[377]

[Vol . 3. No. 48. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cuinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 1, 1895. No. 48.


DOIGHEAN NANMAORIES.”

Ged than dùthaich so blàth, grianach, gu h-iongatach, chan eil measan no cnothan sam bith afàs innte gu dùthchasach. Agus ged tha sin mar sin chan eil crabh afàs ann nach bi gach bliadhna fo blàth. Chan eil ann nis beothach fiadhaich no nimheil sam bith, ach aon seòrsa de rodan beag a thàinig ann leis naMaories.” Tha maorach agus iasg glé phailt, ach an deigh sin, cha robh teachd-an-tir na Maories, mun dthàinig na daoine geala, ach gann. Tha e air a dheanamh a mach gum ben t-acras a bhatoirt orra bhig ithe chéiles na a-amannan sin, agus chan eil e idir ao-coltach. Bhiodh iad mar an ceudnag itheadhn rodain, ’ga ghlacadh le bhi cladhach sluichd dhomhain air achladach, as nach burrainn na creutairean leum aon uairs gu rachadh iad ann. Tha cnuimheag mhòr anns an dùthaich, mu thri no ceithir a dhòirlich a dhfhad, agus bidh iadga h-ithe sin cuideachd. Tha iad rim faotainn ann an tuill an craobhan àraidh; theid an gearradhnam mirean beaga, ’s an cur air sreangan mar ghriogagan. Théid an sin an crochadh os ceann an teines an ròsdadh, agusnuair a bhios iad bruich, tha iad nis blasda na shaoileadh sibh. Tha aon seòrsa bidh aca tha gle phailt, ’se sin freumhan an rainnich(pteris esculenta, )ach tha obair mhor air a dheasachadh. Tha ploc lomaidh aca, coltach ri ploc air son lomadh an eòrna, ’s bidh iadga oibreachadh mar dhobraicheas leigh air measgadh phurgaidean. Leanaidh iad air gus an toir iad as na bhios de bhrigh ann. Than stuthna ghné car coltach ri Arrowroot. Tha en sin air a dheanamh na aran mòr garbh, agus mur biodhgur math an còcairen t acras,” chan e h-uile fear ris an còrdadh e.

A thuilleadh air freumh an fhrainnich, tha crobh rainnich ann(cyathea medullaris)ris an abair na MaoriesMamuka.” Tha a chraobh so afàs le stoc àrd, agus na geugan a fàs tromna mullach. Tha agheug òg a tha togail ceannna fior mhullach, sleamhuinn, glaodhach, agus gle thaitneach ri itheadh, agusnuair theid a ròstadh, tha e mòran nas blasda. Tha craobh eile fon ainmNikau,” anns a bheil deagh beathachadh. Tha ifàs mar tha chraobh rainneach, agus car coltach ri craobh phailm. ’S e craobh phailm New Zealand a theirear rithe. Bithear ag itheadh nan geugan òga bhios a fàs á cridhe na craoibhe. Tha e briagh, geal, na ribinnean dlùth ri chéile, agus gle mhilis, achs gann a chumadh e duine beò. Tha duilleagan us geugan naNikauneo-chumanta feumail air son tubhadh thaighean, agus ro dheiseil anns achoille. Theid bothan dionach, fasgach, a thogail leothan ùine gle ghoirid.

Sguir na Maories a dhitheadh nam freumhan sos cuid de na nithean eile dhainmich mi. Tha nise pailteas airgid aca air son biadh a cheannach. Tha tuilleadh agam ri ràdh mun deobhainn, ach chan eil ùine agam an dràsda. Tha mig earbsa sgriobhadh thugaibh an ùine gun bhi fada rithist.

IAIN ROTHACH.
Rudha Mharsden, N. Z.


Litir o Chabar-Feidh.

Bha aChomh-sheirm Ghaidhlig a dhainmich mi anns an litir mu dheireadh a chuir mi thugaibh air a cumail air oidhche Diardaoin agus tha mi glé thoilichte innseadh dhuibh gum beil an soirbheachas a bha na coisna aobhar iongantais agusna aobhar toileachais do gach neach aig an robh lamh anns aghnothach. Tha nise tri bliadhna bho thoisich buill aChomuinn so (an Class Gaidhlig) air seinn nan oran Gaidhlig mar choisir agus chan emhain gum beil iad fein a fas nis fhearr air na h-orain a sheinn ach thamhuinntir a tha gabhail tlachd ann a bhi tighinn gan eisdeachd a dol an lionmhorachd gach bliadhna. Bhan aireamh a chruinnich as gach cearn den bhaile air oidhch Diardaoin gu math thairis air tri chiad agus chan eil teagamh sam bith agam nach fheum iad dol gu talla nis mo an ath bhliadhna.

BhoOrdugh na Comh-sheirmchi sibh nach robh facal againn ach aGhaidhlig bhinn bhlasda agus is i mo bharail fhein gur ann an so a tha fior neart aChomuinn a laidhe. Chuir iad rompa bhon toiseach nach bitheadh iad an eisemeil na Beurla air dhoigh sam bith agus than soirbheachas a lean iad gu ruig so a dearbhadh gun robh iad ceart. Anns an ni so chan urrainn domh gun a bhigan samhlachadh ri MAC-TALLA fhein. Fhads a chumas iad le cheile, Bheurla mach buileach glan, cha bhi eagal sam bith orm dan taobh ach leigeadh iad aon uair an namhaid a steach agus cha bhi iad fada dol fodha.

Tha mi cur thugaibh anComhradheadar Domhnull MacAoidh agus Alasdair Hepburn an dochas gun taitinn e ri bhur leughadairean cho maths a thaitinn e riusan a chuala e air Diardaoin.

CABAR FEIDH.
Lunnuinn, 11, ’95.

P. S. —Bithidh mi fada nur comain ma chuireas sibh thugam urrads is urrainn duibh de aireamhan 41 agus 42 anns am beil oraid an Leighich MacIlliosa.


