[401]

[Vol . 3. No. 51. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 22, 1895. No. 51.


An t-Aobhar son am beil mi ag Ionnsachadh na Gaidhlig.

LE RAONULL L. MACDOMHNUILL.

Ged a sheallas an ceann-eagair a thagh mi car neonach dhaibhsan aig nachail moran eolas air a Ghaidhlig, agustha am beachd gur a canain i anns nacheil dad air bith do dhfheum; ’s e mo bharail gun seall e moran nas neonaiche agus nas goraiche dhaibhsan aig am bu choir i bhi ga labhairt agus ga leughaidh ach a tha an déigh a leagal seachad. Is ann ruithe so tha duil agam bruidhinn. Tha fios aig an t-saoghal air fad ma tha mi-run aig a h-aon sam bith air a Ghaidhlig, gheibhear e anns na cearnan sin far a robh i aon uair air a labhairt ach far nacheileas ga cleachdadh an diugh.

Carson a thathas a cuir na Gaidhlig air falbh? Feorich bhon fhear sin a tha rid thaobh carson a leag esan a Ghaidhlig seachad agus faic a freagair e thu. Am beil e na chomas freagairt dhiongmhalta a thoirt dut? Mar is minigtha a leithid chan urrainn dha le cogais neo-chiontach a radh gun rinn e so a reir reusain. An anns gu burrainn dha na bfhasa canain eile ionnsachadh a chuir e a Ghaidhlig air chul laimhe? Chan ann, chionn mas duine e aig am beil toinisg faodaidh ethuigsinn gur thann do reirsa tha fios aige air canainean eilethig dha canain ur ionnsachadh. Mar as mo a tha dh-eolas aige air canainean eile, ’sann as fhasa dha tuilidh soillearachadh fhaighinn inn air cach. An e gur urrainn dha faighinn air adhart nas fhearr anns an t-saoghal so as a h-aonais? Mar is trice se so an aona leisgeul a bhios aige, ach an e reuson maththa so? Am beil a Ghaidhlig na h-eallach air ga chumal air deireadh san t-saoghal? Am beil obraichean duinte na aghaidh airson an aon reusan gum beil Gaidhlig aige, no am beil e air faontradh an diugh chionns gur facal Gaidhlig a chiad fhacal a bhruidhinn e? ’S e mo bharail nach urrainn dha le firinn a radh gun a choisinn a Ghaidhlig mi-shealbh dha riamh.

Ach faiceamaid a nise carson a thathas a leagal na Gaidhlig sios. Nacheil e na fhirinn shuidhichte agus gun teagamh, na fhirinn a thainig bho eolas gach aon agaibh ge be co a thilg a Ghaidhlig air falbh gun drinn e so a chionns gu robh e anns an bharal mhearachdach gun robh i na canan iosal, na canan shuarach, neo-luachmhor, na canan gun bhuaidh gun bhrigh; freagarrach air an tràill, ach tuilleadhs suarach airson a leithidsan? Nacheil e na fhirinn fhollaiseach gur h-ann airson straic mar a dh-ainmich mi a tha a mhaighdean og na an gille a dhfhagas sgeith am mathar a tilleadh dhachaigh an ceann beagan bhliadhnachan agus a gabhal orra fhein nacheil aon ghuth do chanain an aite sin aca anns a deachaidh an togal? Ach faodhaidh beagan leisgeul a bhi aig a leitheadan so; ach chan fhaic mi dad air bith do leisgeul acasan nach do ghluais riamh bhon dachaigh a tha an deigh a Ghaidhlig a chall, agus nach bruidhinn am parantan guth eile ach i fhein. Is aithne dhomh cuid mhath do theaghlaicheantha air a suidheachadh mar so, aguss docha leam gu dthainig a leithidean for beachd-sa cuideachd.

Ach, a nise carsontha mi ag ionnsachadh na Ghaidhlig? Anns a chiad àite, tha mi ga h-ionnsachadhchionns gum beil i na cuideachadh dhomh go soilleireachd fhaotainn air canainean eile. “Gun eolas math air a Ghaidhlig chan urrainn do neach teachd air aghart sam bith a dhianmhadh ann an eolas-chanan,” —orsan Dotair Moraidh. Tha i beairteach ann a gnathsan-cainnte, agus co-ionann ann a cuma ri canainean an latha an diugh. Tha i subailte agus ioma-thaobhach gu inbhe a chomharraicheas a mach i am measg na miltean canan a thathas a labhairt an diugh, agus tha an da gnè so ga buileachadh a bhi go soirbheas mhor do sgoilear na Beurla.

Anns an dara àite, tha mi ga h-ionnsachadhchionns gur seana chanain i. Ma tha sinn ag ionnsachadh seana chanainean eile, coltach ris an Laidionn agus aGhreigeis agus gum beil sinn ga faighinn nan ionnsachadh math don inntinn nach saol sibh gum bu chor dhuinn a bhi pailt cho math dhethn uair tha sinn ag ionnsachadh a chanain sin a tha co-aimsireach riuthe agus aig am beil seilbh os-ceann càch a dh-ainmich mi ann a poncalachd, subailteachd, tabhachd agus cumhachd air a h-uile gne smaointinn aithris?

Anns an treas àite, tha mi ga h-ionnsachadhchionns gur i a chanain anns am beileas a seinn gniomhan nan treun-laoich sin bha riamh ainmeil airson treuntas agus gràdh-dùthcha, —a chanain a ghluais daoine anns gach linn gu seasamh ri cruaidh-chas agus éigin, —a chanain a thug misneach do na baird, agus a bhrosnuich iad gus an duain a ghleusadh agus a choisinn dhaibh seinn ann am fileantachd a chuir aoibhneas ann an cridheachan gach linn on àm sin, —ann am beagan fhacal a chanain anns am beileas a seinn eachdraidh ar sinnsir.

Agus tha mi ag ionnsachadh na Gaidhligchionns gur i mo chainnt mhathrail, a chanain a dhionnsaich mi air glun mo mhathar, a chanain anns na dh-aithris i a dùrachd agus a guidhechean bu ghaolaiche dhomh, a chanain anns na bhreithnich mi mo chiad dhealbh-inntinn air Dia agus air an t-saoghal, a chanain anns na bhruidhinn mi mo chiad fhacalan liotach, an aon chanain a bha agam aig an àm sin dam shaoghal anns a faod mi a radh gu robh mi sòlasach agus na leiginn air di-chuimhne gum bithinn mar gun caillinn leth mo bheatha



[402]

[Vol 3. No. 51. p. 2]

EACHDRAIDH MU BHLIADHNA THEARLAICH.

