[Vol . 3. No. 50. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 15, 1895. No. 50.
MU IOMPAIREACHD SHINA.
Tha an treas cuid de’n chinne-daona gu leir ’s an duthaich fharsuinn so. Eadar dhaoine, mhnathan us chloinn, tha mu cheithir cheud deug muillein pearsa ’s an t-shaoghal; agus dhiu sin tha corr a’s ceithir cheud muillein an Sina amhain, moran tuille na tha ’s an Eorpa gu leir. A reir coltais, bha na Sinich ainmeil bho cheann iomad linn; oir tha am Faidhe Isaiah ga’n ainmeachaidh, (Caibdeil XL 12) am measg nan cinneach a thigeadh gu Criosd.
Bho cheann corr a’s da cheud bliadhna, cheannsaich na Tataraich gu tuath orra na Sinich; agus chum iad fo smachd iad gus an latha ’n diugh. Is Tatarach an t-Iompaire ’s a theaghlach, agus moran de na h-ard uaislibh. Tha saighdeirean diu, cuideachd, aig an Iompaire; agus tha pairt mhòr de thir nan Tatarach ’s an Iompaireachd aige. Ach is Sinich a chuid mhòr d’ a shluagh.
Tha na Sinich uile coltach ri cheile, am pearsa ’s an intinn. Tha am falt dubh direach, gun lùb gun dual, le feusag dhubh, thana agus sùilean dubha. Tha an craiceann donn dorcha, le aghaidhibh plubach, agus car an aird an taobh amach na sùl. Cha’n eil iad am bicheantas co mòr na co tròm ri Breiteannaich, na idir co laidir no co misneachail. Tha iad seachnach air bainne, ìm a’s caise; ach ithidh iad coin, agus gach sorsa blianaich. ’Se cotain is aodach do ’n chuid mhòr dhiu, ged tha sìde aig na h-uaislibh: oir tha caoirich gann n’ am measg.
Tha iad buileach modhail, n’ an doigh fhéin; agus tha e mar fhasan aca brògan beag iaruinn a chuir air na baintighearnaibh oga, agus a cumail orra gus am fas iad suas. Tha so ro phianail do ’n chloinn; agus tha e a cumail an casan gun lùth gun neart; ach cha bhitheadh iad fasanta air dhoigh eile. Chan ’eil nigheanan dhaoine bochda ’g an cur fo ’n chràdh so; agus uime sin tha an casan mar a chuid eile de n’ chinne daona.
Tha na Sinich deanadach, siobhalta, agus grunndail; agus uime sin tha moran de na thainig do na Staidean diu a deanamh airgid. Ach tha iad co rùnach mu ’n tìr fhein ’s gum bheil iad a dol air ais co luath ’s a gheibh iad an leoir. Air an laimh eile, tha iad carach, cealgach, an-iochdar. Tha moran diu a tilgeadh amach an leanaban nighinn, gu bàsachadh am feadh ’s a tha iad ro speiseil mu ’m pàrantaibh.
Tha iad co féin-speiseil ’s gum bheil iad a sealltuinn sios air a chuid eile de ’n t-shaoghal gu leir; ach fhuair iad dearbha laidir, bho cheann ghoirid, nach eil iad coimeas do dhaoine na h-Eorpa an coga’; oir chaidh an ruaig air am feachdaibh, roi aireamh bheag de naimhdibh. Tha iad buileach fiadhta ri coigrich, air dhoigh ’s gum bheil e cunnartach do dhaoine fuireach ’n am measg; agus chan ’eil doigh air tearantachd ach eagal a chuir orra, le peanas trom, gach uair a ni iad aineart air coigrich. Mu choig bliadhna fichead air ais chreach agus mhort iad moran choigreach aig baile ris an abrar Tien-tsin. Bha Iarla Chlarendon gu mor ri choireachadh airson so. Oir b’e ard-fhear-comhairle na ban-righ mu chuisibh choigreach; agus sgriobh e litir gu righ-theachdaire Bhreiteann an Sina, nach dionadh am feachd Breiteannach an luchd-teagasg Criosdaidh an Sina. Co luath ’s a chuala na Sinich so, ghabh iad misneach, gu droch run an cridhe a chuir an gniomh.
Is cinnich dhall na Sinich; ach tha a nis iomad coi-thional Criosdaidh n’ am measg, a chaidh iompachadh bho cheann ghoirid; agus tha iomad teachdaire a searmonachadh an t-shoisgeil dhoibh. Chan ’eil iad idir ro eudar mu ’m baoth-chreideamh fhein. Tha moran diu a deanamh aoradh do thaibhsibh an aithrichean, agus thaobh amach de sin, chan ’eil ach beag aoraidh air bith aca. Tha muilean urnaigh ’s an duthaich; agus tha iadsan a creidsinn gum bheil eifeachd an tilgeadh urnaigh sgriobhta air paipeir anns a mhuilean. Tha iad ag’ radh gum bheil gach car de ’n phaipeir co math ri urnaigh air a toirt suas bho ’n bheul; agus gun teagamh tha sin fior, thaobh urnaighean ri diathaibh breige.
Iadsan a Phaigh.
M. R. Johnstone, Pon Mor.
Domhnull Mac Neacail, Catalone .
Eoseph Currie, Forks Shidni.
Tormaid Mac Leoid, Narrows Bheaga.
Ruairidh C. Mathanach, Grand River.
Antoni Mac Fhionghain, Pon Mor.
Iain L. Domhnullach, Caledonia .
Ailein Mac Asguill, Framboise .
Iain Mac Coinnich, Gut Mhira.
Gilleasbuig Mac-a- Phiocair, Catalone .
Tormoid Mac Leoid, Meinn Victoria.
Coinneach Mac Dhiarmaid, ceann Dearg, (90c)
Eobhan Moireastan, Marion Bridge, (50c)
Gilleasbuig Mac-a- Phearsain, Glace Bay,
Calum Nac Leoid, Amhuinn Dhennis, (25c)
D. I. Mac Isaic, Edwardsville ,
Raonull Gillios, Grand Mira,
D. H. Mac Fheaighais, Bathurst , N. B.
Uisdean Mac-a- Phi, Narrows Creek, P. E. I.
I. S. Black, Pomona , Ontario.
Frank Anderson, Niagara Falls.
D. I. Caimbeal, Hamilton .
Donnacha Munro, Cornwall .
Frank Domhnullach, Newport , R. I.
D. T. Domhnullach, Calumet , Mich.
Bean Iain Dhughallaich, Moreton , N. Dka.
Bean Dhomhnuill ’Ic Fhionghain,
Tomas Friseal, Beauly, Inbhirnis, Alba.
