[Vol . 3. No. 45. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MAIGH 11, 1895. No. 45.
Litir a St. Ann’s.
Fhir-deasaichidh Ionmhuinn. —Is fhada bho nach fhaca mi guth de naigheachd anns a Mhac-Talla as a chearn so d’ an dùthaich. Cha n-eil teagamh nach eil gu leòr anns an àite ’s fhearr a sgriobhas Gàilig na mise—us cha mhor rud daibh—ged tha mi gabhail orm fhin beagan fhacal a chur g’ar n-ionnsuidh aig an àm so. Ach mar bha Leòdhasach bochd ag ràdh la us e cur nam both dheth ri ruamhar air do dhuin’ eile thighinn a rathad, thuirt e ris, “cha n’ eil duil’ am fhin a dhuine gu ’m beil ceap air do chas-chrom,” “ciod a mhic, an difir,” ars’ esan, “ceap orra na dhith ma ni i ruamhar.” Agus mar sin theid mi air ’m adhart toirt duibh beagan cunntais air mar tha cuisean dol air aghaidh nar mesg aig an àm so.
Tha an t-earrach mor, fadalach bha againn nis gus bhi seachad. Bha daoine an dùil leis cho anabarrach stoirmeil ’sa bha an t-earrach gum biodh Bealltuinn thràth ann, ach cha n-ann ris a sin tha chùis coltach. Bha stoirm mhor againn air leith a mhios ann an so faisg air bhi cho trom ri gin thainig fad an earraich. Ach ged tha ’n t-side stiormeil us na roidean dona, cha n-eil aobhair ghearain aig daoine an taobh so, oir cha n-eil mi cluinntin dad do thinneasan bhi na measg, agus cha n-eil biadh aon chuid gann orra fhein na air spréidhe. Na ’m biodh biadh spréidhe cho gann ’sa hha e an uiridh anns an àite so, bhitheadh e gu math duilich do dhaoine thoirt dhachaidh le olcas nan ròidean. Cha n-eil teagamh nach eil cuid ann a bhios gann gu leòr leis cho fadalach ’sa tha an t-eaarach, ach tha feadhinn eile ann a dh’ fhaodas rud a reic, agus tha e mar sin soirbh gu leòr fiar us fodar fhaotainn gun dhol astar fada air falbh. Bha réis each gus a bhith aca air deigh na h-acarsaid so o chionn ghoirid, ach cha robh an doigh freagarrach, agus chaidh a chùis nan aghaidh. As a cheud dol a’ mach bhrist fear do na h-eich bu luathe bh’ ann troi an deigh, agus chaidh an driver truimeach air h-errach a’ mach air clagainn an eich, agus cha mhor nach deach iad le chèile bhar na h-amhaich. Chuir sin stad air a ghnothuch. Tha an deigh gu math làidir air an acarrsaid fhathast, agus tha h-uile coltas gur e samhradh a chi a mach á caolas i. Tha càirdean Iain Rothaich chòir glé thoilichte air bhi faicinn litrichean uaithe an dràsda us rithist anns a’ Mhac-Talla, ’toirt cunntais daibh air an luchd eòlais dh’ fhalbh as an àite so do New Zealand. Ged tha fasg air da fhichead bliadhna o ’n dh’ fhàg Iain Rothach St. Anns, tha e coltach nach do chaill e Ghàilig fhathast.
DONNACHA DONN.
St . Ann’s, April 18, ’95.
Litir a Plymouth.
A dheagh charaid: —Cha b’e cion an dolair no cion deagh rùn dhuit a bu choireach mi bhi cho fadalach ’na chur ugad. Cha’n eil annam ach an droch sgriobhadair Gàilig agus ged a bha toil agam litir a sgriobhadh g’ ad ionnsuidh, bha mi car fadalach uime. Ach theid agam air Gàilig a leughadh math gu leòr, ged nach téid agam air a sgriobhadh ro mhath. Tha tiomannan gu math cruaidh anns na Stàitean air a’ gheamhradh so, ged nach eil aobhair ghearain sam bith againn an so. Tha sinn ag obair na h-uile latha agus tha dochas againn gu’m bi an samhradh gu math na’s fhearr. Tha mise ’g obair ann an factoridh ròp. Chaidh a cur suas o chionn tri fichead bliadhna ’sa deich, agus tha i air obair a shamhradh ’sa gheamhradh uaithe sin. Tha mu chòig ceud duine ag obair innte, cuid dhiubh dh’ e gach cinneach fò’n ghréinn. Tha iad ann as gach dùthaich ’san Roinn Eorpa. Tha pròis mhor orm gur h-e Gàidheal a tha ’n a fhear-amhare-thairis orra uile, agus is duine e d’ an aithne ’ghnothach cuideachd. Tha obair mhor a’ dol air adhart anns an fhactoridh. Tha i seachd ceud deug troidh a dh’ fhad, agus eadar leth-cheud us tri fichead troidh a leud. Gheibh thu ròp sam bith a bhios uat ann, ann am fad no an gairbhead sam birh. Chunnaic mi-fhin càpull mor a rinneadh mu’n àm so ’n uirridh, a bha da cheud us deich aitheamh a dh’ fhad, agus còig òirlich dheug mu’n cuairt, agus thomhais e ochd tunna ’s ochd ceud. Tha iad a’ cur a mach na h-uile latha eadar deich us dusan tunna dhe gach seòrsa ròp. Tha iad a toirt na còcraich á iomadh àite, cuid dhith á Mexico ’s á New Zealand ’s á Rui’sia ’sa mòran àiteachan eile. Cha ’n abrainn nach eil cuid de luchd-leughaidh a Mhac-Talla ’g a laimhscachadh mu ruig i an t-àite so. Tha eadar da mhile ’s sia mile dolair air a chur a mach gach seachdain ann an tuarasdal an luchd-oibreach. Cha’n eil ach fior bheagan de Ghàidheil ’nam measg. Tha e duilich leamsa thuigsinn car son a bhiodh daoine ’g àicheadh gu bheil Gàilig aca; ’s ann a tha mi fhein glé phròiseil gu bheil i agam, an àite nàire bhi orm air a son. Iadsan a bhitheas ’g a h-àicheadh, cha’n e ’n tùr no ’n t-eòlas a tha ’toirt orra dheanamh, ach cion an da ni sin. Dh’ fhaodainn innse mu iomadh fear us té a tha mar sin a’ deanamh tàire air an cainnt, ach cha bhi mi ’g ur sàrachadh le bhi toirt iomradh orra. Cha’n eil teagamh agam nach fhaca sibh féin an leith idean uair no uair eigin. Tha na càirdean an so uile gu math. Bha mo dheagh charaid, Ailein Mac Aidh, air chéilidh orm an la roimhe: tha e fhéin ’s a theaghlach ann ann an slàinte. Tha mi ’n dóchas gu faigh sibh mo dholair gu sàbhailte, co-dhiu a’s fhach mo litir a clo-bhualadh no nach fhiach. Is mise do charaid agus caraid na Gàilig a h-uile latha chi ’s nach fhaic.
