[Vol . 3. No. 37. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 16, 1895. No. 37.
Sloinntearachd.
Ann an àireamh na Seachdain s’a chaidh de ’n MHAC-TALLA, dh’ fheoraich fear “R. Mac L.” c’ àit am faigh sinn Gàidheal is urrainn a shinnsirean a shloinneadh a mach cho fada ris an deicheamh glùn, mar a rinn Aonghus Mac-Ille-Mhaoil ’san Lagan, an Canada Uachdrach; ’s ma bha aon diu ri fhaotuinn gu’m bu mhath leis cluinntinn mu thimchioll.
’S mise Alasdair, mac Ailein, ’ic Aonghuis, ic Alasdair bhàin, ’ic Alasdair Mhoir, ’ic Aonghuis a bhochdain, ’ic Alasdair Mhoir Bhothuintinn, ’ic Alasdair, ’ic Iain duibh, is Raonuill Mhoir na Ceapaich, ’ic Dhomhnuill Ghlais, ’ic Alasdair, ’ic Aonghus, ’is Alasdair Charraich, ’ic Iain, ’ic Aonghuis oig, ’ic Aonghuis Mhoir, ’ic Dhomhnull, ’ic Raonuill, ’ic Shomhairle, ’ic Gillebhride, ’ic Gilledonnain. Tha mic agam, is le ainm fir diu thoirt a stigh, ni mi suas ceithir ghlùin fhichead.
Mur a creid sibh mise anns na tha mi ag ràdh, curibh a cheist air an Urr. A. Mac G. Sinclair, agus ’s urrainn dhasan innse dhuibh ma tha no nach eil mi ceart.
ALASDAIR AN RIDGE.
Ainmean nam Miosan.
January ,An Fhaoilteach.
February ,An Gearran.
March ,Am Màrt.
April ,An Gibleinn.
May ,Am Màigh.
June ,A’ Chiùine.
July ,Am t-Iuchar.
August ,An Liùnasdal.
September ,Sultuine.
October ,An Damhair.
November ,An t-Samhuinn.
December ,An Dùdlachd.
Chuireadh na h-ainmean so g’ ar n-ionnsuidh le caraid; am bheil iad ceart?
LeighsidhMinard ’s Linimentri reic ’s gach àite
A NEW ZEALAND.
Bha cùirt na suidhe o chionn mios air son rannsachadh a mach mu aobhar bristidh na soithich-smùide “Wairarapu,” ni air an d’ thug mi iomradh roimhe. Chuireadh a’ choire gu buileach air a’ chaiptean, air son a bhi ruith an t-soithich aig làn astar ann an ceo dorcha, ’nuair bu choir dha bhi ’ga cumail air a socair. Chailleadh esan leis ao t-soitheach; tha e nise ann an làmhan an àrd-bhreitheimh shuas, agus is diomhain do chùirt thalmhaidh a bhi ’toirt breith air. Bhrist an soitheach ’na dà leth; chaidh an leth-deiridh as an t-sealladh ann an uisge domhainn, ’s cha n-eil ri fhaicinn dhe’n cheann-toisich ach bàrr fear de na croinn. Bu cho math sin fhèin a dhol á sealladh na sùla, oir tha bhi ’ga fhaicinn ’na aobhar craidh us mulaid do iomadh teaghlach anns an dùthaich mu’n cuairt.
Tha cùirn bheage de chlachan ri ’m faicinn anns an àite so, ge b’ e taobh a théid duine, ris an canar Kapura Maorie. ’S ann leotha bhios na Maories, nàisinn na dùcha, a’ deasachadh an cuid bidh. Gheobh iad mu làn cléibhe de chlachan beaga, ni iad teine mor air an uachdar gus am bi iad dearg theth. An sin cuirear as an teine, agus sgaoilear na chachan a mach air gach taobh dhe’n laraich, a fàgail siuichd ’s an teis-meadhoin, beag no mòr a réir na tha ri dheasachadh. Théid beagan uisge dhòrtadh air na clachan air son an glanadh bho ’n luathainn, agus an sin plàta sgaoileadh thairis orra. Air uachdar a phlàta, càirear ni sam bith a bhithear air son a bhruich, buntàta, feòil, iasg, maorach, no ni sam bith eile; theid plàt’ eile sgaoileadh air uachdar sin, agus air uachdar a phlàta, bi’dh tdilleadh chlachan tetha air an cur. Tha ’n àmhunn an sinn deas, agus cha’n eil dad aig a’ chòcairr ri dheanamh ach beagan uisge dhòrtadh air an dùn an drasda ’sa rithist gus am biadh a chumail o bhi air a thiormachadh suas, no air a losgadh. Tha biadh air a bhruich mar so cho glan ’s cho eireachdail ’s gu faodte chur air beulaobh duine sam bith. ’S ann air an dòigh so a b’ àbhaist do na Maories bho shean a bhì bruich an naimhnean ’nuair a gheobhadh iad greim orra. Agus cha n-eil àireamh mhor bhliadhnachan bho’n sguir lad a dh’ ith n co-chreutairean; chaidh uair us uair, cur as do theachdairean soisgeulach air an dòigh so.
’S e “Go-ashore” an t-ainm a th’ aig na Maories air poit thri-chasach. ’Nuair bha Caiptean Cook ag ùr-fhaighinn na dùcha so, chaidh na Maories aon uair air bòrd an t-soithich aige, agus air toil a bhi aige falbh, chuir e cabhag orra gu tir. Thug e poit thri-chasach dhaibh, air son an cumail sitheil, ag radh riutha aig a’ cheart àm “go ashore!” Bha na Maories an dùil gu’m b’e so ainm na poite, agus lean an t-ainm sin rithe riamh o’n uair sin, aig daoine geala ’s eile. ’S ann fo ’n ainm sin a dh’ fheoraicheas duine air son poit thri-chasach anns na bùithean air an latha ’n diugh, agus ma’s ann air dàil a gheobh e i, ’s e “Go-ashore” a theid a sgriobhadh ’san leobhar. Tha e coltach gu lean an t-ainm ris a phoit am feasd.
IAIN ROTHACH.
Rudha Mharsden, 24mh latha dhe’n Fhaoilteach, 1895.
