[Vol . 3. No. 42. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. III. SIDNI, C. B. DI-SATHAIRNE, APRIL 20, 1895. No. 42.
A’ GHAIDHLIG; CARSON A THA SINN ’GA H-IONNSACHADH AGUS ’GA CUMAIL SUAS.
Oraid an Lighich Mac Gill ’Iosa aig Coinneamh a’ Chlass Ghaidhlig an Lunnainn air a Cheathramh latha de Mhios Dheireannach an Fhoghair, 1894.
(Air leanntuinn.)
Ach tha mi creidsinn gu ’m beil a bharail seo a nis air call a greim orrasan aig am beil beagan de thuigse nadurrach, agus mar sin nach ruig sinn a leas an corr smuain a thoirt di.
Tha cuid ann a their nach ’eil a’ Ghaidhlig gu feum sam bith ann am malairt no an gnothuichean an t-saoghail. Faodaidh seo a bhi fior no mi-fihior, ach abramaid air sgath argumaid gu’m beil e fior, agus is cinnteach nach ’eil seo a dearbhadh gu’m beil ar cainnt gu buileach gun fheum. Ciod a th’ ann am malairt ach meadhon air ar n-aran laitheil a ’chosnadh. Ach an e sin aobhar agus crioch ar beatha, an e sin crioch araidh an duine? Gu cinnteach, cha’n e. A bhi ri dian-shaothair gu tighinn beo chum ’s gu m bi sinn beo gu saoithreachadh, is i seo beatha nach fhearr na bàs. Cha ’n ’eil ann ach truailleadh mi-nadurra air beatha an duine ’bhi ’ga h-isleachadh gu inbhe nan luibhean.
Tha, ann an taobh a stigh dhinn agus mu’n cuairt oirnn moran nithe a dh’ fhaodadh toil-inntinn gun tomhas a thoirt dhuinn agus tha ’bhi ’gan cur gu buil a socrachadh an tomhas mor na tha ’n dan do ’n chinne daoine anns an àm ri teachd. Is ann gus an oighreachd seo a tha sinn air ar breith; cha ’n ’eil ann ar beatha ach am meadhon troimh an ruig sinn oirre. Cha’n ann le arain a mhain a bheathaichear duine, no le malairt. An teis meadhon a phailteis dhiubh le cheile faodaidh e seargadh agus bàsachadh leis a’ ghoirt.
Cha ’n fheum ar beatha nadurrach ach gle bheag gu ’cumail am an staid fhallainn, agus na’n robh staid a chinne-daoine mar bu choir dhi dheanadh oidhirp gle bheag an gnothach gu ar cumail suas. Bu choir do’n chorr de ar neart a dhol gu bhi toirt fàs, agus meudachadh air na comasan maitheis, àilleachd, agus toil-inntinn a tha ’n taobh a stigh dhinn agus mu’n cuairt oirnn.
Tha e, mata, na ni faoin a radh gu’m bheil a’ Ghaidhlig, no cainnt sam bith gun fheum ann am malairt ma’s urrainn e bhi air a dhearbhadh gu’m beil i luachmhor ann a bhi meudachadh agus a toirt farsuinneachd do bhuadhan inntinn an duine, ni a tha gu mor ni ’s airde agus ni ’s urramaiche.
Nis air dhuinn cur as do na reusonar a tha muinntir eile toirt air aghaidh chum a dhearbhadh oirnn nach bu choir dhuinn a’ chainnt leo ionsachadh no a chumail suas, feumaidh sinn foighneachd ciod iad ar reusonan fein airson a bhi deanamh seo. Tha cuid againn an seo a “rugadh saor.” B’i a’ Ghaidhlig cainnt laithean sona ar n-òige anns an tir glormhor sin a dh’ ionnsuidh am beil ar smaointean a ghnath ’g ar giulan air ais, ach tha aireamh mhor dhibh aig nach robh an t-sochair seo, agus tha mi gle thaingeil gur urrainn domh a radh gu ’n d’ fhuair mi iad seo gu tric nis déine agus ni ’s dilse air taobh na Gaidhlig na iadsan a fhuair an arach am measg nam beann. Gu cinnteach is ni iongantach agus teagasgach e ’bhi faicinn an dara agus an treas ginealach de Ghaidheil a rugadh an Sasuinn a tionndadh air an ais cho dian a dh’ ionnsuidh an ciad inbhe, mar a chunnaic mise iad an seo o chionn beagan bhliadnachan; agus is cinnteach gu ’m bu choir da seo leasan a theagasg do’n luchd-riaghlaidh sin a dh’ iarradh a bhi deanamh Sasunnaich dhinn uile le bhi mùchadh agus a cur as do ar cainnt dhuthchasaich.
Faodaidh iad mòran a dheanamh agus tha iad air moran a’ dheanamh cheana, chum a bhi cur as do ar cainnt ach feumaidh moran tuilleadh a’ dheanamh mu ’n dean iad Sasunnaich dhinn. Feumaidh iad cairdealas dùthchasach a spionadh as na freumhan troimh iomadh ginealach, feumaidh iad uile bheul aithrisean glormhor na Gàidhealtachd a dhubhadh a mach mu’n cuir iad as do’n Ghaidheil—agus eadhon an deigh sin eiridh e rithist. Cha’n ’eil anns an obair seo uile ach amaideachd.
C’arson mata a tha sinn cho eudmhor agus cho dìchiollach mu thimchioll ar cainnt dhùthchasaich? Tha e soilleir gu leoir nach ann air sgath buannachd no soirbheachadh saoghalta. Cha’n ’eil mi cinnteach gur ann eadhon air sgath graidh-dùthcha anns an t-seadh anns am bheil am facal sin air a ghabhail gu coitchionn. Faodaidh e bhi gur ann an tomhas air choreiginn, air sgath ar smuaintean duthchasach ach tha mi deanamh dheth gur e ’s aobhar do ’n leithid seo de smuaintean a bhi againn gu ’m bheil fuil nan seann Ghaidheal a’ ruith troimh ar cuislean. Cha ’n urrainn do neach sam bith ach Gaidheal fior thlachd a’ ghabhail ann an nithe Gaidhealach, agus tha mi dearbhta gur e am faireachdain a th’ agaibh air ni-eigin a bhi a dh’ uireasbhuidh oirbh, is aobhar do bhur dìchioll agus bhur fein aicheadh, anns a’ chùis seo. Tha sibh Gaidhealach a thaobh sinnsir, agus faireachdain, agus tha fiosrachadh agaibh nach urrainn duibh fàs gu bhur n-indhe nadurrach, dhuthchasach, an taobh a mach de ’n cho-chomunn dhaimheil sin a gheibh sibh a mhàin ’n ur cainnt fein. Is Gaidheil sibh, agus tha ’n deidh a th’ agaibh air a bhi dileas do ur n-aigne nadurrach a toirt oirbh a bhi saoithreachadh agus a deanamh fein-àicheidh chum ’s gu’m bi sibh comasach air luach nan nithe sin a’s airde agus a’s fhearr ’n ur beatha ’thuigsinn. Mur ’eil mi gu
(Air a leantuinn o taobh 6 & 7)
[Vol . 3. No. 42. p. 2]
TAIGH NA COILLE.