Thainig mo Rìgh air tìram Mùideart.”

Cha-neil an t-àm fadair dol seachadn uair nach biodh e ceadaichte dhuinn ach labhairt gu faicilleach mun chùis so. Dhfhalbh PrionnsTèarlach, agus cha dfhàg e oighren a dhéigh a thatagradh na rìoghachd on teaghlach àrd a thanis thairis oirnn. Tha Rìgh Deòrsanis airaideachadh, agus air a ghràdhachadh leis gach duines an eilean Bhreatunnach. Agusn am measg so gu léir, cha-neil daoine as toighiche uime, agus as dìsle dha na Clann nan Gàidheal, seadh, eadhon sliochd nan ceart daoine a dhéirich le Tèarlach. Is iomadh blàr gargs an do dhearbh iad so: agus tha iad ag ràdh, nacheil duines an rìoghachd as déigheile air naidheachd mu bhliadhna Thèarlaich, nan Rìgh féin, no as togarraiche duanagan an àma sin a chluinntinn. Chualas e gu tric amoladh nan Gàidheal, a chionn nach dfhuaradh duinen am measg a bha cho dìblidh thruaghs a dheanadh brath air Tèarlach, ged a bu mhòr an t-airgiod cinn a chaidh a thairgseadh. Faodaidh sinn a nis labhairt agus sgrìobhadh gu neo-sgàthach mu bhliadhna Théarlaich; agus is cinnte leinn nach misde le òigridh na Gàidhealtachd an Eachdraidh soéisdeachd. Dhfhalbh na seann laoich a bàbhaist a h-aithris air an fheasgar gheamhraidh, agus tha i na h-uile bliadhnadol nas air -chuimhn’.

S ann air an 20mh de mhìos meadhon an t-samhraidh, anns abhliadhna 1745, a dhfhàg PrionnsTèarlach an Fhraing, ann an soitheach-cogaidh, agus a rinn e air son Gàidhealtachd na h-Alba, a chum oidhirp a thoirt air rìoghachdathar, ’s a shean-athar, agus an teaghlach rìoghail a ghairmeadh a stighn an àite, ’fhògradh air an ais do Hanobher on dthàinig iad. Cha dthug e leis ach mhile gunna, agus còig no ceud claidheamh Frangach. Cha robh saighdear ainmeiln a chuideachd; agus cha robh aige ach trì, no ceithir mìle Punnd Sasunnach do dhairgiod. Bhauile earbsa as na càirdean a bhair thoiseach air, agus chuir e roimhe e féin a thilgeadhn an uchd. Ràinig en t-Eilean Fada, agus thilg e acair anns achaolas eadar Uist agus Eirisca. Chuir en oidhche seachad air tir, chuir e fios air Fear Bhoisdeil, bràthair do MhacIc Ailein; ach dhiùlt an duine so éiridh leis; agus rinn e na dhfhaod e a chum a thoirt air Tèarlach dol airais mar a thàinig e; ag aslachadh gun chogadh a dhùsgadhs an àm, ni nach faodadh gun mhilleadh a tharruing air féin agus air na dhéireadh leis. ’N uair a mhothaich am Prionnsa nach drùigheadh e air, thug e Arasaig air; agus air an aon-la-deug de air mhìos deireannach an t-samhraidh, thàinig e gu acair ann an Loch-nan-gall. Chuir e fios air MacIc Ailein òg, fiùran cho flathails a sheas riamh air balt bròige. Thàinig am Mùideartach òg son a làthair an lam màireach, le Fear Ghlinn-ealadail agus Fear Dhail-eileadh. Rinn iad na dhfhaod iad ga chomhairleachadh gun an oidhirp a thoirt; bha e féìn agus iadsan aspaisdearachdan deireadh na luinge, esan ag aslachadh orra-san éiridh, agus iadsan cho dian ga dhiùltadh. ’N uair nach mòr nach dfhairtlich iad air, mhothaich e Gàidheal eireachdailn a làn éideadhbràthair do Fhear Cheann-locha-mùideart, aseasamhan ceann eile na luinge. Thuig an Gàidheal a bhann, agus chuale le h-iongantas agus corruich, a Cheann-cinnidh agus a chàirdean adiùltadh éiridh leis. Thàinig rughadh air a ghruaidh, ghlac e a chlaidheamh gu gramailn a làimh, thug e ceum goirid airais agus airaghaidh, air clàr na luinge, le colg bhuaireasaichn a shùil. Mhothaich am Prionnsa dha so: thionndaidh e ris, agus thubhairt e, An éirich thusa leam? Eiridh mi, a deir Raonull òg Cheann-locha-mùideart, agus ged naoh biodh duine eile an Albainn a dheanadh e, seasaidh mi le mPhrionnsa gu bàs. Thàinig na deòran sùilibh aPhrionnsa. A fhleasgaich fhoghaintich, a deir e, na-m biodh mìle do dleithid agam, ghearrainn a mach slighe a chum rìgh-chathair mo shinnsir. Cha luaithe a chuala MacIc Aileins a chàirdean so na a ghéill iad da, agus dhéigh iad a mach, éiridh sinn uile leat, a Théarlaich Stiùbhart, a Phrionnsa, agusoighre Bhreatuinn.

Latha no dhà an déigh so, chuireadh am Mùideartach òg air theachdaireachd a dhionnsuidh Mhic Leòid, Dhùn-bheagain, agus Mhic Dhòmhnuill Shléite, a dhfheuch an éireadh iad leis aPhrionnsa. Dhiùlt iad e gu tur, atairgseadh mar leth-sgeul, nach dthug e leis am feachd a gheall e; agus nach biodh iad cho amaideach agus sgrios a thoirt orra féin agus air an daoine, ’n uair nach robh e, do réir coslais, gu buadhachadh. Bha son a chulaidh mhòr mhulaid do Thèarlach, oir burrainn na Cinn-fheadhna sin, na-n éireadh iad leis, sluagh mór a thogail.

