[409]

[Vol . 3. No. 52. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 29, 1895. No. 52.


Tuilleadh mu naMaories.”

Bàbhaist do na Maories a bhig ithe moran mhaorach. Tha dùin de shligean air bruaichean nan acarsaidean anns gach àite far am biodh iadg an cruinneachadh, tri no ceithir troighean a dhàirde, agus fiar afàs orra. Tha na sligean rim faotainn air mullach nan cnoc anns gach àite far am biodh na Maoriesg an giùlan air son an itheadh, ’nuair bhiodh iad fo ruaig aig an naimhdean. Thachuid as dhe na sligean coltach ris a chlam a gheobhar ann an America. Sguir iad dhiubh so o chionn fhada; bha cus oibreach ann a bhig an cladhach as aghainmhich. Tha seòrsa eile ann ris an canar am pipi, maorach da-shligeach, beag, cruinn, agus cruaidh, mu mheudachd buntàta beag, ri fhaotainn air tràigh na mara. Le beagan deasachaidh, tha iad glé mhath rin ithe, agus tha iad measail gu leòr aig na daoine geala. Tha na h-eisirean pailt ann an àiteachan cuid dhiu afàs air na clachan. Than t-slige biorach cruaidh, agus tha e duilich am fosgladh. ’N uair bha iad glé phailt, bhiodh iadgan cur air an teine air son toirt orra fosgladh, ach tha lagh na dùthcha an aghaidh sin an dràsda. Tha na h-eisirean ainneamh math anns an dùthaich so. Than t-slige chreachain ri faotainn uaireannan ann an aiteachan eu-domhain. Bidhn fhairge, ’nuair a bhios i glé thromg an toirt a stigh. Cha bhi sin ach glé ainneamh, agus tha luchd-eòlais anabarrach deigheil air greim fhaighinn orra. Tha aon seòrs eile de mhaorach anns an dùthaich air an toir mi iomradh. Tham fear so cho coltach ris an fhiasgansa tha aon sgadan ri fear eile, ach tha e mòran nas motha na e; ’s e dhfhaodas fàs mòr, ’s gun deigh no reothadh ann gus a chumail air ais! Tha e còig no sia dhòirlich a dhfhad, agus e luma lan bidh. Tha efàs ann an uisge tana. Tha tanalach mhor air taobh a muigh na h-acarsaid so. Thig na Maories, eadar fhirionnaich us bhoirionnaich, eadar chailleachan us chloinn bhigg an iasgachnuair thig an t-àm. Fanaidh na seana chailleachan air tir còmhla ris a chloinn bhig, agus theid càch uile mach dhan ghrunnd iasgaich, nuair bhios an làn a mach. Bidh gach aon dhiubh leth rùisgte agus theid iad fodha ann an ceithir no coig de throighean uisge a thional nam fiasganan. Bidh am bàta laimh riu, agus leanaidh iad air an obair gus am bi e làn, agus gabhaidh iad an sin cothrom an làin-mhara gus faighinn gu tir leis. ’S e obair nam boirionnach a bhios air tir na fiasganran a ghlanadh o chlachan beagas o gach salchar eile bhios agreimeachadh riu. Theid an sin am bruich anns a Kapura Maorie, air an dthug mi iomradh roimhe, agus an tiormachadh ris aghrein air son iad a bhi aotrom rin giulan dachaidh. Bidh moran Mhaories agabhail tàmh air an rudha so, an àm an iasgaich, agus tha iad an comhnuidhg an giulan féin gu sitheil modhail. Air son iasgach eile tha lin fhada aca, a ghlacas gach seòrsa creutair a thigna rathad. “Ge be gheobharsan lions iasg e.” Than lion mu dha fhichead mogul (tri òirlich) air doimhne, agus glé fhada. ’S ann an uisge tana chuirear a mach e. Than lion air a dheanamh mar so: Theid an tobha-cinn a ruith a mach gu comhnard air an talamh agus a cheangal. Faodaidh na thogras an sin suidhe mun cuairt agus oibreachadh air, atòiseachadh aig an tobha-chinn, agus a leantuinn rompa gus am bi e air a chriochnachadh. Tha fiodh gle aotrom afàs mun cuairt a fhreagras an àite àrc air son cumail an lin an uachdar, agus tha clachan air a cheangal ri iochdar an lin gus a chunnail fodha. ’Nuair a ghlacair an t-iasg, theid a leth bhruich, agus an sin air a thiormachadh ris a ghréin gus am bi e cho cruaidh ris a chloich. Tha an dòigh ghreidhidh so car coltach ris mar a bhios na Lochlunnaich a gréidhead an Stock-fish.

Tha iadsan a tionnachadh an eisg leis a rothaig, agus na Maories leis a ghréin. Tha na Maories coma de shalunn ann an doigh sam bith. Achs ann than t-iasgach mòr aca nuair bhios iad aglacadh mam biorach. Thabhiorach ann an so moran nas na tha e an America. ’S e h-ann iasg mor fuilteach. Tha iad aglacadh feadhain a tha ceithir no coig a throighean a dhfhad. Chan eil greidheadh ra dheanamh air an iasg sin ach a sgoltadh bhon cheann dhionnsuidh an earbuill, ’s a chrochadh no chur tarsuinn air maidean mu choinneamh na gréine, agus gu dearbh cha chùbhraidh am fàile bhios dhiubh.

IAIN ROTHACH.
Rudha Mharsden, N. Z.


Sean Fhacail.

Is fhearr do dhuine bhisnaim nan sop na bhina thàmh.

Is fhearr eòlas math na droch chàirdeas.

Is fhearr siol caol coirce fhaotuinn á droch fhearann na bhi falamh.

Is fhearr sith na circe nah-aimhreit.

Is fhusa comhairle thoirt na comhairle ghabhail.

Is fhurasda duine gun nàire bheathachadh.

Is ibhonaid bhiorach a nin gille smiorail.

Is i an dias as truime as isle chromas a ceann.

Cuidich leat fhéins cuidichidh Dia leat.

Cuir a mach an Sasunnachs thoir a stigh an .

am feum a thasa phiob mur cluithear oirre.