LE IAIN.
CAIB XII.
Gun dàil sam bith sgriobh Tearlach Ros gu Fear Cheann-Locha, a dh’innseadh dha gu robh Seumas air chall, agus gu robh amhrus làidir aige gur e falbh as an rìoghachd a rinn e air bòrd aoin de na longan a sheòl anns an àm gu ruige na rìoghachdan thall. Dh’innis e anns an litir, gu facas Seumais ann an cuideachd sgiobair na luinge air feasgar an latha roimhe sin, agus gu robh amhrus aig na daoine a chunnaic e, gu faca iad a’ falbh o thìr e fhein agus an sgiobair ann am bàta beag.
An uair a ràinig a litir Taigh na Coille, chaidh muinntir an Taighe gu léir gu bròn ’s gu tùirse. Bha an luchd-muinntir a’ cheart cho tùirseach air son Sheumais ’s a bha ’athair ’s a mhàthair, agus a’ chuid eile de’n teaghlach. Mu’n do ruith ceithir uairean fichead sgaoil an naigheachd air feadh na h-oighreachd gu léir, agus thàinig àireamh mhath de’n tuath a b’fhaisge air làimh a dh’fheòrach mu’n chùis, agus a thoirt misnich do’n teaghlach. Cha chreideadh duine beò de na bh’air an oighreachd gur e falbh d’ a uil’ -deoin a rinn Seumas, ma dh’fhalbh e idir. Bha fios aca nach robh tlachd mor sam bith aige do sheòladh. Bha e uair is uair miltean a mach ’s a’ chuan ann am bàta, ach cha robh ann ach am fior dhroch sheòladair. Nam biodh gluasad a b’fhiach air an fhairge bhiodh e an impis a bhith marbh leis an tinneas-mhara. Theireadh aon is aon gu beag eatorra fhein, gu robh iad ann an trom amhrus gur e Tearlach Ros fhein a chuir as do Sheumas; ach o’n a b’ e Tearlach Ros mac bhrathair athar an uachdaran, bha eagal orra a’ chùis a thoirt a dh’ionnsuidh a chluas.
Gun dàil sam bith dh’fhalbh Fear-Cheann-Locha agus a bhean gu ruige Sasunn. Ghabh iad direach do ’n bhaile as an do sgrìobh Tearlach Ros do ’n ionnsuidh mu dheidhinn Sheumais. Gus a dhroch-bheairt fhein fhalach, chuir Tearlach fios a mach, gu faigheadh neach sam bith deadh dhuais air son fiosrachadh a thoirt dha mu thimchioll Sueumais. Thug so air Fear-Cheann-Locha ’s air a mhnaoi a chreidsinn aig an àm nach robh làmh aig Tearlach ann a bhith ’cur Sheumais as an t-sealladh. An ceann latha no dhà thàinig am fear do’m buineadh am bàta beag air aghart, a thoirt do Thearlach gach fiosrachadh a bha dhìth air. Dh’innis an duine so mar a dh’iarr duine mòr, a bha a réir choltais, ’na sgiobair air luing, air a dhol cuairt a mach a dh’fhaicinn nan long a bha anns an acarsaid; mar a chaidh am bàta thairis orra; mar a thugadh air bòrd na luinge iad ’nan triùir. Ach cha robh fhios aige air ainm na luinge, agus cha mhò a bha fhios c’uin a dh’fhalbh i as an acarsaid, no c’àite an deachaidh i. An déigh a h-uile rannsachadh is ceasnachadh a ghabhadh deanamh mu’n chùis a dheanamh, cha robh de dh’ fhiosrachadh aig Fear Cheann-Locha mu dheidhinn ciod a dh’ éirich do Sheumas, ach gu’n d’ fhalbh e d’a dheoin no d’ a aindeoin air luing. B’ e an t-aon aobhar toileachaidh a bh’ aige fhein agus aig a mhnaoi, gu robh iad a’ smaoineachadh gu robh e beò an àite éiginn.
An ceann beagan làithean thill iad dhachaidh ’s iad gu deurach, tùrsach, trom. Bu bheag an t-ioghnadh iad a bhith mar a bha iad. Tha call mic ’na chall mòr; ach tha call an aon mhic ’na chall anabarrach. Feumar a ràdh gu robh iad glé fhoighidneach, ged a bha iad ann an deuchainn chruaidh. Bha earbsa làidir aca ann an riaghladh an Ti a tha uile-ghlic. Ma bha Seumas beò, bha lad a’ creidsinn nach leigeadh Dia beud d’a ionnsuidh.
Bha sluagh na h-oighreachd anabarrach tùirseach, an uair a chuala iad nach d’fhuaradh sgeul air Seumas. Bha meas anabarrach mòr aca air. Cha robh pròis no meud-mhòr ann ni ’s mò na bha ’na ’athair. Ged bu luath leotha ’thigeadh an latha anns am faigheadh Fear Cheann-Locha bàs, bha fhios ach gu ’n tigeadh e uair éiginn, agus bha iad cinnteach gu’n cumadh Seumas suas urram an teaghlaich, agus gu’m bitheadh e ’na uachdaran math dhaibh. Ach a nis, o’n a bha ’chuis coltach nach fhaicteadh Seumas gu bràth tuilleadh, ghabh iad an t-eagal gu’m biodh Tearlach Ros na ’uachdaran orra. Bha fios is cinnt aca nach robh ann acg sgaomaire truagh gun suidheachadh gun stéidhe. Agus o’n a bha e air tighinn gu greis math aoise, bha eagal orra nach b’ ann ni bu ghlice a bhiodh e ’dol. Mar a tha ’n sean fhacal ag radh, “An car a bhios ’s an t-seana-mhaide is deacair a thoirt as.”