Bha stoirm mhor thàirneanach ann am baile New York Di-luain, beagan an deigh meadhon latha. Mun do thòisich na tairneanaich, bha dorchadas mor ann, a lean fad leth-uair. Bham baile fad na h-ùine, cho dubh, dorcha, ’sa bhiodh e air a mhiadhon oidhche. An deigh nan tàirueanach, shil fras throm de dhuisge.

Tha flùr anabarrach math aig D. J. Domhnullach an dràsda. Tha aige cuideachd anart mathse glé shaor.



[378]

[Vol . 3. No. 48. p. 2]

CADAL.

An do thréig thunochd mo chluasag
S mis an t-seòmar fhuar leam fhìn?
Thig air sgiathan sèimh do shuaimhneis,
S dùin mo shùil an suain na sìth.

Tàlaidh mi gu tìr nam bruadar,
Far nach cluinn mi fuaim na strìth;
Far nach fhaic mi bròn no buaireas,
S amhgharan an t-sluaighg an claoidh.

Treòirich mi gu tìr mo shòlais,
S dachaidh mòige an tìr nam beann,
S anns an taisbeanadh micòmhradh
Ris an òigridh chaomh a bhann.

Ann an aisling chiùin na h-oidhche,
Foillsich dhomh mar ann an dealbh,
Laithean sona, subhach, aobhneach,
Bhagam leis achloinn a dhfhalbh.

Sinn a mireag mar a bàbhaist,
Air an àilean fhalain ùr;
S mu na preasan duilleach blàthmhor
Eòin nan àrd aseinn dhuinn ciùil.

Thusa charaide nan truaghan,
A thiormaicheas bhon gruaidh na deòir,
S tu bheir furtachd bho gach buaireadh
Agus uallach a bhios oirnn.

N uair bhios trioblaidean mun cuairt duinn,
S na neòil ghruamach os ar cinn,
Mar an long air feadh nan stuadhan,
Air ar luasgadh anns na tuinn.

Thig thun sin mar léigh nam buadhan,
S bheir thu fuasgladh dhuinnna thràth,
S cha bhi cuimhnair strìth nan cuantan
Na do chluainibh tairis tlàth.

O! na tréig an nochd mo chluasag,
S mi cho tiamhaidh fuar leam fhìn;
Thig air sgiathan sèimh do shuaimhneis,
S dùin mo shùil an suain na sìth.
N. MACLEOID.


Bhon Chamus.

Is mòr an gliocas a nochdaicheas, air amanan, cuid de na h-ainmhidhean agus de na h-eòin. Nam biodhmaid agabhail sàr-bheachd orra an dràsdagus a rithisd, mar a tha iadg an gluasad fhéin, mara chuidicheas iad a chéile, agus na h-ionnsaidhean bearraideach a bheir iad air tighinn á cunnart, ’s ioma dearbhadh làidir a gheibheadhmaid air an tùr neo-chearbach a bhuilich an Cruthadair orra, air gach aon diubh, air reir a staide agus fheuma.

Bha seann duine còir, air an robh glé eòlach, a dol sgrìob uair san latha don t-sabhal, le pàisde de dhogha dha a choimhead air nead gobhlan-gaoithe, a bha air a togail gu snasail gu h-àrd ri mullach an t-sabhail. Bha ùis mhor aige den nead agus de na bha na broinn air sgàth an tolieaacheaid a bha e toirt don òganach a bhidol tric a choimhead orra. Ach latha latha de na làithean, de bu mhò chuir a dhìoghnadh air na an t-enn fhaicinn mar gum bitheadh ena shuidhe gu socrach, beagan amach bho dhorus na nide. Dhìrich e suas gu fàillidh, agus fhuair e gur ann a bhan t-eun truagh an sas ann a lion an damhain-allaidh! Shaothraich am beathachan sin gu dian fad na h-oidhche a deilbhs a fighe, ’s a cur ri cheile na rib ìnnleachdaich a rinn e laidir gu leòir, mun dthàinig amhaduinn, gu stad a chur air an eun bhochd, neo-chiontach, anns a chiad ghluasad a bhaige mu shoillearachadh an latha. Bha an damhan-allaidh gu trang a cur tuilleadh cheangalaichean mu thimchioll, agabhail gu snasail aig ceann gach snàthlainn, agus a deanamh gach dòigh a bfhearr a shàoileadh e leis an cumadh e aig am prìosanach. Chaneil teagamh nam biodh an t-eun air oidhirp laidir a dheanamh, anns acheud dol amach air faighinn ma sgaòil, nach deachaidh leis; ach a nis, eadar mìomhagh agus cion bidh, bha e sior dhol ni bu laige, agus gu cinnteach, mar a bitheadh an seann duine air tighinn an rathad, bhàsaich e anns an lion. ’Nuair a theann an duine suas ni bfhaisge, mhothaich an t-eun da, agus leis an eagal a ghabh e roimhe (geds e fhior charaidebhann) chaidh e gu leithid de leumadraichs de spriodadhs gun dfhuair e ma sgaoil.

Tha an sgéula beag so na dheagh shamhla air mar tha gu tric ag éiridh dhan pheacair. Tha en toiseach atuiteam ann an lion apheacaidh. An sin, an àite grad oidheirp athoirt air tighinn as, ’s ann a tha e gu mi-fhortanach adeanamh ionnan cadail ann. Tha na subhailcean gach la fàs nis laige agus buaidh an droch spioraid thairis air a sior dhol nis treise, gus mu dheireadh abheil ena trhàill. Cha lagha na gràsan sònraichte bho Dhia nin uair sin athionndadh gu sligheCheartais.

