[Vol . 3. No. 4. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 28, 1894. No. 4
An Samhradh.
Tha ’n samhradh a nis le aghaidh thlachdmhor a’ deanadh an t-saoghail aghmhor agus boidheach. Ma dhearcas sinn air lochran nan speur le ’aodann soilleir grianach, agus ma bheir sinn fainear gur i ’ghrian a tha ’ruagadh air falbh na h-oidhche dhorcha: ma ghleidheas sinn air chuimhne gur ann bho mhac nan speur a tha blaths a’ tighinn agus an solus glan ciatach mar an ceudna, a tha’ tabhairt comais do luchd-aiteachaidh na talmhainn air seirbhis us saothair a dheanamh, aidichidh sinn air ball gum bheil na sochairean lionmhor agus priseil a tha gathannan na greine ’frasadh air an t-saoghal. Cha’n ’eil eadhon dorchadas na h-oidhche fein gun bhuannachd mor. Is ann aig an am so, ’nuair a tha teas us treise na greine fannachadh, agus i fein a ’deifireachadh gu leabaidh anns an iar, tha ’n driuchd a’ braonadh air fonn us faiche, agus ag urachadh nan comhnardan ’s nan achaidhean. Anns an t-samhradh thig gach geug us crann gu luath fo bhlath. Comhdaichidh trusgan aoidheil ann an uine ghearr na blarain a bha dubhach gruamach roimhe, cluinnear guth binn ceilearach nan eun ag eiridh bho iomadh preas us tom, agus fasaidh suas gu sgipidh toradh brighmhor na talmhainn. Tha ’n aimsir a nis ann an tomhas mór suidhichte ’s cha’n ’eil na neoil ach anaminic a’ cur sgaile air aghaidh na greine. Tha sunud us gean us subhachas anns gach aite. Tha ’n cuan mor farsuing gun ghruaim gun stoirm. Tha ’thorman ’s a thonnan beucach aig fois. Tha sobhraichean ’us neonainean geal us buidhe ’s boidheach anns na machairean ’s air gach learga. Tha ann an tir nan Gaidheal am fraoch gaganach, badanach a’ sgeadachadh mullach nam beann le culaidh riomhach, agus a’ crathadh a chinn, agus ag aomadh ann an osaig chiuin an anmoich. Tha gach faillean ’us fluran urail dosrach, agus an og mhaduinn mar an ceudna luchdaichte le dealt a tha dearrsadh ann an solus glan na greine. Is gasda da rireadh an t-oran a rinn Donnachadh Ban Mac an t-Saoir do’n t-Samhradh. Tha e ann am briathran fonnmhor a’ cur an ceill cia co greadhnach dichiollach, toilichte ’s a tha gach creutair beag us mor. Tha’n seillean fein a’ faotuinn molaidh mor bho’n bhard.
Is e gu striteach, riabhach, ciar-cheannach
Breac buidhe, stiallach, srian-bhallach, Gobach, dubhanach, riasgach, iargalta, Ri gniomh gu dian mar thuathanach.
Bha ’n Gaidheal aimeil foghluimte Eobhan Mac Lachuinn, min-eolach air saoibhreas breagh an t-Samhraidh. Cha’n ’eil ioghnadh mata gun thug e bheachd so seachad.
M’ an innsinn sios gach ni’ bu mhiann leam
Ann am briathran seolta,
Cha chuirinn crioch le dealbh am bliadhna
Air ceathramh trian de ’m b’eol domh.
Mu ghloir nan speur’s an t-saoghail gu leir,
A lion le h-eibhneas mor mi,
’N uair rinn mi eiridh madainn cheitein.
’S dealt air feur nan lointean.
CONA.
Litir a Gleann Bharra.
A MHIC-TALLA runaich:— ’S fhada bho na bha romham facal na dha a’ sgriobhadh thugad a dh’ aithris mo thoileachadh riut, le’d deagh naigheachdan as gach aite. Ged a tha beagan do sgoilearan Gàilig na ’r measg an so, tha e coltach gu bheil iad leisg gu leòr ma sgriobhadh, oir cha ’n fhaca mi litir bho ’n áite so ’sa MHAC-TALLA fhathast, ged is bòidheach an gleann e. Neo ar thaing nach mol sgriobhadairean eile an àiteachan còmhnuidh fhéin. Theirir “Gleann Bharra” ris an àite so, a chionn cha ’n eil aon duine a’ còmhnuidh ann ach Barraich, agus cha ’n eile baile eile ’sa Mhor-roinn so anns a bheil Cloinn Nèill co pailt air reir àireamh an t-sluaigh.
Tha ’n t ’side ro fhreagarrach air son na dùthcha agus tha iomradh math air a bhàrr anns gach ceàrn; gu sonruichte am feur. Tha na meanbh-bhiastagan graineil ris a abrar na daolagan striamach a’ deanamh milleadh mor air a bhuntàta a dh’ ainein ar dichioll gu cur as daibh.
Aig coinneamh bhliadhnail na sgoile, air a mhios s’a chaidh bhruidhinn iad air tigh sgoil ur a thogail, agus gus cuideachadh leis an obair sin, tha sùil againn cruinneachadh mor, ris an abrarPicnica bhi againn air an ath mhios. Ni sinn na s’ urrainn dhuinn chum toilinntinn a thoìrt dhaibhsan a thig a choimhead oirnn. Bidh na Cleasan Gàidhealach air an chluiche, mar bu chòir a bhi aig gach aon do na cruinnichean Gàidhealach.
S’ mise do chairid.
“DOMHNULL DUBH,”
A Baile-mor Hamilton.
Tha latha-féille a bhaile so gu bhi air a chumail air an t-seathamh latha dhe ’n ath mhios, agus tha Gàidheil a bhaile dol ’ga chur seachead le dhol gu baile Bharrie aig ceann loch Simcoe. An sin tha rompa seana chleachdannan an sinnsir a chumail an chuimhne maille ri aireamh mhor de Ghàidheil na dùthcha a tha gu coinneamh a thoirt dhaibh ’san àite sin. Tha riaghladh a ghnothuich ann an lamhan dithis dhaoin’ -uaisle Hamilton, D. I Caimbeul, agus Iain Mac Dhùghail, agus faodar a bhi cinnteach nach eil ni air a chlàr-innse nach bi air a dheanamh. Tha tilgeil na claiche ’s an ùird ’s a chabair, ’s na dannsan Gaidhealach a chleachd na daoin o’n d’thainig iad ’san duthaich thall ri bhi aca—I. M. C.
