[Vol . 3. No. 38. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 23, 1895. No. 38.
Litir as a’ Ghaidhealtachd.
Cha ’n ’eil duine an diugh beo a chunnaic aimsir cho briagha ’s cho blàth ’s bh’ againn anns a’ Ghàidhealtachd o thoiseach an fhoghair gus an robh mios de’n gheamhradh air a dhol seachad. Cha mhòr gu’n do shil boinne uisge anns sn dùthaich eadar latha seann Liùnasdail agus latha seann Samhna. Ghabh an t-arbhar biadh agus dh’ abuich e cho math ’s a b’ urrainn duine sam bith iarraidh. Bhuaineadh agus chaoinicheadh gach feur is arbhar gun deur uisge fhaotainn. An uair a bha daoine ris an dlùthadh agus a’ togail a’ bhuntàta, bha iad a’ gearain nach b’ urrainn daibh leith obrach a dheanamh aig cho bàlth ’sa bha ’n t-sìde. Ach thainig uisge glé throm eadar Feill-Anndrais is Nollaig. Beagan roimh Nollaig thàinig da stoirm air am bi cuimhne aig mòran dhaoine fad uile laithean am beatha. Chaidh mòran shoithichean a bhristeadh mu ’n cuairt air Alba is Eirinn is Sasunn, agus bhathadh na ceudan eadar sheòladairean is iasgairean. Cha ’n ’eil cearn de ’n rìoghachd anns an lugha rinneadh de chall air tìr na Gáidhealtachd na h-Alba. Ach mo thruaighe, rinneadh bàthadh ro mhuladach ann an Leodhas. Mar a tha fhios aig mòran, bhàthadh naoi duine deug ’san aon mhadainn.
Mu thoiseach na bliadhna so thòisich reothadh is sneachaa. Tha daoine aig am bheil cuimhne fhada ag ràdh nach robh a leithid de reothadh ’s de shneachda ’san rioghachd o chionn dlùth air tri fichead bliachna. Cha robh an sneachda cho trom anns na h-Eileanan an Iar ’sa bha e iomadh bliadhna o’n is cuimhne le daoine. Ach bha ’n reothadh anabarrach geur, teann ann fad ochd seachduinean. Bha am bainne a reothadh anns na mìosan. Agus mu dheidhinn an uisge, bha ’n reothadh cho geur iomadh latha ’s gu ’n tigeadh deigh air ann an dà uair an uaireadair, anns a’ bhallan an taobh an taighe!
Air feadh gach cearn de ’n Ghalldachd bha na milltean air mhilltean de’n rathad-iaruinn air a thiodhlacadh fo ’n t-sneachda caochladh uaireannan o chionn ochd seachduinean. Ann an Gallthaobh bha ’n t-each-iaruinn ann an cithe sneachd fad seachduin. Theab nach fhaigheadh iad a thoirt as idir. Tha na milltean de luchd-ceairde anns gach baile-mòr gun chomas air aon char obrach a dheanamh, agus tha iad air thuar a dhol bàs le cion connaidh ’s le cion bìdh. Chuir muinntir Ghlasacho dlùth air naoi mìle punnd Sasunnach cruinn a chum an luchd ceairde agus daoine bochda eile a chumail beò gus an d’ thig an aiteamh agus an tòisich obair. Rinn bailtean-mòra eile cruinneachadh mar an ceudna.
Cha robh am biadh riamh cho saor ’s a tha e am bliadhna. Gheibhear lof nan ceithir punnd air son ceithir sgillinn anns na bailtean-mòra. Cha ’n ’eil am bolle de ’n mhin fhlùir a’s grinne a thig a America ach leith-ghini. Tha am bolla de ’n mhin chorca a’s fhearr air a reic air son coig tasdain deug. Tha gach ni eile da réir sin Ach mar a tha ’n sean fhacal ag ràdh, “Am bolla air a sgillinn ’s gun a’ sgillinn ann.” Tha ’n t-airgiod cho gann anns a’ Ghàidhealtachd aig amanna ’s a tha e ann an àiteachan eile.
Thàinig an aiteamh oirnn o chionn seachduin, agus tha ’n t-sìde glè bhlàth. Ach is cinnteach gu’n cuir am Mart e fhein an geill mar a b’ àbhaist dha. Ach is math an t sith fad ’s a gheibhear i.
Dh’ eug Mac Leoid Dhunbheagain air a’ choigeamh latha de’n mhios so. Tha sluagh na h-oighreachd ’ga chaoidh gu mòr. Bha e, a réir mar a chuala mi glé mhath do ’n tuath, gu h-àraidh ’san àm an do ghais am buntata. Dh’ innis urra chinnteach dhomh gu ’n do chosg e aig an àm ud mòran mhilltean ri cumail suas nan daoine bochda ’bha air an oighreachd. Dh’ fhàg sin gann a dh’ airgiod e fad iomadh bliadhna o’n uair ud. Is docha nach ’eil mòran cuimhne aig cuid de ’n tuath an diugh air na rinn e de mhath dhaibh ’san àm a dh’ fhalbh. Is iomadh neach aig nach ’eil cuimhne air a’ mhath a bha.
Reic am Morofhear Domhnullach pìos mòr de sgìreachd Shniosairt ri Fear Sgaeboist. Tha sinn a’ creidsinn gu ’m bi Fear Sgaeboist ’na uachdaran math mar a bha e riamh. Chaidh e air chuairt do na h-Innsibh an Ear mu thoiseach a’ Gheamhraidh. Bidh e’ tilleadh dhachaidh aig toiseach a’ mhios mu dheireadh de’n earrach.
Ma thig sìde mhath ’na dhéigh so bidh am fodar pailt gu leor air feadh na dùthchadh gu léir. Bha ’n t-sìde cho math fad a’ cheud chuidh de’n gheamhradh ’s nach robh feum aig spréidh air a’ bheag a dh’ fhodar. Ged a chosgadh mòran fodair ré nan ochd seachduinean a bha an sneachda ’s an reothadh againn, tha barrachd arbhair anns na h-iodhlannan na bha annta mu ’n àm so an uiridh.
IAIN.
1, 3, ’95.
Sean Fhacail.
LeighsidhMinard ’s LinimentDeideadh.
Far an tainne ’n amhuinn, ’s ann a’s mó a fuaim.
Far nach bi am beag, cha bhi am mòr.
Far nach bi na féidh, cha réidh an toirt as.
Far nach bi nì, caillidh an righ a chòir.
Feadaireachd bhan ’us gairm chearc, dà ni toirmsgt.’
Farraid air fios, farraid a’s miosa th’ ann.
Fear ’am baile ’s aire as, ’s fhearr as na ann e.
LeighsidhMinard ’s LinimentLòsgadh.
[Vol . 3. No. 38. p. 2]
TAIGH NA COILLE.
