[Vol . 3. No. 41. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 13, 1895. No. 41.
A Antigonish.
Tha sinn an dràsd ag toirt ionnsaidh air òraidean a’ sgriobhadh anns a Ghàidhlig. So an ceasnachdh a tha againn ’sa chlass. Faodaidh mi ràdh gur ann air reir luach na h-oraidean so a theid na duaisean, a thug ar càirdean dhuin, a thoirt seachd.
Thug an litir mu dheireadh a sgriobh “Cabar Feidh,” anns a MHAC-TALLA, moran toileachadh dhuinn a chiunn gu bhile sin fhéin a’ fiachainn ris na seann chleachdaidhean a chumail suas. Agus gu dearbh thogadh e ur cridheachan na faiceadh sibh na gillean gasda a suidhe còmhla a h-uile oidhche diluain ag gabhal nan seann òran, agus a leubhadh nan seann sgeulachan. ’Siomadh uair a chuala sibh roimhe iad, ach cha dubhairt sin dad; bha iàd riobh milis, blasda, binn agus bithidh iad sin gus an cùrar an Gàidheal fa dheireadh fo’n fhòd.
Thug an t-Urr. A. MacGilleain Sinclair d’an chlass, o chionn beagan sheachduinnean, còig d’a leabhraichean air na Bàird Ghàidhealach o 1715 gu 1765, agus aon de leabhraichean air sluaigh agus canainean an t-saoghail. Cha robh e riamh air deireadh ’n uair a bhiodh a Ghàidhlig ri cumail suas. Tha sinn a toirt moran taing dha.
Tha e gle iongantach nach ’eil Gaidheil Cheap Breatuinn a’ togail orra agus a deanaimh an dichioll gus class Ghàidhlig a chuir air a chois. Dh’fhaodhaidh iad so a dheanaimh anns na bailtean co-dhiu, fear am beil an deagh chothrom aca. A chlannaibh nan Gaidheal, togaibh oirbh, agus cuidicheabh iadsan a tha deanaibh an dichioll gus an cànain a chumail suas; agus na bitheabh diochuimhneach air a MHAC-TALLA; ’se so dùrachd AONGHAIS.
Oil-thigh Antigonish, April 4, ’95.
Meudaichidh càirdeas ar n-aoibhneas agus lughdaichidh e ar bron.
A Eilean a Phrionnsa.
Fhir deasachaidh choir: —Sgriobhainn do’r ’n ionnsuidh na bu trice mar bhiodh gu bheil mi tuigsinn ò’n MHAC-TALLA fhein gu bheil an da-iàrann-dhiag ’san teallach agaibh. Thug mi dhuibh roimhe seo cunntas air cuid do na h-eilthireich a thàinig do’n Eìlean, ach bha e air a ghearradh goirid—coltach ri aodach air am biodh inneadh. Chaidh pairt dheth air chall; bha e cho math; cha robh ann ach “taogan caol is taogan ramhar.”
Fhuair mi ’n t-oran a leanas o charaide còir. Bheir mi dhuibh a chunntas fhéin air mar a fhuair easan e.
“Rinnedh an t-oran a leanas le Calum Bàn MacMhannein, aon dhe’n luchd-imrich air an t-soitheach ainmeil “Polly” a sheòl a Phortrigh toiseach an t-samhraidh 1803; agus a leag an t-acair ann an Bàgh Orwell air an 18mh la do chiud mhios an Fhogair ’sa bhliadhna sin, le ma thiomchioll ochd ciad luchd imrich. Tha ’n t-oran tòiseachadh le bhi toirt cunntas orra fàgail acarsaid Phortrigh, agus a seòladh cunnardach measg chreagan ’us eileanan air taobh an ear agus tuath an Eilean Sgiathanaich gus an d’fhuair i sàbhailte gu cuan mor. Tha e ri thuigsinn o’n oran gu robh laimhseachadh “Polly” air earbsa ris a chuid bu chomasaiche ’sa b’ eòlaiche ’measg an luchd imrich fhad sa bha feum orra. Tha e ’cur sios gu cruaidh air an-iochdmhorachd a Bhaillidh agus a’ toirt comhairl’ air daoine teicheadh o ain-tighearnas nan uachdaran. Tha e criochnachadh le bhi moladh Eilean a’ Phrionnsa do dhream aig am biodh sùil ri tigh’n a nall.
Air an 29 do’n Mhàrt ’sa bhliadhna 1883 sgriobh mi sios an t-òran agus am fonn, mar a ghabh seann duine dhomh e (aois, cheitheir fichead bliadhna ’sa coig) a dh ionnsaich e ann an làithean òige a bheul an ughdair. Tha e ro coltach gu robh am fonn air a dheaaamh le aon do na Mic-Crimein. Tha ’n t-oran na shamhla fior air a Ghàilig dhùchasaich, mara bha i air a labhairt ’san Eilean Sgiathanach corr is ciad bliadhn’ air ais, oir cha b’urrinn an t-ùghdar aon chuid sgriobhadh no leughadh.”
Nise tha mi ’cur mo mhile beannachd a dh’iunnsidh nan càirdean an taobh thall do’n chuan mhor, a tha cho cuimhneach oirrnn, “Iain” agus “Cabar Feidh” us Creag-an-Fhithich.” Rinn mi toileachas mhor ris an litir á Bhaltos. Tha mi ro thoilichte mar tha MAC-TALLA soirbheachadh agus a Ghàilig a tigh’n beò.
Is mise Murchadh mac Aonghais, ’ic Iain, ’is Mhurchaidh Bhuidhe, ’ic Iain, ’ic Dhunnchidh, ’ic Dhomhnuill. ’ic Mhùrchidh, ’ic Dhunnchaidh ’ic Choinnich; agus tha mic ’us oghaichean agam. Ni sin da-ghlun-dhiag. Air taobh mo mhàthar ’s mi Murchadh mac Catriana nighean Dhòmhuill, ’ic Uilleam, ’ic Dhomhnuill, ’ic Uilleam ’ic Aonghais, ’ic Alastair.
MURCHADH LAMAN.
Baile- ’n-Tobair, E. P. I, 2, 4, ’95
Tha dearrsa aig siorbheachadh saoghalta a ta ealamh air sùilean dhaoine a dhalladh. An uair a chithear duine ag éiridh suas anns an t-saoghal, tha beachd agus barail ro mhòr air an gabhail dheth. Theihear, “Nach iongantach an duine so a dh’ -eirich co h-ealamh suas?” Cha’n ’eil smuain idir air a gabhail mu’n fhirinn gur iad an duslach, a’ chonnlach, agus na h-itean nithe gun chudthrom, agus air bheagluach na nithe gidheadh a’s luaithe agus a’s ealamh a dh’èireas suas. Cha’n iad an còmhnuidh na daoine mora agus maithe a’s luathe a dh’ eireas suas gu maise agus moralachd shaoghalta.
