[41]

[Vol . 3. No. 6. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 11, 1894 No. 6.


Domhull a Chogaidh agus Ailein Tailleir.

Tha Siorramachd Ghlinn-Garraidh cha mhor gu h-iomlan air a h-àiteach le Gàidheil. Anns na làithean breagha dhfhalbh, ’nuair bha iad a gleachd ris aChoille Ghruamaich,” agus a deanamh dhachaichean dhaibh féin agus a fulang chruaidh-chasansan tir ùir so, chan eil teagamh nach iomadh uair a rachadh an smuaintean gu muladach a null thar saildon tir a dhfhàg iad rinn an àrach òg,” agus a chuimhnicheadh iad na sòlasan a babhaist dhaibh bhi mealtuinn ann an tir an dùchais. Baonranach a bheatha bha iad acaitheamh gun teagamh, ach le bhi cumail snas cleachdaidhean an sinnsir, adol air chéilidh, ag innse sgeulachdan agusa gabhail òran, chuir iad an ùine seachad gu cridheil, agus gun a bhi faisg cho aonranachsa bhitheadh iad air dhòigh eile. Gus lathan diugh tha sliochdnan daoine sin cho caoimhneils cho clàth-chridheachsa bhan aithrichean, agusnuair a thaghaileas caraide no coigreach orra ni iad a bheatha leis geach ni as fhearr na chéile bhios am broinn an taighe. Agus bonarach a thainig orra bhi càirdeil agus fialaidh. Bha morannam measg aig an àm ud a bha glé dheidheil air a bhi deanamh fala-dha air a chèile; dhfheuchadh gach fear ri char a thoirt as an fhear eile, agus cho cinnteachsa dheanadh e sin bhiodh e air a phàigheadh air ais na airgiod fhéin. ’S ann mar sin a thachair anns an sgeul a thagainn ri innse. Am measg nithean eile thug na Gàidheila tir an dùthchais bha cuid dhiubh a toirt creideas mor do bhòchdain, taibhsean, droch-shùil agus buidseachd, agus bha iad acreidsinn mar an ceudna (mar tha moransan lathan diugh) gu robh daoine air an rabhadh a thaobh na bha gu tachairt dhaibh le manaidhean agus seallaidhean. ’N uair a bhios daoine a toirt creideas do nithean mar sin agus a chi iad sam bith a mheasas iad mi-madarra, chan urrainn iad a chuis a rannsachadh a mach, rud nan deanadh iad a dhearbhadh dhaibh nach robh dad mi-madurra ma thimchroll. Is tric a theicheas daoine roimh ni dhen t-seòsa so, nach smaoinicheadh air teicheadh o bheul a ghunna mhoir no o chunnart sam bith eile a ghabhas faicinn; ’s ann roimhni nach fhaicear as ghabhas duine dheagal.

Mar tha fhios againn uile, tha ena chleachdadh aig na Gàidheil a bhi toirt fath-ainmean air daionen uair tha àireamh dhen aon ainms dhen aon sloinneadh a fuireach faisg air a chéile. Bidh na fath-ainmean so gu tric a toirt a stigh ceaird no dòigh teachd beò aithrichean no seanairean nan daoine air am bheil iad. Cluinidh sinn gu tric ainmean mar a leanas air an cleachdadh; —Iain an Dotair, Domhnull a Ghreusaiche, Donnacha na Bantraich, Iain a chlachair, agus tuilleadh dhen t-seòrsa sin.

O chionn iomadh bliadhna air ais, bha dithis dhaoine a fuireach air cùl na siorramachd a bha car ainmeilnan doighsnan ginealach fhéin, oir gus an lathan diugh cluinnear an ainmean cha mhor anns gach tigh. Bha iadnan sàr Ghàidheil, agus chuidich iad gu mor ann a bhi deanamh am beatha fèin agus beathan coimhearsnaich na bu toilichten àm a bhig obair gu goirt a deanamh dhachaidhean anns na coilltibh. Ged chleachdamaid an ainms an sloinneadh ceart, cha tuigeadh na h-eòlaich iad, agus uime sin cleaehdaidh sinn na h-ainmean a theirteadh riutha gu coitchionn anns a choimhearsnachd, “Domhnull a Chogaidh agus Ailein Tailleir”. Anns na laithean sin bha luchd-ceairde cho ganns gum feumadh gach duine a bhi ris gach ni air an cuireadh e feum. Aon fheasgar, thaghail Ailein air Dòmhnull, agus fhuair e e gu trang a deanamh paidhir bhròg agus dhfhuirich e gus an robh e fadasan oidhchega chuideachadh riutha. Air a rathad dhachaidh bha aig Ailein ri dhol seachad air chladh annsna thiodhlaiceadh latha no dha roimhe sin doine dam bainm Cuibheart, agus bha e a toirt leis dhachaidh air an oidhche so plaide no dha a bu leis an dearbh dhuine sin. An deigh dha tigh Dhòmhuill fhàgail, thog Dòmhnull airs chaidh e troimhn choille air fiith-rathad, agus ranaig en cladh air thoiseach air Ailein. ’N uair a rainig an duine cóir sin an cladhsa bha e seachad, sheas fhalt air a cheanns chaidh gaoirna fheòil air dha guth tùchanach bristach a chluinntinn anns a chladh ag ràdh, “Ailein! Ailein Thailleir! Thoir dhomh mo chuid phlaideachan! Tha mi fuar, fuar!” “ thusa?” arsAilein, “Is mise,” arsan guth, “Cnibheart bochd a dheug an la roimhe! Thoir dhomh mo chuid phlaideachan! Tha mi fuar, fuar, fuar!” Thilg Ailein na plaideachan an null rathad na h-uaghach as an robh an guth a tighinn, ’s ag radhSid agad do chuidthug e na buinn dhis cha bfhada ruigheachd a thaighe e. Cha dinnis e do neach sam bith aon dad a chuala no chluinn e. Air do Dhomhnull am fear eile fhaicinn as an t-sealladh, thog e na plaideachans thug e leis dhachaidh iad, an duil gu faiceadh no gun cluinneadh e ni eigin a bhrathadh Ailein. Ach a dhaindeoin cho deònachs gu robh Ailein air a chùis a chumail an cleith, fhuair an dùthaich gu leis fios air an ùine ghoirid, chuir Domhnull na plaideachan dhachaidhga ionnsaidh, agus mur robh a chluasan teth an deigh sin cha robh cluasan duine teth riamh. Ach rinn e air a shocair, a gabhail alla ris na bha chàirdean ag radh, agus a cur roimhe, ma bha bheag a shaoghal an dàn dha, gum faigheadh e cothrom air eagal cho mor a chur air Dòmhnull sa chuir Dòmhnull airsan.

