[Vol . 3. No. 39. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 30, 1895. No. 39.
Na Sean Fhacail.
FHIR MO CHRIDHE, —Ged a tha àireamh mhòr do na sean fhacail so-thuigsinn gu leòr, tha aon is aon dhiubh cho domhain ’s nach ’eil e furasda dhuinn an tuigsinn gus an smaoinich sinn uair is uair orra. Gabhamaid an sean fhacal cumanta so, “Ceann mòr air duine glic, ’s ceann circ’ air amadan.” Cha do thachair duine riamh rium a làn-thuig an sean-fhacal so. Is e a b’ aobhar dha so, gu robh iad a’ cur seadh cearr air na facail “ceann circe.” Faodaidh na h-uile a thoirt fa near gu bheil facail anns gach cànain a tha, le bhith an aghaidh a cheile, a’ cur solus air a cheile. So cuid diubh, “fuar,” “teith;” “cruaidh,” “bog;” “mòr,” “beag;” “luath,” “mall;” “lag,” “làidir;” agus mar sin sios. Mar so chi sinn nach ’eil e freagarrach dhuinn na facail, “ceann mòr, ’” agus “ceann circe” a chur mu choinneamh a cheile, mar a chuireas sinn, “cean mor,” agus “ceann beag” mu chionneamh a cheile. Ach mar is trice, tha an sean-fhacal a dh’ ainmich mi air a thuigsinn mar gu’m biodh e air a sgrìobhadh mar so, “Ceann mòr air duine glic ’s ceann beag air amadan.” Thuirt fear is fear rium gur ann mar so bu chòir an seanfhacal a bhith air a sgriobhadh. Ach cha ’n ann. Is minic a bha ceann an amadain gu math ni bu mhò na ceann an duine ghlic. Is iomadh ni mòr a tha air fior bheagan feuma. Is iomadh duine a tha àrd o thalamh, garbh ann an cnàimh, agus trom ann am feòil anns nach ’eil neart no sgoinn an coimeas ris na daoine beaga, cruaidhe, tapaidh a th’ anns an dùthaich. “Is fhearr am beag seadhach na ’n draghaiche mòr mi-ghniomhach.”
Ged nach ’eil an seanfhacal so cho so-thuigsinn ri iomadh seanfhacal eile, gidheadh tha e fior gu litireil. “Ged èignichear an seanfhacal cha bhreugnaichear e.” “An seanfhacal gu fada fior, cha bhriaghnaichear an seanfhacal.”
Cha b’ ann air meud a’ chinn a bha na seana Gháidheil a’ gabhail beachd gu sònraichte, ach air cumadh a’ chinn. Tha daoine foghluimte ann a thuigeas air cumadh a’ chinn ciod iad na buadhan a th’ ann an eanachainn agus ann an inntinn duine. Cha ’n ’eil teagamh agam nach fhaodadh iomadh fear beachd a ghabhail air a’ chumadh neonach a th’ air cinn ciud de dhaoine, nan tugadh iad fa near e.
Cha ’n ’eil smig air a’ chirc idir. Agus cha mhò a tha cnàimh na bathais aice dìreach air a bhonn. Is minic a chunnaic sinn daoine air nach robh a bheag de smig, agus air an robh bathais car coltach ri bathais circe. Ma thug gus nach d’ thug sinn fa near e, cha robh ach fior bheagan gliocais agus tuigse anns na daoine so. Biodh an ceann mòr no beag, ma bhios an cumadh so a dh’ ainmich mi air, tha e gu soilleir a’ nochdadh nach ’eil mòran gliocais ann. Faodaidh an duine air am bi an cumadh-cinn so feum gu leòr a dheanamh ’na aite agus ’na shuidheachadh fhein, ach cha dean e an obair a bha na Greugaich o shean a’ deanamh. Cha sgrìobh e leabhar, agus cha dean e obair innleachdach.
Tha ’chearc a’ deanamh a feum fhein anns an t-saoghal. Ma bheireas i ugh, ni i gleadhraich gu leòr mu dheidhinn. Is toigh leatha bhith, mar is trice, a’ sgriobadh anns an dùnan. Ma gheibh i dorus a’ ghàraidh fosgailte bidh i steach ann a thiotadh; ach aon uair ’s gu faigh i steach cha teid i mach d’ a deoin. Bidh i anns an olc, ma dh’ fhaodas i. Ithidh i a seachd sàthan gach latha, ma gheibh i e. Ma gheibh i dorus an t-sabhail fosgailte bidh i anns a’ mhionaid ann am fior mhullach an torr shìl.
Tha am fear air am bheil “ceann circe” glé choltach ris a’ chirc ’na chaitheamh-beatha ’s ’na ghiulan. Is toigh leis a bhith ri glagadaich ’s ri gleadhraich ’s ri fein-mholadh. Cha dean e ri ’bheo obair a’s àirde na bhith rùrach anns a’ pholl agus anns an eabar. An uair a theid e dh’ àite do nach ’eil gnothach aige’ dhol, cha ’n e am furasda ’chur as. Ma chuirear am pailteas ’na làmhan, sgapaidh e e ann an ùine ghoirid. Cha ’n ’eil ni a’ cur cùrainn air a’s mò na cia mar a shasaicheas e ana-miannan. Is mi do charaid.
IAIN.
Sloinntearachd.
Ma-ta Mhic Chridhe, —Tha sloinneadh mo shinnsirean cearr ann sa MHAC-TALLA, agus bhithinn toileach sibh ga chur ceart.
’S mis’ Alasdair, mac Ailein, ’ic Alasdair, ’ic Aonghuis, ’ic Alasdair Bhàin, ’ic Alasdair Mhòir, ’ic Aonghuis a bhochdain, ’ic Aonghuis Mhoir Bhothiutinn, ’ic Alasdair, ’ic Iain Duibh, ’ic Raonuill mhoir na Ceapaich, ’ic Dhomhnuill Ghlais, ’ic Alasdair, ’ic Aonghus, ’ic Alasdair Charraich, ’ic Iain, ’ic Aonghus òig, ’ic Aonghus mhòir, ’ic Dhomhnuill, ’ic Raonuill, ’ic Shomhairle, ’ic Gillebride, ’ic Ghilledonnain.
Sin direach mar thug mi dhuibh e roimhe. Tha mi dulich a bhi cur dragh oirbh, ach bu mhath leam sibh ’ga cheartachadh.
ALASDAIR AN RIDGE.
Chuireadh a’ cheist air duine glic roimh so,— “Ciod is aois duit!” Fhreagair e, “Tha mi ann an slainte.’ Chuireadh a’ cheist air a ris, “Cia co saibhir ’s a tha thu?” Fhreagair e, “Cha ’n ’eil mi ann an fiachaibh.”
