[49]

[Vol . 3. No. 7. p. 1]

Mac-Talla

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 18, 1894. No. 7.


Domhull a Chogaidh agus Ailein Tailleir.

(Air a leantuinn.)

An ceann ùine gun bhi fada, fhuair Dòmhnull fearann ùr ann an cearn eile dhen sgireachd, beagan astair on fhearann a bhaige roimhe. An deigh dha beagan réitich a dheanamh air, thog e tigh beag logaichean, agus rinn deiseil gu dhol dhfhuireach ann. Air feasgar àraidh bha e leis féin san tigh ùr sin (bhan teaghlach fhathast anns an t-seann tigh) ’na shuidhe mu choinneamh an t-simileirga gharadh fhéin an deighobair-latha agus a deanamh cas tuaighe. Cha robh anns an tigh ach an aon rùm air fad agus bha solus an t-simileirg a shoillseachadh gu h-iomlan. Bha na similearan udsan amanabarrach mòr; ghabhadh iad maidean connaidh a bhiodh còigsa sia de throighean a dhfhad, agusn uair a bhiodh tòrr mòr dhiubh sinnan craosaich dheirg air an teine a toirt blàiths us soluis uatha, chan iarradh duine sòlas a bfhearr na bhi, mar bha Dómhnull a Chogaidh air an oidhche so, ’na shuidhe mu choinneamh an t-simileir sadriongan ri obair sam bith a thigeadh gulàimh. Air a cheart oidhche so chuir Ailein Tàillear roimhe tighinn air chéilidh air Dòmhnull a dhfhaicinn ciamar bhadol dhasan tigh ùr. Air dha an tigh a ruigheachd thug e sùil troimh na sgaran a bheadar na logaichean, agus ghabh e beachd air suidheachadh Dhòmhnuill. Air ceann an taighe bha toll air a ghearradh as na logaichean anns an robh dùil aig Dòmhnull, ’nuair a dhfhàsadh e beagan na bu bheairtiche, uinneag a chur, ach a bhan dràsda air a dhùnadh le pios aodaich a bha air a thàirnneadh aig bràigh an tuill agusga chòmhdach thairis mar chùirtein. Bha ceann caorach a bha air a marbhadh an latha sin féin air bun craoibhe faisg air an tigh, agus bha gunna, a bha air a thoirt as a chéile air son a ghlanadh na sheasamh faisg air an dorus. Thog Ailein am barailte agus stob en darra ceann dheth suas troimh amhach na caorach air dhòighs gun robh e tighinn mu leitheach a mach air a beul, agus bha en sin deiseil gu dhol a dhobair. Chuir e ceann na caorach ann an toll na h-uinneag, agus phut e stigh e, a lion beagan us beagan. Dhfhairich Dòmhnull starban aig an uinneig, ’s thug e sùil an rathad a bha i. Gu de biongataiche leis na an cuirtein fhaicinng a chur an darra taobh agus ceann na caora bàine anochdadh a stigh. Chuir Ailein a bheul ri barailteghunna, thòisich e air labhairt troimhe, ’s bheireadh Domhnull a mhionnan gum bi chora bha ris an t-seanchas. Sheas am falt air a cheanns chlisg a chridhe le eagaln uair chualechaorag radh, “A Dhomhnuill! A Dhòmhnuill! A Dhòmhnull! Tha thusa dol a bhàsachadh Di-haoine agus bidh tu air do chur fon fhòd Di-sathairne!” agusan sin chaidh ceann na caora as an t-sealladh. Cha dfhuair Domhnull norradh fad na h-oidhche, agus tràthsa mhaduinn thog e rithe dhachaidhs thug en leab air. ’N uair a dhinnis e mar thachair dha, cha robh guth no iomradh air ni sam bith elle feadh na coimhearsnachd. Bha àireamh mhath ann nach robhcreidsinn a sgeoil a thaobh ceann na caorach, ach bha choltas cho bochd agusinntinn cho mor tromhe cheilles nach burrainn do neach sam bith a chur an teagamh nach face rud-eigin. ’S iomadh facal reusanachaidh agus comhfhurtachd a thug na nàbuidhean dha, ach bu diomhain an obair; cha robh freagairt aige dhaibh a bfhearr na bu mhiosa na gu robh aige ris an saoghail so fhàgail Di-haoine, gun dinnis a chaora sin dha. Thainig an latha mor sin mu dheireadh thalls chaidh e seachad, ’s bha Domhnull fhathast beòmaduinn Di-sathairne smaoinich e nach robh math dha bh toirt géill don chaora na bfhaide, agus dhéirich e. Cha deachaidh moran làithean seacheadnuair a fhuaras a mach co thug comas labhairt don chaora agusna chual e chuir iad an aonta ris gun do chuir Ailein a cheart uiread eagail air Dòmhnull le ceann na caoachsa chuir Domhnull airsan aig a chladh.

Is sgeula firinneach so; ma chuireas neach sinan teagamh, chan eil aige ach feòrach de dhaon sam bith de Ghàidheil Ghlinn-Garraidh, agus mur creid e mise creideadh e iadsan.

DIARMAD.


Na Seilleinean.

Tha tri seòrsa sheilleinean agabhail còmhnuidh anns gach sgeap; ’siad sin na seilleinean òga; na seilleinean dìomhain, agus abhan-righ. an t-samhraidh tha na seilleinean òga ro-ghnìomhach, a deanamh suas Chirean, agusgan lionadh le mil; ach tha na seilleinean dìomhain afantuinn an còmhnuidh san sgeap, agus ag òl na meala a ta achuid eile ational. Aig deireadh an t-samhraidh, ’nuair a ta achìr-mheala làn, agus an obair thairis, tha na seilleinean dìomhain air an tilgeadh mach le cach on sgeap, agus air am marbhadh, no air am fàgail gu bàsachadh le fuchd agus le gorta.

Tha ban-righ anns gach sgeap, ariaghladh agus acumail orduigh am measg nan seilleinean. Cha leum sgeap mur falbh i air an ceann, agus ma gheibh i bàs fàsaidh iad mallnan obair, agus théid iad ma dheireadh gu neo-ni. Oibrichidh an seillein gu dìchiollach air feadh an t-samhraìdh chum gum bi pailteas aig air feadh agheamhraidh: Agus nach còir da so gach leisgean a theagasg, gu bheil e mar fhiachaibh air dìchioll a dheanamh air son na beatha a ta làthair, ’nuair tha e òg agus comasach air so a dheanamh?