Dean do ghearan ri fear gun iochd, ’s their e riuttha thu bochd.”


Minard ’s Family Pills,glan, fallain.



[410]

[Vol . 3. No. 52. p. 2]

EACHDRAIDH MU BHLIADHNA THEARLAICH.

(Air a leantuinn.)

Bha aig aPhrionnsa fodha air an àm so, ochd-ceud-deug de dhaoine curanta, treun, dian, togarrach gu bhin sàs anns na saighdearan dearga, agus na-m biodh iad air tachairt riu air acheart sin, is cinnteach sinn, mar a thubhairt an t-Oran,

Gur iad a luaidheadh an clò ruadh gu daingeann.”

Ghlac Tèarlach féin spiorad nan Gàidheal. Thòisich e air an cànainnionnsachadh, thogadh en Luinneag leo air an t-slighe; chuir esuas breacan-an-fhéilidh, leis an làn éideadh Ghàidhealach; agus anns an fheachd air fad cha robh na bu lùthomhoire a shìubhladh garbhlach nam beann na e.

Mu ghlasadh an latha, dhìrich Tèarlachs a chuid daoine ri uchd Choire-ghearaig, agus an déigh a bhi dlùth don mhullach, leig iad iad féinn an sìneadhs an fhraoch, ’an dùil gun tigeadh Cope; ach cha bfhada gus an dfhuair iad brath gu-n do thàr e as do Inbhirnis. Thog iad iolach le buaidh chaithream, adeanamh uaill á gealtaireachd nan saighdearan dearga; agus dhòl iad an deoch slàinte.

Thog am Prionnsas a chuid daoine orra a stigh troiBhàideanach agus troiAtholl, do mhachraichibh nan Gall. Agus mar as fhaida chaidh iad air an aghaidh, ’s déigheile a chinn na daoine mun Phrionnsa. Choisich e ran taobh guala ri guala, adol o chuideachd gu cuideachd aseanachas leo mu eachdraidh gach cinnich agus teaghlaich, ionnas nach robh duine fodha nach dùraichdeadh fuil a chridhe a dhòrtadh air a shon; agus is cuimhne leinn gu maithn ar n-òige cuìd do na seann laoich a bha maille ris, ’fhaicinn asileadh nan deur ri iomradh airainm, agus ag aithris na thachairs an àm. Mheudaich am feachd gu mòr mar a chaidh iad air an adhart. Mar dhatas an abhuinn mhòr ann an Tìr nam Beann on dthàinig iad, leis gach caochan a thasruthadh innte o gach gleann mar a tha idol seachad.

AM PRIONNSANN AM PEAIRT.

Air an treas--deug de mhìos meadhoin an fhogharaidh thàinig e gu Peairt. Chuir e suas air an so deise rìomhach do bhreacan, air a h-uidheamachadh le h-òr, a chomharraich a mach am flath rìoghail sin am measg nam mìltean. Dhfhàiltich sluagh abhaile mhòir so e, le mòr dhealas, agus chaidh iad leis mar aon duine le h-iolach ghàirdeachais a chum an tighes an robh e gu tàmh a ghabhail. Smaointich iad le h-uaill air greadhnachas nan làithean aoibhneach a dhfhalbh, ’n uair a chum sinnsire rìoghail Thèarlaich am mòidn am measg; agus cha burrainn doibh beachdachadh air-san a thàinig a dhaiseag airais dhoibh, mar a shaoil iad, mòralachd nan àmannan sin, gun mhòr thaitneachd.

Cha robhs an àm so sgillinn ruadhn a sporan, ach thog e cìs anns na bailtibh mòra mu-n cuairt, agus chuir a chàirdean á Dun-éideann suim mhor airgid da ionnsuidh. ’S ann do Pheairt a thàinig Morair Deòrsa, bràthair Dhiùc Athuill, an toiseach da ionnsuidh: saighdear curanta a thogadh ri cogadh o aois òige; agus thug Tèarlach dha, fodha féin, àrd riaghladh an airm. An déigh dhabhi ochd làitheanam Peairt, ghabh e airadhart do Dhun-éideann. Chan fhiach aithris an t-ulluchadh faoin a rinneadh anns abhaile mhòr so chum na Gàidheil a chumail a mach. Chuireadh trupairean Ghardner agus Hamilton a machn an còmhdhail; ach cha luaithe a thàinig an t-arm Gàidhealachs an fhradharc na a theich iad. Chuir e gairm a chum abhaile iad a strìochdadh, agus nach deanta dochair air ni no neach a bhann. Bha luchd-riaghlaidh abhaile deònach dàil a churs an fhreagradh a bheireadh iad da, air dhoibh a chluinntinn gun dthàinig Cope agus an t-arm-dearg air tìr aig Dunbar. Ach cha dthug Tèarlach mòran ùine dhoibh gu smaointeachadh; chuir e Mac Dhòmhnuill-duibh, MacIc Ranuill na Ceapach, Fear Aird-seile, agus OSuilibhan, le naoi ceud fear a ghlacadh abhaile.

AM PRIONNSANN AN DUN-EIDEANN.

N uair a ràinig am feachd so am baile fhuair iad an geata fosgailte, agus mun burrainnear a dhruideadh bhrùchd iad a stigh, agus theich gach aon, le maoim rompa. Ghabh iad suas an t-sràid mhòr, a chum tighan fhreiceadain; agus am Pìobaireseinn port caithreamach nan Stiùbhartach,

Gabhaidh sinnen rathad mòr
Olc air mhaith le càch e.”

N uair a dhéirich muinntir a bhaile, thuig iad gun robh mùthadh uachdranachd orra, leis nach robh cuid diubh ro thoilichte.