Coinneach Domhnullach, Skéabost,
Rob Mac Ille-dhuibh, Bangkok , Siam.
I. K. Mac Ille-dhuibh,
W. I. Domhnullach, Broadview , Assa.
Eachunn Ceanadach, Westville , N. S.
A reir coltais cha’n eil Ceap Breatunn gu bhi cho aineolach air na Sineich an deigh so, ’sa bha e ’sna bliadhnaichean a dh’fhalbh. Tha dithis no triùir dhiubh fo’n ainm “Quong Wo” ri nigheadaireachd ann an Sidni bho thoiseach an t-samhraidh, agus a nise, tha feadhain eile fo’n ainm “Wo Sing” a tòiseachadh air an obair cheudna ann an Sidni Tuath.
Minard ’s Honey Balsam,math gach nair.
[Vol . 3. No. 50. p. 2]
TEANN SIOS A DHOMHNUILL OIG.
Agus bha h-uile fear riamh dhiubh a’ cur na h-aon fhailte chridheil, chaomhneil air fear-an-taighe ’s air bean-an-taighe. Bha h-uile mac mathar dhiubh air an éideadh ann an earradh na h-aon dùthchadh, agus sin a’ comharrachadh a mach, ge b’ e dùthaich do ’m buineadh iad gu robh a luchd-aiteachaidh a cheart cho fada air aghaidh ann am fiosrachadh ’s a bha ’n duthaich do ’m buineadh Domhull òg e-fhein. Bha gach aon de ’n da fhear dheug a’ cur air fear-an-taighe ’s air bean-an-taighe, agus bha gach fear dhiubh ag aithris a sgeoil fhein. Cha robh dad de choltas gu falbhadh iad an oidhche sin. Bha Domhull òg air a leth-thaobh anns an fheur ag eisdeachd ris na chluinneadh e, ag amharc air na chitheadh e, gu bog, balbh, sàmhach, mar gu’m biodh balgum fala ’na bhial. Dh’ fhaighneachd a’ cheud fhear a thàinig a steach de bhean-an-taighe ciod a bh’ aice anns a’ phoit a bh’ air an teine, agus thuirt ise ris gu robh na bha ’dh’ fheoil an taobh a staigh de ’n dorus ann gu suipeir a dheanamh do Dhomhuill òg, a dh’ fhear-an-taighe, agus dhi fhein. “Thut a’s droch uair,” ars’ an darna fear a thàinig a steach, “cha mhor a’s fheairde cuideachd e ’s bu rudeiginn a dh’ aon duine e.” “Is mithich a bhi bogadh nan gad,” ars’ an treas fear, “is beag éis a riugeas sinne leas a bhith oirnn, is iomadh feoil a thug Domhull òg o ’n bhaile a nochd. Cha bheag an t-sreud spréidhe a dh’ fhag e air a’ chnoc ud thall.” A chladhairean,” ars’ an ceathramh fear, “bithibh a gabhail a mach, agus thugaibh a steach an so an ceithir-chasach a’s fhéarr ’s is raimhre ’s a’ bhuailidh.” Leum ceathrar air am buinn cho ealamh ’s ged a thuiteadh sgeith-runnaig bhar aghaidh nan speur, agus cha robh aig Domhull òg ach sealladh a chul nan sàiltean aca a mach an dorus. Cha robh iad fad a muigh an uair a chualas gnòsadaich, is stàplaich is ùpraid a teachd a steach. Co bha ’n so ach an ceathrar spalpairean a chaidh a mach, agus an t-agh bu bhriagha ’bha ’m buaile Mhic-ic-Ailein aca, dithis ’g a dhraghadh, agus dithis ’g a phutadh. Thug am fear a bh’ air ceann shuas na beinge sùil thar a ghuaille, agus thuirt e riutha nach b’ e sid am beathach ceart. Thuirt fear eile gu’m b’ é. Thuirt an ath fhear a b’fhaisge dha air ceann shuas na beinge nach b’ e, ach gur ann a bha ’m beathach ceart ann mart culach, tapaidh le Domhull òg; saill air a druim ’s geir air a broinn, ’s i ’na laidhe ’na h-ónar shìos an ìochdar na buaile. Mu ’m briogadh tu cnò chaidh an ceithir-chasach a bh’ air an urlar a sheoladh ris an dorus. Cheart cho luath ris na seabhaig bha ceathrar eile air am buinn, agus a mach a ghabh iad ’nan deannaibh dearg air thòir bò Dhomhuill òig. Bha Domhull òg bochd ’s an fheur ’s gun diog a’ tighinn as a cheann, agus an an anail an àird a’ chléibh aige leis an eagal. Mu ’n gann a shaoil e gu ’n d’ ràinig iad bha iad air an ais, agus a bhò eatorra. Dh’ fhaighneachd am fear a bh’ air ceann, shuas na beinge a dh’ fhear-an-taighe c’aite an robh a’ chorc ’s gun deanadh iad an gradlubadh air a’ bhoin. Fhuaradh a’ chorc, ach bha i cho maol ’s nach tugadh i strioch air a seicidh. Thuirt am fear a bha ri ’thaobh gu ’m bu neo-choireach dhaibh a bhith ’g a faocnadh air an doigh ud, gu robh deagh sgian gheur ann am pòcaid Dhomhnuill òig air an torr fheoir an ìochdar an taighe, agus gu ’m bu ghoirid bu chòir dhaibh a bhith ’g a toirt uaith. Thug fear dhiubh dudar leum as sìos thun an torr fheoir, ’s chuir e ’lamh am pòcaid Dhomhuill òig, agus mu ’n gann a dh’ fhairich e as aonais i bha i air a sàthadh ann an sgòrnan na bà aige fein. Leis an ùpraid a bh’ ann chaidh Domhull òg gu crith ’s gu gairisinn, agus rinn e air son an dorus a thoirt air. Shliagair e mach mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e; ach an uair a thug e ’shàilean seachad air an fhad-bhuinn bhuall an t-eagal e ni bu mhò na rinn e riamh. Thug e sùil ann am bun na gaoithe, agus chunnaic e gu robh ’n iarmailt a’ teannadh ri glanadh suas ri bunacha bac. Ar leis gu robh e ’n uair sin a’ dlùthachadh air a’ mheadhain-oidhche. Bha na fir a bha ’staigh an uair sin ann am mullach cluich air teis meadhain an ùrlair. Dh’ fhalbh e ceum air cheum ’s e ’n dòchas gu ’m biodh e aig a’ bhaile mu ’n tigeadh camhanaich an latha. Bha e dol air aghaidh mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e, ’s e ’gearradh shùrdagan thar gach féithe, a cheart cho aigeannach ri fiadh air a reubadh gus an robh e smaointean gu robh leth na slighe ’na dhéigh.