Rinn Tearlach Ros gach ni a ghabhadh deanamh a chum falach a chur air a dhroch innleachdan fhein. Bhiodh e ’leigeil air an uair a bhiodh e ann an làthair an uachdarain agus na mnà, gu robh bròn mòr air a chionn gu’n deachaidh Seumas air chall. An am a bhith ’rannsachadh a mach mu dhéidhinn Sheumais anns a’ bhaile, chur e e-fhein gu leithid do dhragh ’s gu robh an t-uachdaran agus a bhean làn-chinnteach ’nam barail, nach b’ urrainn gu robh làmh aige ann a bhith ’cur Sheumais as an t-sealladh. Thuig e glé mhath gu robh so mar so, agus air an aobhar sin, bha ioghnadh mòr air nach d’ thug iad cuireadh dha gus a dhol a dh’ fhuireach maille riutha do Thaigh na Coille. Bha e anns an am ’ga ruith glé ghann; oir bha Tomas Taillear air fàs sgìth a bhith ga chumail ann an airgiod pòcaid. Bhiodh e aig an àm toilichte gu leòr nan iarradh aon de na tuathanaich a bh’ air oighreachd Cheann-Locha air a dhol a chur seachad mios no dhà maille ris. Ach cha leigeadh e air ’s e beò gu robh éis ni sam bith air.
A nis, bha ni eiginn ann an Tearlach gu nàdurra nach robh tlachdmhor ann an sealladh na muinntir anns a robh nádur grinn, uasal. Bha e mar chleachdadh aige o làithean ’òige a bhith ’cumail cuideachd ri daoine aig an robh beachdan agus cleachdaidhean suarach. Gun fhios gun fhaireachadh dha fhein dh’ ionnsaich e cainnt nan daoine so. An uair a bhiodh e ann an cuideachd nan fior uaislean aig an robh meas orra fhein, bhiodh e mar a b’fhearr a b’ urrain da a’ feuchainn ri ’nàdur suarach a chumail am falach. Ach a dh’ aindeoin na dheanadh e thigeadh a nàdur suarach am follais. Thug bean an uachdarain an aire glé mhath dha, agus ged bu mhath leatha cuireadh a thoirt dha gus a dhol a chur seachad greis de’n t-samhradh maille riutha ann an Taigh na Coille, cha bu toigh leatha aon chuid a chainnt no a ghluasad. O’n a bha e ann an dlùth dhaimh ris an teaghlach bha eagal oirre gu’n ionnsaicheadh a’ chlann cainnt uaithe nach biodh iomchuidh dhaibh. A bharrachd air so, is gann a b’ urrainn di cuireadh a thoirt do Thearlach gun chuireadh a thoirt do Thomas Taillear. Bha iad le chéile ’nochdadh caoimhneis do Sheumas an uair a bha
[Vol . 3. No. 42. p. 3]
e ’taghal orra. An uair a bha Seumas a’ sgrìobhadh gu ’mhàthair bha e ’g innseadh dhi, gu robh Tomas a cheart cho caoimhneil ris ’sa bha Tearlach. Ach cha robh fhios aice cò e Tomas, agus mar sin cha bu toil leatha aoidheachd a thoirt do dhuine a dh’ fhaodadh a bhith o dhaoine suarach, o nach robh dearbhadh aice gu ’m b’ aithne dha e fhein a ghluasad gu modhail, iomchuidh anns gach àite am bitheadh e. Dh’ fhaodadh cuid a bhith ’g ràdh gur e pròis agus meud-mhòr a thug oìrre nach do nochd i am barrachd caoimhneis dhaibh; ach cha ’n e. Cha robh aon chuid pròis mo meud-mhòr innte. Ach air a shon sin, bha toil aice a h-àite fhein a chumail. Mur cum daoine an àite fhein cha ghléidh iad meas dhaibh fein. Mar is fhearr a chumas sinn daoine ’nan àite fhein is ann is mò a bhios de mheas aca oirnn. Tha cuid ann a tha toileach a bhith nochdadh meud an irioslachd, le bhith ’gan tilgeadh fhein sìos an lathair na muinntir a tha mòran ni ’s ìsle na iad ann an staid. Tha iad mar is trice ’g a dheanamh so, a chum cliù is moladh a chosnadh, ’ach an àite cliù is moladh a chosnadh, is ann a tha iad a’ call am meas ann an sealladh uan uile anns am bheil tùr is tuigse.
Tha ni eile air am feumar beachd a ghabhail, agus is e sin, gu bheil e glé chunnartach a bhith ’toirt aoidheachd do dhaoine air am bheil sinn tur aineolach. Tha e air iarraidh oirnn gun dearmad a dheanamh air aoidheachd a thoirt do choigrich, oir le so thug dream àraidh aoidheachd do ainglibh gu fhios dhaibh. Ach tha ainglean is ainglean ann. Tha ainglean soillse ann agus ainglean sgrios. Anns a latha anns a am bheil sinne beò tha cuid de na daoine cho aingidh ’s a th’air an talamh ag imeachd fo ainm agus ann an trusgan dhaoine uaisle. Ma bheir sinn cuireadh do dhaoine de ’n t-seòrsa so gu comhnuidh a ghabhail ’n ar taighean, faodaidh iad sinn fhein agus air teaghlaichean a thruailleadh; oir tha e sgrìobhte, gu ’n truaill droch comhluadar deadh bheusan. Bha e air àithneadh do Chloinn Israeil gun iad a dheanamh càirdean no dlùth-chompanaich do na Canaanaich, air eagal gu ’n ionnsaicheadh iad dhroch bheachdan agus droch chleachdaidhean uapa. Thug na nithean so air bean an uachdarain nach robh i deònach cuireadh a thoirt do neach sam bith gus am biodh fios aice co e.
(Ri leantuinn.)
Sonas nan Ainmhidh Agus nan Eun.