CumMinard ’s Liniment ’san tigh.



[50]

[Vol . 3. No. 7. p. 2]

UILLEAM UALLAS.

LE AONGHAS MAC COINNICH.

NUAIR a fhuair na Sasunnaich Alba fo smachd dhoibh féin, ’sa bhliadhna 1290 bha iad acleachdadh na h uile fòirneart a burrainn iad thairis air an luchd-àiteachaidh. Bhan t-àrd fhear-lagha, Ormeslie, agairm gu cunntas nan ulie nach tugadh mionnan-striochdaidh do Eideard. Bha mòran de na h-Albannaich adiùltadh sin a dheanamh mar ni air nach robh còir aig righ Shasuinn, a fhuair làmh an uachdair orrasan, nis le seòltachd na le treubhantasus gaisga chuid saighdearan. Air son an diùltaidh so bha etoirt uathan cuid fearainnus maoin, ’s gam peanasachadh air iomadh dòigh eile. Bha Uisdean Cresingam, am fear-ionmhais Sasunnach, mar an ceudna gam pianadh atogail airgid uatha fo chaochladh leth-sgeulan. Cha robh mòran airgid aruith a measg nan Albannachs na linnibh ud, ’s cha robh iad cleachdta ri bhipaigheadh mòran do an righribh dùthchasach féin a bha ghnàth ataisbeanadh comhfhulangas a bhi aca rim bochduinn. Bha iad, mar sin, gu mòr air an tàmailteachdadh le bhi air an éigneachadh gu suimean ro mhòr iocadh do Chresingam, air son aobhar sam bith, no aig àm sam bith a bàill leis. Agus a thuilleadh air a mhi-riarachadh a bhag éiridh o na h-aobharaibh so, bha na saighdearn Sasunnach leis an robh gearastona na rioghachd air an lionadh adeanamh mòran ainneirt air an t-sluagh, ’s ataisbeanadh mòran tàirann an dòighibh déiligidh ris gach iosalus uasaln am measg. Bheireeadh iad uatha gun fhoighneachd ni sam bith a chitheadh iad acanns an cuireadh iad sùil, ’s nan gabhadh neach sam bith a bhiodh iad acreachadh air curnan aghaidh, gheibheadh e bhualadhs a lotadh, ’s bha iad eadhon acur cuid gu bas air son a bhidìonadh an codach féin uatha. Cha bioghnadh ged a bha na h-Albannaich air an tàmailteachadh co maithus air an sárachadh leis na h-uile ni a bhann, s ged a bhiodh iad deònach air acheud chothrom a ghabhail air éiridhan agaidh an luchd-fòirneirt, na Deasaich, mar theireadh iad féin riu, agus an duthaich aiseag a dhionnsuidh na saorsa dheth an robh iad air an spùinneadh le foill agus ain-iochd righ Shasuinn. Cha robh ni gan cumail gun sin a dheanamh ach easbhuidh fir treòrachaidh as am biodh làn earbsacas a bhiodhs na h-uile seadh freagarrach air son a dhol air an ceanns an cumail air rian ann anoidhirpibh air an luchd sàrachaidh fhuadachadh amach as an tir. Angus gu freasdalach, bha leithid sin de fhear-treòrachaidh air a thogail suas ann am pears Uilleim Uallais.

Cha baon de àrd-mhaithean Alba Uilleam Uallas, ach bu mhac duinuasail e dam bainm Sir Callum Uallas á Ellersli, ’n Siorrachd Renfriu. Bha Sir Callum so air a mharbhadh leis na Sasunnaich, agus a bhantrach air teicheadh gn taobh tuath amhainn Thatha, far an robh a cuideachd. Bha mar so aobhar fuath gu leòir aig Uilleam do na Sasunnaich. Ach thàinig iad ni bu ro fhaisg na sud air mun do dhùisgeadh suas a spiorad gu ceannairc. Tha luchd-eachdraidh ag innseadh, ameasg sheanachasan eile mu thimchioll, gun robh e àraidh ag iasgach ann an amhainn Inbhir a bhana choimhearsnachd. ’An àm dha bhi pilleadh dhachaidh, còmhladh ri balachan a bhagiùlain an éisg a ghlac e, ann am bascaid, choinnich dithis no thriùir dheth na saighdearan Sasunnach e, a bhuineadh do Ghearaston Ara. Rinn na saighdearan gu neo mhodhail, air son am bascaid leis na bhann a thoirt on bhalach. Bha Uallas deònach roinn de na bric a thoirt doibh. Ach o nach biodh na Sasunnaich riaraichte le ni bu lugha nan tiomlan, thàinig na fir o fhoclaibh gu buillibh. Cha robh armachd aig Uallas ach a shlat-iasgaich. Le ceann reamhar na slaite bhuail e buillair fear de na saighdearans a cheann leisan do mharbh e air a bhad e. Thug e grad thàmhadh air claidheamh an duine mhairbh, s chog e co duineil leiss gun do chuir e càch gu teicheadh, ’s gun dfhuair e dhachaidh leis abhascaid éisg slàn, fallain. Ach béigin da teicheadh air son a bheatha, ’s a bhi fon chioll car ùine, ’s an déigh sin àit eile den dùthaich a thoirt air far nach robh an gniomh co aithnichte. B ann an ath-bhliadnan déigh sud a dhéirich en aghaidh nan Sasunnach. Bha e air pòsadh an sin, ’s a chòmhnuidham baile Lanairc. Air àraidh, ’an àm an earraich, bha ecoiseachd tren bhaile, air a sgeudachadh le deisuaine, a bha fasantameasg nan uaisleans an àm sin den bhlaidh-


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.


G . H. GUZZWELL,
SIDNI, C. B.


C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeos, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadan, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air dlaimh aonnan.



