[337]

[Vol . 3. No. 43. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B. DI-SATHAIRNE, APRIL 27, 1895. No. 43.


BEINN VESUVIUS.

Anns abhliadhna 1717, ann am meadhon acheitein, rainig mi (arsa Easbuig Berkley) mullach beinne Vesuvius, anns am faca mi fosgladh farsuing as an robh smuid co mor ateachd a nios, ’s nach robh e am chomas doimhne no cumadh an t-sluichd fhaicinn. Anns an dubhaigean oillteil so, chuala mi fuaim eagalach, ateachd a nios, mar gum bann, a meadhon na beinne, agus air uairibh cosmhuil ri tairneanach no fuaim ghunnacha-mora, no leachdan creadha atuiteam o mhullach thighean air achabhsair. Mar dhatharraich an soirbheas air uairbh dhfhas an toit ni bu lugha, ataisbeanadh iasair dhearg, a bha mun cuairt do bheul an t-sluichd, ballach dearg, agus air uairibh buidhe. An deigh dhuinn fuireach corr as uair, ’s an smuid a bhi air a h-atharrachadh leis an t-soirbheas, bha againn air uairibh sealladh aithghearr air an t-slochd mhor so. Ann an iochdar an t-sluichd, bu leir dhomh gu h-araidh da aite-theine dlu da cheile; bhan t-aon air an laimh chli mu thuaiream tri slatan air leud, as an robh lasair ruadh, atilgeadh os a cheann doirneagan chlach a bha dearg-theith, le toirm anabarrach: agus an uair a thuit iad air an ais, rinn iad an stairirich choimheach sin a dhainmich mi cheana. Air an ochdamh la de cheud mhios an t-samhraidh, dhirich mi mochs amhaduinn an dara h-uair gu mullach na beinne so, agus fhuair mi beachd agus sealladh ur air an aite. Bhan toit ag eirigh suas co direach reidh, ’s gun dfhuair mi lan-shealladh air beul an t-sluichd, a bha, a reir mo bharail, mile mun cuairt, agus mu cheud slat air doimhneachd. On a bha min so mu dheireadh, bha carn mor cruinn air cruinneachadh ann an iochdar an t-sluichd. Thachair so o na clachaibh a bha air an tilgeadh suas, agus a thuit a ris air an ais anns an t-slochd. ’S anns amheall ur so a bhan da theine a dhainmich mi. Bhan dara h-aon diubh, gach tri no ceitheir de mhionaidibh, atilgeadh an aird le fuaim uamhasaich, aireamh anabharrach de chlochaibh dearg, teinnteach, air a chuid bu lugha tri cheud troidh os mo cheann; ach do bhrigh nach robh gaoth ann thuit iad sios anns acheart ait as an dthainig iad. Bhan t-aon eile lan do stugh leaghta dearg, teith, mar chi sibh ann an tigh deanamh ghloineachan, air ghoil agus tre a cheile, ag ats agluasad mar thonnaibh na fairge, le toirm bhras, ghoirid. Air uairibh chuir an stugh goileach so thairis, agus ruith e sios air taobh achuirn, dearg-theith mar thainig e mach, ach chaochail edhaths a choslas mar chruadhaich agus mar chinn e fionnar. Nan atharraicheadh aghaoth, s gun seideadh i chum an taobh air an robh sinne, bha sinn an cunnart a bhi air ar marbhadh leis na mill leaghta a bha air an tilgeadh on aigean, ach on a bhaghaoth freasdalach, fhuair sinn cothrom air sealladh beachdaidh a ghabhail air an ait iongantach sin car uair-gu-leth a dh-uine. Air achuigeamh la de mhios meadhonaich an t-samhraidh, chunnacas an sliabh so fad an rathaid o bhaile-mor Naples, a bruchdadh thairis; agus tai laitheann a dheigh sin dhathuraicheadh an fhuaim thorrunnach e thainig as, air chors nach e a mhain gun do chrithich gach uinneag, ach mar an ceudna gach tigh, a bha sabhaile, chriothnaich iad on steidh. On am sin dhat e thairis, agus air uairibh san oidhche chithteadh mill theinnteach air an tilgeil fados a ceann anns na speuraibh. Air an deicheamh lan uair a shaoil sinn gun do sguir i, thoisich i as ur, ag at agus abeuchdaich gu h-oillteil. Chaneil e ncomas do neach beachd as firinniche bhi aige air an fhuaim a thainig uaipe, ’n uair bu choimhiche i, na smuainteachadh mar gum biodh doinionn ghailbheach agheamhraidh, toirm atmhor achuain mhoir, torunn speur agus callaid ghunnacha-mora, air an aon am, adeanamh co’ -fhuaim eagailaich le cheile. Ged a bha sinne da-mhile-dheug air astar, bu chulaidh-uamhais an fhuaim. Chuir sinne romhainn dol ni bu dluithe air an t-sliabh, agus thug triuir no cheathrar againn bàta leinn, agus chaidh sinn air tir aig bun na beinne. Mharcaich sinn an sin ceithir mile mun dthainig sinn a dh-ionnsuidh an stugh leaghta a bha sruthadh a nuasn a chaoiribh dearga air slios na beinne. ’S ann a nis a chinn an stairirich agus an fhuaim uamhasach thar tomhas. Anns an neul a bha os ceann beul an t-sluichd, mhothaich mi gach dath a bhiodh ann am breacan. Bha maraon rughadh dearg, uamhasach anns an speur, os ceann an aite far an robh an stugh teinnteach atearnadh. Bha, mar gum biodh, abhuinn mhor de stugh leaghta aruith a nuas o mhullach gu bonn na beinne, agus le neart nach burrainnear a chasgadh, amilleadh, alosgadh, agus a lom-sgrios gach fion-lios, gach craobh olaidh, agus gach tigh a thainign a rathad; agus sgoilt am beum sleibhe so as a cheile air gach taobh mar bha creagan agus cnuic acur grabaidh airn a dheann-ruith mhillteach. Bhan sruth bu mho dhiubh mu leth-mhile air leud agus cuig mile air fad. Dhirich mi suas beagan ri taobh na h-aibhne teinntich so; ach beiginn domh grad-theicheadh air mais, a thaobhs nach mor nach do thachd faileadh aphronnaisc mi. Am feadh a bha sinn adol air arn ais mu thri uairean samhaduinn, chuala sinn beucaich na beinne, a ranaich gu h-oillteil fad na slighe; agus chunnaic sinn i atilgeadh os a ceann steallan lasrach agus clachan teinnteach, a bha, mar a thuit iad air an ais, cosmhuil ri rionnagan drileannach a thuiteas o theine ealanta a ni daoine le fudar. Air leam gun robh na clachan teinnteach sin air an tilgeadh mile troidh direach anns an athar os ceann mullach an t-sleibh. Anns an t-suidheachadh so dhfhuirich e re sheachd no ochd de laithibh. Air an ochdamh-la-deug den mhios cheudna, sguir gach coltas den t-seorsa so, agus bha beinn Vesuvius mu dheireadh gu ciuin samhach, gun smuid, gun lasair. —Leabhar nan Cnoc.