LE IAIN.
CAIB VIII.
An uair a bha ’n t-oighre, “Seumas òg,” mar a theireadh an tuath gu cumanta ris, eadar còig deug agus fichead bliadhna ’dh’ aois, chuireadh do dh’ aon de dh’ àrd-sgoiltean Shasuinn e, a chum gu faigheadh e na bha feumail dha de dh’ àrd-fhoghlum, agus a chum, mar an ceudna, gu ’n cuireadh e greis dhe ’ùine seachad ann am measg dhaoine òga measail. fòghluimte, a bha ann an inbhe àird mar a bha e fhein.
Bha buadhan inntinn glé gheur aige, agus bha e anabarrach tlachdmhor agus cuideachail ’na nàdur. Ann an ùine ghoirid tharruinn e d’a ionnsuidh fhein mòran chàirdean, araon am measg an luchd-teagaisg, agus mar an ceudna am measg nan daoine òga, a bha maille ris anns an sgoil. Cha d’ rinn e dlùth-chompanaich dhiubh idir, ged a bha e caoimhneil, càirdeil, cuideachail riutha. Bha e gu nàdurra glé fhaicleach ciod a theireadh ’s a dheanadh e. Bha iomadh aon de na chuir eòlas air a’ gabhail beachd gu robh, mar gu ’m bitheadh, gnè de theagamh aige nach bu chòir dha mòr earbsa a chur ann an neach sam bith, gus am biodh e cinnteach gu faodadh e sin a dheanamh. Ach mar a b’ eòlaiche a bha iad a’ fàs air is ann a b’ fhearr a bha iad a’ tuigsinn a nàduir.
Bha fear is fear de na daoine òga a b’ eutruime ’s a b’ amaidiche a bh’ anns an sgoil maille ris, ’g a ruith sìos, a chionn nach robh e toileach a bhith ’falbh ’nan cuideachd fhein. Theireadh cuid diubh ris, nach robh tapadh no duinealas ann mar bu chòir a bhith ’na leithid; agus theireadh cuid eile dhiubh, gu robh e làn de phròis ’s de dh’ uaill ’s de dh’ aineolas, agus gu robh e ’ga mheas fhein ni b’ àirde na gach neach eile. Ach cha robh an so ach am beachdan amaideach fhein. A dh’ aindeoin na theireadh na sgaomairean truagha ud ris, cha chuireadh iad aon chuid corruich air, agus idir cha tugadh iad air a bhith ’g an leantuinn fhein. Mu dheireadh sguir iad a bhith ’toirt beuma dha.
Air feasgar àraidh, ann an ceann beagan mhìosan an déigh dha a dhol do’n sgoil, thàinig dithis dhaoine uaisle, ann an éideadh glé rìomhach, thun an taighe anns an robh e. Dh’ fheòraich iad gu caoimhneil, an robh e staigh, agus cia mar a bha e. Dh’ iarradh a steach iad do ’n t-seòmar anns an robh e ’na shuidhe aig a chuid leabhraichean. Dh’ éirich e ’na sheasamh agus chuir e fàilte orra, agus dh’ iarr e orra suidhe. Gun dàil sam bith labhair fear dhiubh mar so:— “Tha mise an dlùth dhàimh dhut, agus ghabh mi de dhànadas tighinn far am bheil thu, a chum eòlas a chur ort. Cha ’n ’eil fhios agam an cuala tu mòran riamh mu’m dheidhinn. Ach ma chuala tu idir guth orm, is cinnteach nach cuala tu a bhith g am mholadh. Is mise Tearlach Ros, mac bhràthar do sheanar. Bhithinn a’ caitheamh greis de’m ùine, mar bu trice gach bliadhna, ann an Taigh na Coille, gus an do phòs d’ athair. Chaidh mi fhein ’s e fhein gu dubh thar a’ chéile. Bha esan cho glic ’s cho math ’na bheachd fhein ’s nach cuireadh e suas le m’ chainnt ’s le m’ dhòighean-sa idir. Is fhada o’n a bha dùil agam a dhol a dh’ aon ghnothach a dheanamh réite ri d’ athair, agus a dh’ ùrachadh an t-seann eòlais a bh’ agam air tuath na h-oighreachd. An uair chuala mi gu robh thusa an so, chuir mi romham gu ’n cuirinn eòlas ort gun dàil sam bith. Thàinig mo dheadh charaid, Tomas Taillear, a chur fàilte agus furain ort, agus bidh e ’na dheadh charaid dhut ri ’bheò.”
Dh’ éisd “Seumas og” gu stòlda ris na thuirt a charaid, agus thuirt e riutha le chéile, gu robh e ro thoilichte gu ’n do thaghail iad air. Thuirt e mar an ceudna, nach cuala e ’athair riamh a’ toirt an iomraidh bu lugha gu robh aimhreit no eas-aontachd sam bith eatorra.
Gun dàil sam bith thug “Seumas òg” òrdugh biadh a dheanamh deas dhaibh, ach thuirt iad ’n an dithis ris á beul a chéile, nach robh ùine aca gu fuireach ri biadh, ach gu ’n gabhadh iad deoch uaithe, ma thachair deoch a bhith deiseil d’ a làimh. Thuirt e riutha, nach robh e mar chleachdadh aige a bhith ’tairgse deoch làidir d’ a chàirdean, no idir a bhith ’g a gabhail e fhein. An uair a chuala iad so dh’ éirich iad gu falbh. Ach mu’ n do dhealaich e riutha aig an dorus, dh’ àithn is dh’ earb Tomas Taillear ris e bhith cinnteach gu rachadh e dh’ amharc air an ùine gun bhith fada. Gheall “Seumas òg” so a dheanamh.
Ged a chum iad orra fhein, bha iad glé mhi-thoilichte ’nan inntinn a chionn nach d’ fhuair iad deoch làidir. Ghabh iad dìreach gu ruige aon de na taighean-òsda ’bu mhò a bh’ anns a’ bhaile. Ghrad dh’ iarr iad branndaidh, agus an àm a bhith ’g a h-òl bha ’n comhradh a leanas eatorra.
“Tha eagal orm, a Thomais, nach bi am beadagan ud cho furasda ’chur as an rathad ’s a bha sinn an dùil. Tha e ro ghlic. Cha ’n òl e deur, agus tha amhrus agam gu bheil e car fad ás ’na nàdur. Nan òladh e beagan fhein cha bhiomaid fada ’ga thoirt bhar a chas. Ach feumaidh sinn a bhith glé chaoimhneil agus glé fhoighidneach ris, ar neo cha ’n fhaigh sinn greim idir air. Is gann a tha mi ’creidsinn nach cuala e ’athair ’g am’ chàineadh-sa.”