Cha d’ rinn aingidheachd riamh am maith r’s lugha do ’n duine. Cha ’n urrainn i neach sam bith a dheanamh ni ’s saibhre, ni ’s sona, no ni ’s glice. Cha ’n ardaich i duine ann an suilibh nan subhailceach, agus tha i uamhasach ann an sealladh nam firean. Uime sin biodh aingidheachd air a seachnadh leis ba h uile.
[Vol . 3. No. 39. p. 2]
TAIGH NA COILLE.
LE IAIN.
CAIB IX.
Bha gné de dh’ amhrus aig Seumas òg nach robh Tearlach Ros no Tomas Taillear aon chuid ’nan daoine earbsach, no idir ’nan companaich fhreagarrach do dhuine glic sam bith. Bha aithreachas air a chionn gu ’n do gheall e comunn sam bith a chumail riutha; ach o’n a gheall e ’dhol a dh’ amharc air Tomas Taillear, bha e ’meas gu robh e mar fhiachan air a ghealladh a cho-ghealladh. Bha e air a theagasg dha o ’òige, gu ’m bu chòir do gach duine leis am bu mhath àite fhein a sheasamh, cumail ri ’fhacal; ni ’s lugha na bhiodh aobhar ro shònraichte aige air son bristeadh air. An uair a bha e greis a’ dol fo ’smaointean a thaobh ciod bu chòir dha a dheanamh, thuirt e ris fhein, “O ’n a gheall mi dhaibh gu rachainn g’ am faicinn théid mi ann gun teagamh. Cha bu mhath leam gu ’m biodh aca ri ràdh gu ’n deachaidh mi ann an cois m’ fhacail. Ach o nach d’ ainmich iad fhein latha sònraichte, cha bhi cabhag sam bith orm gus a dhol a thaghal orra. Faodaidh mi le fìrinn a ràdh gu bheil làn phailteas agam ri dheanamh anns an àm so an air’ a thoirt air obair na Sgoile. Mur toir mi an aire air an obair a th’ agam an dràsta, cha seas mi m’ àite ann am measg nan Sasunnach. O nach ’eil Albannach ’s an Sgoil ach mi fhein, cha bu mhath leam gu ’m bithinn air dheireadh air mo chòmpanaich.”
Bha e ’na chleachdadh aig Seumas òg a bhith ’sgrìobhadh gu ’mhàthair uair ’s an t seachduin. Ciod sam bith ni air an deanadh e dearmad cha ’n fhaodadh e dearmad a dheanamh air sgrìobhadh gu ’mháthair. Bha meas mòr aige air a mhàthair, agus ’s ann dha bu chòir; oir bha meas mòr aicese airsan. Ach feumar a ràdh gu robh e iomadh latha glé choma ged nach biodh aige ri sgrìobhadh idir; oir cha bhiodh a mhàthair riaraichte mur a bitheadh a h-uile litir a gheibheadh i uaithe gu math fada. An uair a chaidh e do ’n agoil bha gach ni cho ùr dha, agus gheibheadh e naigheachdan gu leòr ri ’n innseadh mu riaghailtean agus mu obair na Sgoile agus nan sgoilearan, agus mar an ceudna mu na h-ioghnaidhean lionmhor a bha e ’faicinn. Ach an ceann ùine bha na naigheachdan a’ dol ni bu ghainne ’s ni bu ghainne, gus mu dheireadh an robh e gun fhios aige ciod a theireadh e gus an litir an lìonadh.
A’ cheud latha ’bha Seumas òg a’ sgrìobhadh thun a mhàthar an déigh do Thearlach Ros agus do Thomas Taillear a bhith ’taghal air, thug e dhi mion-chunntas air na fir, agus dh’ innis e dhi mar an ceudna nach do ghabh e barail mhath sam bith air fear seach fear dhiubh. Cha mhò a rinn e dìchuimhn’ air ainmeachadh gu robh e fo ghealladh a dhol a chur seachad an fheasgair maille riutha air latha áraidh.
Cha bu luaithe a fhuair a mhàthair an litir so na thug i leughadh dhi, mar a b’ àbhaist dhi a dheanamh, dha ’athair. An uair a leugh ’athair i thuirt e, “An uair a bhios sibh a’ sgrìobhadh gu Seumas cuiribh earail chruaidh air e bhith air fhaicill roimh Thearlach Ros. Mur d’thàinig atharrachadh air o ’n a chunnaic mise mu dheireadh e, cha bu mhath leam còmpanas sam bith a bhith eadar e fhéin agus Seumas. Tha e truaillidh ’n a chainnt agus ’na chaitheamh-beatha. ‘Truaillidh droch chomhluadar deadh bheusan.’ Cha b’ urrainn dhomhsa cuir suas leis na beachdan agus na cleachdaidhean a bh’ aige. Bhiodh e ’cur mìos no dhà seachad gach bliadhna còmhladh riumsa, gus o chionh ochd bliadhna deug. Chaidh e cho fad as an rathad mu dheireadh ’s gu ’m b’ éiginn dhomh a chronachadh gu garg. Ghabh e ’s an t-sròin i, agus bhòidich e nach seasadh a chas ann an Taigh na Coille fhad ’s a bhithinnsa beò. Tha dlùth air coig bliadhna deug o nach cuala mi guth no iomradh air. Is ann a bha mi ’n dùil nach robh e beò. Ach ma lean e air a bhith cho aingidh ’s a bha e an uair a chunnaic mise mu dheireadh e, feumaidh gur e duine ro aingidh a th’ ann a nis.”
“Ged a dh’ innis sibh dhomhsa gu robh a leithid de dhuine ann, cha d’ innis sibh dhomh gu robh e ’n a dhroch dhuine,” ars’ a’ bhean.
“Ma ta, cha d’ innis. Bu bheag orm a bhith ’g innseadh mu ’n olc a th’ anns na daoine air an robh mi eòlach. Is iomadh olc a rachadh air dìchuimhne nan sguireadh daoine a bhith ’g iomradh orra. Mar a thig sonas ri ’iomradh thig an t-olc ri iomradh. Na ’n d’ thug mise dhuibh mion-chunntas air gach ni a b’ fhiosrach mi mu Thearlach, is dòcha gu ’n cuireadh e dragh mòr air bhur n-inntinn. An rud nach cluinn cluas cha ghluais cridhe. Cha diochd an droch sgeul an uair a thig e.”
“Saoilidh mi,” ars’ ise, “nach dean Seumas a’ bheag de chòmpanas ris. Cha chòmpanach a dh’ fhear a tha dà fhichead bliadhna ’dh’ aois leithid Sheumais nach ’eil fhathast na seachd bliadhna deug a mach.”