[338]

[Vol 3. No. 43. p. 2]

TAIGH NA COILLE.

LE IAIN.

CAIB XIII.

Chuir Seumas roimhe, an uair a chunnaic e nach cuireadh an sgiobair air tìr e, gun deanadh e e-fhein riaraichte leis gach ni a thigeadhn a rathad, nam burrainn da. Ged nach robh en a dheadh sheòladair, cha do chuir an tinneas mara a leth uiread de dhragh airs a bha en dùil. Bha efaotainn pailteas bìdh; oir bha e aig an aon bhòrd ris an sgiobair. Cha robh an sgiobair ag iarraidh air a làmh a chur an an obair sam bith; ach air ghaol an uine a chur seachad agus an cianalas a chumail air falbh, bhiodh e mar bu trice atoirt làmh-chuideachadh do na seòladairean. Ann am beagan ùine tharuinn e da ionnsuidh deadh-ghean gach aoin air bòrd. Bu glé thoigh leis an sgiobair e, agus mar bu trice bhiodh en a chuideachd.

Bha aimsir mhath aca fad a dhà no trì sheachduinean; ach on a bha am beagan soirbheis a bhannn an aghaidh, cha robh an sgiobair riaraichte leis an astar a bha iad acurn an dèigh. Bha eagal air nach burrainn da a bhith anns abhaile-phuirt cho tràth air abhliadhnas bu mhath leis.

Mun àms an robh iad leitheach cuain bhrist an t-sìde. Shéid aghaoth cho làidirs nach burrainn daibh ach fior bheagan aodaich a ghiùlan. Ged a bha so mar so, nan do thachair gu robh aghaoth fàbharrach bha cùisean air a dhol leotha math gu leòr. Ach bhaghaoth dìreachn an aghaidh fad na h-ùine, agus bha iséideadh gu làidir a lathas a dhoidhche.

Ann an ceann beagan làithean an uair a chunnaic an sgiobair nach robh e coltach gu rachadh an t-side ni bfhearr ann an aithghearreachd, thòisich e ri fàs glé mhi-thoilichten a inntinn. Thug so air a bhith glé ghreannach crosda ris an sgiobadh gu léir. Mur bu mhisde cùisean so cha bfhearrde iad dad e. Bha na seòladairean aig an àm air an sàruchadh le cruaidh-obairs le caithris, agus on a bhan àireamh bu mhò dhiubh glé dhalma neo-ar-thaingeil, chan éisdeadh iad tiotadh ri mionnan agus ri caiseanachd an sgiobair. Bhan sgiobair ann an teis-meadhon feirge. Bha coltais feirge air aghaoith agus air an fhairge; agus bha coltas feirge air gach fear a bhair bòrd, ach Seumasn a ònar. Mar a tha e furasda dhuinn a thuigsinn, cha robh aon chuid an sgiobair no na seòladairean atoirt an aire air an gnothach cho maths bu chòir dhaibh. Cha deachaidhs cha tèid cùisean gu math le daoine nach toir an aire air an gnothach gu cùramach.

Ged a théid aig luchd an uilc air achogais a chumailna tosd car ùine, cha téid aca air sin a dheanamh an còmhnuidh. Aig àm na trioblaid agus na deuchainn thachogais atogail a guth gu làidir an aghaidh a chiontaich agus ameudachadh a thrioblaid-inntinn gu ro mhòr.

An uair bu treise aghaoth agus a beas-umhla a bhan sgiobadh dha, bhuail e gu làidir anns an inntinn aig an sgiobair, gur ann a chionn gnothach a ghabhail ri Seumas a bhaghaoth agus an fhairge cho buaireasach. Thug an smaointean so air a bhith ni bu mhi-thoilichte na bha e riamh. Chunnaic e gu robh e air thuar barrachd mòr a chall na bha e gus a bhuannachd. Ged a bhan long ann am meadhon achuain bha eagal air gun cuireadh an fhairge gu buileach as a chéile i. Bha dòchas aige a h-uile mionaid gu fàsadh an t-sìde ni bfhearr, agus bha so acumail beagan de mhisnich ris. Shìolaidh aghaoth gu math air feasgar araidh, agus shaoil leis gu robh e gus gach ni fhaotainn a réir a mhiann. Ach mun do shoilleirich an latha shéid a ghaoth ni bu chruaidhe na rinn i riamh. Béiginn daibh an long a leigeadh air falbh leis aghaoth. Ged a rinn iad so is gann a bha ifantuinn an uachdar leis mar a bhan fhairge abeucadhs i na h-aon chàir ghil. Cha robh dùil sam bith aig fear seach fear de na bhair bòrd gun tugadh iad a mach tìr gu bràth.

Ach an àitebhithg ullachadh air son na sìorruidheachd is ann a thòisich iad ri òl na deoch-làidir a bhaca air bòrd. Chuir an obair so ioghnadh mòr air Seumas. An uair a dhfheòraich e dhiubh car son a bha iad cho beag cialls gu robh iadgan sgrios fhein dan deoin, thuirt iad ris a beul a chéile, gur ann mar bu lugha bhiodh den ciall aca dol thun abhàis a bfhasa dhaibh am bàs fhulang.