A. B. M. L.
[Vol . 3. No. 45. p. 2]
TAIGH NA COILLE.
LE IAIN.
CAIB XV.
Thug Seumas agus a chompanach, Eumann, barrachd ùine air an t-slighe gu Baile-Doire na ruigeadh iad a leas. Air latha àraidh an uair a bha iad ann am mullach a’ mhonaidh thachair dithis dhaoine riutha ’s iad ’nan suidhe a’ leigeadh an analach ri taobh an rathaid. Thòisich iad fhein ’s na daoine so ri comhradh mu ’n rathad dhoirbh, chaimeadalach a bha aca ri choiseachd mu’n ruigeadh iad an ath cheann-uidhe. Chomhairlich na daoine so dhaibh gearradh tarsuinn a’ mhonaidh, agus thuirt iad riutha, gu ’n deanadh iad an t-astar ann an dà uair an uaireadair ni bu ghiorra na dheanadh iad e leis an rathad mhòr a leantulnn. Dh’ innis iad dhaibh gu ’m b’ àbhaist do dhaoine a bhith ’gabhail an rathaid, nan saoileadh iad gu ’m biodh de sholus latha aca na bheireadh gu taobh eile a’ mhonaidh iad. O’n a bha toil aig Seumas cabhag a dheanamh dhachaidh, smaoinich e gu ’n gabhadh e an rathad aithghearr, gu h-àraidh o’n a bha ’n latha gu math, agus o ’n a bhiodh solus na gealaich ann air toiseach na h-oidhche. Thug na daoine dha beachd-sgeul air a’ mhonadh ’s air na glinn ’s air na lochannan a bha gu tachairt riutha, agus chuir iad ’na fhaireachadh e air eagal gu rachadh e iomrall ann an luib nan lochannan. Thug Seumas mòran taing dhaibh air son an caoimhneis, agas an stiùiridh a thug iad dha. Ghabh e fhein is Eumann air an aghaidh le ceum làidir, sunndach, agus bha iad an dùil gu ’m biodh iad aig an ath cheann-uidhe mu àird fheasgair. Ach gu mi-fhortanach, cha do chum iad air chuimhne cho math ’s bu chòir dhaibh, am beachd-sgeul a thug na daoine dhaibh. Mu ’n d’ thàinig am feasgar thuig iad gu robh iad air a dhol iomrall. Fhad ’s a bha ’ghrian ri ’faicinn cha do chaill iad an dùil ri faotainn a luib nan lochannan ’s nan aimhnichean a bha tachairt riutha a h-uile taobh air an tugadh iad an aghaidh. Ach mu ’n àm ’san robh a’ ghrian air cromadh gu math, dh’ fhàs na speuran dorcha le neoil thiugha, dhubha a bha ’nochdadh gu soilleir gu robh stoirm is uisge dlùth air làimh.
Bhuail an t-aithreachas iad a chionn nach do lean iad rompa air an rathad mhòr mar a rinn iad an latha roimhe sin; ach cha deanadh aithreachas feum sam bith ’san àm dhaibh. An uair a ghabhas daoine an ceum cearr air an comhairle fhein no air comhairle chàich, fuilingidh iad araon trioblaid cuirp agus dragh inntinn mu ’m faigh iad air an ais a dh’ ionnsuidh an ionaid as an d’ fhalbh iad. Is minic a chuir aon cheum cearr dragh is trioblaid air daoine fad uile làithean am beatha.
Cha robh aig Seumas agus aig Eumann ach feuchainn ris a’ bheairt a b’ fhearr a dheanamh de’n bheairt bu mhiosa. Ghabh iad an t-eagal gu rachadh iad cho fad air seachran ’s nach ruigeadh iad taigh ri ’m beò. Ged a thug iad biadh leotha an uair a dh’fhalbh iad ’s a’ mhaduinn, chuir iad as an t-sealladh e mu ’n d’ thàinig am feasgar. Bha dùil aca gu ’m biodh iad aig an ceann-uidhe mu’m biodh a’ bheag a dh’ acras orra. Bha iad a’ sìor fhalbh air feadh bhogaichean is mhonaidhean. Uair a bhiodh iad ann an cunnart a dhol an comhair an cinn le bruaich locha, no le bruaich aimhne, agus uair eile bhiodh iad gu ’n glùinean ann am poll ’s an eabar. Mu dheireadh an uair a sheid a’ ghaoth ’s a shil an t-uisge, is ann a shuidhich iad gu feuchadh iad ris an oidhche e chur seachad anns a’ cheud àite fasgach a thachradh riutha. Cha robh iad fada ’coiseachd an uair a thàinig iad gu ceann glinne. Chrom iad sìos le bearradh creige feuch am faigheadh iad sgor beag an àite eiginn anns an cuireadh iad seachad an oidhche. Gu fortanach fhuair iad àite cho blàth ’s cho fasgach ’s a b’ urrainn daibh iarraidh. Aig an àm bha iad glé sgìth; ach bha iad a’ smaointean gu ’m biodh iad ceart gu leòr dhe nan robh de bhiadh aca na dheanadh aon deadh shuipeir dhaibh. Bha géireag mhath orra le chéile gu gabhail ’s gu cnàmh am bidh, agus chuir na rinn iad de choiseachd fad an latha an t-acras anabarrach orra. Cha robh iad a’ faireachadh gu robh uiread a dh’ fheum aca air biadh gus an do shuidh iad.
Cha robh diog a’ tighinn a’ ceann fir seach fir dhiubh. Mu dheireadh thòisich Eumann ri tuiteam ’na chadal. Bha e gu math ni b’ òige ’s ni bu laige bodhaig na Seumas, agus ged nach robh e a’ leigeil dad air, bha e an impis toirt thairis mu ’n do shuidh iad anns an fhasgadh. Ghabh Seumas eagal gu faigheadh Eumann bàs leis an sgìos agus leis an fhuachd, nan tuiteadh e ’na chadal gu trom. Thòisich e ri ’chrathadh ’s ri ’shlaodadh a null ’s a nall feuch an cumadh e ’na dhùsgadh e; ach a dh’ aindeoin na bha e ’deanamh cha chumadh e Eumann na dhùsgadh. Cha robh fios aige air an t-saoghal ciod a dheanadh e ris. Mu dheireadh smaoinich e gu ’n cuireadh e an còta-mòr a bha uime fhein mu Eumann, agus gu ’n cumadh e e-fhein blàth gu leòr a’ coiseachd sìos is suas ri fasgadh na creige gus an tigeadh an latha. Ghrad chuir e dheth an còta, agus chuir e mu Eumann e.
