[33]

[Vol . 3. No. 5. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 4, 1894. No. 5.


Naigheachdan as aGhaidhealtachd.

Tha ena aobhar toileachaidh dhuinn a bhith comasach air cunntas fhàbharach a thoirt air staid na Gaidhealtachd aig an àm so. Tha fios againn gur math le ar càirdean liomhor ann an America a bhithcluinntinn gu bheil am bàrr ag amharc gle mhath, agus gu bheil na prisean nis fhearr na bha iad an uiridh. Is e barail dhaoine glice, geur-chuiseach, gum bi na prìsean asìor éirighna dheigh so.

BhaChoinneamh Bhliadhnail aig Comunn Gailig Ionbharnis air feasgar Diordaoin so chaidh, agus a réir mar a chuala mi, bha àireamh mhòr shluaigh aig achoinneamh. Thachoinneamh so air a curnail suas o bhliadhna gu bliadhna, ach chaneil i adeanamh cuideachaidh sam bith leis aGhàilig. Is o mo mhòr bharail gur a thaGhàilig acall na tha ibuinig air thàilleamh na coinneamh so. Mar is trice, chaneil neach as acheud de na bhios aig achoinneamh a rachadhcóig staten a dhéisdeachd na bhios de Ghàilig air a labhairt fad an fheasgair. Tha aobhar a bhithcreidsinn gum bu mhiann le àireamh de luchd-riaghlaidh achomuinn barrachd Gàilig a bhith air a labhairt agus air a seinn, ach mar is trice, chan eisd amhòr-chuideachd ach gann còig mionaidean ri òraid Ghailig. Agus chan fhaod am fear aig am bi ri òrad Ghàilig a labhairt leantuinn air labhairt ach mu dheich mionaidean. Mar is trice, is e òran, no air achuid as mo, a tri orain, a sheinnear fad an fheasgair. Ged a theirear, “Ceanna-bhaile na Gàidhealtachdri baile Ionbharnis, is e fìor bheagan spéis a thaig sluagh abhaile don Ghàilig. Tha iad ag ràd nach pàigh e dhaibh a bhithcumail suas na Gàilig.

A réir beachd mhòrain, is e an t-Oban is a thadeanamh de chuideachadh leis aGhàilig na Ionbharnis. Tha baile an Obain atoirt àireamh dhuaisean don fheadhainn as fhearr a sheinneas òrain Ghàilig. Tha cuimhne aig luchd-leughaidh aMHAC-TALLA gu robh duaisean air an toirt seachd an uiridhs air abho’ -n-uiridh aig aMhòd Ghàidhealach a bhas an Oban, don fheadhainn a bfhearr a sheinneadhs a leughadhs a sgriobhadhs a labhradh ann an Gàilig, agus mar an ceudna don fheadhainn a bfhearr a chluicheadh puirt is oran Ghàidhealach air achlarsaich. Than treas Mòd gu bhith anns an Oban air an aona latha deug de mhìos meadhonach an fhoghair. Tha tri fichead punnd Sasunnachs adeich ( £70 ) ri bhith air a thoirt seachad mar dhuaisean air abhliadhna so. Ma leanas anComunn Gàidhealachroimhe mar a tha edeanamh, bidh barrachd meas air aGhàilig na bha oirre riamh.

Tha ni no dhà glé chomharraichte air am feum sinn beagan fhacal a radh, agus is e sin, gu bheil mòran a dhuaislean na dùthchadh a nochdadh gu bheil meas mòr aca air aGhàilig. Tha am Morofhear Gilleasbuig Caimbeul, mac Diùc Earraghàidheal, cho toileach a bhith cumail suas na Gailig ri mac màthar a tha beò. Tha e toirt deich puinnd Shasunnach seachad am bliadhna, mar cheithir duaisean, don fheadhainn as fhearr a sheinneas òrain Ghailig agus a chluicheas aig acheart àm na fuinn air achlàrsaich. Mar an ceudna, feumar aideachadh, gu bheil mòran de dhaoine bochda na dùthchadh ag amharc sios air aGhàilig ged nacheil an àireamh as dhiubh comasach air abheag de chòmhradh a dheanamh ann am Beurla. Is e am barail gur i aGhàilig a thagam fagail bochad ann an crannchur. Is barail anabarrach amaideach abharail so. Tha barrechd mòr de dhaoine bochda gun smid Ghàilig ann am bailtean mòra na rìoghachd na tha de Ghaidheil air an t-saoghal mun iath aghrian. Is i chomhairle a bheireamaid air gach Gaidheal. “Air a h-uile cor ionnsaich Beurla, ach air chor sam bith na dean dearmad air aGhàilig.”

17, 7, ’94. F. O. S.


Litir a Lunnainn.

Bha Coinneamh mhòr bliadhnail nan Cimreach (Welsh) ris an abair iad an Eisteddfod air a cumail air an t-seachduinn sa chaidh. ’S mor an obaìr a tha comunn na h-Eisteddfod an deigh dheanamh airson cainnt agus cleachdaidhean nan Cimreach, aguss e dhaobhairich gum beil an oidhirpean cho soirbheachail gum beil muinntir na dùthcha gu leir ag amhairc air a mhòd mhòr so mar ni a bhuineas do gach neach dhiubh féin air leth, agus gum beil iad a teachd ga ionnsuidhnam miltean o gach cearn. Tuigidh sibh cho laidir agus cho beartachs a than Comunn so nuair a dhainmicheas mi gum be chiad duais a chaidh a thoirt seachad airson seinn choisir ceud gu leth punnd Sasunnach ( £150 ) agus bha na duaisean eile da réir sin.

Bha Prionnsa Uales agus a Bhan-phrionnsa aig an Eisteddfod air an dara , Diciadain, agus tha so a sealltuinn gum beil iad a saoilsinn rud-eigin de chainnt agus de bhàrdachd na dùthcha om beil iad a faotainn an ainm.

S mor am beud nach gabhadh an Comunn Gàidhealach leasan bho na Cimrich. An àite bhi cumail a Mhòid anns an Oban na h-uile bliadhnas i mo bheachd gun soirbhicheadh iad moran ni bfhearr nan cuireadh iad cuairt air a Ghàidhealtachd gu léir. Tha Glascho, Peart, Inbhirnis agus iomadh àite eile cheart cho freagarrach airson a Mhòid ris an Oban.