[51]

[Vol . 3. No. 7. p. 3]

na agus tearc de luchd-leanmhuinns de chàirdean còmhladh ris, ameasg an robh Sir Iain Greumach. Thàinig Sasunnnach mi-mhodail an rathad, ’s thòisich e ri magadh orra. “Seadh,” ars esan, ri Uallas, “a bheil thu air tighinn as ùr a nall thar fairge? Tha thu co rìomhachs gun do shaoil leam gur h-e bhann diot cùirt-theachdair atoirt ban-righ nuadh dar n’ ’ionnsuidh.” Ghabh Uallas air aghart agiùlain na h-athais gu foighidneach, ain-deònach air mithlachd sam bith a thogail. Ach dhiath mòran den phràpar Shasunnach muthimchioll, asior thilgeadh athais air. Mu dheirnadh bhuil fear dhiubh ceann na truaill anns an robhn claideeamh a bha Uallas agiùlan air a thaobh. Ghrad tharruing esan a chlaidheamhs chuir en Sasunnach gu talamh le aon bhuille. Ann an tiota bhan t-sabait air abonn. Réitichna bha làthair dena h-Albannaich, mu cùig duine-ficheadrathad doibh fèin gu tigh Uallais. Dhfhosgail a bhean an dorus. Ghabh Uallas féin, ’s a reir coslais tearc de luchd-leanmhuinn, a mach air dorus cùils ràinig iad coilla bha dlù dhoibh anns an robh Gil ris an abrar Creagan Chartland, anns am burrainn siad iad féin a dhionadh oluchd tòrachd sam bith a dhfheudadh a dhol air an lorg. Ach rinn Hoselrig, an riaghladair Sasunnach, dioghaltas eagalach air Uallas air son na thachair. Loisg e tigh Uallaiss chur ebhean gu bàs. Theich ban-oglach a bhaice gun fhios, a mach don choille, ’s dhinnis i na h-uile ni do Uallass da luchd-leanmhuinn. Bhachràdh spioraid eagalach ri fhaicinn. Sheas a luchd-leanmhuinn timchioll air agul. Fadheòidh thuirt Uallas riu, “Togaibh dheth fheara, is pian gun fheum so. Chan urrrainn sinn ise a thoirt air ais. Ach chan fhaicear tàmh agamsa gus an dean mi dioghaltas air son ise a bha co taitneachs co àillidh, a chur gu bàs.” Air an dearbh oicdhche sin thionail e deich fir fhichead de dhaoine dileas, misneachail, ’s chaidh e gu sàmhach a steach don bhaile. Ràinig iad tigh an uachdarain. Bha e féin na luidh’ ’an rum uachdrach gu dorus an robh ceuman staidhreach adìreadh suas on t-sràid. Dhìrich Uallas suas an staidhir so, chuir e neartan aghaidh an doruis, ’s dhfhàisg e steach roimhe e. Leum an Sasunnach, làn uamhais; a mach as a leabaidh, ’s ghlaodh e, “Co tha deanamh na h-iorghail so? Tha mise, Uallas a bha thusa sireadh fad an .” Le sin bhuail e co guineache, ’s gun do sgoilt echeanns gun deachaidh an claidheamh sios gu cnàimh na h-amhach. Dhùisg buaireas air feadh na sràide. Thionndaidh na saighdearan Sasunnach a mach, ’s dhéirich fir Lanairc thun achòmhraig. ’N uair a shoilleirich amhaduinn bha fhichead deug de na Sasunnaich nan luidhe marbh air na sràidibh, ’s na h-Albannaichn am maighstiribh air abhaile.

Sgaoil iomradh aghniomh-euchdaidh so air feach na dùthcha gu h-ath-ghoirid, agus thòisich àireamh de dhaoine tapaidh, colgantair tional gu Uallas, mar an ceannard. Bu duine neo-chumanta foghainteach Uallas, ’am pearsa co maiths an inntinn. Mas fior na bheil air innseadh muthimchioll le luchd-eachdraidh feumaidh gum baon e dena curaidhean co treum sa bhan linn non àite sam bith. Ach tha e soilleir gu leòir o chaochladh nithibh mu nach urrainn teagamh a bhi, gum bu duine neo-chumanta calm e. Ann am pearsa, garbh-chnàmhach; aghaidh fhada shoilleir; folt soilleir donn; sùilean soilleir geur-sheallach; scòrr air taobh clì na smeigid; coslas a ghnuissmuaireanach dubhach. So dealbh Uilleim Uallais, duine sònruichte a measg mhòran mhìltean. Ben garg-churaidh so, air a lotadhna spiorad, ’s air a dhùsgadh suas mar leòmhan boirionn on do bhuineadh a cuileanan, a rùnaich, le co-chuideachaidh a luchd-dùthcha, gun rotadh e mach, aig roinn na béigileid, a h-uile Sasunnach a bha cadar ceann a tuathus ceann a deas Alba. Bann goirid an déigh dhan cuideachadh a dhainmich sinn fhaotainn, agus tighinn a dhionnsuidh an rùin ud, a thachair an ni ris an abrar an ceann a deas Alba, Saibhlean Ara. * Bha na Sasunnaich a nis atòiseachadh agabhail eagal roimh an treubhantas agus aghliocas a bha Uallass a luchd-leanmhuinn ataisbeanadh ann an oidhirpidh air an tir a shaoradh o luchd-fòirneirt. Aguss ann a smuainich na h-uile-bheistean ud a nis air déiligeadh ri Uallass a luchd-leanmhuinn le foill. Leig iad orra gun robh iad air son sìth a dheanamh. Dhfhiadhaich cuid den luchd-riaghlaidh Uallas agus achuid oifigearan gu comh-labhairt riu féin mu chumhachan


*Barns of Ayr.