Ged a bha ’n oidhche car dorcha, bha beachd math aige air gach cnoc agus slochd, air gach lag, is loch, is allt is féithe, gus an d’ thainig e gu bonn Ruaidhmhail. An uair a chaidh e null air Amhuinn-a’ -Chròg dhìrich e suas air gualainn cnocain bhòidhich fhraoich, agus leig e e-fhein air uilinn ’s an fhraoch a leigeil analach. Ged a bha e gun fhoghlum bha e ’na mhàirnealaiche anabarrach math, ’s thug e sùil mu ’n cuairt air ceithir àirdibh an athair, a dhearcadh air na reultaibh, agus air na fir-chlis, a bha teannadh ri dannsadh gu h-aigeannach ann an cridhe na h-àirde tuath. Bha ’n oidhche le dearrsadh nam fear-clis ni bu shoilleire na bha i an uair a dh’ fhalbh e a Roisinnis, agus bha ’n Seachdaran a’ gabhail a chuairt gu sèimh a dh’ ionnsuidh na h-àird an eara-dheas. Chuala e gloc aig coileach na circe fraoiche a’ leum a tom fraoich air bruaich na h-aimhne, agus a’ chailleach oidhche a’brundail dhi fhein air an taobh eile de ’n amhuinn. Ar leis gu ’n cuala e monabhar bruidhne, agus diasganaich anns an aird-an-ear-thuath air. Agus mar a b’ fhearr a dh’ éisdeadh e ar leis gu robh a’ bhruidhinn ’s an diosgan a’ teanuadh ni bu dluithe air. Ged nach robh ’bhruidhinn ro thaisbeanach dheanadh e mach beag air bheag gu robh ’n comhlan bu mhò na bha e ’n toiseach an dùil. Coma co dhiu, bha ’chuideachd a sior theannadh air, air chor ’s mu dheireadh gu ’n d’ rinn e mach gur e torradh a bh’ ann. ’S e bhuail ’s an inntinn aige gur e torradh a thainig bhar cuain a bh’ ann, agus gur ann leis a bha na fir chalma, sgairteil a chaidh do thaigh a’ bhuachaille ann an Roisinnis mu ’n d’ fhalbh e. B’ i cheisd bu dluithe air inntinn, ged a bha e ’g eisdeachd ri ’n còmhradh, cia mar a chuir iad eolas air buachaille Roisinnis ’s air a mhnaoi. An uair a bha iad a’ cromadh a nuas a dh’ ionnsuidh na h-aimhne thuirt fear de na bh’anns a’ chuideachd, a cheathrar a b’ aotruime dhiubh a leum a null air an amhuinn a chum gu ’n gabhadh iad an giulann. Anns an fhacal ’s iad a gearradh sìnteig thar na feithe chuala e brag aig te dhe na spéicean a’ briseadh. “Thut a’s droch uair,” arsa fear dhiubh, “is olc a dh’ éirich e dhuinn; cha ruig sinn Cladh-Chaluim-Chill a nochd.” “A chladhaire bhochd,” arsa fear eile de ’n chuideachd, “is olc a mhisneach a th’ agad. Is math an spéic a ni ’n cuaille math daraich a th’ aig Dòmhull òg air taobh thall na h-aimhne, a thug Mac-ic-Ailein thuige an
[Vol . 3. No. 50. p. 3]
uiridh a Arasaig.” Ghrad leum fear de ’n cheathrar a bh’ air taobh thall na h-aimhne far an robh Domhull òg, agus spiòn e ’n cuaille as a laimhe, agus chuireadh fo chasan na ciste e. Cha robh aig Domhull òg ach a bhith ’g èisdeachd ris na bha e cluinntinn. Cha bu luaithe ’thainig iad a nall air an amhuinn na chualas an ath bhrag, aig an spéic a bha fo na guaillean a’ bristeadh. “Thut a ’s droch uair,” arsa fear dhiubh, “is bochd mar a dh’ eirich dhuinn. Tha sinn a nis ni ’s miosa dheth na bha sinn riamh. Ciod air an t-saoghal a ghabhas deanamh?” “Ni sinn a’ bheairt a ’s fhearr de na bheairt a ’s miosa,” arsa fear eile “Is math an spéic a ni Domhull òg fhein dhuinn cnagairneach gasda da bhodach làidir mar a tha e. Gabhadh cathrar dhibh far am bheil e, ’s thugaibh a nuas an so e, ’s càiribh guaillean na cisteadh air a’ chaol-druim aige.” Cha bu luaithe a labhradh, na rinneadh mar a dh’ iarradh. Chaidh Domhull òg a sparradh fo ’n chistidh, agus rug dithis air chasan air agus dithis eile air lamhan air, ’s dh’ fhalbh iad leis a’ chistidh gu h-eutrom, aigeannach uallach. Bha Domhull ’s an cridhe gu tighinn a mach air a bheul leis a chudthrom a bh’ air a dhruim, agus leis an eagal a bha ’na chom. Cha b’ e ’n cudthrom bu duilighe dha ach mar a bha na deilg a bha ’n cul-thaobh an briogais an impis a dhol troimh uilt an droma aige.
Thuirt am fear a bh’ air deireadh ris an fhear-iuil nach robh iad a gabhail an rathaid cheairt, gur ann a dh’ fheumadh iad tilleadh air a’ chois-cheum cheudna timchioll Ruaidhmhail, agus gabhail a h-uile ceum ri cois cladaich, feuch am faigheadh iad a mach ciod an neart a bh’ ann an Domhull òg mu ’n ruigeadh iad Cladh-Chaluim-Chille.
