[57]

[Vol . 3. No. 8. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan athris mi maireach.”

Vol. III. SIDNI, C. B. DI-SATHAIRNE, OGUST 25, 1894 No. 8.


As na h-Eileanan Coille.

Fàiltair a Ghàidheal a rithist! —Bhon tha MAC-TALLA an nis air inntreachadh air an treas bhadhnal gu mireagach, sùnndach, agus siùbhlach, mar bu mhiann lechàirdean anns gach cearna dhen tsaoghal, tha aobhar dòchais gun gabh sinn uile ris gu suilbhearra, agus gum bi sinn nis fearr dha na bha sinn riabh, air cha robh e fathasd achga altrum air broilleach na ban-athrum, ach a niss coltach dha gum bi eg iarraidh teachd-an-tir nastreises nas brioghmhoire na m bainne-cich. Tha na h-uile dochas againnre gum bi gach mac agus nighean Gaidheil no anns am bheil boine do dh fhuil nan treun laoch bhon d thainig iad a mosgladh suas, agus a cur dollar an urra a dhionssaidh an fhir-dheasachaidh a chum agus gum bi e comasach air beathachadh làidir fallain a toirt dha agus gum fàs e uiread eilesa tha e air a bhliadhna air am beil e nis air tòiseachadh. Le beagan dichill, faodaidh iadsan aig a bheil gràdh do chainnt an aithrichean, agus dha bheil e dùthchasach a bhiga labhairt, sin a dheanamh agus ma ni, chi iadan ceann na bliadhna gur e dollar a MHAC-TALLA dollar as fearr luach a pheighinn risn do dhealaich iad riamh.

Bha mi air chuairt ghoirid ann an Eilean Phictou air an t-samhradh so, agus feudaidh mi a radh le firinn, gun a h-aon a thoirt as no ann dhuibh, gur iad sluagh as caoimhneile agus as suairce risn do thachair mi riabh; chuala mi den Ghàilig mhilis bhlasda a chleachd mi an tùs mòige na chuireas aiteas air mo chridhe fad greis mhaith, agus ciod e chuir mo ghàirdeachas am miad ach a bhi faicinn a MHAC-TALLA gu siubhlachna measg agus neòr-thaing mar an robh e faotinn di-beatha, agus boirionnich aosda, còire, cho math ri nigheanan òga agus daoinogas seanga leubhadh gu fileanta. Air dhòighs gu robh mi gle riaraichte le mo chuairt don Eilean.

Tha mi a cur sgeulachd bheag dur n-ionnsuidh anns an litir ns mu ni a thachair anns an dùthaich so o chionn fad, ’n uair bha daoine air ùr shuidheachadh innte. Faodaidh sibh a clò-bhualadhn uair a chi sibh freagarrach. Agus a nis co-dhùnaidh mi, ag altrum an dòchais gum buin na Gàidheil gu math ris a MHAC-TALLA, gun cuir iad an t-airgiodg ur n-ionnsuidh gun slaodaireachd sam bith. Cuimhnicheadh iad gur fearr iansan làimh na dha dhiag air iteig. Ged nach eil mo bhliadhna fhéin suas fhathast tha micur an dollairsan litir so, ’s tha mig earbsa gu ruig e sibh gu sàbhailte. Is miseur caraid agus caraide na Gàilig a h-uile latha chis nach fhaic.

SEUMAS A. MAC ILLE-MHAOIL.


A Framboise.

Bha againn mar thuirt am fear roimhe, “samhradh breac riabhach,” agus tha choltas air an àite gum bi bàrr math againn air an fhoghar. Tham buntàtacoimhead anabarrach math, agus saor on daolaig fhathast; bfhearr nach amaiseadh a bhiastag mhillteach ud air a cheann so dhen eilein am bliadhna.

Ach ged than t-side fabharrach don tuathanach, chan eil i mar sin don iasgair. ’S fada bho nach robh an t-iasgach cho fad air ais air na cladaichean so. Bhan t-iasg ganns bhan t-side cho stoirmeils nach faigheadh iad a mach don chuan ach ainneamh. Agus a ris cha dfhuaras cead mar a bàbhaist a bhi glacadh a ghiomaich ach gus an còigeamh latha deug de mhios deireannach an t-samhraidh, a dhaindeoin gach iarratus agus tagradh a chuireadh fa chomhair an luchd-riaghlaidh.

Chaidh Sacramaid na Suipeir a fhrithealadhsan àite so latha na Sàbaid sa chaidh. Bàan aimsir fàbharrach agus chruinnich moran a bharrachd air na chunnaic sinn riamh cruinn aig a leithid a dhàm. Bha moran ann á Grand River, á Loch Lomond, á St. Peters, á Gabarus agus á Mira. Bha sinn ro thoilichte na h-uidhir fhaicsnn, agus gu h-àraidh air son cho modhail, cho òrdails cho stuama sa bha iad. Shearmonaich an t-Urr. Mr. Mac Coinnich Ghrand River a Bheurlasan eaglais Di-sathairne, agus Mr. Laing, á Halifax, air an t-Sàbaid. Shearmonaich Mr. Calder à Mira, aig a cheart àm, am muigh anns aGhàilig. Di-luain bha Mr. Laing a rithistsan eaglais an ceann na Beurla agus Mr. Mac Coinnich am muighan ceann na seirbhis Ghàilig. Tha sinn an dòchas gum bi iad uile air an duaiseachadhnan saothair.

Tha sinn fior thoilichte ann a bhig innse gu bheil moran den òigrìdh againnnar measg dhachaidh as na Stàitean. Chan urrainn duinn a radh gu bheil iad uile cho dreachmhor sa bha iad mun dfhalbh iad, ach neòr-thaing deagh chòmhdach, agus, tha sinn an dòchas, gliog mathnan sporain. Tha sud glé mhathna àite fhéin, gidheadh, tha beagan agamnan aghaidh agusse so e, an dimeas a tha cuid dhiubh adeanamh air a Ghàilig. Iad sin a labhradh a Ghàilig gu math mun dfhalbh iad, ’s ann tha iad a nise, an deigh dhaibh a bhi beagan bhliadhnaichean air falbh, mas fior air a diochuimhneachadh. ’N uair a chòmhlaicheas mi iad le cainnt bhinn bhlasda mo mhàthar nach ann a their iad riumNo Gaelic; ”ach cumaidh miseGhàilig riutha, ’s ma thuigeas iad mi, ’s math, ’s mur tuig chan eil comas air. CEANN LIATH.
14, 8, ’94.