S ann o thigh Fhir Bhoradail, far an robh am Prionnsa a chòmhnuidh, a chuir e teachdairean a mach air feadh na Gàidheaitachd air fad, a thogail a chàirdean. ’S e acheud aon a thàinig ga fhaicinn Dòmhnull Camshron, mac Mhic Dhomhnull-duibh: duine cho measail, agus gaisgeach cho curantas a bhaan Gàidhealtachd Alba. Cha robh Loch-iall òg na bu togarraiche air éiridh leis nabho càch: a thaobh gu-m face gu n robh e gun daoine, gun airm, gun airgiod. Ach cha luaithe a thàinig en a sheanachas, nachaidh gach cunnart air -chuimhn’, agus chuir e roimhe éiridh leis ge be mar a thigeadh a dheireadh. Phill e gu grad do Lochabar, a thogail a dhaoine, mar a rinn gach Ceann-cinnidh eile air an do chuir e ìmpidh éiridh leis.

Chaidh a nis a shocrachadh gu-n togta abhratach ann an Gleann-fìonain, air an naoitheamh--deug den ath mhìos agus chuireadh a mach litrichean a chum gu-n coinnicheadh a chàirdean uile e air an sins an ionad sin. Dhfhàg am Prionnsa tigh Fhir Bhoradail, agus chaidh de do Cheann-locha-mùideart, agus as asin do thigh Ghlinn-ealadail ri taobh Loch-seile. ’N uair a thàinig an s an robh i ri bhi air a togail, ràinig e Gleann-fìonain, beagan roimheadhon , far an robh dùil aige gu-n coinnicheadh na Fineachan Gàidhealach en am miltean, Ach, ’n uair a ràinig e, bhan Gleann cho ciùin shàmhachs a bha e aon latha riamh. Cha robh daoine no feachd ann. Smaointich e gu-n dthàinig sgiorradh éigin air na daoine ris an robh fiughair aige, agus chaidh e stigh do bhothan bochd a bha dlùth do làimh, an dòchas gun tigeadh cuid diubh. Fa dheòidh chualas nullan pìoba o ghuala beinne a bha fa chemhair, agus gu grad chunnaic PrionnsTèarlach buidheann lìonmhor a teurnadh. Be Mac Dhòmhnuill-duibhs a chinneadh a bhann, fo bhreacan-an-fhéilidh, s fo n làn armaibh. Air a thogail leis an t-sealladh so, agus leis achunntas a fhuair



[403]

[Vol . 3. No. 51. p. 3]

e mu chath a chuir iad féin agus Clann Dòmhnull na Ceapaich, agus Ghlinne-garadh, ’an aghaidh nan saighdearan dearga, cha do chuir e tuilleadh dàlach ann an cogadh a ghairm ann an aghaidh Rìgh Deòrsa. Chaidh iad an sin gu mullach tuimam meadhon aghlinne, far an do thog iad abhratach sin a bha cho dòineachn a dhéigh sin do dhAlbainn. Cha luaithe a chunnacas abhratach naghleusadh gach pìob ga fàilteachadh, agus thogadh abhuaidh-chaithream leis an àireamh lìonmhor a bha ma timchioll, Tamull beagn a dhéigh so, thàinig MacIc Ranuill na Ceapach le trì cheud do cheatharnaich fhoghainteach; agus an dàil an anmoich, thàinig daoinuaisle do Shìol Leòid as an Eilean Sgiathanach, tairgseadh éiridh leis, a dhaindeoin mar a rinn an ceann-cinnidh.

Champaich am feachd so, a bha mu thimchioll -cheud-deug an àireamh, air an oidhche sin anns aGhleann; agus mar so thòisich an iomairt, air am bheil a mhiann oirnn beagan a labhairt o àm gu h-àm.

CRUINNEACHADH NAM FINEACHAN.

Mochs amhaduinns midùsgadh,
S mór mo shunnd, ’s mo cheòl gàire,
Gn a chuala mim Prionnsa
Thighinn do dhùthaich Chloinn-Ranuill.”

Dhealaich sinn ri PrionnsTécrlach ann an Gleann-fìonain, aig ceann Loch-seile, ann am bràighe Mhùideairt, far an do thog Alastair Dòmhnullach, Triath Glinn-ealadail, caraid dìleas ar n-òige, Tùr rìoghail, mar chuimhneachan air aghnothuch ainmeil so.

Bha Rìgh Deòrsa II. ann an Hanobhers an àm, agus bha gnothuichean na rìoghachdan earbsa ri riaghlairean a shònraicheadhn a àite. Bhan t-arm dearg an Albainn fon cheannard sin, air an tric a chuala sinn iomradhn ar n-òige, Sir Iain Cope.

Chaidh mìos a dhùine seachad an dèigh do Théarlach teachd do dhAlbainn, mun dfhuaradh fios cinnteach uime ann an Dun-èideann. Air acheart air an do thog Thèarlach a bhratach ann an Gleann-fìonain, chur Sir Iain Cope e féin air ceann nan saighdearan dearga ann an Sruileadh; agus air an ath ghluais e le ceithir-cheud-deug fear fon armaibh, agus ochd gunnachan mòra, agus airm chatha a chuireadh e ann an làmhaibh nan daoine a shaoil leis a dhéireadh leis mar a bha egabhail airaghaidh. Bha e acheud oidhche ann am baile Chraoibh, far an do choinnich e Diùc Athuill, agus Morair Ghlinn-urchaidh, agus fhuair emach uatha-san nach robh iad féin no an daoine ro thoileach élridh. Bha mìle leth-sgeul aca; air chors gun do chuir Sir Iain Cope air ais na h-airm a thug e leis, do Shruileadh, far am bu mhiann leis fèin tilleadh, nam faodadh e. Mar as faida chaidh an t-arm-dearg air an aahaidh an coinneamh Thèarlaich, ’s ann as a thuig iad nach robh muinntir na dùthcha air an taobh. Cha robh seòl a shaoileadh iad gu campar a chur orra, no grabadh, nach do ghnàthaich iad. Ghoid iad an cuid eachs an oidhche, agus thug iad a h-uile sgeul bu bhreugaiche na chéile dan ionnsuidh a chum am mealladh. ’N uair a ràinig e Coire-ghearag fhuair Cope fios cinnteach gun robh am Prionnsa agus na Gàidheil dlùth do làimh; agus afeitheamh gu bhin sàs annn uair a gheibheadh iad e ann an cas-bhruthach aChoire. Cha robh Cope deònach air doln an caramh; chum e comhairle-chogaidh, agus cho-aontaich iad am Priannsa sheachnadh, agus thug iad Inbhirnis orra,

(Ri leantuinn.)