sìth. Bhachoinneamh gu bhi air a cumail an taobh a muigh de bhailAra, ann an aitreabh mhòr fhiodha. Gheall na h-Albannaich coinneachadh riu gu siochail, a reir an t-sean-fhocail fhirinnich, “an duine nach bi olc air aire, cha smuainich o olc fir eile.” Air taobh a muigh na h-aitreibh bha na h-uile ni gu maiseach agus an deadh òrdugh mar bu chóir a bhi. Ach air an taobh a stigh bha inneala bàis. Bha àireamh shaighdearan afeitheamh air son gniomh chrochadairean a dheanamh. Bha buill chainbe air an ceangal gu h-àrd ri sailibh na h-aitreibh agus snaimeanna-ruith air na ceannaibh a bha sios diubh air son cinn nan Albannach a thilgeadh annta lion fearus fear, mar a bha iad adol a steach. Be Sir Reiginald Crauford, Siorraimh Siorrachd ud féin, ’us bràthair-màthar Uallais, aon den cheud fheadhainn a thuits an ribud. Lean mòran as a dhéigh-san, gun duin a thoirt rabhadh dhoibh. Cha tàinig duine riamh a mach a chaidh a steach. Bhan cuirp air an tilgeadhn an aon dùn air muin a chéilan ceann shuas na h-aitreibh. Ach fhuair boirionnach fìrinneachs achòimhearsnachd nach robh saor o an-amharus, innleachd éigin air sealltuinn a steach agus na nithe a bha dol air aghart fhaicinn. Bha Uallas, gu freasdalach, rud-éigin fadalach gun tighinn, ’s bha bhean so ga fheitheamh air son rabhadh a thoirt da. Co luaths a chunnaic i e tighinn fagus, chaidh ina choinneamhs ghlaodh i, “Oh Uallais ghaisgich, chroch iad do chàirdean mar dheanadh iad air na coinluirg!” Stad an gaisgeach ag éisdeachd na sgéil eagalaich, aguss gann a burrninn e suidhena dhiollaid le brònus tùireadh. Ach ged bu duine teodh-chridheach Uilleam Uallas bha e fad o bhi meath-chridheach. Cha robh maith sam bith dol a dhiarraidh lorg air a leithid de ni isgéill,” ’s an fhoclair aige-san. Cha robh e riamh ann. Agus uime sin ben ath char Dioghaltas! Ghabh e cuairts achoimhearsnachd toiseach na h-oidhche gus am faiceadh e ciod a thachradh. ’N uair a chaidh na mortairean, ’s an t-sabhal mhòr ud, air mhisg le fuilghabh iad an sin amhisg le dibh làidir, leann Eireannach, ’us deochaibh mealltach eile, ’s chuir iad roinn mhòr den oidhche seachad le dannsus misg.

(Ri leantuinn.)



[52]

[Vol . 3. No. 7. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton


SIDNI, OGUST, 18, 1894.

CHAN eil Japan us China ann an teas a chogaidh fhathast, ach tha iad nam fuilsnam fallus adeanamh deiseil, ’sa toirt ionnsaidhean beaga air a chéilenuair a gheibh iad an cothrom. Tha rioghachdan us dùthchannan na Roinn-Eòrpas America aig an àm cheudnacur an cinn ri chéile feuch de ghabhas deanamh. Tha Breatunn air son an cumail o dhol a chogadh, ’s air son Corea a thoirt uapas gun còir a bhi aig dùthaich seach duthaich oirre, agus ma gheibh i chuid as dhe na dùthchannan eile gus an aonta thoirt, ’s ann mar sin a bhitheas. Tha Ruisia air an laimh eile deònach air an leigeadhan cìreanan a chéile gun fhios nach teid China a lagachadh air dhòigh sgu faigh i féin a bheag no mhor de dhfhearann a ghlacadh. Tha Ruisia a ghnàth a sireadh tuilleadh fearainn. Ma gheibh Ruisia a dòoigh fhéins gun teid China us Japan air an aghaidh leis a chogadh, tha e doirbh a dheanamh mach air a ghabhair. Tha Japan air a deagh uidheamachadh air son cogaidh, tha saighdearan ionnsaichte aice, air muirs air tir, agus thasluagh aonaichte mar aon dunne Tha China gun a bheag sam bith de shaighdearan ionnsaichte, s cha mhor nach faodair ràdh nach eil arm-mara aice idir. Chan eil aonachd sam bith am measg an t-sluaigh, agus cha mho tha gràdh aca don Iompaire, oir chan ann dhiubh féin e. Ach oibrichidh iad cuideachd air uairean, agus tha iad cho lionmhors ged chailleadh iad duine mu choinneamh a h-uile duine tha ann an Japan, nach ionndraineadh iad as am measg iad. Tha e duilich a dheanamh mach uime sin ciamar a rachadh dhaibh. Than t-ionnsachadh air taobh Japan ach than àireamh air taobh China.

Tha Cuideachd a Ghuail acur seisd ri luchd reic na deoch-làidir. Bha deichuear aig cùirtsa bhaile an roimh. Dhaidich dithis, ’s phàigh iad a chàin, chaidh ceathar eile dhìteadh, ’s ceathrar eile leigeadh seachad gu àm eile.

Bha réis mhor an uiridh air an taobh sadhen chuan eadar soitheach Geancach us soithoach Breatunnach agus fhair an Geancach buaidh. Chaidh an soitheach ceudna null a Bhreatuinn air an t-samhradh so, a chur réis ri soitheach eile, agus chaill i gu dona, cho donas gu bheil am fear leis an leis i ag radh nach cuir e réis leatha tuilleadh.

CHAn eil sluagh air an t-saoghal an diugh cho fad air ais mar dhaoine ri nàisinich Australia. ’S gann gu bheil eadhon tùr nàdarra aca, ’s chan eil e comasach dhaibh reusanachadh sam bith a dheanamh. Chan eil smuain aca thaobh cumhachd as àirde na iad féin ach eagal. Tha iad eadar a bhi dubhsa bhi donnsa chraicionn, ’s chan eil iad a cosg ach fior bheagan aodaich. Na tha de dhinnealan tuathanachais no cogaidh aca tha iad air an deanamh air fiodh agus air an cumadh cho gròigeils cho seana-ghnàthachsa bhann riamh o linn Adhaimh.

SE bainm dhan ghille chaidh a bhathadh aig a bhaile so air an t-seachdain sa chaidh Sidney Meaghers cha be Marr mar thuirt sinnsa MHAC-TALLA Di-sathairne. Bha e féin us gìlleile a cleasachd mu sheann bhàta, ’s thuit esan dhan uisge. Ruith am fear eile gus cuideachadh fhaotainn, achn uair a thill e bha e air a bhàthadh. Bha e aona bliadhndeug a dhaois.

DHfhàg Winnie Nic Isaic, caileag òg aois dheich bliadhna, a dachaidh aig Gallas Point, E. P. I., o chionn còrr us seachdain, agus a dhaindeoin gach siubhail a rinneadh air a son cha dfhuaireadh i gu ceann nan seachd latha, ’nuair thachair i air duin òg a bha dol troimh thom coille mu dha mhile odachaidh, Bha i beo fad na h-ùine sin air suidheagan àrda. Cha robh i gearain an acrais idir, ach bha pathadh mor oirre,


JOST BROS.
(Roimhe so, C . S. Jost & Co.)
STOC MOR DE BHATH ARUR

Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa.
Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c , &c .

Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhiga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor,

CHEAPSIDE WAREHOUSE.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[53]

[Vol . 3. No. 7. p. 5]

NAIDHEACHDAN

CHAIDH tighna theine ann an Danesville Ont, an oidhche roimhe, agus chaidh am fear a bha comhnuidh ann a losgadh gu bàs,

BHA droch thienntein ann am Manitoba, air an t-samhradh so, agus tha moran dhen choille bfhearr a bhanns an dùthaich air a milleadh.

CHAIDH duinòg den ainn Black a bhathadhan Grand Mira air an t-seachdain sa chaidh, Bha e mach asnàmhnuair a thachair sin.

FEUMAIDH Seumas Mac Illemhaoils na h-Eileanan Coille, E, P, I., ar leisgeal a ghabhail, Fhuair sinn a litir, agus bidh i air a clo-bhualadhs an ath àireamh.

THAN t-Easbuig Camaran a tighinn a Cheap Breatunn air an t-seachdain sa tighinn; agus bidh e aig a phic-nic a tha gu bhi aig a Bhras dOr Di-máirts Di-ciaduin.

BHUAIL soitheach-smùide ann an soitheach seòlaidh aig Sidni Tuath aon la air an t-seachdain sa chaidh. Cha deach gin dhiubh a chur o fheum ach gabhaidh e da mhile dollar gus an soitheach beag a chur na h-àite fhéin a rithist,

TAAN soitheach-smuidArcadiaa ruith eadar Sidni us Bay St Lawrence na h-uile seachdain a fàgail Shidni aig ochd uaireansa mhaduinn Di-màirtsa taghal aig Sidni Tuath, St, Anns Ingonish us Aspy Bay, agus a tileairadh Dior-daoin.

CHAIDH Seumas Dunn, a mhuinntir a bhaile so, a mach do Ghlace Bay Di-ciaduinn, agusan sin thuit e marbh beagan an deigh dha ruigheachd. Bhual a ghrian e air a mhios sa chaidh agus cha dfhuair eshlàinte ceart riamh uaithe sin.

THA biastagan a choirce adeanamh call gu leòr ann an iomadh cearna dhen eilein. Thug iad an sgriob cheudna air feadh na dùthcha a cheithir bliadhnan fhoghair so. Bhan t-side gle fhàbharrach dhaibh am bliadhna, agus dhfhàs iad anabarrach pailt.

N UAIR thainig ban-righ Victoria gu crùn Bhreatunn bha da fhicheadsa h-aon as a h-uile ceud dhen t-sluagh nach burrainn leughadh; an diugh chan eil ach seachdnar as gach ceud nach urrainn leughadh a dheanamh.

THUIT fear Iain Friseal a mhuinntir Sidni Tuath bhar mullach simileir a thatar atogail a mach faisg air méinn an Reserve agus chaidh a ghoirteachadh gu dona. Chan eil dùil aca ri e thighinn uaithe. Tha mullach an t-simileir bharn do thuit e tri fichead troighsa coig on talamh.

CHAIDH duinog, Seumas Foyle, a dhfhalbh á Baddeck o chionn ochd bliadhna a mharbhadh ann am Patterson, New Jersey, air a 24mh la dhen mhios a dhfhalbh. Bha e mach le carbad us paidhir each, ghabh na h-eich eagals bha e air a thilgeadh a mach, ’s cha robh e beò ach beagan mhionaidean,

CHAIDH Coinneach Mac Fhionghain a bhag obair aig anInternational Piera ghoirteachadh gu dona feasgar Di-ciaduinn. Thuit pàirt dhen obair a bha iad a cnr suas, agus bha esan fodha. Chaidh a làmh a bhristeadh agus dealg na guaille, ’s chaidh a ghearradhsa bhruthadh gu dona a bharrachd air sin. Cha deachaidh duine ghoirteachdadh ach e fhèin ach chaidh àireamh cho faisg airs gu robh na geilbean, leis an robh iad ag obair, a thilgeadh as an làmhan.

Tha Lighichean a cleachdadhM ’ds Liniment


Iadsan a Phaigh.

Captn. E. Mac Amhlaidh, Gloucester , Mass.
Bean C. B. Fox, Mattapan , Mass.
A. R. DomhnullachAlbany , N. Y.
Iain W. Kerr, Quincey , Mass.
Donnacha. Kerr , do.
An t-Urr. M. Mac Coinnich, Morden , Man.
Bean D. Friseal, Brucefield , Ont.
Seumas Domhnullach, Priceville , do.
Eachunn Mac Fhionghain, do.
Domhnull Mac-a- Phi, Barry ’s Bay do
D. Mac Fhearghais, Penetanguishene , do.
Alasdair Mac Eallair do.
Iain MacFhearghais, Port Arthur, do.
Eoghan Mac Gilleain, Eilean Phictou.
Alasdair Mac-a- Phi, Amhuinn-a- Deas, N. S.
Iain A. Mac Gillebhràth, Dunmaglass do.
D. Mac Rath, Vancouver , B. C.
I. D. Mac-a- Pheasain, Green Marsh, E. P. I.
Iain G. Mac Leoid, Port Righ, ’san Eilean Sgiathanach.
A. D. Mac Fhionghain, do. do.
An t-Urr. D. Mac Gilleain, Durinish, do.
Padruig Dùghallach, Loch Side, C. B. (45c. )
Eós Currie, Sydney Forks.
E. D. Nic Amhlaidh, Amhuinn Dhennis.
Iain B. Gillios, Gleann nan Sgiathanach.
S. B. Mac Neill, Cleveland .
Iain I. Mac Fhearghais, Port Morien.
Niall Mac Leoid, (Eildeir) do.
Callum Mac Amhlaidh. do.
Iain Mac Amhlaidh. (Gobha)
Iain Mac Gill-Fhinnein.
Bean Iain Bhuchanan,
Aonghas Mac Fhearghais.
Domhnull MacIlle-mhaoil.
Alasdair Mac Neacail.
Alasdair Domhnullach, (Saor.)
Gilleasbuig MacIlle-mhoire.
Seumas Patterson, S ’y Forks.
Domhnull Mac Fhearghais, Caribou Marsh.
Tearlach MacLeoid, Framboise .
Aonghas Mac Cuish, Bridgeport ,
Domhnull Mac Phearsain, G , Narrows.
Murchadh Domhnullach, Ceap Nòr.
Capt. R. Domhnullach, Sidni Tuath, (25c.)
A. S. Mac Neill, an Amhuinn Mheadhonach.
Padruig Moireastan, Sydney .
Donnacha Mac Gill-Fhinnein, do.
Bean C W Hill, do ( $1 .50.)
Niall Mac Phearsain, do
Floiri Nic Amhlaidh, Catalone , ( $1 .50. )
Tormoid Mac Amhlaidh, Loch Ghabarus, (50c)
Eoghan Mac Aonghais, Horne ’s Road,
Aonghas Mac Amhlaidh, Kennington Cove,
Eoseph Domhnullach, Sidni Tuath,
Niall Domhnullach, Baddeck ,
D T Caimbeul, Bràigh Ghlencove (50cts,)