Ann an Constantinople, ceann-bhaile nan Turcach, tha tri latha as na h-uile seachdain air an cumail mar Shàbaid. Tha na Mahometanaich acumail Di-haoine, na h-Iùdhaich acumail Di-sathairne, agus na Criosduidhean acumail Di-dòmhnaich.

Tha da fhichead mile pearsa bàsachadh ann am Breatuinn na h-uile bliadhna leis a mhisg; agus da fhichead mileile le gort, sgiorraidhean, agus tinneasan a tha air an aobharrachadh leis an air òl, chors nan cuirte stad air reic na deoch làidir gum biodh am beatha air a gleidheadh dos cheithir fichead mile, eadar bheag ur mhòr, na h-uile bliadhna.

CumMinard ’s Liniment ’san tigh.



[58]

[Vol . 3. No. 8. p. 2]

UILLEAM UALLAS.

LE AONGHAS MAC COINNICH.

(Air a leantuinn.)

CHOIDIL mòran diubhan ceann eile na h-aitreibhs an robh cuirp na muinntir a mhort iad nan sìneadh. ’S bha mòran diubh air bhileitibhan caochladh thighibh feadh bailAra. ’S e àireamh ro bheag dhiubh a chaidh don Chaisteal an oidhchud. Bha na tigheanan ceann a deas Albas na linnibh ud air an togail le fiodh, mar tha tighinn cinn a tuath America an diugh. Thug Uallas òrdugh donmhnaoi fhirinnichud comhara so-fhaicsinneach a chur le cailc air na tighibhs an robh na Sasunnaich acur seachad na h-oidhche. Thàinig e féin air mharbhan amheadhon oidhche le tri cheud fear, ’s le mòran de bhuill chainbe, ’s cheangail iad co diongalta on taobh a muigh na h-uile tigh air an dfhuair ian ancomharra” ’s nach gabhadh iad fosgladh on taobh a stigh. Chruinnich e móran connlaichus gheugan leis an do chuir e na h-aitreabhan fiodhud ri theine. Bha mòran air an losgadh gun dùsgadh idir á codal. Achuid a bha dùsgadhs a briseadh a mach troimhn cheòs an lasair, bha na h-Albannaich gan coinneachadhs gam pilleadh air ais don losgadh, no gan reubadh as a chéile len cuid armachd. Cha deachaidh Sasunnach beò as an oidhchud a bha mach air geatachaisteil. ’N uair a dhfhàg buidheann Uallas an t-àites amhaduinn, cha robh ri fhaicinn ach làthraichean nan aitreabhan a bha nan connanh alosgadh cuirp na muinntir a chaidh a mharbhadh. Mar so chriochnaichParlamaid Dhubh Ara.”

Ach a nis gu obair aghlanaidh air an dùthaich o na mortairibh Sasunnach, le spionnadhus rùn ath-nuadhaichte. Ben rian a ghabh Uallasn a cheud éiridh, bhicumail tearc de luchd-leanmhuinn còmhladh ris féin, leis an tugadh e garg-ionnsuidh air buidheann bhig sam bith den arm Shasunnach a gheibheadh e air leth o chàch, ’s leis an glacadh e stòr bidh no armachd a bhiodh adol gu aon sam bith de na caistealan, Leis an rian so bha e deanamh mòran callair an nàmhaid, aig an àm cheudna an robh etoirt acheart aire gun seachnadh e aghaidh a thoirt do bhuidheann lionmhor sam bith dhiubh air nach robh e cinnteach gum burrainn e buaidh fhaotainn. Bha aig an àm cheudna mòran de lùchd-fearainns do àrd-mhaithean na rioghachd ag oibreachadh fo òrdugh-san agus far am burrainn iad, acreachanhs amarbhadh nan Sasunnach, ’s acur na h-uile moilla burrainn iad orra. Cha robh fear no beans an tir leis nach feudadh Uallas teachdaireachd a chur. ’S nuair a chitheadh e àm fàbharrach ghrad thionaileadh e àireamh de na beag oifigich ud as gach cearna timchioll air, ’s nuair a chriochnaicheadh iad obair an , le gearradh as buidheann Shasunnach a bhair thuras o aon àite gu àite eile, ghrad sgaoileadh e ris iad, gach fear da chearna féin. Leis gach lotadhus bruthadh a bha ann, bhna naimhdean a dolan teircead. Ach an déigh Saibhlean Ara, ’s an dioghaltais a lean, dhùisg spiorad an t-sluagh suas, air feadh na dùthcha gu h-iomlan, ’s fhuair Uallas uiread de luchd-leanmhuìnns nach gabhadh na Sasunnnaich orra coinneamh athoirt das an àm anns an achdadh fhosgailt, ach dhruids iad iad féin suass na daingnichibh gus an tigeadh tuilleadh cuideachaidh á Sasunn. Ach thòisich na h-Albannaich air glacadh nan daingnichean féin, ’s air marbhadh na dream a bhacumail freiceadan annta. Bha iad aspealgadh as a chéile len cuid tuaghaibh geatachan cuid de na caistealan, ’s gun na saighdearan comasach air an cur air falbh, ’s bha iad aglacadh cuid eile dhiubh le seòltachd. Thraill Uallas troimh thaobhs ear Albair ceann armailt lionmhoir, agus air a cur a deadh òrdugh, ’s cha robh caisteal, eadar uisge Thathagus Crombagh, nach do thuit roimh’ ’am beagan sheachduinibh, ach caisteal Dhundeagh a mhàin. Phill Uallais gu deas a chur séis ris an daingneach so an cud mhìos an fhoghair, 1297, direach an ceann bliadhna an deigh do Edeard dol air ais do Shasunn, ’an dùil gun robh Alba gu do-sgaraichtaig air a h-aonadh ririoghachd féin

S ann ateannachadh caisteal Dhundeagh a bha Uallas leis an arm Albannachn uair a chuireadh teachdairean thuige gun robh Iarla Shurreigh atighinnn a aghaidh le feachd Sasunnach anns an robh leth-cheud mìle fear, ’s gun robh e cur roimhe thighinn thairis air amhainn na Friù aig drochaid Shruileidh. Dhfhàg Uallas Dundeagh air ball, ’s rinn e air son a bhi aig an drochaid, nam


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.