TEANN SIOS A DHOMHNUILL OIG.

A chum sgeul aithghearr a dheanamh dheth, thachair a cheart ni ann an Cill-Amhlaidhs a thachair an Cladh-Mhuire. Ghabh iad rompa a Cill-Amhlaidh gu ruige Hogh-mòr, á Hogh-mor gu ruige Aird-Mhicheil, á Aird-Mhicheil gu ruige Tallunn, agus a Tallunn gu ruige Orosaidh-Bhaoghstail, agus anns gach aon de na h-aitibh adhlaic so thachair a cheart nis a thachair am an Cladh-Chaluim-Chille, agus ann an Cladh Mhuire. An déis dhaibh Orosaidh-Bhaoghstail a ruidhinns an uaigh a threachaid dhaontaich a h-uile mac màthar dhiubh gun drinn iad mearachd anabarrach mòr an uair nach do chuir iad an corp fon talamh ann an Cladh-Chaluim-Chille, aguss e bhann gun do thill iad ball-gocha-direach air ais gu ruige Cladh-Chaluim-Chille, ann an Baile Mhanaich, agus cha be sin an t-astar beag. An uair a rainig iad an Cladh ghrad thug iad achistedhionnsuidh na h-uadhach, agus dhfhaighneachd fear dhuibh aca chuireadh iad Domhull òg anns an uaigh fon chistidh, no air uachdar na cisteadh. Dhaontaich iad uile gum bu chòir a chur fon chistidh on a bha e foidhpe o dhfhalbh iad o ghualla Ruaidhmhail. Thugadh on chistidh es theannadh ri shineadh anns an uaigh. Sgìth agus claoidhtes mar a bha e, cha robh e deònach a thiodhlacadh beò, agus an uair a chaidh triuir no ceathrar de na firna dhàil a chum a shìneadh anns an uaigh mun leigeadh iad sìos a chiste innte, thòisich e ri spreathartaich cho maths a burrainn da. Ach mo thruaighe bha na ceatharnaich a bhan sàs ann tuilleadh is làdir a shon. Rug iad airs thilg iad air abhials air a shròin anns an uaigh e. Ghiulainn e gu foighidneach leis a h-uile ànradh troimhn deachaidh e gun fhacal a thighinn as a bheul; ach a nis cha burrainn e cumail air fhein ni bfhaide. Leig e amh-ràn as, agus càite an dfhuair e e-fhein achna shìneadh eadar abheinge agus an teine ann an taigh abhuachaille ann an Roisinnis. “Cha chreid mi, Dhomhuill òig, mur a robh sgeulachd agad roimhe nacheil sgeulachd agad a nis,” arsam buachaille. “Ma ta, ’s ann agamsa tha sin,” ars Domhnull òg, “chan iarainn do mdhearg-namhaid ach a dhol troimhn fhicheadamh earrann de na chaidh mi troimh on a thàinig an oidhche.” “Ma ta,” arsam buachaille ris, “bheir mise comhairle ort, ma bhios tu gu bràth tuilleadh air chuid oidhche ann an taigh, agus gun iarr fear-an-taighe no bean-an-taighe ort sgeulachd a ghabhail, gabh i ma bhios i agad; agus mur bi agad feuch ri te dheanamh.” Dhinnis e facal air an fhacal mar a thachair dha o thus gu déis, fhads abha en a chadal. Agus an uair a chriochnaich e a naigheachd thuirt e, “Cha mhor nacheil mi cinnteach gu robh mi aca fon chistidh, oir tha mo chaol-druim gu bristeadh.” Thug fear-an-taighe sùil thar a ghuailles thuirt e ri Domhull og, “Chan ioghnadh leam-sa do dhruim a bhith goirt, oir bha ceann amhuilt ghlais a mharbh mise feasgar an taice ri dchaol-druim fhads a bha thu na dshineadh, aguss en adhairc aige a bhag ad ghoirteachadh.”

IAIN.



[404]

[Vol . 3. No. 51. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney Cape Breton.


SIDNI, IUN 22, 1895.

A BEINN A MHARBAIL.

Air feasgar Di-sathairne sa chaidh bha fear Aonghas Mac Aoidh, a tha fuireach air an eilean a tha mach bho Bheinn a Mharbail, anns a Bhain Iar, air tir aig aon de na storaichean ag iarraidh luchd bàta de bhathar tioram. Air a thurus dhachaidh, ’sa ghaoth àrdsi fada cheann, ghluais pàirt den bhathar gu aon taobh, ’s aig a cheart àm thainig oiteag chruaidh ghaoith e, agus chaidh am bàta thairis agus lion e. Bha e mu chairteal mile bhon eilean. Air dha fhaicinn nach robh cobhair faisg air, ghabh e a shnàmh. Thug e leis coig puinnd shiucair, agus uiread eile de thi, agus thug e iad gu tri tioram! Bha leth-phunnd tombaca na phòca. Chunnaic cuid de luchd na tire am bàtadol fodha, agus dhfhalbh sgioba treun le cabhaig mhoir, ach air dhaibh an t-àite a ruighinn, cha robh sgeul air Aonghas. Bha iad cinnteach gu robh e caillte. Thionail iad na bha dhen bhathar air uachdar an uisge, agus chaidh iad gu tir gu muladach, a dhinnseadh an sgeoil da mhnaoi. ’N uair chaidh iad a stigh, ’s ann a bha Aonghasna shuidhe ri taobh an teine gu socair, sunndach, ’s e ri bàrdachd do mar a thachair dha.

