuid de chearnaibhsa Ghàidhealtachd. Ma tha neach air son coinneachadh ri fior Ghàidheil an diugh, feumaidh e amharc air an sonsna tirean céin. Tha ann an Canada an diugh, Gaidheil a chaidh a bhreith us àrachsan dùthaich so aig am beil an tuilleadh eòlais air an sinnsirean agus air an cleachdaidhean na gheibhearsa Ghàidhealtachd féin. Air an la roimhe, thaghail orm, ur caraid, agus fior Ghàidheal, Aonghas Mac Ille-mhaoil, a thacòmhnuidhsa Lagan, ’an Canada Uachdrach, agus thug e dhomh fios air a shinnsireacdh mar a leanas:— “Is mise Aonghas Mac Dhomhnuill Mhic Eòghainn MhicIlleasbuig Mhic Dhomhnuill Mhic Iain Mhic Eoghainn Mhic Dhomhnuill Mhic Eoghainn Mhic Iain.” Chunnt e mar sin a dhionnsaidh an deicheamh glùn. Tha ogha aig an fhior Ghàidheal so ann am baile mòr Winnipeg, don ainm Aonghas. Tha mar so da ghlùn deug dedhaoine air sgeul aig Mr. Mac Ille-mhaoil. Càit am faigh sinn Gàidheal is urrainn a shinnsirean a shloinneadh a mach cho fada sin? Bu mhath leinn cluinntinn muthimchioll.

R. MAC L.
Dunbheagain, Ont.


Tha na Turcaich adeanamh droch dhiol air na Criosduidhean ann an Armenia. Tha iad, mar gum beadh, air cur rompa gun cuir iad as dhaibh gu buileach. Tha iadg am priosanachadhsg an cur gu bàs air gach ciontas lugha na chéile, agus air uairean gun chiontidir. Than t-àm aig rioghachdan eile cùram a ghabhail dhe na daoine truagha, neo chan fhada gus rm bi iad air an sgiros á bith.


CUIMHNICH!
gu bheil aghainn
Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh
dhe gach seorsa, agusga reic air
PRISEAN IOSAL.
JOST BROS.
Sidni, C. B., Feb. 1, ’95.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[285]

[Vol . 3. No. 36. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Tha na mèinnean-guail air tòiseachadh ri obair, a bancadh a ghuail air choinneamh an earraich. Ni so an t-airgead beagan nas pailte, agus timeannan nas fhearr na tha iad an dràsda.

Chan eil muinntir a bhaile sodol a ghabhail airgid an iasad am bliadhna idir. Bha coinneamh aca air an t-seachdain sa chaidh, agus dhiùlt iad a muighsa mach gnothuch a bhi aca ri airgiod iasaid.

Air a mhios so théid uair us seachd mionaidean deuga ri fad an latha. Air an ficheadaibh latha dhen mhios bidh an lathas an oidhchesan aon fhad, da uair dheug.

Tha Greenway, Priomhair Mhanitoba, anabarrach tinn. Air an t-seachdain sa chaidh, bha e cho iosals gu robh e an teagamh an tigeadh no nach tigeadh e uaithe.

Tha ri fhaicinn ann an Tigh-òsda Shidni an dràsda, iolaire a chaidh a mharbhadh aig a Phòn Mhòr le Isac Mac Isaic, Di-haoine sa chaidh. Tha ochd troidhean eadar bàrr an da sgéith aice.

Chaidh fear Seumas Forest, anns aMhéinn a Tuath, a bhualadh le paireileis Di-sathairne sa chaidh, agus cha dthàinig facal bruidhne uige fhathast. Than darra taobh dheth gun lùths.

Bha teine mor eile ann an Toronto Di-dòmhnaich sa chaidh, agus bha faisg air fiach muiliein dolair air a losgadh. Be so an treas taine a bhacasa bhaile sin bho thoiseach agheamhraidh.

Tha na ròidean air feadh na dùthcha glé dhona fhathast, ach thug an aiteamh a bhann toiseach na seachdain so agus an reothadh na deigh, isleachadh math as an t-sneachda, agus tha e gu math nas fhusa do dhaoine gluasad bho na taighein na bha e o chionn seachdain.