G . H. GUZZWELL,
SIDNI, C. B.


C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeos, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadan, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air dlaimh aonnan.



[59]

[Vol . 3. No. 8. p. 3]

bu chomasach, mun ruigeadh na Sasunnaich i. Mhàrsail en t-arm co cabhagachs a burrainn iad, ’s ràinig e mullach cnnic a tha da mhìles ear air Sruileadh, mun tàinig Sasunnach idir air fàire. Ach cha bfhada gus am facas am brataichean asnàmhs aghaoith, ’us tromlach an airm adlùthachadh ris an drochaid. Bha Iarla Shurreigh glé shean agus an droch slàinte. Bann aig Uisdean Cresingam Fear-ionmhas Alb’, a bha comanndan airm da rìreadh.

Bu shagart Cresingam, duine dàna, fuilteach, leis am bu roghnuiche gu mòr clogaid an t-saighdear na còtan t-sagairt. Rinn cuid de na tighearnan Albannach cabhag gu iad féin ùmhlachadh do righ Shasuinnn uair a chunnaic iad an armailt so atighinn air a h-aghart, air eagal gun cailleadh iad an cuid fearainn. Cha robh iad acreidsinn gum burrainn Uallas seasamh ris an fheachd ud a bha trì uairean ni bu lionmhoire nan armailt a bhaige féin, Ach air a shon so uile sheas Uallas agus a luchd-leanmhuinn gu neo-sgàthach, agabhail alla ris an armailt Shasunnaich atighinn air aghart. Dhlù lean Sìr Iain Greumach ri Uallas, ’s bha ena aon dechàirdean bu dealaidh. Lean mar an ceudna Sir Uilleam Dùghlas, uachdran Shrath Dhùghlais, agus ceann-tighe tha gu tric air ainmeachadhan eachdraidh Alba, ris. Cha robh dòigh air faotainn seachad air an amhainn, ach air drochaid fhada, chumhaing, fhiodha bha ni b fhaide shuas air an amhainn na drochaid an n diugh. Champaich Uallas air tulaichibh àrdair taobh tuath na h-aimhne, ’s dhlùthaich an t-arm Sasunnach ris abhruaich dheis. An déigh seasamh greis fa chomhair a chéile, chuir Uareinn, an tIarla Sasunnach, dithis shagartan a null far an robh Uallas a thairgseadh maitheanais dha féins da luchd-leanmhuinn nan leigeadh iad sios an armachd. Be freagradh Uallais iad a dhol air ais gu Uareinnus innseadh dha nach bann a dheanamh chùmhnantan sìth a thàinig iadsan an sud, ach a thoirt blàir do na Sasunnaich agus saorsaiseag don dùthaich. “Thigeadh na Sasunnaich air aghart, tha sinn a toirt dùbhlain doibh gum feusagaibh.” ’N uair a chual na Sasunnaich am freagradh uaibhreach so, bha iad ro dheònach air a dhol air aghart thun achòmhraig. Ach bha cuid de na h-oifigearan bu tùreilacur impidh orra fuireach air ais a thaobh meud achunnart a bhanns an drochaid chumhaing a ghabhail anns nach robh ach rùm dithis air leud, ’s an nàmhaid aig a ceann. Ach cha ghabhadh Cresingam diùltadh. Bha e air son a dhol air aghart air na h-uile cor, ’s crioch a chur air achogadh leis an aon bhlàr, ’s dhfheumadh e thoil féin fhaotainn deanta. Fhuair an armailt òrdugh dol air aghart. Ghabh Sìr Marmaduke Teng air thoiseach air ceann nan réisimeid each, a bha còmhdaichte le armachd thruim stàilinn, araon eachus marcach. Lean Cresingam an déigh sin leis an roinn den arm a bho fochomannda féin. Sheas na h-Albannaich air an taobh tuath agabhail alla riu adol thairis air an drochaid, Fhuair an réisimeid each an òrdugh cathair an taobh tuath; ach dhòrduich Uallas buidheann threun luchd-sleagha dhol timchioll sios air taobh na h-aimhne, ’snuair a bha mu leth an airm air tighinn a nall sméid e orra iad a ghabhail sealbh air an drochaids na bha thall a chumail thall, ’s na bha bhos a chumail a bhos. “NisarsUallas ri chuid saighdearanibh, “airur bonnaibhs nam badaibh.” Bhuail na h-Albannaich len uile neart air na marcaichibh a bha dìreadh leathad an tulaich, ’s ruaig iad sios iad air muin nan coisichean a bhair ùr thighinn a nall. Chaidh na coisicheans na marcaichean troimh a chéile, ’s an àita bhi cuideachadh, ’s ann a bha iad acur moillair a chéile, ’s na h-Albannaich gan sgathadh sios mar am feur air gach taobh. An còrr nach deachaidh a mharbhadh dhiubhs an fhaing sin, leum iad a mach air an amhainnan dùil gun tearnadh siad iad féin air an t-snàmh. Ach mar bha iad co trom len cuid armachd, bha iad adol fodhair ball, non sruth gan giùlan sios ni bfhaide far nach robh dol as o bhàthadh. Den àireamh mhòr sluaigh a thàinig thar an drochaid an ud cha dfhuair as beò ach triùir. Be Sir Marmaduke Teng an treas fear dhiubh sin. Bha Cresingam a measg acheud fheadhainn a chaidh a mharbhadh, ’s tha cuid ag ràdh gun do rùisg na saighdearan e, ’s gun dfhionn iad an craicionn deth leis an fhuath a bhaca dha, air son e bhi fionnadh an t-sluaigh leis achis thruim a bha eleagadh orra.