N uair a chualam Prìonnsa gun robh a chàirdeanan seilbhs abhaile, ghluais e lefheachd gu Lùchairt riòghail a shinnsir. ’N uair a fhuair echeud sealladh air an aitribh aosmhoir sin, far an do rìoghaich iadsan on dthàinig e iomadh linn, theirinn e on steud-each air an robh emarcachd, agus sheas e car tamuilln a thosd, abeachdachadh air an àite le geur dheòthasanama. Thàinig mòr shluagh a machn a chòmhdhail ga fhàilteachadh le gàirdeachas. Sheas e car tamuill a chum gum faiceadh an sluagh e. Bha es an àm sin gu h-òg, eireachdail, an tréina neirt. Bha e àrd, flathail; bhafhalt buidhe-ruadh; bhaaghaidh ruiteach, le beagan do bhreacadh-sianain; bhamhaildhean àrd, dreachmhor; bhashùil ghorm gu tlàth, lìontach. Ann an aon fhocal, bha e ro àillidh, gun chron cumadh, mu shè troidhean air àirde; gu cruinn dealbhach, anochdadh gun robh e gu làidir, fulangach. An dèigh dha cothrom a thoirt don t-sluagh air beachd a ghabhail air, ghluais e a chum na Lùchairt, air acheart slighe air an deachaidh Rìgh Deòrsa IV. a chum an ionaid cheudna, seachd-bliadhna-deug agus trì ficheadn a dhéigh sin.

Do réìr coslais bhan sluagh mòr a chaidh a machan còmhdhail Thèarlaich, ro shòlasachfhaicinn. Chunnaic muinntir Dhun-èideann, ’n ar lathasn ar cuimhne féin, Rìgh Deòrsa ag imeachd don àite cheudna, agus dhfhàìltich iad e mar a bu chubhaidh dhoibh le dealas àrd. Air an s an dfhosgail Lùchairt nan Rìgh a dorsan aosda a chum esan a ghabhail a stigh, cha robh neach atagradh a chòrach; agus be guidhe gach duinean Albainn, Dia ga bheannachadh. Bheachdaich gach sùil le h-urram agus iongantas air an righ a bàirde agus a bu chumhachdaiche air thalamh. Besan gun teagamh an Rìgh laghail, agus dhinnis an cinn agus an tuigse dhoibh gur ann dhasan a bhuineadh an rìgh-cholbh, agus crùn Bhreatuinn. Ach Tèarlach òg Stiùbhart, mar a daidich an cinn gum be oighre Bhreatuinn e, dhaidich an cridheachan e



[411]

[Vol . 3. No. 52. p. 3]

Thàinig enisn am measg, ’n a ghaisgeach curanta, flathail, le buidheann do laoich fhoghainteach nach strìochdadh. Mi-shealbharn a òige, chunnaic iad enis a toirt oidhirp àrd, chunnartach a chum cathair a shinnsir a chosnadh. Sliochd nan Rìghrean, is tric athreòraich Albainn gu blàr, ’s gu buaidh, cha bìoghnadh ged a lùb aliughad cridhe leis, agus ged a thàirngeadh acho liughad claidheamh as a leth. Ma dhfhàiltich muinntir na h-Alba Rìgh Deòrsa le h-urram agus meas mar a bu dligheach dha, dhfhàiltich iad an t-aon fa dheireadh de na Stiùbhartaich mar a bu dùth dhoibh le baigh an cridheachan. Dhfhàiltich iad Rìgh Deòrsan a charbad rìoghail, le gàir aoibhneis; ach tha e airinnseadh dhuinn gun robh breacan Thèarlaich òig Stiùbhart air a thaiseachadh le deuraibh gràidh na h-aitim a bhag iarraidh a phògadh. Bu latha sòlasach don Lùchairt aosda, an sins an do thilg i a dorsan gu fialaidh fosgailte do dhogha an Rìgh mu dheireadh a bhachòmhnuidh ann. Bha cuid de dhaoine fhathast beò, a chunnaic mòr-chùis rìghreans an talla sin, a bhanis o cheann fhada gu falamh fàs; agus bha mòran a chualo na daoine on dthàinig iad mu ghreadhnachas nan làithean sin; cha-n ìoghnadh, uime sin, ged a bha iad aoibhneachn uair a chualiad am mac-tallabha cho fadan a thosd, a rìs air a dhùsgadh agus aco-fhreagradh air feadh nan Lùchairtean aosda, “FàiltaPhrionnsòig.”

LATHA BLAIR SLIABH-CHLAMHAIN.

Deanaibh ullamhchumur turuis,
S bithibh guineach, deònach;
So an cumasgam bi na buillean
An deantar fuil a dhortadh.
Och a dhuine! ’s lìonmhor curaidh,
Is fìor sturrail co-strì,
A leigear bhàrr éille mar chuilein
Dhfhaotainn fuil air Seòras!

Mhoiris sgairteil, foirmeil, bagant’,
Gàidheil ghasda, chròdha;
Gach aon bhratach sìos don bhaiteal,
Len gruaidh laiste ròis-dearg;
Iad gun fhiamh, gun fheall, gun ghaiseadh,
Rioghail, beachd-bhorb, pròiseil;
Gu neo-lapach ri roinn gaisgidh,
Spàinnich ghlasn an dòrnaibh.”

