[369]

[Vol . 3. No. 47. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cuinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MAIGH 25, 1895. No. 47.


ADHLAICEAN ANN AN CHINA.

Do bhrigh nacheil aig muinntir China dochas an taobh thall den uaigh, tha iad adeanamh caoidh gun choimeas as leth an cairdean as dillse an àm basfhaotainn. Tha gach nig a dheanamh le riaghailt eagnuidh. Than uine, agus am modh, agus meud amhghair an ti a ta fo bhron, air an sonrachadh gu curamach. Tha an corp, air da a bhi air a chomhdachadh le sgeadachadh maiseach, air a churn a shineadh ann an ciste laidir, far am bheil e air a ghleidheadh air uachdar na talmhainn re aireimh sonraichte laithean, chum gun silear na deoir gu frasach thairis air. Tha na cairdean an sing an suidheachadh fein mun cuairt den chiste, adeanamh mor-chaoidh le bas-bhualadh, lem fol air a sgaoileadh, lesaceudach agus le bhicur am beoils an duslach. An uair a roghnaichear aite freagarrach air son na h-uaigh, tha i air a cladhachadh gu domhain, agus thachiste air a leagadh sios gu tosdach an lathair nan uile. Than t-aite an sin air a chomharrachadh le tuam riomhach, air chumadh crudh eich, a bhi air a thogail thairis air, agus ainm an ti a chaochail air a ghearradh a mach ann an litrichibh soilleir. A thuilleadh air so uile, tha clar-cuimhne air a chur suas ann an talla nan sinnsear aige, agus dhionnsuidh sin thig iad gach bliadhna chum iad fein umhlachadh an lathair tainnisg nam marbh. Tha iad, aig gach am air an tig iad ag ullachadh loin iomchuidh chum ocras nan spiorad nach fhaicear leo a shasuchadh, air doibh a bhideanamh a mach gum fannuich na spiorada sin, mur bi iad mar so air am beathachadh. Tha iad anns na teampullaibh aca, atoirt urraim len uile dhurachd do na mairbh chum solar a dheanamh air an son, agus chum gach uireasbhuidh a bhuineas doibh a shasuchadh anns an ath shaoghal. Tha iad alosgadh paipeir adealradh le h-or, agus mar an ceudna, acur thighean agus charbadan, a rinneadh le paipeiribh oidheirc, ’n an teine, anns abharail gum bi iad sin uile air an cruth-atharrachadhs an ath shaoghal chum airneis iomchuidh a dheanamh do na tainneasgaibh a tha gun fhuil gun fheoil ann an saoghal nan spiorad. Tha am paipeir oir air a thionndadh air an taobh thall don uaigh, gu airgiod freagarrach air son feum spiorad nam marbh! Mar as airdann an inbh an ti a gheibh bass ann is faide a nithear caoidh air a shon. Than t-Impire ri caoidh re thri bliadhna air son a pharanta fein, agus tha gach deagh iochdaran aleantuinneiseimpleir-san. Tha na h-uachdarain atoirt thairis an dreuchd ri am na caoidh, tha na daoine foghluimte asgur dhen rannsachadh a mach, agus tha na daoine cumanta acur an oibre gu taobh!

Is muladach a bhismuaineachadh air saobh-chrabhadh cho cianail ri so; agus tha en a aobhar taingeileachd dhuinne, gun do thilg an Ti as airde ar crannchur ann an tir far am bheil solus Greine na Fireantachd afogradh an tiugh dhorchadais sin air falbh, agus far am bheil beatha agus neo-bhasmhorachd air an toirt chum soluis le Soisgeul siorruidh na sithe!

SGIATHANACH.


SEAN-FHACAL SINEACH.— ’N uair a than claidheamh meirgeach, an crann glan, na priosain falamh, na taighean-tasgaidh làn, starsaichean nan teampull air an cosg, agus timchioll dorsan nan taighean-cùrtach an fàs fo fheur; ’n uair bhios na dotairean a siubhal dhan cois, na fuineadairean a marcachd each, agus luchd-sgriobhaidh a falbh ann an carbadan; an sin than dùthaich air a deagh riaghladh.


Tha flùr anabarrach math aig D. J. Domhnullach an dràsda. Tha aige cuideachd anart mathse glé shaor.

Airson biastan, Cherokee Vermifuge.


Urnuigh an Tighearna.

Ayr ain tayns Niau, casherick dy rou dty enynm. Dy jig dty reeriaght. Dty aigney dy rou jeant er y thalloo, myr te ayns Niau. Cur dooin nyn arran jiu as gagh laa. As leih dooin nyn loghtyn, myr ta shin leih dauesyn ta jannoo loghtyn mynoi. As ny leeid shin anyns miolagh, agh livreg shin veih olk; son lhiats y reeriaght, as y phooar as y ghloyr, son dy bragh. Amen.—AGhaidhlig Mhanainn, Tiomhnadh Nuadh, 1810.

Hon Tad, pehini a so en Eon, hoch Ano bezet sanctifict roct deomp ho Ruanteles; ho Bolonte bezet gret en Duar, evel en Eon, roet deomp hon Bara pebdeziec; a pardonet deomh hon offansa, evel ma pardonomp dar re pere ho devu hon offanset; na bermettet ket e cuessemp e tentation ebet; oguen hon delivret a zruc. Evelse bezet gret!—AGhaidhlig Armorica, o Dumoulin Grammatica Celtica 1800.

Ein Tad, yr hwn, wyt yn y Nefoedd, sancteiddier dy Enw deled dy Deyrnas; gwneler dy Ewyllys, yn y Nef, felly ar y Ddaear helyd, Dyro i ni heddyw ein Bara beunyddiol; a maddeu i ni ein Dyledion, felly maddeuwn ninnau in Dyledwyrc; ach na arwain ni i Brofedigaeth eithr gwared ni rhag Drwg. Canys eiddot ti ywr Deyrnas, ar Nerth, ar Gogoniant, yn Oes Oesoedd. Amen.—AGhaidhlig Chuimridh. Am Biobuill 1746.