Bidh càirdean gu leor aig an fhear a bhios fialaidh.
[Vol . 3. No. 41. p. 2]
TAIGH NA COILLE.
LE IAIN.
CAIB XI.
Air feasgar àraidh choinnich Tomas Taillear, Tearlach Ros, agus sgiobair na Dubh-ghleannaich ann an aon de na taighean-òsda a bha faisge air an acarsaid anns an robh an Dubh-ghleannach aig acaire. B’ e an t-aobhar sònraichte a bh’ aca air son a chéile a chonneachadh anns an àm, a chum gu suidhicheadh iad, anns an dòigh a b’ fheàrr a b’ urrainn daibh, cia mar a gheibheadh iad greim air Seumas, gus a chur gu bog, balbh, sàmhach air bòrd ’s an Dubh-ghleannach.
An uair a chuir iad greis mhath de ’n fheasgar seachad a’ bruidhinn, ’s gun iad de ’n aon bharail mu ’n chùis, chaidh iad ’n an triùir air bòrd ’s an Dubh-ghleannach. Mu ’n do dhealaich iad ri ’chéile chuir iad gach cùis an òrdugh cho math ’s a ghabhadh deanamh. Bha ’n sgiobair ri cuid de ’n phàigheadh ’fhaotainn an uair a gheibhteadh Seumas air bòrd, agus bha e gus a’ chuid eile dhe fhaotainn an ceann bliadhna. Bha Tomas Taillear fo ghealladh an t-airgiod a phàigheadh do ’n sgiobair; oir cha robh sgillinn aig Tearlach Ros a bheireadh e dha. Ach an uair a gheibheadh Tearlach oighreachd Cheann-Locha bheireadh e a chuid fhéin air ais do Thomas.
B’ i a’ cheisd bu chruaidhe a bh’ orra, cia mar a gheibheadh iad Seumas air bòrd gun fhios do gach neach. Nan tugadh iad cuireadh dha gus e thighinn a chur seachad latha no dhà maille riutha, is dòcha gu faighéadh an lagh greim orra nan éireadh tubaist sam bith dha. Dh’ fheumadh iad a bhith comasach air an leithsgeul fhéin a ghabhail gu math ’s gu ro mhath ann an làthair nan uile, an uair a thòisicheadh seirbhisich an lagha ri sireadh Sheumais. Mu dheireadh is ann a shuidhich iad, gu ’n gabhadh sgiobair na Dubh-ghleannaich os làimh a ghoid leis gu bog, balbh, air bòrd. Cha bu luaithe a bha ’n sgiobair gu so a dheanamh na bha Tearlach gu sgrìobhadh dhachaidh gu ’athair, a dh’ innseadh gu ’n do theich e air falbh air luing a bha ’seòladh do na rìoghachdan thall. Gus an gnothach a chur an dara taobh gun dàil, chuireadh litir gu Seumas a dh’ iarraidh air e thighinn do ’n bhaile a dh’ fhuireach maille riutha fad latha no dhà.
Thachair anns an àm gu robh an sgoil air a dùnadh fad beagan làithean. Agus o ’n a bha so mar so, bha Seumas làn-dheas gus an cuireadh a ghabhail. Gun fheitheamh ri fios a chur roimhe gu robh e gus an coinneachadh anns a’ bhaile far an d’ iarr iad air, ’s ann a ghrad dh’ fhalbh e cho luath ’s a fhuair e deiseil. An uair a ràinig e, cha robh fear dhiubh roimhe ’s an taigh. Chuir so car de dh’ ioghnadh air; ach an uair a smaoinich e nach do chuir e fios uca gu robh e gu ruighinn, thuirt e ris fhèin gu faodadh gu robh iad a mach air cheann gnothaich dhaibh féin air feadh a’ bhaile. Air eagal gu ’m biodh e gabhail fadachd ’s an taigh ’s gun neach ann air an robh eòlas sam bith aige, smaoinich e gu rachadh e sgrìob a mach air feadh a’ bhaile, gun fhios nach tachradh iad ris air na sràidean. Ghabh e ceum air a shocair fhéin sìos an t-sràid, agus e gu geur a’ gabhail beachd air gach neach a bha e ’faicinn, agus mar an ceudna air an rathad a bha e ’gabhail, air eagal gu rachadh e iomrall air feadh a’ bhaile. Mu dheireadh ràinig e an cladach, agus sheas e car greise ag amharc air na bha de loingeas de gach seòrsa agus meudachd air acaire ann am bun na h-aimhne a bha ruith troimh ’n baile. Bha e ’miannachadh a dhol cuairt a mach a dh’ fhaicinn nan long ann an tè de na bàtaichean beaga a bha ann an oir na tuinne; ach thuirt e ris fhéin gu ’m b’ fheàrr dha a dhinneir a ghabhail ann an aon de na taighean-òsda a bha faisg air laimh mu ’n rachadh e ni b’ fhaide. Thill e air ais agus chaidh e steach do ’n taigh-òsda a b’ fhearr coltas a bh’ anns an chuid ud de ’n bhaile. Cha bu luaithe a chaidh e steach na threòraich aon de ’n luchd-frithealaidh e do sheòmar mòr anns an robh àireamh mhath dhaoin’ uaisle ’n an suidhe aig bùird an sid ’s an so air feadh an t-seòmair, agus iad a’ gabhail an dinneireach. Lean Seumas am fear a’ bha ’ga threòrachadh gu ceann shuas an t-seòmair. An àm a bhith ’dol troimh ’n t-seòmar cha do ghabh e beachd sam bith air fear seach fear de na bha ’n an suidhe mu ’n cuairt de na buird. Agus ged a sheall e uair is uair feadh an t-seòmair fhad ’s a bha e ’gabhail a dhinneireach cha d’ aithnich e aghaidh de na bha ’n taobh a staigh de ’n dorus.
Ach ged a bha Seumas an dùil nach robh neach ’s an t-seòmar da ’m b’ aithne e, bha e air a mhealladh. Bha Tomas Taillear, Tearlach Ros, agus sgiobair na Dubh-ghleannaich, anns an t-seòmar, ged nach d’ thug esan an air e dhaibh. Gun mhionaid dàlach thug iad an casan as do sheòmar eile, far an do chuir iad an comhairle ri chéile ciod a dheanadh iad.
