[345]

[Vol . 3. No. 44. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MAIGH 4, 1895. No. 44.


An Righ agus an Sean Saighdear.

Bha iomadh duime calma ann an cogadh a Phrionnsasa bhliadhna 1745. Bann dhiu sin an Gàidheal smiorail air am beil an t-iomradh a leanas. Rugadh Pàdruig Grannd anns abhliadhna 1714 agus chaochail e anns abhiadhna 1824. Bha e mar sin 110 bliadhna dhaois aig am a bhàis. Bha ena dhuine ard deas agus fearail. Latha chuil-fhodair bha e air aithris gun do chuir e còrr us dusan de na saighdearan dearga ri talamh. ’Nuair bha e ceud us ochd bliadhna dhaois bha e air a thoirt an làthair righ Deòrsa IV ann an Duneideann. Seachdain no dha mun dfhalbh e gu Duneideann a dhfhaicinn an righ, thug an t-uasal Tighearna Panmore fanear deise aodaich a dheanamh dha anns an tigeadh e an làthair an righ. Ach snaim cha chuireadh Pàdruig uime den deise ùir, ’s dhfhalbh e leis an deise a bha uime la Chùil-fhodaircòta tartain, fèille-beag, brògan bucallach agus bonaid Ghlinn-garaidh le ite iolaire na toiseach, agus spéc, seachd troidhean a dhfhad, ’na làimh. Ràinig e Duneideann gun tuisleadh air biths e cho pròiseil ris an righ fhéin, mar robh an còrr. ’Nuair thug Tighearn Panmore an làthair an righ e dhiarr e air a bhonaid a chur dheth. Ach cha deauadh e ni dheth leithid. An sin thuirt Panmore ris an righs e tomhadh a chorraig ri Pàdruig, “Than duine so, le ceadur Mòrachd Righail, ceud agus ochd bliadhna dhaois, agus is e an t-aon nàmhaid a thaigur Mòrach Rioghail an diugh beò air an talamh. ’Nuair bha e òg agus gòrach chog e an aghaidh righ Deorsa II sinn-seanair ur Morach Reoghail, lathe Chuil-fhodair. Ach tha e bhon uair sin na iochdran sitheil agus dileas. Ceud is àil leibh a dheanamh ris?” Thainig stad anns an righ mar gun gabhadh e seòrsa eagailnuair chunnaic en duine àrd ud mu choinneamh le bhonaid air a cheann agus a mhaide mor na làimh us colg an t-saighdear air. Sheall an righ air anns an aodann agus ars esan:— “Am beil thu duilich gun robh thu cho gòrachs cho mi-dhìleas an laithean t-oiges gun chog thu leis a mhealltair.” ’Nuair chuala an Granndach a cheisd so las a shùil le corraichs e freagairt, “Air mfhacal, chogainn fathast air a thaobh. Cha bhi sibhse gu bràth coltach rl Pnonnsa Teàrlach.” Rinn an righ gàire agus, arsesan, “Air falbh e, air falbh e. Is reubalach e fathast. Thoilleadh e chur ro na musgaidean. Ach coma co dhiu, biodh leth cheud punndsa bhliadhna aige uamsa fhads is beò e.” ’Nuair chuala an sean laoch so thug e bhonaid dhethcheann, agus thug e taing, mar a bfhearr a dhfhaodadh e, don righ air son a chaoimhneas da. Thachair so an 1822. bhliadhna an deigh sud chaochail an sean saighdear agus bha e air adhlaiceadh an cladh Inbhircauld. Gu latha bhàis cha do dhealaich e ris an trusgan a bha uime ann an cogadh aPhrionnsa.

C. C.


Comunn Gaidhealach Lunnainn.

Mar tha oidhche acheilidh a tighinn mun cuairt an deigh mios tha e furasdafhaicinn gum beil an Comunn seo a fás an neart agus gum beil an càirdean a dol an lionmhoireachd gu luath. Be an ceilidh a bhaca air an t-seachduinn a chaidh seachad achoinneamh mu dheireadh den t-seorsachumas iad am bliadhna agus tha mi creidsinn gur e sin bu choireach gun robh àireamh cho mor de na Gaidheil cruinn air an oidhche sin. Bha an t-Urramach N. MacNèill, L. L. D., anns achaithir a deanamh dleasnasfir an taigheagus is math a chaidh sin leis. Thug e seachad òraid ghasda anns aGhàidhlig, anns an drinn e iomradh air bàsfior Charaid nan Gaidhealan t-Ollamh MacIlle-dhuibh. Mhol e gu mor an obair a than comunn adeanamh agus thubhairt e gun robh e gle thoilichte gun deach an cothrom seo a thoirt da air sealltuinn gum be a mhiann a bhigan cuideachadh anns gach dòigh a bhana chomas. Na dheigh sin chaidh an oidhche chur seachad gu cridheil mar bàbhaist le òrain Gàidhlig, piobaireachd, agus dannsadh Gàidhealach. Than comunn air bheachd obair agheamhraidh a thoirt gu crich le bhi cumail Coisir-chiùil Ghàidhlig air an naodhamh la den ath mhios mar rinn iad an uiridh,

Tha na Teachdairean Rioghail a bha a saoithreachadh air feadh na Gaidhealtachd o chionn da bhliadhna air suim an fhiosrachaidh a fhuair iad a chuir air beulthaobh na Parlamaid. Fhuair iad a mach gum beil 1,782,785 acairean fearainn, a tha nise fodh fhéidh no fodh chaoraich, freagarrach gu bhi air àiteachadh, agus tha sinn anise feitheamh dhfheuchainn de ni aPhàrlamaid gu bhi toirt seilbh do n t-sluagh air an fhearann a bhuineadh don aithrichean.

CABAR-FEIDH.


