[Vol . 3. No. 40. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. III. SIDNI, C. B. DI-SATHAIRNE, APRIL 6, 1895. No. 40.
Comunn Gaidhealach Lunnainn.
Bha Ceilidh miosail a’ Chomuinn seo air an t-seachduinn a chaidh seachad ’na choinneamh cho mor ’s a bh’ aca fhathast. B’e Mhr. Cailean Siosal “Fear-an-taighe” airson an fheasgair agus gu dearbh is math a chaidh aige air an taigh a chumail an deagh ordugh. Is Gàidheal Mhr. Siosal a tha an deagh mheas am measg a luchd-duthcha agus thaisbean iad sin da air an oidhche seo leis an fhàilte chridheil a chur iad air ’nuair a ghabh e cathair fear-an-taighe. A reir cleachdaidh a’ cheilidh thug e seachad oraid ghoirid anns a’ Ghaidhlig, agus an deigh sin chaidh an oidhche chuir seachad gu gasda le piobaireachd sgeulachd agus orain.
ORAID FEAR AN TAIGHE
A Bhan tighearnan agus a dhaoine-uaisle, tha mi cinnteach gu ’m faodadh iadsan a tha coimhead an deigh gnothaichean a’ chomuinn seo fear-cathrach ni b’ fhearr na mise fhaotainn ach bho’n a chur iad an t-urram seo orm ni mi mar is fhearr is urrainn domh.
Tha mi fuathasach toilichte gu ’m beil leithid a’ chomuinn seo air eiridh suas agus bu mhath leam, le ’r ceadsa, taing bho bhonn mo chridhe thoirt do na daoine-uaisle tha air ceann a’ ghnothaich. Tha’n Lighich Mac’ Ill ’Iosa agus Mhr. Ian Mac Coinnich a toirt morain uine do theagasg na canain sin air am beil sinn uile cho deigheil agus tha Mhr. Padruig Mac-an-t- Saoir a deanamh a chuid fein de ’n obair mar runair. Bu choir dhuinn uile prois a bhi oirnn as an obair a tha iad a deanamh. Cha ’n fhiosrach dhomhsa gu ’m beil comunn sam bith eile ann an diugh a tha beathachadh agus a cumail suas na Gaidhlig mar tha iadsan. Gun teagamh tha Comunnan Gaidhlig eile ann an rioghachd ach de tha iad a deanamh? Am beil iad a toirt oidhirp sam bith air a’ chainnt a theagasg dhaibhsan aig nach ’eil i cheana no am beil iad eadhon ’ga bruidhinn nam measg fein? Bha coinneamh mhor aig Comunn Gàidhlig Ionbhairneis an la roimhe agus bha moran oraidean air an toirt seachd ach cha robh fiu a h-aon diubh anns a’ Ghàidhlig. Tha sibh a saoilsinn sin gle iongantach ach tha nithe eile agam ri innseadh dhuibh a tha eadhon ni ’s iogantaiche. Bha mi am baile Ionbharneis an uiridh fad seachduinn no dha agus is gann a chluinninn facal Gàidhlig air a labhairt agus mo chreach, cha b’e an gleann anns an d’ rugadh mi (Strathghlais) dad a b’ fhearr. Tha na seann Ghaidheil air an sgiursadh a mach agus Goill air an toirt a steach ’nan aite. Seo an doigh a tha uachdaranan an fhearainn a’ gabhail air cur as do ’n t sluagh. Cha ’n ’eil iad a’ tuigsinn aon chuid an sluagh no an cainnt agus tha iad air bheachd gur e an ni a’s fhearr is urrainn daibh a’ dheanamh an sgiùrsadh a mach chum aite ’dheanamh do na feidh no do an cairdean Sasunnach fein. Is aithne dhomh fhein duine bochd, le teaghlach og, lag, a ghearr beagan moine ann an gleann Cannaich agus an uair a bha i gu bhi tioram thainig maor, no seirbhiseach air choir-eigin eile, agus cha d’ fhag e fàd nach do thilg e air ais anns a’ bhac as an d’ thainig e. Cha ’n ’eil fhios agamsa ciamar a fhuair an duine bochd air adhairt fad a’ gheamhraidh chruaidh a tha nis air dol seachad. Cha ’n e a’ Ghaidhlig a tha dol bas ach an sluagh. Tha ’Ghaidhlig cho beo ’sa bha i riamh agus tha ni ’s mo air a sgriobhadh agus air a ’chlo-bhualadh innte na bha aig àm sam bith roimhe seo.
Ach tha aon ni a cur bacadh air ar cainnt anns a’ Ghaidhealtachd agus ’se sin gu’m beil Maighstearan-sgoile Gallda air an cur os cinn na cloinne. Nan smuainicheadh an sluagh gur ann troimh ’n chainnt a tha aig a ’chlann cheana is fhusa ni sam bith a theagasg dhaibh chitheadh iad goraiche an ni seo. ’Se ’chomhairle bheirinn-sa orra iad a ’dheanamh cinnteach nach leigeadh iad le duine sam bith a bhi air Buird-nan sgoil ach fior-Ghaidheil a bheireadh ceartas agus cothrom do ar cainnt.
Tha mi cinnteach gu ’m beil sibh a nis a fàs sgith dhiom agus bithidh mi co-dhunadh le bhi toirt taing dhuibh airson an urraim a chur sibh orm le bhi ’ga mo chuir an aite Fear-an-taighe an nochd.
CABAR FEIDH.
Iadsan a Phaigh.
Ceit Nic Néill, Irish Cove.
D. I. Mac Asguill, L ’ Ardoise.
A. Munroe, Meinn Lorway.
Eachunn Mac Fhionghain, Amhuinn Shidni.
I. D. Shaw, Amhuinn Dhennis.
Alasdair S. Mac Leòid. Framboise .
Seònaid Nic Artair, River Inhabitants.
Domhnull Domhnullach, Amhuinn Dhennis.
Floiri Nic ’Ill-Fhinnein, Gilanders Mtn.
Alasdair Mac Rath, McLeods P. O.
Seòras D. Mac Leoid, St . Ann’s.
Niall Mac Leoid,
Eoseph Mac Gilleain, Baddeck , $1 .93.
Uilleam Mac Aoidh, Bras d’ Or Beag.
Seumas Mac Gilleain, Clarkes Road.
Anna Mhàrtuinn, Meinn Ghardiner.
Domhnull Martuinn, Orangedale .
Ruairi H. Mac Coinnich, Forks Shidni.