N uair a chunnaic Iarla Shurreighs na h-oifigearan eile bha còmhladh ris air taobh tearuinte na h-aimhne, mar a bhan ladols mar a chaidh e, ’s nach burrainn iadsan a leasachadh, cha do mheas iad taobh tearuinte na h-aimane tearuinte ni bfhaide. Thug iad na buinn di gu deas. Cha do lasaich Iarla Shurreigh eang gus an do ràinig e Beruic aig achrìch Shasunnaich. Sgaoil a chuid feachd feadh na dùthchanns an ruaig, ’s thilg iad uathan cuid armachdus bhrataichean gus am faigheadh iad an cosan as o na h-Albannaich ghuineach a lean gu dian air an tòir. Cha be mhàin gun do theich iarmad sluaigh Shurreigh a mach as an rioghachd an déigh àr drochaid Shruileidh, ach co luaths a sgaoil iomradh gaisge nan Albannach an ud air feadh na tìre, thréig na saighdearan Sasunnach gu h-iomlan an tearc de chaistealan a bha fathastn an làmhaibhan ceann a deas Alba, ’s teich iad a mach as an rioghachd. Cha dfhoghainn le Uallas an t-saorsa so oibreachadh da dhùthaich féin, ach bhris e steach air taobh tuath Shasuinn le fichead mìle fear, ’s rinn e mòran callair feadh na duthcha sin mar dhìoghaltas air son an fhòirneirt a bha na Sasunnaich adeanamh air Alba. ’N uair a phill iad air ais on sgrìob so ghairm an t-arm agus an sluagh Uallas gu bhin a Ard-riaghlair air Alba. Theirteadh ris, an déigh so, Sìr Uilleam Uallas, Riaghladair Alba.

(Ri leantuinn.)


TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNIC. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugsinn a feorach mam prisean.



[60]

[Vol . 3. No. 8. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton


SIDNI, OGUST, 25. 1894.

CHAN eil atharrachadh mor sam bith air cùisean anns an Aird an Ear seach mar bha iad air an t-seachdain sa chaidh. Cha chualas mu bhlàr a bhi eadar China us Japan o chionn beagan lathaichean, ach tha iad ag ullachadh, agus faodaidh sùil a bhi againn ri fios fhaotainn latha sam bith gun do choinnich an armailteans gun do chuir iad blàr. Ma leigeir leotha fhéin, bidh an cogadh air a bheil iad an dràsd air tòiseachadh na chogadh ruighinn, fuilteach, achses dòcha gun téid rioghachdan na Roinn-Eorpasan eadraiginn mun dean iad milleadh mor air a chéile, agus gum cuir iad stad orra.

MAR nach fòghnadh aon aimhreit gu bhicur dragh air an t-saoghal, bfheudar connsachadh éiridh eadar Breatuinns an Fhraing mu Africa. Fhuair an Fhraing leud a coise de dhfhearann anns an dùthaich fharsuinn sin o chionn àireamh bhliadhnaichean, agus riamh uaithe sin tha icur ris, gus a nis am beil stall mhòr aice. Tha Breatunn ris an obair cheudna mar tha i anns gach cearneile dhen t-saoghal agus tha nisen da fhearann air fàs cho mors gu bheil iad a bualadhna chéile. An stiall mu dheireadh a chuir an Fhraing ricuid fhéin, rinn i e cho falchaidhe nach cuala Breatunn uiread us fathunn uime gus an robhn obair deante. Chuir so corruich air Breatuinn, ’s tha icur gu math searbh an aghaidh na Frainge air son a bhi cho mealltach. Chan eil e air innse fhathast ciod a tha dol air adhart eatorra, ach tha gach aon aig a bheil fhios ag aideachadh gu faod cùisean a bhi gle dhoirbh an ceartachadh, agus nach gabhadh e moran gus an cur a chogadh.

Chaidh tuathanach a churan greim faisg air Wìndsor, Ontario, o chionn ghoirid air son na sòilean a chur as na mucan aige fhéin air son an cumail o dhol air feadh a chuid barra.

Anns a chogadh a bhaig Breatunn anns na h-Innseansa bhliadhna 1857, a cur sios na ceannairc a bhrist a mach am measg nàisinnich na dùthcha, bha aon réiseamaid aca anns an robh ceud gu leth càmhal, agus Gàidheil Albannachg am marcach. Than càmhal na bheathach anabarrach treum ri aghaidh blàir; seasaidh e ri teine a chuireadh each á cochull a chridhe.

BO CHOSGAIL. —Tha duine ann an Chicago aig a bheil a thacosg naoidh mile deug dollairsa bhliadhna dha. Tha tigh mor aige anns a chuid as uaisle dhen bhaile, agus ri taobh an taighe tha pàirce bheag bhòìdheach anns am faodar a bhò fhaicinn acriomadh na h-uile latha. Thainig duine beairteach an rathad o chionn ghoirid agus bàill leis gun creiceadh e phairce ris. ’N uair a thuig e nach robh e deònach sin a dheanamh, smaoinich e gun toireadh e bhar a chasan e le pris mhòr a thairgse, agus thuirt e ris gun tugadh e dha tri cheud mile dollair ( $300 ,000) air son na pàirce. Cha dfhuair e freagradh sam bith ach, ’nach gabhadh e pris sam bith oirre, a chionn nach robh àit eilaig anns an cumadh e bhó’. Nan robh e air an tairgse ghabhail, dhfhaodadh en t-airgiod a churna bhanca, agus thàirnneadh e naoidh mile deug dollair réibh na h-uile bliadhna.


Iadsan a Phaigh.

Domhnull Johnstone, Springhill , N. S.
A. J. MacFhearghais, do.
Iain Domhnullach, Antigonish ,
Alasdair D. Friseal, Lost River, Que,
D. Mac Cuaig, Ottawa , Ont.
M. D. Domhnullach, Narrows Creek, P. E I.
Callum Mac Gill-fhaollain, do.
Domhnull Mac Gill-fhaollain, do.
Dr. G. Gillios, Dundas .
Domhnull Peutan, Cardgan Bridge.
Donnacha Mac Coinnich, Mitchell River.
Michael Mac Fhionghain. Lakevale , C. B.
Raonaid Nic Gilleain, Mira .
Eoghan Mac Gille-mhoire, (50cts.)
Ruairi Mac Coinnich, Sidni, (50cts.)
Padruig Dùghallach, Loch Side, (55cts. )
Alasdair Steele, Caledonia Mines.
Alasdair D. Mac Suain, Glascho, C. B.
Aonghas Mac Gill-fhaollain, Stewartdale .
Aonghas Buchanan, Marsh Lake.
F. D. G. Mac Fhionghain, Acarsaid Chloinn Fhionghain.