Tha coinneamh gu bhi aig càirdean na Stuamachd a’n siorrachd Victoria anns an Talla a’m Baddeck, air Di-ciaduinn, an 27mh latha dhe’n Mhàrt, air son duine thaghadh a ruitheas air son na h-àrd-pharlamaid. Tha cuireadh fialuidh air a thoirt dhaibhsan uile leis ’m bu mhath cuideachadh leis an deagh aobhar, agus tha dùil ri àireamh mhath a bhi ’làthair. Bi’dh a’ choinneamh a’ tòiseachadh aig leth-uair an digh seachd feasgar.
LeighsidhMinard ’s LinimentCeann-bhrist.
[Vol . 3. No. 37. p. 2]
TAIGH NA COILLE.
LE IAIN.
CAIB VII.
Is ainneamh neach nach toir oirdhirp uair no uaireiginn air math a dheanamh do ’n t-sluugh a tha bochd ann an crannachur, agus do ’n mhuinntir a tha air an sàruchadh le trioblaidean troma, agus lìonmhor, na beatha so. Neach sam bith aig nach bi tomhas beag no mòr de chomh-fhaireachadh ri muinntir na trioblaid agus a’ bhròin, agus nach dean cuideachaidh leis na bantraichean ’s leis na dìlleachdain, agus leis gach neach eile a dh’ fhaodas a bhith gun chuideachadh gun chùl-taic anns an t-saoghal, cha bu toil leam a bhith ’na shuidheachadh. Is e an dòigh a’s fheàrr air an neartaichear gach buaidh a bhuineas do ’n chorp, do ’n inntinn, agus do ’n anam, na buadhan sin a chumail gu tric aig obair. Is e an duine a’s mò a tha ’nochdadh de chaoimhneas is caoimhneile a dh’ fhàsas. Ach am fear nach nochd cnoimhneas, seargaidh am beagan de nàdur a chaoimhneis a thachair a bhith aige. Ma chuirear an sìol anns an talamh ’na àm fhéin, bheir e mach toradh; ach ma bhios e air ’fhàgail ro fhada ’na laidhe ann an soire, theid e aog. Is ionnan so ’s mar a thachras do gach ni a bhuilich Dia oirnn, mur cuirear gu feum iad ann an àm.
Ged a tha mòran a’ toirt oidhirp uair is uair air a bhith ’deanamh math do ’n co-chreutairean, mar a dh’ àithn Dia, gidheadh, tha cuid dhiubh nach lean ach ùine ghoirid air an obair so. Ann am beagan sheachduinean, no air a’ chuid a’s fhaide, ann am beagan mhiosan, fàsaidh iad sgìth de ’n obair mhath a ghabh iad os làimh a dheanamh. Mur soirbhich leotha cho math ’s a bha iad an dùil an uair a thoisich iad, caillidh iad am misneach, agus gheibh iad leithsgeul gu sgur de ’n obair. Is e an leithsgeul a’s trice a bhios aig cuid, gu bheil gu leòr aca ri dheanamh an aire a thoirt air gach obair a bhuineas do ’n teaghlaichean fhéin. Faodaidh so a bhith, ann an tomhas, fior gu leòr: ach ma bhios fior thoil aig duine math a dheanamh, cha ’n eagal nach fhaigh e iomadh cothrom air a dheanamh. “Far am bheil toil bithidh gnìomh.”
Thugadh fa near mar tha, gu ’n do thòisich bean an uachdarain ri math a dheanamh do ’n t-sluagh an ceann ùine ghoirid an déis dhi tighinn thun na h-oighreachd. Theireadh cuid de na chuala mu ’n obair a bha i a’ deanamh, nach b’ fhada gus an sguireadh i dhi. Arsa cuid dhiubh, “Ni i air a socair mu’n tig dà bhliadhna o’n diugh.” “Cha mhair i air an obair ud fada an uair a a thuigeas i gu bheil e neo-chomasach dhi an sluagh a thoileachadh.” “Theid mise an urras an uair a thuigeas i sin, nach bi i ’na trotan o thaigh gu taigh, agus o bhaile gu baile mar a tha i an dràsta.” “Nam biodh làn taighe de theaghlach aice ri chumail an òrdugh mar a th’ againne, dheanadh i air a socair.”
So a nis mar a labhras iadsan air am bheil eud ri muinntir a bhios, a réir an comais, gu dìchiollach a’ feuchainn ri bhith ’deanamh math. Bha iad so uile gu buileach air am mealladh.
Ann an àm, rugadh mac do ’n uachdaran. Rinn sluagh na h-oighreachd gàirdeachas nach bu bheag ri ’bhreith. Bha iad a’ faicinn gu robh cùisean coltach gu ’m biodh am mac ann an ionad an athar aon uair eile ann an Taigh n Coille. B’ e guidhe gach neach gu ’m biodh an t-oighre òg beò, slàn, fallain, glic, crionna, caoimhneil, agus a’ riaghladh na h-oighreachd an déigh bàs ’athar, gus am biodh e ’na fhìor sheann duine. Ma rinn an tuath foghail ri pòsadh an uachdarai, nis ann a rinn iad an fhoghail, a b’ fhiach foghail ràdh rìthe, ri breith an oighre. Bha teine-aighir air mullach gach cnoic an oidhche a rugadh e. Rinneadh cuirm mhòr do ’n tuath, agus aig a’ chuirm so dh’ òladh deoch-slàinte an oighre òig le mòr chridhealas, agus le làn dhùrachd.