Tha tuathanach gasda, beagan mhìltean as an so, aig am beil a bharrachd air spreidh eile, sgaoth de chearcan. Cho cùramachs ga robh e mun deibhinn, ’s cho blàths ga robh an sabhal, bha reothadh mìllteach a gheamhraidh acromadh arra. Chaill no dha dhiubh an cìrean, chaill feadhainn eile dhiubh na spògan, ach bha aon bhòidheach nam measg a chaill, gu tubaisteach, an gob. Dhfhalbh am beul iosal gu buileach, agus leis an eis so bha e eu-comasach dhi i fhéin a chuideachadh aig àm bidh. Dhaindeon gach cùise, tha i fhathasd beò, slàn, agus cho coltach ri h-aon de na cearcan eile. Thuig an coileach mar a dhéirich dhi, agus chuir e roimhe nach bitheaidh uireasbhuidh lòin oirre co dhiu. Aig gach àm a bhitheadh an tuathanachg an biathadh, thogadh an coileach lan a ghuib den bhuntàta no de ciod sam bith a bhiodh ann, agus dhfhalbhadh e leis far am biodh a chearc so. ’Nuair a chitheadh isetighinn e, dhfhosgladh i a beul agus leigeadh easan am biadh gu cùramach, seòlta sios na sgornan. Le bhi freasdal mar so air a chirc, ’s ro mhinig a bhitheadh e fhein falamh mur a biodh gun robh an tuathanach adeanamh seol air beagan a chur na rathad air deireadh gun fhios do chàch, aguss ro-mhath a choisinn edhuais.

Tha an cùram a bhaig a choileach so dhan chirc na dheagh leasan daibhsan a bhios a deanamh tàir air daoine bochd, uireasbhach, agus leis nach fiu bruidhinn caoimhneil riutha gun tighinn air cuideachadh leotha; agus tha e rithisd na dhearbhadh air an t-suim bu chòir a bhi aig gach uachdaran agus duine saibhear de gach aon tha fon cùram no a bhuinneas daibh ann an doigh sam bith. Ma ni sin ar dleasnas annsan doigh so le bhi cuideachadh na feumach agus na feadhnach sin nach urrain iad fhein a chuideachadh, agus sin leis an inntinn cheart, chan eil teagamh nach faigh sin, ann an deagh àm, duais mhath bhon sintha uile-fhaicsinneach.



[379]

[Vol . 3. No. 48. p. 3]

Bha, o chcann bliadhna no dha, aig coimhearsnach dhuinn cat mor, briagha a bha na dheagh shealgair. Bhitheadh e a chuid bu mho den latha anns an t-sabhal no am muigh air feadh nam pàircean a sealg luch agus eun. Air feasgar araid bha e sràidmeachd sios ri taobh callaid ann an iochdar a bhaile asealltuinn a nullsasealltuinn a nall fiach am faiceadh e créutair sam bith a ghlacadh es a ghiùlaineadh e dachaidh a dhionnsaidh an àil oig a dhfhag e an ceann na -thigh. Bhan t-anmoch a nis atighnn, —bha na h-eoin bheaga air gabhail gu fois, bha na luchan duilich amas orra, ach fhathasd bhan càt a cumail air adhairt gu faighdinneach ann an làn mhisnich gun amaiseadh créutair beag air choireigin ris an ùine gun bhi fada. Anns a cheart am sgiath comhachag mhòr a nuas as an t-suamp agus laidh i air craobh fagus don àit anns an robh an cat asealgaireachd. Mhothaich i don chat; agus an déigh dhith a bhismaòinteachadhs a beachdnachadh car tacain, cho-dhùin aghloic bhochd gun rachadh aic air a chàt a ghlacail, agus rinn i i fhéin deiseil gus an ionnsaidh a thoirt. Thug in toiseach sitheadh, uair no dha, sios far an robh an càt, sgiathadh i mun cuairt da mar gum biodh ig iarraidh cothrom air; ach an uair a chitheadh In càt a tienndadh mun cuairt cho clis agus colg a mhi-fhortain air, threigeadh a misneach i, ’s thilleadh i air ais far an robh i roimhe. Ach ma dheireadh, ’nuair shaòl leatha bhan càt as umhal thanig i nuas ma mhullach a chinn cho luath ri saighead, chuir i na spògan an greim ann, thog i e suas bhon làr agus dhfhalbh leis gu sunndach. Ach cha bfhada gus an deachaidh moille air astar na comhachaig. Cha bfhada gus na thuig i gun robh rud ri iarraidh anns a chàt, agus bhitheadh i cuibhteas a gle thoileach a nise, nam burrainn di. An sin, thòisich an ceols an dol mun cuairt gu h-ard, agus bha e soilleir gur in t-sabaid a bhann. Cha bfhada gus na theann iad ri tearnadh, agus ann an tiota bha iad le cheile air an lars greim aig a chat gu teann air sgornan na comhachaig. ’Nuair a rànig an duine far an robh iad bhachomhachag marbh. Bhan cat ann a fiamh mòr, ach a mach air a sin fhein chan aithnicheadh duine gun drinn a thuras do na spéuran a bheag de mhilleadh air.

Mar a dheirich dhan chomhachaig, ’s ann gu ro mhinig thatachairt dhan fheadhainn a bhios a feuchainn ri gnothuch mor no togail a dheanamh a tha fada bhos cionn an neairt nan comais. Tha iad sin gu tric a cur an làmh nam bàs fhéin. Ann an gnothach cunnartach sam bith, dhaindeoin cho buaireantasg am bi a chuis, mur eil neach ro chinnteach as eolas, fhiosrachadh agus a chomas fhein bitheadh e cuibhteas an gnothuch sin; agus leis sin a dheanamh seachnadh e ioma trioblaid inntinns cuirp, agus gun teagamhsam bith cha bhi an t-aireachas air air a cheann ma dheireadh.

SEANA-GHIULLAN.


Comhradh eadarAlasdair nan OranagusDomhnull Piobaire.”

ALASDAIR. —Am faod e bhi gur e seo mo shean charaid Domhnull Piobair? ’S ann a chuala mise gun deach thu air t-ais don Ghaidhealtachd o chionn seachduinn.