Leugh mi ni iongantach ann am paipeir Gàidhealach an roimhe. Tha duine dubh, Innseanach a rugadh an Lucnow, a fuireachan Glascho an dràsd, agus tha e tairgseadh, (am measg chànainean eile) Gàidhlig Albannach a theagasg! Co nis a their gum beil a Ghàidhlig a dol bas?

Iun, 18, ’94. CABAR FEIDH



[34]

[Vol . 3. No. 5. p. 2]

AN ORAID GHAILIG

a bha air a liubhairt do Chomunn Gàilig Ionbhairnis le Dr. F. M. Mac Coinnich.

Fhir-na-Cathrach, a Bhaintighearnansa dhaoin-uaisleTha e na chleachdadh a bhi labhairt focal no dha, aig a choinneamh bhliadhnal so, ann an cainnt ar màthaira Ghàilig bhinn, cheòlmhor. Agus gu dearbh bu nàrach agus maslach an gnothuich nam bitheadh buill Comuinn Gàilig Inbhirnis a caitheamh an fheasgar so gun focal Gàilig an cinn. Ach is ann a tha againn, orain, ceòl, ’us dannsa a chuireadh aoibhneas air Ossian aosda fein nan robh e nar Comunn an nochd. ’Se so an dara uair a chuir luchd riaghlaidh a Chomuinn an t-urram ormsa an òraid Ghàilig a thoirt seachad, oir aon bliadhna diag on nochd labhair mi ribhsa Ghàilig. Chaneil fios agam carson chaidh iarraidh ormsa an t-searmoin so thoirt duibh, oir mar is trice, aig leithid so do dham, ’se ministear a tha dol na chùbaid. Tha mi cinnteach nach eil an Comunn tinn, agus uime sin a cuir feum air leighiche, oir cha robh e riamh cho làidir, slàn, falain, ’s tha e nochd.

1. Anns a cheud aite, dhiarrainn a bhig ainmeachadh mu bhas Mr. Andrea Mac Coinnich, ministear Chill-a- mhoraig, a thachair on choinnich sinn an so mu dheireadh. Besan a thug a cheud oraid seachad aig stéidheachadh a Chomuinnseanar usual, foghlumta, agus àrd sgolair Gàìlig. Ach bu chòir dhuinn a bhi taingeal an uair a tha aon saighdear a tuiteam, gum beil fear eile ag èiridh na àite. Anns a bhaile so fein, tha againn fior sgolair Gàilig ann am Mr. Mac Beathan; agus bithidh sibh toileach a chluinntinn gum beil am Faclair Gàilig a bha e cuir ri cheile airson iomadh bliadhna a nise gu bhi ullamh. Chan ann na h-uile la thig leithid a leabhar air tir. Leabhar eile dh-iarrain ainmeachadh— “Eachdraidh Urchudainus Glinne Morustain,” le mo charaideus mfhear duthcha Mr. MacAoidhleabhar a tha làn eòlais agus fiosrachidh mun Taobh-tuathagus companach ro mhath air oidhche fhada gheamhraidh. Tha mi an dòchas nach bi Gàidheal eadar so agus Australia agus America nach faigh an da leabhar so. Airson mfhear cinnidh, Mr. Alastair MacCoinnich, seanachaidh na fineachan Gáidhealach, chaneil tàmh air a latha no oidhche ach a sgriobhadh eachdraidhe fine air chor eigin. Tha mi tuigsinn gum beil naFrisealaichgu bhi gu h-aithghearr an làmhan an luchd leughaidh, agus tha mi cinnteach gum bi i cho foghlumte ris na chaidh roimhe. Tha min dochas gum bi na Frisealaich nan leughadairean cho math ri ClannIc Coinnich, air chors gun bi clo-bhualadh eile air iarraidh air ball, mar a thachair don fhine agam fhéin. Gu dearbh tha bhriathra a Bhàird air teachd gu teach:—

Nis togaidh na Gàidheil an ceann,
S cha bhi iad am fang nis ;
Bidh aca àrd fhoghlam nan Gail,
As tuigse neo mhall na chòir.”

Agus carson nach bitheadh sin mar sin? Nach eil againn ard fhear-teagaisg na Gàilig an Oil-Thigh Dhuinedin; nach eil Pàrlamaid a toirt airgiod airson a bhi ga teagasgsna sgoilean. Cha robh i riamh cho measal aig uaisleus daoine fòghlumtas tha i an diugh. Chaneil aobhar sam bith a nise gun deanadh fear teagaisgsan taobh-tuath a leithid do mhearachd eagalachsa rinn ministear àraidh roimhe so. Aon la bha e dol on taigh; agus a chionns gun robh e dol an rathad garbh, goirid, agus chan ann an rathad fada reidh, thug e òrdugh dha sheirbheiseach an diollaid a chur air an each anns na briathra so:— “Ian, Cuir an Diabhul air an each, oir tha mise dol don àites miosa an diugh” —fior dhroch eiseamplair on bhuachaille don treud! Mar chànan aosmhors mar chànan binn, blasmhor, bu chòir dhuinn a Ghàilig a chumal suas

Ma chreideas sinn MacAlpainn fiùghal
Be Ghàilig tùs nan cànan;
Bhaig Adamh anns a ghàradh ùr
Mus d-fhuair e cùnadh Shatain.”

Ach co dhiubh a labhair Adamh i gus nach do labhair, chan eil e deanamh moran eadar-dhealachadh. Tha aon ni cinnteachlabhair mathairs mo mhàthair-se i, agus iomadh duine còir agus bean mhath eile

Tha Ghàilig cruadalach, cruaidh, sgairteal
Do dhaoinuaisle reachdmhor, làidir;
N am treubhantais na gaisge
Sis deas fhacalaichsan àitud.

Tha i ciùin an cùisean fialaidh
Chur an gniomh a briathra blàtha;
Tha i cor a sgoilteadh reusan
Chum daoine gun chéilchur sàmhach.

“ ’Si fhuair sinn on na pàrantan
A rinn ar n-àrach òg;
Si bu mhath leinn fhàgal
Aig an àl a tha teachd oirnn.”