Ge b’ fhada bha Cladh-Chaluim-Chille uapa cha b’ fhada bha iad ’g a ruidhinn. An uair a rainig iad an Cladh chaidh an dithis bu shinne feuch an deanadh iad a mach c’ àite am bu choir dhaibh an uaigh fhosgladh. Sheas an comhlan leis a’ ghiulann agus greim aca air lamhan is casan Dhomhuill òig a cheart cho teann ’s ged a bhiodh iad ann an teanachair a’ ghobha. Theireadh fear gur ann an sid bu choir an uaigh fhosgladh, agus theireadh fear eile gur ann an so bu choir a fosgladh. Lean iad air an fhéicheantas so cho fada ’s nach robh fhios aig Domhull òg, ach gann co dhiu a bha e beò no marbh. Mu dheireadh thall shònraich iad air aon àite. Ach gu tur dona an deigh dhaibh sònrachadh air an aite so cha robh spaid no sluasaid aca a threachaideadh an uaigh. Thuirt fear gu ’m bu bhochd an rud a bh’ ann nach robh dòigh aca air an uaigh a threachaid. Thuirt fear eile gu robh deagh shluasaid ’na seasamh ri ceann taigh Fir-Bhaile-Mhanaich, agus gu ’m bu ghoirid bu chòir a dh’ fhear dhiubh a bhith ’ga h-iarraidh. Dh’ fhalbh fear cho luath ’s a leigeadh a chasan leis, agus cha robh e fada gun tilleadh. Thoisich fear ma seach ri cladhach na h-uaghach. An uaia a bha iad seachd sgith ’ga cladhach thuirt iear gu robh i domhain gu leòr, agus thuirt fear eile nach robh. Arsa ’n treas fear, ’s e ’freagairt, “Cha ’n eil an uaigh domhain gu leòr fhathast; oir feumaidh seachd àirde na cisteadh a bhith innte agus àirde Dhomhuill òig.” Mu dheireadh thall dh’ aidich a h-uile fear riamh gu robh i domhain gu leòr. Fad na h-ùine a bha iad ag iarraidh na sluasaid, agus a’ cladhach na h-uaghach bha chiste air druim Dhomhuill òig mar a bha i roimhe; oir cha ’n fhaoidte a leagail air an talamh gus an leagtadh anns an uaigh i.
An uair a bha Domhull òg a’ saoilsinn gu robh e gu bhith saor ’s an cudthrom a bh’ air a dhruim, ’s ann a thòisich dian-chonnsachadh eadar am fear a bh’ aig casan na cisteadh agus am fear a bh’ aig a ceann, fear ag ràdh nach ann an so bu chòir an tiodhlacadh a dheanamh idir, agus am fear eile ag ràdh gur h-ann. Mu dheireadh thall an uair a thug a h-uile fear riamh seachad a bharail mu ’n chùis, dh’ aontaich an àireamh bu mhò dhuibh gur ann an Cladh-Mhuire, ann am Baile-nan-Cailleach bu chòir an tiodhlacadh a dheanamh. Thog iad orra, agus gabh iad timchioll Heidhidh agus mu’n cuairt Rudha-iachdunn-na h-Airde gus an d’ ràinig iad Cladh-Mhuire. An uair a bha iad seachd-sgìth a’ connsachadh mu ’n àite anns am bu chòir dhaibh an uaigh a threachaid ’s ann a chuimhnich iad nach robh spaid no sluasaid aca gus an uaigh a threachaid. Thuirt fear dhiubh nach ruigeadh iad a leas a bhith fada gun sluasaid agus deagh shluasaid ’na seasamh ri taobh an t-sabhail aig Mac-ic-Ailein. Cha robh fear de na bha làthair fada ga h-iarraigh agus thòisich fear ma seach dhiubh ri cur na smùidean os an cionn a’ cladhach na h-uaghach. An uair a dh’ aidich iad uile gu robh i domhain gu leòr, ’s e sin gu robh seachd àird na cisteadh, agus àirde Dhomhuill òig air doimhneachd innte, thoisich dian-chonnsachadh eadar am fear a bh’ aig ceann na cisteadh, agus am fear a bh’ aig na casan. Bha fear ag radh gur ann an Cill-Amhlaidh, anns an Iochdar, bu chòir an tiodhlacadh a dheanamh, agus bha fear eile ag radh nach ann ach ann an Cladh-Mhuire. An uair a thug iad uile greis mhath air an obair so dh’ aontaich an aireamh bu mhò dhiubh gur ann an Cill-Amhlaidh bu choir dhaibh an corp a chur fo ’n talamh. “Ma ghabhas sibh mo chomhairle-sa,” arsa fear de ’n chuideachd, “bheir sibh leibh an t-sluasaid, agus bidh i deisil dhuibh air son an uaigh a threachaid an uair a ruigeas sibh Cill-Amhlaidh.’ “Cha b’ e mo chomhairle dhuibh,” arsa fear eile,” “ach fear no dithis dhibh a dhol a dh’ iarraidh sluasaid Dhomhuill òig. Tha i ’na seasamh ri taobh an doruis, agus cha ’n eil arm eile cho acarra rithe eadar Cille-Bhrighde agus Leac-bhan a’ -Chaolais.” Dh’ aontaich a’ mhòr-chuideachd gu robh so glè cheart, agus dh’ fhalbh an dithis bu luaithe a bh’ anns a’ chuideachd a dh’ iarraidh na sluasaid. An uine gle ghoirid bha iad air an ais ’s i aca. Chàireadh air muin na ciste-laidhe i. Le leum dà bhuinn thog iad orra, agus dh’ fhalbh iad leis a’ ghiulann. Ma bha ’n truaighe roimhe air a’ chudthrom a bh’ air druim Dhomhuill òig, bha na seachd truaighean a nis air. An deigh dhaibh Cladh-Mhuire fhagail ghabh iad sios gal-na-marbh ri cois a’ chladaich, seachad a’ Chuile, Gearraidh Ghrìminnis, Poll-nan-cronn, an Lagan, Beallach-nan-each, Sìthein-Bhuirgh, Còrdal, agus an Lub-Bhan gus an deachaidh iad a null air an fhaoghail-iochdraich aig ceann Theastamail. Agus uaith sin ghabh iad tarsuinn air amhach na Guaille, sìos an Garbh-bhagh gus an d’ ràinig iad Cill-Amhlaidh. Cha bu luaithe chaidh iad a steach do ’n chladh na thòisich iad air an dian-chonnsachadh mar a bha iad ann an Cladh-Chaluim-Chille, agus ann an Cladh-Mhuire. An uair a bha ’n connsachadh so a’ dol air aghaidh bha Domhull og a’ smaointean gu n d’ fhairich e ’n ùine o ’n a chaidh a chiste-laidhe a chur air a dhruim cho fada ri seachd bliadhna de ’bheatha.
(Ri leantuinn.)
[Vol . 3. No. 50. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney Cape Breton.
SIDNI, IUN 15.1895.
Tha àireamh mhath de luchd-gabhail a phaipeir o nach cuala sinn fhathast, ged tha ’bhliadhna nise beul ri bhi seachad. Tha sinn an dòchas nach tig oirnn sin a cur ’nan cuimhne tuilleadh.
Chaidh tri taighean agus sabhal leis na Donovans, faisg air Ingonish a losgadh air an t-seachdain s’a chaidh. Bha teine mor anns a’ choille mu’n cuairt dhiubh, ghreimich e orra, agus cha d’fhuaireadh grabadh sam bith a chur air gus an robh iad uile air a dhol na smàl. Mur biodh gun dh’ atharraich a ghaoth, ’s gu’n d’ thainig frasan troma uisge, bha moran de thaighean eile air an losgadh còmhla riutha.