(Ri leantuinn.)



[42]

[Vol . 3. No. 6. p. 2]

COMHRADH NAN CNOC.

AONGHUS, EACHANN, ETC., AGUS AM MINISTEAR.

(Bhon Teachdaire Ghaidhealach.)

EACH. —Tha thug agaibh air, fheara. A bheil guth idir agaibh air sgur? Gu dearbh Aonghais chaneil an stac sin fein furasd a chur as a laraich.

AON.— ’S ann agam tha fios; ach cruaidhs ga bheil e, mar thuirt muileann gliogach aghlinn bhig, Theid againn air, theid againn air.

EACHMata is briagh an t-innleachd drochaid fein; is mor am feum a bhair te an so. ’S iomadh miobhadh a bha daoinafaotainn air abheul-atha so. Abheil cuimhnagad air an oidhcha bha sinn ar tòrradh brathair do shean-athar?

AON, —Fhir mo ghraidh, nach tu bha talls a chunnaic sin. Tha agus bithidh cuimhnagam air. ’S ann air na daoina bhan saod math an oidhche sin fein, as dhfheudadh iad; bhan Toiseachd ni bu phailte na tha en diugh. Be sin an torradh, ’s cha be torradh spiocach na bochduinn, leis a bheil iad a nis acur dhaoine coire fichail fo thalamh.

SEUM.— ’S i mo bharail, a dhaoine, gum feudadh cuimhna bhi againn uilair an torradh a bhan sin. Is minic a chuala mim athair aseanachas air.

EACH. —Tha thu ceart, bha e lathair, agus bu ghramail, sgairteil an ceatharnach es an am sin.

SEUM. —Mas fior an seanachas chan fheumadh e a sgairt a bhin a sporan; tha mim barail nach builear dhuibh uile gach sgairt a bhagaibh.

EACH. —Bha sgrobadh mosach ann; achs minic a chunnaic sinn ni bu mhioss achladh cheudna. Agus ged is cinnteach gur en drama bu choireach, ’s en t-aon siochair bu leibidich a bhas an duthaich a thoisich an iorghuill, agus be sin Para saighdear, sgealb de dhuinebha cho chrosta ris an dris. Co bhan a fhear-freasdail againn ach Iain-na-beinne agus cha be sin lamh na gorta. Mur dean mi breug chaneil cuimhnagam ciod a fhuair sinn mun do thogadh an giulan; ach tha cuimhn agam gun do ghabh sinn sgoba math aig Bealach-nan-carn, agus chithe tu corr-fhear gle thulgach air a chasan atearnadh a stigh na catha os cionn na h-eaglais; achs ann air deireadh an latha bu teothadh an cath; thainig am feasgar, agus, a mhic chridhe, luidh sinn air. Ciod a thagad air, ach bha Paraig, ’s en a shuidhe air ultaich de chloich chruinn, anns an turramanaich; ann am prioba na sul dhfhalbh achlach, agus sios chaidh e fein agus ise car air char leis abhruaich. Mar bhan tubaist ann, co bhan a shuidhe lamh ri Paraig ach an ceatharnach coir agus be sin esan, Eoghan mor. Cha chomhdaicheadh an saoghal air Paraig, (agus en a pheasan mar bha e,) nach e Eoghan a chuir leis abhruaich e, agusn a bhad a bhitheadh e; ach be sin streap amheasain ris amhiol-chu; ach coma leat chaidh an ceol air feadh na fidhles bhan t-sabaid air bonn. Dheirich na h-uile fear gun fhios co bu Chalum, agus bha iad mar sin aspionadh agus asgrobadh a cheile, gus an deach an oidhchagus an abhainn so feins an eadraiginn. Rainìg sinn am beul-atha so, ’s a mach bhiodh na h-uile fear gun suim den chlachran; agus chitheadh tu iad a sios leis an t-sruth, an sasn a cheile mar gum biodh coin air lothainn ann, ach feuch riut, ’n uair chaidh iad am bogadhs aghlumaig mhoir, mur robh iad gle sgith da cheile; chluinneadh tu iad arocail thalls a bhos mar ni an dobhran donn, ach cha luaith fhuair iad gu tir, na bu bhuidhe leis na h-uile fear a thigh a thoirt a mach mar a bfhearr a dhfheud e. Och! ’s ann air an duthaich a thainig an da latha.

SEUM. —Mata bu ghrannda sin fein ameasg luchd-duthcha.

EOGH. —Coma co dhiu, bha daoine cordadh gle mhath airson sin; an dram fhir mo chridhe, a rinn uile.

AON. —Ciod eilach an dram?

MINE. —Ciod so, Eachainn. a rinn an dram? Is iomad olc a rinn e riamh.

EACH. —Nach e sin fein an cliu a thair; ach mar thachair don Eirionnach, chaneil e nis measa na than t-ainn dha; is sibh a thainig orm gun fhios dhomh; than rathad so co comhnard reidhs nach cluinn dnine an t-each donn fein atighinn, ge sunndach faramach a dhfhalbhas e: an saoil thu fein Aonghais nach beo an da shuilthan a cheann.

AON. —Tha Eachann agus misa Mhinisteir atighinn air seann naidheachdan; tha ecuimhneachadh dhomh na thachair air torradh bhrathair a shean-athar; agus a’ -talach mar than t-ol adol a cleachdadh air an torraidh-


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi. A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.


G . H. GUZZWELL,
SIDNI, C. B.


C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeos, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadan, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air dlaimh aonnan.



[43]

[Vol . 3. No. 6. p. 3]

ibh.