Tha bathar math an còmhnuidh iga D. J. Domhnullach. Brògan, Adan, Aodaichean, agus gach seòrsa bathair eile. ’S tha e ’gan creic gle shaor.
[Vol . 3. No. 4. p. 2]
SEANN SGEUL GAIDHEALACH.
O CHIONN corr a’s ceithir cheud bliadhna, dh’ eirich comh-strith mhor eadar na Cuimeanaich agus Clann-an-Toisich, aig an robh oighreachd mhath, goirid o fhearann a’ Chuimeanaich, Iarla Bhaideanach agus Athull. Bha Ban-Iarla a’ Chuimeanaich, a reir na h-aithris ’n a bana-gheocaire, anabarrach; agus a chum an ciocras so a shasachadh b’ eiginn di buntuinn gu ro-chruaidh ris an tuath bhochd. Theirteadh gu’n itheadh i seipein smior gach aon la air a dinneir, a bharr air iomad goireas soghar, annasach eile. Le ’leithid sin de strogh agus de ana-caitheamh, chlaoidh i a cuid tuatha co mor ’s nach robh iad ’n an urrainn na mail a dhioladh, no ’m fearann a shaoithreachadh, ionnas gu’m b’ eiginn di dol a dh-aslachadh faoidhe air a coimhearsnaich shaoibhir. An deigh dhi an duthaich imeachd ag iarraidh faoidhe, dh innis i d’ a fear an soirbheachadh a bha ’n co’ -lorg a turais, agus gu’n d’ thug Mac-an-Toisich mor Thir-eni dhi da-bhá-dheug agus tarbh. An aite a thaingealachd, is ann a dhuisg an fhialachd shomalta so a dhiumb, ’fharmad. agus a chorruich ri saoibhreas a choimhearsnaich. Bha sgath air r’ a bheairteas, agus do thaobh sin, chuir e roimhe gu’n cuireadh e as da; ’s a chum sgail a chur air a’ ghniomh mhi-chneasda sin, chuir e ’n ceill gu’nrobh an t-uasal sin tuilleadh ’s mor aig a mhnaoi. Air leis gu’n robh so ’n a dheadh leisgeul, agus ’n a chion fath freagarach air connspoid. Bha e nis a’ feitheamh nam fath chum a run a chur an gniomh; ni a fhuair e gu grad a dheanamh, le caisteal an duin’ eile aig Tomafuir (aite bha goirid o Bhlar-Athull,) a chuairteachadh mu mheadhon oidhche, ’n uair a mharbh iad an teaghlach gu h-iomlan eadar fhirionn agus bhoirionn, a bha ’n an suain-chadail gun fhiamh, gun amharus. Le so a dheanamh ghabh e sealbh air a cnuid fearainn, a bha ni bu mho na bha aig aon duin’ -uasal eile bha ’s an duthaich.
Bha, dlu du mhur Mhic-an-Toisich, seann duine a chomhnuidh, aig an robh greim beag fearainn uaithe, air nach robh de mhal ach boineid ur uair ’s a’ bliadhna; agus thug a mhaighstir an t-seana bhoineid dha an am na te ùir ’fhaotainn; agus air a shon sin theirear Croit-na-boineid ris an fhearann sin gus an latha ’n diugh. Bha ioghnadh air an t-seann duine co samhach ’s a bha talla muirneach a mhaighstir, ’s a’ mhadainn an deigh a’ chasgraidh mhuladaich sin, agus chaidh e a dh-fhaicinn an aobhair. Cha luaithe chaidh e stigh na chunnaic e cuid de na cuirp bheubanaichte gun deo air an urlar. Le mor ioghnadh agus uamhunn leis na chunnaic e, laimhsich e gach aon fa leth dhiu, a dh-fheuchainn an robh iarmad beatha ann an aon sam bith dhiubh, ach bu diomhain a shaothair. Air a lionadh le mulad, thog e suas a’ chreathall, a bha bun-os-ceann air an urlar, agus fhuair e ’n leanabh-beag foidhpe, ris an abradh iad am brideach Eoghan, agus le mor sholas thuig e gu ’n robh e beo, ach ro lag le cudthrom na creathlach agus an aodaich. Ghrad rug e air, agus ghiulain e e chum a sheanar a thaobh a mhathar, Mac-Glaisein Ionar-bhac, a chuir gu grad air falbh leis e gu dlu charaid de shliochd Dhiarmaid ann an Earraghaidheal, chum nach biodh e mar fhad laimhe de ’n Chuimeanach; far an d’ fhuair e a dheadh arach. Bha e ’n a ghnathachadh aig an t-seann duine thug an sin e dol gu tric g’ a fhaicinn; ach a chionn gu ’n robh na Cuimeanaich co cumhachdach ’s an am sin an Albainn, mheasadh feumail a chumail an cleth gu’n robh an leanabh beo, gus am fasadh e suas, agus gu ’m biodh e air son ’athar a dhioladh. Ged a bha e car uine lag, gun mhor chinneas, thainig e air aghaidh, agus dh’ fhas e gu laidir, eireachdail, agus bha e ro theoma leis a’ bhogha, ni a thug mor mhisneach d’ a sheana charaid, an duil gu ’n tugadh e aicheamhail a mach air son na sean fhalach. Air am araidh chaidh e g’ a fhaicinn, agus chunnaic e co math ’s a bha e air a’ chusbaireachd; thuirt e ris gu ’n robh broilleach an fhir a mharbh ’athair ni bu leatha na ’n comharadh ud—ni a chuir mor ioghnadh air an fhleasgach, nach cuala riamh roimhe iomradh air. Ghrad leag an seann duine ris an diuras, leis gach durachd a bha ’n a chomas, mu thimchioll a chairdean agus ’oighreachd. Dh’ eisd an t-og-fhlath le ro-aire ris an sgeul, agus air dha bhi air a bhualadh gu goirt ri aithris a’ chraidh bhruchd e ’mach, le ard bhas-bhualadh, agus a’ bras shileadh nan deur: agus thaosg e mach ’inntinn agus a run an uchd an t-seann duine. Air dha a nis a bhi lan-fhiosrach air na
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.
G . H. GUZZWELL,
SIDNI, C. B.
C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr.
Stoc math de dh’ accordeos, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadan, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air dlaimh aonnan.