Bha cuid den sgiobadh nach deanadh aon char obrach air chomhairle an sgiobair. Ach chaidh aige fhein agus aig dithis no triùir eile air an long a chumail a ruith leis aghaoith gus an dfhàs aghaoth lag. Ach gu mi-fhortanach chaill iad an cùrsa. Leag an sgiobair agus am met air an ól mar a rinn càch; oir thug iad dùil thairis gu faigheadh iad gu brath gu tìr beo, slàn. An uair a bha iad anns an t-suidheachadh so cha robh guth no iomradh aca air cunntas a chumail air astar a bhan long acur na déigh, no idir an taobh a bha idol. An sin thàinig làithean de shìda dorcha, ceòthar orra, agus o nach robh fhios aca càite an robh iad, leig iad leis an luing falbh mar a thogradh i. On a bhaghaoth on iars on iar-dheas, bha amhrus aca gu robh iad asìor dhlùthachadh ris na h-Eileanan Breatunnach, no ri fearann na Frainge.

Thòisich aghaoth ri beothachadh as ùr agus thòisich an sgiobair agus sgiobadh ri gabhail an eagail. On a bha amhrus làidir aca gu robh iad gu luath a dlùthachadh ri fearann eiginn, bha na cridheachan air chrith aca gum biodh iad air na creagan ann an tiotadh. Bha iad anns an t-suidheachadh so fad lathas oidhche. Ged a bha iad acumail a mach nach robh eagal sam bith orra roimhn bhàs, bha iad an impis an suim a chall leis an eagal. Bha ioghnadh anabarrach orra gu léir a chionn Seumas a bhith cho beag eagals cho math misneach. Chuir an sgiobair ceisd air Seumais mu thimchioll na cùise, agus thuirt Seumas ris, gu robh e air a theagasg dhasan o làitheanòige, gum be a ghliocas cho math ri a dhleasdanas làn earbsachur ann an Dia aig gach àm agus anns gach àite, agus gu robh eg a fhàgail fhein ann an lamhan Dhé.

Sheall an sgiobair gu dùr air an làr an uair a chuala e so agus bha ena thosd car tiotaidh. An sin thuirt e, “Bhacheart ni sin air a theagasg dhomhsa an uair a bha mi òg, ach is fhad on a sguir mi a thoirt geill dha. Ma ruigeas tusa maois-sa is dòcha gum bi thu cheart cho suarach mun teagasg a fhuair thu ann an làithean dòiges a tha mise an diugh. Bfhearr leamsa na chunnaic mi riamh gu robh mi cho saor o lochd an diughs a bha mi aig daois-sa. Ach dhfhalbh na làithean ud, agus cha till iad gu bràth tuilleadh.”



[339]

[Vol . 3. No. 43. p. 3]

Dhéisd Seumas ris na briathran so le mòr aire. Ach cha dthug e freagradh sam bith air an sgiobair, do bhrìgh gu robh e soilleir dha, gu robh e air mhisg aig an àm. Cha robh beachd sam bith aig Seumas gu robh an long, ann an tomhas mòr, afalbh air chomhairle an t-sruths na gaoithe. Cha mhò na sin a bhan sgiobadh atuigsinn achunnairt anns a robh iad. Cha be gnothach an sgiobair, no amhet, am fiosrachadh bu lugha a thoirt don sgiobadh mu thimchioll co dhiubh a bha gus nach robh an cùrsa ceart aca. Tha aobhar a bhith creidsinn nach do thuig an sgiobair e-fhein, gun deachaidh e cho fad bhar a chùrsasa chaidh e. Bha amhrus aige gu robh e air a dhol fad air seachran, ach bha dòchas aige gu robh e gu math fad o sgeireans o chladaichean.

Ann an dubh amheadhon-oidhche dhaithnich an sgiobair gu robh iad gu math dlùth air cladach eiginn. Dhfheuch e ris an long a chur mun cuairt, an dùil gu faigheadh e a toirt sàbhailte mach thun na doimhne. Anns an tighinn mun cuairt dhi bhuail i air sgeir. Ged nach robh ghaoth cho laidirs a bha i làithean roimhe sin, bha onfhathadh na fairge cho mòrs nach robh de mhisnich aig na seòladairean na chuireadh a mach aon de na bàtaichean. Dhfheith iad air bòrd gus an do thòisich an latha ri soilleireach, an dùil gu rachadh aghaoth ni bu lugha, agus gu socraicheadh an fhairge beagan. Ach an uair a thàinig an latha, bhaghaoth agus an fhairge cho fiadhaichs a bha iad roimhe. Cha burrainn daibh fuireach air bòrd ni bfhaide, do bhrìgh gu robh an long a teannadh ri dhol as a chéile le ainneart nan tonn.

Leig iad am bàta bu mhò leis achliathaich, agus chaidh an àireamh bu mhò de na seòladariean innte; ach cha deachaidh iad cheud slat on luing an uair a chaidh i thairis. Tha e coltach gun do bhàthadh a h-uile duine a bhinnte ann an sin fhein. Ged a chaidh an sgiobair agus Seumas agus achuid eile den sgiobadh air bòrd anns abhàta bheag, cha robh dòchas sam bith aca gu ruigeadh iad tir gu bràth leatha. Cha mhò na sin a ràinig iad. Chaidh i thairis mar an ceudna, agus cha do ràinig tir beò de na bhinnte ach Seumas agus an gille bùird a bhaig an sgiobair. Biad so an dithis bu lapaiche a bhanns an luing. Ged a dheanadh iad beagan snàmha le chéile, cha bfad a burrainn daibh iad fhein a chumail am barr. Ach gu fortanach fhuair iad le cheile greim air sgonn math den fhiodh a bha na tonnan abristeadh as an luing. An uair a bha e suas ri meadhon latha, chuir na tonnan air tir iad ann an eilean beag a bha mu mhìle o thir-mòr. An uair a fhuair iad greim air tìr bha iad cho sonas ged bu leotha oighreachd fhearainn. Bha iad fad na bha rompa dhen latha agus fad na h-oidhche anns an eilean, gun bhiadh gun bhlàths gun fhasgadh. Ged a mhothaich daoine dhaibh bhar tìr, cha burrainn iad bàtachur a dhionnsuidh an eilean an latha ud. An uair a thugadh gu tir iad an -iar-na-mhaireach is gann gum burrainn do Sheumas seasamh; agus bhan gille-buird gun chainnt. Thugadh gun dàil iad do thaigh tuathanaich mhòir a bha faisge air achladach, agus mun dthàinig am feasgar an latha sin fhein, bha iad cho sunndachs cho slàns ged nach tachradh tubaistean riamh riutha. Ann am beagan làithean bha iad cho làidirsa bha iad riamh.

(Ri leantuinn.)