Our Narne ata air neambh. Beanicha tainm. Gu diga do rioghda. Gu denta du hoill, air talamh in mar ta ar neambh, Tabhar dhuinn an niugh ar naran limbhail. Agus mai dhuine ar fiach ambail mar mahamhid ar fiacha. Na leig sinn ambharibh ach soarsa shin on olc. Or sletsa rioghda, combta, agus gloir, gu sibhiri. Amen.—Gaidhlig Waldenseach, “Adhamh agus Eubh1837.


Airson Casadaich, Minard ’s Honey Balsam.



[370]

[Vol . 3. No. 47. p. 2]

TAIGH NA COILLE.

LE IAIN.

CAIB XVII.

An uair a chualaathair gun dthàinig Seumas thog a chridhe, agus bha e, ar leis, cho slàns a bha e mionaid riamh. Cha be na bha de thinneas cuirp air a bhacur a shlàinte air ais, ach am bròn agus am bristeadh-cridhe a bhair riamh on a chaidh Seumas air chall. Cha robh achùis adol bhar na smaointean aige a latha no dhoidhche. Cha chreideadh e o dhuine beò gu faighteadh sgeul air Seumas gu bràth.

Bha a bhean mòran ni bfhearr misneach na bha esan. Bha itoirt oirre fhein a chreidsinn gun tigeadh Seumas dhachaidh beò, slàn. Agus air ghaol a mhisneach-san a chumail suas cho maths a ghabhadh deanamh, bhiodh i ag ràdh ris, gu robh i cinnteach gum biodh a h-uile cùis ceart air acheann mu dheireadh. Bha i làn-chinnteachna h-inntinn fhein nach bann le aotromas no le gòraiche sam bith a dhfalbh Seumas air an luing. Bha fhios aice gu robh ena dhuine òg a bha anabarrach steidheil, glic, agus mar sin, cha robh i acreidsinn gu robh e air a thoirt bhar na slighe cheart le droch chompanaich. Bha dearbhadh aice nach robh e adeanamh companais ri neach sam bith de na daoine òga, eutrom a bhanns an sgoil maille ris. A dhaon fhacal, cha chreideadh i droch sgeul sam bith air Seumas.

Cho luaths a chuir a mhàthair fàilte chaomh, chridheil air Seumas, chaidh i leis don t-seòmar far an robhathair na laidhe.

Nach iomadh uair a thuit mi riut gun tigeadh Seumas dhachaidh beò, slàn, ’s cha chreideadh tu mi?” arsise. “Co againn a bha ceart? Bha mise atoirt creideis don t-seàn-fhacal a thag ràdh, ‘Bidh dùil ri beul cuain, ach cha bhi dùil ri beul uaghach. ’”

Cha burrainn an duine còir ach gann aon fhacal a ràdh. Bha e cho làn de shòlas aig àm. Dhfhàiltich agus phòg e Seumas mar a rinn a mhàthair.

Cha robh a leithid de ghàirdeachas riamh roimhe ann an Taighe na Coilles a bhann an oidhche udcha robh eadhon an latha a rugadh Seumas.

Cha bu luaithe a chuir Seumas fàilte air a phàrantan na dhfheòraich e càite an robh a pheathraichean. Dhinnis a mhàthair dha gun deachaidh iad air chuairt gu ruige Duneidionn beagan làithean roimhe sin. “Bha iad cho tromg ad chaoidh fhein a h-uile latha on a chuala sinn gun deachaidh tu air challs gu robh eagal oirnn nach seasadh an slàinte ris. Ged nach e so an t-àms am bàbhaist dhaibh falbh on taigh, chuir sinn air falbh iad do Bhaile Dhuneidinn, feuch an togadh iad an cridheachan; oir cha robh ceum a rachadh iad, no àite anns an seasadh iad, nach robh iad afaicinns acluinntinn iomadh ni a bheireadh thu fhein gun cuimhne. An uair a chluinneas iad gun dthàinig tu, theid mi an urras nach bi iad fada gun tilleadh dhachaidh,” arsa mhàthair.

Bhan latha geal ann mun dthàinig norradh air sùil duine a bha staigh. Bhan t-uachdaran agus a bhean cho aoibhneach, agus cho taingeil do Dhia, a chionn gun dthàinig an aon mhac dhachaidh uca slàn, fallains nach tigeadh cadal orra. Bhan luchd-muinntir mar an ceudna cho toilichtes nach tigeadh norradh cadail orra. Cha dfhuair am buidilear cadal ged a chaidh e don leabaidh ni bu tràithe na càch, a chionn mar a bhruidhinn e ri Seumas aig an dorus. Be Eumann is Seumas bu luaithe a thuitnan cadal; oir bha iad le chéile sgìth an déigh an turuis.

Ged a rinneadh fodhail gu leòr ri Seumas cha do dhichuimhnich e Eumann. Cha robh e còig mionaidean a staigh an uair a dhiarr e biadh a thoirt dha, agus leaba a dheanamh deas dha.

An -iar-na-mhaireach dhinnis Seumas da athairs da mhàthair mar a thachair dha on latha a thugadh air bòrd na luinge e, gus an dthàinig e dheachaidh an oidhche roimhe sin. Dhinnis e dhaibh gu be Tomas Taillear is Tearlach Ros a bha aig bonn a h-uile trioblaid a thàinigna rathad fad na h-ùine. Bann o Eumann a fhuair e mach mar a rinn iad. Mar a tha fhios againn, bha Eumannna ghille bùird aig sgiobair na Dubh-ghleannaich. An oidhche a chaidh na fir a dheanamh baragain ris an sgiobair gus Seumas a chur as an rathad, ghabh iadnan triuir, mar is minic a rinn droch dhaoine roimhe sins na dhéigh, barrachd den stuth làidirs bu chòir dhaibh. Thug sin orranan triuir a bhith ri àrd-bhruidhinn. Ged a bha iad car air am faicill fhads a bhiodh Eumann afrithealadh dhaibh, cha bu luaithe a rachadh e am mach as achàbain na thogadh iad an guth gu math àrd. O nach robh eadar iad agus an seòmar anns an robh Eumann ach balla-tarsuinn de dhfhiodh tana, cha mhòr nach cuala e a h-uile guth a bheatorra o thoiseach gu deireadh. Ghabh Tomas Taillear amhrus gu robh Eumanng an cluinntinn. Ach thuirt an sgiobair ris, gu reiceadh e Eumann an lathareiceadh e Seumas. An uair a chuala cach so bha iad toilichte gu leòr.