[Vol . 3. No. 4. p. 3]
thachair, bha fadal air gu dol a bhuannachd oighreachd ’athar ’s a sheanar, agus a dheanamh dioghaltais air naimhdean an-iochdar a thighe. Cha ’n urrainnear a chur an ceill an solas a thug e do ’n t-seann duine meud na h iomaguin a bh’ air an fhleasgach gu bhi ’triall g’ a dhuthaich fein. Dh’ asluich iad le cheile air a chairdibh iad a chur ceathuirne leo a bheireadh aghaidh air a naimhdibh, agus dheonaich iad an iarrtas, le ceithir-fir-fhichead a chur air falbh maille riutha, fo ’n lan armaibh agus rainig iad tigh Mhic Glaisein, a sheanair, a chaidh leo agus ochdnar thaghta fo ’n lan armaibh maille ris. Uaithe sin rainig iad coille Urard-bhig, far an d’ fhuirich iad gu seimh samhach gus an do chuir ian fios a dh-ionnsaidh banaltrum Eoghain. Chaidh e fein g’ a h-ionnsaiph, agus rinn e cagar aig a dorus; dh’ fheoraich i co a bh’ ann aig uair co anmoch? Fhreagair e gu ’n robh a dalta Eoghan Mac-an-Toisich. “Tha ’n guth coltach r’ a ghuith,” a deir i; “ach ma sheideas tu t’ anail a stigh troimh tholl na glaise, tuigidh mi ’n sin gu cinnteach ma ’s tu th’ ann.” Rinn e sin, agus thuig i gu grad gur e fein a bh’ ann; agus bha i ro ait a chionn i ga ’fhaicinn. Chaidh a mhuime chur a dh’ fhaighinn sgeoil mu ’n Chuimeanach, agus phill i leis an teachdaireachd gu ’n deach e le’ chuid daoinibh gu drochaid Teilt, mu thimchioll mile air asdar, a thoirt abhachd dha fein agus d’ a chuid daoine. Le so a chluinntinn roinn Mac an-Toisich a chuid daoine ’n an da bhuidhinn, agus bha Mac-Glaisein air ceann an dara buidhinn, a chumail freiceadan air Caisteal Bhlair, agus bha Eoghan air ceann na buidhinn eile maille ris an t-seann duine, nach do dhealaich idir ris, agus chaidh iad air toir a’ Chuimeanaich. Co luath ’s a thuig e gu ’m bu naimhdean a bha ga ’iarraidh, theich e dh’ ionnsaidh a chaisteil, far an do choinuich a’ bhuidheann eil’ e, a mharbh moran diubh mun do thàr iad as, agus lean iad an ruaig a mach Gleann-Teilt, a’ marbhadh agus a’ leonadh moran diubh. Chaidh an t-sron a cur de dh-fhear aig allt ris an abrar o’n latha sin Allt-na-sroine; lotadh fear eile ’s a bhroinn aig Allt-nam-marag. Am feadh a bha iad mar so air an ruagadh suas an gleann le Mac-Glaisein, ghabh muinntir Eoghain falach-talandadh orra, agus thachair-iad riutha aghaidh-mu-chnoc. Tha e air a radh gur e ’n seann duine a bha do ghnath air thoiseach, agus ann am briathraibh smachdail ghlaodh e, “Sud agad do namhaid, an Cuimeanach agus ma leigeas tu as e toillidh tu bas cladhair fhaotainn.” Chuir Eoghan gu grad a bhogha air lagh, agus chuir e ’n t-saighead troimh chridhe a’ Chuimeanaich. Thuit e air lic leathain ri taobh na slighe, far an do thog iad, mar bu ghnath, carn chlach mar chuimhneachan air an euchd, ris an abrar Carn-a’ -Chuimeanaich gus an la ’n diugh. Their na Gaidheil ris na cuirn sin, Cuirn-na-falachd. —An Teachdaire Ur.
Mu’n Ghobhlan-Ghaoithe.
Tha an gobhlan-gaoithe a’ teachd do’n dùthaich so aig toiseach an earraich, ’nuair tha an là a’ fàs fad agus an aimsir blàth. Tha i a’deanamh suas a nid do chré agus do làthaich; agus tha a nead am bitheanta air a togail ri cinn thighean, no ann an oisinn nan uineaga. Siubhlaidh au gobhlan-gaoithe le mòr-luathas. Tha i a’ glacadh chuileagan agus bheathaichean beag sgiathach eile, ’nuair tha i air iteig sna speuraibh, agus leo sin tha i ’ga beathachadh féin, agus a’ beathachadh a h-àlaich.
Aig deireadh an fhogharaidh, ’nuair tha an là a’ fàs goirid agus an aimsir fuar, tha na gobhlain-ghaoithe a’ fàgail na dùthcha so. Beagan roimh dhoibh falbh cruinnichidh iad ann an àireamh mhòr air mullach thighean no àitean àrda eile, cuiridh iad an céill an rùn d’a chéile, agus air dòigh ro-iongantach ni iad deas air son an turuis do thìr fad air astar. Feudaidh sinn gliocas an Uile-chumhachdaich a thoirt fa’near sa’ chùis so: ’nuair tha an geamhradh a’ teachd dlùth oirnn tha na cuileagan a’ bàsachadh, agus do bhrìgh gur ann orra so tha an gobhlan-gaoithe a’ tighinn beò, tha claonadh nadurra g’a treòrachadh a dh’ ionnsuidh ionaid a ta iomchuidh fa comhair. Air dhi an dùthaich so fhàgail, stiùraidh i gu dìreach air an t-slighe dh’ionnsuidh Africa, far am bheil an aimsir blàth, agus cuileagan pailt; agus fanaidh i an sin gus an téid an geamhradh seachad, agus gus an tig blàthas agus teas d’ar n-ionnsuidh-ne le teachd an earraich.
Tha iomadh ni aithnichte mu thimchioll nan gobhlan-gaoithe tha feuchainn duinn gu soilleir gu bheil comh-fhulangas aca do thrioblaidibh a chéile, agus gu bheil fhios aca ciod an dòigh air an nochd iad an comh-fhulangas so. —Air uair àraidh thuit nead aoin diubh o oisinn na h-uinneig san do thogadh i. Cha bu luath a chunnaic a’ chuid eile dhiubh so, na chruinnich iad cuideachd, agus ann an ùine ro-ghoirid thog iad nead eile sa’ cheart àit annns an robh a’ cheud nead. Air uair eile chaidh gealbhonn a steach do nead a’ ghobhlain-ghaoithe ’nuair bha i air falbh a’ solair lòin di féin, agus air dhi pilltinn chum a nid, shàs an gealbhonn oirre, agus cha leigeadh e steach i. Bha an gobhlan-gaoithe air a feargachadh leis an ni a chaidh dheanamh oirre, agus air dhi a chur an céill do chàch, thàinig iad ann am mòr-áireamh le cré ’nan guib, dhùin iad suas an toll a bha san nead, agus dh’fhàg iad an gealbhonn an sin gu bàsachadh a dhìth bìdh agus àile.