JOST BROS.
(Roimhe so, C . S. Jost & Co.)
STOC MOR DE BHATH ARUR

Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa.
Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c ., &c .

Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhiga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor,

CHEAPSIDE WAREHOUSE.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[61]

[Vol . 3. No. 8. p. 5]

NAIDHEACHDAN

THA gach cùnntas a fhuair sinn as a Ghàidhealtachd ag innse gu bheil am bàrr nas gealltanaiche air an fhoghar so na bha e o chionn iomadh bliadhna.

THA féill mhor air na dearcan gorma. Chuireadh còrr us sia mile deug bocsa dhiubh air falbh à Yarmouth, N. S., air an t-seachdain sa chaidh, agus tha tuilleadh ri dholnan deigh an ceann beagan lathaichean.

CHAIDH da stòrnan teine ann an Glace Bay oiche Luain, aon le Iain I. Mac Aonghais, Port Morien, agus aon le Alasdair Mac Phearsain anns an robh D. I. Mac Leòid ri ceannachd. Cha dfhuaireadh a bheag sam bith dhe na bhannta a shàbhaladh.

BHA cruinneachdadh mor aig na tuathanaich ann an Truro Di-màirt. Bha dòmhlachadh mor sluaigh cruinn agus chuir iad an latha seachd gu cridheil. Bhan t-Ard Riaghladair ann air an ceanns thug e òraid no dha dhaibh a thaitinn ris na h-uile.

CHAIDH grunnan de mhaoir a thigh ann a Halifax an la roimhe, ga rannsachadh air son deoch làidir. ’N uair bha iad arùrach anns na cùiltean, chaidh làn-dùirn de phiobar dearg a chur air an stóbh, agus dhfhàg iad an tigh le cabhaigs na deòirnan sùilean.

CHAN eile gnothuichean ach fada gu leòr air ais anns na Stàitenn fhathast, ach tha iad a dol am feabhas. Tha dòchas math aig muinntir nan Stàitean gum bi obair nas pailte agus malairt nas fhearr air a gheamhradh so na bha iad re na bliadhna chaidh seachad.

THUIT fras mhòr uisge ann am Boston feasgar Di-luain. Chan eil cunntas aig cléireach na sìde air fras cho trom a thuiteam anns abhaile riamh roimhe. Bha tuil uisge air na sràidean, agus ruith e stigh do na seallerean. Chaill na ceannaichean fiach deich mile dollair de bhathar.

SPRINGHILL. —Tha litir a fhuair sinn á Springhill ag innse nach eil an obair ach car fad air ais anns an mèinnean-guail on thainig an samhradh. Tha iad ag obair na h-uile latha ach chan eil an gual air a thoirt air falbh o na gearradairean air dhòighs gun téid aca air tuarasdal ceart a dheanamh.

CHAIDH duine òg Uilleam Mac Isaic a leònadh aig a Mhèinn a Tuath air an t-seachdain sa chaidh. Dhfheuch e ri leum air carbad-guails e falbh, agus thuit emeasg nan cuidhlichean. A bharrachd air a bhi air a bhruthadh gu dona, bha a shròn air a bristeadh agus an òrdag air cur bhar dhechasan.

MADUINN Di-luain, chuireadh stad air àireamh de mhuillein cotain ann am New Bedford, Mass., ’s tha sùil ri tuilleadh a sgur an ceann latha no dha. Bha so air aobhairachadh, mar as àbhaist, le eu-còrdadh a thaobh an tuarasdail. Bha aona mile deug de luchd oibreachnan tàmh, ach uaithe sin chaidh beagan dhiubh air ais gun obair.

THA flùr a reicsa bhaile aig $4 ,00; min bhuidhe aig $3 .00; ìm, 17c gu 18c; uidhean, 10c; seann bhuntàta, 50c; buntàtùr, 80c am buiseal, tuianeap ùr, 50c; trosg bog, 2c am pùnnd; trosg tioram, 5c; feòl uan, 8c. feòil mairt, 10c. gu 14c.; feòil muice, 10c.; ti, 20c. gu 30c.; siùcar; 4c. gu 6c.; suidheagan, 8c. gu 10c. an càrt; dearcan-gorma, 8c; càise dùthcha, 8c; càise factoridh, 13c. gu 14c. am punnd.

CHAIDH soitheach a bhatar atogail ann an Glascho air son a bhina soitheach cogaidh aig China, a ghlacadh toiseach na seachdain so le òrdugh on Riaghladh Bhreatunnach. Chaidh eile ghlacadhan Newcastle Di-sathairne. Fhadsa bhios Breatunn gun bhi gabhail taobh seach taobh anns a chogadh, chan fhuiling an lagh soitheach a thogailsan rioghachd air son a dhol dhan chogadh air taobh seach taobh.

BHA stoirm mhor air a cheann so dhen eilein feasgar Di-haoine air an t-seachdain sa chaidh. Bha uisge anabarrach trom againnan Sidni, ach cha robh na tàirnneanaichs na dealanaich cho troms bha iad a mach rathad nam mèinnein. Chaidh tigh le fear Seumas Farrell, eadar Glace Bay us Bridgeport a bhualadh leis an dealanach, ach gu fortanach cha do ghoirticheadh duine. Bhuail e cuideachd ann an sabhal le Lachuinn Mac Gilleain, air Rathad Chow Bay, agus chaidh ena theine.

Tha Lighichean a cleachdadhM ’ds Liniment

THUG duine dubh ann an Kentucky droch ionnsuidh air duine geal an la roimhe, agus thug e uaithe a chuid airgid. Chruinnich na maoir air balls chuir iad as a dheigh; rug iad airs chuir iad dhan phriosan e. Air an ath oidhche bhrist buidheann de dhaoine geala a stigh don phriosan, thug iad am mach an duine dubhs chroch iad e ri drochaid. Than obair ud glé chumanta anns na Stàitean, ’s na bliadhnaichean so, cho chumantas nach cuir sgeula crochaidh duine ioghnadh no mulad sam bith air moran de an t-slugh, gu h-àraidh ma sa duine dubh a bhios air a chur a dhith, rud is tric is e.