Dhinnis Eumann do Sheumas a h-uile facal a chuala e. Sin an uair a thuig Seumas car son a bha Tomas Tailear agus Tearlach Ros cho beulach agus cho caoimhneil ris.

Rud nach bioghnadh, ghabh na gillean bochda an t-eagal; ach rinn iad suas eatorra fhein nach leigeadh iad orra gu robh fios air ni sam bith de na bha ann am beachd an sgiobair a dheanamh riutha. Bha iad cho umhail don sgiobairs a bhiodh an luach fo spògan achait. Chuir so asfhaireachadh e.

An uair a dhinnis Seumas a naigheachd uile da phàrantan, ghabh iad ioghnadh mòr. Bha fhios aca gu robh Tearlach Rosna dhuine truagh, gun mheas, gun mhodh, gun chliù; ach cha do smaoinich iad riamh gum burrainn dabhith cho aingidhs gu feuchadh e ri Seumas a chur as an rathad, a chum gu faigheadh e oighreachd Cheann-Locha dha fhein. An uair a smaoinich iad air na litrichean milis, càirdeil, a bha ecur don ionnsuidh an déigh do Sheumas a dhol air chall, thuirt iad a beul a chéile, gur e aon fhear cho cealgachs a shear riamh air talamh nam beò. Bha naire orra gu robh a leithid de dhuine ann an dàimh riutha.

Shuidhich iad eatorra fhein nach tugadh iad iomradh ri duine beò gun drinn e mar a rinn e, air eagal masladh a thoirt air an teaghlach. Chuir iad fios da ionnsuidh gun dthàinig Seumas dhachaidh, agus gu robh fios aca air a h-uile guth a bha eadar e fhein agus sgiobair na Dnbh-ghleannaich mun do chuireadh Seumas air bòrd. Thuirt iad ris nach ruigeadh e leasaghaidh noaodann a nochdadh gu bràth ann an Taigh na Coille.



[371]

[Vol . 3. No. 47. p. 3]

Cha robh Seumas ceithir uairean fichead air tighinn dhachaidh an uair a bha fios aig sluagh na h-oighreachd air. Bha aoibhneas gu leòr orra an uair a chuala iad e. Bha meas mòr aca air. Ach mar is minic a thachair, bha aon is aon dhiubh a theireadh, nach be thoirt air falbh gun fhios gun fhaireachadh dha a rinneadh idir, ach gur ann a dhfhalbh e leis an eutromas air an luing, agus gur e an long-bhristeadh a thug air tilleadh dhachaidh.

Ann am beagan ùine bha Fear Cheann-Locha cho sunndachs a bha e riamh. Thill an ceathrar nighean dhachaidh cho luaths a chuala iad gun dthàinig Seumas, agus bha Taigh na Coille aon uair eilena thaigh anns an robh subhachas agus aoibhneas gu leòr. Mar chomharradh air gu robh iad taingeil gun dthàinig Seumas dhachaidh uca beò, slàn, rinneadh cuirm mhòr do na daoine bochda a bhair an oighreachd, agus an uair a bha iad aig achuirm thugadh tiodhlac do gach aon aca a réir am feuma. Bha Seumas ann anTalla na Cuirmecomhladh ris achuid eile den teaghlach, a chum gu faiceadh iad gum biodh gach ni air a dheanamh cho maths cho òrdails a ghabhadh deanamh.

Aig an àm ghnàthaichte thugadh achuirm bhliadhnail don tuath mar a bàbhaist. Cha robh an tuath riamh roimhe cho toilichtes abha iad aig an àm ud. Bha iad toilichte a chionn gu robh an t-oighre aig a chuirm; oir bha iad leith-bliadhna roimhe sin asmaointean nach fhaiceadh iad gu bràth e. Bha iad mar an ceudna toilichte do bhrìgh gu robh an teaghlach gu léir a làthair, agus gu robh iad ni baoidheile agus ni bu shunndaiche na chunnacas riamh roimhe iad. Mar bu trice bhiodh cuid den teaghlach air falbh on taigh aig àm na cuirme. Ach aig an àm so bha iad uile a làthair.

Cha robh fhios aig Eumann ciod bu shloinneadh dha idir. Tha e coltach nach robh ann ach dilleachdan bochd a fhuaradh air sraid an àite eiginn an Sasunn. Cha robh cuimhne sam bith aige air màthair no air athair. Be chuimhne a bfhearr a bhaige, gu robh e ann an taigh tuathanaich fad àireamh bhliadhnachan mun deachadh e gu bhithna ghill-bùird aig sgiobair na Dubh-ghleannaich.

Cha robh Fear Cheann-Lochafaicinn freagarrach gum biodh neach sam bithna sheirbhis aig nach robh fhios ciod bu shloinneadh dha, air eagal gum biodh cuid den luchd-muinntir eile, no cuid den t-sluagh, ag amharc sìos air. On a bha Eumannna sheorsa stiùbhaird air bòrd na luinge, bhuail e anns an inntinn aige gum bu chòir a shloinneadh air an obair a bhaige an uair a chuir Seumas eolas air. Air an aobhar sin thugadh Eumann Stiùbhard mar ainms mar shloinneadh air. Bha e ann an seirbhis an teaghlaich fad uile làithean a bheatha. Bha ena ghluasad cho modhails cho iomchuidh ri fear sam bith.