Sgeul Mu Haoisgeir-na-Cuiseig

Bha triuir choimhearsnach ann an iochdar Mhuile aig an robh briuthas. Air dhoibh beagan uisge-beatha a dheanamh dhfhalbh iad leisnan triuir ga reic do Eilean Thiridhe. An deigh dhoibh an t-uisge-beatha a reic phill iad air an ais, ach an uair a bha iad fagus air cladach Mhuileoidhche na Nollaige bigesheid a ghaothn an aghaidh le cur ro ghailbheach shneachda. Bha an oidhche dorcha, agus am fuachd do ghiulan, ionnas gun do bhasaich dithis de na fir mun robh iad ach goirid an deigh fuadach a ghabhail. Mhair an treas fear beo agus stiuir e am bata cho maths a burarainn da. Beagan an deigh mheadhon-oidhche chuala e gairich-cladaich; rinn e air, agus an uair a thainig fagus ghlaodh fear bho thir ri fear abhata, “Gabh mar so.” “Co thusa?” “Mise Mac-illeruaidh.” “Gabh mar soarsan dara guth. “Co thusa?” “Mise Mac-illedheirg.” “Gabh mar so arsan treas guth.” “Co thusa?” “Mise Mac-illebhain.” Fhreagair am fear a bhas abhata, “Gabhaidh mi a dh-ionnsaidh an aites an cuala mi achiad ghlaodh.” Chaidh e air tir agus chunnaic e gur i sgeir-mhara a nis anns an robh e le gle bheagan talanta oirre. Rinn e toll leis abhiodaig, anns an robh elaidhe gun bhiadh gun deoch, ach aon chard de ìm. Chaidh en sin a shealltainn an robh duine no creutair air an sgeir ach e fein; thuig e nach robh. A thuilleadh air a so sheall e air na h-aiteachan bhon cuala e na guthanna agus chunnaic e gun robh e eucomasach dol air tir ach a mhain far an robh achiad ghlaodh. Dhfhan e air an sgeir bho oidhche Nollaige bige gu Latha Feill Paruig. Bha eteachd beo air bairnich achladaich air am buain le sgithin agus air an cur ris aghrein an uair a bhiodh idearrsadh. Dhitheadh en sin iad le beagan dan ìmn an deigh. A h-uile h-oidhche chluinneadh e ghlaodhaich agus sgreadail mar gum biodh muinntirg am bathadh; ruitheadh e sios gus an cladachs an uair a ruigeadh e, cha robh creutair beo air thoiseach air. Lean e mar sin gus an dfhas e sgith de bhì air a mhealladh. Bha e air an sgeir gus an do thog bata-iasgaich a an deigh Feill-Paruig agus thugadh e do Uist, far an robh e o thigh gu tighg a eiridinn leis a h-uile caoimhneas gu Bealltuinn. Thainig e air ais gu ruig Muile agus an lathathainig e bha a bhean aroupadh no areic ah-uile ni a bhaice. Nochd am fear a bha air a shaoilsinn a bhi baite, e feins thill gach duine na nithean a chaidh a cheannach a dh-ionnsaidh na mnatha. Tha an sgeir air an robh e fagus air eilean Chana, agus is eh-ainmHaoisgeir.”


Dochas.

Mun chagailt lom’ ’nuair shuidheas mi leam fein,
Is smaointean searbh cuir manam truagh fo chradh,
Gun aisling chaoin a thilgeas orm a seun,
Is aonach fhuar na beatha dheasbhuidh blath;
An sin o Dhochas neamhaidh turluing leam,
S mar sholus dealrach, aomsa dluth mum cheann.

KEATS.


Cha luaithe a thuiteas fear ann am fiachan na dhfheumas e teannadh ri innseadh nam briagan.


LeighsidhMinard ’s Linimentan Grippe.



[340]

[Vol . 3. No. 43. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney Cape Breton.


SIDNI, APRIL 27, 1895.

Tha Sina us Iapan an deigh tighn gu còrdadh. Chan eil fhios le cinnt fhathast ciod e an còrdadh a rinn iad, ach tha e glé choltach gun dfhuair Iapan a dòigh fhéin cha mhor anns gach ni a bheatorra. Tha cuid dhen bharail gu bheil Iapan adol a dhfhaotainn còir o Shina air pios mor fearainn, agus ma tha sin mar sins gann a dhaontaicheas rioghachdan na Roinn-Eorpa, gu h-àraidh Ruisia, ris an t-sith idir, agus gun an aonta-san cha bhi an t-sith air a daingneachadh ach chan eil theagamh nach teid aca air cùisean a réiteachadh gun a dhol a chogadh. Tha rioghachdan an lathan diugh nas glice na bha iads an àm a dhfhalbh; cha téid iad a chogri chéile gus am fairtlich gach dòigh eile orra.

Tha Iapan a réir coltais afàs gle mhor aisde fhéin. Tha in deigh Sina a thoirt fo chis, agus tha amhrus aig daoine gu bheil miann mor aice nise air Hawaii a ghabhail dhi fhéin. Bha na h-Eileanan go gus o chionn da bhliadhna fo riaghladh ban-righ de na nàisinnich fhéin, ach an uair sin, rinn na daoine geala àr-am-mach na h-aghaidh, chuir iad a riaghladh bun os ceann, agus ghabh iad riaghladh nan eileanannan làmhan fhéin. Ach a nise tha iad agabhail an eagail gu bheil Iapan adol a dheanamh riuthasan mar a rinn iad fhein ris abhanrigh. Ma tha sin am beachd Iapan, chan eil ni gus an tearnadh ach Breatuinn no rioghachd eiginn eile an gabhail fotearmun, agus chan eil cinnt sam bith aca gun dean aon seach aon dhiubh sin. Ach theagamh gum biodh iad toilleach a dheanamh air son grabadh a chur air Iapan, oir tha iad dhen bharail gu bheil i afas tuilleadh is làidir, agus ma leanas i air fàs, bi i na dragh mor dhaibh air ceann beagan bhliadhnaichean.