IarrMinards Liniments na gabh ach e.

Chan eil Iarla Abaraidhean nobhan-Iarla dol a thighinn a Cheap Breatunn air an turus so idir.


LeighisMINARD ’S LINIMENTmise o dhroch cnatan
Oxford , N. S. R. F. HEWSON

LeighisMINARD ’S LINIMENTmise o chas ghoirt.
Yarmouth , FRED COULSON.

LeighisMINARD ’S LINIMENTRòs Dubh ormsa.
Inglesuille , J. W. RHGGLES.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.

Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dhfhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Innein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[54]

[Vol . 3. No. 7. p. 6]

Beath-Eachdraidh Challuim Chille,

CAIBIDEIL II.

Dheònich a dha-dheug do na fòghlumaich aig Colum Cille falbh maille ris a Eirinn. Is iad an ainmean Baithen (a Chlerach), Diarmid (a mhinistear) Mochonna, Cobhach, Ernaan, Rus, Fechno, Scandal, Eochoid, Tochannu Cairnaau agus Grillaau. Bha Colum Cille a toirt comhairle air Mochonna (mac Righ Ulster) gun a dhùthaich agus a phàrantan fhàgail. Ach dhiùlt e tilleadh, a freagairtIs e thusa mathair an Eaglais mo mháthair, agus an àite anns an cruinnich mi an toradh as do Chriosd, mo dhùthaich.” Bha mar so intinn theachdairean-soisgeulach aig Colum Cille agus a chompanaich a fagail Eirinn. Sheòl iad ann an currach, a bha na bàta laidir, agus rainig iad tìr aig Port-a- Churraich ann an Eilean I, (ris an abrar mar an ceudna Innis-nan-Druineachaigs an ám sin.) Dhirich Colum Cille an cnoc a bàirde bhas an eilean, ’s chunnaic e gu robh e á sealladh Eirinn; oir bha do gràdh aig da dhùthaich, ’s nach bitheadh e toilichte a bhi ga faicinn gun bhi innte. Rùnaich e a chòmhnaidh a dheanamh san eilean bheag sin oir chunnaic e gurobh e so-ruigsinn do na h-eilleanan mun cuairt, agus gun robh e na eilean a bha maith airson bàrr agus ionaltradh, agus mar sin ro fhreagarrach airson àite tàimh fhoglumaich agus theachdairean. Bha so anns a bhliadhna A. D. 563. Chaidh càrn a thogail air mullach a chnuic a dhirich Colum Cille, ris an abrar fhathast Càrn-cul-ri-Eirinn.

Thug Conal, Righ na Scuite (Scots), Eilean I do Choluim Chille mar sheilbh, agus dhaingnich Bruidhe no Bride, Righ na Piouich (Picts) a chòir, agus anns a bhliadhna 565, thog Colum Cille Cathair Chuldich anns an Eilean. Bha a Chathair a co-sheasamh ann an eaglais, tigh do na coigrich, agus tighean do na ministearan agus na fòghlumaich. Bha na tighean air an togail le fiodh agus slantan caoil.

Tha an t-Urramach Bede, a sgriobh Eachdraidh na-Eaglais ann an Sasuinn, mu chiad bliadhnan deigh bàs Choluim Chille, a toirt an cuntas a leanas air a theachdaireachd;— “Ann am bliadhna Chriosd, cuig ciad tri fichead agus a cuig, ’nuair a bha Iompaìreachd na Roimhe fo riaghladh Justin a bòige, thainig Colum Cille a bha na Phreasbitair agus na Abba, agus a bha ro chliùiteach airson a shaothair agus a ghiùlan agus sin gu fiughail, á Eirinn do Bhreatuinn. Be a rùn ann a bhi teachd, —focal Dhé a shearmonachadh ann an dùthchannan nam Piocuich Thuathach(Nothern Picts)oir bhan sluagh a bha mu Dheas dhiubh sin air an iompachadh a chum a chreidimh le Finian ùine fhada roimhe an àm sin. Thainig Colum Cille do Bhreatuinnnuair a bha Bride, prionnsa ro chumhachdach a rioghachadh os ceann nam Piocuich, agus rinn cumhachd teagasg an duine naoimh agus buaidh es eamplair, an cinneach sin iompachadh a chum a chreidimh.”

Cha Colum Cille a thaobh a phearsa a chumhachd inntinn, agus ionnsachadh ro fhreagarrach airson an obair mhor agus iongantach a thugadh dha ri dheanamh

Is fior, nach faigh am focal buaidh
A dhaindeoin achd an teid a luaidh
A dheasbhuidh cumhachd Dhé nan sluagh
A bhi, ’s an uair’ ’g a chuideachadh.

Ach farn do chuir e roimhe féin,
A bhi le shoisg eul deanamh feum,
N sin bheir e deasachadh is gleus,
Don Inneal reir na h-oibre sin.”