Thuirt an sgiobair, gu ’n gabhadh esan os làimh, mu ’n rachadh an oidhche seachad, an t-òganach a chur ann an geamhail. Dh’ iarr e air an dithis eile iad a chumail as an t-sealladh, air chor ’s gu faodadh iad a ràdh ann am fianuis an t-saoghail, nach fhaca ’s nach cuala iad ni sam bith mu dheidhinn. B’ ann mar so a bha. Thug Tomas agus Tearlach an casan as. Agus chaidh an sgiobair do’n t-seòmar far an robh Seumas, agus shuidh e mu ’choinneamh aig a’ bhòrd, agus thòisich ri tarruinn seanchuis as. Bha Seumas glé fhosgarra ’na dhòigh, agus thòisich ri cumail seanchuis an sgiobair. Thàinig iad mu dheireadh gu bhith labhairt mu shoithichean ’s mu sheòladh ’s mu nithean eile a bhuineadh a dh’ obair na mara. Thuirt Seumas an sin, gu robh toil aige cuairt a thoirt a mach ann am bàta beag a dh’ fhaicinn nan soithichean mòra, briagha a bha aig acaire ann am bun na h-aimhne. Chòrd so ris an sgiobair ro mhath. Cha robh cabhag sam bith air fear seach fear dhiubh gu falbh o ’n bhòrd, oir bha iad air thuar a bhith ’nan dlùth cháirdean, eadar a h-uile comhradh a bh eatorra. Bha na naigheachdan garbha ’bha ’n sgiobair ag innseadh a’ còrdadh ri Seumas anabarrach math, agus bha ’n sgiobair ro thoilichte a chionn gu robh Seumas cho toileach a bhith ’g éisdeachd ris gach naigheachd a bha e ’g innseadh dha. Mu dheireadh dh’ éirich iad o’n bhòrd agus chaidh iad a mach. Thuirt an sgiobair ri Seumas gu ’m bu chòir dhaibh o’n a bha am feasgar cho briagha cuairt a thoir a mach do ’n acarsaid a dh’ fhaicinn nan soithichean. Fhuaradh bàta beag, agus chaidh an dithis aca air bòrd innte. Bha ’n sgiobair ’na dhuine mòr, trom, agus cha mhór nach robh luchd a’ bhàta ann leis fhein. Bha beagan eagail air Seumas an uair a chunnaic e cho faisge ’s a bha beul a’ bhàta air an uisge. An thuirt an sgiobair ris nach ruigeadh e leas eegal sam bith a bhith air, o’n a bha ’n t-sìde cho ciuin ’s nach robh
[Vol . 3. No. 41. p. 3]
tonn a’ gluasad o chloich anns an acarsaid. Ged a thuirt an sgiobair so ri Seumas bha iad ann an cunnart gu leòr, nan éireadh an gluasad bu lugha air an fhairge. Bha ’n sgiobair a’ miannachadh ’na chridhe gu ’n éireadh sgiorrag dhaibh; oir bha e fhein na dheadh shnàmhaiche, agus bheireadh e tìr a mach gun teagamh.
Ann am beagan mhionaidean thachair a’ cheart ni a bha e ’miannachadh. Bha aon de na bàtaichean-smùide a’ dol seachad, agus chuir i beagan gluasaid air an fhairge. Thòisich am bàta ri turraman, agus o nach robh Seumas cho faicleach ’s bu chòir dha thug e gluasaid as a dh’ ionnsuidh an dara taoibh. Sid am bàta air a beul foidhpe mu ’n do tharr iad sealltuinn uca no uapa. Bha fear a’ bhàta agus an sgiobair gu math ealanta air an t-snàmh, agus bha iad air neo-ar-thàing a’ ghnothaich. Gun dàil sam bith fhuair iad cuideachadh, agus thugadh an triuir fhuair aca air bòrd na Dubh-ghleannaich. Ged a bha Seumas beo, cha robh e ach lag gu leòr; oir thachair dha gu mi-fhortanach a bhith fo bheul a bhàta gus an robh e an impis a bhith bàithte, Bha toil aige a dhol air tìr, lag ’s mar a bha e, ach cha leigeadh an sgiobair leis. Thug e air a chreidsinn nach biodh e sàbhailte dha caruchadh as an àite an robh e gus am biodh e gu math ni b’ fhearr.
Fhuair an sgiobair gach ni gu ’mhiann, Cha robh dhith air ach greim ’fhaotainn air Seumas gun dragh gun tuasaid sam bith a chur air fhein no air daoine eile.
Air an fheasgar ud fhein chaidh am fear aig an robh am bàta gu tir ’s e gun dad cearr air, ach gu robh e fliuch.
Chuir Seumas an oidhche seachad glé neo-fhoiseil. Cha robh a chàradh air bòrd na Dubh-ghleannaich ach glé mheadhonach an coimeas ris mar a chleachd e. Mar an ceudna bha e anabarrach diumbach dhe fhein air son e bhith cho amaideach gu ’n deachaidh e do ’n bhàta bheag idir. Chuir a h-uile ni a bh’ ann o chadal na h-oidhche e, agus cha b’ fheairrde e sin dad.
Ciod sam bith deoch a thug iad dha gu cadal a chur air, chaidil e gus an robh e àird-fheasgair an là-iar-na-mhàireach. An uair a fhuair iad Seumas bochd gu trom ’na chadal thog iad na siùil ris an Dubh-ghleannaich, agus thug iad an cuan orra. Bha soirbheas cho math ’s a dh’ iarradh iad, agus mu ’n àm ’s an do dhùisg Seumas bha iad air sealladh a chall air fearann Bhreatuinn.
Lag ’s mar a bha Seumas, chuir e roimhe gu ’n éireadh e ged a bha ’n sgiobair fada an aghaidh dha sin a dheanamh. An uair a chaidh e suas gu bord ’s a chunnaic e an cuan mor farsuinn mor-thimchioll air stad an dà shùil shuas aige. Ghrad chaidh e far an robh an sgiobair, agus dh’ fheoraich e dheth, ciod a b’ aobhar nach do chuir e air tìr e mu ’n d’ fhalbh e leis an luing as an acarsaid? Thuirt an sgiobair ris, gu ’n do shaoil leis a’ mhate gur ann a bha e gus a thurus a ghabhail maille riutha gu ruige America, agus gu ’n d’ fhalbh iad as an acarsaid an uair a bha e fhein ’na chadal gun fhios gun fhaireachadh dha. Thairg Seumas suim mhath airgid a phàigheadh dha nan tilleadh e leis agus fhàgail gu sàbhailte air tìr ann am Breatunn. Sid rud nach deanadh an sgiobair air chumhnanta sam bith. An uair a chunnaic e gu robh Seumas fo mhor dhragh inntinn, mar a bha nàdurra dha bhith, thuirt e ris, gu ’m b’ fhearr dha feuchainn ri e fhein a dheanamh riaraichte leis an t-suidheachadh anns an robh e. Agus nam faiceadh e long sam bith a bhiodh air turus gu ruige Breatunn, gu ’n cuireadh e bord innte e.
(Ri leantuinn.)