Bha e glé throm-inntinneach anns an àm. B’ fhearr leis na na chunnaic e riamh mu choinneamh a dhà shùl gu robh e gun ceum a thoirt bhar an rathaid. Chuimhnich e air sean-fhacail a chuala e an uair a bha e glé òg, is e sin, gur fhearr rathad fada glan na rathad goirid salach, agus, gur e luathair is fhaisge do mhaille.
An uair a bha e ’smaointean air na nithean so ar leis gu ’n cuala e monabur bruidhne. Chuir e a chluas ri claisneachd, agus ann an ùine ghoirid dh’ aithnich e gur e bruidhinn a bha ’cluinntinn, agus gu robh i a’ sìor theannadh dlùth air. Bhuail an t-eagal e; Thuirt e ris fhein, gur dòcha gur droch dhaoine a bh’ annta; oir cha do chòrd fuaim am bruidhne ris. Ged nach robh iad a’ bruidhinn le guth glé àrd, bha iad a ’connsachadh gu teith, teann mu ni eiginn nach robh e gu ro mhath a’ tuigsinn. Mu dheireadh thàinig iad cho dlùth dha ’s gu robh e ’cluinntinn a h-uile facal a bha iad ag ràdh. Chrùb e ann an sgor air eagal gu faiceadh iad e. An uair a bha iad mu dheich slatan uaithe sheas iad—bha triuir ann—agus thuirt fear dhiubh nach rachadh iad ni b’ fhaide gus am biodh fios aca ciod a bh’ anns a’ chiste.
“Cha ’n e mo chomhairle dhuibh, ach a’ chiste a chur am falach an so gus an tig sinn a dh’ iarraidh na tha ’na broinn an uair a théid daoine as am faireachadh. Theid sinn gu bog, balbh dhachadh do ar taighean, agus gabhaidh sinn mu thamh. Ma theid am bodach a dh’ ionnsuidh nan taighean againn agus gun sinne ri ar faotainn, gabhaidh e amhrus gur sinn a thug air falbh a’ chiste,” arsa faar eile dhiubh.
[Vol . 3. No. 45. p. 3]
Thuirt an treas fear, gu ’m b’ fhearr dhaibh a’ chiste fhàgail far an robh i na teannadh ri bristeadh. Nan deanadh iad mòran fuaim an àm a bhith ’g a bristeadh, is dòcha gu ’n cluinnteadh iad, agus gu ’m biodh iad air an glacadh.
Cha do chòrd so ris a’ cheud fhear a labhair idir. Thuirt e, gu ’m b’ fhearr aon eun an làimh na dhà dheug air iteig. Ach o’n a bha an dithis eile an aghaidh teannadh ri bristeadh na ciste ’s ri roinn na bha ’na broinn, dh’ aontaich e gu leith-aindeonach gu’n deanteadh mar a bha iad ag iarraidh. Dh’ fhalaich iad a’ chiste cho math ’s a b’ urrainn daibh, agus thug iad ri bruthach i.
Fad na h-ùine a bha iad a’ bruidhinn bha Seumas ’na chruban ann an sgor na creige, agus eagal air ’anail a leigeadh a mach. Thuig e gur e triuir mheirleach a bh’ annta, agus bha eagal air gu ’n tugadh iad a bheatha dheth nam faigheadh iad a mach gu robh e ’g an éisdeachd. An uair a chunnaic e iad a’ dol as an t-sealladh thug e tàing do Dhia gu robh e sàbhailte.
Chaidh e far an robh Eumann feuch cia mar a bha e. Fhuair e ’na throm-chadal e, agus e blàth gu leòr. Anns an àm bha ’ghealach air a dhol fodha, agus bha ’n oidhche cho dorcha ri oidhche a chunnaic e riamh. Bha ’n ceò a thuit air na monaidhean an uair a shil i am beul na h-oidhche air togail, agus ged a bha ’n oidhche gle dhorcha cha robh i duatharach idir.
Sùil gu ’n tug e thar a ghuaille thug e an aire do sholus beag fada uaithe. Thog a chridhe ris an t-solus. Thuirt e ris fhein, gu robh daoine ’nan comhnuidh an iochdar a’ ghlinne, Gun dàil sam bith dhùisg e Eumann. Gun ghuth innseadh dha mu na chunnaic ’s na chuala e fhad ’s a bha e ’na chadal, chomharraich e mach an solus dha, agus thuirt e ris, gu’m b’ fhearr dhaibh a dhol feuch am faigheadh iad biadh is fasgadh anns an taigh as an robh an solus. Bha Eumann deònach gu leòr air so a dheanamh.
Bha ’n solus ni b’ fhaide uapa na bha iad an dùil. Greis mu ’n d’ ràinig iad e is ann a bha iad a’ smaointean gu robh e ’falbh uapa. Mu dheireadh thuig iad gur ann á uinneag taighe a bha e. An uair a bha iad mu chòig slatan o ’n dorus chuala iad connsachadh teith, teann eadar dithis anns an taigh. Sheas iad a dh’ éisdeachd; oir bha iad gu’n fhios aca co dhiubh a bhuaileadh iad aig an dorus gus nach buaileadh. Mu dheireadh chaidh iad cho dlùth air uinneag an t-seòmair anns an robh a’ bhruidhinn ’s gu robh iad a’ cluinntinn a h-uile facal de na bha an dithis a bha staigh a ràdh. So cuid de ’n chainnt a bh’ eadar an dithis a bha ’connsachadh a staigh.
“Is math an airidh thu bhith lom, falamh a’ nochd. Bha ’n truaighe ort le sannt o thoiseach a’ cheud latha. Cha robh de shòlas agad o’n cheud latha a chunnaic mise thu ach a bhith ’stòradh airgid is òir anns a’ chiste dhuibh ghranda ud. Phòs thu mise air ghaol gu faigheadh tu an dìleab a dh’ fhàg bràthair m’ athar agam. Cha do stad thu riamh gus an d’ fhuair thu mo chuid airgid-sa chur anns a’ chiste duibh comhladh ri do chuid fhein. Is iomadh latha a dh’ iarr mise ort an t-airgiod a chur ’s a’ Bhanca far am biodh e sàbhailte. Ach cha dealaicheadh tu ris. Thug iad leotha ’chiste, agus cha ’n fhaic thusa no mise sgillinn de na bha ’na broinn gu bràth.”