O àm gu àm rugadh aon is aon eile do ’n uachdaran, gus mu dheireadh an robh còignear de chloinn aige—aon mhac agus ceathrar nighean. Dh’ fhàs iad suas ann an gliocas cho math ’s bu mhiann le neach sam bith. Chuir an athair agus am máthair eiseipleir mhath fa ’n comhair, agus bha iad air an teagasg anns gach fòghlum agus fiosrachadh a bha feumail dhaibh. Bha iad a’ fuireach mar bu trice ann an Taigh na Coille gus an robh iad aig aois anns am biodh iad comasach air an aire a thoirt dhaibh fhéin. B’ e beachd am pàrantan nach robh e sàbhailte clann òg a thoirt air falbh ro thràth o chùram na màthar agus an athar. A dh’ aindeoin cho cùramach agus cho faicleach ’s a dh’ fhaodas càirdean a bhith mu thimchioll cloinne, cha ’n urrainn iad a bhith cho cùramach ris na pàrantan. A bharrachd air so, bha na pàrantan a’ faicinn gu ’m b’ e an dleasdanas an t-oighre a chumail aig an taigh maille riutha fhein, gus am biodh e mu ochd bliadhna deug a dh’ aois, a chum gu ’m biodh e làn-eòlach air gach beachd agus cleachdadh a bha am measg an t-sluaigh. Bha fhios aig an uachdaran gu robh an t-eòlas a bh’ aige fhein air beachdan agus cleachdaidhean an t-sluaigh a chum feum mòr dha an àm a bhith ’cur chùisean ceart ’n am measg, agus air am aobhar sin, bha toil aige gu ’m biodh eòlas aig a mhac air na ceart nithean. O fhein-fhiosrachadh hha e ’tuigsinn glé mhath nach b’ urrainn gu ’m biodh uachdaran sam bith measail aig an t-sluagh, mur biodh e fhein agus an sluagh a’ tuigsinn a chéile. Mar sin, bha e o àm gu ám a ghabhail gach cothrom air a bhith ’teagasg d’ a mhac mar bu chòir dha a bhith ’riaghladh an uair a gheibheadh e an oighreachd ’n a làmhan fhein. Math agus feumail ’s mar a dh’ fhaodas an fhòghlum sin a bhith a gheibhear ann an àrd sgoiltean na rìoghachd, cha dean i feum do dh’ uachdaran sam bith cho math ri eólas air dòighean agus cleachdaidhean na tuatha a bhios fo a riaghladh. Neo-ar-thàing nach robh an t-oighre air a theagasg anns gach seòrsa fòghlum air am biodh feum aig a leithid. Bha e fo theagaisg duin’ uasail a bha anns gach dòigh freagarrach gu teagasg a thoirt seachad.
Bha ’n teaghlach gu léir a’ cur seachad mu thrì mìosan a h-uile bhliadhna am measg chàirdean, araon ann an taobh deas na h-Alba, agus mar an ceudna, ann an Sasunn. Ach bha iad fad nan naoi mìosan eile ann an Taigh na Coille. Air an dòigh so bha iad a’ faotainn na bha feumail dhaibh a dh’ eòlas araon am measg nan Gall agus am measg nan Gáidheal.
Toileach ’s mar a bha ’n t-uachdaran air gach fiosrachadh a thoirt d’ a mhac air an dòigh anns am b’ fhearr a dheanadh e a dhleasdanas mar uachdaran, bha bean an uachdarain a cheart cho toileach air a cuid nighean a theagasg mar bu chòir dhaibh a bhith deanamh math do
[Vol . 3. No. 37. p. 3]
na daoine bochda. An uair a ràinig iad aois aig an robh iad comasach air a thuigsinn, ciod bu chòir dhaibh a dheanamh, bheireadh i leatha iad a dh’ amharc air na daoine a bha bochd, tinn, trioblaideach. Mar bu trice b’ ìad a chlann a bheireadh seachad, ’nan ainm fhein, gach ni a bha i a’ cur air leith air son nam bochd. Bha so a’ toirt mòr-thoileachadh do ’n chloinn aig an àm, agus bha iad mar an ceudna air an teagasg ann an tùs an làithean a bhith iochdmhor, truacanta ris gach neach a bhiodh ann an éis agus ann an trioblaid. An uair a thilleadh i dhachaidh an déigh earrann mhath de ’n latha ’chur seachd am measg nan daoine bochda, bhiodh i ag ràdh riutha, gu ’m bu chòir dhaibh a bhith taingeil do Dhia air son na bha iad a’ sealbhachadh de gach ni air an robh feum aca. Nam biodh iad uair sam bith a’ gearan nach robh iad a’ faighinn gach ni a rèir am miann, ghrad theireadh i riutha, nach robh aca ach gearan ailleasach. Agus chuireadh i ’n an cuimhne, gu robh na ficheadan air an oighreachd a bhiodh glé thaingeil leis a’ bhiadh a dh’ fhàgadh iad, agus leis an t-seann aodach nach iarrteadh orra a chur umpa tuilleadh. Air an dòigh so bha’ phróis agus an t-ailleas a bha ’g iarraidh làmh-an-uachdar ’fhaotainn orra air an cumail fodha ann an ám.
Ré nam bliadhnachan a bha ’n teaghlach a’ fàs suas ann an Taigh na Coille, cha robh teaghlach eile anns an taobh tuath gu léir, ged is mòr am facal e, a bha cho feumail agus cho sona riutha. B’ ainneamh àite anns an robh teaghlach a bha cho ordail riutha anns gach doigh. B’ aithne do na pàrantan gu math mar bu choir dhaibh an clann a riaghladh, agus anns gach ni, bha ’chlann umhail do na pàrantan, agus measail orra fhein. Bha ’leithid de mheas aig an luchd-muinntir orra gu léir ’s nach bu deoin leotha dealachadh riutha mur b’ fhìor eiginn daibh.
(Ri leantuinn.)
PARA PIOBAIRE.
NAIDHEACHD EIRIONNACH.
Tha naidheachd agam duit, agus tha i neonach; ach iongantach ’s mar tha i, tha i cho fior ’s a tha e gu bheil mise am sheasamh ann an so, agus is breugach do ’n fhear a chuireas sin an ag: —Thachair an ni so ann an àm an Ar a-mach, an uair bha na laithean fada samhraidh, coltach ri beatha iomadh oigeir grinn, air an gearradh goirid leis na laghannan a chaidh a thoirt a mach ’n ar n-aghaidh—laghannan nach ceadaicheadh do dhuine sam bith math no dona bhi mach air dorus an deigh claonadh feasgair; oir an uair a bha obair an latha thairis, cha robh a chridh’ againn dol a ghabhail lan-beoil le caraid, no a dhannsadh le nigheanaig, ach dh’ fheumadhmaid falbh dhachaidh, agus sinn fein n chubadh a suas fo ghlais agus gun chrann a thoirt bharr doruis gus an eireadh a’ ghrian ’s a’ mhadainn.