Bha uachdaran Cheann-Lochas a bhean beò gus an dràinig iad aois mhòr. Fhuair an ceathrar nighean pòsaidhean math, agus bha iadnam mnathan-taighesnam màthraichean cho maths cho measails a gheibhteadh ann an àite sam bith.

An uair a phòs a pheathraichean bha a mhàthair isathair ag iarraidh air Seumas pòsadh; ach bha eagal air nach biodh a bhean a roghnaicheadh e cho caoimbneil rimhathairs bu chòir dhi bhith. Mu dheireadh an uair a dhfhàs a mhàthair lapach phòs e. Gu fortanach fhuair e bean a bha anns gach doigh a réir a mhiann. Bha i anabarrach caoimhneil riathairs rimhàthair. Baithne dhi gu ro mhath a h àite fhein a chumail. Bha teaghlach mòr, maiseach, cliuiteach aca. Bha iad le chéile beò gus am faca iad an sliochd gu léir air an taighs air an taigheadas. Tha feadhainn den cuid oghachan beò gus an lathan diugh.

AChrioch.


Is abhuist don arm dhearg cur air am bràtachan, ainmean nan cathan ainmeil anns an do choisinn iad buaidh. Bha Reisimeid-coise Shasunnach ann, aon uair, aig nach robh onair sam bith air a brataich. Bha aon de na saighdearanna Albannach, agus is tric a bha e an trioblaid agus am masladh, a chionns gun robh e cho easumhail. Tha paipeir air a chumail airson gach saighdear, agus tha gach coire a rinn e re na h-uine a bha e anns an Reisimeid, air a sgriobhadh. Bha an t-Albannach ann an làimh, mar babhuist da, aon uair eile. agus thugadh e an lathair aChoirneil. A nis, bha a phaipeir làn, ’s gun robh a choirean cho lionmhar. Bha am paipeir air a thogail suas leis aChoirneil, agus thuirt eSeall ri so Alasdair, tha thu adianamh uilc cho trics nacheil aite air do phaipeir gu ainm achoire so a sgriobhadh.” “Ceart gu leòirChoirneilars Alasdarsgriobh e air abhrataich. Tha feum mòr aice air onair air chor-eigin.”


Bha buidhean bheag shaighdearan asiubhal air feadh na Gaidhealtachd o chionn beagan mhiosan, dhfheuchainn am faigheadh iad gillean gu gabhail anns an arm dhearg. Thachair iad air gille mòr làidir, tapaidh, air an rathad gu Baile-an-fhraoich, agus thuirt an t-oifigeach risA mhic mo chridhe! is tu a cheart duine tha dhith oirnn anns an Reisimeid againne.” “A dhuine! am beil sin mar sinars an gillecuin a chaill sibh bhur Coirneal.”


Nithe Nuadh Agus Sean.

Chaneil aon chuid cridheachan matha no tuigse mhath aig luchd-tuaileis.

Chaneil e ceart gun dìteadh sinn neachs am bith nacheils an làthair gu dhìon féin.

Chan fhiach le neach aig am bheil ceud fathan mòra a bhi ri connspoid.

Seachain, mar a sheachaineadh tu an nathair, an neach a sgrìobhas gu mi-mhodhail, ach fathast a labhras gu milis.

Chaneil aoidhealeachdna dearbhadh gum bheil an inntinn aig fois, oir is tricam meadhon gàire gum bheil an cridhe dubhach.”

Tha trì nithean ro dhuilich ann, sgeul rùin a ghleidheadh, càineadh no lochd a dhìchuimhneachadh, agus feum math a dheanadh a dhùine a bhitheas aig neach dha féin.

Air do Phlato cluinntinn gun robh naimhdean aige a labhair gu h-olc mu dhéibhinn fhreagair e, “Bithidh mo chaithe-beatha air dhòighs nach creid neachs am bith iad.”

Seachain an t-sùil a dhaithnicheas an t-olc gu luath agus a tha mall a dhfhaicinn amhaith.


An uair a duine dioghaltas, tha eg a chur feins an aon inbh ra námhaid; ach an uair a bheir e maitheanas, tha e an sin atoirt grad bhuaidh air, agus acur éibhle teine air a cheann.



[372]

[Vol . 3. No. 47. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney Cape Breton.


SIDNI, AM MAIGH 25, 1895.

Bha tuiltean mòra ann an Austria toiseach na seachdain so. Dhat na h-aimhnichean cho mòrs gun do chuir iad thairis ann an iomadh àite, a deanamh call mor air bàrr, air tighean, ’s air saibhlean. Cha chuala sinn gun drinneadh call beatha sam bith.

Chan eil e idir coltach guu tig Newfoundland a stigh ri Canada air an turus so, dhaindeoin na bha de bhruidhinn mu thimchioll. Tha chuid as de mhuinntir Newfoundland calg-dhireach an aghaidh aonadh ri Canada air chor sam bith, agussen fhior eigin a bheireadh orra aontachadh ris. Agus air an làimh eile, chan eil Canada idir cho ullamh gu gabhail ri Newfoundland no gu tairgsean matha thoirt dhithsa bha i aon uair. Than tairgse thug Canada do Newfoundland air an turus so, agus an tairgse thug Newfoundland do Chanadaglè fhad o chéile, agus mur toir Canada tairgse na s fhearr na thug i, no mur bi Newfoundland riaraichte leis nas lugha na dhiarr i, cha bhi an t-aonadh ann idir. Bhiodh e gun teadamhna ni briagha na bhuineas do Bhreatuinn de dhfhearann cheann-a- tuath America fhaicinnna aon dùthaich, agus tha mòran ann aig a bheil làn dhùil ris an latha anns an tig sin gu crich, ach chan eil cinnt sam bith againn gum bi sin mar sin an da latha so. Agus chan eil fhios nach eil sin a cheart cho math.


Sgeul Goirid, Firinneach.