A thaobh ar teachd-an-tir tha moran deth ’ga mhilleadh le ana-caitheadh. Fàgar cuid dheth ’nar soithichibh, —théid cuid dheth ’san teine, —agus tilgear cuid dheth a mach. Tha e cinnteach gu ’m bheil comas againn air so a dheanamh, oir is leinn fein e. Cheannaich no choisinn sinn e. Phaigh sinn am fuineadair, agus am feoladair, ach cha do phaigh sinn Easan a rinn an teachd-an-tir, agus cha ’n urrainn sinn ath-dhioladh a dheanamh Dha-san le h-airgiod no le h-or. Uaith-san tha sinn a’ faotuinn ni’s leoir air son ar feumalachd fein, ach cha’n ’eil sinn a’ faotuinn coir Uaith-san gu ana-caitheadh a dheanamh air a’ chuid a’s lugha de thoirbheartas a fhreasdail fein d’ar taobh.
Tha cleachdadh na dichill ’na buannachd mhoir air a sgàth fein. Is e so fior shaorsa an duine sin a ta iriosal. Tha e ’cur dealachaidh ro chomharraichte eadar e agus an neach sin eile a tha ciontach agus truagh. Is e so fior shuaicheantas an urraim a ta aige ’san t-saoghal, agus is e so a bheir air gu’n abair e, “Tha mi a’ cumail m’ àite fhin a ’m measg mo cho chreutairean, a chionn gu’n do choisinn mi e.” Tha e ’ga fhaicinn fein saor agus neo-eiseimeileach, agus anns gach comunn feudaidh e a cheann fein a thogail suas.
Cha’n e saibhreas mòr, no full uasal a ni duinc sona. Tha’n da chuid aig mòran de na daoinibh a’s truaighe air an talamh. Is sona, siochail, beannaichte an ti sin aig am bheil cumhachd gu cur suas gu foighdinneach le deuchannaibh, agus aig am bheil taingeileachd gu comhfhurtachd a shealbhachadh. Tha ’n tì sin a’ tarruing sonais ’a cùisibh eugsamhla na beatha, agus eirichidh gu math dha a bhos agus thall. Smuainich air so, agus bi glic.
Tha moran air am mealladh a thaobh saoibhreis. Tha dùil aig na daoinibh saoghalta, amaideach, farmadach nach ’eil sonas r’a fhaotuinn air uachdar an talmhainn, ach ann an airgiod agus òr. Ach tha mealltaireachd na barail so aithnichte dhoibhsan uile aig am beil cinn gu smuineachadh, agus cridheachan gu mothuchadh.
Tha beatha an duine air a roinn ’na tri earrannaibh, agus is iad sin, an earrann a bha, an earrann a ta, agus an earrann a bhitheas. Bu chòir duinn a bhi air ar teagasg leis an àm a chaidh seachad, buannachd fhaotuinn o’n àm a ta làthair, agus gu bhi ’gar giùlan fein ni’s feàrr air son an amarieachd.
Is searbh an obair a bhi diomhain. Cha’n ’eil ni sam bith ann a dh’ fhàgas duine an staid ni’s truaighe na bhi diomhain. Cha ’n ’eil aobhar truais ann a ta ni ’s mò na daoine aig am bheil ùine ’nan laimh fein, agus gun a bhi faicinn car aca r’a dheanamh.
Far nach ’eil an cridhe saibhir, cha’n ’eil ann an saibhreas ach deircean bochd, salach, truagh.
[Vol . 3. No. 41. p. 4]
MAC-TALLA
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney Cape Breton.
SIDNI, APRIL 13, 1895.
Se Domhull a B’fhearr.
Chaidh dithis Ghàidheal, uair ’gan cosnadh fhéin gu Galldachd, agus a cheud latha Sàbaid an deigh dhaibh a bhi stéidhichte, thog iad orra gus a dhol dh’an t-searmon, mar a b’abhaist dhaibh a dheanamh ’san dùthaich aca fhéìn. Chaidh iad a stigh do’n cheud eaglais a chunnaic iad agus air dhaibh a bhi car nàrach dhiubh fhéìn shuidh iad ann am fear de na suidheachanan cùil a dh’ fheitheamh ris an t-seirbheis. Bha òrgan anns an eaglais a bha anabarrach briagha agus cosgail, agus air feadh ’sa bha ’n sluagh a’ cruinneachadh, bhatar ’ga chluich, agus air leis an dithis so nach cual’ iad ceòl cho binn riamh o ’na rugadh iad. An teis meadhoin a chiùil, thainig duine modhail, siobhalta, nuas far an robh iad agus dh’iarr e orra teannadh suas na b’fhaisge, ach sid rud nach robh iad deonach a dheanamh, agus an deigh beagan tathuinn, dh’fhàg e iad car tacain. Ach an uair a bha ’n ceòl gu bhi thairis agus an t-seirbheis gu tòiseachadh, thàinig e far an robh iad a rithist. Cha robh toil aige gu’m biodh duine sam bith, co-dhiu coigreach, na shuidhe cho fad air chùl, agus rùm gu leòr air am beulaobh. Chuir e ’làmh air gualla Dhùghaill ’s ars esan ris, “Nach tig sibh a nuas.” “Och,” arsa Dùghall,, “iarraibh air Dòmhull. ’Se moran a’s fhearr air dannsa na mise. Cha’n eìl feum sam bith annamsa.”
Bidh gràdh aig an fhior charaid dhuinn aig gach àm agus anns gach àite.
Ma bhios sinn ag iarraidh caraid anns nach ’eil coire bidh sinn gun charaid gu bràth.
Am fear a bhios ’na charaid do gach neach cha bhi e ’na charaid do neach sam bith.
Cha ’n e am fear a ghabhas truas dhinn ar caraid idir ach am fear a bheir dhuinn cuideachadh.
Mur leig thu d’ inntinn ri do charaid lotaidh tu e agus mur cuir thu earbsa ann caillidh tu e.
A duine anns am bheil spiorad càirdeil ni e càirdean dha fhein ge b’ e air bith àite anns an tachair dha ’bhith.
Cha bu choir do dhuine deagh obair a thréigsinn, ged nach soirbhich cùisean leis co h-ealamh ’s a bha dùil aige. Cuireadh e a dhochas ann a subhailc, firinn, agus maitheas an Fhreasdail agus thig rath an cois a dhichill.
Tha mi creidsinn gu leighisMINARD ’S LINIMENTAmhach Ghoirt.
Riondald , MRS. REUBEN BAKER
Tha mi creidsinn gu’n toirMINARD ’S LINIMENTair falt fàs.
MRS . CHAS. ANDERSON.
Stanley, P.E. I.
Tha mi creidsinn gur h-eMINARD ’S LINIMENTan leigheas a’s fhearr a tha ri fhaotainn.