Tha e ro thaitneach a bhi ’beachdachdadh air suilbhearachd agus air toilinntinn nan ainmhidh agus nan eun, an uair a bhios an aimsir freagarrach air an son. Co nach d’ thug fainear an gairdeachas a nithear leis na h-eoin bheag, agus na binn-cheilearan leis an seinn iad ri blathas an Earraich agus t-Samhraidh? Is minic, air an doigh so, tha iad ’n an aobhar farmad do mhac an duine, a tha, air amannaibh, trom, muladach le trioblaidibh, agus saruichte le h-amhgharaibh an t-saoghail aingidh so! Tha moran aig an duine ’n a chomas chum sonas nan creutair sin a mheudachadh, a thugadh dha air son feum araidh; feudaidh e bhi air son loin g’ a bheathachadh, agus air son an earraidh leis am bheil e air a sgeadachadh. Gu cinnteach, uime sin, ’s e dleas’nas an duine a bhi buntainn gu cairdeal riu. Tha cuid ann, gidheadh, a ta ’gabhail tlachd ann a bhi ’milleadh agus a’ marbhadh nam beathaichean neo-chiontach sin, nach ’eil a’ deanamh cron air neach no air ni sam bith mu’n cuairt doibh. Tha na h-ainmhidhean comasach air an taingeileachd fein a nochdadh dhoibh-san a bhios cairdeil riu, agus ni iad sin treibhdhireach agus gun fhoill sam bith. Is math a dh’aithnicheas iad an neach sin a bhios cairdeil agus caoimhneil riu. Fanaichidh a’ mhuc fein an neach a bhios gu riaghailteach ’g a beathachadh, agus air a doigh fein bheir i taing dha. Nochdaidh an crodh an toilinntinn fein an uair a chi iad a’ mhuinntir a bha ’frithealadh orra, agus cairdeil riu. Crathaidh iad an cluasan agus sinidh iad a mach an srona dubha, fliuch mar chomhar air an taingeileachd agus an deagh-ghean fein. Ni, mar an ceudna, an cu moran othail ris-san a ni dheth agus a bhios gu maith dha. Agus faicibh an seann each dubh ud a rainig corr is fichead bliadhn’ a dh-aois, agus tha e ceart co eolach air gach neach mu’n cuart da ri ’mhaighstir fein. Faicibh e a’ toirt foise d’ a cheann air a’ chachlaidh, an uair a tha e’ faicinn fear-an-taighe a dluthachadh ris, an duil gu’m faigh e ubhal no mir arain as a laimh. Mar so, tha e mar fhiachaibh air na h-uile bhi cairdeil ris na bruidibh bochda nach urrain an uireasbhuidh fein ’innseadh, agus gun a bhi uair sam bith ’g an geur-leanmhuinn agus ’g an gearradh as. Tha’n duine glic ag radh mar so, “Bithidh curam aig an duine ionraic do bheatha ’ainmhidh, ach is an-iochdmor truacantais nan aingidh.” — (Gnath, xii. 10.)
SGIATHANACH.
Chuir tuathanach a ghile do’n mhargadh a’s thug e dha ceud punnd Sasunnach, leis an robh e ri ceud ceann a cheannach: —daimh aig coig puinnd Shasunnach an ceann; caoirich aig a h-aon; agus geòidh aig sgillinn Shasunnach an t-aon. Co meud a bhiodh aige de gach seòrsa?
Air do dhà chailleach a bhi ’dol do ’n mhargadh le uibhean, thuirt an dara te ris an te eile: “Thoir thusa dhomhsa aon ubh, is bithidh a dhà uiread agam ’s a th’agads-a. ” “Cha toir,” ars an te eile, “ach thoir thusa dhomh-sa dithis is bithith uiread is uiread againn.” Co meud a bh’ aca an t-aon?
Bha duine bochd ann an Glinneilg a bha comharraichte air son teanga sginnealach agus thachair dha—gu tubaisteach—gu’n dh’fhas a bhial goirt, a’s bu mhiann leis a dhol do’n taigh-eiridin a dh’fheuch am faigheadh e leigheas. Chaidh e air tùs a dh-ionnsuidh a’ mhaighstir-sgoile air son teisteanais, agus fhuair e ’n teisteannas a leanas:— “Duine bochd aig am bheil droch bhial.”
Bha seann Chailleach ann am Bàideanach, agus cha’n fhaiceadh i tiodhlacadh a’ dol seachad, nach sineadh i air gal ’s air bualadh nam bas. Latha dhe na laithean bha a chailleach aig ceann a taighe, a’s ciod e chunnaic i ’dol seachad ach pòsadh. Cha robh a fradharc ach mall, a’s de shaoil leatha bha i ’faicinn ach tiodhlacadh. “O!” ars ise ’s i ’bualadh nam bàs, “Siod an t-slighe air an teid sinn uile!”
Na biodh cota dubh air cealgaire no cota dearg air slaoightear.
Am fear ’s luaithe làmh ’se ’s fearr cuid.
LeighsidhMinard ’s Linimentan Grippe.
[Vol . 3. No. 42. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
Editor, “Mac-Talla,”
Sydney Cape Breton.
SIDNI, APRIL 20, 1895.
A Antigonish.
Fhir deasachaidh choir, —Cha d’ fhuair mi cothrom air litir a sgriobhadh ugad air an t-seachduinn so; ach curidh mi uged litir a fhuair mi o choraid o chiunn ghoirid agus tha mi làn cinnteach gu’m bi i air a leubhadh le mor tholachadh le luchd gabhail a MHAC-TALLA. So e:—
“A CHARAID GHRAHHACH.”
“Guidheam ort a bhi eutrom orm an am na aicheamhail. Tha mi cinnteach gu bheil thu roimh ’n diugh a “bogadh nan gad” agus gu bheil an dolas a feitheamh orm an uine gun bhi fada. Ach ’s beag a dh’ fhairicheas mi doruinn nam buillean ma ’s ann ’sa Ghàidhlig a bheir thu mach mo bhinn. Bidh mi coltach ris an fhear a tha Livy a toirt cunntas air an Eachdraidh na Romanach— (am fear a mharbh Hasdrubal) —“quum laceraretur tormentis fuit eo habitu oris ut, laetitia etiani ridentis. ”
Fhuair mi do litir o chionn corr is ceithir seachdiunnean— ’ga innseadh dhut fhein agus do ’n chlaich ghlais ad thall, —ach cha robh cothrom ro mhath agam air a freagairt gus an diugh, (shil sneachda mor an raoir agus sheid i sin an diugh cho coimheach, iargalta ’s nach deachaidh mi idir a chumail na sgoil, ’s bha a la agam dhomh fhéin.) Thug e fior thoil-inntinn dhomh a leirsinn bho ’n Chascat, agus bho d’ litir fhéin, gu bheil buidheann do dhaoine fòghluimte gun mheang anns a bheil an fhior fhuil Ghaileach a’ ruith gu dian nan cuislean a cumail suas comunn Gàidhlig am bliadhna ann an Oil-thigh Antigonish agus gu bheil sibh a cur roimhibh a chànain bhlasda, phroiseil, uasal, urramach, a shàbhalladh ’o bhi air a call; agus gu bheil sibh a brath a cliu ardachadh suas as cionn mi-run nan Gall aineolach, aingidh. Be mo mhiann gu rachadh a cliu cho ard ’s bu chor gu am bith na dubh-Ghaill a cur doirr air a’ suilean ag amharc oirre a’ dealradh as na cionn mar ghrian. Na sgonnabhallaich gun mheas; saoil nach iomadh uair a chuir e sgreatachd orm pairt dhiu a chluinntinn a’ ruith sios agus a càinneadh na Gàidhlig chòir ann am beurla raprch, chrupach, chrotach, phliutach, leis am bith naire air duinne ceart sam bith iasad iarraidh do sheana sgian-tharruinn? Agus sin mu chainnt cho binn-fhalach, pailt-bhriathrach ’s a th’air an t-saogaal uile
“Cainnt làidir, ruithteach,
Is neo-liotach fuaim;
’S i seadhail sliochdmhor,
Brisg-ghloireach, mall, luath.”