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.


G . H. GUZZWELL,
SIDNI, C. B.


C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeos, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadan, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air dlaimh aonnan.



[35]

[Vol . 3. No. 5. p. 3]

2. ’S an dara aite, bheirinn comhairle don mhuinntir òg a rugadhsa dh àraicheadh am measg nam beann. “Lean gu dlù ri cliù do shinnsear, ’us na dibir bhi mar iadsan.” Dhullaich am Freasdal fialaidh gach ni tha freagarrach airson a bhi cumail suas inntinneanus cuirp an luchd àiteachaidh. Tha òrananus ceòl a bhuineas do gach dùthaich tha freagarrachus nàdurrach do mhuinntir na dùthcha sin. Na bitheadh sibhsa, uime sin, caltach ri ròcas ga sgeadachadh fein le iteagan peucaig agus a toirt a chreidsinn oirbh féin gur iad òrananus ceòl na h-Eadailte is fearr air bhur sonsa na òrananus ceòl na Gàidhealtachd. Bheirinn a nise comhairle leighiche oirbhgun a bhig iarraith òir no airgid oirbh. Ithibh na nithe sin a tha fàsnar dùthaich féinlighte agus bainne, buntàta agus sgadan, agus feòl muilt a chinn duibh. Thubhairt an t-orrn

Feumaidh mnathan uaisleti,”
Sgur goirt an cinn mur faigh iad i,”

Chan annsna Innsean no an China a rugadh sibh air chors gum bi sibh ag òl ti a dh-oidhches do latha. Is brònach a bhi faicinn gilleanus caileagan òga le gruaidhean glasaus cuirp chaola a chionns gum beil iad a deanamh dimeas air a bhiadhs an deoch a dh’ -ullaich am Freasdal dhoibh. Tha moran do thrioblaidean a dol an diugh nach cualas nach dfhairich ar seanairean ni mun deibhinn.

3. Ach tha so ga mo thoirt gu treas ceann na searmoin. Chan fhàs buntata no coirce air na sràidean, uime sin feumaidh an talamh a bhi air àiteachadh agus air a chur gus an fheum air son an deach a chruthachadh. O chionn beagan bhliadhnachan bha mi frithealadh neach tinn, ochd mile a mach as a bhaile so. Dhòrduich mi bainne dha. “Tha sinn a faighinn beagan bainne,” arsiadsan, “à inbhirnis.” An cuala sibh riamh a leithid? tighinn ochd mile as an dùthaich don bhaile-mhor a cheannach bainne! A nis, ’s e cheisd mhòr, chan e a mhàin anns a Ghàidealtachd ach air feadh na rioghachd gu léirCiamar is urrainn sinn an sluagh a thoirt air ais gus an dùthaich a rithist? Agus dhiarrainn a bhi gabhail a chothrom so airson taing follaiseach thoirt dhuibhsa, Fhir-na-Cathrach airson na rinn sibh as Gàidheal, anns a Phàrlamaid agus as a Phàrlamaid. Bu sibh riamh fior charaide nan Gàidheal. Agus cha robh an Comunn Gàilig so féin air deireadh anns an deagh obair, oir is e than run a chomuinn, a measg nithe eile, “Coir agus cltù nan Gàidheal a dhion; agus na Gàidheil a shoirbheachadh a ghnà ge bu àitam bi iad.” Chaidh moran a dheanamh a cheana, ach tha moran ri dheanamh fathast. Anns na laithe a dh-fhalbh, is iomadh cridhe aoibhneach a bha air a dheanamh fàs. Canaidh mi soagus bfhearr leam gun tuigeadh gach neacham éisdeachd migum beil an Cruithfhear a ghnà nis glices nis caoimhneile nan creutair; agus chan urrainn neach air bith bristeadh air rùinteanus air laghannan an Uile-Chumhachaich gun a bhi fulang call agus peanas airson a dheanadais. Mar thubhairt mi ribh a cheana, mur ith sibh am biadh a dhullaich Freasdal air ur son, fuilingidh sibh nar slàinte; ’us mar d-théid talamh na tire a chuir gusa bhuil airson an deach a chruthachadh, than rioghachd gu léir a fulang call. Agus chaneil neachsam bith a cuir an teagamh nach be run Freasdail gum bitheadh na glinn bhòidheach, ’s na srathan tarbhach, ’s na sliosan uaine air feadh na Gàidhealtachd air an àiteachadh le daoines le mnathan, ’s le clann bhig, agus chan ann le fiadh-bheathaichean nam machrach. Ach gu co-dhùnadh mo shearmoine. Air mo shon féin tha mi làn dòchais agus creideamh a thaobh na Gàidhealtachd. Bithidh na glinn fhathast air an lionadh le sluagh. Bithidh séidrich an eich irauinn ri chluinntinn dol triomh na glinn, ’us thairis air na monaidhean, agus cuiridh e eagalus broilein air chrith air gach buidseachus bòcan, gach sithicheus each-uisge, air chors nach faicears nach cluinnear gu bràth tuilleadh iad. Bithidh sluagh, cruadalach làidr, falain ag àiteachadh tir nam beann; agus iadsans na bailtean-mora tha cur feum air slàinte cuirp no fois inntinn, thigeadh iad don Taobh-tuath, ’us gheibh iad na bhitheas a dhìth orra. Gu ma fada beò sibh, Fhir-na-Cathrach, agus Comunn Gàilig Inbhirnis, chum a bhi toirt mun cuairt na nithe math agus feumal sin.


Minards Linimentair son Loine.

Goriteas a chinn fhéin a dhfhairicheas a h-uile fear.

Ged a chaidh fradharc Ghladstoin am feabhas an deigh an sgleò a ghearradh dhethshùil, tha e fàs dona a rithist. Than sgleo a fàs as ùr agus feumar a ghearradh uair eile.

CumMinard ’s Liniment ’san tigh.

THA sinn an dòchas nach eil air càirdeang ar diochuimhneachadh; chan eil iad acur an airgid air adhart mar bu chòir dhaibh idir. Tha sinn gle fheumach air aig a cheart am, ’s tha sinn ag earbsa á Clannaibh nan Gàidheal nach leig iad éis oirnn.