Tha Breatuinn aig an àm so ann an còmhstri ri aon de dhùthchannan beaga cheann a deas America, Nicaragua. Than dùthaich so ag agairt còir air stiall mhor fearainn a tha o chionn fhada fo riaghladh Bhreatuinn, agus agabhail dòigh mi-dhligheach air fhaighinn. Chuir Breatuinn an aghaidh sin gu làidir, agus an sin dhòrduich luchd-riaghlaidh Nicaragua a h-uile Breatunnach a bhasan dùthaich fhògradh. Mun dfhuaireadh sin a dheanamh ghabh iad an t-eagal agus thug iad an t-òrdugh air ais. Tha Breatuinn an dràsda ag iarradh suim mhor airgid air son an call a rinneadh oirre, agus an tàire a thugadh da h-iochdrain. ’Nuair a dhiùlt Nicaragua sin a dheanamh, thug Breatuinn dàil thri latha dhith, agus mur bi an t-airgiod air a phàigheadh, no air a ghealltuinn, an diugh, (an 27mh latha) gabhaidh i achùis na làmhan fhein. Chan eil teagamh nach bi an t-airgiod air a phàigheadh gu sitheil oirs cinnteach an ni nach gabh e cumail uaipe ma theid i gu làmhachas-làidir.

Tha pàrlamaid Chanada an dràsdana suidhe agus tha coltas air nach bi ina suidhe ach ùine ghoirid. Chan eil moran de chùisean cudthromach sam bith ri bhi air an cur fa comhair, agus cho luathsa bhios am beagan a thann air an cur an darra taobh, bidh isgaoileadh, agus an sin bidh aig an t-sluagh ri pàrlamaid ùr a thagadh.

Chaidh nighean òg, aois naodh bliadhndeug, a mharbhadh aig Pictou Landing Di-mairt. Rug a brathair, aois da bhliadhndeug, air gunna agus thòisich e mar mhagadh air maoidheadh losgadh oirre. Bhuail rud-eigin anns aghunna agus dhfhalbh an urchair. Chaidh am peilear ann an ceann na h-ighinns cha robh i beò ach beagan mhionaidean. Cha robhn gillen dùil gu robh urchairsa ghunna idir.

Thugadh priona á làmh fear Seumas Wright, aig Cape Traverse, E. P. I., an la roimhe, an deigh dha bhi innte deich bliadhna. Cha do chuir e bheag a dhragh air riamh gus o chionn mios.


CUIMHNICH!
gu bheil aghainn
Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh
dhe gach seorsa, agusga reic air
PRISEIN IOSAL.
JOST BROS.
Sidni, C. B., Feb. 1, ’95.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[341]

[Vol . 3. No. 43. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Tham flùr asior eiridh ann am pris. Chaidh e suas ochd sgillinn deug an barailte o chionn seachdain.

Tha na tuathanaich anns na Stàitean an Iar asior fhàgail, agus adol thairis air achrich gu Manitoba. O chionn da sheachdain chaidh ceud gu leth diubh thairis, agus tha iad ag radh gu bheil tuilleadh atighnnan deigh.

Chaidh gille Frangach don ainm Jean Sabate, a ghlacadh an so deireadh na seachdain sa chaidh air son uaireadair a ghoid. Thugadh gu cùirt e Di-luain, agus dhaidich e a chionta. Thug am breitheamh dha sia miosan priosain.

Tha fear dan ainm Farr an sàs ann aWinnipeg air son ionnsuidh a thoirt air a bheansa chlann alosgadh gu bàs. Bha toil aige cur as dhaibh air son eile ris an robh edeanamh suas a phosadh. Bha ecumail an cleith oirre gu robh teaghlach aige.

Thàinig acheud bháta thairis air an acarsaid Di-domhnaich sa chaidh. Than deigh a nise air falbh gu buileach, agus mur tig an deigh mhor a stigh, tha choltas air gum bi na soithichean air an cuairtean abhaisteach gu math nas tràithe na bha iad o chionn ioma bliadhna.

Rainig soitheach iasgaich baile New York an la roimhes ochd mile rionnach aice air bòrd. Reiceadh a h-uile h-aon dhiubh air 25c. am fear. Cha robh an soitheach a mach ach beagan uine, agus rinn an caipteans an criù deagh thuarasdal. Bi acheud shoitheach a ràinig am baile le luchd éisg air an earrach so.

Thàinig call mor air Tormad Mac Asguill, ceannaiche, ann aFramboise, Di-haoine air an t-seachdain sa chaidh. Chaidh an tigh-còmhnuidh agus an stòr aige a losgadh gu làr, ’s cha dfhuaireadh ni a shàbhaladh. Thòisich an teine á droch phiob. Than call air a mheas aig sia mile dolair. Cha robh airgiod urrais aig air ni dhe na chaill e.

Chaidh seachdnar dhaoine a losgadh gu bàs ann an cearna de Wisconsan Di-dòmhnaicha chaidh. Bha iad ann am bothan taighe a machsa choille far an robh iad ag obair, agus bha iad ag òl fad an latha. Tha e coltach gun deachaidh an tigh na theines gu robh iad air an daoraich cho donas nach do mhothaich iad dha. Bu Pholanders iad, agns chan eil fhios aig duine ciod a bainm dhaibh.

Thaghail Micheal Gillios, a thag obair air an rathad-iaruinn eadar so us Louisburg, oirnn an la roimhe air a thurus dhachaidh gu Acarsaid Chloinn Fhionghain. Bha sinn duilich a chluinntinn uaithe gu bheil ar caraid, Iain D. G. Mac Néiil, gu tinn. Tha e anns an tigh-eiridinn ann aHalifax o chionn còrr us da mhios, ’s chan eil e bheag sam bith nas fhearr fhathast. Tha sinn an dòchas nach fhada gus am bi ena shlàinte àbhaistich.

Tha brògan us bòtainnean aig C. H. Harrington & Co. an dràsda a reiceas iad moran nas saoire nas abhaist dhaibh. —3i

Tha fear Aonghas D. Gilbert a mhuinntir Nova Scotia an sàs ann am Boston air son mort. Mharbh e nighean òg dom bainm Alice Sterling. Tha iad adeanamh mach gu bheil e ss a rian. Tha bràrhair athar no no màthar dha anns an aigh-chaothaich o chionn fhada.

Tha féill mhath air eich Chanada, ann an Sasuinn. Chaidh sia eich dheuga a chreic thall o chionn ghoirid, agus fhuaireadh eadar sia fichead us da cheud dolair am fear orra. Thatar, cuideachd a creic àireamh mhath de chrodh na dùthcha so ann, agus tha phris ag éiridh.