Bha Berry, an crochadair Sasunnach, a labhairt ann an Grimsby o chionn ghoirid, agus thuirt e gun drinn e còrr us còig ceud crochadh fhadsa bha e anns an dreuchd, agus gu robh moran de na daoine truagha a chuir e gu bàs air an toirt dhionnsaidh na croiche leis an òl. “Ach,” arsesan, “cha do chroch mi duine riamh nach robhbeantail idir do stuth làidir.”

Chan urrainn do thuathanach leasachadh as fhearr na luath fiodha a chur air talamh. Chan eil seòrsa talamhainn air nach freagair i, agus cha dean i cron air bàrr sam bith.



[346]

[Vol . 3. No. 44. p. 2]

TAIGH NA COILLE.

LE IAIN.

CAIB XIV.

Bann air taobh an iar Dhùn-nan-Gall, siorrachd a tha air fìor cheann a tuath na h-Eirionn, a bhristeadh an long. Thuig Seumas gur ann an Eirinn a bha e mun dràinig e tir; oir chuala e sgiobadh abhàta a thug bhar an eilean e alabhairt Gàilig. Bha e o baithne dha bruidhinn comasach air Gàilig a labhairt, agus ged a bha Ghàilig Eirionnach ùr dha, rachadh aige air cuid mhath dhi a thuigsinn. Cha do leig e air an toiseach gu robh aon fhacal Gàiligna cheann; oir bha toile aige fios fhaotainn co dhiubh a bha gus nach robh na h-Eirionnaich cho caoimheil air chùl a chinns a bha iad ris ann an clàr an aodainn. An uair a bha ena ghiullan òg chuala e iomadh uair gu robh na h-Eirionnach dùbailt agus anabarrach duilich rin tuigsinn. Fhuair am beachd so gréim làidir air an inntinn aige, agus ged a bha iad a nochdadh caoimhneis gu leòr dha, bha car de theagamh aige nach bann le fìor dhùrachd an cridhe a bha iad cho caoimhneil ris. Ann am beagan làithean thuig e gu robh iad cho caoimhneil agus cho blàth-chridheach ri sluagh aburrainn a bhith ann an àite sam bith. Cha robh ni air an saoileadh iad an robh feum aige nach tugadh iad dha gu toileach. Ged a bhiodh e ann am measg nan càirdean cho dìleass a bhaige ann an dùthaich a bhreith is àraich cha burrainn da bhith dad ni bfhearr dheth no bha e. Bha e air an aon bhòrd ris an tuathanach agus ritheaghlach fad nan deich latha a bha e anns an àite. Dhaithnich an tuathanach gum bu duine òg, measail, fòghluimte a bhann, agus air an aobhar sin thug e dha a h-uile urram a burrainn da. Ach an uair a thuig e gum bann do dhAlba a bhuineadh e bha meas a bharrachd aige air.

Aig an àm ud bha dàimh ni bu dlùithe eadar na h-Eirionnaich agus na h-Albannaich na tha eatorra aig an àm so. Dheirich an dlùth dhàimh so ann an tomhas on a ghràin a bhaca taobh air thaobh air na Sasunnaich.

An uair a chuir Seumas roimhe falbh dhachaidh, thug an tuathanach dha deise mhath aodaich, ceann-aodach, caiseart, agus gach deisealachd eile a bha dhìth air, maille ri na phàigheadh a rathad de dhairgiod. Ghabh Seumas na nithean so uaithe gu toileach taingeil, ach bann air chùmhnant gun gabhadh a pàigheadh air a shon na dhéigh sin.

Be Baile-Doire an baile-puirt bu diùithe dhaibh. Thug an tuathanach litir do Sheumas, a shealladh e do mhuinntir nan taighean-òsda anns am biodh aige ri oidhche no dhà a chur seachad mun ruigeadh e Baile-Doire. Thug e dha mar an ceudna litir a dhionnsuidh duine uasail àraidh a bhanns abhaile, a dhiarraidh air Seumas fhaicinn sàbhailte air bòrd acheud bhàta a bhiodh a seòladh gu ruige Alba. Rinn na litrichean so feum mòr do Sheumas; oir bhan tuathanachna dhuine air an robh meas aig gach aon a fhuair eòlas air.

Ged a bhan tuathanach còir so glé chaoimhneil ri Seumas a chionn gum bAlbannach measail, uasal a bhann, cha robh an caoimhneas a bha enochdadh den ghille bhochd eile a shàbhaladh comhladh ri Seumas dad ni bu lugha. Cha robh anns aghille bhochd so ach dilleachdan. Cha robh cadhon fios aige con dùthaich dom buineadhathair nomhàthair. Is i chuimhne a bfhearr a bhaige air làithean oige, gu robh edeanamh beagan frithealaidh ann an taigh tuathanaich a bha dlùth air aon de na bailtean-puirt a tha air taobh an ear Shasuinn. Bann á taigh an tuathanaich so a dhfhalbh e an uair a ghabh e fasdadh mar ghille-bùird aig sgiobair na Dubh-ghleannaich. An uair a chuala an tuathanach gur dilleachdan a bhann bha e toileach a chumailna sheirbhis fhein, agus ceartas bidh is aodaich is tuarasdail fhaicinn aige fhadsa thogradh e fuireachna sheirbhis. Ach cha robh an gille bochd toileach dealachadh ri Seumas agus cha mhò na sin a bha Seumas toileach dealachadh ris aghille. Bha Seumas gle chaoimhneil ris an uair a bha iad comhladhsan luing. Bhiodh an sgiobairga chaineadhsg a smàdadh mur biodh an càbin agus gach ni a bhan taobh a staigh dhe ann an deadh òrdugh aig gach àm. Ged a bhan gille bochd adeanamh mar a bfhearr a baithne dha, cha riaraicheadh e an sgiobair ach ainneamh. Bhiodh Seumasg a chuideachadh cho trics a dhfhaodadh e agas ag innseadh dha mar bu chòir dha am biadh a chur air abhòrd. Bhiodh e mar an ceudna atoirt chomhairlean matha air, agus ag innseadh naigheachdan dha mu Dhia, agus mu na daoine matha air am bheil iomradh againn anns aBhiobull. On a bha meas mòr aige air Seumas bha meas aige air na comhairlean a bha etoirt air, anns air na naigheachdan a bha eg innseadh dha. On a be Seumas an aon neach a nochd caoimhneas riamh dha, cho fads a bfhiosrach e, bha e suidhichte gun dlùth-leanadh e ris ge be taobh a rachadh e. Dhinnis e so do Sheumas, agus thuirt Seumas ris, nach cuireadh esan cùl ris ri bheò, nis lugha na dheanadh e olc mòrair. An uair a chuala e so bha e cho sonas a bhan latha cho fad.