DOMHNULL. —Ged is mor mfhadal gu faighinn air ais a dhionnsaidh Tir nam Beann cha dthainig e riamh a teach orm gum fàgainn am baile gun oidhche chuir seachad an cuideachd Alasdair Oig nan Oran.

ALAS. —Tha mi gle thoilichte nach drinn thu dichuimhne orm oir chan fhaigh mi naigheachdan mu nithe Gaidhealach bho neach sam bith mar gheibh mi uatsa. Feuch an innis thu dhomh a nise ciamar a tha ath-bheothachadh na Gaidhlig adol air aghaidh.

DOMH. —Chaneil moran agamsa riinnseadh dhut air nacheil fhios agad cheana oir cha mhor naigheachd is fhiach a h-aithris nach fhaigh thu anns aphaipeir-naigheachd Ghaidhlig mun robh sinn a bruidhinn an uair mu dheireadh a chunnaic sinn a cheile.

ALAS.— ’S i an fhirinn a thagad an sin agus bithidh mi gu brathna do chomain airson gun dthug eolas dhomh air aphaipeir ghasda sin. Tha e tighinn thugam á Ceap Breatuinn gu riaghailteach a h-uile seachduinn.

DOMH. —Tha mi an dochas gum beil thu ga shealltuinn do do chairdean oir tha mi cinnteach gum beil moran Ghaidheal anns abhaile so a chuireadhga iarraidh nan robh fios aca gun robh a leithid ann.

ALAS. —Faodaidh tu bhi cinnteach nacheil micall cothrom sam bith air sin adheanamh, ach fhads a bhitheas cuimhne agam air, innis domh de thatair adeanamh anns aGhaidhealtachd airson ar cainnt achumail beo. Am beil na sgoilean anns am beil i air a teagasg adol an lionmhorachd?

DOMH. —Chaneil urrad air a dheanamh anns an dòigh sins a bu choir, ach chaneil teagamh nacheil aireamh mhath den chloinng a h-ionnsachadh. A bharrachd air sin tha mi cluinntinn gum beil moran de dhuaislean na tire afaicinn cho gearr-sheallachs a bha iad roimh so ann a bhi cur dimeas air cainnt an t-sluaigh agus gum beil iad a toirt oidhirp air a h-ionnsachadh.

ALAS. —Mata, shaoilinn fhein len cuid fhoghluim agus ionnsachadh gum bitheadh iad air sin fhaicinn o chionn fhada. Tha mi lan chinnteach nam bitheadh iad air cumail suas na Gaidhlig agus air leantuinn ri cliu an sinnsear le bhigabhail tlachd ann am maith an t-sluaigh nach faiceamaid urrad de dhragh agus de aimhreit eadar thuath agus uachdarains a chithears an lathan duigh.

DOMH. —Chaneil teagamh sam bith nacheil thu ceart anns na tha thu ag radh oir is minic a ghabh mi beachd air cho beag suims a thamhor chuid de uachdarain an lathan diugh a gabhail den t-sluagh a tha comhnaidh air an cuid oighreachdan. Tha iad ceart coma de dhéireas do na daoine bochda fhads a gheibh iad fein pailteas mail chum a chaitheamh gu stroiceil anns abhaile mhor os fhein neo an tiribh ceine.

ALAS. —Chan ionanns mar a bha cuisean anns na laithibh a dhfhalbhn uair a bha na h-uaislean a labhairt cainnt an t-sluaigh agus co-fhaireachdainn aca riu anns gach cruadal a thigeadh orra. Achs math leam achluinntinn gum beil na h-uile coltas air gun dthoir ar cainnt mhathaireil iad fhathast nis dluithe da cheile.

DOMH. —Tha e toirt misneachd mhor dhuinn anns aGhaidhealtachd a bhi cluinntinn gum beil Gaidheil abhaile seo cho dileas air taobh ar seann chanain, gu dearbhs ann a bhitheas naire oirnn air uairibhnuair a leughas sinn mu choinneamhan aig nach labhrar focal ach Gaidhlig agus mu cho-sheirmean far nach bi aite idir air a thoirt don Bheurla mhosaich.

ALAS.— ’S e farmad a ni treobhadh; tha min dochas gun lean sibh an eiseamplar a tha sinn a thoirt dhuibh agus ma leanas theid min urras nach gabh sibh gu brath aithreachas.



[380]

[Vol . 3. No. 48. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney Cape Breton.


SIDNI, IUN 1, 1895.

Bha duin’ -uasal a falbh ann an carbad uair, agus gille Eirionnach còmhla ris. Thàinig iad, air an turus am fianuis croiche. “A Phàruig,” arsan duin’ -uasal, “am beil thufaicinn na croiche?” “ ’S mi tha,” arsa Pàruig. “Càit am biodh tusan diugh,” ars an duin’ -uasal, nam biodh a cuid fhéin aig achroich?” “Bhitheadh direach far am beil mi,” arsa Pàruig, “achsi mo bharail gum bithinn leam fhin.”


Litir a Siam

Fhir-deasachaidh ghradhaich: —Tha mifaotainn a MHAC-TALLA gu riaghailteach a h-uile seachduin, agus tha ena chuideachadh math dhomh. Creidimh mi, chan eil dad a chumas beò an seana spiorad Gàidhealach ach paipearan Gàilig, agus daoineni an dleasnas, agus a labhras, agus a sgriobhas an cànain. Leugh mi litir mo charaid ionmhuinnCabar Féidh,” agus mo thruaighe, is fior an sgeul a bhaige. Chan eil ann am moran de na Comunnan Gàidhealach ach an t-ainm. Mo chreach, ’s muladach an gnothuch e. Tha moran de mhuinntir mo dhùthcha coltach ri Sasunnaichs na h-uile dòigh. Tha Beurla gle thric aca; tha iad fuar; tha nàire orra Gàidhlig a bhruidhinn. Nam biodh iad gaolach air Gàidhlig cha bhiodh MAC-TALLA cho beag sa tha e an diugh. Is narach nacheil tuilleadh Ghaidheal ga cheannach. A rud cheart cho olc tha daoine leughadh a phaipeir nacheil apàigheadh ro ealamh; gu cinnteàch than sean spiorad air faondradh. Tha mi cur airgiod thunCabar Feidhairson MAC-TALLA eile; tha e dhith air mo bhràthair. Thubhairt e rium gu robh e toileach fhaotainn. Dhinnis mi dha gu robh e cuideachadh a Ghàidhlig a chumail beò h-uile uair a leughadh e MAC-TALLA. Bitheamaid dileas agus chan eagal gun teid Gàidhlig air chùl. So rannan a rinn Donnachadh Bàn nan Oran:

“ ’S is binne bhi ga h-éisdeachd,
Thuirt beul na chuala cluas;
Their Albainn agus Eirinn,
Sasunn fein, gur mor a luach;
Aon duine aig am bi feum orra,
Cha treig e i air duais;
S i chùis is fearr gun déirich i,
An deis a bhi na suain.
Bu mhor an beud gum basaicheadh
Achànain is fearr buaidh,
S is treis thort greis air abhachd,
S a huil àitn teid a luaigh;
S is fearr gu aobhar-ghaire,
S is binne blàithe fuaim;
S i ceòl nam piobs nan clarsach
Luchd dha as dheanamh dhuan.
S is fearr gu togail ìnntinn,
Le binn-ghuth còmhradh tláth,
S is sgaitiche gu mi-mholadh
Ass mìne nochdas gràdh;
Nám cruinneachadh nam milltean,
Le piob gu iomairt lann.
S dhuisgeadh colg air oigridh,
Nuair thogte seòl ri crann.”

Tham bard a sgriobh sin alabhairt na firinn. Cha leig na Gàidheal air di chuimhne an cainnt gu bràch. Ged bhios moran nan naimhdean tha buidheann eile tha deanamh mar dhiarr am bard nuair thubhairt e: “Lean gu dluth ri cliù do shinnsir, agus na dibir bhi mar bha iad.” Nis thig an litir mearachdail so gu stàd agus than t-àm. Gheibh sibh naigheachd bhuam latha eigin gun teagamh. Failt, gradh agns ioma deagh dhòchas á Siam thugaibh!

Is mise,
RAIBEART, OGHA DHUGHAILL MHORIC LACHLUINNIC THEARLAICHIC LACHLUINN.
Bangkok , Siam, 7, 4, ’95.


Airson domblasachd, Minard ’s Family Pills.


I. O. G. T.
Tha coinneamh aigVictory Lodge, No. 138, I. O. G. T., ”ann an Talla nan Saor Chlachairean, am Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh esachd.


CUIMHNICH!
gu bheil aghainn
Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh
dhe gach seorsa, agusga reic air
PRISEIN IOSAL.
JOST BROS.
Sidni, C. B., Feb. 1, ’95.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, & c., &c .,
SIDNI, C. B.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-iomaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SYDNEY, C. B


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNIC. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[381]

[Vol . 3. No. 48. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Than t-iasgach gle mhath mu chladaichean Newfoundland, ach leis cho gannsa than t-airgeadsan dùthaich, chan urrainn uireadsa bàbhaist de na h-iasgairean a dhol a mach.

Thachair sgiorradh grànda ann a Fredericton, N. B,. air an t-seachrdain sa chaidh. Thuit gille beag a bhag obair ann am muilinn, air sàbhs e air obair, agus ghearradh an ceann dheth.

Rinn reothadh na seachdain sa chaidh milleadh mor air measan ann an cuid de na Stàitean. Bha na dearcan fiona air an tur mhilleadh, agus cha bhi feum sam bith anns na suidheagan as a dheigh.

Chaidh fear Aonghas Mac Aonghais a dhroch leònadh air an rathad-iaruinn aig Méinn Victoria Di-luain sa chaidh. Thuit e bhar a charbaids chaidh e fo na cuidhlichean, agus bhalamhsa chas air am bristeadh.

Tham flùr a sior eirìdh ann am pris. Tha en diugh eadar dolar us dolar gu leth nas daoire na bha e toiseach an earraich. Tha lof arain anns a bhaile so a nise seachd sentichean an àite sia sentichean. Than cruithneachd a creic ann an Canada air dolar am buiseal.

S fhada bho na chunnacas ceud mhios an t-samhraidh anns an dùthaich so cho briagha, blàth, agus cho fàbharrach air a h-uile dòigh, ’sa bha em bliadhna. Tha na tuathanaich glé fhaisg air bhi ullamh dhen churachd, agus tha gach ni a thafàs asealltuinn cho maths cho adhartachsa dhiarradh iad.

An deigh so, a tòiseachadh Di-luain sa tighinn, chan fhàg an carbad-iaruinn Sidni gu aon-uair-deugsa mhaduinn, agus bidh e air ais aig cairteal gu naodhsan oidhche. Bidh sin moran nas freagarraiche na mar tha e ruith an dràsdas tha sinn an dòchas gu lean iad air a ruith mar sin fad a gheamhraidh cuideachd.

Tha an trosg glé ghann mu na cladaichean air an t-samhradh so, ’s chan eil na h-iasgairean a deanamh cho mathsa bàbhaist daibh. Than giomach gu math pailt. Tha sgùla mor de rionnach air bualadh air cladach an iar Nova Scotia; chuireadh còig ceud deug barailte dheth air falbh gu Boston o chionn ghoirid.

Than Dotair Buchanan ri bhi air a chrochadh aon uair eile. Thugadh a mach binn a chrochaidh da uair roimhe so ach le innleachdan nam fear-lagha, fhuair e as cho fada so. Tha nise bhinn air a toirt a mach aon uair eile, ’s mur tig dadsan rathad bidh e air a chur gu bàs toiseach Iulaidh. Tha e a sior dhol as àicheadh gu robh làmh sam bith aige ann am bàs a mhna. Tha eg ràdh nach robh duine sam bith coireach ribàs.