“Leig thusa eadar mise ’s e, a Thearlaich. Ma ghabhas e idir deanamh, cuiridh mise lìon m’ a chasan a chumas an sàs e ri bheò: ach gu dearbh cha bhithinn deònach làmh a bhith agam ’na bhàs. Tha coltas cho sèimh, neo chiontach air. Nach coma leatsa ged a bhiodh e beò, ma thèid agamsa air a chur far nach cuir e dragh sam bith ort. Tha ’n dòigh air am bheil thusa ’g iarraidh cùisean a bhith air an deanamh, tuilleadh is cosgail. Gabh thusa beachd air cho làidir, slàn ’s a tha e. Rud eile dheth, tha e cho stòlda na nàdur ’s gu faod e bhith toilichte gu leòr anns an taigh-chuthaich, ged a bhiodh e ann dà fhichead bliadhna. Nam bu duine òg e, a bhiodh eutrom, déidheil air spòrs is aighear is feala-dha, mar a chunnaic mise daoine òga, cha b’ urrainn da a bhith fada ’s an taigh-chuthaich gur an rachadh e buileach glan thar a bheachd. Ach smaoinich thusa air an duine ’th’ agad. Tha e ’na shuidhe an sid aig a chuid leabhraichean a cheart cho stòlda ’s ged a bhiodh e leith cheud bliadhna dh’ aois. Tha mi ’creidsinn gur gann a gheibheadh tu fear eile dhe sheòrsa a shuidheadh cho stòlda ris ’na sheòmar air a leithid so de dh’ fheasgar briagha. Is docha nach do ghabh thusa beachd cho geur air ’s a ghabh mise. Fhad ’s a bha thusa ’labhairt ris, bha mise mar a b’ urrainn domh a’ feuchainn ri dheanamh a mach co dhiubh a tha e furasda ri ’thoirt a thaobh gus nach ’eil. Is e mo bharail gu bheil car do dhroch amhrus aige, cha ’n ann a mhàin ormsa agus ortsa, ach air gach neach eile air nach ’eil e eòlach.
[Vol . 3. No. 38. p. 3]
Bha e ag éisdeachd mar gu ’m biodh siorram, an uair a bhiodh fianuisean ’g an ceasnachadh ’na làthair. Tha inntinn gheur, làidir aige, ar neo tha mise gu mòr air mo mhealladh. Dean thusa do thoil fhein, Faodaidh mise bhith coma, aon uair ’s gu faigh mi mo chuid fhein de ’n obair as mo làmhan, ciod a thachras dhasan agus dhutsa ’na dhéigh sin. Ach air a shon sin, bu mhath leam nach biodh ath-deanamh air obair sam bith anns an cuirinn mo làmh.”
“Cuiridh an doctair beag a cheann ’na bhoil, ma gheibh e aon uair ’na ìnean e. Théid aige air gu leòr a bha aon uair glé stòlda ’s a’ cheann, a chur na breislich leis na fùdair bheaga a bhios e ’cur anns a’ bhiadh agus anns an deoch dhaibh.”
“Ma ni an doctair beag sin, pàighidh tusa glè dhaor dha air a shon. Ma bheir thu dhomhsa an dara leith de’n t-suim a bhios an doctair beag ag iarraidh, cuiridh mi an t-òganach ud a dh’ àite anns nach cuir e dragh ort fhein no air neach eile gu bràth.”
“Cha gheall mi sin dhut idir. Ged a bhiodh toil agam còrdadh a dheanamh riutsa, tha amhrus agam gu bheil an còrdadh a rinn mi ris an doctair cho daingean ’s nach bi e furasda dhomh a bhristeadh.”
“Stad ort tiotadh beag gus an cunnt mise dhut na dh’ fheumas tu ’phàigheadh do ’n doctair. Anns a’ cheud dol a mach feumaidh tu deagh shuim a ghealltainn dha air son e dh’ fhuireach sàmhach mu ’n chùis. Feumaidh tu pàigheadh a thoirt dha air son an cuthach a chur air an duine òg, agus air son a chumail air a’ chuthach fhad ’s a bhios e beò. A rithist, feumaidh tu sùim àraidh a thoirt dha air son an duine òg a chumail ann am biadh ’s an aodach, agus mar an ceudna air son a ghleidheadh gu cùramach anns an taigh-chuthaich. Agus cuimhnich thusa air so: cha leig an doctair leis bàs fhaotainn ann an aithghearr, ma dh’ fhaodas e. Mar is fhaide a bhios e beo is ann is fhearr a phàigheas e dhasan. Agus a bharrachd air so gu leir, cha ’n ’eil e sàbhailte dhut e bhith anns an rìoghachd so idir. Tha ’n lagh a nis air fas cho cruaidh s nach ’eil e idir furasda a bhith suas ris.”
“Cha ’n ’eil fhios agam nach ’eil thu ceart fhathast. Thig a h-uile rud a bhios ann gu mòran airgid air a’ cheann mu dheireadh. Agus an déigh a h-uile car, faodaidh e bhith gu faighear a mach an obair a th’ againn. Ma gheibh, bidh sinn gu léir fo na casan. Ach ciod an dòigh a tha thu ’saoilsinn air an fhearr air an ghabh an gnothach deanamh?”
“Innsidh mi sin dhut. Biomaid gu ceann beagan mhìosan cho caoimhneil agus cho càirdeil ris an óganach ’s a ghabhas deanamh. Agus ma tha amhrus sam bith aige nach ’eil e sàbhailte dha earbsa ’chur annainn, tuigidh sinn sin gun dàil, agus an uair sin, feuchaidh sinn ri greim a dheanamh air a dheòin no ’dh’ aindeoin. Bheir sinn an aire ciod a their agus a ni sinn fhad ’s a bhios sinn na làthair. Bheir sinn cuireadh is cuireadh dha araon gus a dhol gu dinneir maille ruinn, agus mar an ceudna gus a dhol a dh’ fhaicinn ioghnaidhean do chaochladh àiteachan air feadh na rìoghachd. Bidh mise a’ labhairt aig gach àm anns am bi e ’nar cuideachd, mar gu ’m bu mhi marsanta cho mór ’s a th’ anns an rìoghachd, agus mar gu ’m bu leam móran de na soithichean a tha ’seòladh do na rìoghachdan thall. Bidh tusa ’labhairt, mar gu’m bu tu aon de na h-uachdarain a th’ ann an taobh deas Shasuinn. Agus an uair a thig mo sheana charaid, sgiobair na Dubh-Ghleannaich, dhachaidh a ceann-a- deas America, cuiridh mi fhein ’s e fhein ar cinn ri ’chéile, agus an uair a bhios e tilleadh air ais, gheibh sinn an t-òganach a chur gu bog, balbh air bòrd. Reicidh an sgiobair e mar thràill air son deagh shuim, agus cha chluinn thusa no mise guth no iomradh air gu bràth tuilleadh. Cha ’n àithne dhomhsa aon dòigh eile air an fhearr air an tèid againn air a chur as an t-sealladh na so.”