Bha ann an eilean Mhuile dithis fhear. Be ainm aon diubh, Dughall Mac-na-faiche; ainm an fhir eile, chan fhios domh. Bha Dughall cleachdta ri dol don chladh a ghearradh feoir. Cha robh so taitneach lechoimhearsnach agus bha e toileach stad a chuir air gearradh an fheoir. Dhfhalbh e agus dhfholoich se e fein foidh aon de leacan achladh, agus rinn e an rann a leannas an uair a thainig Dughall lechorann a laimh:

Co thug dhuitse Dhughaill ordugh
Air tighinn a bhuain feoir don àite so?
Fuirich bhuamsa fad an iaruinn,
S na bitighn siar air mo charnan.

Chunnaic mise uair den t saoghal,
N uairbha Clann-a- Baoths an àite;
Dhfhalbhadh iads an coin air iallan,
S bhiodh iad a fiadhachs abhraighe;

Thigeadh iad, ’s an daimh air iomain,
Seachad muineal Chnoc-tabhaid;
Ruigeadh iad Tom-Fhinn na h-aibhne,
S bhiodh iadg an roinn air an cairdibh.

Cha robh brailis, leann no caochan,
Aig daoine ri fhaighinns an al sin,
Ach meadraichean mora foidhn cobhar
De bhainne na gobhar bana,

s a Dhughaill tarr as.” Le so a chluinntinn do Dhughall chlisg a chridhen a choms chan fhacas tuilles achladh e.


Than Dotair Domhnull Mac Ghriogair fear-pàrlamaid Siorrachd Inbhirnis an Alba, an deighàite anns a phàrlamaid fhalamhachadh. Tha en deigh so a dheanamh a chionn nach eil an luchd-riaghlaidh a toirt ceartas dan Ghàidhealtachd no a deanamh laghannan a gheall iad a dheanamh nuair a fhuair iad an dreuchd.

Than t-side a cumail glé bhriagha. Cha burrainn i bhi na bfhearr air son fiar us fochann a thoirt air adhart. Thuit frasan mòra uisge toiseach na seachdain a thug an deagh bhogadh dhan talamh.

Rinn an soitheach-smùid Marion a ceud thurus troimh na Lochan Dior-daoin. Dhfhàg i Sidni aig naoidh uairean agus chaidh i direach gu Baddeck, agus as a sin gu St. Peters agus gu Caolas Chanso.

Ben co-rinm latha-breith na Ban-righ, agus bha na stòraicheans na taighean-gnothuich uile dùinte, agus bha h-uile duine gabhail an latha air an socair. Cha robh dad a bfhiach a dol air adhart ach mar a bhann bliadhnaichean roimhe.


Airson Crup, Minard ’s Honey Balsam.


CUIMHNICH!
gu bheil aghainn
Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh
dhe gach seorsa, agusga reic air
PRISEIN IOSAL.
JOST BROS.
Sidni, C. B., Feb. 1, ’95.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Fear-iomaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SYDNEY, —C. B


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[373]

[Vol . 3. No. 47. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Thàinig Dr Frank Rossin, ann an Charlottetown ri bheatha fhéin o chionn ghoirid le deoch phuinnseanta ghabhail. Bha e glé throm air an ol.

Thuit deich òirlich de shneachda ann an ceaina de Mhichigan air an t-seachdain sa chaidh. Bha stoirm mhor ann aig an àm cheudna.

Tha tuathanaich Mhanitoba glé fhaisg air bhi ullamh dhen churachd. Tham fochann cho fada so glé ghealltanach, agus mur tig gaiseadh sam bith air, bidh an deagh bhàrr anns an fhoghar.

Rinn an reothadh a bhann toiseach na seachdain sa chaidh milleadh mòr air fochanns air feur ann an ceann an iar Ontario. Mhill e moran de na measan cuideachd. ’S annsan dùthaich timchioll air Hamilton a rinneadh an call bu mhò.

Fhuaireadh fear Edward Daniels ann an siorrachd Lunenburg, marbh ann am pàirce choille a bha e losgadh o chionn seachdain. Anns an t-sionachd cheudna, chaidh nighean bheag, aois shia bliadhndeug, a losgadh gu bàs anns a choille far an robh ig obair air deanamh siùcair.

Tha eilean beag air cladach a deas Nova Scotia (Oak Island) anns a bheil a reir an t-seanachais, móran airgid am falach. Tha cuideachd bheairteach ag obair air cladhach ann o chionn bhliadhnaichean, ’s cha dfhuair iad ni fhathast ach tha iad adeanamh deiseil gu ionnsuidh eile a thoirt air am bliadhna.

Chaidh tigh a churna theine ann an Toronto air an t-seachdain sa chaidh, agus loisgeadh e gu buileach, maille ris gach ni a bhana bhroinn. ’Se so an treas non ceathramh teine a bha air a fhadadh le lamhan dhaoine anns a bhaile sin air an earrach so, agus tha làn am a bhi faighinn a mach tha ris.

Tha còrr us sia fichead milesa tri (125,000) de dhInnseanaich ann an Canada, eadar Ceap Breatunn us Columbia Bhreatunnach; agus tha còrr us da cheud ceithir fichead us ceithir mile (284,000,) dhiu anns na Stàitean. Eadar an da dhùthaich, tha tri cheud, tri fichead us deich mile (370,000) de dhInnseanaich. Tha àireamh mhath dhiubh air an calldachadh, ach tha chuid as dhiubh cho fiadhaichsa bhan aithrichean.

S math le muinntir na dùthcha so a bhi gu tric asealltuinn ris na Stàitean mar dhùthaich anns a bheil a ghnàth tuarasdal math air a thoirt don luchd-oibreach. Ach chan eil na tuarasdail cho math sin aig na h-uile. Tha moran de dhfhactoridhean ann am baile New York, anns a bheil fir us mnathan ag obair air son eadar dolair gu leth us ceithir dolairsan t-seachdain, agus aca ri oibreachadh ceithir-uairean deuga na h-uile latha! Thaleithid sinna chùis-nàr do dhùthaich cho mòrs cho beairteach ris na Stàitean.