A. I. Mac Gill-fhaollain, B . C. Chapel.
Iain A. Mac Gille-mhaoil, Loch Ainslie.
Iain Domhnullach, Framboise .
Seonaid A. Cheanadach, Valley Mills.
Cailean Domhnullach, Round Island.
Iain MacAmhlaidh, (Eildr.) Pt . Morien, $2 .00.
Betsi Nic Neachtain, Loch na h-Aibhne Deas, N. S.
Bean D. Ball, Toronto , Ont.
Aonghas Mac Gilleain, Stòrnabhaigh, Que.
Tormoid P. Mac Leoid,
A. D. Mac Cuish, Ainsworth , B. C.
Eobhan A. Gillios, St . Louis, mo.
Domhnull Mac Gill-Fhinnein, San Francisco.
Mrs. Elder, Boston , Mass.
Alasdair Domhnullach, Mabou , 25cts
Calum D. Mac Leoid, Beinn Chain,
Niall I. Domhnullach, Irish Cove.
Bathar dhe gach seòrsa ’s fhearr, agus cho saor ’sa gheibhear ’sa bhaile, ri chreic aig D. I. Domhnullach. Taghail aige.
[Vol . 3. No. 40. p. 2]
TAIGH NA COILLE.
LE IAIN.
CAIB X.
Cha robh Seumas òg fada ’s an leabaidh an uair a thuit e gu trom ’na chadal. Cha robh olc sam bith fa near dha, agus mar sin, o ’n a bha e ann an sìth ris fhein, ri ’Dhia, agus ris an t-saoghal, cha robh ni sam bith a’ cur bruaillein air an inntinn aice. Cha do dh’ éirich an t-amhrus bu lugha ’na chridhe, gu robh an dithis, a bha ’cumail a mach ris gu robh meas mòr agus gràdh aca air, ’nan dearg nàimhdean dha. “Ge b’ e nach bi olc ’na aire ’cha smaoinich e air lochd neach eile.”
Cha b’ e sin suidheachadh inntinn anns an robh Tomas Taillear agus Tearlach Ros. Bha iad gu dian ag àr an aghaidh Dhé, an aghaidh lagh na rioghachd, agus an aghaidh an cogaisean fhein. Ged a bha iad ann an tomhas mór air cruadhachadh anns an olc, bha iad ag aideachadh ’nan cridheachan fhein, gu robh e ’na chionta uamhasach dhaibh bàs duine òig, neochiontaich, mar a bha Seumas, a bhith air an làmhan. Ach aon uair ’s gu faigh an t-olc tuilleadh ’s a’ chòir de làmh an uachdar air duine, bidh e glé bhuallteach air a bhith fàs ni ’s miosa ’s ni ’s miosa gach latha. Tha ’n duine, fo chumhachd an uilc, gu nàdurra ag iarraidh gu bhith ’ruith thun na truaighe mar a ruitheas a’ chlach sìos leis a’ bhruthach, agus cha chum ni sam bith air ais e ach cumhachd mòr an Uile-chumhachdach.
An uair a fhuair iad an seòmar dhaibh fhéin agus a leugh iad an litir a chuir a mhàthair gu Seumas, shuidh iad aig a’ bhotul, agus dh’ òl iad an sàth dheth. Cha b’e sin am beag; oir bha iad air dhithis cho math ’s dh’ oladh ’s a gheibhteadh, ach ainneamh, ann an àite sam bith. Dh’ òladh iad an sgillinn nach fhaca iad.
Chuir briathran na litreach agus na bha de ’n stuth làidir air an giulan gu àrd-bhruidhinn ’s gu bòilich ’s gu mionnan iad. Bha iad anabarrach toilichte gu ’n d’ fhuair iad greim air an litir. Bha e soilleir gu leòr dhaibh, nan do leugh Seumas an litir, nach biodh e furasda dhaibh lìon a mhillidh a chur m’ a chasan.
“Theid gach cùis leinn gu ar miann, a Thomais. Nach e am fortan fhein a bha fàbharach dhuinn an uair a chuir e an litir ’na phòcaid gun a leughadh?” ars Tearlach.
“Mol an latha math air a dheireadh. Tha eagal ormsa nach fhaighear greim air an òganach cho soirbh ’s a tha thu ’n dùil. Cha rachainn an urras nach biodh e gle mhoch am màireach a’ cur an taighe so troimh a chéile ag iarraidh na litreach. Ma ni e sin, ’s gu ’n teid a’ chuis gu cluasan fir an taighe, druididh e an dorus, agus rannsaichear a h-uile anam a tha ’n taobh a staigh de ’n dorus. Gabh thusa mo chomhairle, agus cuir an litir a lasadh na pìoba. Cuir as an t-sealladh i air dhòigh eiginn,” arsa Tomas.
“Tha thu ceart, a laochain. Cha bhi i air mo shiubhal ni ’s fhaide,” arsa Tearlach ’s e ’cur goinnean rithe anns an t-similear.
“Cha ’n fhaod sinn làmh-mar-sgaoil a leigeil anns a’ chùis idiir, ma tha dùil againn crìoch dhòigheil a chur air gach ni a tha ’nar beachd. Gabh thusa beachd air mar a tha cùisean nis. Ged a tha Seumas fhathast an ain fhios air an droch bharail a th’ aig ’athair ’s aig a mhàthair ortsa, cha bhi e fada mar sin. Ionndrainnidh e an litir gu ’n teagamh—ach tha mi ’n dòchas gu ’m bi e air falbh as an taigh so mu ’n ionndrainn e i—agus an uair a sgrìobhas e gu ’mhathair, faodaidh tu a bhith cinnteach gu ’n innis e gu ’n do chaill e an litir anns an taigh so, an uair a bha e ’nar cuideachd-ne. Cha ’n urrainn e droch cunntas sam bith a thoirt ormsa no ortsa, agus tha mi ’creidsinn nach dean e sin. Ach thoir thusa so fa near: cha luaithe a ruigeas a litir a mhàthair na ghrad sgrìobhas i air ais ’ga chur ’na fhaireachadh. Cha rachainn mionaid an urras nach abradh a mhàthair ris gur tusa a thug an lìtir as a phòcaid. Mur cuir sinn ann an geamhail e mu ’n tig coig latha deug o’n diugh, cha ’n fhaigh sinn greim idir air. Sin agad mo bheachd-sa air a chùis, agus tha mi ’lan-chreidsinn nach ’eil mi fada cearr.”