Chleachd Aonghas an snàmh ann an làitheanòige, aguss ioma latha bha sin feumail dha. Beagan us da bhliadhna air ais, air an t-seachdamh atha den fhaoilteach, ’s a ghaoth far achladaich, dhfhalbh am bàta, ’s ma dhfhalbh, dhfhalbh Aonghas as a dheigh air an t snamh. Bha e astar mor air falbh man drug e air. Bhan latha cho fuars gu robh eagal air nan rachadh e dhan bhàta gum biodh e air a lathadh, aguss ann thug e am bàta gu tir as a dheigh! Tha iad ag radh nach robh aige riamh ach barail glé shuarach air an fhear a bha sinn, “Is truagh nach robh mi an riochd na faoilaig, a shnàmhas aotrom air bhàrr nan tonn.” Snàmhaidh e-fhéin air bhàrr nan tonn cho aotrom ri faoileag sam bith.

PIL.


Iubili Strathalba.

Tha Gàidheil Strathalba, ann an Eilean a Phrionnsa, ag ullachadh air son ceann an leth-cheud bliadhna de dhaois a cho-thionail aca chumarl air chuimhne air an treas latha den ath mhios. Tha sùil ri cruinneachadh mor de mhuintir an àite agus den càirdean as gach cearn mun cuairt, a bhi làthair air an latha ud. Bidh òraidean air an liubhairt le ministearan agus le muinntir eile aig a bheil bàigh ris an earann ud den Eilean. So agaith cuid de na puingean air am bi iad a labhairt.—

I. An t-seana mhuinntir, no ceud luchd-àiteachaidh Strathalba.

II. Ath-chuimhne air nithean a thachairsan àite anns na làithean a dhaom.

III. Teachd air aghart an t-sluaigh ann an cùiseibh an crannchair, agus ann an cùiseibh eaglais, fad an leth-cheud bliadhna a dhfhalbh.

IV. Iomradh air na Teachdairean a shaothraich anns an sgire anns na làithean a dhfhalbh; cuid dhiu fathast beò, agus a saothrachadh an aitean eile, ach cuid eile dhiu a chriochnaich an obairsa tha nise mealtuinn an duais. Agus mar sin sios.

Tha dòchas gum bi an latha na lathe taitneach do mhuinntir Strathalbas don càirdean a measg nan cnocs nan gleannsan dfhuair iomadh diu an breths an àrach; agus gum bi am beagan tha fathast beò den mhuinntir a dhfhàg tir an dùthchais taobh thall a chuain, leth cheud bliadhnaus còrr air ais, ’ga mheas na ni iomchaidh a bhi mar sud a beachdachadh air a chaochladh a ghabh àite on uair a thog iad na bothain bheaga logaichean a measg nan craobh. Ghiulan iadsan uallach agus teas an latha agus tha e ceart gum biodh iad air an cuimhneachadh le caoimhneas leothasan a tha air dol a steach nan saothair. C.

An t-Og-Mhios 12mh, ’95.


SGEUL EACHUINN.

Bha midol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòrs ga robhchabhag, cha burrainn domh ach stadnuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dhuaireadairean, de dhfhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dhioghnadh orm nach fhaca min stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bhadol seachad, “ tha cumailsan àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor on chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “chan eil ach beagan us seachdain on dhfhosgail e mach. ’S e

RHODES & GANNON

a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhnan t-samhraidh so?” “ ’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am baithne dhuibh e?” “S ann dhomh a baithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bhagam air idir.” Cha dfhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s chan abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha miseg ràdh riut, an ath uair a thig mi dhan bhaile, cha bhi mo sporan cho falamhsa bha en oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dhfhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath riumnuair a bha mi déileadh ris roimhe.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain sam aite cheudna.



[405]

[Vol . 3. No. 51. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Tha Dr. T. C. Mac Leòid an deigh oifig fhosgladh ann an Sidni, ’san tigh anns a bheil Moore & Johnston ri ceannachd. Tha sinn an dóchas gu soirbhich gu math leis.

Than t-side o chionn seachdain gle bhlàth agus anabarrach tioram. Ma leanas an tiormachdsan teas moran nas fhaide, bidh am feurs am bàrr ais a mhilleadh.

Chaochail Domhnull Blue, duinòg a mhuinntir Orangedale ann am Boston an deigh dha bhi tinn ùine ghoirid. Thugadh a chorp dhachaidh, agus bha e air a thiodhlacadh ann an cladh Hogomah. Bha moran chàirdean aige, ann am Boston agus aig an tigh.

Tha daolag abhuntata glé phaiit am bliadhna. Ann an caochladh chearnan den eilein, tha iad anabarrach pailt, agus ma leanas iad rompa, ni iad barrachd millidh air abhuntatasa rinn iad bliadhna fhathast. Than sgeul ceudna atighinn á Eilean a Phrionnsa. Than t-àm aig cuid-eigin innleachd a dheanamh air cur as dhaibh gu buileach neos co math do dhaoine sgur a chur buntàta.

Bha da shòitheach-cogaidh, soitheach Breatunnach agus soitheach Frangach anns an acarsaid fad na seachdain so. Thàinig an soitheach Frangach a stigh feasgar na Sàbaid, agus an soitheach Breatunnach (an Canada) feasgar Di-màirt. Be Dior-daoin co-ainm an latha thainig a bhan-righ Victoria air a chrùn, agus mar urram don latha, loisg gach dhe na soithichean urchair-air-fhichead aig meadhon-latha. Bidh anCanadaafàgail a phuirt an diugh.

Rinneadh bàthadh muladach ann an Amhuinn Ormell, an Eilean aPhrionnsa, o chionn ghoirid. Bha dithis bhràithrean den ainm Hughes air am bàthadh aig iochdar fearann an athar, comhla ri duineile den ainm Daly, a bhacumail sgoilesan sgireachd. Tha iad a deanamh mach gun deachaidh fear dhiubh a mach a shnàmh, gun deach e fodha, agus gun deach an dithis oile machga chufrdeachadh, agus bhàthadh an triùir. Bha teaghlach aig Daly. Cha robh anns an dithis eile ach gillean oga.