(Ri leantuinn.)
Uirsgeul.
Bha Domhnull agus a ghoistidh, Iain, a’ falbh còmhla do’n bháile mhòr, agus sùil gu ’n d’ thug Iain air an rathad, chunnaic e sporan làn ’us teann ’n a laidhe aig a chasan. Thog e e, agus thubhairt Dòmhnull, “a chiall nach gasd a thachair dhuinn.” “Dhuinn!” ars’ Iain, “cha mhath a labhair thu; ’s ann dhomhs a tha an tachdair,” agus chuir e an sporan càirtidh ’n a sporan molach fhéin.
Cha dubhairt Dhomhnull diog, agus chaidh iad air adhart gu balbh, tosdach, gus an d’ ràinig iad coille mhòr. An seo ghabh na robairean fàth orra, agus thuirt Iain “mo thruaighe! tha sinn ’an eiginn n’ ar dithis.” “N’ar dithis!” arsa Dhomhnull, “tha thus’ a d’ aonar ann,” agus thàrr e às troimh ’n choille, ach bha Iain air chrith cho mòr leis an eagall ’s nach b’ urrainn dha teicheadh Rug na ceatharnaich air agus thug iad uaithe an sporan ’s a chuid airgiod fein maille ris. Mar bha e air an àm sin, bithidh e a rithist, —am fear nach cuidich le càch an uair a bhitheas am pailteas aig, is docha gum bi e gun charaid ’n a dheuchainn féiu.
GALL-GHAIDHEAL.
Is e fiachan a’s miosa na bochdain.
Am fear air nach ’eil fiachan tha e beairteach gu leor.
Is e bhith toilichte le beagan, saoibhreas a’s fhearr is urrainn a bhith aig duine.
Is e deadh bhean agus deadh shlàinte saoibhreas a’s fhearr is urrainn a bhith aig duine.
Ged a tha airgiod ’na dheadh sheirbhiseach, cha ’n ’eil ann ach am fìor dhroch mhaighstir.
Am fear air am bheil nàire air son a bhith bochd, bhiodh e glé uaibhreach nan robh e beairteach.
Cha ruigear a leas an seann sionnach ionnsachadh. Is fhad o ’n a bha fhios aige air mar bu choir dha e fhein a ghluasad.
Cho fad ’s gu ruith am madadh-ruadh, beirear air mu dheireadh. Faodaidh an t-olc a dhol gu math fad air aghaidh, ach thig e gu follais air a’ cheann mu dheireadh.
Am fear aig am bheil saoibhreas tha meas air, cha ’n ann a chionn gu bheil nàdur math aige, ach a chionn gu bheil saoibhreas aige. Cha ’n ann mar so bu choir do ’n chùis a bhith.
Is minic a thuit na craobhan daraich, ged is làidir iad, leis an stoirm nach do chur dragh mor sam bith air na craobhan seilich. An uair a thig droch phrìsean agus tiomannan cruaidhe, is e ’n duine aig am bheil crodh is caoraich gu leor is docha call mor fhulang ’n an duine bochd.
[Vol . 3. No. 38. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney Cape Breton.
SIDNI, AM MART 23, 1895
A reir gach coltais, tha ’n cogadh aig Sina us Iapan a teannadh gu crich. Tha iad fhathast ag obair ach a tha armailtean Iapan a’ sior bhuadhachadh, agus tha Sina a’ fàs na’s laige gach latha. Tha sùil coinneamh a bhi aca ’n ùine ghoirid, ’s cha’n eil teagamh nach téid aca air tighinn gu còrdadh.
Tha na paipearan Albannach a ráinig sinn air an t seachdain so a’ toirt dhuinn sgeula báis Professor Blackie. Tha ionndrain mhor air air Gàidhealtachd ’s air Galldachd, agus bu mhath a choisinn e sin. Bu duine e cho measail ’s cho comharraichte ’sa bha ’n Albainn air fad, agus cha’n eil teagamh nach ruith ioma bliadhna ’s linn seachad mu’n àraich. Tir an Fhraoich a leithid a rithist. Bu shàr sgoilear e, agus eolach air ioma cànainn. Bha meas mor aige air a’ Ghreigeis, agus bha e ’ga teagasg anns an oil-thigh ’an Dunéideann. Ged nach bu Ghàidheal e, cha robh duine beo ri ’linn a rinn uiread de dh’ fheum do thir nan Gàidheal, do na Gàidheil fhéin, agus d’ an cànain. Dh’ ionnsaich e cainnt aosda, bhlasda nam beann agus ghabh e meas mor oirre, ’nuair bha moran a’ meas nach robh a’ Ghàilig ’na cainnt a b’ fhiach a bhi stri rithe. Chruinnich e tri mile deug punnd Sasunnach air son Cathair Ghàilig a chur air chois ann an Dunéideann. Cha do leig e seachad cothrom riamh air na Gàidheil earralachadh a thaobh an dleasnais d’ an duthaich agus d’ an cànain. Chaill iad caraide dileas, blàth, nuair thug am bàs air falbh e.
A Framboise.
Cha ’n ’eil moran naigheachdan agam dhuit san am so ach naigheachd a dh’ fhaodas tu a chluinntin gach latha. Tinneasan, is bàis dà ni leis a bheil an t-àite so air fhiosrachadh gu tric air a gheamhradh so. Chaochail dithis ’s an áite so air an t-seachduinn s’a chaidh, Domhnull Domhnullach 19 bliadhna a dh-aois, agus Màiri, bean Alfred Mellsher, a thàinig do’n aite so á Boston air an t-samhradh s’a chaidh.
Is math dhuinn e bhi againn r’a innse gu bheil a nis againn side bhriagha, bhlàth, ged a bha mios Februaraidh anabarrach stiormeil agus sneachdaidh. Cha ’n fhaca duine a tha beò an duigh a leitheid de dhoimhneachd sneachda ’s an àite so, mur aon robh bho chionn tri bliadhna deug, ris an can iad fhathast, “Bliadhna ’n t-sneachda mhòir.” Bha na ròidean cho diorbh ’s nach d’ fhuair am ministeir thugainn á Loch Lomond fad a mhios. ’S ’nuair a thàinig e, bha ’n sneachda cho domhain ’s nach b’urrainn d’ a each a thoirt leis ’s b’éiginn da coiseachd astar da mhile dheug. Saolidh sinn ’nuair chlinneas sinn seo, gur airidh am fear oibre air a lòn.