“B’ fhearr leam gu ’n dùineadh tu do bheul. Cha bhi fosadh air do theangaidh gus an toir do cheann snag. Bha thu fhein o ’n latha ’chuir mise eòlas ort an toiseach cho dian thun an t-saoghail ri té sam bith. Ged a chuirinnsa na mìltean ma seach cha ’n abradh tu gu ’m b’ olc. Tha fhios aig an t-saoghal nach gabhainnsa thu mur b’ e do chuid airgid. Cha mhò na sin a ghabhadh tnsa mise. Ma fhuair sannt an t-saoghail so greim ormsa fhuair e a’ cheart uibhir de ghreim ort fhein. Nach coma dhuinn cia mar a bha cùisean roimhe so, tha sinn a nis a cheart cho falamh ri daoine eile, agus ni’s falamha na mòran.”
“Is coma leamsa de ’n airgiod mhosach. Cha ’n e a tha mi ’caoidh ach m’ aon mhac. Cha stadadh tu gus an do chuir thn air falbh e. Feadhainn sam bith a dheanadh mar a rinn an triuir ud bu shuarach orra Seaghan a spadadh am an ionad nam bonn, nan tachradh e riutha.”
Ghrad thuig Seumas gu ’m b’ ann as an taigh ud a ghoideadh a’ chiste a chunnaic e bhith cur am falach aig bonn na creige ann am braighe a’ ghlinne. A chum stad a chur air an aimhreit ’s air a’ chonnsachadh a bha eadar fear an taighe is bean an taighe, bhuail e aig an dorus. Thàinig fear an taighe thun an dorus, agus dh’ fheoraich e gu fuar, frithir, cò a bha ’bualadh. Dh’ innis Seumas dha gu robh e fhein agus a chompanach an déigh a dhol iomrall air feadh a’ mhonaidh, agus gu robh iad an dòchas gu faigheadh iad, air a’ chuid bu lugha, greim bidh agus cead fuireach anns an taigh gu madainn, agus gu ’m pàigheadh iad suim sam bith a dh’ iarradh e orra.
Fhreagair fear an taighe agus thuirt e ris e bhith ’toirt a chasan as gu h-ealamh ar neo gu ’m bristeadh e a cheann leis a’ bhata.
“Ma ta, a dhuine chòir, tha thu gle’ ghòrach. Mur ’eil mise gu mòr air mo mhealladh ghoid triuir mheirleach ciste as an taigh agad a nochd fhein. Ma nochdas tu dhomhsa an caoimhneas a tha mi ’g iarraidh ort ’s mi ’nam eiginn, seallaidh mi dhut a cheart àite anns am bheil a’ chiste luachmhor a ghoid do thriuir choimhearsnach ort. Ach mur leig thu a steach mi, is mise am fear nach toir ceum air thòir na ciste maille riut.”
An uair a chuala e na briathran so thaisich e, agus thòisich e ri ràdh, gu robh eagal air gur e na meirlich a bh’ ann air tighinn a rithist.
(Ri leantuinn.)
Tha atharrachadh mor eadar an da bheannachd aimsireil sin, Slainte agus Saibhreas. Is e Saibhreas a ’s mo air am bheil muinntir an toir, ach a ’s lugh’ a shealbhaichear leo. Is minic a shealbhaichear Slainte, ged is beag am meas a tha aig moran oirre. Tha e soilleir gu ’m bheil Slainte a’ toirt barrachd air Saibhreas, an uair a smuainichear nach dealaicheadh an duine a ’s bochda tha idir ann r a shlainte fein air son airgid, ach gu ’n dealaicheadh an duine saibhir ri ’airgiod fein air son slainte.
Na cuir mor-dhochas anns an duine sin nach cuir a dhochas fein ann am muinntir eile. Cha ’n ’eil cridhe an duine sin glan. Esan aig am bheil amharus an uilc ’na inntinn fein a thaobh sluaigh eile, tha e faicinn annta-san a’ cheart ni a ta e faicinn ann fein. Do na fior-ghloin tha na h-uile nithe fior-ghlan, ach ceart mar sin, tha na h-uile nithe neo-ghlan dhoibhsan a ta neo-ghlan.
[Vol . 3. No. 45. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney Cape Breton.
SIDNI, AM MAIGH 11, 1895.
Bha “bill” air a thoirt a stigh do’n Phàrlamaid Bhreatunnach o chionn ghoirid air son tuilleadh ceartais a thoirt do na croitearan air a’ Ghaidhealtachd. Bha ’n t-achd a rinneadh as an leith beagan bhliadhnaichean air ais a’ toirt cothrom mor dhaibh nach robh aca roimhe sin, ach bidh an t-achd ùr so a dol ceum na’s fhaide na’m fàbhar ann a bhi toirt cothrom dhaibh air an croitean a mheudachadh. Aig an àm so tha ’n lagh a’ cumail a mhàil aig an aon rud o bhliadhna gu bliadhna, agus a toirt fo’n uachdaran còir air duine chur as a chuid fearainn fhad ’sa phàigheas e ’m màl, ach air cho beag ’s ’gam bi a’ chroit air am bi duine, cha n-eil dòigh aige air tuilleadh fearainn fhaighinn ach tre ghean math an uachdarain. Ma tha ’n t-uachdaran deònach tuilleadh fearainn a thoirt da, tha ’chùis ceart gu leòr, ach mur eil, feumaidh e deanamh as aonais. Tha ’n t-achd ur air son sin a leasachadh. ’N uair a bhios croitear air son tuilleadh fearainn a ghabhail, gheibh e cothrom air tagradh a chur air beulaobh cùirt an fhearainn, agus chi a chùirt sin gu’m bi tuilleadh fearainn air a thoirt da. Dh’ fhuiling na croitearan moran ana-cothrom aig lamhan nan uachdaran anns na bliadhnaichean a dh’ fhalbh, ach tha h-uile coltas air gu bheil sin gu bhi air a chur air chùl.
“Togaidh na Gàidheil an ceann,
’S cha bhi iad am fang ni’s mò.”