Bha Tearlach greis ’na thosd ’s e mar gu ’m biodh e eadar dhà chomhairle ciod a dheanadh e. Mu dheireadh thuirt, “An uair a thig latha thig comhairle. Theld sinn a nis a’ laidhe, air eagal gu ’n cuir sinn dragh air fear an taighe ’s air a luchd-muinntir.”
B’ ann mar so a bha. Chaidh na fir a laidhe, ach cha b’e cadal an fhìrein a fhuair iad. Eadar na chuir an deoch làidir de bhruaillean ’nan cinn agus na bha ’chogais chiontach a’ cur de dhragh air na spioradan aca, cha bu luaithe a thigeadh norradh de chadal orra na thòisicheadh bruadaran uamhasach ri cur eagail agus crith orra. An àm dhaibh a bhith ’g éirigh an là-iar-na-mhàireach bha na cinn aca cho goirt ’s ged a bhiodh iad ann an àirde fiabh ruis. Is gann a b’ urrainn daibh an smaointeanan a chur an tàth a chéile.
Bha Seumas anns an t-seòmar rompa, agus e cho ùrail, séimh ’na choltas an déigh an oidhche a chur seachad ann an cadal trom, foistinneach. Air dhaibh fios a bhith aca gu robh aogasg an uilc air an aghaidhean, thuirt iad ri Seumas, gu ’n do chuir an Dr. Liobhain, le chuid straidhlich is bòilich, o chadal na h-oidhche iad, agus gu robh iad ’g am faireachadh fhéin glé neònach le cion a’ chadail. Cha do chuir Seumas teagamh nach b’ e an fhìrinn a bha iad ag innseadh dha.
Gun dàil sam bith shuidh iad mu ’n bhòrd a ghabhail am bidh, agus air ghaol inntinn Sheumais a chumail aig fois araon a thaobh na litreach, agus a thaobh an suidheachaidh fhein aig an àm, bha iad anabarrach caoimhneil, comhraiteach ris.
Suas eadar sin agus meadhon latha, thog Seumas air gu falbh. Nam b’ fhior iad fhéin, bu glé thoil leotha e dh’ ’fhuireach latha no dhà eile ’nan cuideachd. Ach cha cheadaicheadh riaghailtean na sgoile dha sin a dheanamh ged a bhiodh toil aige. An àm dha a bhith falbh chaidh iad ceum de ’n rathad maille ris, agus mu ’n do dhealaich iad ris, thug iad air gealltainn gu ’n tigeadh e a chur seachad oidhche no dhà maille riutha mu ’n tigeadh deireadh a mhìos.
Leis na thàinig de smaointeanan de gach seòrsa a steach air inntinn Sheumais, cha do chuimhnich e gu robh litir a mhàthar aige gun leughadh gus an d’ rainig e an taigh. An uair a rannsaich e gach pòcaid agus nach d’ fhuair e i, cha b’ urrainn e a ràdh co dhiubh a chaill e i air ’fhalbh no air a thilleadh. Cha do smaoinich e gu ’n cuireadh neach sam bith a làmh ’na phòcaid ’s gu ’n tuadh e aisde an litir. Cha robh e a’ deanamh mòr-ionndrainn oirre idir; oir mar bu trice cha robh ni sam bith ann an litrichean a
[Vol . 3. No. 40. p. 3]
mhàthar dhe’n deanadh neach sam bith droch fheum. Mar a b’ fhaide iad is ann bu mhò a bhiodh de dheadh chomhairlean annta. Cha robh teagamh aige nach robh an litir mu dheireadh làn de chomhairlean matha, ged nach do leugh e i. Co dhiu, cha robh feum a bhith ’caoidh an ni a chailleadh ’s nach gabhadh faotainn. An uair a bha e ’sgriobhadh gu ’mhàthair cha d’ thug i iomradh co dhiubh fhuair gus nach d’ fhuair e an litir mu dheireadh a chuir i uige. Bha e an dùil nach cuireadh i suim sam bith anns a’ chùis. Ach cha b’ ann mar so a bha. An uair a ràinig an litir a mhàthair, agus a leugh i a’ chunntas a thug e seachad air a’ chaoimhneas a nochd Tomas Taillear agus Tearlach Ros dha, ghabh i mòr-ioghnadh nach d’ thug e iomradh co dhiubh a fhuair e a litir gus nach d’ fhuair. Gun mionaid dàlach sgriobh i d’ a ionnsuidh, ag innseadh gu robh eagal oirre gu ’n deachaidh an litir mu dheireadh a chuir i uige air chall. Dh’ innis i dha mar an ceudna, gu robh i ’g a chur ’na fhaireachadh anns an litir ud air eagal gu ’n deanadh e còmpanas sam bith ri Tearlach Ros, no ri còmpanaich Thearlaich; agus thuirt i nach bu mhath leatha gu faigheadh neach sam bith gréim air an litir.
B’ ainneamh leis litir fhaotainn o ’athair. Ach air a’ cheart latha so fhuair e litir uaithe. An uair a leugh e iad thuig e nach robh meas mòr sam bith aig ’athair air Tearlach. Bha ioghnadh air nach cuala e iomradh riamh gus an latha ud gu robh Tearlach ’na dhroch dhuine.
Gun dàil sam bith sgrìobh e dhachaidh thun a mhàthar, agus dh’ innis e dhi gu saor, gu ’n d’ fhalbh an litir air dhòigh eiginn as a phòcaid mu ’n d’ fhuair e ùine air a leughadh, agus nach robh dad de bheachd aige c’ àite an do chaill e i. Anns an litir so thuirt e, nach fhaca agus nach d’ fhairich e ni sam bith ann an Tearlach no ann an Tomas a bheireadh air a bhith ’smaointean gu robh iad ann an dòigh sam bith mì-iomchuidh ’nan caitheamh-beatha ’s ’nan giùlan. Ach thuirt e mar an ceudna, gu’m biodh e air fhaicill rompa, agus nam faiceadh e ni sam bith annta nach còrdadh ris, gu seachnadh e iad gu buileadh ’na dhóigh sin.
Thug an litir so fois inutinn dha ’athair ’s dha màthair, gu sònraichte o’n a bha barail ghlic, chrionna aca air Seumas.
Thug Seumas air an làimh eile fa near nach d’ iarr ’athair no ’mhàthair air Tearlach a sheachnadh a muigh ’s a mach, ged a ghuidh iad air gun e dheanamh dlùth chompanach dhe. An uair a smaoinich e air a so, thuirt e ris fhèin gu faodadh e uair is uair greis dhe ’ùine a chur seachad ’na chuideachd fhad ’s a ghluaiseadh e e-fhein gu measail, modhail, iomchuidh.