Tha mi saolsinn gu’m bi biadh spréidhe gu leòr againn air an earrach so. Cha chluinn mi duine ’ga ghearain fhathast co dhiu, agus a chionn nach bi moran de’n earrach air chùl chàisg, air réir breithneachadh an t-seann duine, tha sinn an dòchas nach lean an dùdheachd dhuinn ro fhada, ged nach urrainn spréidh dad a’ dheanamh ’air an son féin roi’ ’n fhicheadamh latha na eadhon mios de’n t-samhradh.
Fhuair fear Calum Mac Leoid eun marbh an la roimhe a bha anabarrach neònach ri ’fhaicinn, san àite so; bha e ann an cumadh is ann am meudachd cosmhuil ri coilleach tighe; bha a cheann is ’amhach le itean geala a coimhead nàdurrach gu leòr, ach bha a chuid eile dheth air a chomhdch mar gu’m biodh le cotan na le clòimh mhin dhubh; bha ribean dubh sioda air a cheangal mu ’amhaich; bha na casan air anabarrach fada a coimeas ris a chòrr. Bha eagal air Calum a laimhseachadh, agus ’se feadhainn eile a chaidh ga iarraidh. Cha ’n fhaca duin’ a chunnaic e a letheid riamh, agus air réir coslas cha buinneadh e do ghné eunlaith na duthcha so idir.
CEANN-LIATH.
Mar. 18, 1895.
CUIMHNICH!
gu bheil aghainn
Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh
dhe gach seorsa, agus ’ga reic air
PRISEIN IOSAL.
JOST BROS.
Sidni, C. B., Feb. 1, ’95.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETER’S, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 3. No. 38. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Tha fèill mhòr each gu bhi ann nn Tororto fad thri latha air a mhios s’a tighinn, a’ tóiseachadh air an ochdamh latha deug. Cha robh féill cho mòr dhe’n t-seòrsa ann an Canada fhathast.
Chaidh each a bhàthadh aig a Bhras d’Or Bheag air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e aig triùir ghillean a bha ’dol adh’ ionnsuidh an Eilein Mhoir, agus faisg air an drochaid, bhrist an deigh fodha. Cha robh ann ach gu’n d’ fhuair na gillean iad fhéin a shàbhaladh.
Chaidh each us sleighe ghoid as an Eilein Mhòr air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh am meirleach a lorgachadh a dh’ ionnsaidh na Méinn Uire(Reserve)agus fhuaireadh àn t-each ’s an t-sleighe ’an sin, ach cha d’ fhuaireadh greim air an fhear a thug leis iad fhathast.
Bha coinneamh eile aig muinntir a bhaile Di-màirt s’a chaidh, agus dh’ aontaich iad cead a thoirt do’n bhàillidh ’s do na comhairlichean deich mile dolair a ghabhail an iasad, tri mile air son na h-obair-uisge, ceìthir mile gu leth air son seann fhiachan a phàigheadh, agus da mhile gu leth air son cabhsairean a chur ris na sràidean.
Di-ciaduinn s’a chaidh bha ’n latha ’s an oidhche ’san aon fhad. Tha ’n latha nise fàs na’s fhior fhaide, agus an oidhche fàs na’s fhior ghiorra. Tha ’n t-side a’ cumail gu math fuar, agus cha d’ thàinig isleachadh ro mhor air an t-sneachda fhathast. Bha ’n geamhradh car fadalach a tighinn, agus dh’ fhaoidte gu’m bi an samhradh air an aon dòigh.
Chaidh duin’ òg a ghlacadh ann an Cuibeic an la roimhe air àmhrus gu robh e spùilleadh litrichean airgid. Chaidh an tigh aige ’rannsachcdh, agus fhuaireadh da cheud deug dolair am falach ann am bocsa. Bhatar ag ionndrain airgid o chionn dha no tri bhliadhnaichean, ach cha robh fhios dé ’n taobh a bha e dol gus ’n do leagadh àmhus air an fhear so.
Tha ’n dotair Buchanan a bha air a dhiteadh ann an New York an uiridh air son a bhean a phuinnseanachadh, gu bhi air a chrochadh an ùine ghoirid. Thugadh a mach binn a chrochaidh mu’n àm a chaidh a dhiteadh, ach fhuair an luchd-lagha dáil a chur anns a chùis, ’àn dòchas gu faigheadh iad a thoirt saor. Ach cha deachaidh sin leotha, agus tha e gu bhi air a chur gu bàs.
Tha tinneas neònach air bristeadh a mach a measg nan each ann a’ Halifax, agus tha na dotairean a’ deanamh dheth gur e nàdar dhe’n bhric a th’ ann. Tha e ’bualadh cuid dhiu mu ’n bheul, cuid mu na casan, agus an àiteachan eile. Tha e tigh’nn a mach orra ’na sheórsa de bhroth no na bhuilgeanan beaga. Tha e glé ghabhaltach; cha n-e mhàin gu’n gabh na h-eich fhéin e bhar a chéile, ach mur bi na daoine bhios ’g am frithealadh gle fhaicealach, gabhaidh iadsan e cuideachd. Tha duine no dha tinn leis aig a cheart àm so. Bha ’n euslaint cheudna ann am Montreal ’sa bhliadhna 1878.
Bha réis each air deigh na h-acarsaid Di-sathairne mar a bha iàd ’an dùil. Bha còig eich a’ ruith. Choisinn each an Dotair Fhriseil, Port Morien, a cheud duais, each ’Ic-a- Phearsain, Glace Bay, an darra duais, agus “Nellie Bashaw” á Port Hawksbury, an treas duais. Cha robh an deigh idir cho math ’sa dh’ iarrte air son réis. Tha réis eile gu bhi aig Sidni Tuath feasgar an diugh, ma bhios gach ni freagarrach.
Tha soitheach ùr gu bhi ’ruith eadar Pictou ’s cladach an iar an eilein so air an t-samhradh s’a tighinn. ’Se “Weymouth” is ainm dhi, agus cha n-eil ach mu cheithir bliadhna o’n chaidh a togail. Bidh i ’taghal air gach turus ann am port no dha an siorrachd Antigonish, agus ann am Port Hood, Mabou, Margaree, Cheticamp. agus am Pleast Bay. Cha n-eil i uiread ris an t-soitheach a bha air an astar cheudna an uiridh.
Bidh coinneamh aig luchd na stuaime ann an tigh na cùrtach ’am Baddeck feasgar Di-màirt (an 26mh) aig lethuair an deigh seachd. Dh’ ainmich sinn air an t-seachdain s’a chaidh gu’m biodh a choinneamh aca feasgar Di-aiaduinn. Cha n-eil an ùine glé fhada o’n bha Baddeck ainmeil air son cho pailt ’sa bha ’n deoch làidir ’ga reic ann, ach an diugh cha n-fhaighear duine eadar da cheann a bhaile a dh’ aidicheas gu bheil e ’ga chumail.