Latha no dhà mun dfhalbh Seumas á taigh an tuathanaich sgrìobh e litir gumhàthair, agus dhinnis e, ann am briathran cho aithghearrs a burrainn da, mar a thugadh air falbh a dhaindeoin e; mar a bha an long air a tonn-luasgadh fad àireamh làithean gus mu dheireadh an do bhristeadh air a chladach i; mar a fhuair e gabhail aige cho math ann an taigh an tuathanaich Eirionnaich; agus gu faodadh sùil a bhith aca ris dhachaidh beò, slàn ann an ùine ghoirid. Bhan litir gu math dùmhail; oir bha toil aig Seumas a mhàthair a thoileachadh le litir fhada a chur uice mar is minic a rinn e.

Cha robh litricheans an àm ud air an giùlan cho sàbhailte o àite gu gu àites a tha iad a nis. Agus a bharrachd air sin, bha sia sgillinn ri phàigheadh air son litrichean a thigeadh á Eirinn no à Sasunn gu ruige Alba. Gu math tric bha litrichean a bhiodh mòr, no trom, no dùmhail air am fosgladh gun fhios, an dùil gum biodh airgiod annta, agus air an tilgeadh anns an teine. Is dòcha gur ann mar so a dhéirich do litir Sheumas; oir cha dràinig i riamh Taigh na Coille. Bha Seumais, mar a bha nàdurra dha, atoirt air fhein a chreidsinn gum biodh fios aig amhàthairs aigathairs aig a pheathraichean gu robh e beò, slàn agus air an t-slighe dhachaidh ann an ceann beagan làithean an déigh dha sgrìobhadh. Bha so atoirt toileachaidh dha chridhes dhainntinn; oir bha am bròn agus am bristeadh cridhe, a bha e cinnteach a bhairathair a mhàthairs air a chuid



[347]

[Vol . 3. No. 44. p. 3]

eile den teaghlach, acur barrachd dragha air na na trioblaidean troma troimh an robh edol riamh on lathas an dthugadh a dhaindeoin air bòrd e.

Gu math moch air madainn Dimairt rinn an tuathanach deiseil an carbad, agus dfhalbh e a chur Sheumais agus a chompanaich pìos math den rathud. O nach robh an rathad aon chuid réidh no comhnard cha do chuir iad uiread a dhastar nan déighs a bha dùil aig Seumas an àm dhaibh falbhs amhaduinn. Chaneil teagamh nach robh Seumas agabhail fadachd den rathad; oir chan fhaca e riamh roimhe a leithid de bhogaicheans de lochanans de dhaimhnicheans de mhonaidhean àrda. A chum an ùine a chur seachad cho maths a ghàbhadh deanamh, bhan tuathanach ag innseadh mòran naigheachdan mu na sìthichean a bhiodh daoinefaicinn anns gach àite troimh robh iad asiubhal, agus mu iomadh gnìomh agus euchd iongantach a rinneadh anns a chuid ud a dhEirinn o chionn fad an t-saoghail. Cha robh Seumas agabhail a bheag sam bith de shuim de na naigheachdan faoine ud; ach air eagal gun cuireadh e mialachd air an tuathanach chòir, a bha a réir choltais atoirt làn chreideas do gach naigheachd a bha e fhein ag aithris, bha Seumas aleigeil air gu robh e creidsinn a h-uile facal dhiubh.

Bha greis mhath den oidhche air a dhol seachad mun dràinig iad an taigh-òsda anns an robh iad gus an oidhche a chur seachad. Bha muinntir an taigh gu léir glé eòlach air an tuathanach; oir cha deachaidh e riamh air thurus do Bhaile-Doire gun oidhche a chur seachad maille riutha airfhalbhs air a thilleadh. Bha ena dhuine còir, aoidheil, làn de sheann naigheachdan. Ged a bha e glé ghlic cùramach mu gach ni a bhuineadh dha, bha e còir, fialaidh gu leòr an uair a biodh e air falbh on taigh air thurus. Ged nach cualas riamh gun drinn e ana-caitheamh air a chuid airgid ann an àite sam bith, cha mhò na sin a chualas neach ag radh gu robh e mosach no spìocach.

Ann an ùine ghoirid dheasaicheadh suipeir mhath bhlàth dhaibh, agus an uair a ghabh iad i. dhinnis an tuathanach a dhfhear an taighe gur ann a dhAlba a bhuineadh an duine uasal òg a bha maille ris, agus gum be aon den dithis a shàbhalabh de na bhair an luing a bhristeadh air na Sgeirean Dearga beagan làithean roimhe sin, agus gum be am balach òg an aon eile. An uair a thug iad greis air comhradh mu chaochladh nithean ghabh iad mu thàmh. Gu math mochs a mhaduinn dhéirich iad, agus an déigh dhaibh am biadh maidne a ghabhàil, thug Seumas agus a chompanach an aghaidh air an t-slighe gu Baile-Doire. Chaidh an tuathanach còir céum den rathad maille riutha. Dhinnis e dhaibh mun t-slighe agus far am bu chòir dhaibh an oidhche a chur seachad. An uair a bha iad adealachadh thug Seumas mìle tàing dha air son a chaoimhneis a nochd e dha, agus thuirt e gun tigeadh e, nam biodh e beò, a dhaon ghnothach ga fhaicinn mun tigeadh ceann na bliadhna.