Tha chùirt mhòrna suidhe ann an Sidni air an t-seachdain so. Tha àireamh mhor de chàsan air a beulaobh, agus chan eil teagamh nach fheumar cuid dhiu a chur seachad gu cùirt an fhoghair. Chaidh an càs aig D. G. Domhnullach, a thaobh airgiod a bhanca-chaomhnaidh, a thilgeadh a mach leis a ghrand jury, agus cha deachaidh e gu cùirt idir. Tha fear no dithis ri bhi air fheuchainn air son bristeadh priosain. Bha chùirt mhor ann am Port Hood o chionn da sheachdain. Cha robh moran chasan a bfhiach air a beulaobh. Bha fear Domhnull Mac Aonghais, a mhuinntir cùl Hogamah, air fheuchainn air son each a mharbh e, agus fhuir e còig bliadhna dhen tigh-oibreach.

Chaidh an tigh aig Domhnull Caimbeul, ’an ceann Baighe Hogamah, alosgadh air Di-haoine, an t-seachdain roimhn sa chaidh. Cha dfhuaireadh ach beagan dhe na bha na bhroinn a shabhaladh.

Thainig seann duine mhuinntir a bhaile, Domhnulll Mac Gilleain, ri bheatha fhéin air an t-seachdain sa chaidh. Dhfhàg en tighsa mhaduinn Diluain; bha àireamh dhaoinega iarraidh fad cheithir latha, agus fhuaireadh a chorp maduinn Di-haoine an crochadh ri croibh a machsa choille. Bha e mu thri fichead bliadhnasa coig a dhaois.

Bha latha mor da-rireadh aca ann an Louisburg Di-luain. Bha àireamh mhiltean sluaigh cruinn as gach cearna dhen dùthaich, agus bhan t-side cho briaghasa burrainn duiniarraidh. Bha soitheach cogaidh Breatunnach, anCanadaair acair anns an acarsaid, agus aig meadhon-latha chuir i fàilte air an lathas air achuideachd le urchraichean fuaimeara nan gunnaichean-mora, agus am feadhsa bham bàt-aiseig a toirt an t-sluaigh thairis dhionnsuidh an t-seana bhaile, mhairts na seòladairean timchioll ceann na h-acarsaids ghabh iad an àite mun cuairt den chàrn. Bha àireamh de shoithichean beaga anns an acarsaid, agus bha bratach an crochadh ris gach crann. Bha na h-uile ni a bhann ag innseadh gu robhn lathana latha air am bi cuimhne fad ioma lathas bliadhna ri teachd. Thòisich an t-seirbheis aig da uair feasgar, agus am deigh òraidean fileanta bhi air an liubhairt le daoin-uaisle as na Staiteansa Canada, bhan còmhdach a bha falach a chùirn air a toirt a nuas le Mr. Daly, Riaghladair Nova Scotia. ’N uair a bha edeanamh so, sheas na seòladairean, len cuid ghunnachan an togail, mu choinneamh a chùirn, chluich am bandDhia, gleidh an Crùn,” agus rinn an sluagh air fad iollach a chluinnteastar math air falbh. An deigh sin chaidh dealbh a chùirns na cuideachd a tharruing, agus an sin sgaoil iad. Bha gach ni bhann gle bhrigha bho thoiseach gu deireadh, aguss e ar barail nach robh duine làthair leis am baithreach a bhann. Bu mhor an t-sochair leinn fhéin a bhi lathair, acumail cuimhne air treubhantas nan laoch a chog gu duineils a choisinn do chrùn Bhreatuinn an daingneach mhor, laidir a bhana seasamh an sud ceud gu leth bliadhna air ais.

Minard ’s Honey Balsam,math gach nair.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-iomaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SYDNEY, —C. B


Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach grabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires air son gach àm eile dhen bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART,
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.



[406]

[Vol . 3. No. 51. p. 6]

COMHAIRLEAN MHIC-CAILEIN DA MHAC. *

MUN TUATHS MUN OIGHREACHD.

A MHIC, —Bidh e duilich dhuit tighin air ceart nan nithean so a thaobh gach cuimrig a bhioss an rathad ort ri linn dhuit tighin a stigh air an oighreachd. Gun ghuth thoirt air na shluigeas an Crùn di, is ioma fear-fuadain a thann gu tagartas a dheanamh oirre, agus sin an ainm na còrach. Chan fhuilear dhut, ma ta, duile dhìcheall a dheanamh, agus a bhi air do ro-fhaicill, ’s na tha de naimhdean mun cuairt dut.

Is e dfhearann-sinnsireachd gun teagamh is dualaiche leantuinn riut. H-uige so, ma ta, féumaidh tu an t-seann-tuath a chumail air an aon-laraich, agus an tàladh gu caideach riut le mùirns le caoimhneas. Le bhi bho chian an làraichean an seanairean fo dhìon Mhic-Cailein, tha iad a nise cho deòthasach umpas nach togair iad air chor sa bith gu ddhìobairt, nas lugha na thuigeas iad gum beil thu air cìnntinn fuar riu, agus coma mu dbhuannachd fhéin. Fhads is Mac-Cailein is ainm dhut, agus a sheasas an tuath air do chùl, bidh e ionanns do-dhéante dhut do chòir-dhligheach a chall. Than oighreachd cho farsainn agus bailtean dhi cho lethoireachs gum beil cuid dhi nach aithne dhòmhsa mi fhéin, gun ruig as i bhi fo leagadh làmh na h-arfuntachd: is ioma dligheachas a fhuair mi, agus seirbhis-claidhimh a rinneadh dhomh air son còrach nach deachaidh riabh an leabhar. Thaobh an fhearainn-cheannaich, tha farmad-cùirte nach deic mar a thà ris, air chors nach comhairlichim dhut moran strìth a dhèanamh mu dhéibhinn a tharrainn achòrra ort. Bidh màl na seann-oighreachdn a làn phailteas dhut. Cha robh riabh agam air mo thighin-a- stigh bhàrr na h-oighreachd an Albainn, ach ionanns mar dhìoladh-fhiach an éirig mo chostais. Cia dhiùbh ni e suas sin dutsa non còrr, chan ion dut bhi cùnntadh air.

Chan àm na tìmeannan so gu seasamh a mach mar a bàbhaist: is iomad arfuntachachadh a rinneadh air uaislean na h-Alba; ach chan fhiosrach mi gun cuala mi riabh gin is dòcha dha tachairt da na dhutsa. Cuime cheilinn ort e? mar a dhinnis mi roimhe dhut, is culaidh fhuath

as éud nacheil faoin sinn. Air an aobhar sin, féumaidh tu gach meadhon laghail a thàrras tu, a chur an gnìomh, gus do theasraiginn bho léir-sgrios. Féumaidh tu truas a dhùsgadhn ad aobharrud nach duilich dhut. Tàirnidh sin bàigh ort, agus gabhar spéis dhiot; agus bho spéis, thigear gu bun as earbsa chur annadan rud is luaithe sa bith a ni do shocrachadhn ad sheilbh.