“Thugaibhse comhairle air Seumas gu ’n e chumail comunn sam bith ris. Ma ni Seumas aon uair còmpanas sam bith ris, faodaidh e sgaomairean eile a chur ’n a rathad a bheir droch eisimpleir dha.”
Gun dàil sam bith sgrìobh a mhàthair litir gu Seumas anns an do chomharraich i ’mach dha gu robh Tearlach Ros fo dhroch ainm o làithean òige, agus gu ’m b’ e a ghliocas an aire mhath a thabhairt nach deanadh e cómpanas sam bith ris. Bha i glé fhaicleach ciod a theireadh agus ged nach d’ innis i a h-uile nì air an robh fhios aice, dh’ innis i gu leòr mo dhòighean Thearlaich.
Anns an àm ud bheireadh litrichean ùine mhath air an rathad eadar falbh is tighinn à Sasunn. Agus eadar an latha ’sgrìobh Semas òg thun a mhàthair agus fios-freagairt fhaotainn, fhuair e litir anabarrach caoimhneil o Thomas Tàillear ’g a chuireadh gu cuirm air feasgar àraidh, agus ag iarraidh air fantuinn maille ris air a’ chuid bu lugha fad latha no dhà.
Anns an àm, bha Seumas òg air fàs car sgìth de ’n obair shàruichte a bh’ aige, agus o ’n a bha ’mhàthair is ’athair ag iarraidh air a dhol sgrìob a h-uile Disathuirne a mach às a’ bhaile, is e bhuail anns a’ cheann aige, gu rachadh e thun na cuirme, agus gu ’m biodh gnè de bheachd aige ciod an seòrsa dhaoine a bh’ ann an Tomas Tàillear agus ann an Tearlach Ros.
B’ ann air feasgar Dihaoine a bha ’chuirm gu bhith aca, agus o’n a fhuair e cuireadh gu fuireach fad na h-oidhche, thuirt e ris fhéin gu ’n gabhadh e ’n cuireadh, agus gu ’m biodh gné de bheachd aige co dhiubh bha gus nach robh e sàbhailte dha earbsa a chur anns na fir.
Rinn e deas air son falbh, agus thug e leis aon deisealachd a bhiodh feumail dha gus an tilleadh e air ais an là-iar-na-mhàireach.
Anns an fhalbh dha thàinig am post, agus shìn e litir
[Vol . 3. No. 39. p. 3]
dha. Dha’ aithnich e gu ’m b’ ann o ’mhàthair a bha i, agus anns an t seasamh bonn dh’ fhosgail e i; ach an uair a leugh a beagan fhacal, thuig e gu robh iad uile slàn ann an Taigh na Coille. O’n a bha cabhaig air chuir e an litir ann am pòc-achlais a’ chòta-mhòir gus am faigheadh e ùine air a leughadh; oir dh’ aithnich e leis cho bùchdail ’s a bha i, gu robh i gu math ni b’ fhaide na na litrichean a b’ àbhaist dha ’fhaotainn uaipe.
Ged a bha litrichean a mhàthar mar bu tric glé fhada, bha e gu cùramach a’ leughadh a h-uile facal dhiubh o thoiseach gu deireadh. Is minic, air a shon sin, a dh’ fhàg e cuid diubh gun leughadh uile fad latha no dhà, an uair a bhiodh e trang aig obair, no an uair a bhiodh e air fàs glé sgith aig leughadh eile.
Fada no goirid gu robh e air an t-slighe ràinig e a cheann-uidhe. Choinnich Tomas Tàillear agus Tearlach Ros e aig an dorus agus dh’ fhàiltich iad e cho cridheil, caoimhneil ’s a dheanadh àthair ’s a mhàthair. Thuirt iad á beul a chéile, gu robh iad an dòchas gu ’n cuireadh e seachad latha no dhà ’n an cuideachd.
Thuirt e riutha gu fanadh e latha ’s oidhche cómhladh riutha, ach nach robh e ’n comas dha fuireach ni b’ fhaide, o’n a bha àm ceasnachadh na sgoile a’ tarruinn dlùth air làimh.
Thugadh a h-uile urram dha a bha dligheach do mhac uachdarain.
Dh’ fheòraich Tearlach Ros cia mar a bha iad ann an Taigh na Coille, agus fhreagair Seumas òg, gu robh iad uile gu slàn. Thuirt e gu ’n d’ fhuair e litir o ’mhàthair dìreach an uair a bha e falbh o’n taigh, agus nach do leugh e ach beagan fhacal an uair a thuig e gu robh iad uile slàn.
Cha robh iad fada an déigh suidhe aig a’ chuirm an uair a thàinig aon de ’n luchd-frithealaidh a steach a dh’ innseadh gu robh duine uasal am muigh aig an dorus ag iarraidh Tomas Tàillear ’fhaicinn. Dh’ éirich Tomas o’n bhòrd agus chaidh e mach às an t-seòmar. An ceann tiotadh thàinig e air ais agus an duine uasal maille ris. Co an duine uasal a bha ’n so ach an Dr. Liobhain, no, mar a theireadh Tomas Taillear agus Tearlach Ros ris, “an Doctair beag.”
“So agad, a Sheumais, an Dr. Liobhain, an aon fhear sgile a ’s fhearr a gheibhear an taobh-so de Lunnainn. Ma bhios feum agad air doctair—agus tha dòchas agam nach bi an dà latha so—cha dean thu dad a ’s fhearr na fios a chur air.”
Ghabh an Dr. a roinn de na bh’ air a bhòrd cho sgoinneil ’s ged nach fhaigheadh e gréim fad cheithir uairean fichead. Neo-ar-thàing nach robh còmhradh gu leòr eatorra, ged nach dubhairt Seumas òg mòran. Bha e gu nàdurra glè shàmhach, agus o ’n a bha e ’n a choigreach am measg chàich cha b’ urrainn e ’inntinn a leigeadh riutha. Rinn iad na b’ urrainn iad gus toirt air deoch làidir òl; ach cha d’ thugadh e géill dhaibh am muigh no ’m mach.
Thug so air Tomas Tàillear agus air Tearlach Ros car de stamhnadh a chur orra fhéin air eagal gu ’n gabhadh Seumas òg droch bharail orra. Ach ghabh an Dr. Liobhain barrachd ’s bu chòir dha, agus an uair a chaidh e gu àrd-bhruidhinn ’s gu bòilich b’ fheudar falbh leis do sheòmar eile. Dh’ fhàgadh Seumas ’n a ònar ’s an t-seòmar; agus b’ fhearr leis na rud a chunnaic e riamh gu robh e ’n a sheòmar fhéin.