Tha buaireas mòr aig an àm so ann an Cuba, aon de dh’ eileanan nan Innsean an Iar. Buinidh e do na Spainntich riamh o’n fhuaras a mach e. Cha’n eil na Spainntich nan luchd-riaghlaidh gle mhath, agus tha muinntir Chuba an deigh iomadh ionnsuidh a thoirt air an cuing a thilgeil dhiubh. Cha deachaidh sin leotha aon turm a dh’ fheuch iad fhathast, agus cha’n eil e ro choltach gu’n teid aca air a dheanamh air an turus so, ach tha iad a’ cogadh cho treun ’s gu bheil a leòr aig a’ Spàinn ri dheanamh. Tha iomadh blàr air a chur o’n thainig an t-earrach; tha ’n sgeul mu dheireadh a thainig ag innse gu robh blar fuilteach air a chur air a cheathramh latha fichead dhe’n mhios a dh’ fhalbh, anns an robh mu dha cheud air am marbhadh. Chaidh ann na Spàinne an latha gu dona.
Tha ’n cogadh eadar Sina us Iapan air a thoirt gu crich; tha ’n t-sith air a deanamh, agus tha iad aig fois. Fhuair Iapan gu ire bhig na dh’ iarr i, ’s cha do chuir rioghachdan na Roinn-Eòrpa dragh sam bith oirre.
Sean Fhacail.
Ge dubh an saor, is geal a shliseag.
Ge dona ’n t-ian, ’s miosa ’n t-isean.
Ge cruaidh sgarachdainn, cha robh dithis gun dealachadh.
Ge math an gille cam cha fhreagair e thall ’sa bhos.
Ge h-olc am bothan bochd, ’se tha olc a bhi gun olc gun mhath.
Geallaidh am fear feumach an ni breugach nach faigh; saoilidh am fear sanntach, gach ni a gheall gu’m faigh.
Gealladh math us droch phàigheadh.
Ged chluinn thu sgeul gun dreach na h-aithris e.
Ged dh’ imicheadh tu ’n cruinne, cha’n fhagh thu duine gun choire.
Is fhearr an dichioll lag na ’n neart leisg.
Is fhearr an t-olc eòlach na’n t-olc aineolach.
Bhathar dhe gach seòrsa ’s fhearr agus cho saor ’sa gheibhear ’sa bhaile ri chreic aig D. I. Domhnullach. Taghail aige.
Airson Crup, Minard ’s Honey Balsam.
Airson biastan, Cherokee Vermifuge.
CUIMHNICH!
gu bheil aghainn
Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh
dhe gach seorsa, agus ’ga reic air
PRISEIN IOSAL.
JOST BROS.
Sidni, C. B., Feb. 1, ’95.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-iomaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SYDNEY, —C. B
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 3. No. 45. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Thainig soitheach as an Eilean a stigh Di-ciaduin le da mhile buiseal de choirce dubh.
Chaidh ceithir cheud tunna guail a chur a mach á méinn a’ Reserve Di-sathairne s’a chaidh. Bha i ag obair gu math trang fad na seachdain so.
Dh’ fhalbh soitheach seòlaidh á Port Morien le luchd guail o chionn faisg air mios agus cha chualas iomradh oirre uaithe sin. Bha i ri dhol gu Yarmouth, agus bha sianar dhaoine air bòrd. Tha e ro choltach gu’n deach an call uile.
Tha ’n Dotair Buchanan beò fhathast. Tha na fir-lagha aige an deigh beagan tuilleadh de shaoghal fhaotainn da. ’S fior an sean-fhacal a tha ’g radh gur cám ’s gur direach an lagh. Tha e air uairean air a chamadh gu mor anns na Stáitean.
Chaidh stoc mor de dh’ iasg geal a chur ann an Loch Ainslie o chionn ghoirid, agus tha ’n ni ceudna ri bhi air a dheanamh ann an Loch O’ Law an ùine gun bhi fada. Thatar a’ deanamh a mach gu bheil an da loch so glé fhreagarrach air an t-seòrsa éisg ud, agus gu’n cinn e gu math annta.
Bha caolas Chanso, deireadh na seachdain s’a chaidh air a lionadh leis an deigh mhòir, agus aon latha chum i an carbad feasgair mu dha uair air dheireadh. Thainig i a stigh gu mu leth acarsaid Shidni Di-dòmhnaich s’a chaidh, ach gu fortanach thionndaidh a’ ghaoth agus chaidh a fuadach gu tuath a rithist.
Bha fear, Domhnullach, a tha ’g obair air bàta smùid air Caolas Chanso air a lot gu dona ann an sabaid aig Mulgrave deireadh na seachdain s’a chaidh. Stob fear Micheal Peeples sgian ann faisg air a chridhe. Tha e ann an suidheachadh bochd, ach tha dùil ri e dh’ fhaotainn thairis air. Tha Peeples an greim ’s bidh e air fheuchainn aig a’ chuirt mhòir air an ath mhios.
Thainig bàs gle aithghearr air Dr. Byers ann an Springhill, toiseach na seachdain so. Bha e mar chleachdadh aige bhi gabhail ‘Morphine,’ agus air an oidhche ud tha e coltach gu’n do ghabh e tuilleadh s’a chòir, ’s cha do dhùisg e riamh as an t-suain ’san no chuir e e. Bha e na dhuine air an robh meas mor, agus b’e ’n tòrradh aige aon cho mor ’sa chunnacas anns a’ bhaile riamh.
Chaidh gille beag le Calum Domhnullach aois aona bliadhn’ deug, a mharbhadh ann am Port Morien Di-Ciaduin. Chuir a mhàthair a mach e air ceann gnothuich, agus o’n bha aige ri dhol pios dhe ’n rathad a bha na carbadan guail a dol, leum e air fear dhiubh. ’N uair a rainig e ’n t-àite dh’ ionnsuidh an robh e dol, thug e leum dheth, ach rug speic air a chuid aodaich, agus chaidh a thilgeadh air an rathad mu choinneamh nan earbad, ’s chaidh fear diubh thairis air, ’ga ghead mharbhadh. Cha mhor nach robh a chorp air a ghearradh ’na dha leth.
Chaidh am bàta-smùid a tha ’ruith eadar Pictou us Port Hood, air grunnd faisg air Mabou Di-sathairne s’a chaidh. Chaidh an luchd a thoirt dhith toiseach na seachdain so agus fhuaireadh a toirt air falbh.
Tha ’n soitheach-smùid “Harlaw” a nis air a cuairtean àbhaisteach eadar Halifax us Newfoundland. Thaghail i ann an Sidni ’s ann an Sidni Tuath feasgar Dior-daoin ’sa chaidh. Bha luchd mor bathair aice air bord.
Chaidh càin ceud gu leth dolair a chur air duine ann a’ siorrachd Halifax o chionn ghoirid air son “Moore” a mharbhadh an deigh an ama th’air òrduchadh leis an lagh. Chaidh a chàin cheudna chur air duine ann a siorrachd Hants, air son a cheart ni.