EOGH. —Chaneil mis, Aonghais, atalach air dith drama; ge nacheil fhios agam co chuireas richluais le moit e nis mo na ni mise; chan eil mi dad nis deigheile air na daoineile achn a dheigh sins gu leir chan fhaic mi carson a bhiodhte an aghaidh cuims dheth an am feuma.

MINIS.— ’S e sin, am briathraibh eile, an comhnuidh; oir tha fios agadsa far am bi deigh an drama nach robh leith-sgeul an drama riamh air chall. Iarraidh daoines an t-samhradh e chum am fionnarachadh, agus anns agheamhradh gu teas a chur annta.

EOCH. —An saoil sibhsen uair tha daoinasaoithreachadh thar muir is monadh, mar is tric a tha iad air torradh, nach feum iad biadh as deoch?

MINIS. —Feumaidh, ach feudaidh iad biadh as deoch a ghabhail ann am measarrachd, gun suidhe sios ann an cladh nan cill, agus iad fein a chur air an daoraich; agus is tric a chunnaic mi, nach iadsan is faida thig air astar is cionntaich anns achuis so. Chi mi gur gur iad na daoinis dluithe air achladh is mo a dh-itheas agus a dh-olas.

EACH. —Tha sin fior, ach air leam fein, gur grannd an gnothach daoine fiachail a chur fo thalamh mar gum bann gun fhios, gun uiread agus gloin ol mar chuimhneachan orra. “Tha rathad lamh ris an rathad mhor,’ agus chan fheud e bhith gum bi sibh an aghaidh cuimse.

MINIS. —Cuimse, Lachainn, is doirbh a radh ciod ris an abradh tusa cuimse. Nach cianail an gnothachn uair a tha bas ann an teaghlach, nach ceadaichear do na cairdidh tursach an deoir a shileadh ann an sith, agus iad fein a striochdadh gu samhach don Ti a smachdaich iad; ach gum feum iad eirigh le cridhe luchdaichte le bron a dheasachadh na fathraire, agus O, bi sin achuirm gun bhlas do gach neach aig abheil mothachadh. Air mo shon fein, ’n uair a chithinn daoine asuidhe sios air chul garaidh anns achill, astroiceadh feola, agus acnuachdadh arain agus caise, agus ag ol le ciocras, is minic a chuir e sgreiteachd orm. Tha misg aig am no an aite sam bith ro ghraineil ach is i mhisg is oillteile misg an torraidh. Ciod an sealladh is uamhasaiche na daoine air an dalladh le daoraich, atuiteam air na leachdaibh sin fom bheil an caomh chairdeann an sineadh agus far am bi iad fein ann an uine ghearr abreothadh gu uir. Seadh, agus mar is bitheant a chunnaic thusEachainn, iad adortadh fola cach a cheile air acheart fhoid sin air am faciad deoir nam bannntrach agus nan dilleachdan asileadh gu frasach. Be so, Eachainn an sealladh graineil, agus cha be amheasarrachd air a bheil thus atalach. Mo thruaighe sinn! tha sin ullamh nis leoir chum am bas a dhi-chiumhneachadh, ged a chumamaid air chuimhne e an fhads a than uaigh, achiste, achnuimh, ’s an claigeann ruisgte fa chomhair ar sul. ’S i so an t-searmoin, agus is cruaidh an cridhe air nach druigh i. Tha fas-fhuaim eagallach aig an uir atuiteam air a chistidhbu choir toinisg a dhusgadh suass an duine is neo mothachala. Tha a teagasg araidh fein aig gach uaigh fa leth, ach tha iomad teagasg cudthromach aca gu leir. Tha gach uaigh fhosgailtefeoraich dhiotsaabheil thusa uilheamaichte chum an saoghalfhagail, agus acur an ceill duit gur duslach thu, agus a chum an duslaich gum pill thu faidheoigh. Nan smuainticheadh daoinair so mar bu choir dhoibh is ann le smuainte stolda a sheasadh iad man uaigh. Cha be fleadhachas na cuirm a dhiarradh iad, ach uaigneas agus samhchair anns an guidheadh iad ar Dia na chunnaic iad a bheannachadh chum leas an anama.

AON. —Bi sin an fhirinn; ’s e cridhealasbu lughabu choir tighinn fainear dhuinn air a leithid sin de chodhail.

EACH. —Aidichidh sinn sin uile, ach gu de dheth sin, cha luaithe thuig bass an rathad, na chi mi gur math leis na h-uile h-aon an gradh a nochdadh le dol gu cosdas mar ni daoineile, chum crioch onarach, moar their iad, a thoirt dhoibh.

MINIS. —Bfhearr dhoibh an gradh a nochdadh an fhads a dheanadh e feum dhoibh; chaneil ann an cosdas torraidh ach straic agus fearasmhor. Is aithne dhuitsiad agus is math is aithne dhomhasiad a chosd gu stadail, ’s a chuir iad fein fo ain-fhiach air nach dfhuair iad fhathast an uachdar, le torradh an cairdean, man robh iad caoin-shuarach re am beatha; a dhfhag an sud iads achuil dhoirche gun suimn an deigh. An saoil thu nam burrainn doibh an guth a thogail on uaigh, an abradh iad gun do chuir strothalachd an torraidh comain orra? Mur coisinn daoine deadh chliu dhoibh feins an t-saoghal so, le giulan teisteil, ionraic, cha dean aon riomhadh torraidh suas doibh e; agus creid thusa mis’, Eachainn, ged a chosgadh tu na thagad anns an t-saoghal; ged rachadh tu do Ghlaschu a dh-iarraidh goireis, is beag buidheachais a bhoidh agad air a shon air acheann fa dheireadh; bhiodh cuid atalach agus acur iomchoir.

AON. —Ma ta, a Mhinisteir, ge nacheil micur an ag aon fhocal a tha sibh ag radh, feumar aideachadh, gum bi baigh aig daoine ri cleachdadh an sinnsireadh, agus nacheil ann am fear aig abheil de mhisnich a bhi air leth o dhaoinibh eile.