Minards Linimentair son Loine.

OIDHCHE Haoine air an t-seachdain sa chaidh theich gille, ’s nighean le Dr. Weeks, Rose Blanche, Newfoundland, on tigh le bàta beag seòlaidh agus chuir iad an aghaidh air Ceap Breatunn. Bha iad air chall uaithe sin gu oidhche Mhairt, ’s bha dha no tri de bhàtaichean smùide, air a chuang an iarraidh, gus an dthugadh géill dhiubh. Mu mheadhon oidhche Di-ciaduinn thainig soitheach a stigh gu Sidni Tuath agus iad aicair bòrd beò slan, ’s i an déigh an togail a stigh air a chuan mhòr. ’S e thug orra teicheadh on tigh, gu robh am muime dona dhaibh, agus nach robh an athair dad na bfhearr. Chan eil an gille ach seachd bliadhndeug a dhaois agus an nighean còig bliadhndeug. Tha iad an drásd a fuireach comhla ri bràthair an athar ann an Sidni.

CHAOCHAIL an t-Urr. Callum Ros ann an Charlottetown air an t-seachdain sa chaidh. se ceithir fichead bliadhnasa h-aon a dhaois. Rugadh e air aGhàidhealtachdsa bhliadhna 1813, agus shaothraich e àireamh bhliadhnaichean ann an Ceap Breatiunn. Bha e na shàr shearmonaiche gu h-àraid anns a Ghàilig. Bhuineadh e don eaglais Bhaistich. ’S e bu shine de ministeirean Eilean aPhrionnsa air fad.


An S. S. Arcadia.
THAN ARCADIA a ruith eadar Sidui us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Anns, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Diordaoin.
P . KERR,
Maighstir.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.
Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dhfhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Innein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[62]

[Vol . 3. No. 8. p. 6]

Beath-Eachdraidh Challuim Chille.

CAIBIDEIL III.

Bha Calum-Cille mar an ceudna saoithreachail aig abhaile ann an I. Bhitheadh e ateagasg na h-òige, ’s ag uidheamachadh nam fòghlumach air son dreuchd na ministreileachd. Bha e acaitheamh mòran ùine ann an ùrnuigh, leughadh, agus sgrìobhadh. Bha e acur theachdairean soisgeulach, chan emhàin air feadh na h-Alba, ach mar an ceudna do Shasuinn, agus do cheàrnaibh eile, do robh eilean I-Chaluim-Chillen a àrd lòchran. “Bfhionnar an tobar don uisge bheò a dhfhosgladhs an eilean uaigneach sin, agus bìocshlaint do dhiomadh dùthaich thioraim, thartmhoir, na sruthana fallain a bhasgaoileadh naithe gu fada, farsuing.”

Air latha na Sàbaid, an naoitheamh de mhios mheadhonaich an t-samhruidh, ’s abhliadhna 597, anns an t-seachd bliadhna deug thar thrì fichead da aois, chrìochnaich Calum-Cille a thuras, agus chaidh a ghairm leis an Ard-Mhaighstir o shaothairbh lìon-mhor, chum suaimhneis siorruidh. An latha roimhn oidhche a chaochail e, dhìrich e an cnoc os ceann aChlachain, ann an I, ghabh e a chead don eileans do na tighibh-aoraidh, agus dhfhàg e a bheannachd aig a bhràithribh. Air dha teachd a nuas, lean e air ath-sgrìobhadh Leabhair nan Salm, gusn do ràinig e meadhon an treas salm deug thar an fhichead, ’n uair a stad e; agus dhainmich e Baithein mar an neach a ghabhadhàite. Chuartaich e an sin an t-aoradh gnàthaichte anns an eaglais, ’s thug e na h-aitheantan mu dheireadh dobhràithribh, aguidheadh gum bitheadh sìth agus gràdh ghnàth ariaghladhn am measg. Aig meadhon-oidhche chaidh e a ris don eaglais a dhùrnuigh, ’s fhuaradh an sin en a shìneadh gun lùs, le Diarmad. Chruinnich abhuidheann uile mu chuairt da, agul airson esan a bhan a athair dhoibh a bhi nis abàsachadh. Dhfhosgail e a shùileans dhamhairc e orra le gràdh agus aoibhneas, an sealladh mu dheireadh. An sin dhùin e air an t-saoghal so iad a chum am fosglaidh ann an glòir. “Agus chuala mi guth o néamh, aig ràdh rium, Sgrìobh. Is beannaichte na mairbh a gheibh bàss an Tighearn, á so a mach Seadh, tha an Spiorad aig ràdh, chum gu faigh iad fios on saothair; agus leanaidh an oibre iad.” (Taisb. XIV. 13.) “Agus dealraidh iadsan a tha glic mar shoilleireachd nan speur; agus iadsan a thionndaidheas mòran gu fìreantachd mar na reultan, fad saoghal nan saoghal.” (Dan. XII. 3.) “Aig Dias ro-phrìseil bàs a naomh.” (Salm CXVI. 15.)

Ach co an cridha bhreithnich e,
Non t-sùil a chunnaic riamh,
Mòr mheud is gnè an ulluchaidh,
Da phobull féin rinn Dia!
Achs sona dhoibhs is beannaichtiad
Fhuair aithne ghlan air Criosd:
Oir meallaidh iad, ’n a chomunn san,
An sonas ud, gu sior!”

Chaidh an obair a thòisich Calum-Cille a ghiùlan air a h-adhairt leis na teachdairibh a dhfhàg ena dhéigh gu soirbheasach; agus bha I-Chaluim-Chille fad linntean an déigh an ama sinn a chathair dhiadhachd, eòlais, sgus fòghluim. Fad cheudan bliadhna an déigh a bhais, bha ministeirean I-Chaluim-Chille adol fon ainm Cuildich, a thugadh dhoibh do bhrìghs gun robh an còmhnuidhean, mar bu trice, ann an àitibh uaigneach. Bha daoine ionnsaichte agus ainmeil a ghnàth atàmh ann an I Chaluim-Chille; agus bha cruinneachadh mòr do leabhraichibh luachmhor air an gleidheadh ann an Tigh-nam-Mànach, no Chathair-Chùildich, an sin. Bha cuid de rìghribh na h-Alba, Eirinn, agus Lochlainn, agus mòran de chinn-feadhna Ghàidhealach air an adhlacadhs an Eilean iomraiteach so. Tha e air aithris gun dubhairt Calum-Cille, ùine bheag mun do chaochail e,—

I mo chridhe, I mo ghràidh,
An àitguth Manaich bidh geum ;
Ach mun tig an saoghal gu crìch
Bidh I mar a bha.”