BAIS.

Air taobh de as an Eilein Mhoir, air an 12rra latha dhen Mhaigh, Ceit Nic Griogair, bean Uilleim Mhic Coinnich 69 bliadhn dhaois.

Aig Drochaid an Aiseig, Mira, air an 17mh latha dhen Mhàigh, Caitriona Nic-a- Phiocair, (nighean Iain) 32 bliadhna dhaois.

Ann an Sidni, air an treas latha dhen Mhàigh, Fionghall Nic Odrum, bantrach Phadruig Mhic Fhearghais, Cariboo Marsh. 74 bliadhna dhaois. Dhfhuiling i moran mun do chaochail i, agus ghiulain i a tinneas le foighidin. Bha i re a beatha fo eagal , agus choilionadh an gealladh dhi. ’Nuair bhios tudol troimh na h-uisgeachan, bidh mise maille riut.” Tha a càirdeanga caoidh, ach chan ann mar ni iadsan aig nach eil dòchas, oir, “is beannaichte na mairbh a gheìbh bàs anns an Tighearna.”


S . J. BROOKMAN,
SIDNI, C. B.

Flur, Min, Ti, Siucar, Fiar, Biadh, us Amhlan dhe gach seorsa.

Uidheaman Tuathanachais Mhassey-Harris, Croinn, Cliathan, agus Innealan Speallaidh.

S . J. Brookman,
Mai 17, 1895.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
07 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig.


Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan, Pinn, Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni C. B.


Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires air son gach àm eile dhen bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART,
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.



[374]

[Vol . 3. No. 47. p. 6]

SPIORAD NA H-AOISE.

SEANN SGEULACHD GHAIDHEALACHLEIS AN DR. MACLEOID, NACH MAIREANN.

Bha ann roimhe so, air chul Beinne-nan-Sian, aireach ghabhar dam bainm Gorla-nan-treud, aig an robh triuir mhac agus aon nighean. Bha buachailleachd nam meann an earbsa ri ailleagan an fhuilt oir. Latha de na laithean, an uairbha imach ri uchd na beinne abuachailleachd nam meann, theirinn badan de cheo druidheachd cho geal ri sneachda na h-aon oidhche, agus air dha iadhadh mu ghuala na beinne, chuairtich e an t-ailleagan aonaranach, ’s chan fhacas i nas mo.

An ceann lathas bliadhnan a dheigh sin, thuirt Ardan, mac mor an airich, “Abhliadhna gus an diugh dhfalbh mo phiuthar, ailleagan an fhuilt oir, agus is boid as briathra dhomh-sa nach dean mi fois no tamh, a latha no dhoidhche gus an lorgaich mimach i, ’s bithidh mi air cho-dhiol rithe fhein.” “A mhic,” arsaathair, “ma bhoidich thu sin cha bhac mise thu; ach bhuineadh dhuit, mun deachaidh am focal a dbheul ciad dathar iarraidh. Eirich a bhean, agus deasaich bonnach do dmhac mor, as edol air thurus fada.” Dheirich a mhathair agus dheasaich i bonnach mor agus bonnach beag. “A nis,” arsise, “a mhic, an fhearr leat am bonnach mor ann am feirg do mhathar air son thu dhfhalbh gun chead, no am bonnach beag lebeannachd?” “Dhomh-sa,” arsesan, “am bonnach mor, ’s gleidh am bonnach beags do bheannachd dhoibh-san a roghnaicheas iad.” “Dhfalbh e: agus ann am prioba na sul’, bha e a sealladh tighathar. Chuir e sad as gach lodan agus o bharr gach tomain; bha e dian-astarach gun chaomhnadh air bonn no eang, no ruighe, no feith. Bheireadh esan air aghaoith luaith Mhairt a bha roimhe, ach aghaoth luath Mhairt a bhan a dheigh, cha bheireadh i air. Mu dheireadh bhuail acras e. Suidhear air cloich ghlais a dhitheadh a bhonnaich mhoir; thigeadh fitheach dubh an fhasaich agus suidhear air sgorr creige os a cheann. “Mir, mir, a mhic Ghorla-nan-treud,” arsam fitheach. “Mir chan fhaigh thu,” arsa mac Ghorla; “mir no deur chan fhaigh thu uamsa, ’bheathaich ghrainde stur-shuilich, star-shuilich, lachduinn; tha e beag nas leoir dhomh fein.” ’N uair bha sud thar bearradh a chleibh, ghluais erithist gu siubhal nan eangbheireadh esan air aghaoith luath Mhairt a bha roimhe, ach aghaoth luath Mhairt a bhan a dheigh cha bheireadh i air. Chriothnaich amhointeach mar a dhluthaich e oirrethuit an druchd on fhraoch bhadanach ghorm, agus theich an coileach-ruadh don chàthar a bairde. Bha toiseach aig an fheasgar air ciaradhbha neoil dhubha, dhorcha na h-oidhche atighinn, agus neoil shioda, sheimh an latha atriall; na h-eoin bheaga, bhuchullach, bhachallach, orbhuidhegabhail mu thamh ann am bun nam preass am barraibh nan dos anns na h-innseagan laghach, ’s gach aita bfhearr a thaghadh iad; ach ged a bha, cha robh mac mor Ghorla-nan-treud. Chunnaic e tigh beag soluis fada uaithes ge bfhada uaithe cha bfhadag a ruigheachd. ’N uair a chaidh e stigh, chunnaic e seann urra choltach de dhuine mor, toirteil, liath, agabhail socair shàsda air beinge fhada air dara taobh an teine, agus gruagach dhreachmhor a cireadh cul dualach a leadain oir, air an taobh eile. “Gabh a nios, ’oganaich,” arsan seann duine, ’s eg eirigh; “ ’s e do bheatha. ’S minic a thalaidh mo leus loinnreach, astaraiche nam beann. Gabh a nios, ’s leat blàs agus fasgadh, ’s gach cobhair a tham bothan an t-sleibh. Dean suidhe; ’s mas miann leat, cluinnear do sgeul.” “ ’S olach mise,” arsa mac mor an airich, “a thag iarradh cosnaidhthalaidh do leus loinnearach mi a dh-iarraidh blàs agus fasgadh na h-oidhche.” “Ma dhfhanas tu agam-sa,” ars, ’n seann-duine, “gu ceann bliadhna, a bhuachailleachd mo thri mairt mhaol’, odhar, gheibh thu do dhuais, as cha bhi fath talaich.” “Cha be mo chomhairle dha,” arsa nighean an fhuilt oirs na cirairgid. “Comhairle gun iarradh.” arsa mac mor Ghorla, “cha robh meas riamh oirre. Gabhaidh mi do thairgse, a dhuineann an camhanaich na maidne, ’s mise do ghille.” Roimh langan an fheidhs achreachann, bhleodhainn gruagach an fhuilt oirs na cirairgid, na tri mairt mhaol’, odhar. “Sin iad agad a nis,” arsan seann duine; “gabh man cullean iadna pill iadna bac iadiarradh iad an ionaltradh fhein— ’s leig leo imeachd mar is aill leofan thusas an deighagus thigeadh aon nithogras ann ad rathad, na dealaich thusa riuthabiodh do shuil orra agus orrsa-san a mhain; agus a dh-aon ni gam faic thu no gan cluinn thu, na toir suil air. So do dhleasnasbi dileasearb á mfhocalbi saoithreach, ’s cha bhi do shaothair gun duais.”