Am feadh a bham Prionnsòg, ’s na Fineachan Gàidhealach a dhéirich leis, ann an Lùchairtibh a shinnsir ann an Dun-éideann, thàinig Sir Iain Cope leis an arm-dhearg air tir aig Dunbar, baile beagan cois na fairge, seachd-mìle-fichead an taobh an ear do Dhun-éideann; agus air an m màireach ghluais e féin agus fheachd an coinneamh nan Gàidheal. Chaidil e féin agus a dhaoine an oidhche sin anna Haddington, agus air an ath ghabh iad air an aghaidh air an t-slighe do Dhun-éideann. Chuir e Morair Loudon agus freiceadan leis air an adhart roin arm eile, an earalas nach dthigeadh am Prionnsorra gunfhios. Ach cha bfhada chaidh en uair a phill ean deannaibh nam bonn, ag innseadh gun cuale pìobaireachd nan Gàidheal, agus gu-m facem brataichean coimheach. Chuir so ìoghnadh air Cope, ach cha do ghabh e eagal. Chuir e stad air an fheachd, agus tharruing e suas iadan òrdugh catha. Tamull beagn a dhéigh sin thàinig Tèarlach agus luchd nam breacans an fhradharc. Bha iad soan àrd mhisnich, an déigh na foisa fhuair iadan Dun-éideann. Air an so féin mu éiridh na gréine thàinig na Granndaich, Cloinn-Lachlainn, agus muinntir Athuill dan ionnsuidh; agus chuir Tèarlach e féin air ceann a chuid daoine. Thubhairt e riu, Tharruing mi mo chlaidheamh, mo chàirdean, agus thilg mi uam an truaill. Fhreagair an t-arm e le h-iolach àrd, agus ghluais iad air an aghaidh, trì air doimhneachd asìor chumail cothrom abhruthaich, oir bu toigh leis na Gàidheil riamh cothrom abhruthaich a bhi aca air an naimhdibh; acuimhneachadh mar a thubhairt Eòghan dubh Mac-a’ -Chombaich, Théid an taigeis féin gu dàna sìos am bruthach. Cha robh an t-arm-dearg ro-dhéigneil air teachd gu cumasg air an fheasgar sin, agus uime sin tharruing na Gàidheil a suas air leacainn air an robh fraoch agus conasg, far an do ghabh iad gu tàmh paisgten am breacanaibh, an déigh dhoibh freiceadan làidir a chur a mach a dheanamh fàth-fheitheamh air an nàmhaid. Bi so acheud oidhche fhuar a thàinig, on a sgaoileadh bratach Thèarlaich ann an Gleann-fìonain. Thuit air an oidhche so ceò dùmhail agur liath-reothadh, a chuir doimheadas mòr air an arm-dhearg, ach a mheasadh suarach le luchd-àiteachadh nam Beann. Thug Cope fainear teintean mòrafhadadh mu thimchioll an airm gan cumail blàth, agus a thoirt misnich dhoibh; ach leig Tèarlachs a chuid daoine iad féinn an sìneadhs an fhraoch, agus thugadh òrdugh gun smid a labhairt.

An déigh do na daoine gabhail mu thàmh, thàinig òganach uasal, a bhan am measg airadhart, a thogadh anns an àite sin, agus a thairg iùl a dheanamh dhoibh troimhòintich dhomhain a bha eadar iad féins an t-arm-dearg, troibhealach àraidh, leis am faodadh iad tighinn dlùth air an nàmhaid, gun iad a mhothachadh dhoibh. Dhùisgeadh am Prionnsa, a bhan a luidhe agus sguab pheasrach mar chluasaig dha. Chumadh comhairle-chogaidh, agus cho-aontaich iad comhairlan òganaich a ghabhail.

Bann air Di-sathuirn, acheud thar fhichead de mhìos meadhonach an fhogharaidh, a bha na Gàidheil air éiridh trì uairean an uaireadair mun do thog aghrian a ceann, gu latha Sliabh-chlamhain a chur. Ghabh iad a sìos troighlaic dhomhain, gun smid as an cinn. Cha robh en comas an nàmhaid am faicinn leis acheò dhùmhail a bha air an t-srath. Chuireadh Clann Dòmhnuill air an làimh dheis, urram a fhuair iad air Blàr Bhannockburn, agus a ghleidh iad anns gach cath uaithe sin, ach air cath ainmeil Harlaw, ’n uair a thug iad féin thairis i len deòin do Shìol-Leòid. Air amhaduinn so, bha Mac Dhòmhnuill-duibhs a chuid daoine, agus Stiùbhartaich na h-Apunn air an làimh chli, agus Clann-Ghriogairs a mheadhon. Bha Diùc Pheairtn a Cheannard air an làimh dheis, agus Morair Deòrsa Moraidh air an làimh chlì.

(Ri leantuinn.)


Far an caill duinesporans ann as còir dhaiarraidh.

Far an laidh na fir, ’s ann a dhéireas iad.

Far an sàmhaichen t-uisge, ’s ann as doimhne e.

Far an tainen amhuinn, ’s ann as a fuaim.

Faram, ’s ma toiream, fasan Chlann-Domhnuill.

Fauaididh a h-uile fear, ‘co a rinn e?’ ach chan fharraid iad, ‘cia fhad a bha iad ris?’



[412]

[Vol . 3. No. 52. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, IUN 29, 1895.

Tha Morair Rosebery an deigh a dhreuchd mar Phriomh Mhinistear Bhreatuinn a leigeadh dheth. Bha choltas air gun deanadh e sin o chionn treis a dhùine. Bha a phàirtidh tuilleadh us lag air son gnothuichean a chumail air adhart, aguss ann a sior dhol na bu laige bha iad. ’Nuair chaidh an cur a stigh, bha iad acur rompa tuilleadh sa chòir a dheanamh, agusnuair nach burrainn dhaibh an rùintean uile thoirt gu crich, chaill iad moran den luchd-leanmhuinn. Chan eil ann an Rosebery ach duinòg, gun a bhi glé làidir ann am bodhaig, agus bha obair agus iomguin na dreuchd a tighn glé throm air, gu h-àraidhnuair nach robh cuisean a soirbheachadh leis. Tha Morair Salisbury, ceannard na pàirtidh eile, an deigh an dreuchd a ghabhail, agus chan eil teagamh nach en ath rud a dhol dhionnsuidh an luchd-taghaidh air son pàrlamaid ùr a thaghadh.

A bharrachd air a bhi deanamh ar dichill ais naigheachdan na dùthcha a thoirt dar càirdean gach seachdain, agus litrichean, sgeulachdan, agus sgriobhaidhean eile nach robh ann an clò riamh gus an deachaidh iadsa MHAC-TALLA fhéin, tha e mar chleachdadh againn a bhi o àm gu àm, a clo-bhualadh, eachdraidhean agus sgeulachdan a bha ann an clò o chionn fhada. Tha fhios againn gu bheil a chuid as dhiubh ùr gu leòr don mhor-chuid dar luchd-leughaidh, ged a tha cuid ann ma dhfhaoite a leugh iad roimhe. A measg sgriobhaidhean eile dhen t-seòrsa sin, tha àireamh mhath de sgriobhaidhean an Dotair Tormaid Mac Leoid, no mar theirte risTormaid a Chuairteir.” Besan aon sgriobhadair Gàilig cho mathsa chunnaic a Ghàidhealtachd riamh, agus bhiodh ena chall mor mur biodh na sgriobhaidhean a dhfhàg e mar dhileab aig na Gàidheil air an clo-bhualadhs air an craobh-sgaoileadh na measg. Tha a sgriobhaidhean uile air an cur a mach ann an aon leabhar, ach tha e glé dhaor, agus chan eil ach fior bheagan dhiubh anns an dùthaich so. As an leabhar sin tha sinn a toirt na h-eachdraidh muBhliadhna Thearlaich,” a gheobhar anns an aireamh so air a leantuinn o àireanh na seachdain sa chaidh. Thig a chuid eile dhith mach anns na h-àireamhan ri tighinn, agus chan eil teagamh againn nach toir a bhiga leughadh mor thoileachadh dar luchd-leughaidh, a bharrachd air tuilleadh fiosrachadh a thoirt dhaibh air na cruaidh-chàsan troimhn deachaidh na Gàidheil a feuchainn ri Prionnsa Tearlach a chur air righ-chathair a shinnsir.