Ach coma, gu tighinn gu m’ naidheachd: —Am feadh a bha sinn, oidhche de na h-oidhcheannan, ’n ar suidhe mu’n chagailt agus a’ phoit bhuntata a’ goil air an teine, agus na cuachan bainne lan, deas air son ar suipeireach, chuala sinn buille aig an dorus. “Cuist,” arsa m’ athair, “sin agad na saighdearan oirnn a nis; tha eagal orm gu ’m faca iad aiteal an teine troimh na tuill a tha air an dorus. Cha ’n ’eil math dhuinn a bhi ’cur am fiachaibh dhaibh gu bheil sinn ’n ar laidhe—falbh, a Shumais,” thuirt e rium fhein, “agus seall co tha ann; ach air do bheatha na fosgail an dorus do dhuine beo ach do na saighdearan agus feuch gu ’n sliog ’s gu ’m breug thu iad mar is fearr is urrainn duit.”
Air so thug mi ’n dorus orm, ’s glaodhar, “Co tha sin?” “Tha mise,” thuirt am fear a bha mach. “Agus co thusa?” arsa mi fhein. “Nach ’eil thu ga m’ aithneachainn,” ars’ esan,— “do charaid, Para Piobaire?” “O, shiorraim ’s a’ righ,” arsa mise, “ciod a thug a’ so thu mu ’n àm so dh’ oidhche?” “Ma ta,” fhreagair Paruig, “cha robh toil agam dol m’ am cuairt an rathad-mor, ghabh mi an t-ath-ghoirid, chaidh mi air seacharan, agus sin agad ciod a chum cho anmoch mi.” “Cha ghabhainn,” arsa mise, “crun an righ agus a bhi ann ad aite; oir tha fhios gle mhath agad fhein gur e crochadh do chuibhriunn ma chithear a mach thu ’s na h-amannan cruaidhe so.” “Tha fhios agam gu math air sin,” fhreagair am piobaire, “Ni-math ga m’ dhion! agus is e sin a chuir a’ so mi; leig a stigh mi air sgath seann eolais.” O, air m’ fhacal,’ arsa mise, “cha ’n ’eil a chridh’ agam an dorus ’fhosgladh air son an t-saoghail, mar is math tha fhios agad; agus ma bheireas na saighdearan ortsa tha do cheann an geall na ’s fhiach e—theid do chrochadh cho cinnteach ’s is e Paruig is ainm duit.” “Gu ’n robh math agad,” ars’ esan, “ach tha dochas agam nach e sin is deireadh dhomh fhathast.” “Ma ta,” arsa mise, “rach agus falaich thu fein cho luath ’s is urrainn duit, neo ’s i binn ghoirid ’s teadhair fhada na gheobh thu bho na saighdearan—oir, ceartas cha ’n aithne do na slaightirean, agus trocair cha ’n ’eil aca!” “An tuilleadh aobhair air son gu ’n leigeadh tu stigh mi, Sheumais,” arsa Paruig bochd. “Is diomhain duit a bhi a’ bruidhinn,” arsa mise, “cha’n fhaod mi an dorus ’fhosgladh. Thoir ort am bà thigh cul an tighe, far a bheil am mart, agus gheobh thu an sin dais chonlaich air am faod thu cadal gu sona-bheairteach—leaba a dh’ fhoghnadh do fhear-fearainn, gun ghuth air piobaire.”
Air falbh ghabh Paruig do ’n bha-thigh, agus, gu fior rainig e ar cridheachan a dhiultadh, agus gu seachd sonraichte o’n bha am buntata bruich—agus cha bu sinn a bha riabh doicheallach ri duine bochd a thainig ’n ar caraibh. Coma co dhiubh, chaidh sinn uile a laidhe agus neadaich Paruig e fein am measg na conlaich anns a’ bhà-thigh; agus a nis feumaidh mi innseadh dhuit mar a chaidh dha: —An deigh do Pharnig a bhi greis ’n a chadal, dhuisg e suas, agus a’ smaoineachadh gu ’n robh a’ mhadainn fada air a h-aghaidh, —ach is i a’ ghealach a thug an car as, —thog e air, oir bha toil aige bhi moch aig a’ bhaile b’ fhaisge dha, do bhrigh gu ’n robh faidhir ri bhi ann air an latha sin, agus bha mhiann air urad ’s a b’ urrainn da de pheighinnean a chur cruinn air an fheill. Cha robh anns an duthaich m’ an cuairt piobaire a bheireadh barr air Paruig.
Mar bha mi ag radh, thog e air a dhol thun na h-idhreach, agus ghabh e frith-rathad troimh na ghachaidhnean, ach cha deachaidh e ach gle ghoirid air a thuras an uair a thachair callaid thiugh air, agns an uair a bha e ’g a shlaodadh fein troimhpe agus e a’ sgiolcadh a mach air an taobh eile dhi, thug e gleadhar le ’cheann air rud-eigin a chuir tein’ athair as na suilean aige. Dh’ amharic e suas—agus ciod a shaoileas tu bh’ ann, Ni-math g’ ar dion! —ach corp duine, crochte air meangan craoibhe “Failte na maidne dhuit, fhir a th’ ann,” arsa Paruig,
(Air a leantuinn air 8mh taobh.)
[Vol . 3. No. 37. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney Cape Breton.
SIDNI, AM MART 16, 1895
Litir a Lunnainn.
Bha ’n Céilidh miosal aig a chlass Ghàidhlig air a mhios a chaidh seachad na choinneamh cho gasda ’s a bha aca fhathast. Cha robh an oidhche fada ’dol seachad le ceòl, òrain, agus dannsadh. B’ e Mr. E. Hepburn “Fear-an-taighe” airson an fheasgair, agus b’ aoibheil an fear taighe e. Chum e suas riaghailtean a chomuinn gu math le bhi cumail ris a Ghàidhlig fad na h-ùine. Thug e òraid ghoirid seachad anns a chainnt bhlasda so, agus bho ’n a tha mi cinnteach gu ’n taitinn i gu math ri bhur luchd-leubhaidh tha mi ga cuir thugaibh le so.
CABAR FEIDH.
25, 2, ’95.
AN ORAID.
A chàirdean, —Tha sibh an seo an nochd air chéilidh, a cumail suas nan seann cleachdaidhean a bha aig bhur sinnsiribh, ’s e sin a bhi ’cruinneachadh ann an taighibh àiridh an deigh obair an latha, agus a cur seachad na h-oidhche gu cridheil, cairdeil, le òrain, sgeulachdan agus dannsa. Tha mi ’n dòchas nach d’ thàinig sibh an seo le dùil a bhi ’g éisdeacad ri muinntir aig am beil tàlantan mora, oir cha ’n ’eil anns a’ chomunn a thug an cuireadh dhùibh an nochd ach Gaidheil a tha fiachainn ri bhi deanamh an dleasnas daibh féin agus do’n dùthaich as an d’ thainig iad, agus ma tha aon sam bith n’ur measg féin is urraìnn ar cuideachadh le òran a sheinn no sgeulachd aithris bithidh sinn gle thoilichte a chluinntinn.