MINIS. —O! be sin leth-sgeul na truaighe, leis abheil daoinair am mealladh anns na nithibh is cudthromaiche; cha toigh le daoina bhi air leth o dhaoineeile, ged a tha na daoin eile sin adol do ifrinn. ’S e co-fhurtachd an duine dhona air thalamh e; ach an saoil thu, an toir e co-fhurtachd dha ann an siorruidheachd, gun abrar ris ann an dorainn gu bheil e mar dhaoine eile? Cha toigh leamsa bhi air leth air daoineile anns an ni tha dligheach agus ceart; ach fhads a than ceartas am thaic, is coma leam ged robh sluagh na duthcha am aghaidh. Is baigheil leamsa cuimhne nan treum on dthainig sinn; is measail leam na laraichean bristes an robh iad a chomhnidh, agus na leachdan-lighe aosmhar a tha thairis orra; is taitneach leam an deise leis an do shiubhail iad an t-aonach, agus achanmhuinn anns ann deachaidh an teanganna air tus gu comhradh; ach tha fiosrachadh againne nach robh acasan, agus an lean sinn na h-uile cleachda a chionn amhain gun robh e aig ar n-aithrichean? Cha ghabh a h-aon agaibh garbhlach an t-sleibh ud thall, no doimhneachd na h-ath ud thall, a roghainn air comhnard an rathaid mhoir, ’s air tearuinteachd na drochaid a chionns nach robh a h-aon seach aon diubh ann ri linn ar n-aithrichibh. Tha baigh againn, agus tha e nadurra a bhith, ri cleachdanna ar n-athrichibh, ach an e gun stailceamaid sinn fein air larach nam bonn agus gun leigemaid leis an t-saoghal gabhail air aghaidh mar a chitear, ann am fiosrachadh agus ann an eolas; agus nach gluaiseadh sinne a nunn no nall, ach mar ghluais na daoine on d

(Air a leantuinn air taobh 7.)



[44]

[Vol . 3. No. 6. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton


SIDNI, OGUST, 11, 1894.

THUGADH dinneir mhòr don Ard Riaghladair, Iarla Abaraidhean ann a Halifax Di-màirt. Chuir na h-Eirionnaich na h-Albannaichs na Sasunnaich an cinns an sporain cuideachd ann an ullachadh na cuirme, agus bha na h-uile làn riaraichte leis mar chaidh an latha. Bha suas ri da cheud de dhuaislean na mor-roinne cruinn agus an deigh na dinnearach, chuir iad seachad am feasgar ag òl dheochan-slàintesa deanamh òraidean. Bhan t-Iarla air éideadh anns an DEISE GHAIDHEALAICH, le féilleadh de bhreacan nan Gordonach, a chinneadh féin. Is duine e a tha, a reir coltais, “a leantuinn gu dlùth ri cliù a shinnsir.” Tha sinn an dòchas nach dean e dearmad air Ceap Breatunn na chuairtean, ach gun cuir e seachad, air a chuid as lugha latha, no dha agabhail seallaid, air an eilean as àiluinn an taobh-san Atlantic.

THUIRT maighstir-sgoile aon uair ris na gillean a bha fo theagasg gun toireadh e crùn (5s.) do fhear sam bith dhiubh chuireadh tòimhseachan air nach burrainn dha fhreagairt. Dhfhaighnich fear dhe na gillean dheth, “Cia mar tha mise coltach ri Prionnsa Wales?” Thug am maighstir na h-uile freagairt air an smaoinicheadh e dha, ach mu dheireadh thug e suas, ’s dhaidich e nach buraainn da m freagairt ceart a thoirt dha. “Ma ta,” ars an gille, “innsidh mise dhuit ciamar tha mise coltach ri Prionnsa Wales. Tha mi a feitheamh gus am faigh misn crùn.”


On Amhuinn Mheadhonaich.

S tric a bha min dùil a sgriobhainn ad ionnsuidh, ach thuige so, cha dfhuair mi cothrom.

Bha aimsir bhreagh againn re an t-samhraidh. Dhfhàs gach bàrr gu math, ’s tha gach ni agealltuinn fogharadh breagha. Tham feur nas fhearr na bha e o chionn sheachd bliadhna.

Ged bhan aimsir cho breagha re an t-samhraidh, bha morannar measg nach robh gu mathnan slàinte. Chaochail gìlle tapaidh dam bainm Fionnladh Mac Fhionnlaidh, duinòg gealltanach, agus tha sinn fior dhuilich e bhi air a ghearradh air falbh ann am maduinn gealltanach a latha.

Tha moran de ghilleans de nigheanan òga an àite, a bhasna Stàitean air tighinn dhachaidh air an t-samhradh so. Tha e toilichte bhi faicinn chàirdean a tighinn dhachaidh, ach chan eil a cho math a bhig am faicinn a falbh.

Tha moran Gheancach, a tha teicheadh bho theas an dùthcha fèin, a cur seachad greis dan ùine maille ruinn air an t-samhradh so. Tha na thainig an rathad so dhiubhnan daoine modhail agus gasda anns gach dòigh. Thug fear dhiubh, an t-Urr. Mr. Lockwood, á Westfield, Mass., searmon Beurla dhuinn air an 22mh la de Iulaidh, agus thug an t-Urr. Mr. Baldwin à Springfield, Mass., searmon dhuinn air an 26mh la dhen mhios sin. Tha iad le chéilenan searmonaichean pongail, dùrachdach agus cothromach. Than t-Urr. Eachunn Mac Gilleain, á Acadia Mineas, N. S., air chuairt a coimhead air a chàirdean.

Sin agad nasurrainn mise thoirt dhuit de naigheachdan, an drasda, ach chan éil fhios nach cluinn thu uam an ùine ghoirid a rithist.

EBENESER.


IarrMinards Liniments na gabh ach e.

THA sinn fadan comain nan càirdean a thacur naidheachdan ugainn o àm gu àm, agus bfhearr leinn gun cluinneamaid uapa na bu trice. Bu mhath leinn a bhi cluinntinn as gach cearna dhen eilein, a Nobha Scotia, á Eilean aPhrionnsa, a Ontario, as aGhàidhealtachds as gach cearnan t-saoghals am beil am MAC-TALLA dol. Cuireamaid fiosan dhionnsaidh a MAC-TALLA á aon àites á àit eiles thoireamaid fios da chéile mar thadol dhuinn. ’N an deanamaid so uile bhiodh am paipear gach seachdain loma-làn de naigheachdans de gach leughadh eile bu taitniche na chéile, agus nach e sin a tha dhith oirnn uile?