Chaochail seann duine còir dom bainm Aonghas Gillios, ann an Gleann-nan-Sgiathanach, Di-sathairne sa chaidh. Cha robh ach còig-la-deug eadar esa bhith ceud bliadhnasa h-ochd a dhaois. Rugadh e anns an Eilean Sgiathanach air La-Fhir-Padruigsa bhliadhna 1787. An uair a bha e fhathastna dhuìnòg, thàinig e air imrich a Cheap Breatunn, agus àireamh bhliadhngchan an deigh sìn chaidh e dhfhuireach a Chanada Uachdrach. Thàinig e air aisna shean aois agus chuir e seachad na bliadhnaichean mu dheireadh a measg a chàirdeansa luchd-eòlais. Bha ena dhuine slàn riamh; cha robh tinneas sam bith acur dragh air gus o chionn glé ghoirid, agus gus o chionn bliadhna no dha bhachuimhnesaithne cho mathsa bha iad an làithean òige. Bha teaghlach mòr aige; tha mac dha, Callum Mòr, a fuireach aig aMhèinn Iaruinn, faisg air Hogamah, agus nighean dha, Siùsaidh, pósda aig Seumas Gillios, ann an Gleann-nan-Sgiathanach. Mas math ar beachd, tha chuid eile dhetheaghlach ann an Canada Uachdrach.

Chaidh fear Iain Mac Leòid a mhunntir Eilean aPhriannsa a mharbhadh ann am méinn aig baile Bhute, am Montana, o chionn ghoirid. Thugadh a chorp dhachaidh dhn eilean air an t-seachdain sa chaidh gu bhi air adhlacadh.

Bidh dubhar(eclipse)air aghealaich an ath-oidhch’. Tòisichidh dubhar mu naoi uai-eansan oidhche agus bidh e thairis an deigh aon-uair-deug. Bidh aghealach dubh dorcha mu dheich uairean. Ma bhios an oidhche briagha, ghelbhear deagh shealladh air ann an so.

Chaidh bristeadh a stigh don stòr aig Mr. Pope (feoladair) aon oidhche o chionn ghoirid, agus ghoideadh deich dolair de dhairgiod. Tha e coltach gu robh farbhas air chor-eigin air a chur air a mheirleach mun dfhuair e deas, oir dhfhág e barrachdsa thug e leis. ’Sen dòigh air an dfhuair e stigh, tholl e suas troimhn ùrlar.

Than t-Urr. D. Drummond, ministear an Eilean Mhòir, maille ri mhnaois ri nighinn, adol a thoirt cuairt do na Stàitean air a mhios sa tighinn. Tha dùil aige taghall ann am baile New York, agus ma bhios ena chomas, bheir e searmonnan cainnt féin do na Gàidheil air a cheathramh latha deug. Tha sinn an dòchas gun cuir e fhéin us Gàidheil a bhaile mhòir sin deagh eòlas air a chéile.

Tha fios a fhuair sinn á Columbia Bhreatunnach ag innse gun deachaidh duinòg a mhuinntir Cheap Breatunn, dom bainm Seumas Gillios a mharbhadh ann am beanntan Slucan air an darra latha dhen mhios a dhfhalbh. Chaidh a ghiùlan air falbh le ruith-shneachda(snow-slide), mu leth mhile dhastar, agus an ceann leth-uair a thim, fhuaireadh a chorp. Cha robh làrach sam bith air ach aon ghearradh beag air cùl a chinn. Bha e air adhlacadh leis nah-Oddfellowsann an Nelson. Bha e aona bliadhndeug air fhichead a dhaois. D fhàg e an dùthaich so mu dhusan bliadhnair ais. Tha a phàrantan afuireach ann an Gleann-nan-Sgiathanach, agus tha sgeul a bhàis na bhuille ghoirt dhaibh. Chaidh duinòg eile, Iain Mac Fhionghain (mac Phàdruig) a New Canada, a thoirt air falbh leis an t-sneachda còmhla ris, ach fhuair esan as lebheatha, ged a chaidh a dhroch leònadh, agus bidh en ùine ghoirid cho mathsa bha e roimhe.