Na h-orain a chluinneas sibh an nochd, chuala sibh iomadh uair roimhe, agus ma bha iad milis, blasda, binn, ’nur dùthaich féin bu choir dhaibh a bhi moran ni ’s milse, ni ’s blasda, agus ni ’s binne, ’nuair a chluinnear iad am baile mor Lunnainn.
Tha cuid ann a their gu’m beil a’ Ghàidhlig a bàsachadh, agus nach fhada gus am bi i cho marbh ri sgadan, ach an uair a sheallas mi mu’n cuairt orm, agus a chi mi an seòmar boillsgeach seo cho làn de mhuinntir a thàinig as na h-uile cearn de’n Ghàidhealtachd (agus faodaidh mi a radh as na h-nile cearn de Lunnainn) a dh’ eisdeachd ris ha seann òrain, agus a labhairt na seana chainnt, their mi ribh nach creid mi facal dheth.
Cha’n ’eil mi toirt creideas sam bith dhaibhsan a their gu’n do chaill iad a’ Ghàidhlig. Ma dh’ fheuchas sibhse dhomh aon Ghàidheal a chaill a Ghàidhlig o’n thàinig e do’n Ghalldachd dearbhaidh mise dhuibh nach robh i riamh aige. Nise smuainichibh féin co do ’m b’ urrainn an luinneag leis an do chuir a mhàthair a chadal e a leigeil as a chuimhne. Cha mhor a bheirinn air a’ Ghàidheal a dhi-chuimhnicheadh an cronan milis sin, agus a chuireadh ’na aite na luinneagan faoine, gun bhrigh, gun tùr, a chluinnear air sràidibh a’ bhaile seo.
Ach ’se bhitheas againn an nochd na h-orain bhinne a thainig nuas o linn gu linn, agus a tha nise cho beò ’s a bha iad riamh agus ’s e mo ghuidhe gu’n cuir sibh uile am meas sin orra tha iad a toilltinn, agus gur fada bhuainn an là anns am faigh ar naimhdean an dùrachd.
Leighseadh mise o chuing leMINARD ’S LINIMENT.
I. M. CAIMBEAL.
Bay of Islands.
Leighseadh mise o at air m’ aodann leMINARD ’S LINIMENT.
U. DANIELS.
Springhill, N.S.
Leighseadh mìse o Loinidh leMINARD ’S LINIMENT.
DEORSA TINGLEY.
Albut , N. B.
Bathar dhe gach seòrsa ’s fhearr, agus cho saor ’sa gheibhearile, ’sa bha ri chreic aig D. I. Domhnullach. Taghail aige.
CUIMHNICH!
gu bheil aghainn
Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh
dhe gach seorsa, agus ’ga reic air
PRISEIN IOSAL.
JOST BROS.
Sidni, C. B., Feb. 1, ’95.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETER’S, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 3. No. 37. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Moran taing do ar caraid a Lunnuinn, a tha ’cur nam paipearan d’ ar n-ionnsuidh. Tha sinn glé thoilichte bhi ’g am faotainn.
Cha d’ fhuaireadh sgeul fhathast air Marta Roach, a’ chaileag a chaidh air chall aig a Mhèinn Uir latha na bliadhn’ ùire. Cha-n- eil fhios dé dh’ éirich dhith, agus thatar air dùil a thoirt dhi.
Ma bhios gach ni freagarrach, tha rèis each ri bhi air an deigh ’s an acarsaid so, an diugh aig leth-uair an deigh aon uair. Bha ’n réis so ri bhi aca air a mhios a chaidh, ach cha robh an deigh freagarrach.
Bha oidhche Di-dòmhnaich s’a chaidh briagha, soilleir, agus bha deagh chothrom aig daoine air dubharadh na gealaich fhaicinn. Thàinig a cheud sgàile oirre mu leth-uair an deigh naoidh, agus bha i air a còmhdach gu h-iomlan mu aon uair deug.
’S math an rud an t-airgiod, ach ’s fhearr do dhaoine chumail ’na àite fhéin. Chaidh duine ann a’ Fall River, Mass., a chadal an oidhche roimhe, ’s tri buinn airgid ’na bheul, agus ’sa mhaduinn fhuaireadh marbh e; chaidh na buinn na amhaich, ’s thachd iad e.
Chaidh muc-mhara a mharbhadh a mach o chladach Nahant, faisg air Boston, Di’ sathairne s’a chaidh. Bha i 75 troidh a dh’ fhad, agus bha choltas oirre gu robh i gle shean. Cha n-ann gle thric a gheobhair cothrom air muc-mhara mharbhadh cho fada deas.
Bha coinneamh aig Cléir Shidni ann an Sidni Tuath air an t-seachdain s’a chaidh. Bha coinneamh mhor aca ’san oidhche mu dheibhinn Stuamachd, aig an do labhair àireamh de na ministearan, a’ togail an guth gu làidir an agaidh reic agus òl an stuth làidir. Tha e air innse dhuinn gu bheil tri fichead àite ann an Sidni Tuath anns am bheil an stuth ’ga reic.
Tha cuideachd a ghuail an deigh lagh cruaidh a dheanamh a thaobh an luchd-oibreach a bhios ris an òl, ma’s fior an sgeul. A’ cheud dhaorach a ghabhas duine an deigh so théid a chur as an obair fad sheachd latha, an darra h-uair a ghabhas e i, théid a chumail o obair còig latha deug, agus an treas uair, theid a chur as an obair gu buileach. ’S e ’n duine glic nach gabh daorach idir.
Tha baile St. John’s, ann an Newfoundland, ann an suidheachadh uamhasach bochd. Tha darra leth an t-sluaigh gun greim aca dh’ itheas iad ach na bheirear dhaibh. Iadsan nach eil a faotainn déirce, tha iad ’na fheum cho mor riuthasan a tha. Tha cuideachadh a’ dol d’ an ionnsuidh a Canada, as na Stàitean, ’s a Breatunn, ach bha e fadalach gu leòr ’g an ruigheachd. Dì-màirt s’a chaidh, ràinig luchd soithich de bhiadh am baile, agus tha iad a’ deanamh a mach gu’n d’ fhuair còig ceud air fhichead teaghlach biadh math an latha sin, nach dobhlais air biadh fad dha no tri lathaichean roimhe sin.