CumMinard ’s Liniment ’san tigh


JOST BROS.
(Roimhe so, C . S. Jost & Co.)
STOC MOR DE BHATH ARUR

Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa.
Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c ., &c .

Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhiga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor,

CHEAPSIDE WAREHOUSE.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


Gllios & MacEachuinn
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[45]

[Vol . 3. No. 6. p. 5]

NAIDHEACHDAN

THAN t-Urr. Coinneach Mac Coinnich a bha ùine mhor na mhinisteir am Baddeck, an dràsd ann am Port Hastings.

BHA teine mor ann an St. Pauls, Minnesotta Di-màirt, agus bha fiach sia fichead mile dollar do thaighean air an losgadh.

CHAIDH a cheud luchd gual a dhfhalbh riamh á Cape Breatunnn gu Greenland a chur air falbh á meinn Chove Khelly, air an la roimhe.

Sheas Santo, am fear a mharbh Carnot, Riaghladair na Frainge, cùirt air an t-seachdain sa chaidh agus thugadh a mach binn bàis air.

THAn t-iasg mosach ris an abrar amBiorachair tighinn thun na cladaichean so aon uair eile. Tha iad a fuadach an éisg eile air falbh agus a deanamh milleadh mor air lin nan iasgairean.

CHAIDH Dr. L. W. Johnstone, anns a Mhèinn a Tuath, a bhualadh leis a ghrein Di-luain. Bha e gle iosal fad leth latha ach tha e air a dhol gu math am feabhas, agus tha choltas air nach bi dad cearr airan ùine gle ghoirid.

THAINIG dithis iasgairean air tir ann am Port Morien Di-haoine air an t-seachdain sa chaidh, an deigh dhaibh a bhi air a mhuir fad sheachd latha. Chaidh iad air chall air an t-soitheach anns an robh iad ag iasgach.

THA teintean gàbhaidh a cur as don choille ann an California. Tha iad an deigh ruith air aona ceud deug acaire fearainn cheana, agus tha iad ag obair fhathast. Tha coilltean Chalifornia anabarrach luachmhor.

THA ceannaiche ann am Brunswick Ur a tairgse aigiod a phàigheadh sios air leth-cheud tuuna de dhearcan-gorma. Feumaidh gu bheil na dearcan gu math pailt acasan dùthaich sins gu bheil féill mhath orra cuideachd.

THA moran dhe na tuathanaich an deigh an cuid feòir a chur a stigh, agus tha càch gu trang ag obair air. Bhan t-side fhuair iad cho mathsa dhiarradh iad, agus bham feur fad air toiseach air mar bha e bliadhnaichean roimhe so.

Bfheudar dhuinn ainmean na muinntir a phàigh a chumal as a phaipeir air an turus so. Bidh iad air an cur anns an ath àireamh, ’s tha sinn an dochas gum bi roinn mhath eile againn rin cur còmhla riu. Cuireadh gach duine clachsa charms mithear càrn mor.

BHA coinneamh mhor aig Choinn Ghilleain ann a Halifax Di-màirt, agus chuir iad air chois Comunn Chioinn Ghilleain air son nam mor-roinnean iosal. Tha Mr. Eachunn Mac Gilleain, Bridgetown, N. S., a fhuair àrachan Cape Breatuinn ri bhi na Riaghladair air a Chomunn, agus than t-Urr. A. Mac Gilleain Sinclair, Bhelfast, E. P. I., D. F. Mac Gilleain us áireamh de dhuaislean eile gu bhin an iar-luchd-riaglaidh.

Chaidh duin og a bhàthadh aig Aspy Bay Di-luain sa chaidh, mac do dhIain Mac Neacail a tha còmhnuidh anns an àite sin o chionn naoidh bliadhndeug air fhichead. Cha chuala sin ciamar a dheirich e dha. Cha robh e ach naoidh bliadhndeug a dhaois. Bhuineadhathair do Bhaoghasdal.

CHAIDH fear Aonghas Mac Gillfhaolain a ghoirteachadh gu dona aig Canso Di-sathairne sa chaidh. Bha eg obair air cladhach urach á bruaich, agus thuit am mullach air a mhuin. Bha i air a chumail an sasan sin gus an dthàinig cuideachadh. Bha e air a ghearradh gu dona mun cheann, ach cha bhi dad air an ceann beagan ùine.

CHAIDH gille beag le Henry Marr, aois aona bliadhndeug a bhàthadh feasgar Dior-daoin. Cha robh duine faisg air laimh aig an àm, agus chan eile fhios ciamar a dhéirich e dha, ach thatar a deanamh am mach gum bann a seòladh bàta beag a bha es gun do thuit e dhan uisge. Cha robh ach gle bheag a dhuisge far an dfhuaireadh a chorp.

THAn cogadh ri Japan an deigh corruich mhuinntir China a lasadh an aghaidh nan coigreach a tha chòmhnuidhsan dùthaich aca, agus tha iad alosgadh an taighean agus a cur am beatha ann an cunnart. Tha na Chineichnan daoine mi-reusanta, borba, agus a reir coltais chan eil e nan comas eadar-dhealachadh sam bith a chur eadar aon chinneach us cinneach eile.

Thainig fear-imrich gu Montreal o chionn ghoirid air a thurus gu Manitoba, Gearmailteach den ainm Abraham Touson. Tha e da fhichead bliadhnasa còig a dhaoiss thabhean còig bliadhndeug air fhichead. Tha ceithir duine deug cloinne aca, agus dhiubh so tha dithis sia bliadhndeug, dithis eile ceithir bliadhna agus an dithis as oige bliadhna dhaois. An leinn nach eil moran theaghlaichean eadar da cheann Chanada a bheir bàrr air an teaghlach so.