Mu ’n d’ thàinig na fir air an ais an déigh a bhith ’cur an Dr. Liobhain a laidhe, thug iad an litir a chuir a mhàthair gu Seumas á pòc-achlais a’ chòta-mhòir, agus chuir iad an gleidheadh gu cùramach i gus am faigheadh iad cothrom air a leughadh far nach biodh duine ach iad fhein.
Cha robh cabhag sam bith orra gus a dhol a laidhe. O nach robh dòigh ann leis an rachadh aca seanachus a thoirt à Seumas, thòisich iad air labhairt mu chùisean a bhuineadh dhaibh fèin. Mhol iad an toiseach an Dr. Liobhain mar fhear-sgile, ach a réir choltais nach robh iad toilichte a chionn e bhith cho trom air an òl. An sin thug iad ùine mhath air labhairt mu ’n gnothaichean fhéin. Shaoil le Seumas, mar a shaoileadh fear sam bith a bhiodh ’n a àite, gu robh mòran saoibhreis aca le chèile.
Mu dheireadh thàinig an t-àm gabhail mu thàmh. Chaidh Seumas a laidhe; ach shuidh Tomas Tàillear agus Tearlach Ros anns an t-seòmar gus an do leugh iad an litir a fhuair Seumas o’ mhàthair.
(Ri leantuinn.)
Briathra Cairdeal.
Cha mhor ’a chosdas briathra càirdeil. Cha gabh e uine fhada chum an labhairt. Cha tog iad leus aon chuid air an teangaidh, no air na bilibh, air an turas a stigh do n t-saoghal, ni mo an dean iad dochunn sam bith do ’n chorp no do ’n anam. Ged nach cosd iad moran, ni iad moran. Tha daoine glice ag innseadh dhuinn gu ’m bheil na briathra feargach a ghnathaicheas duine ’n a dhian-chorruich mar chonnadh do lasair na feirge, leis an loisgear ni ’s seirbhe agus ni ’s seirbhe e. Ach, air an laimh eile, bheir briathra tla agus caoimhneil a mach toradh cairdeis agus sithe a reir an gne. Meudaichear caoimhneas le briathraibh caoimhneil, agus sin gu h-ealamh cinnteach. Ni briathra caoimhneil iadsan caoimhneil a dh’ eisdeas riu, gun fhios gun aire dhoibh fein. Marbhaibh briathra fuara muinntir eile le fuachd: losgaidh briathra teth iad le teas; lotaidh briathra geur iad le lotaibh; nithear garg iad le briathraibh searbh; agus feargach le briathraibh corruich; ach dealbhaibh briathra caoimhneil an iomhaigh fein air anam an duine, agus is maiseach; aluinn, oirdheirc, an iomhaigh e!
S.
Iomlanachd.
Bi-sa an toir air iomlanachd anns gach ni, ged nach ’eil e comusach ruigheachd oirre ach gann ann an ni sam bith. Thig iadsan a ta ’g iarraidh iomlanachd, agus a ta ’buannachadh ’n an dichioll, moran ni ’s faisge dhi na iadsan a ta air an co-eigneachadh le ’leisg agus mi-churam gun strith sam bith a dheanamh ’n a deigh.
MAR A SGRIOSAS TU DO MHAC. —1, Leig a thoil fein leis. 2, Leig leis ’airgiod a chur gu buil mar thogras e. 3, Ceadaich da siubhal far an toilich e air an t-Sabaid. 4, Thoir lan chothrom da dol an cuideachd dhroch chompanach. 5, Na gairm uair sam bith gu cunntas e ciamar a chuic e seachad am feasgar. 6, Na leig gu dreuchd no obair e. Lean na comhairlean so agus mur faigh thu saoradh iongantach ni thu bron os cionn leinibh air a thruailleadh agus air a sgrios. Dh’ fhaiaich na miltean an deireadh truagh so, agus chaidh iad eios do ’n uaigh le doilgheao agus le bron.
[Vol . 3. No. 39. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney Cape Breton.
SIDNI, AM MART 30, 1895
Bha politics a’ fàs gu math teth ’sna criochan so bho thoiseach an earraich gus an d’ fhuaireadh fios nach robh ’n taghadh gu bhi ann gu uaireigin ’s an t-samhradh. Tha iad teth gu leor fhathast. Tha gach pàirtidh a’ feuchainn ri thoirt a chreidsinn oirnn ma théid iad fhéin a stigh gu’m bi gach ni ceart, ’s ma thèid a phàirtidh eile stigh gu’m bi an dùthaich air a tur mhilleadh. Cha ’n abair sinn féin dad, ach nach creid sinn na h-uile facal a their taobh seach taobh, gus am faic sinn iad air an coilionadh.
Tha gnothaichean glé fhad air ais agus gu mor air aimhreit ann am Breatuinn aig an àm so. Tha pháirtidh aig a bheil riaghladh na rioghachd ’nan làimh a sior fhàs na’s laige. Tha Gladstone an deigh uallach an latha chur dheth gu buileach, agus a’ gabhail an t-saoghail air a shocair, rud nach iongatach do fhear ’aoise. Tha Morair Rosebery gu tinn, a réir a h-uile coltas air leaba ’bhàis, agus tha chuid eile dhe’n phàirtidh air an roinn an aghaidh a chèile, air dhoigh ’s nach eil moran neart annta. Tha cùisean mar sin air am fàgail an-shocrach, agus tha mor-chùram air omadh aon a thaobh ciod a tha gu tighinn mu ’n cuairt.
Thug am posta o chionn còrr us mios leabhar beag sgiobalta g’ ar n-ionnsuidh, anns a’ bheil dealbh gach breacan Gàidhealach air a’ bheil cùnntas, agus iomradh aithghearr air na fineachan fa leth d am buin iad. Air duilleag-thoisich an leabhair, tha sgriobhadh mar a leanas:— “Gu Mac-Talla, bho Alasdair Mac Sheumais mhic Coinnich, mhic Iain Bhàin, mhic Dhomhnuill, mhic Thormoid, air a Bhliadhn’ Uir, 1895.” Gheibhear an leabhar so aig Mr. A. Bain, ’om Port Hawkesbury air son 80c, agus ’s math is fhiach e sin do neach sam bith aig am bheil tlachd ann an cumail suas cleachdaidhean a shinnsir.
Sgeul air Bean Shith.