METHIAS FOLEY,
Oll City, Ont.
Na dean gaire ri leanabh ged a chuireadh e ceist, ’n ad bheachd-sa, amaideach. Cha’n ’eil sin amaideach do’n leanabh, agus ma nithear gàire ris, bithidh e an cunnart a mhisneach a thoirt air falbh. Ge be co iongantach, faoin, agus diomhain ’sa dh’ fheudas ceistean na cloinne a bhith, tha iad airidh air freagradh cairdeil agus deas fhaotuinn.
Bathar dhe gach seòrsa ’s fhearr, agus cho saor ’sa gheibhear ’sa bhaile ri chreic aig D. I. Domhnullach. Taghail aige.
Faodaidh sinn càirdean ’fhaotainn le geallaidhean ach ma ’s math leinn an cumail againn feumaidh sinn ar geallaidhean a chomhghealladh.
Tha da bhocs’ air fhichead de bhathar tioram a tigh’n ugainn à Alba, am bathar a’s fhearr air a phris a’s isle. MACDONALD HANRAHAN & CO
CuirMinard ’s Linimentri d’ fhalt.
LeighsidhMinard ’s Linimentan Grippe.
Minard ’s Linimentair son Loine.
CUIMHNICH!
gu bheil aghainn
Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh
dhe gach seorsa, agus ’ga reic air
PRISEIN IOSAL.
JOST BROS.
Sidni, C. B., Feb. 1, ’95.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETER’S, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.
Dr, G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 3. No. 41. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Tha tuathanaich Manitoba ag obair air cur a chruithneachd. Tha duil aca pailt uiread eil a chur am bliadhna ’sa rinn iad an uiridh, agus chaidh iad an uiridh fada thairis air an àbhaist.
Tha tinneas gabhaltach air bristeadh a mach ann an cearna de Chuibeic, dhe nach urrainn na doctairean dad a dheanamh. Tha mòran air bàsachadh leis o chionn ùine glé ghoirid.
Tha ’m flùr a’ fàs daor. Chaidh a’ phris suas eadar leth-dolar us tri tasdain air an t-seachdain s’a chaidh. Cha b’ urrainn gu leanadh e air a bhi cho saor ’sa bha e fad a gheamhraidh.
Tha cùirt na siorrachd ’na suidhe air an t-seachdain so. Tha àireamh mhath de chàsan ri bhi air am feuchainn, agus tha choltas air gum bi i ’na suidhe a chuid a’s mò dhe ’n t-seachdain s’a tighinn fhathast.
Tha ’n deigh mhor gu math tiugh mu chladaichean a tuath an eilein. Cha robh uiread deigh an Caolas Chanso o chionn fichead bliadhna ’sa bh’ ann air a’ gheamhradh so. Bha cnapan dhith cho mor ’s gu robh iad a’ grunnachadh ann an ceithir troidhean fichead de dh’ uisge.
Chaidh sabhal de Donnacha Mac Rath, air Bràigh na h-Aibhne Meadhonaich, a losgadh gu làr aon latha air an t-seachdain s’a chaidh, agus gach ni a bha ’na bhroinn a chall. Bha anns an t-sabhal aig an àm, coig chinn chruidh, ’s mu dhusan ceann caora, a bharrachd air feur us arbhar us innealan tuathanachais. Shàbhail na h-eich le bhi aig deoch aig an àm. Chaidh an teine fhadadh le duine dhe ’n chloinn a bha ’cleasachd le “maidsichean.”
Thainig isleachadh mor air an t-sneachda a cheud chuid dhe’n t-seachdain so, ach thainig reothadh cruaidh oidhche Di-ciaduinn. Tha meall mor sneachda air an talamh fhathast agus tha na ròidean anabarrach dona. Ma’s fior na bhithear ag radh, bi’dh bàrr math anns an dùthaich air an fhoghar s’a tighinn, oir tha iad ag radh gu’m bi sin ann na h-uile bliadhna bhios sneachda mor ann. Agus cha’n fhacas uiread sneachda, air lár ’san dùthaich so, cha’n eil fhios cuin, ’sa bh’ ann am bliadhna.
Tha luchd-riaghlaidh Bhreatuinn an deigh coig mile deug punnd Sasunnach a chur gu Newfoundland air son cuideachadh leis na daoine bochda. Tha iad mar an ceudna a’ cur teachdaire nall a rannsachadh a mach cùisean an eilean. Tha teachdairean o Newfoundland aig na am so ann an Ottawa a feuchainn ri còrdadh a dheanamh ri luchd-riaghlaidh na dùthcha a thaobh aonaidh. Tha iad ag radh co-dhiu gu bheil muinntir Newfoundland glé fhada ’n aghaidh a bhi air an ceangal ri Canada, ged is cinnteach an ni gu’m b’ iadsan a gheibheadh a chuid a b’ fhearr dheth. Cha bhi fada tuilleadh gus an cluinnear na cumhachan a tha iad a deanamh, ma’s e ’s gu’n tig iad gu còrdadh.
Chaochail fear Uilleam Ball, ann am Baile-Sheòrais, E. P. I., air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ceud bliadhna ’sa h-aon a dh’ aois.
Tha coithional Ghabarus an deigh eaglais ùr a chur suas a tha ’na fior chreideas dhaibh, agus rinneadh an obair, cha mhor uile, le muinntir a choithionail. Fhuair iad roinn mhath de chuideachadh o dhaoin-uaisle a bha toileach an obair mhath a chur air adhart.
Chaochail seana bhean, aois thri fichead bliadhna ’sa deich, do’m b’ ainm Màiri Sutherlan, ann am Montreal, air an t-seachdain s’a chaidh. Bha ’san ainm gu robh i glé bhochd, ach ’nuair a chaidh a tigh a rannsachadh an deigh a bàis, fhuaireadh mu mhile dolair am falach an sid ’san so air fheadh.
Tha Sàcramaid na Suipeir ri bhi air a frithealadh ann an eaglais St. Andrew’s am màireach. Bha a “cheist” aca anns a’ Ghàilig Di-haoine mar a b’ àbhaist, agus labhair a chuid bu mhò de na h-eildearan, agus feadhain eile, oirre. Bha coinneamh anns an eaglais na h-uile feasgar fad na seachdain.
So sgeul a thainig as an Iar-thuath. Bha càs-lagha aig ceannaiche anns a’ chuirt o chionn ghoirid, agus chaill e. Air son sin thug e ’n aghaidh air an fhear-lagha ’bh’aige agus thug e deagh lidrigeadh dha air son a chiontapachd. Air la- ’r-na mhàireach, chaidh an càs fheuchainn a rithist, agus gleidh e, ach cha chuala sinn fhathast, de rinn e ris an fhear-lagha, no’n d’rinn e dad idir ris.