Airson Casadaich, Minard ’s Honey Balsam.

Tha bàt-aiseig ùr a niseruith eadar an Shidni. Chan eil e uiread ris aPheerless,” ach tha ena dheagh bhàta. Tha iad ag ràdh gu bheil am fear leis an leis e adolga ruith air an t-Sabaid cuideachd. Tha chuid as mo de mhuinntir an da bhailen aghaidh sin, agus chan eil teagamh nach sguir ega ruith an ùine ghoirid.

Tha latha mòr gu bhi aca ann an Louisburg air an t-seachdamh latha deug dhen mhios so. Tha comunn as na Stáitean adol a chur suas càrn mor mar chuimhneachan air toirt a mach Louisburg. Tha cuid de Fhrangaich Chanada glé fhad an aghaidh leigeadh leotha a chur suas, agus bàill leotha luchd-riaghlaidh na dùthcha bacail a chur orra. Ach chan eil e coltach gun cuirear dragh sam bith orra.

Airson biastan, Cherokee Vermifuge.


S . J. BROOKMAN,
SIDNI, C. B.

Flur, Min, Ti, Siucar, Fiar, Biadh, us Amhlan dhe gach seorsa.

Uidheaman Tuathanachais Mhassey-Harris, Croinn, Cliathan, agus Innealan Speallaidh.

S . J. Brookman,
Mai 17, 1895.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig

07 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig.


Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan, Pinn, Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires air son gach àm eile dhen bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART,
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.



[382]

[Vol . 3. No. 48. p. 6]

SPIORAD NA H-AOISE.

SEANN SGEULACHD GHAIDHEALACHLEIS AN DR. MACLEOID, NACH MAIREANN.

(Air leantuinn.)

Thog Caomhan donn, mac Ghorla nan-treud, airs mar a bha tighathars a mhatharg a fhagails acheo, bhachridhe lan. Thug e gu siubhal nan eangruigear doire nan earbsuidhear fo chraoibh a dhitheadh abhonnaich sin a dhfhuin a mhathair chaomh dha. “Mir, mir,” arsa fitheach dubh an fhasaich; “mir dhomh-sa, Chaomhain, ’s mi fann.” “Gheibh thu mir, a bheathaich bhochd,” arsa Caomhan, “ ’s docha gum bheil thu nas feumaiche na mi fheinfoghnaidh e dhuinn le cheiletha beannachd matharn a chois.” Dheirich e, ’s ghabh e air a thurus. Ghabh e fasdadh aig an t-seann duine; agus dhfhalbh e a bhuachailleachd nan tri mart maol’, odhar. Chunnaic en coileach oirs acheare airgid, ach thionndaidh e air falbh a shuilean; lean en spreidhchunnaic en t-slatag oir agus an t-slatag airgid; ach chuimhnich e a ghealladh, ’s cha deachaidh e air an toir. Rainig e an doirechunnaic em meas a bha boidheach, aillidh don t sealladh; ach cha do bhlais e e. Ghabh na tri mairt mhaol’, odhar seachad air achoille, ’s rainig iad aonach farsuing air an robh falaisgam fraoch fada ra theineghabh iad ga ionnsuidh. Bhan fhalaisg asgaoileadh air an raon a bagairt e fheins na mairt mhaol’, odhar a losgadh: ach ghabh iad troimpecha dfheuch e am bacadh, oir be so an gealladh a thug e; lean e iad troimhn teine, ’s cha do loisgeadh roinnedh fhalt a chinn. Faicearn a dheigh sin abhuinn mhor a bha air at le tuiltibh nam beann. Thairis oirre ghabh na mairt mhaol’, odhar, agus as an deigh ghabh Caomhan gu ceo-sgathach. Tiota beagn a dheigh sin, faicear tigh aoraidh geal, boidheach air reidhlein uaine, ri cul gaoithes ri aodann greine, as an cuale fuaim nan dana milis agus nan laoidhean binne. Luidh an spreidh air abhlar, ’s chaidh Caomhan donn a stigh a dheisdeachd sgeul an aigh. Cha bfhadabha eg eisdeachd teachdaireachd an aoibhneis, ’n uair a thainig oganach guanach a stigh air dorus an tigh-aoraidh, le suil bhuaireasaich asanailn a uchd, a dh-innseadh gun robh an crodh maol, odhar anns a ghart agus edhol a mach gan saodachadh as. “Imich uam,” arsa Caomhan: “busa dhuit-sa, ’bhobaig, an cur as thu fhein, na ruith mar sos an anail ad uchd, a thoirt an sgeoil am ionnsuidh-saeisdidh mise na briathran taitneach.” Tiota beagn a dheigh sin, thainig an t-oganach ceudna airaisbuaireas as boilen a shuil agus anailn a uchd:— “A mach, a mach, a mhic Ghorla-nan-treud,” arsesan, “tha na coin againn-ne aruagadh do chuid martmur bi thumach am prioba na sul’, chan fhaic thun t-ath-shealladh dhiubh.” “Air falbh, a bhobaig,” arsa Caomhan donn, “busa dhuit-sa do chuid chon a chasgadh na teachd mar sos an anailad uchd ga innseadh dhomh-sa. Eisdidh mise teachdaireachd an aoibhneis.” ’N uairbha an t-aoradh seachad chaidh Caomhan a mach, agus faighear na tri mairt mhaol’, odhar acur an sgios, gun ghluasad as an aites an drinn em fagail. Dheirich iad agus ghluais iad air an t-slighe dhachaidh, agus lean Caomhan iad. Cha bfhada bha e air an cul, ’n uair a chunnaic e machair fharsuing cho loms gum faiceadh en deaig a bu chaoile air an lon lar; agus mhothaich e capull agus searrach og meamnach, lughmor ag ionaltradh, agus iad cho reamhar, fheolmor ri ron achuain mhoir. “Tha so iongantach,” arsa Caomhan donn. Faicear tiota beagn dheigh sin, machair eile, fo bharr fasaich, air an robh capull agus searrach nach seasadh minidh nan cuarann an druim leis achaoile. Faicearn a dheigh so, lochan uisge, agus moran a dh-oigridh aoibhinn, aighearach, ur, aillidh, ag imeachd le caithream bhinn, agusn am buidhnean ait, a dh-ionnsuidh ceann ard an lochain, gu tir na greine, fo sgaile nan craobh a bu chubhraidh boltrach: chuale torman nan allt a bhan duthaich na greineceileirean nan eunfonn theud air nach robh e eolach, agus inneil chiuil nach cuale riamh roimhe sin. Mhothaich e buidhnean eile de mhuinntir thruaigh atriall gu ceann iosal an lochain do thir an dorchadais. Beagalach an sgreuch a thog iadbu chulaidh-oilt am bas-bhualadh bronach. Bha ceo agus neoil dhorcha thairis air atriall, agus chuala Caomhan tairneanach trom. “Tha so,” arsesan, “da-rireadh iongantach.” Lean e na tri mairt mhaol’, odhar. Bhan oidhchen sin acur roimpebhi fiadhaich, gun bhrath air fasgadh no fardaich anns an cuirte seachad i, ach cothachair air Caomhan ach madadh na maoile moire? agus cha luaithethachair na thug an co-dhalaiche coir, agus an deadh bhiadhtaiche dha cuireadhs cha bann gu gnu, doichiollach, ach gu fiughantach, fial, echur seachad tri trianan da sgios agus an oidhche air fad maille ris.