Tha iad ag ràdh gu bheil muinntir Vancouver, B. C., a’ dol a theagasg dannsa anns na sgoilean an deigh so. Tha iad a’ deanamh dheth gu bheil a bhi ’cumail nan sgoilearan tuilleadh us dian ri ’n cuid leasain gle chuingeil orra, agus ’g am fàgail na’s buailtiche do thinneas. ’S ann, mar sin, air son an slàinte, tha ’n dannsa ri bhi air a theagasg dhaibh. Thatar ag ionnsachadh dannsa dha na sgoilearan ann am baile New York o chionn àireamh bhliadhnachan.
Toimhseachan.
Tha mac ann, ’s cha d’ rugadh e,
Is mac e, ’s cha bheirear e,
Cluinnear e, ’s cha labhair e,
Bruidhinn ris, ’s gu freagair e,
Gairm air, is bheir thu e
G’ ad ionnsuidh a nall.
Tháinig an toìmhseachan so na h-uile ceum a Alba. Cò a dh’innseas ciod a tha e ciallachadh? Bidh freagairt anns an ath aireamh.
Tha dithis dhaoine, Iain Hendershott, agus Iain Welter, ri bhi air un crochadh ann an St. Thomas, an Ontario air an ochdamh latha deug de dharra mios an t-samhraidh, air son mac bràthar do Hendershott a mhort a’s t-samhradh s’a chaidh. Bha airgiod-urrais aig Hendershot air beatha ’n fhir a mharbh iad, agus bha Welter gu nighoan Hendérshott a phòsadh. Rinn iad suas ri chéile agus chuir Welter crioch air anns a choille far an robh iad a leagadh chraobh. Dh’ fheuch iad ri dheanamh mach gu’m b’ ann le craobh a thuiteam air a mharbhadh e, ach dh’ fhairtlich sin orra, agus tha iad a nise anns a phriosan, a feitheamh gu bhi air an duaiseachadh air reir an cionta.
Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan, Pinn, Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
[Vol . 3. No. 38. p. 6]
PARA PIOBAIRE.
NAIDHEACHD EIRIONNACH.
(Air leantuinn.)
An uair thainig a’ mhadainn, arsa m’ athair rium fhein, “Falbh a mach an bhà-thigh, a Sheumais, agus abair ri Paruig bochd tighinn a stigh a chum ’s gu ’m faigh e cuid d’ an bhuntata; is neonach leamsa mur ’eil an t-acras air roimhe so.”
A mach an bhà-thigh ghabh mr agus ghlaodh mi am piobaire air ’ainm, ach smid fhreagairt cha d’ fhuair mi. Ghlaodh mi a rithist ’s a rithist ach facal cha chualas. “An ainm an àigh, a Pharuig,” arsa mise, “c’ aite bheil thu?” Sheall mi shios a’s shuas ach mir de Paruig cha robh agam. Mu dheireadh, faicear, thar leam, a dha chois am measg na conlaich. “Fhir mo chridhe,” arsa mise, “is tu tha toigheach an oisinn bhlath; mui ’eil thu an deigh thu fhein a tholladh a stigh anns a’ chonlaich cho seasgair ri deargainn ann am plaide! ach cuiridh mise stad air do chuid bruadar.” Le so rug mi air chaol da chois air—mar shaoil mi fhein—thug mi an spionadh sin air, an uair a dh’ fhalbh mi an comhair mo chul, ceann thar thulchainn, anns an inne.
An uair a thainig mi gu seorsa mothachaidh bha mi am laidhe air leud mo dhroma agus da rud am lamhan coltach ri paidhir dhagaichean—agus ’bheil fhios agad nach mor nach do chaill mi sealladh nan sul an uair a chunnaic mi ’d é bh’ agam; dà chois duine mhairbh! Thilg mi bhuam iad mar gu ’m biodh iad r’a theine; thug mi duibh-leum asam, agus ghlaodh mi mort a’s milleadh. “O, a bhana-mhortair gun iochd,” arsa mise, ’s mi maoidheadh mo dhuirn air a’ mhart— “O, a bheist mhi nadurra, dh’ ith thu Paruig bochd, a bhruid gun mhathanas; is miosa thu na na daoine dubha; —agus, an droch bhàs ort, nach tu bha àilgheasach an uair nach foghnadh dhuit gu d’ shuipeir ach an t-aona phiobaire b’ fhearr eadar da cheann na rioghachd! Mo thruaigh sinn uile! ciod a their an duthaich gu leir ri ’leithid de mhort mi chneasda? agus thu an sin a’ sealltainn cho seimh, neo-chiontach ri uan, agus a’ cnàmh do chir mar nach biodh sion air tachairt.” A mach ghabh mi, oir gu cinnteach mheas mi gu ’n robh mi fada gu leoir an cuideachd na béist. Thug mi an tigh orm agus dh’ innis mi dhaibh gach ni mu ’n chuis.
“Cuist, cuist,” arsa m’ athair, “cha ’n urrainn da sin a bhi fior.” “Cha ’n ’eil facal breige ann,” arsa mise. “An e gu ’n d’ ith am mart Para piobaire?” ars’ iadsan. “Mar is beo mi, cha ’n ’eil facal agam ach smior na firinn; cha d’ fhag an t-ainmhidh gun iochd mir d’ an Phiobaire ach a dha chois ’s a bhotainnean.” “Agus an d’ ith i a phiob cuideachd?” arsa mise. “An droch bhàs air a’ bheist,” ars’ esan, “nach ann aice bha an déigh air ceol.” “A nis,” arsa mo mhathair, “na mallaich a’ bho a tha ’toirt bainne do ’n chloinn.” “Mallaichidh mi,” “c’ arson nach mallaichinn a leithid a bheist mhi-nadurra? Cha bhi i na ’s fhaide agamsa; cuiridh mi a dhionnsaidh na faidhreach i gun tuilleadh dàlach, agus reicidh mi i air ciod sa bith tairgse ’gheobh mi. Gabh air falbh, a Sheumais,” ars esan, “cho luath ’s a ghabhas tu greim bidh, agus thoir leat i thun na faidhreach,” “Ma ta a dhinnseadh na firinn,” arsa mise, “b’ fhearr leam aon-eigin eile ’dhol leatha.” “Cuist,” ars esan, “agus na dean amadan diot fein.” Is ann da-rireadh a tha mi,” thuirt mi ris; “is sibh fein a b’ fhearr a bheireadh an aire dhi na mise.” Tha ’n gnothach gu math,” ars’ “cha ’n eil fhios agam c arson a bhithinn a’ gleidheadh coin ma dh’ fheumas mi fhein an tathunnaich a dheanamh; na cluinneam facal tuilleadh, ach tog ort leatha, ’s na faiceam ceann no crodhan di tuille.”