Tha eagal orinn gu bheil muinntir na Gàidhealtachd adol a chall gu dona air stiùir na rioghachd a dhol á làmhan Rosebery agus a phàirtidh. Bhan achd air an dthug sinn iomradh roimhe, air son tuilleadh ceartais a thoirt do na croitearan, mu letheach troimhn phàrlamaidnuair a thug Rosebery suas, agus a nise, cha toirear guth oirre tuilleadh. Tha pàirtidh nan uachdaran ann an dreuchd, agus tha e glé choltach gum bi iad ann treis mhath, agus fhadsa bhitheas, cha bhi dùil aig na croitearan ri dad ach na thaca mar tha. Chan eil bàigh againn fhéin ri taobh seach taobh anns a phàrlamaid Bhreatunnaich; chan eil sinn a meas gu bheil aon phàirtidh fad air thoiseach no air dheireadh air an aon eile, ach be ar dùrachd gum biodh Rosebery airfhàgail ann an dreuchd gus am faigheadh na Croitearan Gàidhealach tuilleadh ceartais.

An duine than dùil gun dean en gnothuch as aonais an t-saoghail, tha ega mhealladh fhéin; ach an duine than dùil nach dean an saoghal an gnothuch as aonais-san, chan eil ann ach an t-amadan.


SGEUL EACHUINN.

Bha midol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòrs ga robhchabhag, cha burrainn domh ach stadnuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dhuaireadairean, de dhfhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dhioghnadh orm nach fhaca min stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bhadol seachad, “ tha cumailsan àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor on chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “chan eil ach beagan us seachdain on dhfhosgail e mach. ’S e

RHODES & GANNON

a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhnan t-samhraidh so?” “ ’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am baithne dhuibh e?” “S ann dhomh a baithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bhagam air idir.” Cha dfhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s chan abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha miseg ràdh riut, an ath uair a thig mi dhan bhaile, cha bhi mo sporan cho falamhsa bha en oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dhfhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath riumnuair a bha mi déileadh ris roimhe.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna.



[413]

[Vol . 3. No. 52. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Than t-each-iaruinn an drasda fàgail abhaile aig aon-uair-deugsa mhaduinn, agus atilleadh aig fichead mionaid gu deich feasgar.

Tha sàcramaid na Suipeir ri bhi air a frithealadh ann an eaglais St. Andrews am màireach. Than t-Urr. Mr. Calder, á Mira gu bhi cuideachadh an Urr. Mr. Forbes. Bha na seirbheisean àbhaisteach aca na seachdain. Than Comanachadh ri bhi ann an Leitches Creek air an dàrna Sàbaid dhen ath mhios.

Tha fear Eobhan Brown (no Mac-Gille-Bhruthainn) a fuireach ann am Mira a tha ceithir fichead bliadhnasa sia deug a dhaois. Rugadh e ann an Ilesa bhliadhna 1799. Tha e gu làidir tapaidh, agus làn chomasach air a chuid fhéin den obair a dheanamh fhathast. Air an t-seachdain sa chaidh, thug e treis air treobhadh, agus cha do chuir e umhail sam bith air. A réir gach coltais tha àireamh bhliadhnaichean roimhe fhathast.

Tha ar caraide Iain Rothach a cur fios ugainn mu bhàs duine mhuinntir Cheap Breatunn ann am baile mor Auckland. ’S e bainm dha Domhnull Mac Gilleain. Rugadh e anns aGhleann Mhor, an St. Anns, agus chaidh gu New Zealand, cuide ri dithis bhràithrean dha agus peathraichean, air an luing Ellen Lewis. Be ainm a bràithrean Iain agus Aonghas. Chaochail e air a chòigeamh latha deug dhen Mhàigh, an deigh dha bhi tinn ùine mhór. Bha e tri fichead bliadhnasa sia a dhaois.

Chaidh dithis dhaoine, Hendershott agus Welter, a chrochadh ann an St. Thomas, Ontario, an la roimhe. Bechiont air sonn do chuireadh gu bàs iad, murt gràineil a rinn iad o chionn shia miosan. Mharbh iad duinòg, mac bràthar do Hendershott, air son airgiod-urrais a bhair a bheatha fhaotainn. Cha robh Hendershott a làthair idirnuair a rinneadh am murt, achs e rinn suas gun deante e an toiseach. An deigh am faotainn ciontach, rinneadh a h-uile dichioll air am beatha leigeadh leotha, ach chan éisdeadh an luchd-riaghlaidh ri sin idir. Latha no dha roimhn chrochadh, dhaidich iad an cionta.

Bha teine mór anns achoille air Rathad-a’ -Chléirich, eadar Louisburg agus Mainadieu, air an t-seachdain sa chaidh. Ruith e air fad ceithir no coig a mhiltean de choille, agus loisgeadh tri no ceithir de shaibhlean, agus tigh-còmhnuidh le fear Domhnull Johnstone. Cha dfhuaireadh ach gle bheag dhe na bha nam broinn a shàbhaladh. Leis an tiormachd mhor a thann an drasda, tha choille gle ealamh gu gabhail, agus bu chòir a bhi glé fhaiciollach mu chur a mach teine. Tha iad a deanamh gun do thòisich an teine so á sradaig a dhfhalbh on charbad iaruinn a dol a mach gu Louisburg. Bha moran de thaighean eile air an losgadh mur biodh gu robh iad air an cumail gun teine ghabhail le uisges le aodaichean boga.