Bha ann an iochdar Mhuile fear d’ am b’ ainm Domhnull Mac Ruairidh-bhain. A’ h-uile oidhche an deigh laidhe b’ eiginn da eiridh agus a bhean-phosda ’fhagail ’n a cadal. Bha e uine fhada mar so. Cha robh fios aig aon neach c’ aite ’n robh e dol no ciod a bha e a’ deanamh. Philleadh e air ’ais aig deireadh na h-oidhche, fuar, fliuch. Cha robh so taitneach le ’mhnaoi ’s throdadh i ris gu sgaiteach, geur airson a bhi air falbh cho tric bho ’leabaidh. Thoisich Domhnull air seargadh as gun fhios aig aon nach ciod a b’ aobhar dha. Mu dheireadh bhris an t-iomradh a mach gu’n robh leannan-sìth aig Domhnull ris an robh e a’ deanamh coinneamh. Chum so a bhacadh choimhairlich iad d’ a mhnaoi eolas no soisgeul ’fhaighinn d’ a fear. Fhuair i so agus cheangail i e mu ’amhaich. Thainig an leannan-sith a dh-ionnsaidh na h-uinneig far an rebh Domhnull ’n a laidhe agus thubhairt i, “Tha thusa an sin, a Dhomhnuill, ’s a’ ghealbhain bhoidheach mu t-amhaich.” Dh’ fhan Domhnull an oidhche sin ’s cha ’n fhacas tuille i air a thoir.
Moran bhliadhnaichean an deigh sin bha marsanta-siubhail a’ falbh le bathar aig an robh each a’ giulan a’ bhathair. Bha e air a thuras eadar Misinnis agus Cuimhnis; thainig e gu beul-atha aibhne ris an abhar Abhainn tuil-Ghall. Dh’ fhairtlich air an t-each a chur thairis. Mu dheireadh, thuirt am marsanta, “Cuiridh mise thairis thu an ainm Tri Pearsa na Trianaid ged robh a’ h-uile deamhan an ifrinn ann.” Air dha so a radh dh’ eirich gurraban beag caillich air taobh thall na h aibhne ’s thuirt i, “Na’n abradh Domhnull Mac Ruairidh-bhain sin riumsa a chiad oichche a choinnich e mi cha robh mi cho fada ’g a leanailt,” agus fhuair am marsanta thairis.
LeighsidhMinard ’s Linimentri reic ’s gach àite.
CUIMHNICH!
gu bheil aghainn
Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh
dhe gach seorsa, agus ’ga reic air
PRISON IOSAL.
JOST BROS.
Sidni, C. B., Feb. 1, ’95.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETER’S, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 3. No. 39. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Chaidh triùir dhaoine ghoirteachadh le dynamite ann an Catalone air an t-seachdain s’a chaidh. Bha iad ag obair air an rathad-iaruinn. Bha còignear dhiubh ann, ach cha d’ éirich dad dh’ an dithis eile.
Chaidh fear Iain Gillios, a mhuinntir Nova Scotia no Cheap Breatuinn, a chall air na Grand Banks o chionn ghoirid. Bha e ’na iasgair air bord soithich Geancaich. Dh’ fhàg e bean us clann ann an Gloucester.
Chaidh fear Ioseph Boatts, a mhuinntir Eilean a Phrionnsa, a mharbhadh ann a Waverly, N. S., air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’g obair ann am méinn òir aig an àm. Bha e deich bliadhna fichead a dh’ aois.
’Se “Mac-Talla” freagairt an toimhseachain a thug sinn seachad air an t-seachdain ’sa chaidh. Neach sam bith a ghairmeas air ’sa chuireas dolair a nall uige, bi’dh e freagairt dha gach seachdain gu ceann bliadhna.
Tha ’n amhach-ghoirt anns a’ bhaile so rithist. Dh’ eug nighean bheag le Iain A. Mac Coinnich, aois cheithir no chóig a bhliadhnaichean, leatha Di-màìrt s’a chaidh. Tha sinn an dòchas nach sgap an euslaint a measg na cloinne.
Chaidh pòsadh ueònach a dheanamh ann am Pictou an la roimhe. Bha fear-na-bainnse ceithir fichead bliadhna dh’ aois, agus bha e cho tinn aig an àm ’s gu’m b’ fheudar am pòsadh a dheanamh ’s e ’na laidhe ’s an leabaidh. Tha bean-na-bainnse móran na’s òige na a fear.
Ghoid Innseanach òg, do ’n ainm Seumas Bernard, tri cheud gu leth dolair á tigh-òsda ann an Truro, an la roimhe. Rugadh air ann an New Glasgow, agus cha robh air a shiubhal ach ceithir fichead dolair ’sa seachd deug. Bha e ’n deigh a chuid eile chosg ann an ceannach aodaich us uaireadair. Bha uaireadair òir air a chliathaich nuair a rugadh air.
Tha fios a thainig a Newfoundland air an t-seachdain so, ag innseadh gu bheil a’ dol gu math leothasan a tha aig iasgach nan ròn. Tha aon soitheach air tilleadh dhachaidh cheana si luma làn, deich mile fichead ròn aice air bòrd, agus tha feadhain eile aig am bheil àireamh mhiltean nach d’ thàinig a stigh fhathast. Tha h-uile coltas air gu’m bi iasgach nan ròn glé phrothaideach, agus gu dearbh tha ’n dùthaich bhochd feumach air sin.
Ghlac luchd-na-cuspuinn tri mile “giomach beag” air bòrd soithich ann am Boston air an t-seachdain s’a chaidh, agus thilg iad a h-uile h-aon dhiubh mach air a chliathaich. Chaidh an iasgach ’an àiteigm mu chladaichean Nova Scotia, agus bha iad air an creic ri fear a mhuinntir Bhoston. A réir lagh na stàite, feumaidh am fear leis ’m bu leis iad còig dolair mu choinneamh gach fir dhiubh a phàigheadh mar chàin. ’S glice do dhaoine ’n giomach beag fhàgail anns an uisge gus am fàs e mòr.
Tha fear Deòrsa Marshall Graham ann an Toronto, an deigh dha bhi ’ga chosnadh fhéin fad dheich bliadhna fichead, air dileab mhor fhaotainn. Tha e nise na Iarla, tha tri oighreachdan aige, agus tha àite-suidhe aige ann an tigh nam Morairean an Lunnuinn. Bha e roimhe so ’na chlèireach ann an stór leabhraichean ’an Toronto.
Tha sinn fada, fada, an comain ar caraìd as na Stàitean a chuir ugainn seann àireamhan de’n “GHAIDHEAL.” Ni sinn na piosan a chomharraich e, a chlo-bhualadh an ùine gun bhi fada. Bu mhath leinn cluinntinn bho neach sam bith aig a bheil àireamhan de’n “Chuairtear” no de’n “Teachdaire Ghàidhealach,” agus a bhiodh deónach an creic.