Tha Lighichean a cleachdadhM ’ds Liniment

Bhon la chaidh ban-righ Victoria air righ-chathair Bhreatuinn, leth cheud bliadhna sa seachd air ais, chan eil righ-chathair air an t-saoghal nach robh air a fallambachadh, agus cnid dhiu barrachd us aon uair. Anns an ùine cheudna bha deichnear dhaoine nan Priomhairean air Breatunns chan eil gin dhiubh beo an diugh ach Gladstone us dithis eile.

IarrMinards Liniments na gabh ach e.

LeighisMINARD ’S LINIMENTmise o dhroch cnatan
Oxford , N. S. R. F. HEWSON.

LeighisMINARD ’S LINIMENTmise o chas ghoirt.
Yarmouth , FRED COULSON.

LeighisMINARD ’S LINIMENTRòs Dubh ormsa.
Inglesuille , J. W. RHGGLES.


TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNIC. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.



[36]

[Vol . 3. No. 5. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, OGUST 4, 1894.

THA China us Japan air tòiseachadh air cogadhs cha bhiodh ina iongatas mor idir ged a leanadh iad air gus an toir an darra dùthaich suas, no gus an cuirean stad orra le rioghachdan eile. Chan eil Japan faisg cho làidir mo cho beariteach ri Chnia ach tha i nas adhartaiche ann an armachds nas ionnsaichte ann an armachds nas ionnsaichte ann an cleachdadh arim, agus faodaidh i mar sin a bhi nas ruighne ri ciosnachadh na shaolamaid. Agus cha chuireadh e ioghnadh air moran ged a bheireadh i buaidh air China. Tha iad an deigh blàr no dha a chur cheana. Thug soitheach cogaidh no dha le Japan as deigh soitheach le China o chionn ghoirid agus chui i dhan ghrunnd i leis a chuid bu mhò dhe na bhair bòrd. Thug iad an ionnsaidh cheudna air soithichean eile air an t-seachdain so, ach chuireadh an ratreud orra.

Ged a rachadh China us Japan an amhaichean a chéile cha bhi guth ri radh mur bi rioghachdan na Roinn Eorpa air an tarruinn don chòmhstri. Tha Ruisia gle dheòneach gun rachadh gun fhios nach faigheadh i fhéin cothrom air làn a spòige de dhfhearann a thàrradh, mum bi iad ullumh, agus cho cinnteachsa ni Ruisia greim air àite sam bith, ni Breatunn greim air ait-eigin eile, agus, ma thacharas sin cha bhi China us Japan leotha fhéinsa chogadh.

Chan eil ann an Corea, an duthaich mum bheil iad a còmhstri, ach dùthaich bheag, agus dùthaich bhochd.

Tha righ a riaghladh thairis oirre, ach chan eil e ach gle lag-lamhach, agus tha e fhèinsan dùthaich ann an tomhas mor fo riaghlach China; aguss ann a sanntachadh an riaghlaidh sin dhith fèin a tha Japann uair a tha i tòiseachadh air a chogadh.


CHAN eil cùisean ach mi-rianail gu leór ann an Newfoundland air an t-samhradh so. Chuireadh a phàrlamaid ma sgaoil o chionn da mhios no còrr, agusn uair a bha buill ùra air an taghadh, bha chuid mhor dhiubh air an cur á dreuchd air son a bhi ceannach nan bhotaichean, agus air tàilleabh sin, bhan da phàirtidh air an cumail mun aon mheudachd, ’s cha leigeadh taobh seach taobh leis an taobh eile an làmh a chur ris an stiùir. ’Se dheirich dhaibh air an dòigh sin nach robh riaghladh acasan dùthaich idir fad treis mhath a dhùine, aguss ann air an t-seachdain so fhéin a fhuair an darra pairtidh làmh an uachdar air aphàirtidh eile, ’s tha phàrlanaid a nis gu suidhe aon uair eile. A bharrachd air na trioblaidean sin bha aca ri bhi còmhsrit ris na Frangaich. Tha na Frangaich ann an seilbh air eileanan St. Pierre us Miquolen, faisg air cladach Newfoundland, agus tha iadnan coimhearsnaich a tha gle dhragail. Tha cònnsachadh eadar iad féin us muinntir Newfoundland a thaobh an iasghaich air a chladach, agus tha fairtleachadh orra tighinn gu còrdadh.

CHAILL California gu mor air stad nan rathaidean-iaruinn. Bham barr glé fhad air ais air an da bhliadhna chaidh seachad; air a bliadhna so bha gach seòrsa barra anabarrach pailt, ach aig a cheart àms an robh e deiseil gu bhi air a chur air falbh gu margadh, bha na rathaideaniaruinn air an dùnadh suas. Tha e air a radh gun do ghrod na miltean tunna dhe gach seòrsa meas air na craobhan air an dfhàs e.

CHAIDH pris anabarrach a phàigheadh air dealbh ann an Sasuinn o chionn ghoirid. Bhan dealbh air a deanamh le Sir Iosua Reynolds, dealbhadain cho ainmeilsa bhan Sasuinn riamh. Chaidh a crelc air aona mile deug gun, neo anns a chùineadh againne, mu leth-cheud us cóig mile dollar. Tha i gu bhi aig Baron de Rothschild. ’Se pris as àisde chaidh a phàigheadh air dealbh riamh.


JOST BROS.
(Roimhe so, C . S. Jost & Co.)
STOC MOR DE BHATH ARUR

Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa.
Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c ., &c .

Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhiga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor,

CHEAPSIDE WAREHOUSE.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI. C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[37]

[Vol . 3. No. 5. p. 5]

NAIDHEACHDAN

CHAIDH muillean nan Cossitts, pios beag a mach á Sidni, a losgadh oidhche Di-luain.

THA Seanadh nan Stàitean an deigh muillein dollar a chur air leth air son cur as don ghiogan ann an Dokota.

THA seanalair Booth, ceannard Armailt na Sltàinte(Salvation Army)a tighinn air sgriob do Chanada air a mhios a tighinn.

CHAIDH tuathanach dam bainm Iain Mac Leòid a mharbhadh leis an dealanach ann am Manitoba air an t-seachdain sa chaidh.