Chaidh duin’ òg a mhuinntir Phort Morien, Domhnull Eoghan MacFhearghais (mac Chalum) a ghoirteachadh gu dona anns a’ mhèinn Di-ciaduinn. Thuit leac mhor de chreig air, agus chaidh a chur as a chruachan, a bharrachd air a bhi air a ghoirteachadh air doigh eile. Mur biodh gu robh ’n tuba ri thaobh ’s gu’n do chum i ’n cudthrom dheth, bha e air a mharbhadh. Bha fear eile comhla ris, ach fhuair e as gnn dochainn sam bith.
Bha coinneamh mhòr air luchd na Stuaime ann an tigh-na-curtach am Baddeck air a mhios s’a chaidh, agus dh’ aontaich iad uile (1) nach toireadh iad cuideachadh sam bith do dhuine sam bith a bhios ag iarraidh taghaidh air son pàrlamaid Chanada nach toireadh gealladh sgriobhte dhaibh gu’n deanadh e ’uile dhichioll air son bacadh a chur air creican stuth làidir ann an Canada air fad; agus (2) gu ’n toireadh iad làn chuideachadh dha-san a bheireadh an gealladh sin dhaibh; agus (3) mur toir duine air taobh seach taobh gealladh mar sin dhaibh, gu’n cuir iad duine dhiubh fhéin a ruith ’nan aghaidh. Bha ’n tigh luma làn sluaigh, agus bha iad uile mar aon duine mu’n chùis. Bha coinneamh mhath aca, òraidean, leughadh, agus seinn. Tha càirdean na stuaime ann an siorrachd Victoria, a reir coltais a’ cur rompa na’s urrainn iad a dheanamh gus an dùthaich a shaoradh o’n droch mhalairt, agus ’s math a ghoibh iad sin. Chaidh cunntas mion air a choinneamh so agus air coinneamh eile bh’ aig an I. O. G. T. air Amhuinn Bhaddeck a chur d’ ar n-ionnsuidh ach bha iad car fada air son an cur ’sa phaipear.
Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan, Pinn, Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
[Vol . 3. No. 41. p. 6]
A’ GHALIG, CARSON A THA SINN ’GA H-IONNSACHADH AGUS ’GA CUMAIL SUAS.
Oraid an Lighich Mac Gill ’Iosa aig Coinneamh a’ Chlass Ghaidhlig an Lunnainn air a Cheathramh latha da Mhios Dheireannach an Fhoghair, 1894.
A’ Mhnathan uaisle agus a’ Dhaoine-uaisle, smuainich mi nach biodh e mi-fhreagarrach aig ciad choinnimh a’ chlass seo, na’m feoraichinn carson a tha sinn a buannachadh anns an obair seo o bhliadhna gu bliadhna, obair co-cheangailte ris am beil uiread de dhragh, de dh’ anacothrom agus de chosgas, agus an cois am beil a reir coltais, cho beag buannachd a leantuinn; Carson a tha sinn ag ionnsachadh agus a cumail suas na Gaidhlig?
Cha ruiginn a leas a cheisd seo a chur no a fhreagairt air an sgath-san a chleachd a bhi tighinn a dh’ ionnsuidh a ’chlass seo gach bliadhna bho chaidh a chur air chois; tha am freagairt aca-san annta fein. Ach tha sinn an seo an duthaich choimheach a labhairt cainnt choimhich, am measg sluaigh de ’m beil a’ mhor roinn aon chuid cearta coma mu dheibhinn ar cainnt, neo de bheachd nach ’eil innte ach cuis-sgreat a thaobh am bu choir na h-uile dhichioll a bhi air a chleachdadh gu ’cuir as an rathad. Tha fios againn cuideachd gu ’m beil moran de ar luchd-duthcha fein a tha cur teagamh ann an gliocas agus ann an tuigse leithid ’sa tha gu daimheil ag altrum na seana chainnt seo. Tha eadhon Gaidheil—co dhiubh, daoine tha dol fo ainm Ghaidheal—nach ’eil a cleith am fuath do ar cainnt mhathaireil. Tha sinn mar seo air ar gairm gu aobhar a thoirt airson an dochais a th’ againn agus math a dh’ fhaoidte gu mholadh do mhuinntir eile.
Cha ruig mi leas a radh gur e aineolas de sheorsa sam bith ni as am bu choir do neach a bhi mall gu uaill a dheanamh, ni mò a ruigeas mi leas ainmeachadh nach ’eil e na ni glic do dhuine sam bith a bhi deanamh tair air a leithid a leabhar-cuimhne de eachdraidh a’ chinne-daoine ’s a th’ againn anns a Ghaidhlig. Feumaidh duine bhi gle mhor mu ’n tig e gu math dha tàir a dheanamh air cainnt sam bith; ’s e duine ro bheag agus ro ghorach a dh’ fheuchas ris; tha mi ag radh seo gun a bhi tighinn oirnn fein agus air ar cainnt, tha e fìor mu dheibhinn na h-uile cainnt, ach a bhi cur am mi-shuim agus a deanamh dearmad air cainnt neach fhein tha seo a nochdadh cion graidh-duthcha agus gliocais; ach a bhi deanamh di-meis agus tair oirre ’s ann a tha seo ro nàr agus ro thruagh. ’S iad seo priomh-bheachdan nach fhaod neach sam bith aicheadh, agus tha iad ’nan aobhar na ’s leoir airson a bhi ’g altrum agus a toirt na h-uile urram do ar cànain màtharail. Is Gaidheil sinn, agus mar Ghaidheil tha na beachdan a’s airde a th’ againn mu nadur na daonnachd air an ceangal suas ’n ar cainnt dhùthchasach, a ’chainnt a dh’ altrum beatha ar sluaigh troimh eachdraidh ghaisgeil agus fhoghaintich.
Tha ar luchd-dùthcha anns a’ Ghalldachd gle mhi-shuairce a thaobh na Gaidhlig, agus sluaigh na Gàidhealtachd. Tha iad moran ni ’s aontaiche anns an ni seo na na Sasunnaich fhein. Ach tha seo a tighinn gle dhona dhaibh ’nuair a chi sinn iad, cho luath ’s a thig iad gu deas an seo, ga’n comhdach fein le feile-beag ’us breacan chum a leigeil ris do ’n t-saoghal gur Albannaich iad. Tha daoine ris an deanadh na coin comhartaich na ’m faiceadh iad ann am feilidhean iad aig an taigh, a gabhail ri aodach an t-sluaigh a tha iad a saoilsinn a bhi cho fada fodhpa, chum iad fein a shaoradh o neo-nitheachd. Cha bu choir dhaibh ar cainnt a’ mhaoidheadh oirnn ged nach ’eil uiread de shùim aca fein dhi ’s a dh’ ionnsaicheas i, agus ma thuigeas iad gu ’m beil sinn a cheart cho foghlumaichte riu fein agus ar talantan nadurrach co dhuibh cho mor agus cho ard ri ’n cuid-san agus air an aobar sin gu’m beil coir againn air ar breithneachadh fhein a’ chleachdadh, faodaidh e bhi gu ’m faic iad aobhar air choreigin gu bhi beagan ni ’s suairce do ’r taobh.