Cha robh fhios aig Tomas Taillear ’s aig Tearlach Ros gu ro mhath ciod bu chòir dhaibh a dheanamh. Air an aon laimh, thug greim ’fhaotainn air an litir mu ’n do leugh Seumas i, misneach mhòr dhaibh; ach air an làimh eile, bha Seumas cho glic ’s cho faicleach ’s cho seanagarra ’s a cheann ’s gu robh eagal orra nach rachadh aca air an droch rùintean a chumail math gu leòr an cleith air. Bhiodh iad gu math tric a’ bruidhinn air ciod bu choir dhaibh a dheanamh; ach cha robh iad a’ tighinn a dh’ ionnsuidh an aon bheachd mu ’n chùis idir.
Latha dhe na làithean thàinig Tomas le mòr chabhaig, agus le fiamh gáire air a ghnùis, a steach do ’n t-seòmar anns an robh Tearlach ’na shuidhe, agus mu ’n gann a dhruid e an dorus ’na dhéigh thuirt e, “Tha naigheachd mhath agam dhut, a Thearlaich. Tha ’n Dubh Ghleannach ’s an acarsaid, agus thuirt an sgriobair rium, gu bheil e deas gu falbh uair sam bith a bhios an soirbheas fàbharrach. Dh’ innis mi dha mu ’n ni a tha ’nar beachd a dheanamh. Bheir e leis Seumas ma gheibh e ceud punnd Sasunnach. Thuirt mise ris gu faodadh e Seumas a reic ann an ceann a deas America air son suim mhath. Ach thuirt esan, gur dòcha gu feumadh e dealachadh ri Seumas gun phris sam bith, nan tigeadh cùisean teann air. Cha robh toil agamsa cordadh teann cruaidh a dheanamh ris gus am faicinn thu fhein. Feumar an t-òganach a reic, ar neò thig e air ais do ’n rìoghachd an ùine ghoirid. Ach ma reicear e, cha chuir e dragh ormsa no orsta gu bràth.”
“Mu ’n suidhich sinn ciod a theid a dheanamh feumaidh sinn an sgiobair fhaicinn an so. Feumaidh e mionnan a thabhairt air faobhar a’ chlaidheimh, nach innis e gu bràth gu ’n d’ fhuair e pàigheadh sam bith uamsa. Mur toir sinne an aire mhath ciod a ni sinn, faodaidh an lagh greim fhaighinn oirnn,” arsa’ Tearlach.
(Ri leantuinn.)
Na bi os ceann do chèaird no do dhréuchd, ciod air bhith a’ chèaird non dreuchd a’ dh’ fhéudas a bhi ann. Dean dichioll gu bhi ag éiridh suas ’n ad ghairm fein. Tha esan a tha togail a’ shròine ri ’obair fein, gu h-amaideach a’ connsachadh ris an aran agus ris an ìm aige fein. Is bochd an gobhainn esan a throdas ris na sradaibh a dh’ éireas o’n innein aige fein. Cha ’n ’eil nàire no masladh ceangailte ri’ gairm onairich sam bith. Na biodh eagal ort do lamhan a shalchadh oir tha ’n t-uisge chum an glanadh gu saor, pailt r’a fhaotuinn. Tha gach ceaird maith do’n luchd-cheairde—ach dean faicill an aghaidh aon ni,— ’s e sin an leisg. Tha na’s leoir r’a dheanamh ’s an t-saoghal so air son gach paidhir làmh a gheibhear ann; agus feumaidh sinn obair a dheanamh chum gu’m bi an saoghal na’s beartaiche air duinn a bhi ’gabhail còmhauidh ann. Is fhad o’n chual sinn nach “leig an leisg da deoin duine air slighe chòir sam bith.”
S.
Is lionmhor iad a ta ann an cabhaig gu fàs beartach, a chi gur amaideach an giùlan fein, oir feuchaidh beagan ùine gu ’m bheil iad ann an cabhaig gu bhi air an creach. Is iad na daoine a shaoithricheas gu foirfe, ciùin, stòlda, na daoine a’s fearr a shoirbhicheas anns an t-saoghal. Is tric leo-san d’ an cleachd a bhi ’deanamh nithe gu cabhagach, gu ’m féum iad na nithe céudna a dheanamh dà uair.
Chuir oganach coir, àbhachdach, a’ cheist roimhe so r’ seann mhaighdinn uasail, a bha air an taobh thall de leth-cheud, agus thubhairt e rithe, “Ciod i do bharail-sa a nis, a bhean-uasal, urramach, mu thimchioll posaidh?” “Mu thimchioll posaìdh,” ars ’ise, “Tha e ceart cosmhuil ri euslainte sam bith eile, an uair a tha beatha ann, tha doshas.”
Ma tha duine dichiollach, cùramach, agus glic, tha e cinnteach gu ’n teid gach cùis leis; agus tha a ghiulan a’ cur deagh eiseimpleir roimh gach sean agus og mu’n cuairt da.
[Vol . 3. No. 40. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney Cape Breton.
SIDNI, APRIL 6, 1895.
Tha Parlamaid Chanada ri bhi air a fosgladh Dior-daoin an ochdamh latha deug dhe’n mhios so. A reir gach coltais cha bhi i ’na suidhe ach ùine glé ghoirid; cha bhi moran de ghnothaichean cudthronach sam bith air an cur fa ’comhair. Cha’n eil teagamh nach bi aig an dùthaich ri pàrlamaid ùr a taaghadh roimh mheadhon an t-samhraidh.