Bha cruinneachadh mor gu bhi aig Clann-a- Phearsain aig caisteal chluanaidh an Alba, air an treas latha fichead dhe’n chéitein. Tha moran de dh’ eachdraidh ’s de bheul-aithris na Gàidhealtachd air an dlùth-cheangal ris an t-seann làraich so, àite air ’n do bhuilich nàdar bòidhchead air nach toir ach fior chorra àite ’sa Ghàidhealtachd bàrr. ’Se Cluanaidh a b’ ainm do chinn-feadhna Chloinn-a- Phearsain o chionn iomadh linn, agus ’se Cluanaidh is ainm do ’n fhear a th’ air an ceann an diugh.
Tha flùr anabarrach math aig D. J. Domhnullach an dràsda. Tha aige cuideachd anart math ’se glé shaor.
Litir a Lunnainn.
Fhuair mi litir an latha roimhe bho charaid Gaidhealach an Siam ag innseadh dhomh cho fior mhath ’s a tha MAC-TALLA a còrdadh ris. So agaibh a bhriathran fein. “Mo bheannachd ort, tha mi faotainn MAC-TALLA gu raighailteach; is math an gnothach gu ’n do chuir thu thugam an toiseach e; gheibh mi nis e fhad’s bhitheas mi beo. Tha nàire orm nach do sgriobh mi litir dh’ ionnsaidh an fhir-deasachaidh, ach cuiridh mi sgeula thuig gu h-aithghearr.”
Nis faodaidh mi innseadh dhuibh gur ann troimh ’n MHAC-TALLA chuir mi eòlas air a Ghàidheal chòir so. Thachair gu ’m faca mi ainm ri litir Ghàidhlig ann an aon de na paipeirean-naigheachd Albannach agus chuir ni MAC-TALLA g’a ionnsaidh. Thaitinn e cho math ris ’s gu ’n d’ ordaich e gun dàil e, agus tha e nis a cur ga iarraidh airson a bhràthair. Mar so cha ’n e mhàin gu ’n d’ fhuair mi da ainm ùr airson a phaipeir ach, aig an àm cheudna chuir mi eolas air fior Ghàidheal agus air deadh charaid.
A réir mo bheachdsa ’s i so doigh anns am faod gach neach de bhur laughadairean beagan a dheanamh gu àireamh na muinntir a tha ’gabhail a phaipeir a chuir gu mor am meud. Cha ’n ’eil iad ach tearc aig nach eil caraid air chor-eign a dh’ fhaodas a bhi fhathast gun fhios gu ’m beil a leithid de phaipeir ann. Na leigeadh iad le sin a bhi mar sin ni ’s fhaide. An deigh dhaibh féin a leughadh cuireadh iad air falbh gu neach-eigin e, agus cha’n’ eil teagamh nach dean iad feum mor.
Dh’ innis mi dhuibh o chionn ghoirid mu dheibhinn an co-dhunadh gus an d’ thainig na Teachdairean Rioghail a chaidh a chuir a dh’ ionnsaidh na Gàidhealtachd. Tha phàrlamaid a nis a’ cur rompa beagan ath-leasachaidh a dheanamh air laghan nan an fhearainn, ach cha ’n ’eil iad a dol idir cho fad ’s a bha sinn an dochas a rachadh iad, agus cha ’n ’eil e gle choltach gu ’n d’ theid aca air eadhon am beagan so fhéin a deanamh na lagh. Ach cha ’n fhaod sinn ar misneachd a chall; feumaidh sinn leantuinn air a bhi dian-thagradh ar cùis fein agus faodaidh e bhi gu ’m faigh sinn eisdeachd uaireigin.
CABAR FEIDH.
Lunnuinn, 28, 5, ’95.
CUIMHNICH!
gu bheil aghainn
Stoc Mor de Bhathar Geamhraidh
dhe gach seorsa, agus ’ga reic air
PRISEIN IOSAL.
JOST BROS.
Sidni, C. B., Feb. 1, ’95.
D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
A. J. G. acEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-iomaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SYDNEY, —C. B
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 3. No. 50. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Tha Dr. T. C. Mac Leòid an deigh oifig fhosgladh ann an Sidni, ’san tigh anns a bheil Moore & Johnston ri ceannachd. Tha sinn an dóchas gu soirbhich gu math leis.
Tha ’n t-Urr. A. I. Domhnullach, ministear Bhaile-nan-Gall an deigh gairm a ghabhail gu Lochabar, N. S. ’Se so a cheud sgireachd anns ’n do shaothraich an t-Urr. Mr. Forbes a tha nise ann an Sidni.
Tha’n obair anns na mèinnean gle fhad air ais seach mar bha iad mu’n àm so ’n uiridh; cha ’n eil a bheag sam bith a’ dol air adhart. Tha Méinn Ghowrie gu h-àraid fad air ais. Ach tha na méinneadairean ann an deagh dhòchas gu’m bi obair moran ni’s pailte mu’n tig crioch air an t-samhradh. Tha cuideachd a’ ghuail a’ faotainn barrachd a chreic na bha iad an dùil mios no dha air ais, agus ma leanas a’ chùis mar sin, theid aca air uiread guail a chur a mach eadar so us toiseach a gheamhraidh ’sa rinn iad an uiridh. Tha sinn an dòchas gur ann mar sin a bhitheas, oir ’se na mèinnean guail cùl-taic a chuid mhor dhe’n eilean, agus ma dh’ fhanas iad air ais, bi’dh e ’na chall mor do’n dùthaich uile.