Tha luchd-riaghlaidh Newfoundland adeanamh an uile dhichioll air fuasgladh air an t-sluagh. Tha iad an dràsda ag obair air obair-uisge ann am baile St. Johns, agus tha eadar coig ceud us mile duine air am fasdadh aca, atoirt dhaibh leth-dolarsan latha. Leanaidh an obair so fad mios, agus an sin sguiridh i air son leigeil leis na daoine dhol dhionnsuidh an iasgaich.

Than Dotair Buchanan, a fhuaireadh ciontach de mhort a mhna o chionn bhliadhna, a nise fo bhinn bàis. Dhoibrich e fhéins na fir-lagha cho cruaidhsa burrainn daibh gus a chumail o bhi air a chur gu bàs, ach tha e glé choltach nach téid leotha an deigh a h-uile rud. Bha e ri bhi air a chur gu bàssa mhaduinn Di-ciaduin, ach fhuair e dáil seachdain an deigh sin. Mur téid aige air dad a dheanamhna fhábhar fhéins an ùine sin, bidh e air a chur gu bàs Di-ciaduin sa tighinn. Cha do dhaidich e a chionta riamh.

Thàinig bás gle aithghearr air fear Domhnull Mac Fhearghais, ann an Roseburn, faisg air Hogomah, air a 25mh latha dhen Mhàrt. Ghearain esa mhaduinn gu robh a cheann goirt, agus an ceann uair no dha thainig an goirteas gu cùl amhach. Beagan an deigh sin, mar gum fairicheadh e laigse tighn air, chaidh e na shineadhs an leabaidh, agus mun gann a bhacheann air achluasaig, chaochail e. Bha e ceithir fichead bliadhnasa sia a dhaois. Rugadh e ann an Uidhist a chinn a Deas. Bha ena dhuine còir, siobhalta, air an robh na h-eòlaich uile gle mheasail.

An deigh so, bidh searmon Gàilig ann an eaglais St. Andrews da uairsa mhios, air acheuds air an treas Sabaid dhe gach mios. Bidh mar an ceudna achoinneamh Ghàilig aca na h-uile oidhche di-luain. Cha robh de choinneamh Ghàilig aca fad agheamhraidh ach mu leth-uair air oidhche Chiadain mun toisicheadh achoinneamh Bheurla, ’s cha robh luchd na Gàilig idir toilichte. Tha sinn an dòchas gum bi iad nas cuimhniche air a dhol dhan choinneamh Ghàilig an deigh so na bàbhaist dhaibh a bhith, neo cha biongatach leinn ged a sguirte dhe cumail gu buileach.


Minard ’s Linimentair son Loine.

CuirMinard ’s Linimentri dfhalt.


Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan, Pinn, Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires air son gach àm eile dhen bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.



[342]

[Vol . 3. No. 43. p. 6]

LACHLUNN MAC THEARLAICH OIG.

AM BARD SGIATHANACH.

Is lionmhor feart agus cumhachd-inntinn a leigeanh ris, agus a dhfhoillsicheadh leis na Bardaibh Gaidhealach. Gheibhear morann am measg a bha ro chomharraichte, chan e mhain air son deas-bhriathrachd agus oirdheirceas cainnte, ach mar an ceudna air son geiread, grad-leirsinneachd, agus dian-thuigse. Rugadh na feartan so maille riutha, agus bha iad, uime sin, nadurra dhoibh. Mar bu trice cha do tharruing iad a bheag sam bith de na buaidhibh a shealbhaicheadh leo, o fhoghlum, o theagasg, no air sheol sam bith o bhardachd nam filidh Greugach, no Romanach, no Sasunnach, do bhrigh gun robh iad gu tur aineolach air gach ni a sgriobhadh leo sin fa-leth. Bhan luchd-dan a sgriobhn ar rioghachd feins aBheurla anns gach linn air ais, eolach air na Bardaibh Greugach agus Romanach, mar a bha Homer, Virgil, Horace, agus moran eile, agus bha iad afeudainn cuideachaidh o gach samhladh agus riochd-cainnte a bha air an gnathachadh leo sin anns na seann linntibh. Ach bha na nithe so uile, mar gum bann glaiste air luchd-filidh na Gaidhealtachd; agus an deigh sin, cait am faighear ann an cainnt sam bith bardachd a bheir barrachd air moran de na danaibh a dhealbhadhs a Ghaidhlig? Tha Oisean mar gum bann leis fein, eadar-dhealaichte o na h-uile, air son maise agus freagarrachd nan samhladh a ghnathaicheadh leis. Ach gun ghuth a thoirt airsan, nach aillidh na samhlaidhean a ta air an dealbhadh leis aBhard-Aosda, le Donnachadh Ban, Dughall Buchanan, Nighean Alasdair Ruaidh, Rob Donn, agus na ficheadan eile? Chaneile creag, no beinn, no sruth, no cuan, no craobh, no luibh, no gaoth, no ceo, no ni sam bith ann an oibribh aChruitheir mun cuairt duinn, air nach drinneadh greim chum an luinneagan aillidh a dheachdadh le maise agus beothalas!