Thainig acheud chuid den fhàigheadaiaerchd so gu teachd; chaidh Cathair nan Cùildeach a chreachadh, ’s thuit aineolas agus dorchadas air an Eilein sin, a bhan a lòchran a measg nan eileanan. Chaneil e mi-choltach nacheil coimhlionadh na cuid mu dheireadh den fhàidheadaireachd air tòiseachadh. Tha I-Chaluim-Chille gach bliadhna a nis air a fiosrachadh le mìltibh as gach dùthaich, a tha ataghall a choimhead air seann láraichibh a mòrachd. Maith a dhfheudtadh nach deachaidh na smaointean a dhùisgear anns an inntinn ann a bhi agluasad mu chuairt air ballachaibh brist eaglaisean I-Chaluim-Chille, agus air an leacaibh-lighe aosmhor fom bheil daoine a bha aon uair cumhachdachn an luidhe, a chur an cainnt ni


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.



[63]

[Vol . 3. No. 8. p. 7]

s eireachdaile, na mar a labhair an t-Olla Johnson, agus a tha air an eadar-theangachadh mar a leanas, ann an Caraid nan Gaidheal:— “Bha sin a nisn ar seasamh air an Eilean ainmeil sin, a bàrd lòchran fad linntinn, do Ghàidhealtachd na-Albaas an dfhuair Cinnich fhiadhaich agus ceathairne bhorba sochairean eòlais, agus beannachdan na saorsa. Cha bu chomasach, ged a dhfheuchtadh ris, an inntinn a thogail o na smaointibh a dhùisg an t-àite so, agus bamaideach an oidhirp, ged a bhiodh i comasach. Ge be ni a thàirngeas air falbh sinn o chumhachd ar ceud-fàithean; ge be ni a bheir do na shiubhail o chian, no do na tha fathast ri tachairt, làmh-an-uachcar air na tha a làthair, tha so ag àrdachadh ar n-inbhe mar bhithibh tuigseach. Gu ma fad uam-sa agus om chàirdibh an fheallsanacad reòta sin a dhaomadh, mi gu gluasad gu caoin-shuarach eutrom, thar aon àita dhfhàgaeh urramaichte le gliocas, le fearalas, uo le maise. Cha chulaidh fharmaid an duine sin nach mothaicheadh a ghràdh da dhùthaich air a neartachadh air blàr-catha Mharaton, no an cràbhadh nach blàthaicheadh am measg làraichcan briste I-Chaluim-Chille.”

ACHRIOCH.


MO THURUS DON GHAIDHEALTACHD.

LEIS AN URR. RUIRIDH MAC LEOID.

(Air a leantuinn.)

Ràinig sinn Barbhas aig am na dineir agus chuireadh fàillte chritheil oirnn leis an Urr. Nial Moireaston ministeir na h-Eaglrls Shaoiran sin. Bha e an deigh an carbad a chur air dòigh agus e a dol gu Niss. An deigh na dinneir thug ni sgriob mun cuairt don mhansa. Chithinn mansa na h-Eaglais Stéidhichte air an aonach a tuath orm. Is e sgir Bharbhais aon cho seans a than Leòghas. Chuala mi o sheana Mhaighstir Domhnullach ann a Hampden o chionn ghoirid, gun robh aig Maighstir Aonghas, ministeir na sgir so aon uair, Leòghas gu h-iomlan mar pharaisde. Is iomadh anam a dhfheumadh a chaidh a dhith gun an soisgeul a chluinntinns na laithibh sin. Than diugh tri coth onalan deug aig an Eaglais Shaoir an Leòghas agus ceithir no cuig aig an Eaglais Stéidhichte.

Saoilidh muinntir a dhfhàg an t Seann Duthaich tri fichead bliadhna roimh so gum bheil na bailtean anns an do rugadh iad leth fhàsaichte, ach chan ann mar sin a thachùis. Tha na bailtean tiomchioll Bharbhais cho làn de thigheans a bha iad riamh. O chionn àireamh bhliadhnaichean chaidh iasgach Steornobhaigh nan aghaidh agus tha, do bhrigh sin, mòran air feadh Leòghais gle bhochd nan cranachur. ’Nuair a bha mise ann am Barbhass e an obair a bha acacur tubhadh sùidh air a bhuntàta. Chiteadh na fearaibh air mullach nan tighean atoirt a nuas an tubhaidh agus na muathaibh le cléibh ga ghiùlan air am muinn a chum nan iomairean. Bha mòran de na gillean òga air falbh aig an iasgach Ghallach.

Thug Maighstir Moireaston orm searmonachadh air a shon air an t-Sàbaid. Is ann an sin a bha an cothional ciallach eireachdail. Bha air na fearaibh deiseachan de chlòth dorcha glas a chaidh a dheanamh air clòimh nan caorach agus leis a chuidheil bhig agus leis a bheairt fhighe a bàbhaist a bhi aig na Gàidheil o shean. Bha air na boirionnaich gùintean do dhrògaid Ghaidhealaich agus bha air an cinn, a chuid a bha pòsda dhiubh, curraichdean breagha, geala, air an iarnnaigeadh gu h-eireachdail oidhche Shathurna; agus air a chloinn nighean a chuid mhòr dhiubh cha robh comhdach cìnn ach an comhdach a thug am freasdal dhoibh, falt breagha liomhta gun bhearradh gun dathadh no casadh mar a gheibhear aig mòran do dhòisichean Chanada. Chan fhaca mi bonaid iteagach no phlùranach air ceann aon dhiubh ach air aon no dithis a bha air ùr phòsadh. Cha mhòr de chothionalan a shearmonaich mi riamh dhoibh a bha na bu shuidhichte. Air Diluain ghabh mi cuairt a chum na tràthad. Choinnich mi ri mòran den t-sluagh ag obair air glanadh a a bhuntàta air a mhachaire. Dhfhoghlum mi onchòmhradh a ghabh àite eadaruinn nach robh aig tuathanaich nam bailtean nun cuairt ach tri agus ceithir acraichean fearainn, far a chéile, agus tha cuid de na teaghlaichean sin anns am bheil deich agus dusan de shluagh. Ciod a dheanadh Gàidheil Chanada air na fearuinn bheaga ud?