Faodaidh iad a rath gn’m beil a Laidionn, ’s a Ghreuguis, toilteannach air cliu, agus urram, bho ’n bha daoine ainmeil ga sgriobhadh mar Caesar agus Zenophon; ach càit an d’ fhuair iad riabh buaidh air a Ghaidhlig? Bha daoine foghainteach, cliuteach ach anns an Eadailt ’s anns a Ghréig ach an dh’ fhuair iad buaidh riamh air na Caoill-daoine—na seòid a bha ’n “tir nan beann, nan gleann, ’s nan gaisgeach?” No caite a’ robh an cuid dhiumhlach riobh coltach ri Fionn Mac Cubhail, Diarmaid, ’s Oscar, ’s Gaul Mac Mhorni? ’S ma ’s ann an cuid bàrdachd a tha muinntir na Laidionn ’s na Greuguis a deanneamh uaill caite, na cuin a bha i na b’fhearr na idir cho math ri bàrdachd Oisein, na ri ranntachd is piobaireachd, òrain is luinneagan a tha againn bho’n Chomhachaig, is bho’n Phiobaire Dhall, bho Iain Mac Odrum is bho Dhunnacha Bàn, bho Ailean Dall is bho Eobhan Mac Lachuinn, bho Uilleam Ros, is bho Alaisdir Mac Mhaighstir Alaisdir. Sin an fheadhain aig a robh comas-labhairt tartarach, luaineach a chuirreadh spiorad ’sa ghealtair a choisneadh buaidh-làrach; agus am pailteas binn-ghloireach cainnt; a bheireadh tioma air a ghaisgeach ri àireamh nan laithean a dh’fhalbh na ghluaiseadh cridheachan mhnathan agus mhaidinnean gu seinn le solas. Leis a sin guidheam piseach ’s buaidh ’s cinneachadh do’n Chomunn Ghaidhlig agus gu’n tionntaidh a h-uile ni eìle gu taitneach leotha cho math ri cumail suas na Gàidhlig.
Sann a chuir e iongantas orm cho math ’sa chuir thu litir air dòigh anns a chainnt nach do chleachd thu a bheag is tha mi ’n dòchas gu sgriobh thu an ath litir sa chànain chianda. Cha’n eil dad do chleachdaidh agam fhein air a sgriobhadh, agus tha mi cinnteach gu ’m beil pàirt dhe so leabaideach gu leóir, ach cha do mhill mearachd-facail cliu duine riabh. Leig mi ruith le m’ theanga cho mor mu’n Ghàidhlig ’s nach eil math dhomh bruidhinn air rud sam bith an drasd. Cuir fios ugam gu’n dail ciamar tha gnothaichean ann a sin; agus bheir mo bheannachd do’n h-uile fear-faighneachd—gu sonnraichte do Nial, do dh’ Aonghas (mor) agus do Sheumas—ged a’s dona ’thuigeas e i anns a Ghàidhlig, an duine truagh.
AONGHAS.
Antigonish , April 15, ’ 95
CUIMHNICH!
gu bheil aghainn
Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh
dhe gach seorsa, agus ’ga reic air
PRISEIN IOSAL.
JOST BROS.
Sidni, C. B., Feb. 1, ’95.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETER’S, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais E. P. I.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 3. No. 42. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Tha sinn a’ chuinntinn gu bheil am fiabhrus dearg ann am Port Morien an dràsda. Tha na sgoilean air an dùnadh air a thàilleabh.
Thug an t-side car glé fhuar aisde air an t-seachdain so. Bha deireadh na seachdain s’a chaidh cho briagha ’sa dh’ iarramaid, ach toiseach na seachdain so dh’ fhàs i anabarrach fuar.
Tha ’n t-Easbuig Camaran á Antigonish, agus an t-Easbuig Domhnullach á Charlottetown, an deigh falbh air cuairt do’n Ròimh. Dh’ fhàg iad Halifax Di-sathairne s’a chaidh. Cha bhi iad a’ tilleadh gu ceann da mhios.
Bha reis each air an deigh aig Mill Pond ’san Eilean Mhor Di-luain ’sa chaidh. Bha sinn an dùil gu robh an deigh cho dona ’s nach b’urrainn each a dhol oirre idir gun tighinn air reis a chur oirre.
Ged tha cùisean glè fhad air ais ann an Newfoundland, tha choltas air gu ’m bi iad gu math na’s fhearr an ùine ghoirid. Tha iasgach nan ròn a’ tionndadh a mach anabarrach math agus ni sin leasachadh mor air cor na dùthcha.
Tha ’n t-Urr. A. I. Domhnullach, ministeir Bhaile-nan-Gall, an deigh gairm aon-ghuthach fhaotainn á Sunny Brae ann an Cléir Phictou. Cha’n eil fhathast bliadhna o’n shuidhich e far am beil e, agus tha sinn cinnteach gu’m biodh an coithional glè dhuilich dealachadh ris.
Chaidh fear Domhnull Mac Citheagain, do’m b’ àbhaist a bhi fuireach anns a’ Mhéinn Uir, a mharbhadh ann an Columbia Bhreatunnach o chionn ghoirid. Dh’ fhàg e Ceap Breatunn o chionn ochd bliadhna. Bha e ’g obair ann an Springhill treis a dh’ ùine mu’n deachaidh e ’n iar.
Chaochail gille beag ann an Elmira, Ontario, an la roimhe, agus an deigh a thiodhlacadh fhnaireadh a mach gu ’n d’ thug gill’ eile droch bhreab dha ’san stamaig an latha sin fhéin, agus a réir coltais gu’m b’e sin a dh’ aobharaich a bhàs. Bha ’m fear a thug a bhreab dha a’ feuchainn ri e fhéin ’s gille eile chur a shabaid.
Cha’n eil romhainn a nise ach deich latha dhe’n earrach, agus an sin bi’dh an samhradh againn. Ged tha ’n t-earrach car fad air ais, cha ’n urrainn dhuinn gearan air a’ gheamhradh a chuir sinn seachad. Cha robh fuachd mor sam bith againn, agus a mach o na shil de shneachda ceud mhios an earraich, ’s e geamhradh cho briagha ’sa bh’ againn ’san dùthaich so o chionn fhada.
Di-ciaduin s’a chaidh bha aig ceithir siorrachdan ann an Canada ri fir-pàrlamaid a thaghadh. Roimhe so ’se “Conservative” a bha stigh anns gach aon dhiubh, ach a mise, cha’n eil ach aon “Chonservative” a stigh. Thug na “Liberals” uatha trí dhiubh. B’e té de na sioarrchdan sin Antigonish, agus chuireadh a stigh Mr. Mac Isaic, le ceùd bhòt ’sa deich a bharrachd air Mr. Siosal, a bha ’ruith ’na aghaidh.