Thill an tuathanach dhachaidh an latha sin fheins e taingeil gun deachaidh aige air caoimhneas a nochdadh do dhaoine bochda a bhanan eiginn.

Lean Seumas agus a chompanach rompa. Choisich iad anabarrach math, agus ràinig iad an taigh anns an robh iad gus an oidhche chur seachad beagan an déigh don oidhche tuiteam.

(Ri leantuinn.)


Mu Bhlar na Dunach.

Bha na Gaidheil bho shean cleachdta ri da latha sonruichte anns gach bliadhna a ghleidheadh mar laithean feille. Biad sin latha na Nollaige moire agus latha na Nollaige bige. Bha oidhche na Nollaige bige air a gleidheadhn a h-oidhche ro-shonruichte, agus air a h-ainmeachadhOidhche Chollainnanns an robh a h-uile fear agus bean, fleasgach og agus gruagach air an cruinneachadh aig fleagh am measg an cairdean agus an coimhearsnaich, agus bha an cruinneachadh so air a dheanamh le mor-ghreadhnachas, chairdeas agus fhiughantas anns an doigh a leanas. Bha caora no mult airfheannadh le feannadh-builg airson fleagh na Collainn. Bha crioman beag den chraicionn airfhagail gun fheannadh air uchd abheathaich agus an deigh sin air a thabhairt a nach gu glan agus air ainneachadhCaisaan Collain.” Bha an Caisean Collainn an sin air a ghiulan le muinntir na Collainn; bha gach fear agus fleasgach aig uair shonruichte den oidhche acruinneachadh comhla agus afalbh a dh-ionnsaidh tighean an cairdean agus an coimhearsnaich. Dhfheumadh achuideachd uile dol deiseal tri uairean timchioll an tighe, gach fear le lorgn a lamh agus ag aithris an rainn so a leanas, mar a bha edol air aghart acuairteachadh an tigheaig a cheart am aslachdadh ballachan an tighe leis an lorg a bhan a lamh; “Chollainn, a bhuilg bhuidhe, bhoicinn buail an craicionn air an totadh. Cailleachs achuilcailleachs achillcailleach eilen ceann an teine; biorn a da shuil; biorn a goile: Eirich agus fosgail dhuinn.” Bha gach fear an sin ri rann a ghabhail ag an dorus mam fosgailear dha e. Is e so aon de na rannaibh:

Eirich thusabhean choir,
S a bhean og a choisinn cliu;
Liobhair thusaChollainn uait
Mar bu dual dhuit a thoirt dhuinn.
Amhulchag air am bheil an aghaidh reidh,
S am fear nach do bheum suil;
S mareil sin deas ad choir,
Foghnaidh arans feoil dhuinn.”

Bha an dorus an sin airfhosgladh le greadhnachas agus fiughantas nach bu bheag; bha an Caisean Collain an sin air a thabhairt air bonn agus prabadh dathaidh air a thabhairt air anns an teine agus air a thabhairt don mhnaoi a bu shine bhas an tigh. Chuireadh ise risroin an Caisean leth dhaite agus rachadh a chur man cuairt air na bhas an tigh. Bha bord na cuirme an sin air a chuairteachadh le muinntir na Collain; bha rogha gach bidh agus dibhe air abhord agus bha cairdeas, greadhnachas agus toil-inntinn rim faicinn am measg na cuideachd.

A reir achleachdaidh so dhfhalbh tuath Mhic-Ionmhuinn, tighearna Mhisnis a bhachomhnuidhs an am sins an Eiridh, baile a tha beagan tuath air Tobar-mhuire, air Chollainn gu Mac-ìlleathain, tighearna Thorloisg agus thainig tuath fear Thorloisg gu Mac-

Air leantuinn air Taobh 7.



[348]

[Vol . 3. No. 44. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney Cape Breton.


SIDNI, AM MAIGH 4, 1895.

Tha Breatuinn an deigh Nicaragua a thoirt fo chis. ’Nuair a dhiult i an t-airgiod a phàigheadhsa bhan ùine suas, chaidh soitheach-cogaidh no dha de Chàbhlach Bhreatuinn a stigh do dhacarsaid Chorinto, ceann bhaile na duthcha, agus ghabh iad seilbh air a bhaile. Cha do chuir duine grabadh no tilleadh orra. Tha Nicaragua a nise deònach am t-airgnod a phàigheadh ma gheibh i beagan dàil, agus chan eil teagamh nach fhaigh i sin. Chan eil ann an Nicaragua ach dùthaich bheag, mu uiread Nova Scotia, Eilean aPhrionnsa, ’s Ceap Breatunn, nam biodh iad air an cur cuideachd. ’S en t-suim a tha Breatunn, ag iarraidh, tri fichead us coig deug mile dolair ( $75 ,000.)

Mar thaCabar-Feidhag innsena litir, tha na Teachdairean Rioghail, non ard-chomhairle a bha air an cur a mach le Parlamaid Bhreatunn air son fiosrachadh fhaotainn a thaobh an robh no nach robh fearann fas air Gàidhealtachd na h-Alba a ghabhadh cur gu deagh fheum le tuath, air an obair a chriochnachadh, agus fhuair iad gu bheil, aig an àm so, glé fhaisg air mhuillein acaire fearainn fo chaoraichs fo fhéidh a tha air gach dòigh freagarrach air son a bhi air oibreachadh le tuath. Tha na croitearan agus na tuathanaich bheaga, ’s an càirdean adeanamh gàirdeachas mor ri so, agus chan ioghnadh e, oir roimhe so bha moran de na h-uachdarains den càirdean ag ràdh gu follaiseach nach robh a bheag sam bith de dhfearann fàs a bha air dòigh air bith freagarrach air son tuathanachais. Tha e nise air a lan dhearbhadh nach eil sin fior, ’s chan eil teagamh nach eil an latha faisg air làimh anns am bi cothrom moran nas fhearr air a thoirt don t-sluagh bhochd air Gàidhealtachd na h-Alba na bhaca riamh roimhe. Tha e air a ràdh gun téid neart thar ceart, ach ged a theid, ’sen ceart a gheibh an làmh-an-uachdar air acheann mu dheireadh.