Tha na Frangaich ann an Canada Iochdarach ri monabar mor a thaobh a chùirn-chuimhne a thatar a togail ann an Louisburg. Tha iad ag radh gu bheil an fheadhain a tha ’ga chur suas a toirt tàire do Fhrangaich Chanada le sin a dheanamh, agus gu bheil luchd-riaghlaidh na dùthcha a’ deanamh dearmad air an dleasnas ’nuair nach eil iad a cur bacail orra. Tha iad a’ cur impidh air fir-pàrlamaid Cheap Breatunn an guth a thogail an aghaidh a’ ghnothuich, agus tha iad a deanamh moran eile air son an càrn a chumail ri talamh, ach tha sinn am barail nach toirear cluas dhaibh. Ma bha ’n dùthaich so fo laimh na Frainge ’s ma thug Breatuinn uaipe i, car son nach biodh an t-am agus an t-àite anns ’n do chuireadh fear de na blàraibh a chuir a chùis an darra taobh air a chomharrachadh a mach? Cha ’n eil sinn am beachd gu bheil e dad na’s miosa càrn mar so a thogail, na tha e bhi teagasg eachdraidh na dùthcha anns na sgoilean. Cha ’n eil duine cloinne dol dh’ an sgoil air fad no air leud Chanada aig nach bu choir fhios a bhi roimhe so gu robh ’n dùthaich so ’san àm a dh’ fhalbh fo chrun na Frainge, agus gu’n d’ thug Breatuinn uaip’ i, agus ma tha na Frangaich a tha ’n Canada an diugh air son a chuid sin de dh’ eachdraidh an dùthcha a dhubhadh as, ’s fhearr dhaibh achd pàrlamaid a dheanamh a toirmeasg do mhaighstirean-sgoile na dùthcha guth no iomradh a thoirt air a leithid tuilleadh! Cha mhor feum a ni e dhaibh càrn-chuimhne Louisburg a chumail o bhi air a thogail, agus aig a cheart àm, an dearbh ni a tha e gu bhi cur an céill air a theagasg anns na sgoilean gach seachdain dhe’n bhliadhaa. ’S e ar barail fhéin gu bheil na Frangaich na’n éigin air son bruidhinn, ’nuair a tha iad a’ cosg uiread analach mu ni cho beag.
Minard ’s Honey Balsam,leigheas cinnteach.
Leighis mi cloimh air each leMINARD ’S LINIMENT.
Dalhousie. CHRISTOPHER SAUNDERS.
Leighis mi droch reubadh air each leMINARD ’S LINNEIMT.
St. Peters, EDWARD LINLIFF.
Leighis mi droch at air each leMinard ’s Liniment.
Bathurst, N. B. T. W. PAYNE.
CLOIMH.
DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris a’s airde ’sa mhargadh oirre.
D . F. Mac RATH.
Baddeck, C. B. ,Mai 6, ’95.
S . J. BROOKMAN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Ti, Siucar, Fiar, Biadh, us Amhlan dhe gach seorsa.
Uidheaman Tuathanachais Mhassey-Harris, Croinn, Cliathan, agus Innealan Speallaidh.
S . J. Brookman,
Mai 17, 1895.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
107 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig.
Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
[Vol . 3. No. 50. p. 6]
AINMHIDHEAN.
Tha na sochairean sin gun àireamh a ta air am buileachadh air an duine leis gach beathach agus ainmhidh a tha teachd beo mu ’n cuairt da. Tha ainmhidhean na macharach, a’ chuain, agus an adhair, air an dealbhadh le Dia chnm maith do ’n duine; agus tha na beannachdan agus na sochairean éugsamhla a tha iad a’ co’ -pàirteachadh ris an duine co lionmhor ’s nach ’eil e comusach ach fiorbheagan diubh a thoirt fa’near. Tha gach uile chréutair air a chruthachadh, cha’n e mhàin freagarrach air son na staide sin anns an do shònraicheadh e leis an Fhreasdal sin a ta os ceann nan uile nithe, ach tha e air a chruthachadh mar an céudna chum maith soilleir agus sònraichte do’n duine. A thaobh mòrain de na créutairibh a tha air uachdar na talmhainn, cha ’n ’eil e furasd a dheanamh a mach ciod am féum a ta air a shònrachadh leò, ach an déigh sin, tha iad gun teagamh chum feum àraidh èigin, oir cha do chruthaicheadh ni sam bith gu diomhain leis-san, tha gu neochriochnuichte glic. Is iad na beathaichean a tha ’solaireadh air ar son nan nithe a’s cudthromaiche a thaobh ar lòin agus ar sgeudachaidh, agus a thaobh gach cuideachaidh eile a tha dhìth oirnn anns an t-saoghal so. Tha iad air mhìle seòl a’ solaireadh chum ar maith, agus tha iad ag oibreachadh le cheile air mhodh mior-bhuileach chum ar leas. Tha e soilleir do na h-uile gu’m bheil iad a’ lughdachadh ar saoithreach anns a’ bhaile agus anns a’ mhachair, —a’ giùlan ar n-uallaichean troma, —a’ tarruing gach gnè charbaid agus feuna, —a’ treabhadh na talmhainn, —agus a’ deanamh nithe gun àireamh eile chum ar buannachd! Amhairc air an each, agus nach feumail an créutair e! Nach liomhor obair a thig ’n a char? Nach easguidh, ùmhal e ’n a shaothair? Tha e’ deanamh maith dhuinn a thaobh a luathais agus a neirt fein. Is mòr agus is laidir an t-elephant, ach an déigh sin ceannsaichear e, agus nithear e ’n a sheirbhiseach ùmhal. Air an doigh chéudna tha’n camhal ro chomusach air fuachd agus teas fhulang; tha neart mòr aige, agus cuiridh e suas rè ùine fhada gun bhiadh, gun deoch anns an fhàsach. Nach lionmhor na nithe maith’ a tha sinn a’ faotuinn o’n chaor agus o’n mhart? Tha olann na caorach a’ deanamh gach gnè éudaich air ar son, an uair a ta feòil na caorach ’g ar beathachadh. Nach ’eil am mart, air an doigh cheudna, chum mòr bhuannachd an dà chuid beò agus marbh! Nach luachmhor an ni am bainne fein do mhac an duine, agus mar an céudna, feòil na mairt r’ a itheadh, a craicionn air son leathraich, agus na h-adhaircean, na cosan, cnàmhan, agus na ladhran aice air son nithe do-sheachnach annta fein! Air an laimh eile, nach féumail an cù do’n bhuachaille, agus nach ealanta, cùramach, dileas a ni e a ghnothuch fein mar fhear-faire a’ dionadh ar tighean, agus ar codach o gach gné luchd-réubainn! Is dìleas, treibhdhireach, càirdeil an créutair an cù; fàgaidh e a chuideachd agus a ghnè fein, dlùthaichidh e ris an duine, agus cha’n àill leis idir dealachadh ris. Ceart mar so, mar an ceudna, tha na meanbh-bheathaichean a tha co lionmhor ’s an t-saoghal ro luachmhor annta fein do’n duine, air son leigheis, air son dathanna sònraichte, agus air son lòin do chréutairibh eile. Ceart mar so, tha éunlaith an adhar, agus gach eun iteagach a’ coimhlionadh nan nithe a shònraicheadh dhoibh a dheanamh. Agus cò tha comusach air lionmhorachd iasga na fairge a leigeadh ris? Tha iad de gach méud o’n mhuic-mhara mhor, a sios dh’ ionnsuidh an t-siolaig a’s lugha tha ’snàmhadh ’s na glumagaibh an cois a’ chladaich. Dh’ fhèudadh mòran a bhi air a chur an céill mu na nithibh so chum ar teagasg a thaobh maitheis, cumhachd, agus gliocais an Ti bheannuichte sin a tha riaghladh os ar ceann, ach fàgar sin gu uair eile. Bhiodh e ro thaitneach na’n gabhadh “Bun Lochabar” an ni so os làimh, a chionn gur tearc iad ri’ m faotuinn aig am bheil uiread eòlais ’s a ta aigesan air mòr-bheathaichibh agus air meanbh-bheathaichibh na cruitheachd, agus air gach buaidh agus riaghailt a bhuineas d’ an nàdar-san. Ach chaidh ni ’s leòir a ràdh chum a dhuanamh aithnichte gur e cumhachd agus gliocas neo-chriochnuichte a mhàin a b’urrainn nithe co miorbhuileach a dhealbhadh agus a chumail suas! Mar sin “Rinn Dia beathaiche na talmhainn a réir an gnè, agus an spreidh a reir an gnè, agus gach ni a shnaigeas air an talamh a réir an gné; agus chunnaic Dia gu’n robh e maith,” (Gen. i., 25.)