Bha fear Niall Mac Aonghais, a mhuínntir siorrachd Inbhirnis, air a chur a stigh na bhall-pàrlamaid a’m Minnesota, o chionn ghoirid. Fhuair e tri mile bhòt a bharrachd ’sa fhuair am fear a bha ruith ’na aghaidh. Chaidh fear eile, Gilleasbuig Gillios, a mhuinntir Gleann-nan-Sgiathanach, ’san t-siorrachd cheudna a chur a stigh do phàrlamaid Mhanitoba o chionn beagan mhiosan.
Cha n-eil car oibreach ’ga dheanamh ann am meinn Ghowrie an dràsda. Thòisich iad air bancadh guail toiseach a Mhàrt, ach sguir iad Di-sathairne s’a chaidh. Tha na sealbhadairean ag ràdh gu bheil tuilleadh ’sa chòir de chosgais an co-cheangal ris an obair, agus, mar sin, gu feumadh iad sgur. Bha a’ mhèinn ’na tàmh a’ chuid bu mhò dhe’n gheamhradh, agus tha i bhi ’na tàmh a rithist a tigh’n gu math cruaidh air an luchd-oibreach.
Chaidh fear Iain Robertson a chur an sàs o chionn ghoirid air amhrus gu’n do chuir e tigh ’na theine, ach air dha cùirt a sheasamh, fhuaireadh neo-chiontach e, agus leigeadh ma sgaoil e Di-sathairne s’a chaidh. Di-màirt, fhuair e litir à Chicago ag innse gu’n do chaochail piuthar athar no màthar dha, agus gu’m b’ esan a dìleabach. Tha nise fiach dheich mile fichead dolair ( $30 ,000) dhe’n t-saoghal aige. Cha robh aige roimhe so ach na dheanadh e air an obair-latha. Tha e fuireach ann am Montreal.
BAIS.
Aig Caribou Marsh, oidhche Di-màirt, Alasdair Mac Fhearghais, (Tàillear) tri fichead bliadhna ’sa seachd deug a dh’ aois. Rugadh e a’n Uidhist ’sa bhliadhna 1818. Bha e ’na dhuine còir, cùramach, agus gle mheasail aig na h-uile bha eòlach air. Dh’ fhàg e bantrach. seachd mic, ’s ceathrar nighean. Tha dithis dhe ’mhic a’ tàillearachd anns a’ bhaile so.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID
Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan, Pinn, Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
SANAS.
Bathar Ur na h-uile Seachdain.
Na prisean na’s isle na bha iad riamh.
Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.
Tha Gailig aig na cleirich.
STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich
[Vol . 3. No. 37. p. 6]
Baird an Latha ’n Diugh.
Tha aireamh mhor de bhard Ghaidhealach againn anns an linn anns am bheil sinn fein a lathair. Tha aobhar aig gach Gaidheal a bhi tangeil agus proiseil gu ’m bheil baird againn a nis a tha pongail, ceolmhor agus eudmhor. Cha ’n ’eil da rireadh eagal air bith gu’m bheil a’ Ghaidhlig ann am feasgar a laithean, an uair a ghabhas sinn beachd air a’ chuideachd lionmhor a tha gleusadh an cruit-chiùl ann an briathran snasmhor binn na Gaidhlig, agus mar an ceudna ann an cainnt bhinn bhlasda Oisein nan caomh dhan ’s nam beusan ciùin. Gun teagamh gheibh gach Gaidheal sonas agus solas mor ann a bhi leughadh bardachd agus smuaintean arda ’s ceolmhor nam filidhean a tha nis a’ togail an guth am measg an fhraoich agus ann an tirean a tha fada air falbh, far am bheil Gaidheil a tuinneachdadh agus a’ deanamh gniomharan mora agus tapaidh. Is ann le tlachd agus toileachas anabarrach, a ghabhas gach Gaidheal a tha uallach, dileas agus blath-chridheach, eolas air na baird fhileanta, dhichiollach a tha ’sniomh rannan boidheach, ceolmhor, mu dheibhinn nan Gaidheal; agus nan abhaistean, agus nam buaidhean a bha onorach, arda, measarra, foghainteach air feadh na Gaidhealtachd o cheann iomadh ceud bliadhna. Cha ’n ’eil againn uine bhi deanamh iomraidh air gach bard a thog agus a tha ’togail a ghuth gu duineil foirmeil ealanta ann an rannan blasda, boidheach na Gaidhlig. An t-Oranaiche no co-thional taghte de orain ur agus shean, is e so ainm leabhar gasda a chruinnich Gilleasbuig Mac-na-Ceardadh, ann an Glaschu o cheann seadh bliadhna deug. Is e Gaidheal gasda, foghluimte, eudmhor a bha ann am Mac-na-Ceardadh. Is ann an Ile rugadh e an t-eilean as modha baigh, ’us caoimhneis, ’us dilseachd, am measg eileanan ’us srathan Albainn, do ’n Ghaidhlig agus do gach ni ’tha Gaidhealach agus airidh air gradh ’us comhnadh, ’us moladh gach Gaidheil a tha measail air canain ’us cliu ’us euchdan nan daoine meamnach o’n d’ thainig e. Thruis Mac-na-Ceardadh (mar a tha è fein a’ sgriobhadh ainm) iomadh orain milis laghach modhail a thug toileachas mor do mhoran oigridh, agus a sheinn iomadh mac ’us nighean air feadh nan gleann ’s nan srathan boidheach, fialaidh Gaidhealach. Is e eud gasda, dileas a bhrosnuich Mac-na Ceardadh, an uair a ghabh e dragh ’us dichioll mor air fein, ann an cruinneachadh orain mhilis cheolmhor, a thug tlachd ’us sonas do mhoran Gaidheil agus a bheir tlachd ’us gean ’us sonas do na Gaidheil a thig anns na linntean a tha romhainn. Is iad so briathran Mhic-na-Ceardadh fein. Tha mi ’guidhe gu’m bi an t-oranaiche cosmhuil ri sgolt long eutrom, thapaidh, loma-lan do raogha is taogha bathair, iubhrach ghasda chomhnard a sheolas tromh gach caol ’us camus, a shiubhlas air gach loch ’us linne a thathaicheas air gach uig ’us ob ’s a thaghaileas air gach port ’us lamhaig gus comh-ionnan ri iadhadh na greine, an cuir i cuairt shunndach shorbheachail air an t-saoghal Ghaidhealach ga leir.