Minard ’s Honey Balsam,math gach nair.

Bha sinn an dùil gu robh na mathain air teirgsinn ann an Ceap Breatunn, ach tha e coltach nach eil. ’S fhada bho nach robh an béistean cho pailt anns a a cheann so dhen eileansa tha iad air an t-samhradh so. Chaidh mathan mòr a mharbhadh aig Amhuinn Sheòrais air an t-seachdain sa chaidh, an deigh dha sgrios mor a dheanamh air feadh nan caorach, agus chaidh fear eile mharbhadh aig Allt-nan-Innseanach, ann an St. Anns. A bharrachd orra so, bha feadhainn eile air am faicinns air am faireachadh ann an caochladh àiteachan. Than t-àm aig daoine feuchainn ri cur as dha na béistean gu buileach, no ni iad call mor air feadh na dùthcha.

Thainig bàs glé aithghearr agus gle mhuladach air an Urr. Uilleam Wetmore, ministear Baisteach Mhargaree, ann am Mabou o chionn cho-la-deug. Bha aige ri searmonachadh ann am Mabou air an t-Sàbaid, agus thainig e ann air Di-sathairne. Ghabh e shuipeir mar a bàbhaist, agus an deigh sin chaidh e sgriob a mach. Chunnacas e mu dheireadh na shuidhe aig a gheata mu ochd uairean. Mu naodh uairean bha dithis bhan a dol seachad, agus chunnaic iad na shineadh e. Thug iad fios do mhuinntir an taighe, agusnuair a thainig iad bha e marbh. Rinn an dotair a mach gum be tinneas a chridhe thug a bhàs. Cha robh ann ach duinòg mu dha fhichead bliadhnasa còig a dhaois. Dhfhag e bean agus aon duine cloinne.

Tha e ro-choltach gu bheil an Dotair Buchanan ri bhi air a chur gu bàs an deigh a h-uile rud. Tha na fir-laghan deigh a theigsinn; chan urrainn daibh an còrr a dheanamh air a shon, agus tha e fhéin agabhail an eagail. ’S iongatach cho mallsa tha ceartas agluasad anns na Stàitean. ’N am bann an Canada nom Breatuinn a bhiodh am murtair ud air fheuchainns air a dhiteadh, bhiodh e air a chur gu bàs o chionn fhada. Ach anns an dùthaich ud, chan ainneamh idir le neart a dhol thar ceart.

Bha tuathanach anns an t-seann dùthaich uair an àm na buana, agus bha eagal a chridhe air gun tigeadh an t-uisge mum faigheadh echuid arbhair dhan t-sobhal. Dhoibrich e cho trangsa burrainn a chorp, agus thug e air gach aon de sheirbhiseich oibreachadh a cheart cho cruaidh. Mu dheireadh thall fhuair e cuibhteas a bhuain; fhuair en lòd mu dheireadh a chur a stigh. Bha chuid mhor dechoimhearsnaich moran na bu deireannaiche na e, ach ged a bha bu choma leis. An deigh dhan obair a bhi air a deanamh, sheas e an dorus an t-sobhail car tacain ag amharc air na speuran. “Ma ta,” ars esan, “tha fior choltas an uisge air na neòil dhubha than sid, agus gu cinnteachs mor a bfheaird an talamh tioram deàrrsach mhath nisge!”

MarbhaidhCherokee Vermifugebiastan.


Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C B.


Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires air son gach àm eile dhen bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.



[414]

[Vol . 3. No. 52. p. 6]

IAIN NA GAIDHLIG.

Bha Iain Cuimeanach na dhuine gle araidh ach cha bhitheadh e soirbh a dhealbh, gu sonruichtesan inntinn. Leigidh an sgeul a leanas ris cuid dhen stuth a bhann. Bha Iain a fanachd aig aite ris an abair iad Lochan-an-eich-bhain, mu leith an rathaid eadar Agaidh-mhor agus Daoghal, ’s bhitheadh e air uairean a reic deur de dheoch laidir, no mar their iad ann an Eirinn, bha e cumail Sith-binn. Bha fear Bhail-an-dailach a dol seachad latha, air ceann na Fensibles, luchd dion na duthcha. Bha Iain am beachd gum bu choir dha bhi fialaidh ris a cheannard, ’s thug e cuireadh dha thighinn a stigh.

Cha teid mi, cha robh mi riamh na leithid a thaigh, ’s cha teid mi ann a nis.”

Nach tig?” ars Iain.

Cha teid,” ars a fear eile.

Mar tig, leigidh tu dha,” ars Iain, “agus chaneil annad ach au cu, direach an cu, ach an t-earball.”

Bha da choimhearsnach oidhche ag ol an taigh Iain, ’s teine mor giuthais ac air an urlar, ’s gach ni gu caomh, blath mun cuairt doibh. Bha an t-uisge beatha laidirs bha na daoine cairdeil, muirneach. Dhol iad air Iain, ’s dhol iad air a cheile, ’s dhol iad mun cuairt a rithist, gus an robh a h-uile fear dhiubh cho mor na bheachd fein ri tighearna Chluanaidhs cho laidir ri fear Chill maluthaig.

Se bhann gun deachaidh na seoid thar a cheile, ’s am bad a cheile a thug iad. Cha robh de dheoch laidir aig Iain na dheanadh reite, no na sgaradh iad o cheile; ’s nuair bha an iomairt aig a h-airde, rug fear dhiubh air cathairs bhrist e i na criomagan air ceann an fhir eile, ’s fagar e call fola air an urlar. Chuir so stad air na buillean, oirs gann bhuaileas duine an darna uair, mar a faigh e buille air ais. Ach cha do chuir e stad air a chanran, no air a mhi-run.