Bhr e àrd, tlachdmhor na phearsa, a shùil ro bheothail, agus a ghuth cumhachdach gidheadh binn. ’Nuair bhitheadh e seinn nan Salm chluinnte mile air astar e. Bha e air mhodh chorporra treun agus foghainteach, air alts gum burrain e moran saothair agus allaban a ghiùlan. Gedbha e duineil neo-sgàthach agus smachdail, bha e làn do shimplidheachd, dilseachd agus caomhalachd. Nuair a bha na tiodhlacaibh nàdurra so, air am maiseachadh le gràs agus e air uidheamachadh leullachadh s osgeil na sìthe,” bha buaidh shònruichte aigclaidheamh an spioraidna làimh.

N a phearsa, bha Calum-Cille àrd duineil, agus eireachdail. Bha a ghuth binn, agus làidir; air chor is gun cluinteadh e aig astar màr. Bha e ro ghaolach air seinn nan Salm. Chluinnteadh gu poncail ann am Muile e, thairis air achaolas; ’nuair a bhitheadh eseinn nan Salm ann an I. Tha e air innseadh le a luchd-eachdraidh, aig aon àm, air do shagartaibh Drùidheil* agus Rìgh nam Pecht, ionnsuidh a thoirt air casgadh a chur air aoradh Chaluim-Chille gun do sheinn e féin agus beagan do a bhràithribh an cuigeamh Salm thar fhichead, air dhòigh cho drùidhteach, ’s gun robh an Rìgh air a ghlusad gu domhain,

*Druids .


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamhs coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.



[55]

[Vol . 3. No. 7. p. 7]

agus dhìon e Calum-Cille o na sagartaibh, ’s ghabh e ris gu caoimhneil. Chaidh Rìgh Brìdiompachadh fo éisdeachd Chaluim-Chille, agus bhaisteadh e leis. Mar thoradh air so, bha e ro bhàigheil ri Calum-Cille, agus ribhràithribh, agus thug e cead agus cuideachadh dhoibh airson searmonachaidh air feadh a Rìoghachd, agus tha e coltach gun robh e féin amoladh achreidimh Chrìosdail da shluagh. Aig cùirt an Rìgh so, choinnich Calum-Cille ri prionnsa Eileanan Arcaibh (Orkneys), agus mhol e dha Cormac, fear da fhòghlumaichibh, mar theachdair soisgeulach, a bheireadh e do na h-eileanaibh sin. Bha Calum-Cille agus a chompanaich ro shaoithreachail am measg bheanntan agus ghleanntan na Gàidhealtachd, acraobh sgaoileadh an t-soisgeil. Bha iad mar an ceudna gu tric aseòladh air feadh nan Eileanan Iar, asearmonachadh, agus atogail thighean-aoraidh anns gach eilean. Bha tlachd àraidh aige anns an deachaidh a shaothair gu mòr a bheannachadh. Tha cunntas air a thoirt gun robh e latha asearmonachadhs an eilean sin faisg air achladach, ’s gun do glaodh e mach, “Mo chlann, chì sibh an diugh ceann-feadhna aosda, a chum a bheatha gu cùramach an lagh nàdurra, ateachd gu bhi air a bhaisteach agus gu bàsachadh.” Air ball, bha bàta air a faicinn atighinn a dhionnsuidh achladaich, agus sean duine lagn a toiseach, —ceann-cinne treubh anns an nàbachd. Ghiulain dithis da chompanaich suas e, chum acho-thionail, agus dhéisd e le dùrachd ri teagasg Chaluim-Chille, a bha alabhairt troimh eadar-theangair. ’N uair a chrìochnaicheadh an t-searmoin, dhiarr an seann duine baisteadh. Caidh a ghabhail a stigh don eagails Chriosduidh tre òrdugh a bhaistidh aig an àm sin féin; agus air ball dheug e! ’s chaidhadhlacadh anns an dearbh ionads an robh an co-thional cruinn. Thachair so aig beul aibhne, a chaidh ainmeachadh uaithe sin, Tobar Artbranain.” Bha eaglais agus Tigh-Manach air an togail le Calum-Cille, no a luchd-leanmhuinn, ann an eilean a bha ann an Loch Chaluim-Chille, an sgìreachd Chillmhoire, ’s an Eilean Sgiathanach. Bha eaglais mar an ceudna air a h-ainmeachadh air anns an eilean a tha ann an abhuinn Shnìsort. Be Loch Chaluim-Chille an t-ainm a bha air Loch Phort-rìgh, o chionn cheudan bliadhna, agus tha eilean anns an loch sin, ris an abrar fathastI-Chaluim Chille,” Is ainneamh sgìreachd an Iar na h-Alba, nacheil ainm Chaluim-Chille, no fear da theachdairibh, air a chumail air chuimh ann an ainm eaglais no claidh.

(Ri leantuinn.)


Luchd an Iasaid.

Tha sean-fhacal aig na Gàidheil, “Cha téid mi dhiarraidh iasad suachdain, us cha toir mi iasad seachad,” ach chan eil fhios aig moran cia mar a thainig e. Tha e air innse gu ro bean ann uair a bha tighnn beo, mar tha moran an diugh, air an iasad. Tha e coltach gun deach i chumail taighe gun moran àirneis a bhi aice, oir bha i àireamh bhliadhnaichean an eiseamail a bana-choimhearsnach air son suachdan (poit chreadha) anns am bruicheadh i a biadh o latha gu latha. Ach mu dheireadh, cheannaich i snachdan dhi fhéin, agus bha moit gu leor oirren latha thug i dhachaidh e. Chuir i air teine e gus a dinneir a bhruich, agus gu de bhann ach gun do bhuail an t-eagal i gum bitheadh a bana-choimhearsnaichga iarraidh an iasad oirre mar bhiodh i féin orra-san. Ruith i thun an doruis, agus sheas i air cruach mòine no air rud-eigin agus dheigh i àrd a claiginn air chors gun cluinneadh a bana-choimhearsnaich uil i, “Cha téid mi dhiarraidh iasad suachdains cha toir mi iasad suachdain seachad,” agus thill i stigh dearbh chinnteachna h-inntinn gun drinn i mar bu chòir dhi dheanamh. Ach air dhi an suachdan a ruigheachd cha robh aice ach an gad air an robhn t-iasg; bha e air a dhol na chlàran. Leis a chabhaig anns an robh i gu caismeachd a thoirt do na mnathan nach gabhadhs nach toireadh i iasad suachdain dhiochuimhnich i uisge chur ann, agus fhadsa bha isegairm air a chruach-mhòine chuir teas an teine an suachdan na mhirean beaga, ’s cha robh air fhàgail aicach am bùlas. Bha i nise na bu mhiosa dheth na bha i riamh. Bha i gun phoit mar bha i roimhe, agus beag-nairesg a robh i, cha robhbhathais aice na leigeadh leatha dhol a dhiarraidh iasaid air a bana-choimhearsnaich.