LeighsidhMinard ’s LinimentCrup.
LeighsidhMinard ’s L’ mentCrosdachd.
Chaidh mise leigheas o chuing leMINARD ’S LINIMENT.
Lot 5, P. E. I. MRS. A. LIVINGSTONE.
Leighseadh mise o lòine leMINARD ’S LINIMENT.
Mahone Bay. IAIN MADER.
Leighseadh mise o chas ghoirt leMINARD ’S LINIMENT.
Bridgewater. IOSUA WEGNACHT.
Sean Fhacail.
Millidh dànadas modh.
Molaidh an t-each math e fhéin.
Chaidh dubhag ri dualchas.
Trod a’ mheasain ’s a chùl ri làr.
Thèid dànadas gu droch oilean.
Tilg mìr am beul na béist.
’S i ’n taois bhog a ni màs rag.
Iallan fada à leathar chàich.
Na sir uisge teth fo chloich fhuar.
’Tha car eile an adhare an daimh.
Leig e ’n t-earball leis a’ chraicionn.
’S éigin do ’n fheumach a bhi falbhanach.
’S ann a bhitheas an uaisle mar a chumar i.
Coinnichidh na daoine ged nach coinnich na cnuic.
Mar ’s miannach le brù bruichear bonnach.
’S furasda duine gun náire a bheathachadh.
LeighsidhMinard ’s LinimentBreac
[Vol . 3. No. 4. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, IULAIDH 28, 1894.
THA nise gle fhaisg air ceithir bliadhna o’n thog sluagh nan Stàitean an guth gu làidir an aghaidh nan àrd-chisean agus air taobh saor-mhalairt, agus ged-a tha, tha na cisean cho àrd ’sa bha iad riamh, ’s cha’n eil saor-mhalairt ach mar ni nach eil moran dùil ris. ’S iongatach an ùine tha iad a toirt air an toil a chur an gniomh. Tha muinntir nan Stàitean a ghnath ullamh gu bhi ’cur sios air cho slaodach ’s cho marbhanta ’sa tha muinntir dhùthchannan eile, ach a nis cha b’ iongatach leinn ged a sguireadh iad dhe’n bhruidhinn sin, an deigh na chunnaic iad de ’n ruighneas am measg luchd-riaghlaidh an dùthcha féin.
THA e gle choltach gu’m beil cogadh gu bhi eadar China us Japan, ’s e sin mur eil e air tòiseachadh mar tha. Tha iad air a dhol bhar a cheile mu Chorea, rioghachd bheag a tha fo riaghladh China, ’s air am bheil Japan a leagail a sùilean o chionn fhada, ’sa sanntachadh i bhi aice fhéin. Chuir muinntir Chorea corruich air Japan (rud nach robh doirbh a dheanamh) le bhi glacadh ’sa creachadh sothichean ceannachd na dùthcha-sin; dh’ iarr Japan air China na creachadairean a pheanasachadh, ’s ’nuair nach d’ rinneadh sin, ghabh i an lagh ’na làmhan fhéin ’s chuir i saighdearan gu Corea gu sin a dheanamh. Chuir China an aghaidh sin agus mar sin thòisich an tuasaid. Ma ’se ’s gu’n teid iad a chogadh da rireadh faodaidh iad milleadh mòr a dheanamh air gach a chéile, agus air muinntir rioghachd an eile ach ’s e ’s dòcha nach téid iad ro fhada air adhart ’nuair thig iad gu còrdadh. Tha Japan ro lag ca-dhiu air son a dhol ri China agus dh’ fheumadh i striochdadh dhi luath na mall.
Anns an Fhraing tha mile ’sa sia de mhnathan mu choinneamh a h-uile mile fear, ann an Switzerland tha mile ’s tri fichead ’sa sia de dh’ fhir mu choinneamh mile de mhnathan, agus anns a Ghréig naoi ceud ’s tri deug ’ar fhichead. Ann a Hong Kong, China, cha’n eil ach tri cheud ’s tri fichead ’sa sia de mhnathan mu choinneamh mile fear. Cha’n e h-uile duine ’leigeas aghaidh leis a dhol a dh’ iarraidh mnatha ’san áite sin.
Braigh Mhargaree.
A mhic mo chridhe, nach ann againn a tha ’n t-side fàis; cha ’n fhacas riamh na b’ fhearr. Uisge ’s grian, uair ma seach ’s uair còmhlath, gaoth phlodach o’n deas, ’s mur eil sin math air son fàis cha ’n eil fhios agamsa de tha.
Tha Alasdair Mac Gill-fhaoblain a faotainn thairis air a thinneas. Bithidh a luchd-eòlais toilichth sin a chluinntinn.
’S beag an t-ioghnadh muinntir Loch-Ainslie a bhi cho taingeil as a “Mhinehaha” ’nuair a sinn fhéin ’an so cho taingeil. Ach “cha bheathaich taing cù” gun tighinn air duine, agus ma tha a mhaighdean so ri bhi air a cumail aig obair, feumar falbh oirre. Tha mi tuigsinn gu faigh neach aiseag a null ’sa nall ’s mu’n cuairt, oirre gle shaor.
Tha mu creidsinn gur h-e Callum Mac ’Illios a bhios a’ cumail sgoile dhuinn air an ath bhliadhna rithist. ’S giulan tapaidh e: tha e ’na dheagh sgoileir, ’na bhàrd ’s ’na fhear-ciùil. ’S ainneamh neach nach cuala “Cnoic us glinn a Bhràighe” air a sheinn, ’s gach neach a chual e ghabh e meas air.
FLOIRI.
THA sinn toilichte bhi faicinn ar seann charaid, Seòras MacGilleain anns-a bhaile. Tha e ’na fhear-gnothuich aig anStandard Life Insurance Company,cuideachd cho làidir ’s cho measail ’s a tha ri fhaotainn.
Bha searmon Gàilig air a thoirt do Ghàidheil Lunnuiun air an ochdamh latha dhe’n mhios, leis an Urr. Eachunn Mac Fhionghain, é Tirithe. Cha’n eil ann am Mr. Mac Fhionghain ach duine òg ach tha e na shearmonaiche math agus anabarrach fileanta ’sa Ghàilig.
LeighsidhMinard ’s LinimentCnatan.
JOST BROS.
(Roimhe so, C . S. Jost & Co.)
STOC MOR DE BHATH ARUR
Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa.
Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c . &c .
Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor,
CHEAPSIDE WAREHOUSE.
Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETER’S, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagridh, Notairean, &c ., &c .,
Sidni & Arichat.
J . H. Hearn, D. A. HEARN
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 3. No. 4. p. 5]
NAIDHEACHDAN
SGAOIL pàrlamaid Ottawa Di-luain s’a chaidh.
THA ’n t-Urr. Iain Muireach a bha na mhinistir ’sa bhaile so àireamh bhliadhnaichean, an dràsd air chuairt ann an Ceap Breatunn.
THUIT tòrr claiche air dithis dhaoine bha ’g obair ’sa mheinn a Tuath an la roimhe, ’s chaidh fear dhiubh a leonadh gu dona. Chaidh té dhe ’chasan a bhristeadh.
THA ’n diamond a’s mo a fhuaras riamh an drasd ann ann Lunnuinn. Thatar an deigh muillean punnd a dhiùltadh air cheana. Tha sannt mor aig Uillean, Impire na Gearmailt air.
THA soitheach cogaidh Breatunnach anns an acarsaid air an t-seachdain so. Thainig mu cheud dhe na daoine air tir ’sa mhaduinn dior-daoin agus chaidh iad troimh chluichean an airm aig Rudha nam “Barracks.”
THA’n cholera a sgaoiladh air feadh China, ’s tha na h-uirid a bàsachadh leatha ’s gu bheil iadsan a th’ ann an ùghdarras a cleith an àireamh. Ann an aon bhaile, Canton, tha e air a radh gu bheil da fhichead mile air bàsachadh.
CHAIDH gill òg, Seumas Fortune, a mharbhadh ann am Mèinn Bhridgeport Di-sathairne s’a chaidh. Thatar a deanamh a mach gur e tuiteam bhar carbad-guail a rinn e ’s gu’n deach an carbad thairis air.
So an t-àm dhe’n bhliadhna anns am bi na daoine còire tha air son am paipear Gàilig a chumail suas a cur nan dolairean air adhart. Cho luath ’sa bhios a bhliadhna suas, cuiridh iad a stigh air son bliadhn’ eile. An ann dhiu sin thus’ a charaid?
CHAIDH am mac òg a rugadh do Dhiùc York a bhaisteadh an la roimhe. Bha ’n t-uisge bh’air a chleachdadh aig an t-seirbheis air a thoirt á Amhainn Iordain. B’e ’n t-ainm a thugadh air, Eideard Ailbeart Seòras Andra Padruig Daibhidh Ciorstan, ainm a tha fada gu leòr.
CHAIDH Niall Mac Illemhaoil, tuathanach còir a bha fuireach air taobh tuath a Bhaigh ’n Ear a mharbhadh Di-sathairne s’a chaidh le breab a fhuair e o each. Bha e deanamh deiseil air son tighinn a stigh do’n bhaile aig an àm. Chuireadh fios air lighiche ach cha b’ urrainn da feum sam bith a dheanamh dha ’s dh’eug e maduinn an ath latha an deigh dha ’n oidhche chur seachad ann an cràdh mor.
CHAIDH gille beag, aois seachd bliadhna, le fear Mata Hawley a bhàthadh aig Bàigh a deas Ingonish, Diordaoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’cleasachd aig dam muille ’s thuit e dh’ an uisge. Cha robh duine faisg air laimh aig an àm ach a mhàthair ’s leum ise dh’an uisge dh’ fheuchainn am b’ urrainn dhi a thearnadh. Cha d’ fhuair i greim air idir agus mur biodh feadhainn eile air tighinn an rathad, bha i fhèin air a bathadh. Cha d’ fhuaradh corp a ghille gu ceann uair no dha.
CHA’N eil an saoghal a dol gu ro mhath le muinntir New Zealand air an t-samhradh so. Tha àireamh mhor gun char oibreach aca ri dheanamh, ’s tha na ceudan aig nach eil ach gann na dh’ itheas iad.
THA ’n obair iaruinn ann an Londonderry an drásd na tàmh air son na fùirneisean a chàradh, an deigh dhaibh a bhi ’g obair gun lasachadh fad thri bliadhna gu leth. Feumaidh iad a bhi gun teine faisg air ceithir seachdainean mu’m bi iad cho fuar ’s gun téid aig daoin’ air obrachadh faisg orra.
THA na tuathanaich a nis ag obair gu trang air an fheur; ma tha gin dhiubh nach do thòisich fhathast, tha bhuatha greasad orra, oir cha’n ann a’ gleidheadh a bhios am feur an deigh so ach a’ call. Tha moran ag radh nach robh leithid a bhàrr feòir ’san dùthaich o chionn naoidh no deich a bhliadhnaichean.
THA biastagan mosach air tòiseachadh air milleadh a choirce ann an Eilean a Phrionnsa, agus a deanamh call mor. Cha luaithe thòisicheas iad ann am pàirce na dh’ fhàsas an t-arbhar meirgeach, seargte, agus cha bhi ’n còrr feum ann. Tha na biastagan ceudna ann an Nobha Scotia agus an New Brunswick. Cha chuala sinn gu’n d’ rànaig iad Ceap Breatunn fhathast, ’s tha sinn an dòchas nach cluinn.
THA sgriobhadair anns an “N. S. Herald” ag radh gu bheil “Bartimeus” ann am mearachd a thaobh ciall an ainm “Malagawatch”, nach e “loch lan eileanan”, is ciall da idir. Agus an àite Amhuinn Dhennis a thoirt a h-ainm o Dhennis, an ceann-feadhna Innseanach a bha ’comhnuidh ’an sin an 1820, gur h-ann tha i air a h-ainmeachadh air Nicholas Denys a bha air an eilean so mu dha cheud bliadhna roimhe sin. Bu mhath leinn tuilleadh fiosrachaidh fhaotainn air a chùis.
Iadsan a Phaigh.
Uilleam Buchanan, Sidni.
Alasdair Mathanach, Boulardarie .
Uisdean Mac Leoid, Gabarus .
A. R. Mac Neill, Lorway Mines.
C. D. Stiubhart, Bridgeport .
D. R. Caimbeul, Intervale Chloinn Fion’g’ n.
Murchadh Mac Gilleain, Valley Mills.
Gilleasbuig Mac Ille-Mhaoil, Acarsaid Mhor.
Aonghas Feargastan, Framboise , ( $1 .80. )
Tormoid D. Mac Neill, Marion Bridge (50c. )
Bean Raonuill Dhomhnullaich, Mira .
Iain N. Peutan, Palouse , Wash.
C. U. Caimbeal, Boston Mass.
M. Mac Laomuinn, Quincy , do.
Calum Feargastan, San Francisco, ( $1 .80. )
Iain Mac Coinnich, Lunnuinn, (7 air.)