Tha Breatuinn ’s an Fhraing an dràsda car a mach air a chéile. Bha ’n Fhraing o chionn fhada feargach a thaobh Breatuinn a bhi ’ga deanamh fhéin cho làidir ann an Africa. Tha Breatuinn gach bliadhna a’ gabhail còir air raointean mora anns an dùthaich fharsuinn sin, agus tha an gnothnach a’ fàs coltach gu’m bi a’ chuid a’s motha de thir nan daoine dubha fo a riaghladh mu’n stad i. Tha ’n Eiphit anns an airde tuath, fo ’spoig o chionn àireamh bhliadhnachan; tha ’n àirde deas aice o chionn fhada; agus tha i a sior mheudachadh a criochan anns an àirde ’n iar. Cha’n eil aig an Fhraing mar sin ach a bhi deanamh air a son fhèin mar a dh’ fhaodas i, agus tha i a’ gabhail na cùise glè dhona. Bha i, a réir coltais, o chionn ghoirid, a’ bristeadh a stigh air criochan mhor-roinnean air a bheil Breatuinn ag agairt còir, agus tha sin an deigh corruich mhor a chur air an luchd-riaghlaidh ann an Lunnuinn. Tha iad a’ cur rompa nach leig iad leis an Fhraing a dhol na’s fhaide air adhart neo gu’m bi cogadh ann. Tha i ’n deigh a’ bhi cur conais orra cho fada ’s gu bheil iad air fàs seachd sgith dhith. Tha ’n da dhùthaich an drasda glé abuich gu cogadh; tha naimhdeas mor aig an da shluagh dha chéile, agus dheanadh ni glé shuarach an cur a gheurachadh an claidhmhnean. Tha dòchas co-dhiu gu’n teid an gnothuch thairis gu sitheil. Tha ’n saoghal fada gu leór air ais aig a cheart àm, ged nach tòisicheadh cogadh.
Nigh’n Donn na Buaile.
A nighean donn na buaile,
D’am beil an gluasad farasda;
Gu ’n d’thug mi gaol cho buan duit,
’S nach gluais e air an Earrach so.
Mheall thu mi le d’ shùgradh,
Le d’ bhriodal a’s le d’ chiùine;
A’s lub thu mi mar fhiùran,
’S cha dùchas domh bhi fallain uaith.
Do chul donn daite an òrdugh,
Gu bachdlach, bòidheach, camagach,
T’ aghaidh fhlathail, chòmhnard,
Mar ite ’n eòin do mhalaichean;
Da shuil chorrach, mhiogach,
Rosg glan a’ cumail dion orr;
Do ghruaidhean meachair, mine,
Do phòg mar fhioguis mheanganan.
Mar reul a measg an t-sluaigh thu,
’N am gluasad a chum tionalaidh;
Cha tugadh Bhenus buaidh ort,
’S ard thug do shnuadh-sa barrachd oirr;
Chit’ am fion a’ dealradh,
An am dol sios tre d’ bhraghad;
Gur math thig siod’ ’n càramh,
Mu mhuineal ban na h-ainnire.
Do sheang chorp, fallain, sunntach.
Nach do chiurr an an-shocair
’N uair rachadh tu air ùrlar,
Bu lùthar anns na caraibh thu;
Le calpannan deas, bóidheach,
Cruinn, cumadail, neo-lòdail;
Troigh chruinn ann am broig chòmhuaird.
Nach toir air feornein carachadh.
Do bheul o’m binn thig òrain,
Ceòl agus ceileirean.
Gur binne leam do chòradh,
Na smeòrach air na meanganan.
O ’n chuir mi ’n tus ort eolas,
Gun tug mi gaol co mor dhuit,
’S mur faigh mi thu ri phosadh,
Gu ’n cuir am bron fo ’n talamh mi.
Na ’m b’ e ’s gum biodh tu deonach,
’S ’gum pòsamaid an ath-ghoirid,
Cha ’n iarrainn leat do stòras,
Ach còmhdachadh na banaraich.
Ged b’ leamsa an Roinn-Eorpa,
’S America le mhòr shluagh,
Nam’ faighinn dhomh fein coir ort,
Bu leat gach stor ’s gach fearann diu.
A ghaoil na creid droch sgeul orm,
Ge’ d’ robh luchd bhreug a labhairt riut;
Tha m’ inntinnse co reid dhuit,
’S nach bi aon seud ann an-fhios duit.
Ge d’ their iad riut le bòilich,
Gur beag leo mo chuid stòrais;
A chaoidh cha chùram loin duit,
’S an righ cur seol air aran duinn.
Minard ’s Linimenta’s fhearr.
CUIMHNICH!
gu bheil aghainn
Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh
dhe gach seorsa, agus ’ga reic air
PRISEIN IOSAL.
JOST BROS.
Sidni, C. B., Feb. 1, ’95.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETER’S, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Leabhraichean Gailig.
RI’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 3. No. 40. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Thuit meall mor sneachda air taobh an iar an eilein deireadh na seachdain s’a chaidh. Bha ’n stoirm moran na bu truime ann a sin na bha i ’n taobh so.
Dh’ fhalbh am bàta-smùid “May Queen” á Sidni Tuath Di-màirt. Bha i ’dol an toiseach gu Baddeck agus as a sin falbhaidh i air a cuairtean ábhaisteach cho luath ’sa leigeas an deigh leatha.
Chaidh an carbad-iaruinn bhar an rathaid faisg air Charlottetown, toiseach na seachdain s’a chaidh, agus rinneadh milleadh mor air. Chaidh dithis a leònadh, ach cha do mharbhadh duine.
Tha e coltach gu ’m bi rathad-iaruinn air a thogail a’s t-samhradh eadar Winnipeg us Hudson Bay. Tha daoine cur air a mhanadh nach mor feuma ni e ’n deigh a thogail. Ach mar a tuirt an dall, “chi sinn.”
Dh’ fhalbh an t-Urr. D. Drummond, a bhean ’sa nighean, air chuairt do na Stàitean Di-màirt s’a chaidh. Tha litir a fhuair sinn a New York ag innse gu bheil Gàidheil a’ bhaile sin a’ dol a chur fàilte chridheil air.
Tha ’n “grippe” gu math pailt air feadh na dùthcha aig an àm so. Tha mòran tinn leatha, ach cha ’n eil i cho marbhteach ’sa bha i bliadhnaichean roimhe. Cha ’n ann mar sin a tha ann an dùthchannan eile. Ann am Breatuinn, tha moran a falbh leatha.
Chaochail boirionnach òg a mhuinntir Hogamah a muigh ann am Bute, Montana, air a mhios s’a chaidh, agus thainig a corp dhachaidh air an ochdamh latha deug. Bu nighean i do Chaiptean Eachunn Mac Gilleain, agus bha i posda aig fear Aonghas Camaran. Cha ’n eil ach mu bhliadhna o’n phòs iad.
Chaidh fear Iain McKelvie a mharbhadh ann an Naw Brunswick an la roimhe, ’s e a’ feuchainn ri dhol thairis air an rathad-iaruinn. Bha e mu dha fhichead bliadhna dh’ aois, agus dh’ fhàg e bean us coignear chloinne. Cuin a dh’ ionnsaicheas daoine cumail cuibhteas an rathad-iaruinn ’nuair tha ’n carbad faisg orra. ’S ioma duine chaill a bheatha air an doigh so a bhiodh beò fhathast na’n robh e air dail da mhionaid a dheanamh.