Bha réis each aig Sidni Tuath Di-sathairne s’a chaidh. Choisinn each á Pictou a ’cheud duais agus each ’Ic Coinnich, as an Eilean Mhòr, an darra duais. Bha réis bheag eile aig a bhaile so Dior-daoin, ’s choinn each le Seumas O’Callaghan i. Tha ’n deigh a nise fàs bog, agus cha b’ iongatach leinn ged nach cluinneamaid an còrr mu réisean gus an tig an geamhradh s’a tighinn.
Chaidh dithis dhaoine, Iain Debeson agus Basil Gracey, a mharbhadh anns a’ mhéinn an Glace Bay Di-sathairne s’a chaidh. Bha iad ag obair aig beul an tuill, agus bhrist na bùird a bha fo ’n casan, agus thuit iad sios ceud troidh ’sa deich gu grunn an tuill, ’s bha iad air an grad mharbhadh. Bha iad le chéile ’nan daoine air an robh deagh mheas aig na h-eòlaich uile, chuir am bàs gruaim air an àite.
Thug “Ceann Liath” iomradh air an t-seachdain s’a chaidh air ian neònach a fhuaireadh ann a’ Framboise o chionn ghoirid. Fhuair fear Ruairi Mac Coinnich, anns a bhaile so, ian air Di-dòmhnaich s’a chaidh a bha glé neònach ri ’fhaicinn ’s na cearnan so. ’Se ian beag a bh’ ann, beagan na’s mò na smeòrach, agus bha e car air dath tunnaig, agus an aon seòrsa chasan air. Tha e glé choltach gur h-e an stoirm a chuir an rathad so e.
Tha e air innseadh dhuinn gu bheil dithis dhaoine ’siubhal na dùthcha an dràsda ag iarraidh luchd-gabhail do phaipear a thatar a’ cur a mach an àit-eigin anns na Stàitean. Bheir iad seachad, air son aon dolair, bliadhna dhe’n phaipear, agus a bharrachd air sin ni iad dealbh an dhuine ’ghabhas am paipear, no duine sam bith dhe’n teaghlach aige, a mheudachadh ’sa chur g’ a ionnsuidh an ceann beagan ùine. Cha ’n eil iad ag iarraidh air son sin uile ach an dolair a bhi air a phàigheadh ’san làimh. Tha grunnan math an deigh gabhail ris an tairgse cheana, agus ged nach cluinneadh iad guth tuilleadh air a phaipear, air an dealbh, no air an dolair, na biodh ioghnadh sam bith orra. Annns na bliadhnaichean so, tha ’n saoghal làn de chealgairean dhe’n t-seòrsa so, agus tha iad ’a deanamh deagh bheòlaint air an ceaird. B’ fhearr dhaibhsan aig a bheil dolair ri sheachnadh a chur an rathad so air son bliadhna dhe’n MHAC-TALLA, paipear is math is fhiach dolair agus nach do mheall air duine riamh.
Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan, Pinn, Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
[Vol . 3. No. 39. p. 6]
AN SIONNACH.
Bha ann roimhe so coileach a chaidh e fhein ’s a chuid chearc a chur air àiridh an àm an fhoghair. Thuit do shionnach, là bha ’n sin, a bhi gabhail an rathaid air toir cobhartaich. Thugar an coileach an aire dha, ’s leumar am bàr craoibhe. Cha robh sid gun fhios do ’n t-sionnach, agus ’s e bh’ ann gu ’n d’ rinn e suidhe aig bun na craoibhe. “Thig a nuas, a choilich,” ars’ esan, “tha naidheachd agam dhut.” “Cha tig,” ars’ an coileach. “Ud, thig, a nuas, nach ’eil fhios agad gu’m beil sinn càirdeach? Is mise an sionnach mac an t-sionnaich dhonn-bhuidhe; agus is tusa mac a’ choilich mhic an uibhe—iar-ogha na peathar ’s a’ bhràthar, buaidh-làrach dianamaid suidhe.” “Cha dian,” ars’ an coileach, “bidh tu rium.” “Cha bhì,” ars’ an sionnach, “nach ’eil fhios agad gu ’m beil a nise sith air a h-éigheach eadar a h-uile beothach, agus nach ’eil a chridhe aig beothach gnothach a ghabhail ri beothach eile? Is mise an teachdaire-gairm. Nach fhaic thu ’n litir an ceangeal ri bàrr m’ earrbaill? Thig a nuas ’us leugh i. Leumar an coileach a nuas, ’s mu ’n gann a bhean a chasan do ’n làr, bha e tarsainn am bial an t-sionnaich ’s gun fhuireach ri ’mharbhadh thugar na buinn. Thàinig air dol seachad air achadh-buana ’s thugar na buanaichean an aire dha. “O, mo choileach, mo choileach!” arsa te de na mnathan. “Cha ’n e th’ ann ach mo choileach-sa.” Bha chùis ag cur seirbhe air an t-sionnach, ’s thugar togail air a cheann ’s ghlaodh e, “Cha ’n e ’th’ann ach mo choileach-sa, ’s tuitear an coileach as a bhial. “Cha ’n e th’ ann ach mo choileachsa,” arsa bean chòir eile ’s i togail a choilich ’n a h-ultaich.
“Is mairg a bheireadh feairt air mnaoi,” ars an sionnach ris fhein ’s e siapadh air falbh. Chum e air ’s tachrar feannag air ’s i ’toirt nan sùl á mart a bha ’n deigh dol le creig. Chuir iad fàilt air a chéile, agus ’s e bh’ ann gu ’n deach iad an companas mu’n fheòlaich. Thòisich an sionnach air roinn na cairbhe, agus dh’ fharraid e de ’n fheannaig co-dhiubh a bhiodh aice broilein mòr nan còig ciad ribeag, na ceithir spadagan odhra a’ mhairt. “Bidh agam fhein broilein mòr nan còig ciad ribeag,” ars’ an fheannag. Thilg an sionnach sid dh’ a h-ionnsuidh, ’s thugar an t-saobhaidh air leis na spadagan.
An uair a theirig am broilein, ’s cha b’ fhada h-uige, chaidh an fheannag ’n a gurrach air cloich ’s i tùrsa nan spadag. Bha i greis mar sin, ’s co thainig an rathad, ach a banchoimhearsnach a’ chorra-ghribhach. Chaidh iad an cnacas a chéile, agus casaidear an fheannag rithe mar a rinn gille-nan-car oirre. “Bheir mise cuireadh dha,” ars’ a’ chorra-ghribheach, “ach na gabh thusa dad ort gus am faic sinn.” Oidhche Nolluig thug i cuireadh gu cuirm do’n t-sionnach. Thàinig e; ach mar a bha ’n tubaist ann, caite an do chuir i an t-eanbhruich ach ann am botuil. Thòisich e air imlich nam botul, ach cha dianadh e dad de na bh’ annta. Is e bh’ ann gu’n d’ ol a’ chorra-ghribheach a cuid fheìn agus cuid an t-sionaich, ag gabhail mar leisgeul nach robh soithichean freagrach aice.