BHA stoirm mhor thairneanach us dealanach againn feasgar na Sàbaid sa chaidh, stoirm cho garbhsa bhagainn o chionn àireamh bhliadhnaichean.

ANN an Genoata, ’sa Chuan a Deas, duine sam bith nach téid don eaglais tri uaireansan t-seachdain, air a chuid as lugha, faodar càin a chur air mo a chur don phriosan.

Thusa nach do chuir air adhart do dhollar, greas ort, ’s na cuir an còrr dáil ann. Faodaidh tu call nach saoileadh tu a chur air a phaipeir lechumail agad fhéin tuilleadh us fada.

THA coinneamh de Chloinn Ghilleain ri bhi ann an Halifax Di-màirt sa tighinn air son gnothuichean a chur air dòigh a thaobh cruinneachadh a tha iad an dùil a bhi acasa bhaile sin an ceann mios no dha.

BHAn claidheamh aig Wolfe, an ceannard treun a thug Louisburg us Quebec bho na Frangaich, air a creic ann an Sasuinn o choinn ghoirids than duine leis an leis i an nis adolga cur a nall thar cuain mar ghibht do Chanada.

CHAOCHAIL Seumas Mac Neill, fear de cheud luchd-àiteachaidh an Eilein Mhòir, Di-sathairne sa chaidh. Bha e ceithir fichead bliadhnasa ceithir deug a dhaois. Tha a bhean, a bha mun aon aois ris fhéin beò fhathast.

CHAIDH dithis ghillean a bhàthadh aig Moncton N. B., an la roimhe. Bha iad a mach asnàmhs chaidh am fear a boige fodha, chaidh a bhràthair ga chuideachadh, ’s cho luathsa fhuair e greim air, chaidh aid fodha le chéile.

NUAIR a bhantraina dol a stigh do Thruro an oidhche roimhe, leum dithis dhaoinòga dhith mun do stad i, agus thuit iad, fear dhiubh air posta agus fear eilem measg bharailtean, ’s bha iad air an droch leònadh. ’S e cho tapaidhsa tha cuid de dhaoine a chuireas á cnaimh na h-amhaich iad uair no uair-eigin.

THAINIG soitheach Sasunnach a stigh do Philadhelphia, an la roimhe, ’s duine dubhna chaiptean oirre. Chuir so na Geancaich a dhfheòrach am beil cùnntas air duine dubh a bhina cheannard air soitheach Geancach; agus cha dfhuair iad sgeul air a leithid a dhaindeoin gach rùrach a rinn iad. Thug na Stàitean an saorsa do na daoine dubha, achs mor an ceann-fodha a thaca orra fhathast.

THApic-nicgu bhi aig a Bhras dOr Bheag air an 22ra latha dhen mhios so, air son airgiod a chur cruinn gus taigh ùr a thogail don Urr. M. A. Mac-a- Phearsain, sagart a Bhras dOir. Tha dùil ri Sir Iain Thompson us fear no dha eile de luchd-riaghlaidh Chanada a bhi làthairs chan eil teagamh nach cruinnich sin moran sluaigh.

CHAIDH fear Gilleasbuig Osman, fear-coimhead an teine air an t-soitheach-smùide Louisburg, a bhàthadh aig anInternational Pierfeasgar Di-luain sa chaidh. Chaidh e fhéins fear eile shnámh faisg air an laimhrigs bhuail greim e a thug comas a lamhansa chasan uaithe. Ghlaoidh e air son cuideachadh cho luathsa dhfhairich e sin a tighinn, ach mun drainig cobhair e, bha e air a bhàthadh. Chaidh a thiodhlacadhsa bhaile Di-màirt.

ANNS na coillteanan Columbia Bhreatunnach, tha àireamh mhor de bhailtean beaga, aig daoine thadeanamh am beòdhachd air gearradh fiodhas air marbhadh seilge. Sguab teine mor troimh na coilltean sin air an t-seachdain sa chaidh, agus bfheudar don t-sluagh toirt don uisge gus iad fhéin a thearnadh. Buinidh moran dhuibhsan a chaill an dachaidhean air an doigh so do na mor-roinnean iosal so. Chan eil iad cinnteach fhathast nach do chaill cuid am beatha.

BHA Sàcramaid na Suipeir air a frithealadh aig an Amhuinn Mheadhonaich air a chòigeamh latha deug dhen mhios a dhfhalbh. Bha àireamh mhòr cruinn, ’s bhan latha briagha, fionnar. Shearmonaich na h-Urr. D. Dughallach, Bhaddeck, us A. MacIlle-mhaoil, a Bhain Iar. Bha Ghàilig, mar a babhairt, air a searmonachadh am mach fo dhuthar chraobhan moramèipilus leamhain, agus shuidh àireamh de choigrich as na Stàitean aig fear de na bùird Ghàilig.

O CHIONN faisg air tri bliadhna roimhe so chaidh fear Iain Mac-a- Phi a mhuinntir na méinne Tuatha thar sgeoil ann am Montana. Cha chualas guth riamh uime, gus o chionn seachdain no dha, ’nuair a fhuaireadh a chorp le dithis dhaoine bha mach an garbh-chriochan na dùthcha sin ag iarraidh mheinnein. Bha a chorp na shineadh aig bun craoibhe, ’s pairt dhe chuid aodaich uime agus bhauaireadair ann am pòcaid a pheiteig. Cha robh dòigh aca air a dheanamh am mach ciod a ghné bàis a fhuair e.

THA Iarla Abaraidhean air an t-seachdain so ann am baile Halifax, agus tha e á sin a dol air chuairtean tre Nuadh Bhrunswick us Eilean Phrionnsa Eideird. Cha dfhuair sinn fios fhathast co dhiu tha mo nach eil e fhéinsa bhaintghearna tighnn air sgriob do Cheap Breatunn, ach mas es nach tig iad, caillidh iad sealladh air dùthaich cho àluinn sa chunnaic iad riamh, dùthaich bheanntan àrdas lochan bhòidheach, dùthaich a tha na h-uile tha mach air cuairt shamhraidh a ruigheachd, agusnuair a ruigeas iad i aon uair ruigidh iad i rithist.


ANN AN CEAP BREATUNN.

ORAIN NA H-ALBA.