Fhuair Caomhan gabhail aigair an oidhche sin gu maith carthantach maille ri madadh na maoile-moire, ann an uaimh thioraim, gun tighinn-fodha no thairisnam foghnadh sin as feoil mhilis, uanach, mheannach, gun dith, gun ghainne, gun dolum; agus an am falbhs amhaduinn, gu leoir air son turuis an latha. “Anis,” arsa madadh na maoìle-moire, “slan leat a Chaomhain! Soirbheachadh leat ge be aitan teid thusonasn ad shiubhalsn ad ghluasad. Thairg mi aoidheachd, ’s cha do dhuilt thu i; ghabh thu gu cridheil, sunndach na thairg mi: chuir thu oidhche seachad ann an uaimh madadh na maoile-moiredhearb thu asnaisg thu a chairdeas, agus cha mheallar thu. A nis thoir fainear mo bhriathan. Ma thig cas cruaidh no eiginn gu brath ort, anns an dean luas coise agus gniomharan eusgaidh feum dhuit, cuimhnich air madadh na maoile-moiremiannaich es bithidh mise ri dthaobh.”

Dhamais an cairdeas agus an fhialachd cheudna ris an ath oidhche on t-sar-bhiadhtaiche iomairteach, shiubhlach, fitheach dubh choire-nan-creag, air nach luidheadh an cadal, agus air nach eireadh aghrian, gus am biodh aige na dhfhoghnadh dha fein agus dha-san a thigeadh sa dhfhalbhadh. Gu gearrleumnach, clapartach, sglathach, rinn en t-iul da air choraibh sgeithe troimh aisridh chasa-gabhar gu còs sgorra dhionaich creige, far an diarr e air tri trianan da sgios agus an oidhche gu leir chur seachad maille ris.

Fhuair e gabhail aigen oidhche sin gu maiths gu ro mhaith comhla ri fitheach dubh choire-nan-creag, nam foghnadh feoil as sithionn; agus an am falbhs amhaduinn thuirt e ris, “A Chaomhain mhic Ghorla-nan-treud, thoir leat na dhfhoghnas air do thurascuid achoigrich cha dionndraich mi riamh; —agus cuimhnich mo bhriathran deireannach. Ma



[383]

[Vol . 3. No. 48. p. 7]

thuiteas dhuit a bhin càs no an eiginn gu brath anns an dean sgiath laidir agus misneach nach dibir, feum dhuit, cuimhnich orm sa: ’s blath do chridhe, ’s caoimhneil do shuildhearb thu thu fein riumsabheathaich thusa fitheach an fhasaich roimhe so, agus roinn thu ris do lon— ’s mise do charaid, chuir thun oichche seachad ann an cos nan creagearb asam.”

Air an treas oidhche dhamais comhdhail agus biadhtachd nach bu mhiosa air Caomhan on dobhran-donn; an sgorr-shuileach, an siriche teoma, eusgaidh, air nach biodh cuid fir no gilledhuth fhads a bhiodh e ra fhaotainn rir muir no air tir. Ged nach robhn a gharaidh ra eisdeachd ach sgiamhail as mealanaich chat, as bhroc, as thaghan, as fheocallan, threoraich e e gun sgath, gun eagal, gun sgiansgar, gu taiceil foghanta, raideilgu roibeanach, bior-shuileach, mion-eolach, gu beul cuirn, far an diarr e air tri trianan da sgios agus an oidhche gu h-uilechar seachad comhla ris. Neo’ -ar-thaing mur dfhuair e gabhail aigen oidhche sin comhla ri dobhrandonn an t-srutha, an sior shiubhlach, nam foghnadh iasg de gach seorsabfhearr na cheileagus leaba thioram, sheasgair, de dhreamsgal ard-lain stoirme reothairt, as feamainn-chirein an dubh-chladaich. “Cuir seachad an oidhche, ’Chaomhain,” arsan dobhrann-donn; “ ’s e lan dith do bheatha. Caidil gu samhach; ’s fear faire furachar an dobhran.”

(Ri leantuinn.)


Airson Crup, Minard ’s Honey Balsam.


Tha fhios agam gu leighisMinard ’s LinimentAmhach Ghoirt.
French Village. IAIN D. BOUTILIER.

Tha fhios agam gu leighisMINARD ’S LINIMENTan Crup.
Cape Island. I. F. CUNNINGHAM.

Tha fhios agam gur h-eMINARD ’S LINIMENTan leigheas as fhearr a thair thalamh.
I . A. SNOW.
Norway, Me.