BAIS.

Aig Rudhan Rothaich, St. Anns, an 3 la dhen Mhàrt, Bean AonghaisIc Asguill.

Aig Ceap Dauphin, an 4mh la dhen Mhàrt, Bean Thormaid Dhomhnullaich, 35 bliadhna dhaois.

Aig Sidni, air au 2 la dhen Mhárt, Ruairidh A. Domhnullach, 26 bliadhna dhaois.

Aig Sidni Tuath, air a 5mh la dhen Mhàrt, Mairearad, bean ChoinnichIc Fhearghaìs, ’s an Eilean Mhòr, 53 bliadhna dhaois.


LeighsidhMinard ’s LinimentDeideadh.


Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan, Pinn, Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires air son gach àm eile dhen bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.

Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich



[286]

[Vol . 3. No. 36. p. 6]

Na Baird Ghaidhealach bho 1725 gu 1815.

MICHEIL MOR DOMHNULLACH.

Rugadh Micheil Mor Domhnullach ann an Uibhist mun bhliadhna 1745. Thanig e do dh-Eilein a Phrionnsa sa bhliadhna 1772. Phos e Anna Nic-Eachairn, piuthar don Easbig Mac-Eachairn. Chuir e seachad geamhradh leis fhein ann an Siudig an Cape Breatunn. Chaochail e an Eilein a Phrionnsa sa bhliadhna 1815. Bha duil agam aon uair gun gabhadh fear no dha de na h-orain aige faighinn, ach tha eagal orm nach faigh. A reir coltais tha iad air chall.

RUARI MAC-COINNICH.

Chaochail Alasdair Mac-Coinnich, tighearna na Cuile, sa bhliadhna 1650. Dhfhag e triuir mhac, Ruari sa chomraich, Coinneach sa Chuil, agus Eachann an Asaint. Bha mac aig Ruari dom bainm Iain, “Iain Mollach.” Bha tri mic aig Iain Mollach, Alasdair, Ruari, Coinneach, is Iain Og. Ruith sliochd Alasdair am mach. Bha ogha no iar-ogha aig Ruari dom bainm Ruari. Ben Ruari so ceann-taighe teaghlach na Comraich. Bha e na dheagh bhard. Tha e air a radh gun danig e do Nova Scotia no dh-Eilein a Phrionnsa mun bhliadhna 1804. Bha brathair aige ris an abairteadh Calum Ruadh. Chaochail Calum Ruadh an Kishorn mun bhliadhna 1820.

Rinn Ruari Mac-Coinnich oran mu thighinn do dh-America. Bho nach h-fheil e ach goirid bheir mi seachad e.—

Thoir an nall dhuinn am bòtul,
Cuir an deoch so mun cuairt;
Tha minntinn gle dheonach
Dhol a sheoladh thar chuan,
Dhol a dh-ionnsaidh an aite
Gusn do bharc am mor shluagh,
Dhol gu Eilein Naomh Mari,
S cha bhi mal ga thoirt bhuainn.

Ach, Aonghuis Mhic-Amhla,
Tha min geall ort ro mhor,
Bhon a sgriobh thu na briathran
Is an gniomh le do mheoir,
Gun cuir thu gar n-ionnsidh
Long Ghallda nan seol,
Is ruith-chuip air a claribh,—
Thar nam barc-thonn le treoir,

So a bhliadhnatha saricht
Dh-fhear gun aiteach, gun sunnd,
Nuairtheid cachsa mhios Mharta
Ris an aiteach le surd.
Tha luchd-riaghlidh an aite
Nis gar n-aicheadh gu dluth:
S gur h-en stiuirthoirt an iar dhi
Ni as ciatiche dhuinn.

Mas e reitheachan chaorach
N aite dhaoinebhios ann,
Gum bi Albinn an trath sin
S i na fasich don Fhraing;
Nuair thig Bonipartstraiceil
Le laimh laidir an nall,
Bidh na ciobairean truagh dheth,
Is cha chruaidh leinn an call.