Chaidh an duine bruite thoirt dachaidhs a chur a laidhe; ’s chaidh fios gu baile na siorramachd gun robh duine air a mhilleadh. Chaidh a chuis a rannsachadh, ’s am fear eile a shumanadh. Dhfheumadh Iain dol a dhEilginn a thoirt fianuis an lathair an t-Shiorramh. Mun dthainig nithean gus a so, dhfhuaraich an fhuil aig na daoine, ’s bfhearr leo na ni sam bith nach deachaidh smid a radh mun ghnothach. Ach cha burrain doibh a shocrachadh a nis. Dhfheumadh iad dol don chuirt, ’s cha robh ach an dreach a bfhearr a burrainn doibh a chur air an t-sabaid an sin. Gu cinnteach cha robh fianaiseach ann ach Iain aguss e bhann gun drinn iad suas gun leigeadh Iain air nach robh e glic.

Nuair a thainig an latha, bha Iain air uigheamachadh air son na cuirt. Bha an darna ball aodaich a fanaid air a bhall eile; thug iad an aire nach deach rioba fiasaig a thoirt dheth; bha boineid mhor leithinn air agus bad mor dearg innte; agus bha cuaille bataige chuireadh eagal air duine.

Nuair a bha gach ni ullamh air a shon, chaidh maor a mach air toir Iain. Thainig e stigh, is mun robh e thar na starsnaich, thug e dheth a bhoineid mhor, ’s bhog e i le dha laimh, ’s chrom e cheann. Thug e ceum eile stigh, ’s chrom e rithist, ’s bhog a bhoineid— ’s mar sin gus an robh e aig achro anns an robh e gu fianuis a thoirt.

Take the oath, sir, ”arsam fear lagha.

A Ghaidhlig, a Ghaidhlig,” arsIain. “ ’S i Ghaidhlig is docha leam.”

Chaidh Iain a chur air a mhionnan ann an Gaidhlig.

Cainm a thort?”

Tha Iain Cuiminn no Cuimeanach. U tha, cha daicheadh mise mainm riamh.”

Tha thu fanachd air an rathad eadar Daoghal agus Agaidh-mhor, nacheil?”

U, chaneil, ler cead, chan eil mi air druim direach an rathaid, cha leigeadh iad dhomh a bhi an sin, fhaic sibh, U, cha leigeadh, cha leigeadh. ’S bhithinn fo chasan dhaoine is bheathaichean air an rathad mhor.”

Bha Siorramh ag amharc air Iain, ’s air a bhoineid leis a h-uile suil a bha na cheann, ach bha Iain a cur mun cuairt na boineide moire.

Tha thu fantail, ma ta, an Lochan-an-eich-bhain.”

Ma ta, ler cead, chan eil mi fantailsan loch. Nam bithinn a fantailsan loch bhithinn fliuch, ’s cha fhreagradh sin do sheann duine. U, chan eil mi fantailsan loch,” ’s chuir e mun cuairt a bhoineid, ’s chrom e cheann mar urram don t-Siorramh.

Cainm ma ta, thair an taigh agad!”

Cha chuala mi riamh air ach an taigh. Direachan taigh’; ’s ma thig sibse leamsa chi sibh e. U, direach an taigh.”

Take him away, ”ars an Siorramh, “hes a fool; we can make nothing of him. ”

Leigeadh Iain air falbh, mar so; ach bhan Siorramh an teagamh gum foadadh gun robh Iain na bu ghlice na bha e leigeil air, ’s chuireadh maor a mach na dheigh. Thainig Iain a stigh a rithist, a cromadh a chinn mar a rinn e roimhe, ’se cumail na boineid eadar a dha lamh.

A cheud cheisd a chuireadh ri Iain

Am bheil thu posda?”

Tha ler cead. U, tha mi posda, tha, tha; ach chan eil mi cur mir do choire sin oirbhse. U, ’s mi nach eil.”

Out with him, ”arsan Siorramh, “we can make nothing of such a fool as that. ” ’S o nach robh fianaiseach eile ann air an t-sabaid, cha robh ach leigeil leis na seoid dol dachaidh, gu buidheachas a thoirt do dhIain air son mar a thug e as a chruaidh-chas iad. ’S iomadh gaire bhaca comhla air a ghnothach; ach thug iad an aire nach do leig iad leis an dibh aig Iain an cur an eiginn a rithisd.


Tha na h-Innsean an Iar, a réir coltais glé fhad air ais air abhliadhna so. Tham bàrr siucair air a dholnan aghaidh gu buileach, chan eil car oibreachg a dheanamh, agus tha iadsan a bha deanamh am beòlaind air gun ni a chumas suas iad. Tha moran nan éiginn air son ni a dhitheas iad.

Tha flùr anabarrach math aig D. J. Domhnullach an dràsda. Tha aige cuideachd anart mathse glé shaor.


DR. T. C. MAC LEOID.
Faodar an Dotair fhaicinnna oifig anns an togalachs a bheilMoore & Johnstonri ceannachd, no aig a dhachaidh ann aSheerwood.”


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.



[415]

[Vol . 3. No. 52. p. 7]

Bha latha mor aca ann an Antigonsh an la roimhe, acumail co-ainm an la air an dfhuair an t-Easbuig Camaran dreuchd na h-easbuigeachd coig bliadhna fichead air ais. Bha sluagh mor cruinn anns an eaglais, agus bha còrr us tri fichead sagart a làthair. Chaidh da ghibht luachmhor a thoirt dha mar theisteas air a mheas a thaig sluagh nan sgìreachdan a tha fo chùram, dha, aon dhiubh, sporan anns an robh seachd ceud deug dolair, agus aon eile, sporan anns an robh da mhile dolair. Than t-easbuig direach air tilleadh bhar cuairt a thug a dhan Roimh.


Leighis mi cloimh air each leMINARD ’S LINIMENT.
Dalhousie. CHRISTOPHER SAUNDERS.

Leighis mi droch reubadh air each leMINARD ’S LINNEIMT.
St. Peters, EDWARD LINLIFF.

Leighis mi droch at air each leMinard ’s Liniment.
Bathurst, N. B. T. W. PAYNE.


S . J. BROOKMAN,
SIDNI, C. B.

Flur, Min, Ti, Siucar, Fiar, Biadh, us Amhlan dhe gach seorsa.

Uidheaman Tuathanachais Mhassey-Harris, Croinn, Cliathan, agus Innealan Speallaidh.

S . J. Brookman,
Mai 17, 1895.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


Tha so air a chumail do
C . B TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche, SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, —C. B


CLOIMH.

DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris as airdesa mhargadh oirre.

D . F. Mac RATH.
Baddeck, C. B.Mai 6, ’95



[416]

[Vol . 3. No. 52. p. 8]

CRONAN ALTRUIM.

LE MAIREARAD GHOBHA.

LUINNEAG.
Fa-ill ile na ho ru,
A-ill o na hi ri u,
Fa-ill ile na ho ru,
Gur tu mo run mo leanabh beag.

Baidh, baidh , baidh mo ghradh,
Baidh, baidh , baidh mo ghradh,
Meigeag bheag a chinnein bhain,
Gur a h-i annsachd mamaidh i.

Chaidh na caoraich oirnn o stàth,
Chan fheil bainnaca no àl;
Ciod an comas thair, a ghraidh,
Gun danig call an earraich oirnn?

Tha na h-eich air dol bho fheum,
Am biricheans e cromnan deidh;
Ach ma dhfhalbhas iad gu leir,
S ann their mi fein gur breamas e.

Chan ann an saibhreas an t-saoghl,
Tha sonas buan a chinne-daoin’;
S mairg a bheireadh moran gaoil
Do nithean faoine faileasach.

Ged a charnamaid suas stor
Chumadh saibhir sinn rir beo,
Nuair a chairear sinn fon fhoid,
Cha mhor a theidsan talamh leinn.

Ged robh ni is maoin aig neach,
S tric an smaoin so ann am bheachd,
Mur a stiuir e chuis gu ceart,
Gur fearr an neach tha aimbeartach.

Ach ma bhitheas tathair beo,
Gleidhidh e dhuinn crodh air lon,
Caoraich agus uain mun chro,
Is bheir a bhòtach searrach dhuinn.


ON THA MI FO MHULAD AIR MAINEOL.

LE MR. TEARLACH STIUBHART.

LUINNEAG.
Hi ri ris ho ra ill o,
Ra il o ho, ra ill o,
Hi ri ris ho ra il o,
Mo nighean donn as boidhche.

On tha mi fo mhulad air maineol,
Ann an tirs nach faic mi carid,
Ruigidh mi nise mo leannan
Dhfheuch am faigh mi còir oirr’.

Bha mi og am measg nan Gall,
S thug mi greis air feadh nam beann.
S ge lionar te on dfhuair mi cainnt
S anntha min geall air Moraig.

Na h-orain mhilisthig o dbheul
S annsa leam na ceol nan teud;
S binne na smeorach air geig
Na fuinnthig reidh o Mhoraig.

Nuair chuirtan fhiodhall air ghleus
Dhannsadh tu gu h-eutrom, reidh;
Bu dluth mo bheachd air gach ceum,
S mo chridheleum ri Moraig.

Nuair liontan deoch a bhiodh blàth,
Mu fheasgarsna cupain bhàn,
Ged dhuisgteadh sgainneal le càch
Cha chluinnteadh cànran Moraig.

Do chomhradh cha tog cuis nair
Do neach sam bith nach bin lathr;
Is ma bhios a chliu ga sharach
S carid blath dha Morag.

S cliuiteach, siobhalta, do bheus,
Aigneadh ciuins e socir, reidh;
Gur seirceil, suairce, soitheamh, gleusd’,
Gnuis na feile Morag.

S lionmhor do ghibhtean o nadar,
Dhfhas thu modhail, gniomhach, nàrach;
S chan fhaca min dreach non ailleachd
Na bheir barr air Moraig.

Bannsa leam na or na Spàine
Do ghnuis fhaicinn le fiamh gaire;
S e sud a dhfhag bruite màirnean,
Meud mo ghraidh air Moraig.

Ge taitneach bhi caitheamh feisde
Mar-ri cuideachd chridheil, eibhinn,
Bfhearr leam triall do choill nan geug
Mar-ri mfheidail, Morag.

Ge taitneach bhig amhrc na greine
M maduinn dhruchd gu ciùin ag eirigh,
Bannsa leam aiteal de dh-eudann
Laoigh mo cheille, Morag.

Cha n-ionghnadh leam thu bhi uaibhreach
S iomadh snithan mear mu dghuaillibh;
Achs moid mo dhuil-sa ri fuasgladh
Thaobh na h-uaisl’ ’thad phorabh.

Nan glacadh tunis mo amh.
Gun leiginn mulad mo lar;
Sheinninn orans dheaninn dan,
S mo lamh gun duginn pog dhuit.


TAIGH-DIGE NAN FEAR EACHANNACH.

LE ALASDAIR BUIDHE MAC IAMHAIR.

S uaigneach an nochdtha geatachan
Taigh-dige nam fear Eachannach;
Tha caochladh mor rifhaicinn ann;
Tha teaghlach nam fear gaisgeanta
Air a ghlasadhs e gun cheol.

Than teaghlach, mheadhrach, mhanranach,
Bha sugach, muirneil, ailgheasach,
Fo ghruaim, gun fhuaim, gun ghaireachdaich,
Gun ol, gun cheolga bhairigeadh
Mar a babhaist do na seoid.

Chunnacas uairs gun bfhoirmeil sibh
Le cuirt, ’s bha cliu feadh Alboirbh;
Fir aotromshiubhal gharbhlaichean,
S iad sunndach, luthar, anmanta,
Neo-chearbach ann san toir.

S bha ceannard fialaidh, fiughantach,
Bha miadhail, rianail curamach,
Ceann-uidhe chliar is dhiulanach,
San teaghlach mheadhrach, mhuirneil ud,
Than nochd gun smuid, gun cheo.

Nuair dheireadh strith no streup oirbh,
Bu lionmhor laoch a dheireadh leibh,
Fir mhaoidheach, fhuilteach, geur-lannach,
S iad strac-bhuilleach, sar-bheumanta,
Nach geilleadh ìs iad beo.

(Ri leantuinn.)


I. O. G. T.
Tha coinneamh aigVictory Lodge, No. 138, I. O. G. T., ”ann an Talla nan Saor Chlachairean, am Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co,
Mai 4. ’95;

titleIssue 52
internal date1895.0
display date1895
publication date1895
level
reference template

Mac-Talla III No. 52. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page