CLOIMH.

DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris as airdesa mhargadh oirre.

D . F. Mac RATH.
Baddeck, C. B. ,Mai 6, ’95.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


Tha so air a chumail do
C . B TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[384]

[Vol . 3. No. 48. p. 8]

IAIN GILPIN.

(Air a leantuinn.)

Mar so troimh bhaile Islington,
Faic e le miretriall,
As fos a suas troimh Edmonton,
S a stigh feadh lub nan giadh.

S ann an sin bhaphlubartaich,
S an t-each adiultadh smachd,
Mar sgaoth de gheoidh nothunnagan
G an lubradh fein le tlachd.

Aig uinneig ann an Edmonton
Gun dsheas a bhean a suas,
As chunnaic idol seachad e
Le iongantas an luaths.

Stad, stad, Iain Ghilpin, so an tigh!”
Gun dghlaodh iad uile ris,
Than dinneir reidh, ’s tha sinne sgith;”
Cha lugh’” arsIain, “tha mis’ !”

Achs beag an t-suim a ghabh an t-each,
De ghlaodh nam ban gu leir,
Bha prasach mhaith a mhaighstir fein
Deich milair falbh aigWare.”

Mar shaighead luath o laimh na treoir,
On iughar righinn, chruaidh,
Gun dtheich an t-each— ’s tha so g am thoirt
Gu dara leth mo dhuain.

Air falbh chaidh Iain le seideadh ard,
S gu dearbh cha bann da dheoin,
S aig dorus tighThom Challander,
Gun dsheas an t-each fa-dheoidh.

N uair chumaic esan e mar so,
Ateachd gun ad, gun ghruag,
Thilg ephiob thomhac air falbh,
As ruith emach gu luath.

Do sgeul, do sgeulthoir dhomh do sgeul!
Do naidheachd innis dhomh;
Carson a tha thu cean-ruisgte?
Carson a tha thun so?

Bha Iain lan a dhfheala dha,
De shugradh beag, ’s de chleas.
S a reir so ri Tom Callander,
Gun dfhreagair e gu deas.

Tha misen so, oir thigeadh deach,
S mureil mim fhaidhe breig’,
Bidh mads mo ghruag an so gun dail,
Oir tha iad as mo déeigh.”

Bha solas air Tom Callander,
A charaidbhi cho ait,
S cha dubhairt tuilleadh riss an am,
Ach thill e stigh gu grad.

S a mach gun dthug e ad as gruag
Gruag mhor nan dualan cruinn,
As ad as gann a chuir e riamh
Seachd uairean air a cheann.

Chum e suas iads thubhairt e
Le feala-dhan a chainnt;
Mo cheann-sa tha dha mheud ri dcheanns,
As theid iad ort gun taing.

Leig dhomh an t-eabar sins am poll
A ghlanadh bharr do ghnuis;
Fuirich ri biadh, oirs cinnteach mi
Gum bheil thucall do luis.”

“ ’S e so,” arsIain, “co-la mo bhainns’,
S bu sgeigeil e ri radh,
Gum biodh mo bhean aig Edmonton
As misen so fo phramh.”

N sin labhair Iain ris an each,
Tha cabhag orm gu mbhiadh;
Air dailghios thainig misen so,
Theid thusair dais do mriar.”

O! bosd na tubaista bhan so,
Mar dhfhiosraich e gun dail:
Oir asail fhad chluasach bha dluth
Thog raoichdeil choimheach ard.

Le srann gun dthog an t-each a cheann,
Ceart mar roimh leomhan garg;
S air falbh leuile lus a ris,
Theich en a shradaibh dearg.

Air falbh chaidh Gilpin, as air falbh
Chaidhads a ghruagn an deann;
An tiota thuit iad, chionn gun robh
Iad momhas mor da cheann.

N uair chunnaic bean Iain Ghilpin e
Amarcachd nuas cho bras,
Tharruing in sporan siodamach,
S bonn leth-chruin thug i as.

N sin thuirt i ris acharbadair,
S a cridhle iomguin lan,
Gur leat-sa so, mo ghille gleusd’,
As thoir airais e slan.”

Dhfhalbh e, as chionnich iad gun dail,
As dhfheuch en t-each a stad,
Achs ann a chuir an oidhirp so
An rosad air air fad.

N uair dhfhairtlich air na bhan a bheachd
A chur a nis an gniomh;
Gun dchlisg an t-each, ’s air falbh gun dtheich
Nas luaithna rinn e riamh.

Air falbh chaidh Gilpin, as air falbh
An carbadair cho bras,
Gun straoidhlich chuibhleachann a dheigh
Gu meamnach adol as.

Bha seathnar uaisleanchunnaic e
Ateicheadh air an each,
S an gille-carbaid air a thoir,
Gun dghlaoidh iad uilemach.

Meirleach! meirleach! glacaibh e!”
Gun dghlaoidh iad dhiarraidh foir,
As dhfhalbh iad feins na chunnaic e
N an teann-ruith air a thoir.

S a rithist dhfhosgladh dha gu luath
Cachaileith mhor na cis’;
Oir shaoil na daoine, mar air tus,
Gun rohh eruith na reis.

Bha e mar sin, as choisinn e;
Oir fhuair e buaidh leluaths;
Cha drinn e stad gusn drainig e
An t-aitan deache suas.

Nis seinneamaid fad shaoghl don righ.
S air Gilpin gun robh agh;
S an ath uair theid echur na reis,
Bu mhaith leam feinbhi lathair!


SIOL CUR.

COIRCE Dubh a Eilean a Phrionnsa, dhen t-seorsas fhearr, air son siol-cur, ’ga chreic aig

D . F. Mac RATH,
Baddeck, C. B. ,Mai 6, 1895.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean

C . H. Harrington & Co.
Sidui, C. B.


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4, ’95;

titleIssue 48
internal date1895.0
display date1895
publication date1895
level
reference template

Mac-Talla III No. 48. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page