Minard ’s Linimenta’s fhearr.
Tha muinntir Cholumbia Bhreatunnach, a cur a bhradain a null a Lunnuinn, agus ’s e ’n rathad a tha iad ’ga chur, mu ’n cuairt Astralia. Tha e mar sin a’ dol còrr us leth thimchioll an t-saoghail. Bhiodh e moran na bu ghiorra dhaibh a chur troimh Chanada.
Tha bruiuhinn aig muinntir a bhaile so air latha-breith na ban-righ a chumail am bliadhna le barrachd othail is greadhnachas ’sa rinn iad riamh roimhe. Bhiodh sin glé iomchuidh, agus tha sinn an dochas gu’n téid iad uile an guailibh chèile mu’n chuis, agus gu’n dean iad latha mor dheth.
Fhuaireadh saor do’m b’ainm Conrod Yonker, marbh ’na leabaidh ann Charlottetown ’sa mhaduinn Diordaoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e mu dha fhichead bliadhna dh’ aois. Bha coimhearsnach dha ’na chadal ri taobh a leapa, ’nuair a fhuaireadh e. Bha iad ’nan dithis ag òl gu trom an oidhche roimhe sin.
Chaidh fear Iain Mac Gilleain, a mhuinntir Rathad Lingan, a mharbhadh aig an “International Pier” ’sa mhaduinn Diordaoin. Bha e ’g obair air an laimhrig, agus thuit e dheth, ’s chaidh a ghoirteachadh cho dona ’s nach robh e beò ach leth-uair. Chaidh fear eile, gill’ òg de’n ainm Poushay, a ghoirteachadh aig an àm cheudna, ach cha bhi dad air an ceann latha no dha.
Ann an Tobar-Mhoire, am Muile, air a 15mh latha dhe’n Mhàrt, chaochail Fionghal Chaimbeal, bantrach an Urramaich nach maireann, Padruig Mac Gilleàin, á Steòrnabhaigh. ’Se so “Maighstir Padruig” a shaothraich fad iomadh bliadhna ann an coithional Hogamah ’s nan Naraows Bheaga agus tha moran de sheann daoine ’s de sheana mhnathan anns na coithionalan sin aig a bheil deagh chuimhne air fhéin agus air a shaothair am measg an t-sluiagh, gus an latha ’n diugh.
Chaidh dithis dhaoine, Domhnull Hardy agus Alasdair Mac Fhionghain, a mharbhadh anns a’ mhéinn ann a’ Seana Bhridgeport Di-màirt s’a chaidh. Bha’n t-àite anns an deachaidh am marbhadh gun fhosgladh bho thoiseach a’ gheamhraidh agus bha moran ‘gas’ air cruinneachadh ann, agus cho luath ’sa chaidh iadsan a stigh leis na soluis, spraidh e agus bha iad air an grad mharbhadh. Bha àireamh de dhaoin’ eile air an leth thachdadh leis a’ cheò, ach tha iad air a dhol am feabhas.
Minard ’s Linimentair son Loine.
Bha ca oifigeach airm á Halifax anns a bhaile toiseach na seachdain, air toir fear Richardson a theich as an arm o chionn còrr us bliadhna agus a chaidh a ghlacadh anns a’ bhaile air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’g obair an so riamh o’n theich e, agus chaidh a bhrath le fear de chompanaich a chaidh a mach air. ’Se thug air teicheadh as an arm, gu robh toil aige pòsadh. Bha deagh ainm aige anns a’ reiseamaid d’ am buineadh e, agus cha’n eil teagamh nach fhaigh e as gu math eutrom.
CuirMinard ’s Linimentri d’ fhalt.
Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan, Pinn, Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
[Vol . 3. No. 42. p. 6]
mòr air mo mhealladh is e seo an ni sonruichte ’tha ’g ur gluasad gu bhi ag ionnsachadh agus a cur meas air ur cainnt dhùthchasach.
Tha iomadh dòigh anns am beil eolas ar cainnt ro fheumail agus faodaidh mi aon no dha dhiu ainmeachadh.
Cha ’n ’eil teagamh nach ’eil againn anns a’ Ghaidhlig aon de na h-eachdraidhean a’s earbsaiche a tha ri ’m faotainn anns an t-saoghal an diugh, agus aidichidh na h-uile gu ’m beil na h-eachdraidhean seo ro luchmhor. Cha chuirear teagamh sam bith ann an luachmhorachd an fhiosrachaidh a gheibhear bho eolas air gné na cruinne agus air cleachdaidhean a’ chinnidh-daoine ann an ciad linntibh an t-saoghail, gidheadh cha’n ’eil annta seo ach nithe marbha tha ro dhuilich an tuigsinn. Air an laimh eile tha againne cainnt bheo a tha sinn a’ tuigsinn agus anns an d’ fhàs sinn suas gu bhi an ni a ta sinn. Tha ’chainnt bheo seo a ruigsinn air a h-ais gun bhriseadh sam bith gu teas-mheadhon ceò agus dorchadas na h-àrsachd, agus tha i nochdadh troimh na linntean a leithid de riaghailt ’na fàs ’s gu’ m beil i gabaail a’ chiad àite am measg chànainean an t-saoghail.
Tha sgoilearan agus daoine foghlumaichte faicinn gu ’m beil mòran eolais ri fhaotainn troimpe, agus tha iad aig mòr shaothair gu bhi ’ga h-ionnsachadh. Dhuinne aig am beil a’ chainnt, agus a tha comasach air a teagasg a leantuinn fada air ais, tha i ’na h-ionmhas os ceann luach cho fad ’s a, ghleidheas sinn a bheag de ghliocas tuigseach agus de ghradh-dùthcha. Faodaidh cuid saoilsinn gu ’m beil mi ag ardachadh na Gaidhlig tuilleadh ’s a’ choir ach smuainicheadh neach sam bith a tha tuigsinn luach na Gàidhlig dhuinn-fein agus do sgoileirean na Roinn-Eorpa anns an latha an diugh, agus aig am beil beagan eolais mu luirg-coise nan Gaidheal an eachdraidh an t-saoghail smuainicheadh a leithid so de neach ma’s urrainn da, air a’ Ghàidhlig agus a cùnntas a bhi air an dubhadh a mach o eachdraidh a’ chinne-daoine agus de an fhalamhachd a bhitheadh an sin. Cha ’n ’eil mi dol thairis air a’ choir idir; ’s ann a tha mi labhairt briathran na measarrachd agus na firinne.