N am meag-san, uime sin, a rinn iad fein cliuiteach agus comharraichte air son fior dhuantaireachd bha am Bard Sgiathanach, Lachlunn Mac Thearlaich Oig. Ged nach eil mor-eolas aig an t-saoghal air, agus ged nacheil ach beagail a lathair de na danaibh a chumadh leis, gidheadh is airidh Lachlunn coir airaite fein fhaotuinn am measg nam Bard. Rugadh e am an sgiorachd an t-Sraih, anns an Eilean Sgiathanach, ’s abhliadhna 1665. Bu mac e do Thearlach Og, Mac Thearlaich Mhic Ionmhuinns aCheann-Uachdarach. Bha Fear aChinn-Uachdaraichn a thuathanach cothromach, measail, agusn a fhoirbheach eaglais. Bha e dluth ann an daimh ri Mac-Ionmhuinn Uachdaran an t Sratha. Bi bu mhathair do Lachlunn, Mairi Nic-Leoid, nighean Iain Mhic-Leoid, fear na Droighnich, ’s an eilean cheudna. Bha paranta Lachluinn ro mheasails an eilean, agus rinn iad an dichioll air gach foghlumn an comus a thoirt dasan, agus don chuid eile dhen teaghlach. Anns an linn sin cha robh sgoilean ach gle ana-minic air asuidheachadhs an Eilean Sgiathanach agus chum leas atheaghlaich a chur air aghaidh, fhuair Fear aChinn Uachdaraich oganach as an Taobh deas chum teagasg a thoirt da chuid cloinne. An uair nach robh Lachlunn ach fathastn a leanabh, nochd e gu soilleir gun robh caileachd agus gride na bardachdn a chridhe. Aig aois ochd bliadhna nochd e treoir agus beothalas-inntinn nach faichteadh ach gu tearc ann am balachanaibh uiread eile na h-aoise sin. Bha e cridheil, sunndach, geur-bhriathrach, agus ro dheidheil air ceol agus bardachd. A uair a rinn a pharantan an dichioll chum gach foghlumn an comas a thoirt don cloinn fein aig abhaile, chunnaic iad gun robh Lachlunn atoirt barrachd, air cach agus air an aobhar sin, air doibh a bhi cothromachn an staid fein, runaich iad Lachlunn a chur aig aois shea bliadhna deug gu Inbhir-Nathrunn, baile beag mu chuig mile deug an ear air Inbhirnis, far an robh sgoil ro ainmeil a dh-ionnsaidh an robh oganaich air an cur as gach cearnadh mun cuairt. Dhfhan e anns an sgoil so re thri bliadhna, far an robh e cliuiteach, chan e mhain air son tapachd a bhuaidhean-inntinn, ach mar an ceudna air son an durachd agus abhuan-sheasmhachd leis an robh eg an gnathachadh, agusg an ath-leasachadh. Cha bfhad gus an dthug e barrachd air gach oganach eile a bha maille ris, agus gus an do choisinn e deagh-ghean a luchd-teagaisg gu leir. Dhasan cha b urrainn a bhi diomhain; agus an uair a bhiodh a chompanaich ri mireadh agus cluiche air na raointibh, gheibhte Lachlunn gu dian aig a leabhar fein. Bha e mar so agnathachadh a mhionaidean taimh ann a bhideanamh dhuanags aBheurla; agus bha cuid dhiubh gle bhiodheach. Ach do brigh nach bi aBheurla cainnt a mhathar, cha robh na luinneagan sin airidh a bhi air an samhlachadh ris a bhardachd ghrinn a rinn es aGhaidhlig. Bolc an airidh da-rireadh nach do sgriobh e sios ach fior neoni de na nithibh taitneach a rinn es aGhaidhlig, oir nam biodh iad gu leir air an gleidheadh, agus air an clodh-bhualadh ann an aon leabhar, thogadh iad an ughdar fein suas chum na h-ard-inbhe sin am measg luchd-filidh na Gaidhealtachd, air an robh e gun teagamh co ro airidh.

N a phearsa bha Lachlunn Mac Thearlaichn a dhuine mor, sgiamhach calma, agus cha bu lionmhor iad a chuireadh a dhruim ri talamh. Gidheadh, bha e ciuin, macanta, agus stuama. Bha e comharraichte air son daimheileachd agus fior chairdeis. Bha tlachd aig na h-uile dha, agus bha a bheatha air a h-altachadh anns gach cuideachd. Bha e uasaln a nadur, gidheadh, iriosaln a ghiulan do ghnath. Bha gach ceann-cinnidh agus uachdaran air feadh na Gaidhealtachd eolach air, agus cha do mheas iad gun robh cuideachd no comunn sam bith a chruinnicheadh air son aoibhneis no cridhealais, idir ceart agus iomlan, mur biodh Lachlunn Mac Thearlaich Oig a lathair maille riu.

SGIATHANACH.

(Ri leantuinn.)


Lionar an sporan le bhithcur beagan ann an dràstas a rithist.

Bidh saoibhreas air bheag stàth ann an na trioblaid.

An uair a bhios an sporran eutrom bidh an cridhe trom.

Is e sgillin a chaomhnadh sgillin a chosnadh.

Cuiridh an sporran falamh an teicheach air na cairdean

Biodh do chosgais a réir do thighinn a sseach.


Minard ’s Linimentas fhearr.



[343]

[Vol . 3. No. 43. p. 7]

Facal a Braigh Amhuinn a Deas Antigonish.

A CHARAID, —Innsidh mise dhuibh mo bharail a thaobh meudachadh a MHAC-TALLA, agus seo agaibh e; air cho mòrs gun dean sibh am paipear chan eil math dhuibh a phris a mheudachadh oir tha roinn de na thaghabhailga mheas na phaipear daor an dràsda, agus tha micreidsinn ma thogas sibh a phris gum bi cuid diu a chuireas cùl ris. Tha mise air a h-aon làn thoilichte leis a MHAC-TALLA mar a tha e. Tha coig no sia de phaipearan Beurla tighinn thun an taighes pàirt diu cho mòr ri dùthaich, ach bidh barrachd thoileachaidh orm ris a MHAC-TALLA na riu uile, (mach bhon Chasgaid,) chionn tha gach ni air a chur sios ann ro dhòigheil agus gu neo-chearbach. Tha òrain ann is fhiach an gleidheadh. Tha mi fhéin adeanamh leabhar dheth, agus gu dearbh cha déid aon díu air chall.

S mise do charaid,
ALASDAIR AN RIEGE.

[Ged rachadh am paipear a mheudachadh air an t-samhradh so, cha tèid aphris àrdachadh idir. Tha sinn ameas gu bheil i àrd leòr, ged is aithne dhuinn mòran a bhiodh glé dheònach barrachd us dolairsa bhliadhna a phàigheadh air sgàth am paipear a chumail suas. Tha sinn air son a chumail cho saors gum bi e comasach do na h-uile aig am bi an toil a ghabhail. Ma bhiosnar comas, théid a mheudachadh, agus mur bi cha bhi àrach air; ach mur teid againn air a mheudachadh gun a phris a thogail, cha mheudaich sinn idir e. Cha do smaoinich sinn idir air aphris a thogail, agns tha sinn an comain ar caraid air son innse dhuinn gun do shaoil le cuid gu robh romhainn sin a dheanamh. ]


Tha mi creidsinn gu leighisMINARD ’S LINIMENTAmhach Ghoirt.
Riondald , MRS. REUBEN BAKER

Tha mi creidsinn gun toirMINARD ’S LINIMENTair falt fàs.
MRS . CHAS. ANDERSON.
Stanley, P. E. I.