Ma gheobh thu mar so air a h-ais do chòir-dhligheach, —agus tha h-uile dòchas agam gum faigh, cia dhiùbh gheobh no nach fhaigh thu dainm as dinbhecumhnich nach dean thu dearmad air do thaingealachd a dhearbhadh do ddhìlsean a bhuin gu h-onorach riut; ach thoir an t-seal-aire nach teid thu tuilleadhs fada leis, fàgail a tha mar is trice fuaighte ri uaislean na h-Alba. Oir, bhon a ghearrar dhìot sgiathan do mhòrachd, cha teid agad air éirigh suas a dh-aon-ionnsaidh; agus an àite dearbsa churn ad chumhachd fhéin is ann a dhfhéumas tu nise do bhun a chur an gaols an tairisneachd do chuid tuatha, —oirs iadsan do chùltaices do chala-tiarnaidh.

Dean mainm-sa ghlanadh bhon droch-alla thogadh orma bhin am uachdaran cruaidh-chridheach gun iochd; agus le feothas do nàduir, fiach am faigh thu le ciùine làmh-an-uachdar air gach buaireas as anshocair a dhfhaodas tighinn ad rathad, —ni, ’n a uaireannan, a thug dùlan dòmhsa an a bfhèarr a bha mi riabh.

Fhads a than ad chomas seachainn lagh as cònspaidleò, nitear do ghnothaichean uaigneach follaiseach. Gabh ealla ris gach calldach as éucoir nach dèanar suas dhut gun dol a dh-iomairt lagha; agus bi strìochdte fo gach ainneart nach gabh leasachadh dhut.

Air tùs cruinnich dfhortan, ’s gur sgapteach e, gu dluitheil ri chéile; agus le caitheamh-beatha stòlta, sìtheil, daingnich do ghréim air do sheilbh; air chors ma chuirear mu dchoinneamh do chòir-dhligheach a dhearbhadh, nach bi thun cunnart, a thaobh an sin nach leat.

Suidhich dfhearann air cho beag de làmhans a dhfhaodas tu. Na cuir air imrich tuathanaich a thug thu aonta dhaibh roimhe, no neach sa bith a bha fo drian air sheòl eile. Gu h-àraid na cuir air falbh seirbhisich don aithne do ghnothaichean a mharachadh; oir, a thuilleadh air e bhin a shocair dhut, gleidh e dhut tiarainnteachd nach beag.

Mar nach bàill leam lughdachadh a thighin air no mheas leis an dubh-bhochdainn, amhuil sin cha bu mhath leam gun deanadh ailis-bheairtis béud ort; agus gus an seachnadh le chéile, féumaidh tu tighin suas air cuibheasgun chrìne gun strògh, gun a bhi mar a bha Diogenes no mar a bha Divus. Mar is dhfhidrichear mu staid na h-oighreachd, ’s en gliocas dut amhiad sin a cumail an ceilt, —rud is urraìnn dut a dheanamh gun chunnarts gur h-annn ad leisgeul fhéin a bhìos tu.

Ach tha mi creidsinn gum faod an oighreachd a bhi nas tiarainnte fo bhiùthanas an ama chaidh seachadis e barail feadhnach gun dfhàg mise i air rian cuimseach, mathna bhios i le seòltachd do ghliocais-sa, no air gabhaltas, no bonn stéidhe nobha sa bith eile; agus saoraidh sin thu o bhin ad chulaidh-fharmaid.

Cum thu fhéin an luib a-stigh asgailt an fhortain a bhuilich Dia ort, ciod sa bith e; ma bhios tu làn-thoilichte leis, meallaidh tu rùintean do naimhdean. Co aig tha fios nach e dòigh is fhéarr. Is ioma caisleachadh bu mhò fhuair oighreachdan eile; ach an ionad an cur ás am bonn, ’s ann a fhriamhaich iad le barrachd gramalais na bha aca riabh roimhe.

Ge be fear ris an earb thu riaghladh na h-oighreachd, thoir an t-sealaire nach leig thun ailm á dachlais fhein. Cùm mion-chùnntas air gach bònn a phàidheas tu agus a thig a stigh dhut; cumaidh e dfhadal dhìot, agus thig e gu dbhuannachd; oir cumaidh as gleidhidh e do sheirbhisich rin dleasnas, agus, air an aobhar sinn ad dheagh-ghean.

A chaoidh na tarrainn téinn ort fhèin le mi-chiall no struidhealachdle airgead a ghabhail an iasad air urras, non geall na h-oighreachd, no ràthan amhàil. Bheir iomfhasgladh caraid ort dol an urras; ach thoir an aire nacheil e saor bho chunnart dut, ach a bharrachd air nach gnìomh duin’ -uasail an sheol eile, caillidh tu do chreideas leo, agus bidh iadn an réudain ag cnàmh na h-oighreachd.

Nullum numen abest, si sit prudentia tecum.

Eadar. le ABRACH


*The Marqnis of Argylls Instructions to his Son. London, 1689.



[407]

[Vol . 3. No. 51. p. 7]

Minard ’s Honey Balsam,leigheas cinnteach.

Leighis mi cloimh air each leMINARD ’S LINIMENT.
Dalhousie. CHRISTOPHER SAUNDERS.

Leighis mi droch reubadh air each leMINARD ’S LINNEIMT.
St. Peters, EDWARD LINLIFF.

Leighis mi droch at air each leMinard ’s Liniment.
Bathurst, N. B. T. W. PAYNE.


CLOIMH.

DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris as airdesa mhargadh oirre.

D . F. Mac RATH.
Baddeck, C. B. ,Mai 6, ’95.


S . J. BROOKMAN,
SIDNI, C. B.

Flur, Min, Ti, Siucar, Fiar, Biadh, us Amhlan dhe gach seorsa.

Uidheaman Tuathanachais Mhassey-Harris, Croinn, Cliathan, agus Innealan Speallaidh.