Dhfhalbh e mu chul na spreidhe, agus lean e iad. Cha robh e ach goirid air falbh, ’n uair a chunnaic e coileach oir agus cearc airgid aruith roimhe air abhlàr. Ghabh e air an toir; ach ged a bha iad a nis agus a rithist, air leis, ’n a ghlaic, dhfhairtlich air gramachadh orra. Phill e airais on t-siubhal fhaoin, agus rainig en t-aites an robh na tri mairt mhaolodhar ag ionaltradh agus thoisich erithist air am buachailleachd; ach cha bfhada bha e air an culn uair a chunnaic e slatag oir agus slatag airgid acur nan car dhuibh air an reidh lean, agus ghrad thoisich e air an ruith. “Chan fhaod e bhith,” arsesan, ‘nach iad so as usaghlacadh na na h-eoin a mheall mi o cheann ghoirid.” Sinear asn an deigh; ach ged bhiodh eg an ruith fhathast, cha bheireadh e orra. Thug ebhuachailleachd air; agus mar a bha eleantuinn nam mart maol, odhar chunnaic e doire coille air an robh na h-uile meas a chunnaic e riamh, agus da mheas dheug nach fhac e. Toisichear air e fhein a shasachadh leis na measaibhthug na mairt mhaol,’ odhar an aghaidh dhachaidh, agus lean e iad. Bhleodhainn gruagach an fhuilt oir iad, ach an aite bainne cha dthainig ach nus glas. Thuig an seann duine mar a bha; “Olaich gun fhirinns gun dilseachd,” ars esan, “bhrist thu do ghealladh.” Thog e a shlacan-druidheachdbuailear an t-oganach, ’s deanar carragh cloiche dheth, a sheas tri laithean as tri bliadhna ri taobh an teine ann am bothan an t-sleibh, mar chuimhneachan air bristeadh focail, agus co-cheangail fasdaidh.

N uair a bha lathas bliadhna eile air dol seachad, thuirt Ruais ruadh, mac meadhonach Ghorla, “Tha da lathas da bhliadhna air dol seachad on a dhfhalbh mo phiuthar aillidh, agus tha lathas bliadhna on a dhfhalbh mo bhrathair mor; ’s boid as briathar dhomhsa imeachd an diugh



[375]

[Vol . 3. No. 47. p. 7]

air an toir, agus an co-dhiol a bhi agam.” Ceart mar thacair don bhrathar a bu shine anns gach doigh, mar sin thachair don mhac mheadhonach; agusn a charragh cloiche tha esan an ceann tighe bothain an t sleibh, mar chuimhneachan air bristeadh focail, agus co-cheangail fasdaidh.

Latha agus bliadhnan a dheigh so, thuirt am mac a boigeCaomhan donn an aigh— “Thanis tri laithean agus tri bliadhna on a chaill sinn mo phiuthar aillidh. Dhfhalbh braithrean mo ghaoil air a toir.” ’Nis, ’athair, mas deonach leat-sa, ceadaich dhomh imeachdn an deighs an co-dhiol a bhi agamagus na deanadh mo mhathair mo bhacadh. Guidheam ur ceadna diultaibh mi.”

Mo cheads mo bheannachd tha agad, a Chaomhain, ’s cha bhac do mhathair thu.”

An deasaich mise,’ arsa mhathair, “am bonnach mor as eugmhais mo bheannachd, no am bonnach beag le durachd mo chridhe agus deothas manama?” “Do bheannachd, a mhathair, thoir thusa dhomh-sa; agus beag no mor a thign a chois, tha mise toillichtebu bhochd leam oighreachd an t-saoghail mhoirs do mhallachdn a lorg. Air beannachd mathar, ’s mi nach dean tair.”

(Ri leantuinn.)


Tha fhios agam gu leighisMinard ’s LinimentAmhach Ghoirt.
French Village. IAIN D. BOUTILIER.

Tha fhios agam gu leighisMINARD ’S LINIMENTan Crup.
Cape Island. I. F. CUNNINGHAM.

Tha fhios agam gur h-eMINARD ’S LINIMENTan leigheas as fhearr a thair thalamh.
I . A. SNOW.
Norway, Me.

Airson domblasachd, Minard ’s Family Pills.


CLOIMH.

DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris as airdesa mhargadh oirre.

D . F. Mac RATH.
Baddeck, C. B. ,Mai 6, ’95.