Thàinig fear Donnacha Mac Fhionnlaidh ri ’bheatha fhéin aig a Mhéinn Uir deireadh na seachduin s’a chaidh. Bha e as a rian o chionn treis a dh’ ùine, agus bha e ’san tigh-chaothaich ann a’ Halifax fad a’ gheamhraidh. Thugadh dhachaidh e o chionn sia seachduinean, ’an dùil gu robh e ’na àite fhéin a rithist, ach thosich e ri dhol na bu mhiosa ’an ùine ghoirid. ’Sa mhaduinn Dior-daoin chaidh e mach dh’an t-sabhal, agus ghearr e a sgòrman le ràsar, agus ’nuair fhuaireadh e bha e marbh. Mu’n àm so an uiridh chaidh a leònadh gu dona anns a’ mhèinn, agus mios ’na dheigh sin, chaidh mac dha, aois fhichead bliadhna, a mharbhadh. Tha e ro choltach gu’n d’ oibrich na trioblaidean sin air an inntinn aige gus an deachaidh e as a rian.
Tha an sneachd a’ falbh gu math bras air an t-seachdain so. Thuit frasan troma uisge feasgar Di-ciaduin a chuir greasad air. Ma leanas an t-side bhlàth cha’n fhada gus am bi sinn cuibhteas e gu buileach.
Bha teine mor ann an Snmmerside, P. E. I., Di-sathairne s’a chaidh. Bha fiach deich mile fichead dolair air a losgadh eadar thaighean ’s na bha na’m broinn. Thòisich an teine ann an oifig paipear-naigheachd.
Tha na madaidh-alluidh gle phailt ann an Ontario fhathast. Phàigh Riaghladh na dùthcha faisg air coig ceud gu leth dolair an uiridh mar dhuaisean air son cur as daibh. Tha iad gle mhillteach ann an iomadh àite.
Tha e air a ràdh gu bheil a bhreac anabarrach pailt ann a’ Chicago, cho pailt ’s gu bheil paipearan-naigheachd a’ bhaile air a dhol ann an co-bhonn gus an gnothuch a chumail am falach. Bha tigh-eiridinn ùr air a chur suas o chionn ghoirid, agus tha e cheana cha mhòr luma làn de luchd na bric.
Tha dithis no triùir de Shìneich ann an Sidni an dràsda ’s iad a’ dol a thòiseachadh air cumail tigh-nigheadaireachd. Cho fad ’s is aithne dhuinn, ’s iad so na coud theachdairean a thàinig riamh an rathad so as an Iompaireachd Nèamhuidh, mar a their iad fhéin ri ’n dùthaich. Bi’dh iad na’n seòrsa de dh’ ioghnadh le daoine an so gus am fàs iad cleachte riutha.
Thainig bàs gle aithghearr air fear Alasdair Domhnullach, seann duine còir a bha ’fuireach air Clarkes’ Road. Bha e tighinn a stigh as an t-sabhal, agus thuit e marbh. Bha e ’gearan greim ’na thaobh fad dha no tri lathaichean roimhe sin. Bha e tri fichead bliadhna ’sa deich a dh’ aois. Rugadh e ann an Uidhist a chinn a tuath. Tha iad ag radh gu’m b’e leughadair Gàilig cho math ’sa bha ’san àite.
Chaochail Iain Mac Gill-Fhinnein aig an Amhuinn Mheadhonaich, air an treas latha fichead dhe ’n Mhàrt. Bha e tri fichead bliadhna ’sa h-ochd deug a dh’ aois. Bu bhràthair e do Ruairidh ’s do Dhonnacha Mac Gill-Fhinnein a chaochail ’sa bhaile so o chionn da bhliadhna. Cha robh bristeadh riamh anns an teaghlach gus an do chaochail Ruairidh, agus a nis tha còignear dhiubh fo’n fhòd. Dh’fhág Iain bantrach agus ceathrar mhac.
Bi’dh càirdean a’ feòrach dhinn o àm gu àm cuin a tha duil againn am paipear a mheudachadh. Faodaidh sinn a ràdh mar a thuirt sinn roimhe, gu’m meudaich sinn e cho luath ’sa chuireas ar càirdean ’nar comas e. Tha dòchas againn gu’n téid againn air a mheudachadh toiseach Iulaidh, ach cha ’n urrainn dhuinn a bhi cinnteach gus am faic sinn ciamar a dhéiligeas an luchd-leughaidh ruinn. Ma ni gach duine a dhleasnas bi’dh e ’nar comas am paipear a mheudachadh an uair sin, agus theid a dheanamh. Mur téid a mheudachadh, cha’n ann againne bhios a’ choire.
Minard ’s Linimentair son Loine.
Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan, Pinn, Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART
INGRAHAM MacGILLEAIN.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
[Vol . 3. No. 40. p. 6]
AN GOBHAINN SANNDACH.
Bha taillear agus gobhainn a’ tilleadh le cheile air feasgar araidh á baile anns an robh iad ag obair air an ceirdibh fa-leth. Mar bha am feasgar a’ teannadh orra, chunnaic iad a’ ghrian a’ dol sios air cul nam beann, agus a’ ghealach ag eirigh ’s an airde n-ear. Aig a’ cheart am chual iad, fad as, ceòl binn a bha a’ fas na bu chruaidhe mar a ghabh iad air an aghaidh. Bha an fhuaim car neo-thalmhaidh, ach bha i cho anabarrach binn ’s gu ’n do dhi-chuimhnich iad an sgios, agus ghabh iad an rathad le ceumaibh sunndach.
An deigh doibh dol beagan astair, rainig iad aoinidh ghrinn, far am facaidh iad bannal de dhaoine agus de mhnathaibh beaga, greim aca air lamhan a cheile, agus iad a’ dannsadh gu h-aighearach ris a’ cheol a chual iad.
Ann an teas-meadhoin na cuairt mu ’n robh na sithichean a’ dannsadh, sheas seann duine daigeil, beagan na b’ airde ’s na bu shultmhoire na càch. Bha cota de iomadh dath air a dhruim, agus bha ’fheusag cho geal ris an t-sneachd a’ ruigheachd sios gu ’bhroilleach. Sheas an taillear agus an gobhainn ag amharc le mor-ioghnadh air na dannsairean, ’n uair a smeid an seann duine riutha, agus rinn na daoine-beaga bealach dhoibh chum ’s gu ’n tigeadh iad an taobh stigh d’ an chuairt.