S e mo ghuidhe ma sheolas sinn
Gun deonichear dhuinn
Gum bin ti uile-ghrasmhor
Dh-oidhch’ ’sa la air ar stìuir,
Gu ar gleidheadhs ar tearnadh
Bho gach gabhadh is cuis,
S gu ar tabhirt lan shabhailt
Do thir aghmhoir na muirn.

Bidh am bradan air linne,
S cha bhi cion air na feidh;
Bidh gach eun air na crannibh
Ann am barribh nan geug;
Bidh an cruinneachd a fas dhuinn.
S bidh an t-al aig an spreidh;
Ma bhios aginn ar slainte
Cha bhi cas oirnn no eis.

AN T-OLLAMH MAC-A- GHOBHA.

Rugadh Iain Mac-a- Ghobha an Gleann-Urchaidh sa bhliadhna 1747. Rinneadh ministir dhath sa bhliadhna 1775. Bha e na dhuine ionnsichte fiosrach, comasach. Bha e na dheagh bhard, agus na sgriobhadair Galig ro mhath. Chuir e am mach leabhar ris an abrarSean DanaSa bhliadhna 1787. Chaochail e sa bhiliadhna 1807. Tha na seann dain a chuir e am mach faisg air cho math ri dain Mhic-Mhuirich. Tha fear no dha dhiu nas fhearr. Tha Galig annta uile cho math is a gheibhear.

Tha mi a toirt seachad nan sreathan a leanas gu a leigeil fhaicinn cho comasach agus a tha a bhardachd a tha an leabhar an Ollaimh Mhic-a- Ghobha:—

Bha Fionn agus a naimhdean mu choinnimh a cheile. Gharim Fionn air Fearghus, a mhac, agus chuir e air ceann an t-sluaigh e gu dhol a sios don bhlar. Labhair e ris ann sna briathribh a leanas:—

Cait a bheil an og ìolir fhuaimneach
Bu tartrach sgiath am feachd a chruadail’.
Cha bfhothnan len do sgaoil thum blar,
S cha bu lorg leinibh do shleagh ad laimh.
Chi mi orra colg a chatha;
S leatsan diugh, a mhic an latha.
Lub an t-uaibhreachs na buail am fann,
S am fuil a mhiodhair na truaill do lann.
Mur tuit na trein cha n-eirich do chliu,
S taibhsean nan speur gu dchuirm cha dig dluth.
Caomhinn an lag, ach an aghidh an laidir
Bitheadh mar dhoire ri theine do ghairdein.
Mar ghaoith gu seideadh na caoire
Bidh ghnth sair an raon so lamh riut.

A. M. S.


Litir a Braigh Amhuinn a Deas Antigonish.

Se chuid den Amhuinn a Deas a tha eadar muillean an Fhrisealaich us Bonn an Loch ris an canar am Bràigh. Tha e mu cheithir mile air fad. Tha an t-uisgeruith direach gu tuath. Tha mu fhichead baile ann air gach taobh den amhuinn, agus pairt diu air a bheil theaghlach acómhnuidh. Agus so agaibh an sloinneadh: —Clann Domhnuill, Clann Chamarain, Clannic Ille-Mhaoill, Clann Ghriogair, Clann Mhuirich, Clann Neill, Clann Uaraig, Clann Phi agus Cuimeinich. Faodaidh neach a thuigsinn gur a Gàidheil iad, agus tha mi fiosrach gur h-iGhàidhlig a tha iad alabhairtnan taighean. Tha iad uile glé mhath air an doigh, ach, mo sgeul duilich, chan eil ach triùirna measg a tha gabhail a MHAC-TALLA. Tha eagal arm nach eil iad cho dileass bu chòir dhoibh a bhi dan chànain bheartach a bha aig na daoine gasdathàinig á tir nam beanns nan gleannaibh. Ach tha cuid diu, ’s

Leughadh iad en iasad,
Spiocairean nach can mi.”

AN TUATHANACH GLAS.