THAN cholera ri sgath mo ann an Ruisia. Re nan ceud sia latha dhen mhios so bha tri cheudsa tri deug air am bualadh as ùr, agus dheug da cheuds da fhichead, ann an St. Petersburg leis fhein. Ann a Warsaw, ’s an uine cheudna, dheug da cheuds tri deug, agus buaileadh as ùr glé fhaisg air ceithir cheud. Tha àireamh láithean o nach dfhuaireadh fios á Ruisia ciamar a bha dol dhaibh idir, agus tha cuid a deanamh dheth gu bheil an euslaint ri sgrios nas mo na bha i riamh.

Tha Lighichean a cleachdadhM ’ds Liniment

THA luchd cumail na sgoile a tòiseachadh air gearain air cho slaodacha tha an luchd-riaghlaidh a thaobh am páighidh. Chan eil iad air am pàigheadh ach uairsna sia miosan, agus chan eil uair dhiubh sin nach bi aca ri feitheamh faisg air da mhios mum faigh iad an cuid airgrd. Faodaidh sinn a radh le firinn ged nach eil anns an dùthaich daoine no mnthan as mo tha deanamh a dhfheum na iadsan tha teagasg na h-òigridh tha fas suas, nach eile seòrsa de luchd-ceairde no de luchd-oibreach as miosa thair an duaiseachadh.


ANN AN CEAP BREATUNN.

ORAIN NA H-ALBA.

Cluinnibh ceol na Pioba! Cia mar a tha sibh! Ceud mile fàilte. Tha

MR. UILLEAM DOMHNULLACH

a Alba an deigh bhi aig Féill an t-Saoghailsa cur cuairt air America, gu bhi ann am bailtean na siorramachd so. Bidh e air eideadh anns an deise Ghàidhealaich.

Tha e na shár phiobaires na dhannsair, ’s bheir e ceòl gu leòr dhaibh san a théidga éisdeachd, maille ri seinn oran Bheurlas Albannach. Bheir e dhaibh na puirt a bhios aig na réiseamaidean Gaidhealach a dol dha na blaraibh, agus iomadh port eile.

FEUCH GUN CLUINN THU E.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.

Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dhfhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Innein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[46]

[Vol . 3. No. 6. p. 6]

Beath-Eachdraidh Challuim Chille.

[Air iarrtus aon dar luchd-leughaidh, tha sinn a clo-bhualadh na h-eachdraidh so, a bha air tùs air a sgriobhadh air son a GHAIDHEIL, am paipear gasda sin a bha air a chur am mach an toiseachsa bhliadhna 1871, agus a lean air tighinn am mach aig ceann gach mios fad shia bliadhna. Bhan Eachdraidh air a sgriobhadh le Mr. A. Camshron, Loch nan Madadh, Uidhist. ]

CAIBIDEIL I.

Rugadh Callum Cille ann an Gartan, ’am Mor-roinn Dhonegal, ’an Eirinn air an 7mh latha de mhios deireannach na bliadhna A. D. 521. Bhaathair agus a mhàthair le chélle de theaghlach Rioghaill agus ann a bhi roghnachadh a bhi na theachdaire an t-soisgeil air feadh Gàidhealttachd agus eileanan na h-Alba, chuir Callum Cille cùl, cha n-e mhàin ridhùthaichs ri chàirdibh, ach ri crùn rioghail, ameas maraoibhneas agus a chrùn a bhina mheadhon air pàganaich dhorcha thoirt gu solus agus creidimh an t-soisgeil. Is eCallum” (neoCollum”) facal a tha ciallachadhan t-eun glan, ciùin, sgiamhach.” Sin an Collum a bainm baiste dha, ach fhuair e an t-ainm CallumCilleair son an àireamh mhór eaglaisean a chuir e air chois. Fhuair Callum Cille oieanachadh agus togail chùramach o phàrantaibh, agus chaidh a chur òg a dhionnsachadh fo thegasg mhinisteiribh cliùiteach, oir bhan soisgeul air teachd do dhEirinn ceud bliadhna roimhn àm so. Bha Callum Cille ann an uine gheàrr cho foghluimte riluchd teagaisg agus chaidh a chur air leth mar dheacon leis an Easbuig Finnian. Thòisich e air ball air searmonachadh air feadh ceann a tuath Eirinn, thog e moran eaglaisean agus chuir e mar an ceudna air chois oil-thighean anns an robh foghlumaichean òga air an ionnsachadh. Bha iad so mar bu trice de theaghlaichibh cothromach air dòighs gu robh e comasach dhaibh moran déirce thoirt do na bochdaibh. Thainig na h-oilthighibh so mu dheireadh gu bhinan taighean mhanach(monasteries. )Tha e air atthris gu robh tigh dhiubh so ann an Derry a thog Callum Cille, anns an robh e fhéin ateagasg agus gu robh ceud de na bochdaibh air am beathachadh aig an tigh sin gach latha.

Bha Callum Cillena bhàrd math, agus sgriobh e moran de laoidhibh anns an Laidinn agus anns a Ghàilig Eirionnaich: tha cuid dhiubh fhathast air sgeul. Bha leabhraichean aig an àm sin gu léir air an sgriobhadh air meambrana, * agus bha iad ro thearc, agus uime sin, ro luachmhor. Bha déigh mhòr aig Callnm Cille air leabhraichean agus rinn e moran siubhail air sgàth leabhraichean fhaicinn agus an ath-sgriobhadh chum fheuma féin agus fhoghlumaichean anns na h-oilthighibh. Tha e air iomradh gun sgriobh e le làimh féin tri cheud de na soisgeulaibh agus de leabhraichean sailm. Air dha bhi uair air chuairt ag amharc air a sheann fhear-teagaisg, Finnian, ghabh e spéis mhor do leabhar-sailm le Finnan a bha air a ghleidheadh aig anns an eaglais, aguss ann a thòisich e ri dol dhan eaglais feadh na h-oidhche asgriobhadh leth-bhreac an leabhair dha féin. Fhuair Finnian so a mach agus air dha bhi smaoineachadh gu robh ena ghniomh mi-onarach do Challum Cille so a dheanamh gun a chead-san bha e ro dhiombach agus thagair e a chòir féin don leabhar shailm a sgriobh Callum Cille, ag radh gum buineadh an ath-sgriobhadh don phriomh leabhar. Cha ghéilleadh Callum Cille dha so, agus chaidh a chùis a thoirt gu breith Righ Diarmadna lùchairt ann an Tàra. ’Nuair a chualan righ da thaobh na cùise, ’s e bhreith a thug e, “Le gach boinna bhoinne, le gach leabhar a leabhran.” Cha robh Callum Cille toilichte leis a bhreith so agus chuir e gu cas na h-aghaidh ag ràdh gun robh i eucorach, agus gum bitheadh e air a dhiolladh air an righ. Aithghearr an deigh sin chuir righ Diarmad gu bàs prionnsa òg a bha gabhail còmhnuidh maille ri Callum Cille; bha air a chur as a leth gun do mharbh e duine le tuiteamas. Dhùisg so na bu mhò fearg Challuim Chille an aghaidh Righ Diarmad, agus mhaoidh e air gu faigheadh e bhràithrean agus a chàirdean gu dioghaltas a dheanamh air leis a chlaidheamh. Dhfhalbh Callum Cille gu tir Conneil aseinn air an t-slighelaoidh an Dòchaisa sgriobh e rithist anns a Ghàilig, agus a bha chionn ghoirid air a h-eadar-theagachadh gu Beurla. Air da a dhùthaich féin a ruigsinn, dhèirich leis air ball a luchd-daimh agus righ