Cluinnibh ceol na Pioba! Cia mar a tha sibh! Ceud mile fàilte. Tha

MR. UILLEAM DOMHNULLACH

a Alba an deigh bhi aig Féill an t-Saoghailsa cur cuairt air America, gu bhi ann am bailtean na siorramachd so. Bidh e air eideadh anns an deise Ghàidhealaich.

Tha e na shár phiobaires na dhannsair, ’s bheir e ceòl gu leòr dhaibh san a théidga éisdeachd, maille ri seinn oran Bheurlas Albannach. Bheir e dhaibh na puirt a bhios aig na réiseamaidean Gaidhealach a dol dha na blaraibh, agus iomadh port eile.

FEUCH GUN CLUINN THU E.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.

Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dhfhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Innein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[38]

[Vol . 3. No. 5. p. 6]

NA H-EILTHIRICH.

LE M. MEC LAOMUINN.

Biomadh sùil fhliuch a bha coimhead thar mullach nan cnochd a bàirde gus an dthug an cuan as an sealladh i, agus biomadh sùil chianail a thug iadsan a bha air bòrd, agabhail an cead gu bràth le tìr an gaoil.

Is urrainn sinne a thàinig thairis air a chuan mhor a thuigsinn an t-ànradh a thachair riu air an fhairge, ach cha tuig sinn gu bràth an sàrachadhs an cruaidhchas troidhn deach iad an so fad iomadh latha, oir ged a bhiodh iad fhéin beò cha burrainn dhaibh cainnt a chur air. Air am fàgail (faodaidh mi radh) air sgeirean us cladaichean Belfast, Point Prim, us Bell Creek, an cuan mòr air an darra taobhsachoille ghruamachair an taobh eile far nach faiceadh iad ach mathain is sionnaich us corra Innseanach lachdunn ag ealaidh am measg nan craobh. Béiginn tòiseachadh air leagadh nan craobhan mòra gu àite a réiteach as an tugadh iad an lòn. Ged a thug iad biadh us aodach leo cha do mhair e ro fhada; “teirgidh cruachan-beann gun dad a chur na cheann.” Ach coma co dhiu, thogadh na campaichean, ’s an uair a thàinig an samhradh, loisgedh am barrachs thóisich iad air tolladh us cladhach nan geadags nam fannag, a measg stuic nan craobhs nan riamhaichean, gun neach ann a sheòladh iad; ’s docha gum bu tric iad a seinn:—

S ann an America thu sinn an tràths
Fo dhuthar na coille nach teirig gu bràth,
Nuair dhfhalbhas an dùbhlachdsa thionntas am blàs
Bidh measan is ùbhlan gu h-ùrail a fàs.

Nise tha mi smaoineachadh nach eil a h-aon beò dhiu sud an diugh. Ach ged a thainig iad an so direach fichead bliadhna mun drugadh mise, agus 37 bliadhna an so romham, fhuair mi eòlas math air pàirt dhiu. ’S bhan Gàilig cho mathsa bha i la dhfhàg iad Port Righ. Bha agus aig an cloinn nan deigh. Dhfhaodainn ainmean moran dhiubh innse achnuair a chuimhnicheas mi cho beags a tha MAC-TALLA thatrustannàir orm, oir chan eil mi leitheach mo dhannsa fhathast. Clann Illeain, Mhurchaidh, Alean, Clann-ic-Phail Clann-a- Phearson, Teaalach Mòr Stiùart, Dòmhnull Dughallach, Ruari Mòr MacLeoid, Alastair Mac Illeain, agus Lachluinn Mac Leòid, a ghiulain siol cur buntàta air a mhuin fhichead mile. Achs fheudar dhomh dol ceum eile. Anns abhliadhna 1806. thainig moran mach à Eilean mhuiles a Coloisai, daoine gaisgeil còire. Ghabh iad fearann ris a chladach-a- deas a niar air Charlottetown. Than sliochd an duigh nan tuath bheairteich anns a Rudha Mhor, Canoe Cove, Crapaud, Tryon, Cape Travers, agus cuid eile anns na h-Eileanan Coille. Thainig tuilleadh, as an Eilean Sgiathanach sa Ratharsaidhsa bhliadhna 1828; ghabh iad sin sealbh tiomchioll ceann Orwell agus Uige. Daoine crionnta glice, ’sa thug, moran dhiubh, foghlum àrd dan cloinn.

Ann an 1830 agus 1834, thàinig moran as an Eilean Sgiathanachsa Ratharsaidh. ’S annsa bhliadhna 1830 thàinig na daoine a leag a chiad chraobh anCoille Mhòr Bedeque,” Strath Alba. Thòisich iad ochd mile o rathad mòr. Bhc coigeir dhiubhs an aon champ a chiad gheamhradh, Iain Ros, Dòmhnull Mac Fonghinm, Maolmoire, Malldònaich, Alastir Màrtinn, Calum Bàn, Padrig Stiubhart, Iain Mac Eòin, ’us Iain Mac Alastair. Tha dlùth air da chiad teaghlachsan sgiren diugh agus da eaglais bhreagh aca. Shaoileadh coigreach gu robh iad adol suas cho soirbh ri da chruaich mònadh, oir bhan sluagh cho toileach,— “na Gaidheil ri guaillibh a cheile,” —mar a bha, a thasa bhitheas.” Thainig tri soithichean as an Eilean Sgiathairachsa Ratharsaidhsa bhliadhna 1840. Sheol a dha dhiubh a Loch Uige. Phill an treas te, an deidh tighinn còig ceud mile, dhfhas i eudionach. Ach chuireadh a nall iad air sotheach eile,

Thainig mise air an Luing mhòir a sheol a Uige, “Neith.” Bha sia cad, us da fhichead sa dha innte. Bha sinn còig seachdaineanus tri latha gun fearann fhaicinn. Dhfhan i seachd lathn Sidni, C. B., far an dfhag sinn cuid dar càirdean. Ach ge fadan duan ruigeir a cheann. Rainig sinn o dheireadh cala sgiamhach Chtown. Bhathas gle bhrònach a dealachadh, cuid an ears cuid a niar. Ach fhuair sinn gabhail romhainn airbharra basCha robh duine air bòrd gun charaide ga choinneachadh. Cuid gu Strath Albas cuid eile gu Valley-field, ’s mar sin sios. Bha sinn gu math dheth seach iadsan a thainig romhainn.