Leighseadh mise o chuing leMINARD ’S LINIMENT.
I. M. CAIMBEAL.
Bay of Islands.

Leighseadh mise o at air maodann leMINARD ’S LINIMENT.
U. DANIELS.
Springhill, N.S.

Leighseadh mìse o Loinidh leMINARD ’S LINIMENT.
DEORSA TINGLEY.
Albut , N. B.


An la roimhe seo, bha mileughadh òrain Ghàidhlig Eireannaich, anns an robh na focail seo. “G am ghluaiseadh amdhaindheoin, o aite ga cheile.” Agus bha iad air am mineachadh mar seo. —Chaneil seadh nam focalo aite ga cheileagus brigh nam focalO aite,” co-ionnan. ’Nuair a dhatharruichear neachO aite gu aitedhfhaodadh e bhi, gum beil an dara h-aite nis fearr, dhfhaodadh nacheile cho math, ris an aiteile. Ach nuair a thèid neach a charuchadh, “o aite ga cheile,” tha sin aciallachadh gum beil urram agus tuarasdail an aite don deach e, co-ionnan ri inbhe agus buannachd an aite a chaidh fhàgail.

GALL-GHAIDHEAL.



[287]

[Vol . 3. No. 36. p. 7]

Laoidh Oisein don Ghrein.

O thusa fein a shiubhlas shuas,
Tha cruinn mar lan sgiath chruaidh nan triath
Cia as a ta do dhearrsgun ghruaim,
Do sholus a ta buan a Ghrian?
Thig thusa machnad àille threin,
Is faluichidh na reul an triall,
Theid ghealach sios gun tuar on speur,
Ga cleatha fein, fo stuaidhsan iar.

Tha thus’ ’ad astar dol a mhàin,
Is co dhan dàna bhiad chòir?
Feuch, tuitidh darag on chruaich aird,
Is tuitidh càrn fo aois is scòrr,
Is traighidh agus lionaidhn cuan,
Is caillear shuas an san spéur,
Tha thusad aón a chaoidh fo bhuaidh
An aoibhneas bhuan do sholuis fein!

Nuair dhubhas dorch man domhain stoirm,
Le torrunn bòrb is dealan beur
Seallaidh tu nad àillon toirm,
S fiamh gàirem bruaillean mòr nan spéur.
Ach dhomhsa tha do sholus faoin
S nach fhaic mo shnil a chaoidh do ghuis,
A sgaoileadh cùl as orbhuiciabh
Air aghaidh nials a mhadainn ùr.

A sgaoileadh cùl as orbhuiciabh
Air aghaidh liath nan nials an ear
No uair a chritheas tus an iar
Aig do dhorsaibh ciar air lear.
Ma dhfheudte gu bheil thus mi fein
An am gu treuns gun fheuman am,
Ar bliadhnaibh tearnadh sios on speur
La chéile siubhal chum an ceann.

Biodh aoibhneas ortsa fein, a Ghrian,
A thriathad òige neartmhor ta!
Oirs dorchmi-thaitneach tha an aois
Mar sholus faoin an gun chàil,
Bho neoil a sealltuinn air an raon,
S an liath-cheo faoin air thaobh nan cárn,
An osag fhuar o thuath air réth,
Fear siubhail dol fo bheudse mall.


LeighsidhMinard ’s LinimentLòsgadh.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.

A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.

Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.

Call and Examine Stock.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidk iad riut ann an Gailig.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnn
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[288]

[Vol . 3. No. 36. p. 8]

Litir a Ontario.

FHIR-DEASACHAIDH: —Choinnich Domhnull Mac-Ille-mhaoil, fear de na chomhairlichichean(councillor)againn mi an roimhe, agus ghlaodh e rium le guth àrd, “Mo bheannachd ort! Cum suas aGhàilig.” Bha en deigh mo litir a leughadh, ’se air a rathad dhachaidh as an oifig, ’s MAC-TALLA aige air a thasgadh gu cùramachna phòcaid. Thug sin misneach dhomh gu litir eilesgriobhadh thugad.