Chaidh fear Iain Màrtuinn a ghoirteachadh gu dona aig Point Tupper Di-màirt s’a chaidh. Bha e ’g obair air laimhrig agus sgioba de dhaoine ag obair as a cheann. Air dòigh eigin leig iad le bòrd tuiteam sios, agus bhuail e airsan mu’n cheann ’s mu na guaillean. Bha car treis a dh’ ùine mu’n d’ thàinig e gu ’thur fhéin.
Thaghail soitheach-seòlaidh ann am Port Hawkesbury air an t-seachdain s’a chaidh air a turus as na h-Innsean an ear gu Eilean a Phrionnsa, agus cho luath ’sa ràinig i tir chuir am met an sgiobair an sàs. Tha e ’g ràdh gu ’n do bhuail e ’sa cheann e le maide, agus gu’n d’ rinn e droch mhaoidheadh air. Ma théid aige air sin a dhearbhadh, ni e chùis gu math daor dh’ an sgiobair.
Bha fear Noel Auge a fuireach ann an cearna de Chuibeie, agus an la roimhe chaochail a bhean. Chaidh e far an robh ’n sagart air son e dhol dh’ ionnsuidh an torraidh. Dh’ iarr e deoch uisge, agus mu’n d’ fhuaireadh a toirt d’a ionnsuidh, thuit e ann an laigse. Chuireadh a dh’ iarraidh dotair, ach mu’n d’ thainig e, bha ’n duine bochd marbh. Chaidh e fhéin ’sa bhean a thiodhlacadh air an aon latha.
Chaidh dithis nigheanan òga, aois tri ’s sheachd bliadhna a bhàthadh aig St. John o chion ghoirid. Bha iad còmhla ri ’n athair ann an carbad. Dh’ fhàg an athair an carbad ’s e dol air turus beag, agus am feadh a bha e air falbh, dh’ fhalbh an t-each an còir a chùil, agus chuir e ’n carbad le bruthaich. Bha loch aig bonn na bruthaich agus chaidh na pàisdean a bhathadh ann mu’n do thill an athair. Chailleadh an t-each cuideachd.
Tha churachd a’ dol air adhart na ’s tràithe am bliadhna na b’ àbhaist. A mach rathad Louisburg us Ghabarus tha na tuathanaich beul ri bhi ullamh, agus tha iad ag obair oirre gu sùrdail ann an cearnan eile. Tha ’n samhradh, o’n thàinig e gle bhriagha. Bha Di-màirt s’a chaidh ’na latha cho bláth ri gin thainig ’san iuchar an uiridh, agus cha robh Di-ciaduin fad air deireadh air. Aig an àm so tha e car coltach gu’m bheil samhradh math gu bhi aig an tuathanach.
Airson domblasachd, Minard ’s Family Pills.
Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan, Pinn, Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
[Vol . 3. No. 45. p. 6]
TURUS A MHARAICHE.
CAIB VII.
LE EOBHAN MACLAOMUINN, M. A. D. D.
Is gann a b’ urrain dha na Maraichean cumail orra fein; bha an gàirdeachas co mòr. Phill iad dh’ ionnsuidh an t-soithich, ’deanamh luaidh air na nithibh grasmhoir a chunnaic agus a chual iad. Chuir Tuigse agus Doctair Saor Ghràs failte orra mar braithrean gradhach. Ach dh’ falbh “Dearsair” air seabhideachd, an toir air clachan luachmhor. Dh-amais e air tigh air a thogail gu h-àrd air a charraig anns’ na dhinntrinn e. Bha an sin sean duine feuchain ri teine fiodha bheothachadh le anail; bha eagal air gur Spuinneadair a bh’ ann an “Dearsair,” agus ghuidh e air seann duine mar esan a chaomhnadh. Bha tlachd aig “Dearsair,” ann a bhi cuir eagal air muinntir eile, agus thubhairt e ris le guth ard, “Co thu?” “Is mise Fear-na glùine laga, brathair dha Cion-tùir. Thog e thigh air a ghaineamh agus chaill e bheatha. Rinn mise feum dheth a sgrios-sa, agus thog mi mo thigh air a charraig.” “Am bheil gin de chlachan luachmhor agad” dh’feoirich “Dearsair.” Nuair chuala Gluine-laga so chriothnaich e agus ghlaodh e aig airde a ghutha; agus ràinig a ghlaodh cluasan Chriosduidh—a ghreas suas a charraig da ’n ionnsuidh. Bha Glùine-laga fo eagal gur namhaid a bh’anns an mar an ceudna, agus thug e e fein thairis chum bàis, ach nuair chual e e toirt aithne dha “Dearsair” pilltinn dh’ ionnsuidh an t Soithich, ghlac e misneach. Ghabh Dearsair a chomairle. An sin dh’ feoirich Criosduidh dheth Gluine-laga co e. Dh’innis e dha agus thubhairt mar an ceudna: tha eagal orm roimh gach oiteag ghaoithe “Ciod!” thubhairt Criosduidh tha thu fo eagal, agus gidheadh thu air “Carraig nan Al?” “Chunnaic mi a ghaineamh air ioman mu ’n cuairt” arsa Gluine-laga. “Ach cha ghaineamh Creag” arsa Criosduidh. “Tha fios agam air sin gidheadh tha eagal agus crith orm.” “Am fac thu a Chreag a turramanaich?” “Cha ’n fhac” “Uime sin carson tha eagal ort?” “Tha do brigh gur mi mac dha Neulach, agus cha ’n fhaic mi uair air bith taobh soillear chuisean.” Na dh’ àicheadh thu riamh Tighearn na Carraig?” Fhreagair Gluine-laga, “gu dearbh cha d’ àicheadh.” “Tha gradh agam da.” “Co th’agam anns na néamhaibh ach thusa agus an coimeas riut cha’n n’ eil neach air thalamh air am bheil dhéigh?
(Ri leantuinn.)
LACHLUNN MAC THEARLAICH OIG.
AM BARD SGIATHANACH.
(Air a leanntuinn.)