Minards Linimentair son Loine.


TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNIC. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.


Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
Rubbers dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean ur Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scoir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.



[56]

[Vol . 3. No. 7. p. 8]

ORAN.

LE AONGHAS MAC-GILLESHEATHANAICH.

Than oidhchen nochd gle fhuar,
S mi ri ullach mo cheile,
Ga guilan air mo ghuallain,
Cha tuairisgeul bhreug e.
Chan fhaod midhol an uaigneas
A chluaineis gu h-Eibhinn,
S chan urrainn micur bhuam
Ged nach dfhuair mi on chleir i.

Gur mairg a fhuair ra giulan
Te ruisgte gun eudach,
A chaidleas ann san smurach,
S nach ionnlaid mo leine,
S a chuireas feum air burn
Gu bhi sguradh a creubhaig
Le cudthrom cupal phunnd
Eadar uileadh is bhreidean.

N uairfhuair mi as an tur thu,
S tu ur bharr na feille,
Bu bheachd dhomh gum bu chliu
Bhi ga dghiulan gu h-eutrom.
N uairtharruing mi thu dluth dhomh,
S min duil ri bhi reidh riut,
Cha tuiginn guth dhe dchanain,
An Gaidhlig nom Beurla.

Acheud lachuir mi snaim ort,
Dhfhag roinn mi de mleir sinn;
Chaidh laigsinn air no chuianhne
Is buidhread air meisdeachd;
Chaidh maigneadh uilair aimhreit,
S mo cheann troimh acheile;
Gur bochd dhomh bhi fo dchuing,
S tu gun suim dhiomn am eigin.

An gunna afreagairt.

Ged tha thun diu gun storas,
Gun chota, gun leine,
Gun dchuir mi roimhen t-or
Ann san dom nach robh gleidhteach,
Fichead gini comhlath
N uairphos sinn le eibhneas;
S gur cinnteach dhuit an corr
Mas a beo sinn le cheile.

Carson a bhiodh tu rium
Ged nach cunntar leam spreidh dhuit;
Aidh dollair dhuit gan cuineadh,
S bidh flur air gach meis dhuit.
Bidh muic-fheoils mairt-fheoil ur
Anns gach buth gus an deid thu;
S leat tar an cheithir punnd
Is do lionn, ’s cha bhi eis ort.

Tha cuid ag radh gun do rinneadh an t-oran so le Aonghas Mac-Gillesheathanich san Eilain Sgithanach. Tha cuid eile ag radh gun do rinneadh e le Granndach a mhuinntir Ghlinne Moireastainn. Cuireadh na Seathichs na Granndich a chuis ceart. Cha ruigdream seach dream dhiu a leas naira bhi orra as an oran.


THA D. J. Domhnullach an deigh stoc mor flùir fhaighinn a stigh, ’s tha ega chreic saor. Agus than tìm cho math leis ris an airgiod.


Na Seangain agus na Cuileagan.

Ann an oisinn gàraidh tuathanaich bha dùn sheangan. Air feadh an t-samhraidh bha iad ro-dhichiollach o mhoch gu h-anmoch, atarruing bìdh a dhionnsuidh an dùnain. Dlùth dhoibh bha leabadh phlùrain far am bu ghnàthach le aireamh mhòr de cuileagaibh bhi ri cluich agus ri mire, ’nuair a bhi iad ag itealaich o aon diubh gu h-aon eile. Bha mac aig an tuathanach a chleachd bhi toirt fanear giulan nan creutairean so. Bha iongantas air gun robh dealachadh co mòr eadar an dòigh anns an robh na seangain agus na cuileagan ateachd beò; agns air dha bhi ro òg agus air bheag eòlais, labhair e aon riathair air an dòigh so, “Am feud creutair air bith bhi cho baoth ris na seanganaibh so? an tha iad ag oibreachadh gu goirt, an àite bhi ri cluich agus agabhail suaimhneis dhoibh féin mar na cuileagan, a ta, a réir coslais, nis sona na creutair air bith eile fon ghréin.

Ann an ùine ghoirid an déigh dha so a labhairt, dhfhàs an aimsir fuar. Is gann a bha aghrian adealradh air feadh na , agus bha reodha agus fuachd an cois na h-oidhche. Air don òganach cheudna bhig imeachd saghàradh chan fhac e aon do na seaganaibh, ach chunnaic e na cuileagannan luidhe an so agus an sud, —cuid diubh cheana marbh, agus cuid eile air ti bhi marbh. Air dha bhi teo-chridheadh ghabh e truas do na euileagaibh, agus dhfheoraich e ciod bu dol do na seanganaibh a chunnaic e san àite cheudna. Fhreagairathair e, “Tha na cuileagan marbh, do bhrìgh gun robh iad gun chùram, agus nach do thaisg iad lòn doibh féin fa chomhair an fhuachd; ach tha na seangain, a bha dichiollach air feadh an t-samhraidh, agus a thaisg suas lòn doibh féin fa chomhair airc, beò agus slàn, agus chi thu iad a rìs co luathsa thig aiteamh agus blàthas.”


FHUAIR Iompaire Ruisia moran litrichean o chionn ghoirid a maoidheadh a bheatha thoirt dheth. Chan eil annas sam bith aige dhen t-seòrsa sin, ach tha iad air an turus so cho lionmhors gu bheil iad acur nàdar de dheagal air a chàirdeanga thaobh. Air son an t-Sàir fhéin mur biodhte toirt ionnsuidhean air a bheatha cha chreideadh e gum bann an Ruisia bhiodh e idir, ’s dhfhàsadh e aonranach.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid.

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Soithichean Creadha agus Glaine.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh

Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris as fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAN W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bitha thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine air a phrìs as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


CLOIMH.

THAm fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris as fhearr sa mhargadh oirre.

D . F. Mac RATH,
Baddeck C. B.

titleIssue 7
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla III No. 7. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page