Ghabh mi slàn le Barbhas air maduinn Di-màirt. Thug Maighstir Moireaston pios den rathad mi le a charbad agus choisich mi an còrr. An deigh oidhche a chur seachad ann an Steòrnobhadh ghabh mi carbad nan librichean gn Bailallan. Choinnich an t-Urr-Maighstir Domhnullach mi air an turas so agus chaith sinn beagan do dhùine gle thoilichte alabhairt air ministeirean agus eòlaich air feadh Cheap Breatuinn. Chuir e gu h-uasal a charbad leam gu Ard a Mhùlaich. Is furasda aithneachadh air an Urr. Maighstir Domhnullach gun do chaith e cuid de ùine ann an Canada. Tha uaisle ann agus daimh a tha ionmholte. Choinnich mo cheud charbadair mi aig Aird a Mhùlaich agus ghabh sinn ar turas air ais a chum an Tairbeart. Dhfhan mi an sin re seachduin agus air an t-Sàbaid shearmonaich mi uairsan Eaglais agus aig sea uaireanan eilean Sgalpaidh.

(Ri leantuinn.)


Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50 c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
Rubbers dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean ur Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scoir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


[64]

[Vol . 3. No. 8. p. 8]

Gearan Bean an Amadain air a Fear.

LEIS A PHIOBAIRE MAC-GILLEBHRATH.

AM PIOBAIRE. —Latha dhomhibhi anmoch
Ag ol an taigh Thormaid
Bhabhean ann am feirg rium,
S gum bainmic an seol sin.

LUINNEAG.
Ho gun sguir mi de thumadh an stopain!
Ho gun sguir mi de thathich an ruma,
S in obair gun bhuidhinn i,
S diomain a solas;
Ho gun sguir mi de thumadh an stopain.

A BHEAN. —Chuir i failte le magadh;—
Gur blath thutighnt dachidh;
Tha failinn ad chasan,
Is lapaich ad chomhradh.

Gur h-uasal an nadar
Bhi briodal na dalach
Cho diblidh ri meirleach,
S gun fhairdein ad phoca.

S nach doir iad de mheas ort
Do shronthoirtnan citsin,
Ach laighair an t-siteig,
Fo shlignich an reota.

S ioma di-millteach bodaich
Ga shnaidheadh le bochduinn
Bu lìonmhor a stoc
Mur bhi copan a gheocaich.

Call uinagus cosgais,
Call chiu agus codach,
Call tuir agus coiseachd,
Tham fochair an t-seorsud.

Gur lionmhor call eilann
A dhinnsear gu soilleir,
Call sithe, droch oilein,
S ro fhoilleil nan comhradh.

Des graindair an t-saoghal
Na fear air an daorich;
Sruth fala le aodunn
Is aodach na shroicean.

Bhean phosds a phaisdean
Nam broin a dol bas
A cur comhla gach la
Cuid an trathon luchd-eolis.

Gu h-aog-neulach glas
Air an claoidh leis an acras
S cuis smaoinntinn am faicinn,
S an craiceann troimhn comhdach.

Thig esan gan ionnsaidh
Gun aithne, gun chuimhne,
S a stamac tionndadh
A phuinnsein a dhol e.

AM PIOBAIRE. —Thuairt mise gu cianail,
A bhean bi aig siochaint
S cha deid diar gu siorruith
A sios air mo sgornan-s

A BHEAN. —Thuit ise neo-sgrubail,
Cha n-fhiach leam a chuid sin
S nach iarr iad gu spuirt
Ann an cuideachdha choir thu.

Ma theid thun taigh-leanna
S tu feumach air drama,
Tagh companach glan
Nach gabh barrachds a choir dheth.

Ach seachinn an glutair
A dholadh dheth bucaid,
S nach stoldadhs an tuiteadh
En guitear an otraich.

Gach aon dham bheil reusan,
Bheir aonta dham sgeula;
Bhi saorse na dheidh so
S mi-fein a bhiodh deonach.


Fear an Leadain Tlaith.

Fhir an leadain tlaith,
Dhfhag thu mi fo bron;
Tha mi trom an drasd,
S e sin fa mo dheoir!

Fhir chuil dualaich, chleachdaich,
S boiche fiamh ri fhaicinn,
Tha do ghaol an tasgaidh
N seomar glaistam fhaoil.
Fhir an leadain, &c .

Tha do ghruaidh mar shubhan,
An garadh nan ubhall,
S binne leam no chuthag,
Uirighill do bheoil.
Fhir an leadain, &c .

An toiseach agheamhraidh,
S ann a ghabh mi geall ort,
Shaoil mi gum bu leam thu,
S cha do theann thum choir,
Fhir an leadain, &c .

Fhir an leadain laghaich,
S tu mo runs mo roghainn,
Nan sguireadh tuthaghal,
S an tigh am bi an t-ol.
Fhir an leadain, &c .

Fhir an leadain chraobhaich,
S og a rinn thum aomadh,
Thug thu mi om dhaoine
Fhuair mo shaothair og.
Fhir an leadain, &c .


LeighisMINARD ’S LINIMENTmise o dhroch cnatan
Oxford , N. S. R. F. HEWSON

LeighisMINARD ’S LINIMENTmise o chas ghoirt.
Yarmouth , FRED COULSON.

LeighisMINARD ’S LINIMENTRòs Dubh ormsa.
Inglesuille , J. W. RHGGLES.


THA D. J. Domhnullach an deigh stoc mor flùir fhaighinn a stigh, ’s tha ega chreic saor. Agus than t-ìm cho math leis ris an airgiod.

IarrMinards Liniments na gabh ach e.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid.

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Soithichean Creadha agus Glaine.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh

Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris as fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAN W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bitha thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine air a phrìs as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


CLOIMH.

THAm fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris as fhearr sa mhargadh oirre.

D . F. Mac RATH,
Baddeck C. B.

titleIssue 8
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla III No. 8. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page