*Parchments .


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.



[47]

[Vol . 3. No. 6. p. 7]

Chonnaught, athair a phrionnsachuir Diarmad gu bàs, agus chaidh iad an aghaidh Righ Diarmad. Choinnich Diarmad iad le fheachd aig Cultneimhe agus chuir iad blàr. Chaidh an latha le buidheann Challuim Chille. Ge de bhuadhaich e a chùis so, thainig e gu bhi fo thrioblaid inntinn air son gu robh e na mheadhon air uidhir de fhuil a dhòrtadh, agus bha mhuinntir chràbhachga dhìteadh anns a chùis. Fhuair e comhairle mhath agus misneach o Mholaise, aodhaire diadhaidh ann an Innismharry, agus rùnaich e na bha roimhe debheatha a chaitheamh na theachdaire soisgeulach a measg chinneach tir na h-Alba. Tha an leabhar-sailm a bhana mhàthair-aobhair air an deasbaite fhuilteach so ri fhaicinn leis na h-uile thogras ann an tigh-iongatais Ard-sgoil Rioghail Eirinn. Bha an leabhar so tri cheud bliadhna ann an teaghlach Chlann Domhnuill an Eirinn, agus na h-uile bliadhna bha iadga ghiulain air altair gu cath a creidsinn, gu robh buaidh mhor leis. Thugadh mar soan Cathachmar ainm air an leabhar-sailm. Tha e air a dheanamh suas de dhfhichead agus a h-ochd deug de dhuilleagan craicinn air an ceangal le bannaibh airgid.

(Ri leantuinn.)


(Air a leantuinn o thaobh 3.)

thainig sinn. Tog dheth, Aonghais, fhads is beo mi seasaidh mi mach an aghaidh oil agus misg air torraidhean; ged a thà, buidheachas do Dhia air a shon, an cleachdadh narach so adol a nis air cul; gidheadh tha en a thamailt don sgireachd, agus do gach neach a bhuineas di. Ach on a thachair dhuinn tighinn air an t-seanachas so, innis dhomh on a tha sibh uile co deigheil air ur gradh a nochdadh dhoibhsan nach maireann, carson nacheil sibh acur leachda lighe os an cionn, no garadh cloiche man cladh anns abheil iadn an sineanh. Cha ruig thu leas innse dhomh gum bu neo-ni sin doibhsan; beadh, ach cha bu neo-ni dhuinne e. Nach bu taitneach an ni ciuineachd maduinn na Sabaid, an am dluthachadh air tigh aoraidh an Tighearna, na h-uaighean anns abheil ar cairdeann an suain, ’fhaicinn, chan ann, sir an stampadh fo chrodh agus fo chaoraich, ach gu tosdach samhach mar bu choir dhoibh fo blath achluarain ghuirm, agus an neonain ailidh. Ann an so, gu dearbh, ghabhta leithsgeul dhaoine ged a chuireadh iad caileiginn de chostas orra fein.

AON. —Mata, chan ann a chur cosg air ur seanachas, ach tha muinntir na sgireachd gu leirg a fhaicinn sinn a thamailte, agusn a ni mi-chiatach, ach tha fhios agaibhse, an gnothach a than earbsa ris nis h-uile fear gum bi e fada gu deanamh; ach nan cuireadh sibh fem (leis gach ni math eiletha sibh adeanamh) muthimchioll, cha chreid mi nach aontaicheadh gach duines an sgireachd leibh; agus ged a bha mis alabhairt an diugh mar bha mi, mar bu dùth do sheann duine, a chunnaic iomad atharrachadhs an duthaich, cha bhithinn air deireadhs achuis sin. Mo bheannachd leibh a Mhinisteir, agus gu ma math a theid sibh dhachaidh, agus cha bhin t-each donn fadag a dheanamh.

I. ML.


Naidheachd.

Bha ann an Normandy, ’s an Fhraing, cosnaiche bha air ur phosadh, duine calma sgairteil, agus bha e feins a bhean, mar bu choir dhoibh a bhi, anabharrach caidreach. Thachair dhasan a bhig obair ri latha uisges gaillinn o mhoch gu anmoch, agus thainig e dhachaidh air a chlaidreadh gu goirt le h-obair as droch-shid. Bhabheann a suidhe aig an teine. “An d-thainig thughaoil?” arsise, “nach e sin an latha! tha e air a bhi cho fliuchs nach burrainn mise dol a dhiarraidh uisge, ugus leis a sin chad fhuair mi do dhinneir a dheasachadh; ach on tha thusa nis co fliuchs is urrainn duit a bhi, bhithinn adchomain nan rachadh tu’ ’dhiarraidh cuinneag uisge.” Thog en da chuinneig, agus thug en tobar air; bhan tobar greis air astar, ach cha bfhada gus an do thill e; chuir e aon de na cuinneagan air an urlar, agus thilg e na bhasachuinneig eile air mullach cinn a mhnatha, agus achuinneag eile air an doigh cheudna. “Sin, a ghraidh,” arsesan, “tha thusa nis co fiiuchs is urrainn duit a bhi, agus tha min dochas nach misdthu dol a dhiarraidh an uisge.”