Litir as an t-Suain.

A Charaid, —Tha mi le so cur mo dholairg ad ionnsaidh agus tha mi aguidhe aMAC-TALLA fhaotainn fad na bliadhna a tha tighinn. Mòran taing dhuit air son do phaipeir ghasda a fhuair mi gach seachdain gu tearuinte.

Tha mi toilichte chluinntinn gum bheil aMAC-TALLA dol air aghaidh agus gum bheil a leughadairean fàs nas lionmhoire o bhliadhna gu bliadhna. Tha min dochas gun dean càirdean na Gàidhlig an dichioll chum an t-aona phaipear a tha acan an cainnt fhéin a chumail suas.

Tha mòran ag ràdh an dràsd nacheil aGhàidhlig slàn agus gum faigh i bàs gu cinnteach ann beagan bliadhnaichean. Ach chaneil sin fior idir. A réir coltais tha i cho slàn, fallain an diugh ris a bha i aig uair sam bith roimhe, dhaindeoin gach oidhearp a thug na Sassunnich chum a marbhadh. Tha icruaidh mar fraoch agus buan mar an darachagus chan fhuarasda a leigeil gu làr. Cho fads a tha càirdean aice cho treun, dileas riut fhein chan eagal dhi.

Soirbheachadh math leat. Is mi do charaid dileas,
RICHARD ELLIOT.


Iadsan a Phaigh.

Iain Caimbeal, Seana Bhridgeport.
Domhnull D. Mac Isaic, Bain Ear.
Simon A. Gillios, Margaree , ( $1 .50)
Niall Mac Amhlaidh, Hogamah , ( $2 .00)
Iain Mac Ille-mhaoil, Bain Ear.
Domhnull Mac Cuidhein, Port Morien.
D. F. Mac Aoidh, Tarbert , St. Anns.
Domhnull Mac Ill-fhinnein, South Bar.
Donnacha Mac Aoidh, Loch Ainslie, (50c)
Tormad D. Mac Neill, Benacadie, (25c)
Uilleam A. Moireastan, Sidni.
Dotair Mac Dhiarmaid, Maxville , Ont.
Eobhan Mac Eobhain,
Iàin Dughallach, Sowerby ,
Murcha Mac Gilleain, High Bank, P. E. I.
Nial Caimbeal, Darlington ,
Dotair Mac Leoid, Spokane , Wash.
F. A. Gemmel, Selkirk , Manitoba.
Uilleam Friseal, Elgin , Ill.
F. Mathanach, York Factory, Hudsons Bay
Richard Elliot, Gottenburg , Sweden.
N. Z. Tablet,” Dunedin, New Zealand.
Calum Buchanan, Auckland ,
An t-Urr. Mac Laomuin, Grand Metis, $2 . 00
R. Domhnullach, Pleasant Bay, N. S.


CUIMHNICH!
gu bheil aghainn
Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh
dhe gach seorsa, agusga reic air
PRISEIN IOSAL.
JOST BROS.
Sidni, C. B., Feb. 1, ’95.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-iomaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SYDNEY, —C. B


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[349]

[Vol . 3. No. 44. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Tha brògan us bòtainnean aigC . H. Harrington & Co.an dràsda a reiceas iad moran nas saoire nas abhaist dhaibh. —3i

Thatar adeanamh deiseil air son marbhadh nan giomach cheana. Tha h-uile dùil aca gum bi barrachd air an glacadh am bliadhna na bha air an glacadh bliadhna fhathast.

Chaochail fear a mhuinntir Mainadieu, Caiptean Muireach Domhnullach, ann an tigh-eiridinn am baile New York, o chionn ghoirid. Thugadh a chorp dhachaidh deireadh na seachdain sa chaidh chum a bhi air adhlacadh. Cha robh e tinn ach ùine gle ghoirid.

Tha cuid dhe na méinnean guail nach eil ri bheag as fhiach a dhobair fhathast. Tha cuid dhiubh a bhag obair gu math, fada roimhn àm son uiridh, am bliadhnanan leth thàmh. Tha sinn an dòchas nach lean sin fada, oir ma leanas, bidh moran den luchd-oibreach air an droch chàradh.

Chaidh nighean bheag le Mrs. Hain, a losgadh gu dona Di-luain sa chaidh. Chaidh i a mach a chruinneachadh shliseagan, agus air dhi a bhi feuchan ri teine bheothachadh, ghabh a h-aodach teine. Mun dfhuaireadh an teine a chur as bha i air a lorgadh cho donas nach eil a choltas oirre gum tig i uaithe.

Tha iad a deanamh leasachadh mòr air na h-oibrichean aig a mhéinn ùir(Reserve)air an t-samhradh so, agus tha dùil aca mòran guail a thionndadh a mach mun dùin na h-acarsaidean toiseach a gheamhraidh. Rinn a mhéinn so barrachd guail a chur a mach an uiridh na rinn gin de chàch, ach a Mhèinn a Tuath a mhàin.

Than amhach-ghoirt air bristeadh a mach a rithist. Tha ochdnarnan laidhe tinn leatha, dithis ann an tigh Eoseph Laphine, agus sianar ann an tigh Dhomhnuill L. Mhic Fhionghain. Chaochail bean Eoseph Laphine leatha. Tha sinn an dòchas gu faigh na dotairean stad a chur air an droch euslaint so mas sgaoil i air feadh abhaile.