Cha ’n urrainn duinne agus cha ’n urrainn do neach tuigseach sam bith sealltuinn air duine sam bith mar Ghaidheal nach ’eil ’ga fhaicinn mar a dhleasnas a’ Ghaidhlig ionnsachadh, ’se sin ma bha e cho mi-fhortanach ’s nach robh i aige o oige. A dh’ aindheoin ’s na tha cuid a gabhail orra ’bhi aca de ghradh-dùthcha agus mar sgeadaicheas iad iad-fein le feilidhean, osain, agus seudain, mur b’ fhiach leo an cainnt dhùthchasach ionnsachadh cha ’n ’eil iad ’n an Gaidheil ach anns an t-seadh a’s eudomhainne agus a’s suaraiche. Agus ma thachrar ri cuid dhiubh seo a tha cho gearr-sheallach ’s gu ’n dean iad magadh air, agus gu ’n labhair iad gu gamhlasach mu dheibhinn, ar cainnt mhoir, cha ’n ’eil annta ach na fior mhealltairean, —daoine aig nach ’eil cliu sam bith iad fein agus aig nach ’eil uiread de náire ’s a chumadh iad o bhi salachadh na nid anns am bu mhiann leo fhein aite fhaotainn. Tha cus againn de’n obair seo anns a’ Ghàidhealtachd cho math ris a’ Ghalldachd, agus mar is luaithe theid cur as di, agus a theid an t-slaightearachd so a chur gu h-aite fein ’s ann is fhearr. Bithidh seo furasada gu leoir a’ dheanamh, ma bhitheas na Gaidheil dileas dhaibh fein agus do’n eachdraidh.
Gu bhi toirt freagairt ni ’s poncaile do ’n cheisd a chur mi faodaidh mi, anns a’ chiad dol a mach, fhaighneachd, Carson nach biodh a’ Ghaidhlig air a teagasg agus air a h-ionnsachadh? Cho fad ’s is cuimhne leamsa cha chreid mi gu ’m beil cainnt sam bith eile ann mu thimchioll an cluinn sinn e cho dùrachdach air a chur an ceill, nach ’eil feum sam bith innte, gur ann a tha i eadhon ni ’s miosa na bhi mi-fheumail, oir is tric a chuala mi e air a radh gur ann a bha i na mallachd do shluagh na Gaidhealtachd. Innsear dhuinn gu ’m beil i cur bacadh orrasan aig am beil i, ’nan turus troimh an t-saoghal agus gu ’m beil i an dòigh iongantach air choreiginn nach b’urrainn dhomh fhein riamh a thuigsinn, ’gan cumail bho eolas ceart fhaotainn air a’ Bheurla agus air an fhoghlum agus an fhinealtachd a tha ’chainnt sin a tabhairt dhaibhsan aig am beil i. A bharrachd air seo innsear gu daonnan dhuinn nach ’eil a’ Ghaidhlig gu feum sam bith ann am malairt no an gnothuichean an t-saoghail.
A ’Mhnathan uaisle agus a Dhaoin-uaisle, ged nach nach biodh argumaid sam bith eile agam air taobh ionnsachaidh agus foghluim na Gaidhlig na gu’n saoradh i sinn an tomhas air chor eigin, bho thrustaireachd, bho an-iochdmhorachd agus bho graisg-chomhradh an là ’s am beil sinn beo, theirinn le làn cheartas gu ’m bu choir dhuinn a taisgeadh suas eadhon mar fhuil ar cridhe. Ma tha i ’gar saoradh an tomhas air bith, agus tha mi creidsinn gu ’m beil, bho leir-sgrios na nàire agus bho chruas neo-thlùsail nam faireachduinnean a tha ri’m faotainn an aitibh airde a’ bhaile so, no bho ’n truailleachd mhi-thruacanta agus an t-eudochas a chi sinn ’s na h-aitibh a’s
[Vol . 3. No. 41. p. 7]
isle, cha’n fhaod sinn air chor sam bith dealachadh rithe. Cheart cho cinnteach ’s a gheibh sinn duine òg an Lunnainn no an aon air bith eile de ar bailtean mora, a gabhail dian-thlachd ’na chainnt dhuthchasach, no ann a bhi cumail suas cleachdaidhean feartach a dhùthcha, tha e sàbhailt agus cho cinnteach ’sa tha ’ghrian ag eiridh, tha e air an rathad gu soirbheachadh. Is i seo firinn a chuir mi an ceill cheana ni’s trice na aon uair, agus a tha mi geur air ath-aithris agus cha ’n ’eil teagamh agam nach abair gach aon agaibh fhein gu ’m beil mi ceart.
Air an laimh eile tha ’mhor chuid de ar struidhearan a tighinn a measg na muinntreach sin a tha cur cùil ri ’n dùthaich agus ri’n cinneadh, agus a roghnachadh aitean taitneach mi-stuama an t-saoghail. Fad nam bliadhnachan a tha mi a gabhail comhnuidh an Lunnainn cha chuimhne leam gu’n robh aon am measg a’ mhorain a thainig thugam ag iarraidh deirc, air an robh eolas sam bith agam, agus tha mi creidsinn gur aithne dhomh na h uile neach a bhuineas do chomunnan Gaidhealach a’ bhaile seo. Faodaidh mi radh nach fhaigh sibh aon duine ann an linn aig an robh spéis d’a dhùthaich agus do a h-eachdraidh a dol air chall an slochdaibh na mi-stuamachd agus na dubhailc.
Theid mi ni’s fhaide agus their mi gur iad na daoine aig an robh eolas math air a’ Ghaidhlig agus a nochd an spéis di, a rinn an dleasnas anns an doigh a’s cliutaiche ge be suidheachadh anns an robh iad. Cha’n ’eil ann ach a bhòilich a’s amadaiche do neauh sam bith a bhi ag radh gu’m beil eolas air a’ chainnt dhùthchàsaich na ghrabadh no na bhacadh do ’n Ghaidheil.
Cha ’n ’eil e fior gu ’n cuir a’ Ghaidhlig eis sam bith air neach ann an ionnsachadh na Beurla no ann a bhi cur làn mheas air a’ chuid ’s fhearr de litricheas na cainnt sin. Am measg mo luchd-eolais fhein ’s iad na Gaidheil sin a’s eolaiche air an cainnt fein aig am beil an greim a’s fhearr air a’ Bheurla, agus air a litricheas, air mo shon féin, ged nach d’ rinn mi di-meas no dearmad air mo chainnt dhùthchasaich, cha d’ fhuair eadhon iadsan nach robh de ’n aon bheachd rium an iomadh ni riamh coire dhomh airson na doigh anns an do chleachd mi a’ chainnt Shasunnach seo.