Tearlach Mac Aoidh, do. (3 air.)
Cailean Siosal, do.
Uillean Mac G. Stoddart, do.
Mrs . Johnstone, Lancashire,Sasuinn.
D. Mac Ille-ghlais, Stellarton , N. S.
Eachunn Mac Fhionghain do.
An t-Urr. C. Caimbeal, Stathalba, E. P. I.
Murcha Mac Laomuinn, Springton , do.
Seumas A. MacIlle-mhaoil, Eileanan Coille, do.
Iain Mac Coinnich, Hamilton , Ont.
H. A. Mac Ille-mhaol, South Finch. do.
ANN AN CEAP BREATUNN.
ORAIN NA H-ALBA.
Cluinnibh ceol na Pioba! Cia mar a tha sibh! Ceud mile fàilte. Tha
MR. UILLEAM DOMHNULLACH
a Alba an deigh bhi aig Féill an t-Saoghail ’sa cur cuairt air America, gu bhi ann am bailtean na siorramachd so. Bidh e air eideadh anns an deise Ghàidhealaich.
Tha e na shár phiobaire ’s na dhannsair, ’s bheir e ceòl gu leòr dhaibh san a théid ’ga éisdeachd, maille ri seinn oran Bheurla ’s Albannach. Bheir e dhaibh na puirt a bhios aig na réiseamaidean Gaidhealach a dol dha na blaraibh, agus iomadh port eile.
FEUCH GU’N CLUINN THU E.
SANAS.
Bathar Ur na h-uile Seachdain.
Na prisean na’s isle na bha iad riamh.
Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.
Tha Gailig aig na cleirich.
STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich
Taillearachd.
Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Innein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.
[Vol . 3. No. 4. p. 6]
MO THURUS DO’N GHAIDHEALTACHD.
LEIS AN URR. RUIRIDH MAC LEOID.
Ràinig sinn Aird a Mhùlaich ro àm dinneir agus fhuair sinn biadh eireachdail anns a chaisteal aig a bhan uachdaran—Banntrach an Ridire Scott. Choinnich mi anns an aite so ri gille òg fiùghail a mhuinntir Uidhist a bha ’s an aon sgoil rium aig Creag Hàstain o chionn ochd bliadhna deug. Tha e na mhaighstir sgoile aig a chomunn a tha cuideachadh ghilean fiùghail air son foghlum na minnistrealachd a thogail. Thog sinn rithe an deigh na dineir gu Bailallein. Is maiseach na caoil agus na h-òban a chaidh sinn mu ’n cuairt dhiubh air an rathad. Bha beanntann is gleanntann ann a chuireadh gean air a chridhe bu dùbhaiche. Bha liantan breagha do fhraoch curacagach dearg-dhitheanach a’ cur, le ’fhàile cùbhraidh meallach, subhachas air ar spioradan. Ràinig sinn Bailailein ro am a bhidh fheasgair. Cha robh an t-Urr. Maighstir Domhnullach aig balle. Bha e aig Coinneamh Cléir ’an Uig. Bithidh muinntir Bàgh a mhairt faisg air Sidni toilichte a chluinntinn gu’m bheil Maighstir Domhnullach gle mhath air a dhòigh. Tha bean aige cho biùghail foghlumaichte is gu’n deanadh i an gnothaich ’an caisteal Ghladstoin. Chuir mi seachad oidhche thoilichte ’s na cairtealan so. Air an latha màireach thug carbad nan litrichean leis mi air mo thurus gu Steòrnobhagh. Bha an la eireachdail agua rinn sin an turas anabarrach toilinntinneach dhuinn. Bha mi duilich nach robh ùine agam taghal air mo charaid an t-Urr. Iain Mac Dhùghail ministeir na h-Eaglais Shaoir ’s na Lochan. Chaith mi oidhche thoilichte maille ris sia bliadhna roimh so.
Ràinig sinn “Steòrnobhagh Mhòr a chaisteil” mu shia uairean agus fhuair mi fàillte fhuranach o’n Urr. Maighstir Greenfield na thigh an do chuir mi seachad da oidhche. Air an la mhàireach chaidh sinn a shnàmh gu tràigh a bha mu dhà mhìle an Ear air a bhaile. B’e sealladh éibhinn a bhi ’faicinn an t-seann duine le fhalt fada liath gu baculagagach agus mi-òrdail agus na shròlaibh air eudan ’nuair a thàinig a cheann an uachdar as déigh a cheud dol fodha. Bha mise mar shlat ’s an t-sruth ’nuair a chaidh mi do’n mhuir agus sud air tir mi cho luath ri neach a bhiodh air gabhail air. Lean esan air puthail agus air ròmhanaich ga aornagaich fèin ’sa mhuir car fichead mionaid no còrr mar gu’m biodh muc-mhara ann.
Aig an am so bha straidhleich mhòr air feadh na Gàidhealtachd air son briseadh a mach ma’n Urr. MacFarlain agus Dòmhnullach na Sìldeig. Ràinig an ùpraid a bh’ann an cothional aig mo charaid agus bha cuid de ’chuid eildeirean air fàs caoin-shuarach uime. Tha mi ’cluinntinn gu ’n do bhris iad sin agus luchd leanmhuinn lionmhòr de ’chothional a mach agus gu’m bheil iad ag aoradh ann an tigh cruinneachaidh dhoibh féin. Air Disathuirn ghabh mi carbad na litrichean gu Barbhas. Bha sinn ceathrar air bòrd agus is e carbad aon eich agus dà chuibhleach a bh’ againn. Bha gu leòr aig an each bhochd ri dheanamh. A direadh na’m bruthach bha againn ri coiseachadh agus a tearnadh bha ar cudthrom na chuideachadh do’n ainmhidh g’a phutadh sios am bruthach. Air an rathad chaidh sinn seachad air mòran do thighean beaga air an deanamh air ceapan agus ann an glaicean ri cois amhaine a bha beul aig traigh Bharbhais. Chithteadh aig dorus na ’n tighean, no na’n àiridhean so, an so ’s an sud, caileagan òga le cuaran dearg air an ceann agus le ’n deiseachan air an sgioblachadh le crios mu’n leasraidh; agus iad gu baganta le casan ruisg gu’n bhrogan ach stocainean gun bhuinn orra, agus iad a fidhe gu trang air son feum buill an teaghlaich d’ am buineadh iad no feudaidh e bhi air son cuspair gaoil air choir eigin eile. Cha chuala neach smeòrach no eun coilleadh ’s am bith eile bu bhinne ceòl no na caileagan so mar a bha iad a faire a chruith bhaine air bruaich na h-aimhne. Dh’ iarr sinn air fear an eich stad gus am faigheadh sinn deoch o na caileagan ach dhiùlt e a muigh ’s a mach mar a theireadh na seana Ghaidheil. Tha mi creidsinn gu’ n deachaidh sinn seachad air còrr ’s a fichead de dh’ àireachean eadar Steornobhagh is Barbhas. Is e cleachdadh a tha cumanta air feadh Leòghais agus caochladh chearnaibh eile ’s a Ghaidhealtachd a bhi ’cur a chruith mar so a chum na mòintich fad an t-Samhraidh. Tha ’n t-ìm a nithear air a mhòintich mar so anabarach blasda.