Nise ch oghnadh oirbh, an


MOORE & JOHNSTON
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.



[39]

[Vol . 3. No. 5. p. 7]

inbhe gus an dthainig moran do shliochd nan daoine a dhainmich mi o thoiseach gu deireadh, Ministearan, Luchd lagha, us Dotairaan; so aimean cuid dhiubh.

DOTAIREANUistean Martinn, (Mac Iainic Chalum-ic-Aonghais.) Dithis Mhac Mhàrtinnic Chalum ic Aonghais, Dotair Mac Illeain, nach maireann, Seumas Macleòid, (Mac Shomhairleic Thormoid,) Ruari Mac Illinnain, (Mac Mhurchaidh bhig Iain ruaidh) Dithis Mhac Chalum Alastairic Phail, C. Mac Phail, (Mac Alastir Chailean,) Mac Lachlium Mac Eoin, Abhuinn a niar, Dithis mhac Dotair Mac Tarruig, &c . &c .

LUCHD LAGHA. —Calum Macleòid, (mac Ruaridhic Thormaid,) duine còir a labhras Gàilig ged a mharbhadh i naGoill Ghlasa,” Niall Macleoid, (mac Ruairi Mhurchaidh,) D. C. Domhnullach, (Mac Iainic Sheoc.) A. A. MacIllean, (Ogha do DhAlastair Mac Dhomhlic Eachuinn, agus do Anghas Mac Mhurbhaidh Ailean.) D. A. Mac Fhionghain, M. P. P., mac Uilleamic Thearlaich, &c ., &c .

MINISTEIREAN. —Dithis mhac Uilleamic Fhiongain, J. A. Màrtin, a than tir Chanàin, mac do Dhòmhnull Uilleam. I. W. Mac Coinneich, (mac Iain Bhàinic Iainic Aonghais,) A. B. Mac Leod, (mac Iainic Iainic Thorcaill,) Domhnull McLeòd, (mac Iainic Ruairi oig,) D. M. D. Caimbeal, mac Chalumic Sheumais.) Alastair Mac Illean, nach maireann, Domhnull Mac Illean, agus G. B. McLeòid, agus mar sin air aghart.

Tha ministearean eile againn a tha searmonachadh Gailig, ach cha drugadh iad air an eilean, —Mr. Goodwill tha deanamh obair dithis anns an raoin a dhfhag a Ministir Dòmhnullach ainmail nach mairean. Fhuair sin cuid a Ceap Breatunn, Mr. C. Caimbeul, Strath-albasbheirear leis gu crionna glic a ghnothaichean gu crich.” Thainig ministeirean as an t-seann dùthaich an soIain McLeòid, ach chaidh easan air ais; ’s mar a thuirt Dòmhnull Mac Shomhairle còir, nuair a bhuail am buailtean anns an aon sùil a bhaige, “O dhfhalbh thus bu mhath thu.” Tha duine tomadach eile againn Ruairidh Mac Illean a thainig a dùthaichic Leoidsan Eilean sgithanachs gu cinnteach ma tha tuilleadh aca dheth sheòrsas neònach nach eil iad gan cur an rathad-sa.


Litir as an Eilean Sgiathanach.

Fhir mo chridheGu ma fada beò thus ceò as do thaigh. Fhuair mi Air. 49, den MHAC-MALLA. Tha e nis bhliadhna dhaois, agus gu cinnteach is math a dhfhàs e on a rugadh e. Dhfhas e ann am meudachds dhfhàs e ann an neart, ann an dreach, agus ann an glìocas. A bharrachd air sin, thug e mòr thoil-inntinn do dhiomadh Gàidheal còir, fial eadar cheann an t-saoghail. Is ainneamh ni a bheir barrachd de thoil-inntinn dhomh fhéin na bheir am MAC-TALLA. Bha mi anabarrach toilichte an uair a chnnnaic mi an t-òran gasda, snasail a chuir mo charaid, Niall Mac Leoid, ugaibh. Theid min urras nach cuir esan cùl ribh co dhiu.

Is math a chòrd an sgeul munTurus cuain a dhAmericarium. Is math a theid aig Callum Mac Fhearghais air Gàilig a sgrìobhadh. Is neònach leamsa mureil cuid mhath de naigheachdan gasda aig Callum. A nis, on a leig e car bhar beul aphoca, dhfhaodadh e tuilleadh dhiubh innseadh dhuinn. Bhiomaid uile glé thoilichte air fios fhaotainn air iomadh seann naigheachd dhe na bheil aig na seann daoine còire a dhfhalbh à Gàidhealtachd na h-Alba o chionn fada.

Tha mig earbsa gun ceadaich sibh dhomh facal no dha a labhairt ri bhur càirdean air feadh an t-saoghail gu leir. Agus tha min dòchas nach gabh a h-aon aca gu h-olc aon fhacal a their mi riutha. Than sean fhacal ag radh, gur e lìonmhorachd nan làmh a dhfhàgas an obair eutrom. Tha sibh fhein, cho trang ri mac màthar a tha beò acur aphaipear ann an òrdugh dhuinne o sheachduin gu seachduin. Tha obair throm agaibh, agus tha dol agaihh air a deanamh glé mhath. Ach tha ar cuid fhein againne ri dheanamh den obair, agus is e sin, a bhithg innseadh mun MHAC-TALLA do ar càirdean anns gach àite; agus a bhithcomhairleachadh dhaibh a cheannach. Agus chan e sin a mhàin, ach dhfhaodamaid breith air choilear air cuid de na càirdenn air am bheil sinn gléeòlach, agus a ràdh riutha, mar a thuirt fear a baithne dhomhsa, “A nis, a Sheumais, cha leig mi a null no an nall thu gus an cuir thu do dhollair ann amdhorn, agus cuiridh mi fhein a dhiarraidh aphaipear air do shon.” Nan deanadh a h-uile fìor charaid a thaig aMHAC-TALLA mar so, bhiodh iomadh mile de luchd-leughaidh aige mun teirgeadh am foghar. Cuireadh gach aon dhibh, fheara, bhur làmh anns an obair mhath, agus theid leibh gun teagamh. Tha làn fhios agam fhein gur iomadh fear a ghabhadh am MAC-TALLA, nam biodh fios aige gu bheil a leithid de phaipear ann. Na biodh aig Gall ri thiligeadh air Gaidheal nacheil de dhuinealas annainn na chumas suas aon phaipear Gailig.