Air falbh ghabh sinn, fada an aghaidh mo thoil, creid mi; cha robh tlachd sam bith agam a bhi mar fhad na laimhe do ’n bhruid neo-chneasda. Ach coma co dhiubh, ghearr mi cuaille laidir, fada, de bhata, los gu ’n rachadh agam air a’ bhanasgail mhortail iomain gun a bhi dluth dhi idir, idir.
Mar bha sinn a’ gabhail an rathaid bha an sluagh a’ dumhlachadh a dh-ionnsaidh na faidhreach. “Madainn mhath dhuit, ’ille oig,” arsa duine rium ’s an dol seachadh, “is math coltas a’ mhairt a tha thu ag iomain.” “Tha i,” arsa mise, “cho math r’a coltas,” am Freasdal ’thoirt mathanais dhomh, is dona thainig e ri m’ chridhe facal math a radh as a leth. “A bheil thu dol g’ a reic?” ars’ esan. “Tha,” fhreagair mi. “Ciod tha suil agad a gheobh thu air a son?” dh’ fheoraich e. “Ma ta, cha ’n ’eil fhios agam,” thuirt mi—rud a bha fior gu leoir, chionn bha mi ann an seorsa imcheist mu ’n bhruid mhosaich uile gu leir. “Is boidheach an gnothach dhuit a bhi dol gu margadh,” ars’ esan, “ ’s gun fhios agad ciod is fhiach do chuid feudail.” “O,” arsa mise— ’s gun toil agam amharus a bhi aige gu ’n robh beud air a’ mhart— “cha bhi fios aig neach ’d é gheobh e gus an ruig e an fhaidhir ’s am faic e ciod na prisean tha dol. “Ceart gu leoir,” ars’ esan, “ach na ’m faigheadh tu tairgse mhath m’ an riugeadh tu an fhaidhir idir, nach gabhadh tu rithe?” “Gun teagamh,” arsa mise. “Ciod tha thu ag iarraidh oirre ma ta?” ars’ esan. “Cha bu mhath leam a bhi mi-reusanta,” thuirt mi ris—oir, a dh-innseadh na firinn, bha mi toileach a bhi reidh ’s i— “gabhaidh mi ceithir puinnd Shasunnach air a son, ’s cha gabh mi peighiun na ’s lugha na sin. “Cha chréid mi,” ars’ esan, “nach ’eil i saor gu leoir; ach cha eagal orm gu bheil rudeigin cearr oirre; cha ’n ann air an t-suim sin a reiceadh tu mart-bainne a coltais na ’m biodh i gun choire. “Gu dearbh,” arsa mise, “air m’ fhacal, tha i math gu bainne.” “Theagamh,” ars esan, “gu ’n deachaidh i bharr a bainne—a bheil i air son a bidh?’ “Moire, ’s i th’ air son a bidh!” fhreagair mi, “cha ’n ’eil a leithid eile air uachdar na cruitheachd, is i mo bharail; bheir mi mo mhionnan gu ’n ith i.” “Cha ’n ’eil duil agam gu ’n gabh mi an dràst i,” ars’ esan; “feithidh mi gus am faic mi cia mar theid do ’n mhargadh.” “Tha mi toileach,” arsa mise, a’ gabhail orm a bhi caoin-shuarach, ach air chinnt bha seorsa amharuis agam gu ’n robh daoine ’faicinn rud-eiginn mi-chneasda ann an aogas na beist, agus nach faighinn bharr mo lamhan idir i. Mu dheireadh raiuig sinn an fhaidhir, agus b’ e sin an sealladh gun a leithid—shaoileadh tu gu’n robh an saoghal uile cruinn air an aon fhaiche, gun ghuth air gach riomhaidh eile ’bh’ ann. Bha bùithean an sin anns am faighteadh an deoch a b’ fhearr, agus na fidhlean a’ cluich a chur spreigidh anns na cailleagan agus anns na gillean oga; ach chuir mi romhan nach gabhainn gnothach riu gus am faighinn saor ’s a’ bheist mhosach a bha air mo churam; uime sin dh’ iomain mi stigh i gu teis-meadhoin na faidhreach. Ach, a mhic chridhe, mar a bha sinn a’ dol seachad air dorus aon de na bùithean, sheid piobaire air chor-eigin suas port-dannsaidh, agus m’ an abradh tu
[Vol . 3. No. 38. p. 7]
“Deis-de’ bha ’h-earball a suas agus thug i an roid sin aisde a dh-ionnsaidh a’ bhuth.
“O, mort a’s marbhadh!” arsa mis ris na bha m’ an cuairt, “cumaibh oirre, cumaibh oirre—dh’ ith i aona phiobaire an diugh cheana, agus an droch bhàs oirre tha i air son fear eile bhi aice.”
“An e gu ’n d’ ith mart piobaire?” arsa fear dhiubh.
“Gun fhacal breige, dh’ ith,” arsa mise, “oir chunna mi fhein a chorp ’s gun mhir a lathair dheth ach an da chois; cha ’n ’eil ann ach amaideachd dhuinn a bhi strith ris a’ ghnothach a cheiltinn: tha mi faicinn nach gabh i cur bho ’n chleachdainn—mar is daor tha fhios aig Para piobaire bochd—mo bheannachd as a dhéigh!”
“Co tha ’n sin a’ luaidh air m ainm-sa?” ghlaodh fear-eigin lamh rium; agus, an uair a thionndaidh mi m’ an cuairt, co bh’ ann, a reir coltais, ach Para piobaire e fhein.
“Beiribh air san cuideachd,” arsa mise, “cumaibh uam e, oir cha ’n e fhein a th’ ann idir, ach a thannas; chaidh a mhort an diugh ’s a’ mhadainn, do m’ dhearbh fhiosrachadh fein, ’s cha d’ fhagadh oirleach dheth ach a chasan.”
An uair a chuala Paruig sin—oir is e fhein a bh’ ann, mar fhuair sinn a mach a rithist—cha mhor nach do sgain e a’ gaireachdaich; agus an uair a lasaich air, thoisich e agus dh’ innis e dhuinn gach car, mar dh’ innis mise nis; agus na ’n cluinneadh tusa ’n fhochaid a bha ’n sin ormsa, air son bhi cur air a’ bho bhochd gu ’n d’ ith i am piobaire. Chaidh sinn a stigh do ’n bhuth s dh’ ol sinn fad-shaoghal do Pharuig ’s do ’n mhart; chluich Paruig an latha sin air dhoigh a thug barr air na chluich e riabh; agus is iomadh aon a thuirt nach cualas a leithid riabh roimhe no ’n a dheigh. Chaidh am mart neo-chiontach, bochd ’iomain dachaidh a rithist agus is iomadh latha math a bha aice fein agus againne ’n a dheigh. —Cha di-chuimhnich mi gu brath mu ’n mhart a dh’ ith am piobaire!