Tha mi creidsinn gur h-eMINARD ’S LINIMENTan leigheas as fhearr a tha ri fhaotainn.
METHIAS FOLEY,
Oll City, Ont.


Bathar dhe gach seòrsas fhearr agus cho saorsa gheibhearsa bhaile ri chreic aig D. I. Domhnullach. Taghail aige.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


Tha so air a chumail do
C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[344]

[Vol . 3. No. 43. p. 8]

ORAN NAM FINEACHAN.

LE ALASTAIR MAC MHAIGHSTIR ALASTAIR.

(Air a leanntuinn.)

Gur cinnteach dhiubh gur coinneachadh
Mac-Coinnich mor Cheanntail’;
Fir laidir, dhana, choinnealta,
Den fhior chruaidh air a foinneachadh,
Nach gabh fiamh no somaltachd,
No sgreamh roimh theine bhlar;
S iad gu narach, fuileach, foinnidh,
Air bhoil gu dolad chas.

Gur foirmail, proisail, ordail,
Thig Toisicheannan rang,
A marsail statail, comhnard,
Gu piobach, bratach Srol-bhuidh’;
Tha rioghalachd is morchuis
Gun soradh ann san dream:
Daoine laidir, neartmhor, crodha,
S iad gun gho, gun mheang.

Thig Granndich gu ro thartarach,
Neo-fhadbheirteach do dchamp;
Air phriob-losgadh gu cruadal,
Gu snaidheadh cheann is chluas diu;
Cho neimhail ris na tigiribh
Le feachdridh dian-mhear, dan’;
Chuireas iomad fear le sgreadil
Sa bhreabadich gu lar.

Thig a ris na Frisalich,
Gu sgibidh le neart garbh;
Na seocibh fior-ghlan, togarrach,
Le fuathas bhlar nach bogichear;
An comhlan feardha, cosgarrach,
S mairg neach don nochd iad fearg;
An spuir ghlas aig dluths an deirich,
Biodhnan eibhlibh dearg.

Nan gaisridh ghaisgail, lasgara,
Thig Lachuinnich gun chaird,
Nan saighdibh dearga, puinseanta,
Gu claidheach, sgiathach, cuinnsearach,
Gu gunnach, dagach, ionnsichte,
Gun chunntas acair ar;
Dol nan deannibhn aodunn pheilair
Teachd o theine chaich.

Gabhidh pairt de tiorghuill-s
Clann-Fhionghains oirdheirc cail;
Mar thuinn ri tir a sior-bhualadh,
No bile lasrach dian-loisgeach,
Nan treudan luatha, sior-chonfach,
Thoirt griosich air an namh;
An dream chathach Mhuilleach, Shrathach;
S math gu sgathadh chnamh.

S mor a bhios ri corp-rusgadh
Nan closicheansa bhlar;
Fithich ann san rocadich,
Ag itealichs a cnocaireachd,
Ciocras air na cosgarrich
Ag ols ag ithan sath;
Och, ’s tursach, fann a chluinntear moch-thrath,
Ochanich nan ar.

Bidh fuil is gaorr gam fuidreadh ann
Le luth-chleasan ar lamh;
Meangar cinn is duirn diu,
Gearrar uilt le smuisreadh,
Ciosnaichear ar biuthidh,
Gan dubh-losgadhs gan cnamh:
Crunar lepompTearlach Stiubhart,
S Frederick Prionns fo shail.


Professor Blackie.

Rinneadh na roinn bhòidheach a leanas le Niall Mac Leoid air dha chluinntinn gun do chaochail Blackie.

An dfhag thu sinn a laoich nam buadh!
Cha chluinn sinn tulleadh fuaim do bheoil,
Chan fhaic sinn tuilleadh t-aghaidh shuairc’,
Mar ghrian gun ghruaim am measg an t-sloigh!

Ghearradh achraobh bu torach blath,
S a dharaich iomadh meanglan og,
Bu taiteach leam a bhi fodhsgail,
S mo chail a faotainn brigh a loin.

A Ghaidhlig aosdis binne guth,
Cuir ort an diugh do chulaidh bhroin;
S t-fhear-tagraidh treun bu mhaiseach cruth
Gun cheol gun chruit gu balbh fodhn fhoid!

Sheas e gu duineil thu mar sgiath,
Lechainnt leghniomh a dion do chliu,
S do Chathair shuidhich e gu fial,
Nach leig do ghloir an ciansair chul.

A ghlinns a bheanntan tir mo ghraidh,
Than ceo air tamh uimibh fodh sprochd;
Chan fhaic sibh tuilleadh suil abhaird
Adearrsadh oirbh bho airdnan cnoc!

Cha chluinn sibh tuilleadh fuinn a chiuil,
A seinn gu sunndach feadh nan glac;
Bu tric e cuartachdadh bhur stuc,
S ag ardachadh bhur cliu le tlachd.

A chlann mo dhuthchaus mo shluaigh,
Tha latha gruamach oirnn air teachd,
Than gaisgeach treun fodh ghlais na h-uaigh
A sheasadh leinn ri uair aghleachd!

Sar Albannach gun cheilg gun fhoill,
Bu mhuirneach e mucloinns mucliu,
S bidh cuimhn’ ’us ainm an laoich le loinn,
Mar dhaoimean lainnireachna crun.

Gach buaidhtha uasal, maiseach, ard,
Le eolas laidir agus glic;
Bha sin le iriosleachdus gradh,
Mar theaghlach blath atamh fodh chrios.

Gach solas do t-anam a thriath,
Ruith thu gu sgiamhach glan do reis,
Bu chliuiteach, taitneach, riamh do thriall,
S tha sinne cianail as do dheigh!


Chaidh dithis chloinne a losgadh gu bàs ann am baile beag an Cuibeic air an t-seachdain sa chaidh. Dhfhalbh am màthair a mach air cheann turuis, agusnuair a bha i air falbh chaidh an tigh na theinesa chlann a losgadh. Bham paisde bòige bliadhna gu leth a dhaois, agus am fear eile coig bliadhna.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidui, C. B.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.


I. O. G. T.
Tha coinneamh aigVictory Lodge, No. 138, I. O. G. T., ”ann an Talla na Saor Chlachairean, am Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd.

titleIssue 43
internal date1895.0
display date1895
publication date1895
level
reference template

Mac-Talla III No. 43. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page