(Ri leantuinn.)
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
[Vol . 3. No. 4. p. 7]
NA H-EILTHIRICH.
Bu mhiann leam beagan a sgriobhabh mu na Gàidheil a thainig air imrich à Alba do dh’ Eilean a Phrionsa. B’ airidh ainm mòran dhiu bhi air a chumail air chuimhne, agus sin ann an Gailig fhad ’s a bhios Gàidheal ann a’s urrainn Gàilig a’ leughadh, agus tha mise ’n dòchas gu’m bi sin ann fhad ’sa bhios daoine air an talamh. ’S iomadh neach th’ air an eilean so a’s comasaiche na mise gu innse mu’n tiomchioll. Ach o’ nach d’ rinn iad sin, cuiridh mise clach ’s a chàrn ’s cuireadh iadsan air a muin. Ach cha’n eil ann ach “buille air iarann fuar” dhomhsa bhi toirt cunntas air daoine thainig, cuid diu an so team air ceud bliadhna mun d’ rugadh mi. Agus, leithsgeal eile dh’ fhaodas mi ghabhail, ged a bha mi tri bliadhna aig casan Dhomhnuill ’Ic Leoid an Cul-nan-cnoichd a fòghlum Gàilig a leughadh, gidheadh, le bhi còrr us leth cheud bliadhna ’labhairt beurla, ’s gun i agam ro mhath dh’fhàg e mo Ghàilig rud eigin meirgeach. Ach ni mi mo dhichioll.
Anns a’ bhliadhna 1770 chuir an duine ainmeil sin Iain Domhnullach—ceann-cinnidh Ghlinnaladail, saitheach mor, da ’m bu shuaicheantas Alexander, le moran dhaoine do ’n eilean so a thog e bhar a chuid fearainn fhéin, Gleann-Aladail agus Gleann-Tinain, agus bhar fearann a charaid, ceann-fiinnidh chloinn Raoghaill Mhuideart, agus à eilean Uidhist. Cha do chuir duine riamh luchd-imrich an so a ghabh a leithid do chàram dhiu ’sa ghabh esan. Cheannaich e fearann dhaibh, s thug e dhaibh aonta fhada air, agus chuir e a bhrathair a nall leo, le gu leor de bhiadh ’s de dh’aodach, ’sa h-uile h-asaig a bhiodh feumail dhoibh gus an d’ thugadh iad am beò-shlaint, as an talamh. Agus ged a bha e ann an greadhnachas us an inbhe cho mòr, chreic e a chuid, ’s dh’ fhàg e h-uile solas us toilinntinn a b’ urrainn Alba thoirt do dhuine, ’s thàinig e nall air an ath bhlidhna a dh’ fhuireach leo fhad ’s bu bheò e. Tha mi ’n dùil gu’m b’e ’n duine so agus Flòri Dhòmhnullach, a rinn cho mor airson a Phrionnsa, clann an dithis bhraithrean.
Thainig Soitheach mor eile anns a bhliadhna 1790. Ghabh cuid dhiu sin fearam suas ri Abhainn Vernon ’s taobh an iar Orwell, ’s àiteachan an ear—Georgeton is “ceann a bhaigh.” Fhuair mi eòlas math air moran do dh’ oghaichean ’us iar-oghaichean na muinntir a thainig aig na h-amanna sin, daoine cliùteach, a tha nan aobhar uaill dha ’n dùthaich ’s do na daoine o’n d’ thainig iad. Cha’n urrainn mi ainmeachadh ach beagan dhiu. An t-Easbuig Dòmhnull Dòmhnullach, nach maireann, Mac Aoghais ’Ic Dhòmhnull Boradale. A. A. Dòmhnullach, a bha na ard fhearr-iaghlaidh air an Eilean. Agus Uistean a bhràthair, ’sa tha le chéile ’nam buill Pàrlamaid an Canada, —Seumas E. MacAonghais ic Andra. Tha esan na bhall Parlamaid. Bha agus tha moran dhiu nan Easbuigean—nan Sagairt— ’s nan luchd-lagha. Fear eile dhiu sud James R. McIlleain árd fhear-amhairc thairis air obair choitchean(Public Works)an eilean.
Thainig an soitheach “Polly” anns a bhliadhna 1803 air am bi cuimhne iomadh latha thall ’s a bhos. ’S ann as an eilean Sgiathanach a thainig an earrann bu mho dhiu sud. Cha bc àilleas no bochdainn, a thug orra dùthaich an aithrichean, agus an càirdean gaoil fhàgail, ach a chaora “chuir stad air a cheaba.” Air a bhliadhna sin thogadh an. Tuath à Rig—Tolm—Beararaig—Tot-uachdrach—Tot-iochdrach, agus à pairt dheth Leth-allt, agus a àiteachan eile do ’n eilean. ’S iomadh cridhe bha ’gam fàsgadh, agus iomadh is deur a dhoirt air na cisteachan a bha iad a lionadh, acasan a bha falbh ’sa fuireach. ’Se thuig an còr an neach a thuirt. “Na guilibh airson a’ mhairbh, ni mo ni sibh caoidh air a shon. Guilibh gu goirt air a shonsan a dh’ imich air falbh oir cha phill e nis mò, agus cha ’n fhaic e tuilleadh tir a dhùchais.” Ach mu dheiredh b’ fheadar dealachadh; chuid dhiu bu treasa cridhe a spionadh chaich o bhrolaichean a chéile. Sheol i ’o chea Phort Righ. Rinn bean bhochd oran anns an d’ thubhairt i—
“Air falbh àrrach, hòro dh’ fhag iad an tir
Dhaindeoin na dh’ fhalbh air an t-siubhal
’S e chraidh mi mo phiuthar fhin.”