ALASDAIR RUADH.
TURUS A MHARAICHE
LE EOBHAN MACLAOMUINN, M.A. D.D.
CAIB VII.
(Air leantuinn.)
Air do Chriosduidh na briathran so chluinntinn thubhairt e ri Gluine-laga; “ ’s tu aon d’inn fein,” thig a steach do “Sgeul-a mhoir Aoibhneis,” agus guilanidh sinn thu do’n “t-saoghal Ur.” Thug Gluine-laga mar gu ’m eadh oidhirp ach dh’ failnich a ghlùinean e; dh’amhairc e mar an ceudna mu ’n cuairt air a thigh a bha làn de Lòn gus nach robh àite ga chumail air chor nach robh comas gluasad; a ta agad mòran do nithibh maithe air an tasgadh fa chomhair moran làithean, arsa Criosduidh. “Chan eil tuille sa choir “fhreagair esan; feudaidh na machraichean failneachadh, feudaidh an treud bhi air an gearradh as o’n mhainnir, feudaidh an t-iasg na cladaichean fhagail, an sin Ciod a ni mi “Ciod ach gairdeachas anns’ an Tighearn agus aoibhneas ann an Dia do shlainte?’ fhreagair Criosduidh. Dheirich e gu falbh rinn Gluine-laga an ni ceudna, agus lean se e a cuir cheisdean agus ann an teagamh tra bha iad a’ téarnadh.
Nuair dh’ feoraich e mu thimchioll “Sgeul a Mhor Aoibhneis,’ fhreagair Criosduidh: “Thig agus faic.”
Bha taobhan na Creige giulan comharraidhean air iomadh stoirm, ach cha ’d rinn dealanach agus doinionn na ’n ioma linn-a bheag ach a h-aodan a dheanamh mìn, bha i ’n t-aon ceudna dé, agus an duigh, agus gu siorruidh.
Dh’ luth lean “Gluine-laga” ri Criosduidh air na h-aitean sleamhuin—cha mhor ga shlaodadh gus an làr; labhair e fos uair no dha air dol air ais.
Thug criosduidh fa’ near esan a dh’ fhuiling a shamhuil sin do ana-caint o pheacaich ’na aghaidh fein, agus uime sin ghiulain e gu foighidneach le corp lag agus Creidimh lag a cho chreutair oir an deigh na h-uile car bha freumh a ghnothaich ann.
An àm bhi g-imeachd seachad air obair, air dha sanas fhaotuin o Chriosduidh, chaidh Fear na ’n Gluineanlaga steach agus nigh e e fein, thaìnig e mach gu mòr air ùrachadh ’a moladh Dhé agus ullamh chum seoladh ann an “Sgeul-a Mhoir Aoibhneis.” Nuair chaidh iad air bord chuir na maraichean failte air
[Vol . 3. No. 50. p. 7]
“Gluine-laga.” Dh’ aithn Criosduidh dha Cuilc-bhruite curam ghabhail da, agus air dhasan féin bhi air a chuartachadh le anmhuinneachd bha n’ tuille caomhalachd agus comh fhulangais aige air. Ach sheachain “Dearsair” fear na ’n Gluine-laga.
(Ri leantuinn.)
’S e an Claon-Bhreith an Darna Breith.
Bha fear de righrean na Fraing anabarrach deigheil air òran a dheanamh. Bha dithis oide aig a’ teagasg dha cia mar bu a chòir na focail a chur ri chéile agus na sreathan a chur an òrdugh, ach a dh’ aindeoin sin cha robh an obair a’ soirbheach leis. La a bh’ ann chur e ri chéile, air mòran dragh, luinneag bheag nach b’ fhiach an spàirn, agus as nach robh tlachd sam bith aig an righ féin. Coma co dhiu an ath la nuair bha na h-uaislean cruinn, thug an righ seachad do ’n fhear a bu shine agus a b onaraiche ’s a chuideachd am paipear air an robh an luinneag sgriobhta ’us thuirt e.— “O ’n a tha fios aig càch gur toigh leam na h-orain tha iad a’ toirt ’g am ionnsuidh na h-uile seorsa rannan chum ’s gun innsinn mo bheachd orra. Nis leugh thusa an luinneag sin agus innis dhomh an do thachair thu riamh air rud idir cho suarach ris.” Leugh an sean-duine an luinneag agus fhreagair e. “Tha sibh le ’r cead an còmhnuidh ceart, a righ, agus gu h-araid tha sibh ceart an trasd, luinneag cho suarach agus cho amaideach cha n’ fhaca mi agus cha chuala mi riamh.”
Thòisich an righ ri deanamh gàire ag raidhtinn, “ ’s nach b e an t-amadan am fear a rinn e.” “An t-amadan gu dearbh e,” fhreagair an t-uasal, “neach a dheanadh luinneag mar sin cha tiueadh ainm a b’ fhearr dha.’ “ ’S math leam do chluinntinn,” ars’ an righ“ ’s e mise mi fein a rinn e.” “Mo mhearachd a righ!” do ghlaodh an truaghan, “nach leig sibh leam a rithist, s ann a leugh mi ’na mo chabhaig an luinneag.” “Ma ta cha leig, thubhairt an righ, “ ’s e an claon-bhreith an dàrna breith.” Bha gaireachduinn gu leòir aig mòran de ’n chuideachd air cho sgiobalt agus a thug an righ an car a’s an t-sean-uasal. Ach b’ olc am protaig i an duine aosmhor còir a mhealladh agus cùisbhuirt a dheanamh dheth, agus cuid eile cha dubhairt iad dìog, agus iad a smuaineachadh nach biodh an gnothuch gun toirbheachd do ’n righ fhéin n’ an toireadh e air a bhi tuigsinn cia cho tric agus a dh’ fhaodadh ceum no dha a bhi eadar e fhein agus an fhirinn.