GLASRACH.
PROFESSOR BLACKIE.
Tha ’n t-Albannach gasda ’s an sgoilear foghluimte so a nis tosdach ann an suain a’ bhàis. Bha e sé agus ceithir fichead bliadhna ’nuair a thàinig crioch air a chuairt thalmhaidh. Cha rohh ann a latha Albannach eil’ air an robh barrachd eòlais us iomraidh us meas air feadh an t-saoghail gu léir. Bha buaidhean inntinn aige a bha geur, làidir, agus ealanta Bho thùs a làithean, bha e tapaidh, dichiollach, ealamh, agus bha gràdh mòr, diongmhalta aige air tir a dhùthchais, agus air gach neach is ni a bhuineadh do thir an fhraoich, agus a bha ceart ’us iomchuidh annta féin. Rugadh e ann am baile Ghlaschu. Thogadh e ann an Abaireadhain. Fhuair e cothrom math air ionnsachadh farsuing, fiachail, a thrusadh ann am mor-roinn na h-Eòrpa. Bha cridhe laghach, fosgailte, aige, ’us bha ’inntinn daonnan ullamh agus easgaidh airson gach foghlum a bha ùr us taitneach a ghabhail a stigh. Chuir e eolas tràth air na sgoilean a b’ àirde cliù ’na linn. Fhuair e, ann an 1841, a’ chathair a bha air a suidheachadh aig an àm sin airson Laidionn a theagasg ann an Oil-thigh Abaireadhain. Fhuair e, ann an 1852, a bhi ’na fhear-teagaisg Greugais ann an Oilthigh Dhun-eideann. Rinn e a dhachaidh anns a’ bhaile bhoidheach, ainmeil so gus an do chriochnuich e ’threoir ’sa thapaidh ’sa làithean anns an t-saoghal so. Bha luchd-àiteachaidh a bhaile mhoir, mar so min-eolach ré iomadh bliadhna air Mac ’Ille Dhuibh le ’cheum uallach gleusda, le ’aghaidh thana, gheur, le ciabhan geala ’chinn, agus le ’bhreacan fada m’a ghuaillean. Cha robh e comasach do choigreach air bith gun dearbh bheachd a ghabhail air Blackie, am feadh a bha e le ceum deifireach a’ dol gus an oil-thigh. Is iomadh oileanach math a fhuair foghlum uaithe, ’s aig an robh mor-mheas air, oir bha e daonnan brisg, beothail, sùrdail. Cha robh cùis air bith nach faigheadh aire uaithe. Bheireadh e ’bheachd féin seachad gu neo-sgàthach, agus sheasadh e gu dileas air leth gach ni a bha cothromach us iomchuidh. Rinn e obair mhor agus chliùiteach air iomadh dòigh mar sgoilear. Sgriobh e iomadh leabhar mu Laidionn, mu Ghreugais, mu fheallsanachd us bàrdachd us eachdruidh. Bha na h-Albannaich proiseil, oir bha Blackie co foghluimte ’s co tapaidh, ’s nach robh ni air bith a bhuineadh daibh air nach robh e eolach, agus comasach air beachd phongail a thoirt seachad. Bha meas mor aig sgoilearan Dhun-eideann air, agus bha càirdeas blàth us seasmhach eatorra. Tha, gu nàdurra, doilgheas orra nach bi comas tuille aca air càirdeas a nochdadh dha no air caoimhneas fhaotainn uaithe. Cluinnear anns an dàn cliù ’s àilleachd Mhic ’Ille Dhuibh an Fear-teagaisg greadhnach.
Tha aobhar sonruichte aig na Gàidheil a bhi bronach o’n thainig crioch air làithean ’s aigne Bhlackie. Ged nach robh fuil nan Gàidheal a’ ruith ’na chuislean, cha robh Gàidheal ann an dùthaich air bith, a thug barrachd gràidh do’n Ghàilig, a rinn barrachd saothair as a leth, no choisinn barrachd neirt us comhnaidh us càirdean di. Chuir e seachad iomadh la sona toilichte ’an Allt-na-creige, dlùth air an Oban, ann an Earra-Ghàidheal. Fhuair e eolas anns an ionad so, air sruthan gàireach nam beann, air fraoch gaganach, badanach nan cnoc, agus air a’ Ghàilig, a’ chànain urramach a labhair Fionn us Oisean us Colum Cille, agus a tha co sean ris an fhraoch fhéin ann an aonaichean na Gàidhealtachd. Is e bàrd ceolmhor, deas-bhriathrach a bha ann féin. Ann an Aisliny Oisein—duan a sgriobh e féin, agus a dh’ eadar-theangaich a bhana-charaid uasal, Màiri Nic Ealair, tha Oisean a’ labhairt ris air an doigh so.—
[Vol . 3. No. 39. p. 7]
Thuirt e, ’Mhic na tir Galld’, tha thu eol domh us caomh leam,
Thug thu gaol do mo shluagh, agus buaidh thug d’ an dàn.
Ghabh mi beachd air do cheum, lu-chas eutrom ’sa gharbhlach,
S do bhinn ghuth ’sa cheòl, ’s ghabh mi còir ort dhomh fèin.
Rach a thegasg do d’ shluagh cánain uasal nan Gàidheal,
’S ged rinn iad orr’ dimeas, O dùisg iad gu bàigh.
’S thoir beatha as ùr ann an tir nam beann fuara,
Do’n cheól ’bhios ’ga luaidh fhad ’s bhios cuan tigh’nn gu tráigh.
Nach math ’s nach duineil a sheinn Niall Mac Leoid,—
Dùisg suas a Ghàidhlig, ’s na bi fann,
Us gleus do chlàrsach feadh nan gleann,
Tha aon fhear-tagraidh math ort teann,
A chumas taic riut;
Cho fad ’sa mhaireas teanga ’n ceann
Professor Blackie,
’Bheil neach a dh’ àraich tir an fhraoich
Air call a bhàigh ’s air fas cho faoin,
Ri tàir air cainnt a mhàthar chaoimh
’S nach taobh a reachdan?
Ach gheibh iad sin am duais gu daor
Mur caochail Blackie.
Is ann dàsan a b’ aithne na Gàidheil lag-chridheach, chaon-shuarach a chàineadh, o nach robh meas ceart aca air cànain an dùthcha; agus o’n a b’ fhearr leo tionndadh air falbh gu buileach bho bhi ’labhairt na Gàidhlig, agus ag aideachadh gur Gàidheil a bha annta.