Bha an gobhainn ’n a dhuine gaisgeil, le croit bhig air a dhruim, ’s leum e stigh ’n am measg gun sgath, ach bha an taillear an toiseach car gealtach, agus sheas e air ais. An ceann beagan uine, ged tha, air faicinn da cho aoidheil agus cho suilbheara ’s a bha iad, ghlac e misneach, agus chaidh e stigh do ’n choisir leis a’ ghobhainn. Ghrad dhuin na sithichean m’ an timchioll mar mhuinntir air mhearachinn.
Am feadh a bha so a’ dol air aghaidh, tharraing an seann duine ’bha ’s a’ mheadhon, sgian mhor a bha ’n crochadh r’a chrios, gheuraich e air cloich i, agus a’ feuchainn a géiread le barr a mheoir, thionndaidh e agus sheall e air na coigrich air mhodh a thug orra critheachadh le h-oillt.
Cha deachaidh an cumail fada an imcheist, oir rug am bodachan air a’ ghobhainn, agus ann am priobadh na sul, ghearr e dheth a h-uile rib fuilt a’s feusaig le aon sguidse! Thionndaidh e’n sin ris an taillear, agus rinn e ’n cleas ceudna airsan.
Ach dh’ fhalbh an geilt an uine ghoirid, oir, an deigh do ’n t-seann duine an gnothuch a chur seachad mar so, thainig e agus dh’ fhàiltich e gu cridheil iad, a’ bualadh a lamh air an guallainn, mar gu ’m b’ ann ’g am moladh air son cho éasgaidh ’s a cheadaich iad dha an lomadh. Chomharraich e mach dhoibh an sin dun guail a bha dluth ’laimh, agus smeid e orra iad a lionadh am pòcannan.
Fhreagair iad e, ged nach robh fios fo’n ghrein aca ciod am feum a bhiodh anns a’ ghual doibh. An sin thog iad orra ’s dh’ fhag iad na daoine-beaga, oir bha e ’fas anmoch, ’s bha toil aca amas air codaichean-oidhche.
Direach mar rainig iad an gleann, chual iad clag a’ bualadh da uair dheug. Ghrad sguir an ceol, shiolaidh na daoine-beaga air falbh mar sgàile, ’s laidh an aoinidh gu tosdach, ciuin fo sholus fuar na gealaich e.
An ceann ghreis rainig na coisichean tigh-osda aig taobh an rathaid, ach cha robh an sin doigh air an cur suas mur laidheadh iad air boitean connlaich; rud a rinn iad gu toileach, ’g an sineadh fein a sios, le ’n aodaichean orra mar bha iad, agus iad tuilleadh ’s sgith gu smaointeacheadh air am pocannan ’fhalachadh d’ an ghual. Moch air madainn, fada na bu trathaile na b’ abhaist doibh, dhuisg cudthrom a’ ghuail iad as an cadal, agus ’n uair chuir iad an lamhan ’n am pocannan, is gann a chreideadh iad an suilean air faicinn doibh, an aite guail, gur ann a bha an lamhan lan de dh-òr fior-ghlan!
Cha bu lugha an t-ioghnadh a bha orra an uair a mhothaich iad gu ’n robh an cinn air an comhdach le falt. Bha iad ann an tiota air fàs beairteach; ach air do ’n ghobhainn a bhi ro shanndach ’n a nadur, lion e an dà phòca leis a’ ghual, air alt agus gu ’n robh a dha urad òir aige ’s a bha aig an taillear.
An deigh so uile cha robh e lan thoilichte, agus chuir e an ceann a chompanaich gu ’m fuireadh iad gus an ath latha, gu ’n rachadh iad air an ath fheasgar agus gu’m faigheadh iad tuilleadh òir as a bhodachan bheag.
Dhiult an taillear so a dheanamh. “Tha gu leoir agam” ars’ esan, “agus tha mi buidheach, riaraichte. Cha ’n ’eil a dhith orm ach cur suas air mo laimh fein, a’ mhaighdean àillidh air am bheil mo ghaol a phosadh, agus an sin tha mi am dhuine sona.”
Coma-co-dhiubh, a thoileachadh a charaid, dh’ fhan e latha eile ’s an tigh-osda, agus anns an fheasgar thog an gobhainn air leis fhein, le da phoca air a ghuallainn, agus rainig e an aoinidh. Fhuair e na daoine beaga a’ dannsadh agus a’ seinn mar a bha iad an fheasgar roimhe.
Ghabh iad gu cairdeil a stigh do ’n chròileachan e, thug an seann duine dheth a rithist am falt ’s an fheusag, agus smeid e ris mar a rinn e roimhe ’thoirt leis uidhir ghuail ’s a thogradh e. Cha d’ iarr an gobhainn na b’ fhearr; cha ’n e mhain gu ’n do lion e a phòcannan ach an da phoca-saic cuideachd, agus thill e dhachaidh lan gairdeachais a’ smaointeachadh air a dheadh fhortan.
Ged nach d’ fhuair e leaba an oidhche sin, laidh e sios le ’aodach air mar bha e, ag radh: “Mothaichidh mi an uair a dh’ fhasas an t-òr trom; duisgidh e mi;” agus mu dheireadh thuit e ’n a chadal air a lionadh le duil chinntich gu ’n duisgeadh e anns a’ mhadainn lan maoin agus saoibhreis.
Cha luaithe dh’ fhosgail e a shùilean na ghrad leum e suas, agus thoisich e air a phocannan a rannsachadh; ach ciod a bu mhò a b’ ioghnadh leis na am faighinn lan de ghual salach, dubh, mar a bha iad roimhe! Thilg e ’mach lan duirn an deigh lan duirn ach gun aon chrioman òir.
“Cha ’n ’eil atharrach air” ars’ esan; “tha agam fathast an t-or a fhuair mi a’ chiad oidhche—tha a’ chuid sin cinnteach gu leoir;” ach an uair a chaidh e a shealltainn bha e uile air fàs ’n a ghual a rithist, agus bha e air ’fhàgail gun pheighinn an t-saoghal!