GALL-GHAIDHEAL.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
Tha so air a chumail do
C . B TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN
Taillearachd.
Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.
[Vol . 3. No. 50. p. 8]
ORAN.
LE DOMHNALL GOBHA AIR DHA A BHITH ’FAGAIL STRATHGHLAIS.
LUINNEAG.
Tha mo cheann-sa nise liath,
’N deidh na chunnacas leam riamh;
’S ged is eiginn dhomh bhith triall,
A shiorrachd ’s beag mo speis dha.
Bha mi og ann an Strathghlais,
’S bha mi ’n duil nach rachainn as,
Ach bhon chaidh na suinn fo lic
’Nis gabhaidh mi ’n ratreuta.
Ged a tha mo choiseachd trom,
Togaidh mi m’ aigneadh le fonn;
’S nuair a theid mi air an luing,
Co ’chuireas rium geall-reise?
’N tàcharan so ’th’ air ar ceann
Sgiot e ’dhaoine ’s tha iad gann;
’S fearr leis caorich ’chur am fang
Na fir an camp’ fo fheileadh.
Comunn cairdeil chan fheil ann,
Chan fheil eisdeachd aig fear fann;
Mar cuir tha caorich ri gleann,
Bidh tu air cheann na deirce.
Nuair a bha mi laidir, og,
Dheanainn cosnadh air gach doigh;
Ach an nis bhon dh’ fhalbh mo threoir,
Tha mi air storas feumach.
Gheibh sinn acrichean bho ’n righ,
Tighearnan gun dean e dhinn;
Cha b’ ionnan ’sa bhith mar bha ’n linn
Bha paigheadh cis do Cheusar.
Na biodh eagal oirbh mu ’n chuan,
Faicibh mar sgoilt a Mhuir Ruadh;
Tha cumhachdan an Ti tha shuas
An diu cho buan ’s an ceud la.
BAILE NA TRAGHAD.
LE MICHEIL MOR DOMHNALLACH.
O, ’s alainn an t-aite
’Thagam ’n cois na traghad
’N uair ’thig e gu bhi ’g aiteach ann
Leis a’ chrann, leis a’ chrann, O.
Ni mi ’n t-aran leis na gearrain,
’S an crodh bainne ’chur mu ’n bhaile,
’S cha bhi annas oirnn san earrach
Chuirinn geall, chuirinn geall.
O, ’s fraoidhneasach, daoimeanach,
Glan mar sholus choinnlean,
Am bradan le ’chuid shoillsainich
Anns gach allt, anns gach allt, O.
Mear ri mire, ’leum na linge;
’S boidheach milis leam do ghile;
’S iomad gille ’bhios ga d’ shireadh
Ann san am, ann san am.
O, ’s cubhraidh na smuidean
A bhios dhe ’n taighean-siucair;
Craobhan trom a dluth dhaibh
’S iad gun mheang, ’s iad gun mheang, O.
’N am an fhoghair b’ e mo roghainn
A bhi tadhal gus an taghadh;
’S gu ’m b’e ’m baothair ’nach dug oidheirp
Air bhi ann, air bhi ann.
Bidh piobaireachd ’s fidhleireachd
Againn la Fheill-Micheil;
Cluinnear sin air mhiltean
Nach bi gann, nach bi gann, O,
Na fir shona, ’n am na Nollaig,
Bheireadh dorus air na syorain
’S dheanadh frolic nach biodh dona
Leis an dram, leis an dram.
Bha Micheil Mor re geamhraidh leis fein ann an Siudig an Ceap Breatunn. ’S ann an sin a rinn e na rannan a thug mi seachad. Bha e ag iarraidh air a bhrathair a thiginn comhla-ris, ach cha digeadh e. ’S e bhrathair am baothair mu bheil e labhairt.
SUIRIDH RUARI.
LE MR. TORMAID MAC-LEOID.
Tha sgeula ri aithris,
’S chan fhanaid ri luaidh e,
Gum facas thu, Ruari,
’Deanamh suaircis ri mnaoi;
Ri cailin ro fhinealt’
Air a lionadh le uaisle.
Rinn i do mhealladh le sealladh
Fo mhala gum ghruaman.
Tha ’beul mar a chubhag,
’S glan ruthadh a gruaidhean;
’S gur maiseach ’s gur cuachach
’Tha cuir dhuallach a cinn.
Tha m’ oganach gasda
Mar ghasan de ’n luachair;
’N am direadh a chruadhlaich
Bu deas, luath thu ’san fhrith.
Nuair theid thu air t’ uilinn,
Bheir thu fuil air damh croice;
Lotar ’sa cheir e, chan fheudar
Leis leum air a mhointich.
’N am cluiche na fidhle
Bhiodh do ridhle an ordagh,
Air bharraibh nan ordag
Gu clis, eolach, is grinn.
Mur dean iad dhiot parsan,
Ni thu spalpaire diumhlaich;
Mur cuirear an gùn ort
Gheibh thu cuinneadh bho ’n righ.
Gun coisinn do mhisneach
Aite measail bho Dheorsa;
Frangaich is Spaintich, mo lamh-sa,
Gheibh iadsan ort eolas;
Mur ceanglar an t-sith
Gum bi mi-stath na t’ fheolach;
Le spionnadh do dhorn
Gun deid moran diu dheth.
’S e aobhar a chlisgidh,
Ged bhrisdeas tu cnuachdan,
Nuair theid thu thar chuan bhuainn
Gum bi gruagaichean tinn.
Bidh luaidhe nan cridhe,
’S am bruidhinn gun solas,
’G ionndrainn a cheanail ’thig ealant’
Bho smealas nam pògan;
Cha tog iad an inntinn
Gus an till thu le ordagh;
Chan eisd iad ri oran,
No ri ceol a bhios binn.
Minard ’s Family Pills,glan, fallain.
MarbhaidhCherokee Vermifugebiastan.
I. O. G. T.
Tha coinneamh aig“Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T., ”ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh esachd.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean
C . H. Harrington & Co
Sidui, C. B.
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95.
title | Issue 50 |
internal date | 1895.0 |
display date | 1895 |
publication date | 1895 |
level | |
reference template | Mac-Talla III No. 50. %p |
parent text | Volume 3 |