(Ri leantuinn.)
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Soithichean Creadha agus Glaine.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh
Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris as fhearr orra an coinneamh bathair.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Feb.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN
Taillearachd.
Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnn
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.
[Vol . 3. No. 41. p. 8]
Oran Imrich.
LE CALUIM BAN MAC MHANNEIN.
An àm togail dhuinn fhin
Mach o’ challa Phortrigh,
’Siomadh aon a bh’ air tir ’s iad brònach;
Iad ag amharc gu dlùth,
Null ’s an sùil air an Luing,
’S ise ’gabhail a null gu Rònaidh.
Thuirt Mac Fàid as an Dig
’S e ag éigheach rium fhin,
’S ann a laigheas i sios gu Tròdaidh,
’S biodh am fear is fearr tùr
Nis na shuidh air an stiùir,
Gus an teid i os cionn an t-Sòain.
Eilean eil ann da réir,
Agus sgeir nan ruinn géir,
’S bithidh muir air a bhéist an còmhnuidh;
Tha cnap eil ann no dhà,
’S am dhiubh sin clach nan ramh,
’S Bogha Ruadh, ’tha fo aird ’Ic Thòrlain;
Leachd-na-Buinne so shuas,
’S Rugha ’n Aiseig ri cluais,
Mol-a- Mhaide ’s e cruaidh le dóirneig.
Thoir an aire gu dlùth
Cumail àrd os an cionn
Seachain sruth Rugha Hunais ’s mòr e.
Dh’ éirich soirbheas o’n tuath
Dhuinn os cionn Fladaidh-chuain,
’S ann a ghabhadh i ’n uair sin òran;
I a’ siubhal gu luath.
’S i a’ gearradh ma cluais,
’Dol a ghabhail a chuain ’s i eòlach.
Thug mi sùil as mo dhèigh,
Null air Rugha-Chùirn-léith
Is cha ’n fhaca mi féin ach ceò air.
Sin ’nuair labhair Mac Phàil,
’S e ag amharc gu h-àrd,
“ ’S mor mo bheachd gur e bàrr a’ stòir e.
Moire! ’s minig a bha
Mise treis air a sgàth
Ann an Rig, ’s gum b’ e ’n t-aite bhò e,
’Nuair a thigeadh a Màrt,
Bhiodh an crodh anns a Chàrn,
’S bhiodh na luibhean co-fhas ri neòinean.
Bhiodh an luachair ghorm ùr,
Nios a’ fàs anns a bhùrn
Fo na brudhaichean cùbhra, bòidheach,
Bhiodh na caoirich da réir
Ann ri mire ’s ri leum,
’S iad a’ breith, anns a chéit, uaim òga.
Thainig maighstir as ùr,
Nise stigh air a’ ghrùnnd,
Sin a nàigheachd tha tùrsach, brònach,
Tha na daoin’ as a’ falbh,
’S ann tha maoin an deigh searg’,
Cha n-eil mart aca dh’ fhalbhàs mòinteach;
Chuireadh cuid dhiubh ’sa mhàl,
’S fhuair cuid eile dhiubh ’m bàs,
’S tearc na dh’fhuirich a làthair beò dhubh;
Ciod a bhiunnig dhomh fhin,
Bhi a fuireach ’s an tir,
O’ nach coisinn mi ni air brògan.
’S ann a theid mi thar sàil,
S’ ann a leanas mi càch,
Fiach a faigheamaid àite comhnuidh.
Gheibh sinn fearann as ùr,
’S e ri cheannach á grùnnd,
’S cha bhi sgillinn ri chùnntas oirnn dheth,
’S math dhuinn fasgadh nan craobh,
Seach na brudhaichean fraoich,
Bhiodh a muigh ann an aodann Ghrobain,
Air na leacan lom, fuar,
’N uair a thigeadh am fuachd
Sin an t-astar bu bhuaine mòinteach.
Moire! ’s fhada dhuinn fhin
Rinn sinn fuireach ’san tir,
Ged a thogamaid ni gu leòr ann,
’S iomadh dosgainn is call
Thigeadh orra ’n an àm,
Chuireadh seachad feadh bheann ri ceò iad.
Ged a readhmaid gu féill,
’S ged a reiceamaid treud,
’S ged a gheibheamaid féich gu leòr air,
Thig am Bàillidh mu ’n cuairt,
Leis na sumanaidh chruaidh
’S bheir e h-uile dath uainn dheth còmhladh
B’e sin fitheach gun àdh
Tha air tighinn an tràths’,
’S e na Bhàillidh an àite ’n Leòdaich,
Umaidh ardanach, cruaidh,
’S e gun iochd ris an tuath,
E gun taise, gun truas gun tròcair,
’S beag an t-ionghnadh e féin
Bhi gun chairdeas fo ’n Ghrein,
Oir cha ’n aithne dhomh féin co ’s eél dha,
Ach an Caimbeulach ruadh
O thaobh Assaint o thuath;
’S nam bu fada fear buan deth sheorsa!
Ach ma theid thu gu bràth,
A null thairis air sàil,
Thoir mo shoraidh gu cairdean eòlach.
Thoir dhoibh cuireadh gun dàil,
Iad a theicheadh o ’n mhàl,
’S iad a thighinn cho tràth ’s bu chòir dhaibh
Is nam faigheadh iad àm,
’S dòigh air tighinn a nall,
N sin cha bhiodh iad an taing Mic Dhònuill;
’S ann a Gheibheadh iad àit’
Anns an cuireadh iad bàrr,
’S rò-mhaith chinneadh buntata ’s eòrn ann
’S e seo Eilean an àidh
Anns am bheil sinn an tràths,
’S ro-mhaith chinneas dhuinn blath air pòr ann.
Bidh an coirc ann a’ fàs,
Agus cruithneachd, fo’ bhlàth,
Agus tuirneap is cal is pònair,
Agus siùcar nan craobh,
Ann ri fhaighinn gu saor,
’S bidh e againn na chaoban mora;
’S ruma daite, dearg, ùr,
Anns gach bothan is bùth,
Cheart cho pailt ris a bhùrn ga òl ann.
I. O. G. T.
Tha coinneamh aig“Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T., ”ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
Tha so air a chumail do
C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc.
Minard ’s Linimenta’s fhearr.
title | Issue 41 |
internal date | 1895.0 |
display date | 1895 |
publication date | 1895 |
level | |
reference template | Mac-Talla III No. 41. %p |
parent text | Volume 3 |