Agus nach mòr an ni e gu ’m beil sinn comasach air co-chomunn a bhi againn ri cheile ’n ar cainnt dhùthchasach—an aon chàinnt troimh ’n urrainn duinn beantuinn ris na faireachduinnean a’s doimhne agus a’s finealta ’n ar nàdur. Tha ’Bheurla gun teagamh gle fheumail ann a bhi cur an ceill smuaintean dhaoine ach tha e fhathast ri bhi air a dhearbhadh gu ’m bail i comasach air ruigsinn gu doimhne a’ chridhe. Tha i cho cearnach, trom, agus neo-thlusail, agus gur ann a theirear baird riu-san do ’n urrainn beagan liomhachais agus sunntachd a chuir innte ged is tric nach ’eil coir sam bith aca air an ainm. Cha’n ann mar seo a tha’ chuis le ar cainnt bhreagha fein. Tha bardachd anns na h-uile facal dhi, agus, ma ’s aill leinn a bhi beo anns an t-seadh a’s airde agus a’s uaisle, feumaidh sinn ar càinnt mhàtharail a ghleidheadh mar chainnt bheò bhlàth bhàigheil ar beatha.
Agus nach mor an ni comas a bhi againn air ar n-orain binne fein a thuigsinn agus a sheinn. Tha gach aon diubh seo cho grinn, finealta, ’s nach fhuiling iad buntainn riu air dhòigh sam bith. Tha cuid dhiubh tha ’g eiridh cho ard os ceann smuaintean saoghalta ’s gu ’m bheil e duilich a chreidsinn gur ann le daoine rinneadh iad, agus ’s ann bhuaithe seo a gheibhear creideas air a thoirt do na sithichean airson na h-uireid diubh. Ach cha ’n ’eil na fuinn thlachdmhor seo fhathast air an tuigsinn gu ceart agus cha bhi iad sin gus an eirich duine suas a bhitheas comasach air am mineachadh gu soilleir. Cha bu choir gu’m bitheadh againn ri feitheamh fada nis airson fior Ghàidheal aig am bitheadh uiread de ionnsaicheadh, de bhlathas-cridhe, agus de urram, ’s gu’n rachadh aige air na seudan seo a shuidheachadh air doigh a leigeas ris an àilleachd gu h-iomlan. Ach gu ruig sin bithidh sinn a cur meas orra mar a ta iad, agus gheibh sinn toil-inntinn uapa nach fhaigh sinn o ni sam bith eile de ’n t-seorsa.
Tha ar dùthaich làn de eachdraidh agus de sgeulachdan mu na sithichean agus mu ’n Fheinn, nach urrainnear a thuigsinn ach leis a’ Ghàidhlig a mhàin. ’S gann is urrainn domh smuaineachadh air cho lom bochd ’s a bhitheamaid, agus cha ’n e mhain sinne ach Sasuinn agus litreachas Shasuinn mar an ceudna, a dh’ easbhuidh nan diomhaireachdan agus nan iongantasan a gheibhear aig toiseach eachraidh Bhreatuinn. Tha ainmean nam bailtean agus nan aiteachan eile feadh nan eileanan seo lan seadh dha-san aig am beil a’ Ghaidhlig. Tha mi gu tric duilich airson an duine a shiubhlas feadh na dùthcha gun fhios a bhi aige ciod is ciall do ainmean nan aitean far an taoghail e. Amhaircidh e seo air beanntaibh, ’s gleanntaibh, ’s aimhnichibh, agus chi e gu ’m bheil iad glòrmhor, briagha ri ’m faicinn ach cha’n’ eil tuigse sam bith aige do ’n t-seadh agus do’n eachdraidh tha air am filleadh suas ’nan ainmibh Gàidhlig. Tha Beinn-Neamhuis, Beinn-Uamhais, Beinn-na-muice-duibhe, agus Beinn-le-Dia, làn bardachd agus eachdraidh, ach cha’n ’eil ciall no seadh sam bith anns na h-ainmean Beurla a th orra. Tha pong chudthromach eile dh’ iarrainn ainmeachadh, agus ’s i sin, cho luachmhor ’s a tha ar càinnt dhùthchasach dhuinn mar mheadhon’ foghluim. Cha ’n ’eil dòigh sam bith ni’s fhearr chum buadhan na h-inntinn a chur an cleachadh na bhi ’g eadar-theangachadh agus a coimeas da cainnt air am beil beagan eolais againn cheana. ’S ann troimh ’n chainnt a th’againn mar tha a dh’ fheumas sinn càinnt ur ionnsachadh. A’ mheud againn a dh’ ionnsaich Beurla ’s ann troimh ’n Ghaidhlig a rinn sinn e, agus ann a bhi ’deanamh seo lion sinn na focail fhalaimh Bheurla le uiread de chiall ’sa shaoil sinn a chumadh iad; bha sinn an sin a faòtainn a mach de na tha facail ceudna a ciallach do na Sasunnaich fein, agus mar seo tha sinn comasach air an dà chainnt a choimeas ai cheil, agus a bhi feuchainn ri smaointean Gàidhlig a chur am Beurla agus smaointean Beurla chuir an Gàidhlig. Cha chreid muinntir cho feumail ’sa tha ’n cleachdadh seo gus am feuch iad fein ris. Bheir e air neach a bhi pongail na smaointean agus ’na bhriathran, agus fosglaidh e suas an inntinn an iomadh doigh.
Anns an aite mu dheireadh is coir dhuinn ar cainnt a chumail suas do bhrigh ’s gu’m beil ar bith mar chinneach an crochadh rithe. Tha eachdraidh againn a tha os ceann eachdraidh cinnich sam bith eile, ach ma chailleas sinn ar càinnt caillidh sinn aig an àm cheudna an oighreachd mhòr seo agus mar shluagh fa leth cha’n aithnichear sinn ni ’s mo.
Cha’n fhaod sinn a dhi-chuimhneachadh nach mair samhlachan an
[Vol . 3. No. 42. p. 7]
taobh a mach ach goirid ma theid an spiorad bàs.
Tha ar gràdh-dùthcha agus ar maith fein a deanamh dian-thagraidh airson na Gàidhlig, agus is i mo bheachd gu’n aontaich sibh uile nach do chaill sibh a bheag air uine no air aire sam bith a thug sibh dhi cheana.
Sin agaibh beagan de na smaointean a thainig gu m’ inntinn nuair a chuir mi rium fein a cheisd, “C’arson a tha sinn ag ionnsachadh agus a cumail suas na Gaidhlig?”
Tha mi creidsinn gu leighisMINARD ’S LINIMENTAmhach Ghoirt.
Riondald , MRS. REUBEN BAKER
Tha mi creidsinn gu’n toirMINARD ’S LINIMENTair falt fàs.