Bha Gilleasbuig Mac Fherghais, a tha fuireach air Caribou Marsh, a leagail coille Di-sathairne sa chaidh agus air dha craobh a leagail, fhuair e innte nead Colmain-coille, agus tri uidhean ann. Cha robh an t-ian faisg air làimh aig an àm, agus rinn e ach an nead a chur ann an craoibh eile. Chaidh en sin dhachaidh gudhinnear, agusn uair a thill e, bhan t-ian air an nead, mar nach rachadh a charuchadh as an áite san dfhàg e e.

Tha boirionnach ann an cearna de Chuibeic, aois leth-cheud bliadhna, agus an deigh dhi a bhi pòsda fichead bliadhna, dhfhàg i a fearsa cuid cloinne, ’s theich i le sgaomaire de dhuinòg a thàinig an rathad. An ceann beagan ùine chuir am fear sin cùl rithe, agus a nise than t-aithreach oirre nach do dhfhuirich i aig an tigh. Tha ig iarraidh mathanais air a fear, agus tha àn dhóchas aice gun gabh e rithe, dhaindeoin cho donasa dhéilig i ris.

Tham buntàtas an coirce gu math daor ann an Eilean a Phrionnsa air an earrach so, cho daors nach eil a choltas air gum bi a bheag sam bith air a chur air falbh a dhàiteachan eile.

Than acarsaid a nise fosgailte, agus tham bàt-aiseig aruith air na cuairtean àbhaisteach o chionn seachdain. Cha dthàinig an deigh mhor a stigh fhathast, ’s chan eil iarraidh oirre, ach tha iad ag ràdh gu bheil meall mor dhi a muigh mu na cladaichean. Cha tig mòran blàiths ann fhad sa bhios i faisg orinn.

Chaidh factoridh tombaca na teine ann am Montreal, seachdain romhn Diordaoin sa chaidh. Bha mu maoi ceud gu leth ag obair aig an àm, agus cha robh dòigh air teicheadh. Bfheudar uinneag a bhristeadh a mach, agus chaidh moran a ghoirteachadh adol a mach oirre. Tha feadhain dhiu air chall fhathast, agus chaochail ceathrar no choignear dhe na chaidh a ghoirteachadh.

Tha bruidhinn air gu bheil an rathad iaruinn eadar Orangedale us Broad Cove gu tòiseachadh an ùine ghoirid. Bha dùil ris o chionn fhada, ach bha dàil air a chur ann o am gu àm, ach tha e car coltach gu bheil iad air an turus so adolga chur air adhart. Bin obair air an rathadna chuideachadh mor do mhuinntir na dùthcha, oir than t-airgiod glé ghann aig a cheart àm.

Chaidh tigh-bòrdaidhna theine ann an Kamloops, B. C., an la roimhe, agus bha dithis dhaoine, Alasdair Mac Fhearghais, agus Eoseph Moore, air an losgadh gu bàs. Tha cuid adeanamh dheth gum bann a mhuinntir Cheap Breatunn a bha iad. Tha gu leòr dhen ainm ann an Ceap Breatunn. Bha àireamh de dhaoineile anns an tigh aig an àm ach fhuair iad as le mbeatha.

Chaidh gille dan ainm Uisdean Dòmhnullach, aois cheithir bliadhndeug, a ghoirteachadh gu dona ann am Mèinn Victoria Di-sathairne sa chaidh. Bha ena sheasamh aig fear dhe na dorsan anns amheinn, agus thainig dha no tri charbadan le roids bhuail iad anns an dorus. Bhan gille air a ghoirteachadhsa cheann, agus cha dthainig e gu thùr fhéin gu feasgar Di-luain. Bha eagal orra nach rachadh e am feabhas idir, ach tha choltas air a nise gun teid e nas fhearr.

Tha Iain Rothach, asgriobhadh ugainn á New Zealand, ag innse gun do chaochail ann an Kaurihohori, air an dàrna latha dhen Mhàrt, Uilleam Domhnullach, ceithir fichead bliadhnasa seaehd deug a dhaois. Chaidh e don dùthaich sin á Gleann St. Anns air aGhertrude” ’sa bhliadhna 1856. Bha de theaghlach aige triuir nighean agus coignear ghillean. Tha iad uile gle chothromach. Rugadh e ann an Asainnt mu thuath, agus thainig e fhéin agus dithis debhràithrean, Rob agus Ruairidh gu St. Anns agus thog iad fearann anns aghleann. Chaidh e an deigh sin gu New Zealand, far an robh e gu math air a dhóigh agus fo dheagh chliù aig na h-uile. Bidh litir Iain Rothaich anns aphaipear air an t-seachdain sa tighinn.


Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan, Pinn, Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires air son gach àm eile dhen bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


Minard ’s Linimentair son Loine.


Bhathar dhe gach seòrsas fhearr agus cho saorsa gheibhearsa bhaile ri chreic aig D. I. Domhnullach. Taghail aige.



[350]

[Vol . 3. No. 44. p. 6]

LACHLUNN MAC THEARLAICH OIG.

AM BARD SGIATHANACH.

(Air leantuinn.)