Tha deagh fhios againn nacheil ah-aon de na mnathan Gaidhealach a dheanadh aleithid so; ach mar thuirt am Frangach, tha sinnan dochasnach misdiad an sgeul beag so a chluinntinn. Bham Frangach bochdn a dhuine spurtail, tuigseach: cha bionann agus ioma trusdar a bheireadh gleadhar an taobh an leth-chinn di. —Cuairtear nan Gleann.


TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNIC. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.


Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
Rubbers dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris
Curraichdean ur Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scoir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.



[48]

[Vol . 3. No. 6. p. 8]

Ho mo Mhairi Laghach.

LE ALASTAIR DOMHNALLACH, ’SA CHEAPICH AN ANTIGONISH.

LUINNEAG.
Ho mo Mhairi laghach,
S tu mo Mhairi ghrinn,
Ho mo Mhairi laghach,
S tu mo Mhairi bhinn;
Ho mo Mhairi lughach,
S tu mo Mhairi ghrinn;—
S ann tha Mairi bhoidheach
Comhnaidh ann sna glinn.

Dhfhalbh mi a mo dhuthaich,
Chaidh min null air chuairt;
Fhuair mim measg nan armunn
Ailieagan gun ghruaim;
Choinnich Mairi bhan mi,
S i cho lan de stuaim,
S caoimhneil, banail, baigheil,
Mar bu ghnaths bu dual.

S bhon fhuair mi do chairdeas
Gheibh thun dan le loinn.
S cluimear anns gach aite
Mun nighnn bhain gun fhoill.
Mheall i bhuam legiulan
Mo chruit-chiuil asheinn
Air gach grinneas naduir
Ghlac i trathn a roinn.

Tha do phearsa boidheach
Bho ddha bhroig gu dbharr,
Deas mar bha do sheorsa
S tricthug corr air cach;
Seang shlios sunndach, fallain,
Mar chanach achair,
No mar shneachd nan geugan
Tighnn bhon speur gu lar.

Tha do chuailean ar-bhuidh
Ort an caradh dluth;
S sniomhanach gubharr e,
S fainneagach do chul;
Cars gach fuiltein grinn dheth
Sios mar bhinn theud chiuil;
S camagach mu dghuailibh
N a chleid dhual en null.

Tha do ghruaidhean boidheach
Mar dha roisn am fiamh
Bhiodh fo dhruchd a cheitein
Moch mun eireadh grian,
Nuair bu deirgen dearrsadh,
Fo bhad-sgailg an dion
Ann an caoin ghleann fasaich
Fo iochd blath nan sian.

S mar dhearcagan fearr-dhris
Air meanbh bharr nan geug,
Tha do dha shuil mhiogach
Fon ruisg mhin-ghlan, reidh.
S gorms gur lìonte boidheach
Fo dhreach neoil le cheil
Iad, ’s gun chron rifhaotuinn
Dhaibh le h-aon fon ghrein.

Tha do dheud glan, boidheach,
Geal, comhnard, ’ad bheul,
Dhuths gach te an ordagh
S a cur corr an geill
Air gach tlachd thafas riut
Chuir mo dhan air ghleus,
S a bhios urs gach coisridh
Dhaibh mar cheolg a sheinn.

Ged thachuachs an smeorach
Binn gu leoirs achoill,
Fo shlios ur nan ro chrann,
Ceol-bhinneach le loinn,
Bannsa leam bho mnadur,
Guth mo ghraidh bhiseinn
Nan cuanal mar chomhlath
N gleannan ceo sa bheinn.

S beag ionghnadh leam tuaisle
Bhicur suas do phris,
S tushliochd nam fear uaibhreach
Sheasadh gualan righ,
Domhnallaich achruadail,
Choisneadh buaidhs gach strith;
S tricbhan turn san araich,
S chuirteadh cach gu dith.

S nan tachrainn sachomhlan
Mun bhordsan taigh-thairn’,
Gun seinninn daibh toran
S dholainn do dheoch-slaint’.
S bhon fhuair mi cho grinn thu,
S tu siobhalta thar chaich,
Bidh mo ghnaths mo chomhradh,
Ort ri mbheo do chach.


An Cagaran.

SEANA CHRONAN ABRACH.

Cagaran, cagaran, cagaran gaolach,
Cagaran, foghainteach, fear do mo dhaoine:
Goididh e gobhair dhomh, goididh e caoirich,
Goididh e capull, us mart o na raointean.

Cagaran laghach thu, cagaran caomh thu,
Cagaran odhar na cluinneam do chaoine:
Goididh e gobhair, goididh e laosboc
Goididh e sithinn o fhireach an aonaich.

Dean an cadalan, ’s duin do shùilean,
Dean an cadalan beagn a mo sgùrdaich.
Rinn thun cadalan, ’s dhùin do shùilean;
Rinn thun cadalanslàn gun dùisg thu.


LeighisMINARD ’S LINIMENTmise o dhroch cnatan
Oxford , N. S. R. F. Hewson.

LeighisMINARD ’S LINIMENTmise o chas ghoirt.
Yarmouth , FRED COULSON.

LeighisMINARD ’S LINIMENTRòs Dubh ormsa.
Inglesuille , J. W. RHGGLES,


LITIR a fhuair sinn o dhuine còir an Antigonish an la roimhe: “Tha mi gle bhuidheach dhen MHAC-TALLA. Tha miga ghabhail a nis o chionn còrr us bliadhna. ’N uair thainig en toiseach, cha robh duine stigh agam a leughadh Gàilig ach mi fhéin, ach an diugh leughaidh an teaghlach uile Gàilig, agus tha iad a dol nas fhearr oirre na h-uile latha.”

Minards Linimentair son Loine.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid.

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Soithichean Creadha agus Glaine.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh

Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris as fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAN W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bitha thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine air a phrìs as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


CLOIMH.

THAm fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris as fhearr sa mhargadh oirre.

D . F. Mac RATH,
Baddeck C. B.

titleIssue 6
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla III No. 6. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page