Tha na Gàidheil lionmhor thall ’sa bhos a tha aig an àm so bronach do bhrigh gu bheil an t-Albannach aigeannach, àrd-inntinneach, mor-chridheach, am bàrd gleusda, fileanta, an caraid dileas, duineil, agus fear-tagraidh foghainteach na Gàidhlig agus nan Gàidheal, Mac Ille Dhuibh, anns a’ chiste chumhainn fo’n fhod. Gleidheadh na Gàidheil cuimhne gu bràth air Blackie, agus air na gniomharan mora ’s math a rinn e. Na leigeadh iad, anns na làithean a tha air thoiseach orra, do choinneach na di-chuimhne trusadh air ainm us cliù, air moralachd us dilseachd, air buaidhean eireachdail us ceud-faithean iongatach MHIC ILLE DHUIBH.
CONA.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
Tha so air a chumail do
C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN
Taillearachd.
Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnn
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.
[Vol . 3. No. 39. p. 8]
Oran Cumhaidh.
LE UILLEAM ROS.
Tha mise fo’ mhulad sa’n àm
Cha ’n òlar leam le sunnt,
Tha dùrrag air ghùr ann mo chail
A dh-fhiosraich do chàch mo rùin,
Cha ’n fhaic mi ’dol seachad air sràid
An cailin bu tlàithe sùil;
’S e sin a leag m’aigneadh gu lar
Mar dhuilleach bho bharr nan craobh.
A ghruagach is bach’liche cùl
Tha mise ga t-inndran mòr,
Ma thagh thu deagh aite dhuit fein
Mo bheannachd gach ré ga ’d chòir:
Tha mise ri osnaich ’na d’ dheigh,
Mar ghaisgeach an déis a leòn;
Na laidhe san araich gun fheum
S nach teid anns an t-sréup ni’s mò!
’S d’ fhag mi mar iudmhaìl air treud,
Mar fhear nach toir spéis do mhnaoi,
Do thuras thar chuan fo’ bhreid,
Thug bras shileadh dheur om shùil—
B’fhearr nach mothaichinn fein
Do mhaise, do cheill, ’s do chliù,
No suairceas milis do bheil
’S binne no séis gach ciùil.
Gach anduin’ a chluinneas mo chàs
A cuir air mo nadur fiamh;—
A cantain nach eil mi ach bard
’S nach cinnich leam dan is fiach—
Mo sheanair ri paigheadh a mhail,
’S m’athair ri malaid riamh
Chuireadh iad gearrain an crann,
A’s ghearainn-sa rann ro’ chiad.
’S fad a tha ’m aigne fo ghruaim
Cha’ mhosgail mo chluain ri ceòl,
’M breislich mar anrach a chuan
Air bharraibh nan stuadh ri ceò.
S’ e iunndran t-abhachd bhuam
A chaochail air snuadh mo neòil,
Gun sùgradh, gun mhire, gun uaill,
Gun chaithream, gun bhuadh, gun treòir!
Cha duisgear leam ealaidh air aill’,
Cha chuirear leam dan air dòigh,
Cha togar leam fonn air clar
Cha chluinnear leam gair nan òg.
Cha dirich mi bealach nan ard
Le suigeart mar bha mi’n tòs,
Ach triallam a chadal gu brath
Do thalla nam bard nach beò!
No Nighsen Dubh.
SEISD.
Mo nighean dubh, tha boidheach dubh,
Mo nighean dubh, na treig mi;
Ged theireadh cach gu bheil thu dubh,
Cho geal ’s an gruth leam fhein thu!
Moch là Coinnle anns a’ mhadainn,
’M leaba ’s mi gun eirigh,
Gu ’m facas oigh an taice rium,
’S a gnuis ro dhreachmhor, ceutach.
Toisichidh mi aig do chasan,
Chum do mhaise ’leughadh;—
Didomnuich a’ dol an chlachan,
Bean do dhreach cha leir dhomh.
Thig stocaidh gheal air rogha dealbha
Air do chalpa gle-gheal;
Brogan barra-chumh’nn, ’s bucaill airgid—
Oigh air dheaibh na grein’ thu!
Seang chorp fallain, mar shneachd meallain,
No mar chanach sleibhte;
Mar fhaoileag chladaich, ri là gaillinn,
Air chuan mara ’g eirigh.
’S math thig gun ’s an fhasan duit,
Cho math ’s a tha ’n Duneideann,
Mu d’ mheadhon caol ’g a theannachadh,
’S a’ chamhanaich ’s tu ’g eirigh.
Do shuilean mar na dearcagan
Do ghruaidh air dhath na ceire,
Cul do chinn air dhreach an fhithich,
’S gradh mo chridhe fhein ort.
Suil chorrach ghorm fo d’ chaol mhala
Bho ’n tig an sealladh eibhinn,
Mar dhealt camhanaich ’s an Earrach,
’S mar dhruchd meala Cheitein.
Tha falt dubh, dualach, trom, neo-luaidhte,
’N ceangal sguaib air m’euchdaig;
Gur boidheach e mu d’ chluasaibh,
S cha mheas’ an cuailein breid e.
Cha dean mi tuilleadh molaidh ort—
O, ’s tu mo rogha ceile!
’S ann ort a tha ’n cùl fàinneagach,
Mar sud ’s am braighe gle-gheal.
’S olc a rinn do chairdean orm
’S gu ’n d’ rinn iad pairt ort fein d’ e,
’N uair chuir iad as an dù’ich mi,
’S mi ’n duil gu ’n deanainn feum duit.
’S ged nach deanainn fidhleireachd,
Gu ’n deanainn sgriobhadh ’s leughadh;
’S a Nàilc! dheanainn searmoin duit
Nach talaicheadh neach fo ’n ghrein air.
LeighsidhMinard ’s LinimentCeann-bhrist.
LeighsidhMinard ’s LinimentLòsgadh.
LeighsidhMinard ’s LinimentDeideadh.
Bathar dhe gach seòrsa ’s fhearr, agus cho saor ’sa gheibhearile, ’sa bha ri chreic aig D. I. Domhnullach. Taghail aige.
Leighseadh mise o chuing leMINARD ’S LINIMENT.
I. M. CAIMBEAL.
Bay of Islands.
Leighseadh mise o at air m’ aodann leMINARD ’S LINIMENT.
U. DANIELS.
Springhill, N.S.
Leighseadh mise o Loinidh leMINARD ’S LINIMENT.
DEORSA TINGLEY.
Albut , N. B.
I. O. G. T.
Tha coinneamh aig“Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T., ”ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Soithichean Creadha agus Glaine.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh
Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B
Feb.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
title | Issue 39 |
internal date | 1895.0 |
display date | 1895 |
publication date | 1895 |
level | |
reference template | Mac-Talla III No. 39. %p |
parent text | Volume 3 |