MRS . CHAS. ANDERSON.
Stanley, P. E. I.
Tha mi creidsinn gur h-eMINARD ’S LINIMENTan leigheas a’s fhearr a tha ri fhaotainn.
METHIAS FOLEY,
Oll City, Ont.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
Tha so air a chumail do
C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidui, C. B.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
I. O. G. T.
Tha coinneamh aig“Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T., ”ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN
Taillearachd.
Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.
Bathar dhe gach seòrsa ’s fhearr, agus cho saor ’sa gheibhear ’sa bhaile ri chreic aig D. I. Domhnullach. Taghail aige.
[Vol . 3. No. 42. p. 8]
WENTWORTH HOUSE.
BATHAR UR! BATHAR UR!
AODAICHEAN, BROGAN, SIUCAR, TI.
TI MHATH AIR TASDAN!
LEINTEAN CURRAICHDEAN ADAN.
Gach Seorsa Bathair ’s gach ni Saor.
D. J. DOMHNULLACH.
ORAN NAM FINEACHAN.
LE ALASTAIR MAC MHAIGHSTIR ALASTAIR.
A chomuinn rioghail, runich,
Sar umhlachd thugibh uaibh;
Biodh ur roisg gun smuirnean,
’S gach cridh’ gun treas, gun luib ann;
Deoch-slainte Sheumis Stiubhairt
Gu muirneach cuir mu ’n cuairt;
Ach ma ta giamh air bith ’nur stamaig,
A chailis naomh na truaill.
Lion deoch-slainte Thearlich,
A mheirlich, straic a chuach;
B’ i sud an’ iocshlaint’ aluinn,
Dh’ ath-bheothicheadh mo chaileachd,
Ged a bhiodh am bas orm,
Gun neart, gun agh, gun tuar;
Righ nan dul a chur do chabhlich
Oirnn thar sail’ ri luaths.
O, tog do bhaideil arda,
Chaol dhionach, shar-gheal, nuadh,
Ri d’ chroinnghridh bith-dhearg, laidir,
Gu taisdeal nan tonn gaireach.
Tha Eolus ag raitinn
Gun seid e rap-ghaoth chruaidh
O’n aird’ an ear; ’s tha Neptun dileas
Gu mineachadh a chuain.
Is bochd a ta do chairdean
Aig ro mheud t’ fhardail uainn;
Mar alach maoth gun mhathair,
No beachan breac a gharridh’
Aig sionnach ’n deis am fasach’
Air failinn feadh nam bruach.
Aisig cabhagach le d’ chabhlach,
’S leighis plaigh do shluaigh.
Tha na dee ann an deagh run duit,
Greas ort le surd neo-mharbh
Thar dhronnag nan tonn dubh-ghorm,
Druim-robach, barr-chas, siubhlach,
Gleann-chladhach, ceann-gheal, sugh-dhluth,
’Nam mothar cul-ghlas, garbh;
’Nan cuan-choirean greannach stuadh-thorrach,
’S crom-bhileach, molach, falbh.
Tha nuir is tir cho reidh dhuit
Mur dean thu fein an searg’;
Doirtidh iad nan ceudibh
’Nan laonnibh tiugha, treuna,
A Breatunn is a Eirinn
Mu d’ “standard” breid-gheal, dearg;
A ghaisridh sgaiteach, ghuineach, rioghail,
Chreuchdach, fhior-luath, gharg.
Thig do chinneadh fein ort,
Na treun-fhir laomsgair, gharbh,
’Nam beithrichibh gu reubadh,
’Nan leoghannibh gu creuchdadh,
’Nan nathrichibh grad-leunmach,
A lotas geur le ’n calg,
Le ’n gathibh faobharach ruinn-bheurtha,
’Ni mor euchd le ’n arm.
’Nam bratichibh lan eidicht,’
Le dealas geur gun chealg,
Thig Domhnullich ’nan deidh sin,
Cho dileas duit ri d’ leine,
Mar choin air fastadh eille
Air chath-chrith geur gu sealg;
’S mairg namhid do ’n nochd iad fraoch,
Long, leoghann, crobh, ’s lamh-dhearg.
Gun neartich iad do champa,
Na Caimbalich gu dearbh,
’N Diuc Earraghaidh’ lach mar cheann orr’,
Gu [ ? ]lach , mear, prionnsail,
Ge [ ? ] a bheir air ionnsidh
B’ e sud an tionsgnadh searbh;
Le lannibh lotach, dubh-ghorm, toirtail,
Sgoltadh chorp gu ’m balg.
Gu tairbheartach, glan, caismeachdach,
Fior thartarach ’nan rang,
Thig Cluainidh le chuid Pearsanach,
Gu cuanna, gleusta, grad-bheirteach,
Le spainichibh teann-bheirtichte
’S cruaidh fead ri sgailceadh cheann:
Bidh fuil ga ’dortadh, smuais ga ’spealtadh
Le sgealpaireachd ur lann.
Druididh suas ri d’ mheirghe
Nach meirbh an am an air,
Clann-Ghilleoin nach meirgich
Airm ri uchd do sheirbheis,
Le ’m bratichean ’s snuadh feirg orra,
’San leirg mar thairbh gun sgath:
Am foirne fearail, neimhail, arrail,
’S builleach, ealamh lamh.
Gun dig na fiurain Leodach ort,
Mar sheobh ’gan ’s eoin fo ’n spaig;
’Nan tuiribh lann-ghorm, tinneasnach,
Air charr-ghleus streup gun tiomachas,
Air reisamaid fhior innealta,
’S fath giorig dol ’na dail;
’M bi iomad bocan fuilteach, foirmail,
’Theid le stoirm gu bas.
Thig curidhnean Chlann-Chamrain ort,
’Theid meanmnach sios do ’n spairn;
An fhoirionn ghuineach, chaithreamach,
’S neo-fhiamhach an am tarruinne,
’N lainn ghlas mar lasir dhealanich
Gu gearradh cheann is lamh;
’S mar luaths na dreig e, ’s cruadhs na creige
Chluinnteadh sgread nan cnamh.
Thig milidhean chlann-Iain ort,
’Theid frithailteach gu d’ champ;
Mar fhalisg ris na sliabh chnoic
Is gaoth a Mhairt ga ’biathadh,
No marcich’ air each srianach
A rachadh sios gun chaird;
Cho ealamh ris an fhudar ullamh
An t-srad ’nuair ’bhuineadh dha.
(Ri leantuinn.)
title | Issue 42 |
internal date | 1895.0 |
display date | 1895 |
publication date | 1895 |
level | |
reference template | Mac-Talla III No. 42. %p |
parent text | Volume 3 |