Ann an 1880 chuir Mairi Nic Ealair a’ bhana bhard thapaidh, chomasach, aigeannach, a duanagan mhilis, cheolmhor a mach fo sgaile sgiath chaoimhneil caraid dileas agus fear tagraidh mo dhùthcha, mo shluaigh, agus mo chanain, Professor Blackie. Chaochail a’ bhana Ghaidheal urlabhrach, uasal bho’ cheann bliadhna no dha agus nochd Gaidheil Albainn, agus Lochial an ceannard uasal, urramach, moran onoir ’us doilgheis an uair a thainig crioch air cuairt thalmhaidh na banabhaird eireachdail a rinn gach Gaidheal a tha airidh air an ainm toilichte ’s proiseil. Tha aobhar againn d’a rireadh, a bhi taingeil agus mor-chuiseach do bhrigh gu ’n d’ eirich ann ar linn bana bhard co uasal co ealanta co dileas, co modhail, co flathail, deas bhriathrach, ri Mairi Nic Eallair. Dh’eadar-theangaich i gu dileas agus gu pongail leabhar na Ban-righ. Anns an romhradh a tha i ’g radh. “Air d’ a Morachd Rroghail a’ Bhan-righ lan-fhios a bai aice air an speis a tha aig clann nan Gaidheal dhi, araon mar bhean-uasail agus mar uachdaran, bha i toileach gu’m biodh cothrom aca air a bhi leughadh ’n an cainnt bhlasda fein am meas a tha aice orrasan mar shluagh rioghail, dileas gaisgeill agus an speis a tha aice do na glinn shiochail, agus na beanntan aosda, anns an d’ fhuair i cho liugha solas. Air son sin chuir i an earbsa ruimsa, a leabhar “Tuilleadh Dhiulleag a thionndadh gu Gaidhlig. Thug mi oidhearp air sin a dheanamh cho math ’sa b’ urrainn mi ague tha mi an dochas gu’n taitinn e ri mo luchd-ducha. Mairi Nic Eallair. Is e bana-Chamaronach a bha innts. Chaith i laithean a h-oige ann am Baile-Chaolais aig beul Ghlinne-Comhainn, gleann air am bheil gach Gaidheal thall ’sa bhos gle eolach do bhrigh gu’n do mharbhadh gu narach agus gu maslach iomadh Donnllach morail, fiughanta, grinn anns a’ ghleann so o cheann da cheud bliadhna le ordugh an-iochdmhor nan nachdaran aig an am sin ann an Albainn. Is ann le buaidhean cridhe ’s inntinn a bha mor, gasda, fileanta agus meamnach, a thoisich Mairi Nic Ealair air a bardachd, agus air a smuaintean arda oirdheirc a chur ann an rannan gleusda, binn. Bha i gaisgeil ann an rannan anapaestic, mar a their na Greugaich agus na Romanach ’a dhealbh ann an cainnt aosmhor Oisein agus na Feinne. Nach boidheach agus nach milis na rannan so rinn i:—
Dean, a dhùthaich nan treun,
Iollach eibhneis as ùr.
Chualas nuallan na piob’
A’n tigh riomhach nan tùr,
’Us d’ uaislean nan ceudan
Gu h-eudmhor tìgh’n cruinn.
’Chumail suas na cainnt buadhmhor
’Bha dual do na soinn
A chànain mo mhàthar,
A chanain mo ghaoil,
Bi’dh thu ’fàs ann an sgiamh,
Gus ’m bi crioch air an t-saogh’l.
’S ged bha thu gu tinn
Gheibhear cinnteach dhuit léigh,
’S bi’dh thu luinneagach, binn,
Feadh gach linn ’thig ’nar deigh.
Chaidh cheana moladh mor a dheanamh air an oran a sgriobh i mar Fhailte do Mharus Latharna ’s do mhnaoi oig rioghail. Ged nach sgrobhadh oran eile, gu cinnteach bhitheadh a h-ainm ’s a cliu ard, morail agus urramach ann an cuideachd nan bard Gaidhealach.
Is tiamhaidh na rannan a chuir i ri cheile mu dheinhinn Tighearna Lochial ar ndeigh blair-chulfhodair:
’N uair thogainn-sa mo shùil a suas,
’S crois-taraidh le luas na gaoith’,
Gan tional gu toiteach nan tuagh.
’S ann riamh gu buaidh a thriall na laoich.
Bha uamhunn air na Goill roi’n ainm,
Ged tha ’n duigh pailm chùil-fhodair ac’,
S i ’m ban-fhuil fhein bhiodh fo na buinn,
Na ’m biodh ar suinn gu léir ’nar taic.
A thaibhse Bhruis, dean faire leam,
’Us sileamaid ar deòir le cheil’.
Chuir Albainn féin an diugh air chùl
Oighre do chrùin, is mor am beud.
Bi ’d thosd mo chridh, us sguir a d’ thùrs,
Cha n-ann gu tuireadh so mo tàmh,
Mo chreach mo lamh bhi ’n diugh gun lùs,
Gu dioghladh air son luchd mo ghràidh.
[Vol . 3. No. 37. p. 7]
An eiginn dhòmhsa, Triath nam beann,
Bhi ’m fhògrach fann air feadh nan stùc.
’S gu tosdach sealltuinn ort, ’s do cheann,
A thalla aosda, anns an ùir!
Lossg na Dearganaich gu làr
Gach baideal àrd de’n dachaidh ghaóil,
’San tric a fhuair mi fois us blàs,
Air tilleadh dhomh bho àr nan laoch.
Bha mulad trom air iomadh Gàidheal an uair a chual’ iad an sgeula brònach gu’n d’ imich Mairi Nic Ealair do thir na diochuimhne, agus mar so gu’n do chriochnaich i gach duan ’us oran, gach sgriobhadh pongail, tapaidh, agus gach tlus ’us bàigh a rinn agus a nochd i riamh do thir a dùthchais, agus do chanain nan Gàidheal. Co nach cuireadh clach ’na chàrn, agus nach tugadh gach spéis us mùirn us onair do’n bhana-Ghaidheil treubhach, àrd-inntinneach, bhlàth-chridheach, a tha nis tosdach ann an suain a’ bháis maille ri ’sinnsirean ann an Lochabair, agus fo dhìdein agus fo sgàile Bheinn-Nibheis le ’cheann àrd, le ’shneachda geal, le ’ghàirdean cumhachdach, le ’mhaise ghasda, agus leis gach neart a bhuilich e riamh air Gàidheil mheasail, thogarrach.