Bhur caraid,
IAIN.


Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
Rubbers dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris
Curraichdean ur Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scoir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.



[40]

[Vol . 3. No. 5. p. 8]

Marbhrann do Thomas Friseil.

LE MR. SEUMAS MAC-GRIOGAIR; D, D.

AIR FONN, —Mac-Griogair a Ruaradh

Lion mulad ro mhor ni,
Cha tog ceol e o minntinn;
Chuireadh caidreach mo sholais
Fo na foidibh gu h-iosal.

Chaill min carid caoin ciatach
A sheas riamh leam gu dileas;
Chaill min comhairleach ciallach
Chuireadh miarguin air diochuimhn.’

Bha do chridhe ro bhlàth dhomh,
S e mo chradh thu bhi dhith orm;
Co a lionas dhomh taite
Measg na dhfhag thu san tir so.’

Bu tric ar n-uaigneas an seomar,
S bhiodh ar comhradh gun mhiothlachd,
Cha bhiodh sgannal no sgleo ann,
S bhiodh an comhnaidh gradh Chriosd ann.

Bha thu measail mun reachd ud,
Chuireas peacaich fo dhiteadh;
S cha bain-fhios dhuit an cleachdadh
Chuireas dreach air aChriosdaidh,

Bha thu misneachail, dana,
Bha thu laidirna t-inntinn;
Cha bu toil leat an t-ardan,
Is cha baill leat echinntinn.

Bha thu uasalna t bheusaibh,
Bha thu eudmhor nun fhirinn;
Bha thu foghainteach treubhach
Nuair a dheireadh as strith aic’.

Be do ghnath mun do theasd thu
Bhi ri ddhleasdenas sinte;
Anns gach dreuchd san do sheas thu
Bha thu freasdalach cinnteach.

Lamhthogail nan salm thu
An taigh-searmain na sgire;
Chuireadh mach iad gu dealbhach,
Gun chearbaich, gun diobradh.

Ann an cleir is an Seisein
S tric a sheas thu droch shide;
Ursainn-chatha na h-eaglais
N aghaidh beagnair luchd mioruin.

S tric a dhfhuiling thun cul-chainnt,
Dhfhag do ghuilan fo bhuinn iad;
Dhfhag do chaithris is tumhlachd
Goirt, ciuirten an cridhian.

Fas do theaghlaich bu mhiann leat
Ann san diadhachd nach diobair;
Chleachd thu aoradhn am fianais
Gun a shiaradh gu diomhair.

S iomadh Sabaidthug teist ort
Nach robh leisge no sgios ort,
Ann an teagasg dhaibh cheisdean
Is an leas as a Bhiobull.

Bha thu caoimhneil ri dnabuidh,
Thoill thughradh is a shiochainnt;
Bha thu fialaidh mu dfhardaich,
Bu mhathphairteachadh bidh thu.

Sheas thu gnothach ra duthcha
Le lan churanns le dichioll;
Mas ann air breth no airJury, ”
Be do run a bhi cileas.

Nam biodh do shliochd a bha craiteach
An la dhfhag iadsa ceill thu,
Leantuinn teiseimpleir alainn,
S e a bfhearr dhaibh na miltean.


Gur Trom Trom a tha Mi.

LE EOGHAN OG STRATH-NIN.

LUINNEAG.

Gur trom trom a tha mi,
S gur truime dhfhag an t-earrach mi;
Gur truimen diugh nan de mi
S mi cumhan deigh na banaraich.

Do bhanaraich na bathaigh,
A thug min gradh nach baithreach leam;
S ma dhfhuireas tu coig bliadhna
Gun cuir mi rian air aran dhuit.
Gur trom, trom &c .

Chan fheil thu fhein ach og dheth
Gu posadh air an earrach so;
S ged shùibhlainn-sa an saoghal
Gum bi mo ghaol dhuit maireannach.

Is ged a bha mo bhraithrean
San airidh a cur maille orm;
Nam bitheadh tughaoil deonach
Gun seolainn an null thairis leat.

Tha islean agus uaislean
An grunnd achuain am falach oirnn,
Adireadh ris na bruachan
S a gluasad ris na ballachan.

Ged tha thu gun saibhreas
Tha daimh annad is ceanaltachd;
Is tha thu laghach boidheach,
S gun ghoraiche riut ceangailte.

Nam bithinn-san Stiath-Eireann
Do speis cha bhiodh an aineol orm;
Ach tillidh mi mas beo mi,
S le mdheoin cha dean sinn dealachadh.


THApic-nicagus cluichean dhe gach seòrsa gu bhi aig Rudha nan Barracks Di-màirt sa tighinn.

BHA crith-thalmhain bheag ann an icearnan de Chalifornia oidhche D-dòmhnaich sa chaidh, ach cha drinn i cron sam bith.

BHAn t-Urr. Collum Mac Leòid air a phosadh ri Eaglais Chleireachail Cheap Nòr air an t-seachdain sa chaidh. Bhan t-seirbheis fo laimh nan Urr. Mr. Mac Coinnich Ghrand River, Mr. Friseal, Chladaich a Tuath, us Mr. Dòmhnullach, Bhaile nan Gall. Tha sinn aguidhe saoghal fada agus soirbheachail do Mhr. Mac Leòid.

CHAIDH fear Padruig Caimbeul a mharbhadh ann am méinn Glace Bay feasgar Di-haoine air an t-seachdain sa chaidh. Bha e air a phrannadh eadar carbad guail agus taobh na mèinne. Bhan solus a bhaige air dol as air; mur biodh sin, rachadh aige air a dhol as an rathad air a charbad, agus e fhéin a thearnadh.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid.

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Soithichean Creadha agus Glaine.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh

Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris as fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAN W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bitha thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine air a phrìs as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


CLOIMH.

THAm fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris as fhearrsa mhargadh oirre.

D . F. Mac RATH,
Baddeck C. B.

titleIssue 5
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla III No. 5. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page