S . J. Brookman,
Mai 17, 1895.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
107 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


Tha so air a chumail do
C . B TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[408]

[Vol . 3. No. 51. p. 8]

OISEIN DON GHREIN AN AM EIRIDH.

A ghrian na h-og-mhaidne, ’s tug eiridh
Air sleibhtibh coir le dchiabhan aillidh,
S ait ceuman do theachd air an aonach,
S gach caochan mear sa ghleann ri gaire.
Tromh dhriuchd nan caoin fhras tha croinn uaine
Ag eiridh a suas gu bras ad chomhail,
Is filldh bhinn nan coilltean fasail
A cur failtort gu moch len oran.

Ach cait a bheil air sgiathan siubhlach
Roimh ghloir do ghnuise triall na h-oidhche?
Is cait a bheil aig duibhra comhnuidh,
Is uamh chosach nan reultan soillseach?
N trath leanas tun ceuman gu h-uallach,
Mar shealgair gan ruagadhsna speuran;
Thusa direadh nan aonach arda,
S iadsan air beanntan fàs a leumnaich.

S aoibhinn do thriall a sholuis aghmhoir,
A sgaoileas le ddhearsadh gach doinionn,
Is maiseach do chleachdan dluth or-bhuidh
A snamh siars do dhoigh ri pilleadh.
Le seachran an dall cheo na h-oidhche,
Cha ghlacar thu a chaoidh ad chursa,
Is doinionn dhoirbh nan cuantan gabhaidh
Cha seid len neart gu brath o tiul thu.

Le gairm na ciuin mhaidne bidh teiridh,
Is do ghnuis fheillidhdusgadh sonais,
A fogradh na h-oidhcho gach aite
Ach suil a bhaird nach faic do sholus.
Ach mar ta mise, a ghrian mhaiseach,
Bidh tusa fhathasd, anfhann, aosliath;
Do shiubhail mallad chuairt sna speuran,
Do shuil gun leirsinns tuad aonar.

Do ghnuis bidh doilleir mar a ghealach,
Do shlighe cha lean thusna speuran;
Binn chaismeachd na maidne cha chluinn thu
Bidh tu mar shaoidh gun luaidh air eiridh.
An sealgair seallaidhn ear on leacain,
Ach chan fhaic eteachd taogas sgiamhach;
Bruchdaidh a dheoirs e pilleadh fo smalan,—
A mhadaidh mo ghraidh, threig a ghrian sinn.”

Tha na rannan so air an tabhairt bhoShean Dana.” ’S es dòcha gur h-en t-Olla Mac-a- Ghobha e-fein a bughdar dhaibh.


MANAM, IMICH THUSA SAMHACH.

LE MARI NIC-A- CHLEIRICH.

Manam imich thusa sàmhach
Fo gach amhghar agus leatrom;
S e do thruailleachd a thaobh nadair
Aobhar tanraidh mar mo bheachd-sa.

Greas is amhairc cia mar tha thu,
Seall le naire ri do chleachdadh,
S faic an sactha air do ghuaillibh
Le do ghluasad bhith gun fhaicill.

Bhon a rugadh ann ad thraill thu,
Thaobh do phairt anns acheud sheachran,
Iomraidh faighidneach gach doruinn,
S biodh do bhron airson do pheacaidh.

Tha do thoil an deidh a truailleadh,
Rag rigluasadchum do leasa;
Dheasbhuidh cumhachd a bheir buaidh oirr
Gheibh thum bas as duais don pheacadh.

Seall a nise ciod a ni thu,
S teich le dichioll dhionnsaidh taice;
Fag do chudrom air do ràthan,
Tha eghnath cho math rifhacal.

Thig le irioslachd is dòchas
Dhiarraidh comhnaidh on Aon bheairteach;
Creid an tus gu bheil e maoineach,
S iarr dedhaonnachdreir a phailteis.

Thig le ddhoille, ciont’, is daorsa,
Fagna aonar air do leatrom;
Iarr air teagasg, riaghladh, ’s saoradh,
Tha e aontaichtrin toirt seachad.

Seall le muinighin an airde
Chum nam beann da bheil do thaitneas;
Nuair as trioblaidichechual duit
Amhaircsuas ri Triath nam feartan.

Cairich teallach air a ghuaillibh,
Oirs ann uaithethig do neart-sa:
S ge nach beachdaich thusa ghluasad,
Creid gu luath gu bheil e faisg ort.

Feith gu faighidneach rithim-san,
S imich direachreir a reachda;
Ruith do reis le fairis dichioll,
S ann le strith a ni thu streapadh.

Nuairbhios fiaradh ann ad chrannchur,
Creid gun tionndaidh e gu dthaitneadh;
Bheir seillein math a luibhean searbha
Milbhios tarbhach, brioghmhor, blasda.

Ged bhiodhm Freasdal dhuit air uairibh,
Tuilles cruaidh a reir do bheachd-sa,
Tuig gur gliocasthug mun cuairt e,
S gheibh thu buannachd as am pailteas.

Bi-sa furachail muaithntibh,
Bho staid nadair teichna thaice;
S glac an gealladh lan de shith-shaimh
Ann an Criosd a dhiol an ceartas.

Air do thuras do Chanaan
Ged robhm fasach lan de chroisean,
S iomadh bruthadh air do shailtibh,
Lean-saghnath ri lorg aghaisgich.

Thug e buaidh os-cionn do nàmhad,
S bheir e gras an am an h-airce;
Ruith da ionnsaidh le fein-aicheadh,
S dearbh nach failnich do chul-taice.


MarbhaidhCherokee Vermifugebiastan.

Tha flùr anabarrach math aig D. J. Domhnullach an dràsda. Tha aige cuideachd anart mathse glé shaor.

Minard ’s Family Pills,glan, fallain.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


I. O. G. T.
Tha coinneamh aigVictory Lodge, No. 138, I. O. G. T., ”ann an Talla nan Saor Chlachairean, am Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh esachd.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean

C . H. Harrington & Co.
Sidui C. B.


MacDonald Hanrahan & Co.

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai, 4. ’95.

titleIssue 51
internal date1895.0
display date1895
publication date1895
level
reference template

Mac-Talla III No. 51. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page