Tha earrainnean de na h-oranaibh aige fathast air an aithris ’s an duthaich sin, agus tha moran de na briathraibh-gliocais aige air chuimhne gu ruig an la an diugh. Is anabarrach grinn an t-oran a rinn e air triuir oigh a chomhlaich e la araidh an uair a bha e air chuairt air na raointibh. Bha iad ro mhaiseach agus aillidh ’n an cruth, agus cha bu bheag an t-iongantas a bha air tachairt air an triuir d’ am b’ ainm “Iochd a’s Gradh a’s Fiughantas.” Ach innsear ni ’s fearr mu ’n timchioll ann am briathraibh Lachluinn Mhic Thearlaich fein, a thubhairt:—
Latha ’siubhal sleibhe dhomh
’S mi falbh leam féin gu dluth,
A chuideachd anns an astar sin
Air gunna glaic a’s cu;
Gu ’n thachair clann rium anns a’ ghleann,
A’ gal gu fann chion iùil;
Air leam gur iad a b’ àillidh dreach
A chunnacas riamh le m’ shùil.
Gu’m b’ ioghnadh leam mar tharladh dhoibh,
Am fàsach fad air chùl,
Coimeas luchd an aghaidhean
Gu ’n tagha de cheann iùil,
Air beannachadh neo-fhiata dhomh
Gu ’n d’ fhiaraich mi— “Co sud?”
’S fhreagair iad gu cianail mi
Am briathraibh mine ciùin.
“Iochd, a’s Gràdh, a’s Fiughantas,
’N ar triùir gur e ar n-ainm,
Clann nan uaislean cùramach,
A choisinn cliù ’s gach bàll;
’N uair phàigh an fhéile cìs do’n Eug
’S a chaidh i fein air chàll,
’N a thiomnadh dh’ fhàg ar n-athair sinn
Aig maithibh Innse-Gall!”
Bha Lachlunn ’n a dheagh shealgair. Gun teagamh cha robh a choimeas ’s an Eilean air fad chum nam fiadh a lorgadh, agus na faoghaid a ghiulan air aghaidh. Am measg nan iomadh buadh a bhuineadh dha, bha e ’n a deagh fhidhleir. Cha robh a leithid air son ciuil de ’n ghne so ’s an Eilean uile, uime sin, bu lionmhor iad de gach inbh a bha ’taoghal air, agus is esan a bha fialaidh, fiughantach, ceanatlta, a thaobh nan uile. Cha biodh toilinntinn a dhith orra, fhad ’s a dheanadh filidheachd, ceol, orain, sgeulachdan, agus glic-bhriathran an riarachadh!
Mar dhearbhadh air fior dhillseachd Lachluinn Mhic Thearlaich, chaidh e re na slighe as an Eilean Sgiathanach air a chois do Inbhirnis, fad an aghaidh toil a Chinn-Chinnidh fein, anns a’ bhliadhna 1717, chum an t-ainm aige a chur ri Litir-ghairdeachais do Righ Deorsa I., air son a theachd chum na righ-chathrach Bhreatunnaich. Chuir e seachad iomall a laithean ann an Eilean agus sgireachd a bhreith. Chaochail e aig aois naoi agus tri fichead ’s a bhliadhna 1734. Bha ’n duthaich fad fo bhron air son bas an deagh dhuine so. Cha chualas riamh iomradh air uiread a bhi air adhlac ’s an Eilean Sgiathanach ’s a bha ’lathair ’n am a bhi ’cur Lachluinn do ’n chill. Bha, ach beag, gach Ceann-cinnidh ’s a Ghaidhealtachd, agus an luchd-leanmhuinn air an adhlac aige. Chunncas an sin a charaid Alasdair Dubh a’ Ghlinn-Garaidh, agus a chuid daoine, Mac-Dhomhnuill nan Eilean, Mac-Leoid Dhunbheagain, Mac-Ionmhuinn an t-Sratha, Mac-Coinnich na Comaraich, Tighearna Ghearrloch, agus moran eile, maille ri ’n comhlanaibh agus luchd leanmhuinn. Bu la cudthromach sin ’s an sgireachd. An uair a thogadh an t-adhlac bha seachdnar phiobair le ’n nuallanaibh tiamhaidh a’ leantuinn na ciste. Bha Beilig, Blath-bheinn, Marsco, agus na beannta mu ’n cuairt a’ co’ -sheirm le fuaim na piobaireachd, gus an d’ rainig a’ mhor-chuideachd Cill-Chrosd, aite-adhlaic na sgireachd ’s an d’ rugadh esan a chuireadh ’n a shineadh ’s an uaigh chumhainn, dhuirch, maille ri duslach a shinnsear o linntibh an cein!
SGIATHANACH.
Tha fhios agam gu leighisMinard ’s LinimentAmhach Ghoirt.
French Village. IAIN D. BOUTILIER.
Tha fhios agam gu leighisMINARD ’S LINIMENTan Crup.
Cape Island. I. F. CUNNINGHAM.
Tha fhios agam gur h-eMINARD ’S LINIMENTan leigheas a’s fhearr a th’air thalamh.
I . A. SNOW.
Norway, Me.
I. O. G. T.
Tha coinneamh aig“Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T., ”ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd.
[Vol . 3. No. 45. p. 7]
Aon Ni.
Ann am baile àraidh bha dithis bhràithrean bha ’cumail bùth mhòr. Bha iad ’nan daoine cho deas, ’s cho dealbhach, ’s cho maiseach, ’s cho àrd o thalamh ’sa gheibhte anns an dùthaich gu leir. Bha iad gle mhoiteil asda fhéin a chionn gu robh iad nan daoine cho garbh ’s cho làidir.
Bha iad a’ cumail aon ghille-bùtha, agus thachair, ged a bha e tapaidh gu leòr gu robh e glé bheag, meanbh, meata. Bhiodh na maighstirean gu tric eadar feala-dha ’s da rìreadh ga ràdh ris nach robh ann ach duine gun sgoinn; gu robh e cho beag ’s cho meata ’s nach deanadh e gnìomh treun gu bràth. Bha e gu foighidneach ag éisdeachd riu car ùine, ach mu dheireadh dh’ fhas e sgìth a bhith sìor chluinntinn nach robh ann ach lodragan beag balaich. Thuirt e riù latha àraidh ’s iad an déis tuilleadh ’s a’ chòir de mhagadh a dheanamh air, “Cho beag, meata, ’s ga bheil mi tha mi cinnteach gu’n dean mi rud nach urrainn fear seach fear dhibhse a dheanamh ged is sibh dithis is mo ’san dùthaich? An uair a dh’ fheòraich iad dheth ciod a dheanadh e nach deanadh iadsan cha b’ àill leis innseadh. Mu dheireadh fhreagair e. “Theid agam air m’ obair a dheanamh a h-uile latha gun a bhith ’mionnachadh ’s a’ mallachadh, agus sin rud nach urrainn sibhse ’dheanamh.” Sheall an dara fear air an fhear eile, agus cha d’ thubhairt iad guth. Cha do lean iad ni b’ fhaide air magadh air a ghille-bhùtha.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
Tha so air a chumail do
C . B TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN
Taillearachd.
Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.
[Vol . 3. No. 45. p. 8]
An Sgiobaireachd.
Rinneadh an t-òran so le Iain Moirison a bh’ anns na Hearadh, ann an freagradh do dhàn molaidh a rinneadh dha leis an Urramach Frannsidh Mac Bheathain, a bha aig an àm a’ saoithreachadh ’s a’ chearna sin de ’n Ghàidhealtachd.
Chuala mi bho phàirt
Mu’n chliù àdhmhor, fhlathail,
’Thug thu orm do chàch
’N a do dhàn ro ealant’;
Dh’ fhuilingeadh e gun sgàth,
Ged bhiodh dòrn no dhá
Air a thoirt dheth ’bhàrr
’S e ro àrd bho ’n talamh,
Air son daol-chnuimh fhalamh.
Làn de ghaoid mhi-fhallain,
Us de mhòr chuis-ghràin
’Th’ air mo chàirdean falaicht.’
Ach, a Fhrannsidh chòir,
Sheinn thu ’n ceòl ro fhada;
Leig thu ’mach an sgòd
Leis an t-seòl gu ’chlaigeann;
’N uair bu chòir an còrs’
’Chumail suas air dòigh,
’S fraoch nan stoirm cho mòr,
S sgiob air bòrd cho lapach
’S gu ’m faod iad tre chadal,
’N àm nan sian ’s na frasachd,
Calldach ’leigeadh òirnn,
Nach diol òr air ais dhuinn.
Ballaist ’chur ’s na cruinn,
Cha chuir innte taic dhuinn;
Siùil a chur ri ’druim,
Cha chuir sgoinn ’n a h-astar;
Stiùir ’chur os a cinn,
Cha dean iùl do ’n luing;
’S pump gun cheann ’s an taoim
Cha chuir sginn a mach dhith.
Nach e ’ceum ’bhios glagach,
’Null ’s a nall, ’s air tarsainn?
Ceart cha seòl i dhuinn,
’S gleus gach buill as altan.
Biadh a chur mu ’r druim,
Cha chuir dhinn an t-acras;
Eudach ’chur ’n ar broinn,
Cha chum sinn gu fasgach;
Clogaid ’bhi m’ ar buinn.
Cha dean ceann-bheairt dhuinn;
’S brògan ’chur m’ ar cinn,
Cha dean loinn do ’r casan;
’S déisthinneach mi-mhaiseach
’Bhios ar sgèimh ri fhaicinn;
Cha tig neach ’n ar gaoith,
’Chi ach oillt ’n ar fasan.
Cha tearainteachd dhùinn
Toirt ar cùram seachad,
’G radh “Na abair dùrd,
Tha ’n Insurance beairteach;
’S iomadh aon ’bha ’n dùil
Nach robh meang ’n an cùis,
D’ a thrìd ’chaill an cùrs’,
Dh’ easbhaidh diùdh us faicaill,
’S riamh nach d’ rànaig dhachaidh
’Dh ionnsaidh seòlaid acair’,
’S nach do sheilbhich stùr
Dheth na b’ ùidh leo ’ghlacadh.
Ged robh sinn ’s an luing,
Pailt an luim ’s an acfhuìnn,
’S ged b’ eól dhuinn le cinnt,
Feum gach buill us beairte;
Ciod an stàth ’bhios dhuinn
Eòlas ’bhi ’n ar cinn
Air gach ball ’bhios innt’,
Mur ’bi sinn ’g an cleachdadh?
Feumar còrd ’s an acair’,
’S ’cheann air bòrd ’bhi glaiste,
’S ris gach sruth us gaoith,
’N combaisd cruinn a leantainn.
Taladh Na Bean Shith.
Tha e air aithris o cheann iomadh linn air ais gun d’ thàinig a’ bhean shith am beul an anmoich gu Lùchairt Mhic Leòid Dhunbheagain, ’s an Eilein Sgiathanach, agus gu’n ghabh i staigh troimh gach dorus agus seòmar gus an d’ ràinig i an t-ionad ’s an robh an t-oighre ’n a chadal, ’s e ’n a naoidhean òg. Thog i air a glùn e ’s sheinn i le guth binn leadarra an tàladh neo-chumanta ’leanas; an sin chàraich i an leanabh anns a’ chreathail far an d’ fhuair i e, agus le ’h-earradh fada uaine ’s le ’h-aogasg neo-shaoghalta, gun fhocal á beul, no sealladh o ’sùil, thog i mach ris an aonach a ghabhail a h-àite ’an talla a’ chiùil agus nam fleadh am measg luchd àiteachaidh nan cnoc.
’S e mo leanabh mingileiseach, maingileiseach,
Bualadh nan each, glac nan lùireach,
Nan each cruidheach ’s nan each snagach,
Mo leanabh beag.
’S truagh nach faicinn féin do bhuaile
Gu h-àrd air uachdar slèibhe,
Còta caol caiteanach uaine,
Mu d’ dhà ghuallainn ghil a’s leine,
Mo leanabh beag.
’S truagh nach faicinn féin do sheisreach,
Fir na deadh mna-caoimhneil a’ tighinn dachaidh,
’S na catanaich a’ cur sil.
O mhìle bhog, o mhìle bhog,
Mo bhrù a rug, mo chìoch o shluig,
Mo ghlùn a thog.
M’ ultach iudhair, sultmhor, reamhar,
Mo luachair bhog,
M’ fheòil a’s m’ uidhean, a ni bruidhinn,
Bha thu fo mo chrios an uiridh, lus an toraidh,
Bidh tu ’m bliadhna gu geal guanach
Air mo ghuallainn feadh a’ bhaile,
Mo leanabh beag.
O bhireinn o bhò, na cluinneam do leon,
O bhireinn o bhò, gu ’m biorach do shrón,
O bhireinn o bhò, gu’n liath thu air chòir.
O bhireinn o bhinn thu, cha ’n ann a Chlann Choinnich thu,
O bhireinn o bhinn thu, cha ’n ann a Chlann Chuinn thu,
O bhireinn o bhinn thu, sìol a’s dòch’ linn thu,—
Sìol nan Leòdach nan lann ’s nan luireach,—
B’e Lochlainn dùthchas do shinnsir.
N. M’L.
Airson Casadaich, Minard ’s Honey Balsam
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidui, C. B.
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4 ’95;
title | Issue 45 |
internal date | 1895.0 |
display date | 1895 |
publication date | 1895 |
level | |
reference template | Mac-Talla III No. 45. %p |
parent text | Volume 3 |