Chuir e a lamhan salach a suas air a cheann ach bha e gun rib fuilt agus a smig cho mìn ri bonn a choise. Ach cha b’ e so fathast crioch a mhi-fhortain, oir bha a’ chroit a bha air a dhruim an deigh fàs fada na bu mhomha na bha i riabh. An uair a chunnaic e mu dheireadh gu ’n robh e a’ fulang peanais air son a shanntachd thoisich e air bron ’s air caoidh gus an do dhuisg e an taillear còir. Chomhfhurtaich esan e mar a b’ fhearr a dh’ fhaod e, ag radh ris gu caoimhneil agus gu fialaidh, “sguir de d’ chaoidh; bha sinn ’n ar companaich agus ’n ar luchd-turais le cheile agus a nis is e do bheatha fantainn leamsa agus co-roinn
[Vol . 3. No. 40. p. 7]
a ghabail de m’ chuidse; bidh gu leoir ann duinn le cheile.”
Sheas e ri ’fhacal; ach cha d’ fhuair an gobhainn riabh saor ’s a’ chroit a bha air a dhruim, agus b’ eiginn da daonnan tuille boineid a chaitheamh a dh-fholach a chinn mhaoil, sgailcich.
Eador. le SIUCRAM-CAM.
CuirMinard ’s Linimentri d’ fhalt.
I. O. G. T.
Tha coinneamh aig“Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T., ”ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
Tha so air a chumail do
C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Soithichean Creadha agus Glaine.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh
Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B
Feb.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN
Taillearachd.
Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnn
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.
[Vol . 3. No. 40. p. 8]
A’ Chlarsach, No ’Chruit.
Tha Chlàrsach no ’Chruit ’n a h-inneal-ciùil a tha anabarrach sean. Cha robh ach sia téudan air a’ chruit a ghnàthaicheadh ’s na céud lìnntibh ann an Alba, ’s ann an Eirinn, ach an déigh sin, chaidh barrachd thèud a chur am féum. Bha meas air a’ chruit na’s mò na bha air inneal-ciuil sam bith eile, agus tha fios againn o sheann bhàrdachd, co maith us o sheann eachdraidh, gu’m bheil an t-inneal sin co aosda ris na Gaidheil fein. Is e cruit a bhi aig neach sam bith aon de na tri nithibh a bha gu dheanamh ’n a dhuin’ -uasal, agus ’n a dhuine saor. Cha’n fheudadh a dhànadas a bhi aig fear sam bith amharc air fein mar dhuin-uasal mar biodh cruit aige, agus cumhachd cluicheadh oirre. Air an làimh eile, cha robh a chridhe aig traillean sam bith làmh a chur air clàrsaich, do bhrìgh an sin gu’m biodh iad air am meas uasal, agus uime sin, cha robh e ceaduichte dhoibh fein ceòl ionnsachadh, no ceadaichte do neach eile a theagasg dhoibh. B’ iad righrean, agus luchd-ciùil nan righrean, àrd-mhaithean agus uaislean na tire aig an robh comas clàrsaichean a bhi ’n an ionadaibh-còmhnuidh. Dh’ fhéudadh ard-usual clàrsair a bhi aige, ach cha’n fhéudadh an clàrsair sin cluicheadh ach am feadh ’s a bha e fo cheangal aig a’ mhaigstir fein. Ged a thuiteadh duin’ -uasal sam bith ann am fiachaibh, cha’n fhéudadh an lagh greim a dheanamh air a chlàrsaìch air son nam fiach; oir air dha a bhi dh-easbhuidh na clarsaiche, chailleadh e ’urram fein, agus bhiodh e air a mhaslachadh gu inbhe tràille. Tha am mòr-mheas céudna air a’ chlarsaich am measg nan Lochlunnach. Bha iad air am meas ’n an uaislibh le lagh na dùthcha a chluicheadh oirre, air an dion o gach cunnart, agus air an teasairginn o gach peanas. Agus cha’n e sin a mhòin, ach bha iad air an toirt a stigh do’n chuideachd a’s urramaich, agus bha gach onoir agus meas air am buileachadh orra. Ach mar a bha linntean a’ ruith seachad bha na cleachdaidhnean so ’g an cur a chuid ’s a chuid air chùl. Tha’n earrann mu dheireadh dhe’n bhàrdachd mhaisich a rinneadh ann an linntibh fad fad air ais’ ris an abrar “Miann a Bhaird Aosda,” a nochdadh dhuinn ann am briathraibh tlà, am meas a bha aig an t-seann fheardàn sin air a’ chruit fein, oir thubhairt e:—
Ach O! mu’n tig i, seal ma’n triall mo cheò
Gu teach nam bàrd air Ard-bheinn as nach till,
Fair cruit ’s mo shlige dh’ ionnsuidh ’n ròid,
An sin mo chruit, ’s mo shlige ghràidh, slàn leibh!
SGIATHANACH.
Tha mi creidsinn gu leighisMINARD ’S LINIMENTAmhach Ghoirt.
Riondald , MRS. REUBEN BAKER
Tha mi creidsinn gu’n toirMINARD ’S LINIMENTair falt fàs.
MRS . CHAS. ANDERSON.
Stanley, P. E. I.
Tha mi creidsinn gur h-eMINARD ’S LINIMENTan leigheas a’s fhearr a tha ri fhaotainn.
METHIAS FOLEY,
Oll City, Ont.
Chaidh ceathrar dhaoine a bhàthadh aig Uihhist a chinn a Tuath air an ochdamh latha deug dhe’n Mhàrt. Bha fear dhiubh Tormad Domhnullach, a’ dol gu cùirt a Loch-na-madadh, agus bha ’n triùir eile, Iain Mac-a- Bhiocair, Iain Dùghlach, agus Iain Domhnullach, ’ga aiseag a null. Chunnacas am bàta ’dol fodha, ach mu’n d’ ràinig cuideachadh iad bha cheathrar air am bàthadh. Cha d’ fhuaireadh ach fear dhe na cuirp.
LeighsidhMinard ’s Linimentan Grippe.
An caraid a cheannaicheas sinn le tiodhlacan gabhaidh e ceannach uainn.
WENTWORTH HOUSE.
BATHAR UR! BATHAR UR!
AODAICHEAN, BROGAN, SIUCAR, TI.
TI MHATH AIR TASDAN!
LEINTEAN CURRAICHDEAN, ADAN.
Gach Seorsa Bathair ’s gach ni Saor.
D. J. DOMHNULLACH.
title | Issue 40 |
internal date | 1895.0 |
display date | 1895 |
publication date | 1895 |
level | |
reference template | Mac-Talla III No. 40. %p |
parent text | Volume 3 |