Chan eil moran de sgeul ùr sam bith agam dhuit an dràsda. Tha e air a ràdh gur math an naigheachd a bhi gun naigheachd idir. Coma dhiù, cha chòrdadh e ri leughadairean nam paipearan a bhigam faotainn gun naigheachd ùr sam bith a bhi annta. Chan urrainn neach sam bith sin a ràdh mu dphaipear maiseach, grinnsa, oir tha e làn de nithibh nuadh agus taitneach na h-uile seachdain, a cur aoibhneis ann an cridheachan nan Gàidheal anns gach àiten tèid e.

Tha dùil againn gum bi taghadh againn anns a chearna so den dùthaich, air son na Pàrlamaid Aird, an ùine gun bhi fada. Tha bhuidheann ùr sin ris an abrar na Patrons aruith duine don ainm Uilleam Allain, an aghaidh Dotair Landerkin, ann an Siorramachd Ghrey. Than dotair a stigh o chionn còrr agus fichead bliadhna. Faodaidh e bhith gun cuir iad a mach e, ach ma chuireas, chan fhaigh nas fhearrna àite. Tha bhuidheann ùr adol a dheanamh moran matha, mas fior, ach faodaidh iad a bhi coltach ris achirc a rinn an gog mòrsa rug an t-udh beag. Tha ena ni furasda gealladh math a thoirt seachad, achse choilionadh as fhearr.

Chaochail duinog, Eachunn Mac Gilleain, a dhfhalbh as an àite so o chionn beagan bhliadhnachan, shuas ann an Duluth o chionn ghoirid. Thugadh a chorp dhachaidh gu tigh athar, Ailein Mac Gilleain (eildear), agus chaidh adhlacadh Di-màirt sa dhfhalbh. Bha da mhile dolair, ( $2 ,000) de dhairgiod-urrais air a bheatha, agus rinn e an t-iomlan dheth suas da mhàthair. Bfhearr gum biodh na h-uile gillog cho cuimhneach air a mhàthairsa bhan t-òganach so; chan eil gealladh aig an òige air saoghal fada nas na thaig an aois.

Tha duine còir againn a tighinn don t searmon Ghàilig gach maduinn Di-dòmhnaich don ainm Iain Caimbeul. Tha e tighinn ochd mile a chluinntinn an t-Soisgeil air a shearmonachadhna chainnt fhéin, leis an Urr. Domhnull Mac Leòid, agus bidh e anns an eaglais roimhn fheadhain a tha làimh rithe. Tha eaglais glé fhaisg air fhéin, ach chan eil cainnt chaomh a mhàthar air a searmonachadh innte. Tha e thriris air tri fichead us deich bliadhna dhaois.

Leugh mi litir Iain Rothaich á New Zealand, agus gu cinnteach thug i mor fhòghlum dhomh a thaobh na dùthcha sin. Tha a litrichean uile gle bhrioghar. agus is gasda leam fhein an leughadh iad.

Than coithional cléireach anns a bhaile so adeanamh deas air son tigh mor ùr a thogail air son àite-comhnuidh dhan mhinistear, an t-Urr. Domhnull Mac Leoid, air an t-samhradhsa tighinn.

Bhan t-side uamhasach fuar againn an so bhon sgriobh mi roimhe. Bha e 35° fo zero; cha robh fuachd cho mor anns a chearna so o chionn da fhichead bliadhnasa bha e an toiseach Februairidh.

Tha mi nisedol a sgur. Cha sgriobh mi tuilleadh gu earrach, agus an sin feuchaidh mi ri litir nas fhearr a chur gad ionnsuidh, mas urrainn mi idir. Slàn leat an dràsd.

I . M. I.
Priceville, Ont., Feb. 24, ’95.


Bathar dhe gach seòrsas fhearr, agus cho saorsa gheibhearile, ’sa bha ri chreic aig D. I. Domhnullach. Taghail aige.

LeighsidhMinard ’s LinimentCeann-bhrist.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Soithichean Creadha agus Glaine.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh

Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B
Feb.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd

titleIssue 36
internal date1895.0
display date1895
publication date1895
level
reference template

Mac-Talla III No. 36. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page