An àm da a bhi mu thri bliadhna fichead a dh-aois, phos e Fionnaghal Chaimbeul, nighean Fir Ranndas an Eilean Earrach, boirionnach maiseach agus eireachdail. Air da a bhi ro dheigheil air Eilean a bhreith, ghabh e air mal oCheann-cinnidh fein fearann Bhreacais maille ri eilean Phabaidh, ann an sgireachd an t-Sratha. Re beagan bhliadhnaichean an deigh sin shealbhaich e mor thoilinntinns an tuathanachas so, maille ra bhan-chompanach cheanalta fein; agus an uair a rinn ise, mar a cheile-san, a dleasnas fein anns gach cuis, cha do chuir riamh fear cas ann am broig a bha ni bu dillse agus dleasnachail mar fhear-posda, agus mar athair teaghlaich, na bha esan. Ach mo thruaigh! luaineach mar a ta grch toilinntinn thalmhaidh, cha bfhad gus an dthainig crioch air mor-shonas an deagh dhuine so. Chaochail a cheile ionmhuinn ann am maise a h-oige agus a neirt, agus air do mhor-speis a bhi aige san da mhnaoi ghradhaich fein, ghrad bhuaileadh e le buille air nach dfhuair e riamh thairis. Chaill e a mhisneach gu tur. Ghabh e grain air an aite far an do shealbhaich e re uine ghoirid toilinntinn agus sonas co mor. agus chuir e dheth an tuathanachas air fad. Thainig duibhre air inntinn an fhilidh, agus cha burrainn e a shuil a thilgeadh air ni sam bith a bheireadh solas da chridhe. Chuir e cul ris an Eilean Sgiathanach air ball, thug e Ceanntail air, agus ghabh e seilbh fearainn an sin o Mhac-Coinnich. Cha bfhad gus am fac e atharrachadh mor eadar muinntir Chinntail agus a chuideachd chairdeil fein Clann-Ionmhuinn an t-Sratha. Bha na cleachdannan agus na doighean aig na coimhearsnaich ura uige co anabarrach fuar, ascaoin, coimheach, agus neo ghineadails nach burrainn e cur suas leo. Bha iad air gach seol co tur neo-chaomhailn an gne, ’s nach robh en a chomas gride na bardachdn a chridhe a chumail fo smachd. Uime sin, rinn e na h-uiread de rannaibh sgaiteach, beumach, agus eisgeil an aghaidh muinntir Chinntaile, agus choisinn sin da gu h-ealamh am mi-ghean agus an corruich. Tharmaich iadn an cridhe fein fuath agus gamhlas don Sgiathanach aonaranach agus cha robh fior charaid aige no neach ris am fosgladh einntinn feins an duthaich sin air fad. Chuir e seachad ceithir bliadhna air an doigh so, anns nach robh aon la sonais aige, agus an sin runaich e dol air ais dhionnsuidh sgireachd a bhreith. Rinn an Ceann-cinnidh aige solas mor ris, agus shuidhich se e a risn a sheann thuathanachas fein ann am Breacais. An deigh dha a bhi da bhliadhna dheugn a bhantrach, chaidh e air turas dhionnsuidh baile Inbhirnis a dh-amharc air seann chompanaich a bhas an sgoil maille ris, agus a bha fantuinns abhaile sin. Cha robh e fad an sin, an uair a cho-eignich a chairdean e chum bean-uasal araidhs abhaile a phosadh. Bu bhantrach i de Chloinn-an-Toisich, agus bhan t-ainm gun robh i saibhir. Thug e geill dan comhairle, ach cha bann gu buileach lethoil fein. Chan e mhain gun robh Nic-an-Toisich gun sgillinn ruadh aice dhen t-saoghal, ach bha i gu domhain an am fiachaibh. Air an ath mhaduinn an deigh aphosaidh, thaoghail na maoir air, agus thug iad dha gairm laghail gu cuirt a sheasamh air son cuid fiach na mna aige. Bu chruaidh sin uile air Lachlunn coir, a dhfheudadh a radh, “An dfhuair sibh mi, O mo naimhdean?” An uair a bhan sumainn a laimh, ghlac e peann, dhfhosgail e Biobull a mhna, agus sgriobh e na briathra a leanas air clar an leabhair naoimh:—

Than saoghal air a roinn,
Tha dhàn ann;
Tha dán ann gu bhi sona,
Ach chi mi dàn an donais ann.”

Cha luaitha rinneadh am posadh truagh agus mi-fhortanach so na theich sonas Thearlaich, agus dhfhagadh en a dhuine gun sunnd, gun mhisnich, gun chridhe chum ni sam bith a dheanamh mar a babhaist da. Bha abhean ardanach, uaibhreach, crosda, agus asealltuinn oirre fein mar stuth moran nis fearr na companach fein. Mar mhuime, bha i searbh, dalma, coimheach, agus ro chruaidh air achloinn aigesan, a chaill am mathair chaomhail fein. Bhiodh i an comhnuidhg an smachdachadh gun aobhar, ’g am bualadhsg an ciobadh roimh shuilean an athar fein aig nach robh achridhe a bheul fhosgladh. Bha so uile anabarrach cruaidh air abhard bhochd, agus cha robh aon mhionaid sithe no suaimhneisn a thigh, on la sin air an deachaidh ise a stigh air an starsnaich aige. Air la sonraichte chuir abhean thuaireapach so gu searbh a mach air an nighinn bu shine aig a companach fein, agus thubhairt i ris achaileig gun robh grain cridhe aicoirre, agus gum bu dubh dhi-se an la sin, air an do chomhlaich i an toiseach gu mochs amhaduinn i. Ghrad fhreagair achaileag a muime, agus gun teagamh le beagan de gheur-bhriathrachd a h-athar fein, thubhairt i rithe, “Chan ioghnadh leam ged a theireadh tu gum bheil fuath agad domhsa agus tha moran aobhar agad a chreidsinn gum bheil e mi-shealbhach mise a chomhlachadh, oir bu mhise ceud chomhlaiche mathar thruaigh air amhaduinn mhi-shuaimhnich sin air an dfhag se a dhachaidh fein chum thusa a phosadh.”

Rinn Lachlunn dichioll air giulan mar a dhfheudadh e leis gach amhghar agus trioblaid a thainig air, ach bha a spiorad briste, agus chaill e moran dhen t-suilbhireachd-inntinn a bha aige a thaobh naduir. An deigh sin uile, bu duine e air an robh mor-mheas aig gach ard agus iosal; agus ged is fad an uine on dhfhag e an saoghal, tha deagh chuimhne air fathast ann an duthaich abhreith; agus is iomadh linn a theid seachad mun di-chuimhnichear Lachlunn Mac Thearlaich Oig, lechinnidh agus lechairdibhs an Eilean Sgiathanach.