I. O. G. T.
Tha coinneamh aigVictory Lodge, No. 138, I. O. G. T., ”ann an Talla nan Saor Chlachairean, am Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


Tha so air a chumail do
C . B TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND &CO . ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[376]

[Vol . 3. No. 47. p. 8]

IAIN GILPIN.

Iain Gilpin bhan a bhuirdeiseach,
Bu mhor a chliu, ’s a ni;
Gun robh e uairn a cheannard-ceud,
Am baile-mor an righ.

Thuirt bean Iain Ghilpin la ra gradh,
Maighear thus mo chiall,
Ged tha sin fichead bliadhna posd’,
La feillcha dghabh sinn riamh.

“ ’S em maireach la co-ainm ar bainns
Theid sinn gu sugradhmach,
Sios gus an ruig sinn Edmonton,
An carbad le da each.

Mo phiuthar, as a leanabh mic,
Mi feins mo thriuir le cheil’,
S acharbad theid, as leanadh tus
Amarcachd as ar deigh.”

A bhean mo ghaoil!” ghrad fhreagair e
Dhuit fein gun dthug mi gradh
Os ceann gach te a tha fon ghrein,
As gheibh thu mar is aill.

Tha misem mharsanta gu bheachd,
Mars aithne do gach neach;
S mo charaid maith Tom Callander
Bheir iasad dhomh da each.”

Piseach ort,” arsis’ “a ghraidh,
As on tham fion cho daor,
Gun toir mi leam mo shearrag fein,
Ontha e maith, as saor.”

Thug Iain sgailce poige dhi,
Mar babhaist dha gu tric;
Oir bha e subhach, toilichte,
I bhi cho crionna, ghlic.

Thainig an carbadnuas gu moch
S amhaduinn mar a gheall;
S air falbhn a dheann ruith ghabh e leo,
Troimh eabar, as troimh pholl.

Bu shiubhlach luath na cuibhleachan,
S achuip mu chluas nan each,
Le gleadhraich shaoileadh tu gun robh
An cabhsair as a bheachd.

Sheas Iain Gilpin taobh an eich,
As ghlac e mhuing gu deas;
Achs gann a fhuair e suas gu h-ard,
N uair beiginn teachd airais.

Cha luatha rainen diollaid shuas,
Lethulchainn air an each.
Na chunnaic e triuir cheannaichean
Da bhuth adol a steach.

Theirinn e, as cha bann da dheoin,
Oir bha e dian gu falbh;
Ach leis an t-sannt cha duraichdeadh e
N sgillinn ruadh a chall.

Bu mhainneach na ceannaichean,
Bha greis mun robh iad reidh;
N sin Beati ghlaodh a mach gu h-ard.
Dhfhagadh an fionn ur deigh!”

“ ’Nall e!” arsIain, “ ’s maith an t-am;
Thoir dhomh a nuas mo chrios,
Crios leathair mo dheadh chlaidhimh gheir,
Nuair bha mim shaighdear deas.”

Bha aig bean Gilpin (lamh aghrunnd!)
Da shearraig laidir ghlais,
S am babhaist dhi an deoch a bfhearr
A chumail teann fo ghlais.

Bha aig gach searraig dhiubh fa leth,
Da chluais tren deachan crios;
As chroch e iad mar sin ra thaobh,
Te dhiuhh air gach leis.

N a dheighidh sin, a chums gum biodh
E sgeadaichte le sgoinn.
A chleoca maiseach sgarlaid ghabh,
As thilg e air a dhruim.

Faic enisn a dhiollaid shuas,
Air muin an steud eich dhuinn,
Ag imeachd air achabhsair chruaidh
Gu socrach, as gu ciuin.

Achn uair a fhuair en t-slighe reidh
Fobhrogaibh cruidheach cruaidh
Le sitrich dhfhalbh gu trotan garbh
Ruisg masan Iain thruaigh.

Gu reidh,” arsIain, “deis de! eich dhuinn:”
Ach labhair e gun fheum,
O throtan chaidh gu dian-ruith luath,
Gun suim do mhuiseal srein’.

Chrom esios, mar dfhimìreas iad
Nach urrainn suidhesuas,
Ghlac e muing an eich gu teann,
S edol a nisn a luaths.

An t-each a mhothaich air a dhruim
Uallach cho deacair ur,
Theich e le geilt; ’s mar theich e, dhfhag
An saoghal air a chul.

Air falbh chaidh Iainn a shradaibh dearg’,
Air falbh chaidhn ads aghruag;
Is beag a shaoil an duine coir
Dol air aleithid de ruaig.

Chaidh coin gu tathunn, ’s clann gu sgriach,
Bha cinn a machn an ceud,
As ghlaodh gach aon, leuile neart,
“ ’S tu fhein an gill’, a steud!”

Air falbh chaidh Iain, co ach e!
Na miltean air a thoir;
Is reis than so! ’s cha lughan geall,
Na mile bonn den or!”

S a nis, ’n uair dhluthaich e gu dan
Air luchd na cise cruaidh,
An tiota thilg iad fosgailte
Achachaileith ga luath.

N uair chrom e sios os ceann an eich
Lecheannn a smuidibh teth,
Bhuail an da shearraig rir a chul,
As spealgn am mile bloidh.

Bu mhuladach an sealladh so,
Am fion dearg mar a dhoirt,
Thug smuid á cliathaich an eich dhuinn,
Mar cheithreamh muilt-fheoil roist’.

Gidheadh bha e mar mharcaiche,
Aruith na reis lechrios,
As amhach na da shearraig ghlais,
As udal air a leis.

(Ri leantuinn.)


SIOL CUR.

COIRCE Dubh a Eilean a Phrionnsa, dhen t-seorsas fhearr, air son siol-cur, ’ga chreic aig

D . F. Mac RATH,
Baddeck, C. B. ,Mai 6, 1895.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidui, C. B.


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;

titleIssue 47
internal date1895.0
display date1895
publication date1895
level
reference template

Mac-Talla III No. 47. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page