Eadar. le I. B. O.
Bathar dhe gach seòrsa ’s fhearr, agus cho saor ’sa gheibhearile, ’sa bha ri chreic aig D. I. Domhnullach. Taghail aige.
LeighsidhMinard ’s Linimentri reic ’s gach àite
Tha so air a chumail do
C . B. TRAVIS,
SIDNI, C, B.
Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN
Taillearachd.
Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnn
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh le
Niall Mac Fhearghais
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.
[Vol . 3. No. 38. p. 8]
Cuachag nan Craobh.
LE UILLEAM ROS.
Chuachag nan craobh, nach trua’ leat mo chaòi’
’G osnaich ri òidhch’ cheothar—
Shiubhlainn lem’ ghaol, fo dhubhar nan craobh,
Gu’n duin’ air an t-saoghal fheòraich,
Thogainn ri gaoith am monadh an fhraoich,
Mo leabaidh ri taobh dòrain—
Do chrùtha geal caomh sìnte ri m’ thaobh,
’S mise ga’d chaoin phògadh.
Chunna’ mi féin aisling, ’s cha bhreug,
Dh-fhag sin mo chrè brònach,
Fear mar ri té, a pògadh a beul,
A brìodal an deigh pòsaidh,
Dh’ ùraich mo mhiann, dh’ath’rich mo chiall,
Ghul mi gu dian, dòimeach,
Gach cuisle agus féith, o iochdar mo chléibh
Thug iad gu leum co’ -làth!
Ort tha mo gheall, chaill mi mo chonn,
Tha mi fo throm chreuchdan,
Dh’ aisigeadh t-fhonn slainte dom’ chom,
Dhiuchdadh air lom m’ éibhneas,
Thiginn ad dhàil chuirinn ort failt’,
Bhithinn a ghraidh reidh riut—
M’ulaldh ’s mo mhiann, m’ aighear ’s mo chiall,
’S ainnir air fiamh gréin’ thu!
Thuirt mi le d’ ghath, mhill thu mo rath,
Striochd mi le neart dòrain
Saighdean do ghaoil sàit’ anns gach taobh,
’Thug dhiom gach caoin co’ -lath,
Mhill thu mo mhais, ghoid thu mo dhreach,
’S mheudaich thu gal bròin dhomh;
’S mar fuasgail thu trà, le t-fhuran ’s le t-fhailt’
’S cuideachd am bàs dhomh-sa.
’S cama-lubach t-fhalt, fanna-bhui’ nan cleachd
’S fabhrad nan rosg àluinn;
Gruaidhean mar chaor, broilleach mar aol,
Anail mar ghaoth gàraidh—
Gus an cuir iad mi steach, an caoil-thaigh nan leac
Bidh mi fo neart cràidh dheth,
Le smaointinn do chleas, ’do shùgradh ma seach,
Fo dhuilleach nam preas blàth’or.
’S milis do bheul, ’s comhnard do dheud,
Suilean air lìdh àirneig,
’Ghiùlaineadh brèid, uallach gu feill,
’S uasal an reul àluinn—
’Strua’ gun an t-éud tha’n uachdar mo chleibh,
Gad bhualadh-s’ an ceud àite—
Na faighinn thu réidh pòsd’ on a chleir
B’fhasa dhomh-féin tearnadh.
’S tu ’n ainnir tha grinn, mìleanta, binn,
Le d’ cheileir a seinn oran,
’S e bhi na do dhàil a dh’ òidhche sa là,
Thoilicheadh cail m’ òige:
Gur gile do bhian na sneachd air an fhiar,
’S na canach air sliabh mointich,
Nan deanadh tu rùin tarruinn rium dlù’
Dheanainn gach tùrs’ fhògar.
Càrair gu réidh clach agus cré
Ma’m leabaidh-s’ a bhri t-uaisle—
’S fada mi ’n èis a feitheamh ort féin
’S nach togair thu ghéug suas leam,
Na b’thus a bhiodh tinn, dheanainn-sa luim,
Mas biodh tu fo chuing truaighe,
Ach ’s goirid an dàil gum faicear an là
’M bi prasgan à trà’l m’uaigh-sa!
’Mallachd an tus, aig a mhnaoi-ghlùin,’
Nach d’ adhlaic sa chùil beò mi!
Mu’n d’ fhuair mi ort iùil ainnir dheas ùr,
’S nach dùirig thu fiù pòg dhomh,
Tinn gu’n bhi slàn, dùisgt’ as mo phràmh,
Cuimhneachadh dàn pòsaidh
Mo bheannachd ad dheigh, cheannaich thu-fein,
Le d’ leannanachd gle òg mi.
LAOIDH.
( “I heard the voice of Jesus say.” )
Do chuala mi guth Ios’ ag ràdh,
“A m’ ionnsuidh thig ’s gabh fois;
Leig sìos, leig sìos, aon sgìth, do cheann
Air m’ uchd, agus gabh clos!”
Gu Iosa thàinig mi mar bha,
Sgìth, airsnealach, is fann;
Is fhuair mi annsan ionad-tàimh
Is aoibhneas nach bu ghann.
Do chuala mi guth Ios’ ag ràdh,
“Feuch, bheir mi dhut le deòin
De dh’ uisg’ na beath’; thus’ ìotmhor ta
Crom sìos, dean òl, ’s mair beò!
Gu Iosa tháinig mi is dh’ òl
A sruth an uisge bheó;
Dh’ ath-bheothaich m’ anam, chaisgeadh m’ ìot
Is annsan tha mi beò.
Do chuala mi guth Ios’ ag ràdh,
“ ’S mi soluis-iùil an t-saogh’il;
Seall rium, ’s do moch thràth éirigh suas,
’S bidh d’ uile làithean saor.”
Ri Iosa sheall mi agus fhuair
Mi ann mo reul ’s mo ghrian;
Is anns an t-solus dhealrach, ghlan,
Gn m’ chrìoch gu ’n dean mi triall.
LeighsidhMinard ’s LinimentCeann-bhrist.
Leighseadh mise o chuing leMINARD ’S LINIMENT.
I. M. CAIMBEAL.
Bay of Islands.
Leighseadh mise o at air m’ aodann leMINARD ’S LINIMENT.
U. DANIELS.
Springhill. N. S.
Leighseadh mise o Loinidh leMINARD ’S LINIMENT.
DEORSA TINGLEY.
Albut , N. B.
I. O. G. T.
Tha coinneamh aig“Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T., ”ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Soithichean Creadha agus Glaine.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh
Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im,Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B
Feb.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
title | Issue 38 |
internal date | 1895.0 |
display date | 1895 |
publication date | 1895 |
level | |
reference template | Mac-Talla III No. 38. %p |
parent text | Volume 3 |