(Ri leantuinn.)


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.



[351]

[Vol . 3. No. 44. p. 7]

Air leantnind o Taobfl 3,

Ionmhuinn. Rinn Macilleathain fiughantas agus suilbhearachd nach bu bheag a nochdadh do chuideachd Mhic-Ionnmhuinn; thg e dhoibh rogha gach bidh agus dibhe agus cunntas sonruichte de chrodh a bheireadh iad leotha aig àm pillidh. Cha dfhuair tuath Mhic-illeathain bho Mhac-Ionmhuinn ach a mhain na dhol iad. An uair a bha an da chuideachd apilleadh, choinnich iad ann an gleann a tha eadar Darbhaig agus Tobar-mhuire, troimh am bheil abhuinn aruith bho dheas gu tuath ris an abrar, “Abhuinn-tuil-Ghall.” Ri taobh na h-aibhne so thoisich an tabaidcuideachd Mhic-illeathain atilleadh achruigh a fhuair tuath Mhic-Ionmuinn. Anns a bhlar so mharbhadh seachd fichead Mac-Mhoirein de nach dthugadh fiasag. Is e ainm abhlair, “Blar-na-dunach.”


Minard ’s Linimentas fhearr.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidui, C. B.


I. O. G. T.
Tha coinneamh aigVictory Lodge, No. 138, I. O. G. T., ”ann an Talla nan Saor Chlachairean, am Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


Tha so air a chumail do
C . B TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[352]

[Vol . 3. No. 44. p. 8]

D. J. DOMHNULLACH.

Tha pris an Anairt air tuiteam agus tha sinn acreic Anart geal us buidhe a bha roimhe so eadar 8c us 14c, eadar 6c us 10c. ’S ann againn a gheibhear
Am Bathar as fhearrs as Saoire.

Tha sinn a creic nan Lamhannan as fhearr a than Canada, agus na Brogan as fhearr a thatar adeanamham Montreals an Amherst.

Deiseachan Deante eadar $3 .25, ’us $13 .00.

Deiseachan air $6 .00 us $7 .00, air an deanamh cho mathsa dheanadh tailllear iad. Adan dhe gach seorsas fhearr a tha iad adeanamh ann an
Sasuinns anns na Staitean.

Faighnich de neach sam bith a cheannaich dad uainn, agus chi thu gu bheil iad lan riaraichte. Taghail againn agus faic gach seorsa thagainn ri chreic.

WENTWORTH HOUSE,Sidni, C. B.


Bas Shenacherib.

Mar mhadadh a chromas gu moch air achrò,
Craos-fhosgailteach, fad-fhiaclach, geurìneach, beò;
Mar sid rinn àrd-cheannard Assyriateachd,
Ann am purpurs an òr uile-còmhdaichtbhafheachd.
Mar bhoillsge reult oidhche air muir Ghalilì
Bha dealan an lannan a lean e mar Rìgh.
Mar dhuilleach na coilles an samhradhn a àird,
S an fheasgar cho lionmhor bha armailt nan sàr;
Mar dhuilleach na coillesam foghar air triall.
Bha armailt nan treunn uair a dh-éirich aghrian!

Oir dhimich an Bàs ann an carbad na gaoith
S dol seachad thuganail dhoibh galarus gaoid,
Iad uilen an sìneadhan snan-chadal trom,
Bhuin an t-aog do na seòid, ’s cha robh deò ann an com;
Gun ghluasadn a shìneadhan sid air an fheur
Bhan steud-each a buallaiche gluasad an .
Bhachuinean cruin, fosgailte, dearg, ach ma bha,
Dhfhalbh anail na misnichs na sitrich gu bràth,
S bha cobhar achruaidh-ghleachd mun cuairt air gach taobh,
Mar chop-geal nan stuadh air an sguabale gaoith.
Bhamercachn a shìneadhan sìor-chadal fuar,
Armachd air mairgeadhs an dealt air a ghruaidh.
Na pàilleanan sámhach, gun ghàire, gun cheòl,
S na brataichean uile gun duinen an còir,
Na lannan caol, dìreachn an sìneadhs an fheur,
S na trompaidean árd-ghuach sàmhach, gun gheum;
Tha bantraichean Asuir ri coranaich àrd,
S gu sìorruidh fo mhi-chliù tha Iodhalan Bhàail;
Gun chòmhrags gun iomairt than Cinneachusfheachd
Ann am fianuisur Dia-ne air leaghadh mar shneachd!

— “BUN-LOCHABAR.” ’sa Ghaidheal.


Tha àireamh mhòr de luchd-gabhail a phaipeir nach do phàeigh fhathast air son na bliadhna so ged a tha i nise gle fhaisg air a bhi seachad. Bu chòir dhaibh sin cuimhneachadh oirnn. Tha fhios againn nach eil dùil aig aon dhiubh ar cur as ar cuid fhéin, ach tha cion an airgid bu chòir a bhi againn, ’gar cumail glé dhripeil. Tha moran againn ri phàigheadh a mach air a mhios so, agus mur faigh sinn ar cuid fhéin cha teid againn air a dheanamh. Tha sinn duilich gu bheil againn ri bhi toirt iomradh air so cho tric, ach chan eil àrach againn air.


CuirMinard ’s Linimentri dfhalt.


Tha mi creidsinn gu leighisMINARD ’S LINIMENTAmhach Ghoirt
Riondald , MRS. REUBEN BAKER

Tha mi creidsinn gun toirMINARD ’S LINIMENTair falt fàs.
MRS . CHAS. ANDERSON.
Stanley, P. E. I.

Tha mi creidsinn gur h-eMINARD ’S LINIMENTan leigheas as fhearr a tha ri fhaotainn.
METHIAS FOLEY,
Oll City, Ont.


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co,
Mai 4, ’95.

titleIssue 44
internal date1895.0
display date1895
publication date1895
level
reference template

Mac-Talla III No. 44. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page