Is iomadh Gaidheal thall ’s a bhos a chuala ’n t-oran rinn am bard coir Calum Bàn MacBhannain, a thainig innte, ma na h-uile rudha ’s Eilean air an deach i seachad.
(Ri leantuinn.)
TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI—C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
Rubbers dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris
Curraichdean ur Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
[Vol . 3. No. 4. p. 8]
MO CHAILIN DILEAS DONN
LE DOMHNULL CAIMEAL.
O! gu ma slan a chi mi
Mo chailin dileas, donn;
Air ’n d’ fhas an cuailain reidh,
’S air an deise ’dh ’eireadh fonn.
’S e cainnt do bheoil ’bu bhinn leam
An uair ’bhiodh ni inntinn trom;
’S tu ’thogadh suas mo chridh’
Nuair a bhiodh tu ’brudhinn ruim.
Gur muladach a ta mi
’S mi ’n nochd air aird’ a chuain;
’S neo-shunndach mo chadal dhomh
’S do chaidreamh fada bhuam.
Gur tric mi ort a smaointeach’,
As t’ aogis tha mi truagh;
Is mar a dean mi t’ fhaotuinn,
Cha bhi mo shaoghal buan.
Suil chorrach mar an dearcag
Fo rosg a dh’ iathas dluth,
Is gruaidhean mar an caorann
Fo ’n aodann ’tha leam ciuin,
Mur d’ aithris iad na breugan
Gun dug mi fein dhuit run;
Gur bliadhn’ air fad gach la leam
Bho ’n uair a dh’ fhag mi thu.
Ged theireadh iad mun d’fhalbh mi
Gum b’ shearbh leam dol ’ad choir,
Is gun do chuir mi cul riut,
’S gun d’ dhiult mi dhuit mo phog,
Na cuireadh sud ort curam;
A ruin, na creid an sgleo;
Tha t- ’anail leam na ’s cubhridh
Na ’n driuchd air bharr an fheoir.
Mu sheachdainn mun do sheol sinn
Is ann a thoisich cach
Ri innse do mo chruinneig
Nach tillinn-sa gu brath.
Na cuireadh sin ort gruaman;
A luaidh ma bhios mi slan,
Cha chum dad idir bhuait mi
Ach saighead chruaidh a bhais.
Tha cuid ann de luchd-aimlisg,
Luchd-seanachais an droch sgeoil,
Le ’n cridheachan lan puinnsein,
’S gun chuimhn ac’ air a choir.
Na h-eisd ri ’m briathran breugach,
Ge min am beul ’s an gloir;
Ma dh’ fhanas sinn bho cheile,
’Si ’n eiginn a bheir oirnn.
Tha Caimbalich mar chairdeas
Ga t’ ardachadh le strith,
Is gu bheil ciud diu ’g raitinn,
“Is tairail e seach i.”
Mur biodh tu-fhein lan deonach
Cha phosamid a chaoidh;
An robh do shuil gun fhradharc
Nuair ghabh thu ’n roghinn mi?
Tha ’n t-snaim an nise ceangailt
Gu daingeann agus teann,
’S their cuid de luchd na fochaid,
“Cha n-fheil do prothaid ann.”
Am fear aig a bheil fortan
Tha crois aige ’na cheann;
Tha mise taingail, toilicht,
Ged tha mo sporan gann.
ORAN.
Do mhuilean lin Phara Scot ann am Pitloichri.
LUINNEAG.
A o ril o u air cuibhle an fhortain,
A o ril o u air cuibhle an fhortain,
Ha in is o hu air cuibhle an fhortain,
Sann ’s a mhuilean linn a tha cuibhle an fhortain.
Chuala mi bha ’ginnse mu chuibhle an fhortain,
Gach neach aig am bi i gu ’n dean e cosnadh.
Tha ’n te ’s fearr ’s an tir so aig Para Scot,
Us ma bhios e na shlaint cha tamh ’s cha chlos d’i.
S mor an sonas inntinn do shluagh an fhearainn s’,
Gu bheil muileann linn againn anns gach baile;
Fagaidh iad cho min e ’s cho sliom ’s bu mhath leinn,
’S gheibh sinn pairt de dhileab a ni ar garadh.
Chuala mi bhi ginnse ’n nuair bha nu ’m leanabh,
Aig muinntir na tire ’s am beil mi fanachd;
Nach robh ac’ de dhinnleachd na dheanadh glan e;
’S bhiodh iad uile sgith dheth air bheagan deannail.
’Siomadh nionag shunndach a bhiodh ga tharruing,
Aca bhiodh an smuid as a’ stri ri ghlanadh;
Mhilleadh e an suilean ’s bu mhor an airidh,
’S bhiodh iad lan de thuchadh le stur mi-fhallan.
Bhiodh na gillean oga gu faoin am barail
Na’m biodh te fo leon duibh nach robh i fallan;
’S cha ’n iarrt’ i am posadh air meud a h-earrais;
’S dh’ fhagadh sin fo bhron i le moran farrain.
Tha gach te an trath so a toirt an aire,
Air cuibhle ’n da laimhe a ni dhaibh earras;
Tha ìad fallan laidir us mar is math leo;
’S tha na gillean daicheil nan deigh nan deannaibh.
BHA àireamh mhath ag éisdeachd ri seinn us piobaireachd Uilleam Dhomhnullaich oidhche Di-ciaduinn Chòrd a phiobaireachd ’s an dannsadh gu ro mhath ris na bha làthair.
BAIS.
Aig Bràigh Mhargaree, air an taeas latha dhe’n Mhaigh, Uilleam Mac Iillios (Mac Aonghais ’Ic Eoghain) tri ficheac bliadhna sa naoidh a dh’ aois. Bha e na dhuine aig an robh meas agus urram nan uile bha eòlach air. —R. I. P.
Aig Truro, N. S., air an latha mu dheireadh de Iun, Màiri Chaimbeal, an nighean a b’ òige aig Domhnull Caimbeal. (Eildeir,) am Baddeck Mhor, seachd bliadhna fichead a dh’ aois. Bha i posda aig Aonghas Stiubhart á Pictou, agus dh’fhàg i ceathrar chloinne gu bhi ’ga caoidh, am fear a’s sine coig bliadhna, ’s am fear a’s òige ceithir miosan a dh’aois.
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid.
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Soithichean Creadha agus Glaine.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh
Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAN W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith ’a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
CLOIMH.
THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr ’sa mhargadh oirre.
D . F. Mac RATH,
Baddeck, C. B.
title | Issue 4 |
internal date | 1894.0 |
display date | 1894 |
publication date | 1894 |
level | |
reference template | Mac-Talla III No. 4. %p |
parent text | Volume 3 |