CONA.
LeighsidhMinard ’s LinimentLòsgadh.
LeighsidhMinard ’s LinimentDeideadh.
I. O. G. T.
Tha coinneamh aig“Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T., ”ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.
Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.
A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.
Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.
Call and Examine Stock.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN
Taillearachd.
Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnn
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.
[Vol . 3. No. 37. p. 8]
(Air a leantuinn o’n 2mh taobh.)
“Cha bheag an clisgeadh a thug thu dhomh;” agus b’ fhior dha sin, ’s cha b’ iongantach e.
A nis, is iad na reubalaich a chroch an duine truagh, agus bha fhios aig Paruig air so gu lan mhath, oir dh’ aithnich e air a chulaidh co ’n dream d’ am buineadh e. “Air m’ fhacal,” ars’ esan, “is eireachdail a’ phaidhir bhotainnean a tha air do luirgnean, agus is i mo bharail nach cuir thu bheag a dh-fheum tuille orra; agus is narach ri ’innseadh gu ’m bithinnse—am phiobaire is fearr anns na seachd sgireachdan—a’ siubhal an rathad le paidhir de sheann chobuil bhrog orm nach togadh an diol-deirce is bochda ’s an duthaich as an dùnan.” Rug Paruig air na botainnean agus thoisich e air an slaodadh dheth, ach dheth cha tigeadh iad; mu dheireadh thug e thairis dhiubh agus bha e brath togail air, an uair a thug e an ath shuill cir na botainnean aluinn, ’s chuir e roimhe gu ’m biodh iad aige, dheoin no dh’ aindeoin. Thug e mach sgian mhor, gheur, agus ghearr e na luirgnean bharr a’ chuirp, chàirich e ’n a achlais iad, a’ cur roimhe feuchainn ris na botainnean a thoirt diubh a’ chiad chothrom a gheobhadh e. Cha b’ fhada rainig e an uair a chunnaic e ghealach a’ caogadh a mach fo sgéith neoil; thug e nis fainear mar thug i an car as, agus dh’ aithnich e nach robh e ach ro mhoch ’s a’ mhadainn; bha sgàth air, agus air eagal gu ’m beirteadh air ’s gu ’n rachadh a ghiollachd coltach ris a’ chorp a’ bha e fein an deigh a ghnathachadh cho neo-laghail, —thill e air a shail, thug e air am báthigh far an robh e toiseach na h-oidhche, agus an uair a chuir e falach na botainnean agus speirean a’ chuirp am measg na conlaich, laidh e sios agus chaidil e. Ach ciod a th’ agad air no dheth, cha b’ fhada bha e ’n a laidhe ’n uair thainig na saighdearan, agus ’s e bh’ ann, glacar agus togar leotha am piobaire beo, slan—agus bu gheal a thoill e sin an deigh mar mhi-ghnathaich e an corp.
(Ri leantainn.)
Moladh na H-Oighe Gaelich.
LE UILLEAM ROS.
A Nighean bhòidheach
An òr-fhuilt bhachalaich,
Nan gorm-shùl mìogach,
’S nam mìn bhas sneachda-gheal,
Gu’n siubhlain reidhleach
A’s sleibhtean Bhreatuinn leat,
Fo earradh sgaoilte,
De dh’aodach breacain orm.
S e sud an t-éideadh
Ri ’n eireadh m’aigne-sa,
’S mo nighean Ghàelach,
Aluinn agam ann;
O bheul na h-oidhche
Gu soills’ na madainne,
Gu’m b’àit n-ar sùgradh
Gun dùsal cadail oirnn.
’Ged’ tha na bain-tighearnan
Gallda, fasanta,
Thug òigh na Gàelig,
Barr am mais’ orra,
Gur annir sheòighn i
Gun sgòid ri dearc’ oirre,
’Na h-earradh glé-mhath
De dh’eudadh breacanach.
Gur foinnidh, mìleanta
Direach, dreachmhor, i,
Oha lùb am feoirnean
Fo bròig ’nuair shaltras i;
Tha deirge a’s gile
Co-mhire gleachdanaich,
’Na gnùis ghil, éibhinn,
Rinn ceudan airtneulach.
Réidh dheud chomhnard
An ordugh innealta,
Fo bhilibh sàr-dhaitht’
Air blàth bhermillian;
Tha h-aghaidh nàrach
Cho làn de chinealtachd,
’S gun tug a h-aogas,
Gach aon an ciomachas.
Gur binne còmhradh
Na òraid fhileanta,
Tha guth ni’s ceòlmhoir’,
Na òigh-cheol binn-fhaclach,
Cha laidheadh bròn oirnn,
No leon, no iomadan,
Ri faighinn sgeul duinn
O bheul na finne sin.
’N uair thig a Bhealltainn,
’S an Samhradh lusanach,
Bi’dh sinn air àiridh,
Air àrd nan uchdanan,
Bi’dh cruit nan gleanntan
Gu canntair, cuirteasach,
Gu tric gar dùsgadh
Le sùrd gu moch-eiridh.
’S bi’dh ’n crodh, ’s na caoirich,
’S an fhraoch ag inealtradh,
’S na gobh’raibh bailg-fhionn,
Gu ball-bhreec, bior-shuileach,
Bi’dh ’n t-àl ’s an leimnich
Gun cheill, gun chion orra,
Ri gleachd ’s ri cómhrag
’S a snótach bhileagan.
Bi’dh mise, a’s Màiri
Gach lá ’s na glacagan,
No ’n doire géugach
Nan éunan breac-iteach,
Bi’dh cuach, a’s smeòrach,
Ri ceòl ’s ri caiseamachd,
S’ a gabhail òrain
Le sgòrnain bhlasda dhuinn
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Soithichean Creadha agus Glaine.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh
Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B
Feb.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
title | Issue 37 |
internal date | 1895.0 |
display date | 1895 |
publication date | 1895 |
level | |
reference template | Mac-Talla III No. 37. %p |
parent text | Volume 3 |