[65]

[Vol . 3. No. 9. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 1, 1894. No. 9.


DONNCHA CAIMBEUL.

BHO URSGEULAN SHEUMAIS HOGG, CIOBAIR ETTRICK.

I.

Dhfhag Donncha Caimbeul aGhaidhealtachd an uair a bha e mu shea bliadhna dhaois, gu bhi afuireach le piuthar a mhathar, seann mhaighdean a bhachomhnuidh ann an Duneidean; far an deachaidh a chur do sgoil. Chaochail a mhathair greis roimh an am ud; ach cha bfhad gus an robh a h-aite air a lionadh suas, oir thugathair a lamh ann an ceangal posaidh do aon de na searbhantan. Cha robh mor-umhail aig Donncha don chaochladh ud, no do ni air bith eile, saor bho shearrach dubh a bhuineadh da athair, agus cu mor, toinnisgeil dam bainm Oscar, a bhuineadh do aon de na ciobairean. Bho nach robh giullan eiles an teaghlach ach e fein, bha Donncha agus Oscarn an dluth chompanaichle a ghartan ceangailte mu amhaich Oscair, agus le clar ceangailte riearball mor, dosach, bhiodh Donncha gu tricg a iomain mun cuairt an àilein, ’g a thoileachadh fein le bhi asaoilsinn gun robh each agus cairt aige fo a stiuradh. Bha an caitheamh-aimsir ud, a reir coslais, cho taitneach do Oscars a bha e da chompanach. An uair a rachadh Donncha air a dhruim gu bhig a mharcachd, cha bfhada gus an tilgeadh Oscar gu lar e, le aon chuid doln a dheann ruith, no le e fein a roladh air an àilein. An uair a bhagradh Donncha air, shealladh e gu h-iriosal, diblidh air, agus dhimlicheadh eaodann agus a lamhan; an uair a leagadh e achuip air, chrubadh e aig a chosan, —ach cha bfhada gus am biod cuisean a rithisd air an reiteachadh eatorra. Gheibhte Oscar gu bunailteach gach oidhchen a luidhe aig dorus seomar-cadail Dhonnchai; agus ban-aoibhin do fhear no mhnaoi a dhfheuchadh ri dol a stigh don t-seomar aig amaibh mi-iomchuidh.

An uair a chur Donncha cul a chinn ri dachaidh a leanabuidheachd cha robh mulad no smuairein air aig dealachadh riathair, no ris na seibhisich. Cha robh e coltach gun robh abheag de smuain aige mun t-searrach dhubh; achn uair a chunnaic e Oscar asealltuinn gu muladachn a aodann, shil a dheoir gu frasach oshuilean. Phaisg e a lamhan mu a mhuineal, chniadach agus phog se e— “Oscair, Slan leat,” ars esan, agus e acaoineadh; “gum beannaicheadh Dia thu, Oscair mo ghaoil.” Coma co dhiu, bfheudar dealachadh ri Oscar. Bha an gille agus an t-each aig an dorus, chaidh Donncha a chur air pillean air cul na diollaide, agus mharcaich iad air falbh. Lean Oscar iad gus an drainig iad mullach amhaim, far an do shuidh e sios, atuireadh agus adonnalaich. Ghuil Donncha gus an robh a chridhe an impis sgaineadh. “Ciod etha cur ort?” arsan gille. “Chan fhaic mi gu brath mOscar dileas, bochd,” arsa Donncha, “agus chan urrainn mo chridhe a ghiulan.”

Dhfhuirich Donncha car bliadhna ann an Duneidean, ach cha drinn e mor adhartachd ann am foghlum. Cha robh e idir toigheach air an sgoil, agus bha piuthar a mhathar cho beadarach uime as nach foirneadh i don sgoil e an aghaidh a thoil. Air latha araid, bhuail tinneas obann ibha aon de na searbhantan afrithealadh oirre gu bunailteach, agus bha Donncha airfhagailn a aonar. Bha e an comhnuidh air a mheasn a dhragh leis na searbhantan; cha robh dad de thlachd aca dheth, agus mar sin bha iad am bitheantas coimheach agus reasgach ris. Bha e nis air a chur thuige gu mor; is gann gum faigheadh e de bhiadh no de dheoch na chumadh an deo ann. Beagan laithean an deigh do phiuthar a mhathar fas tinn, chaochail i. Bha gach ni troimh a cheile, agus bha Donncha bochd ann an impis basachadh le acras. Cha robh creutair rifhaicinn air feadh an tighe, ach air dha tartar a chluinntinn ann an seomar peathar a mhathar chaidh e stigh, agus ciod e a bha na searbhantan adeanamh, ach arigheadh cuirp a chaomh bhan-charaid! Bu leoir e. Bha e air a lionadh le tomhas de uamhas nach burrainn broilleach basmhor a ghiulan, leum e sios an staidhir, agus sud a machn a dheann e cho luaths a bheireadh a chasan e; ruith e sios an t-Sraid-Ard, agus thairis ann an Drochaid mu-Dheas, asios chaoineadh agus abas-bhuladh. Cha chuireadh e a chas tuille air stairsneach an tighe ud ged a bheirte an saoghal dha mar dhuais. Rinn neach eigin greim air; chruinnich comhlan mun cuairt air; dhfheoraich cuid ciod ebha cur air? ach cha burrainn iad freagradh fhaotainn uaithe ach, “O, misen diugh! Misen diugh!” An uair a fhuair a fa sgaoil, ruith e airadhart, gun smuain gun umhail caite an robh e dol, ach dol cho fad ass a bu chomasach dha bho an t-sealladh uamhasach a chunnaic e, gur suil gun fhiughair ris, ann an seomar peathar a mhathar. An uair a fhuair se e fein air tabh a mach abhaile, bha e asaoilsinn gun robh e air an rathad don Ghaidhealtachd; ghabh e direach airadhart, gus an drainig e far an robh da taobh deas Geata-cise na Grainneich. Shuidh e ri taobh an rathaid. Chab fhada gus an do shiolaidh a bhuaireas-inntinn gu seimh-chianalas; sguir e da chaoineadh, ach bha fhathasd a chliabh fiir a luasgadh le osnaidhean trom, ospagach, agus leshuil ris an lar, thoisich e ri sgrioban a tharruing lemheur anns an smuraich.

(Ri leantuinn.)


THA D. J. Domhnullach an deigh stoc mor flùir fhaighinn a stigh, ’s tha ega chreic saor. Agus than t-ìm cho math leis ris an airgiod.



[66]

[Vol . 3. No. 9. p. 2]

UILLEAM UALLAS.

LE AONGHAS MAC COINNICH.

(Air a leantuinn.)

BHA Eideard ann am Flànreis, air tir-mór na Roinn-Eòrpa, ’n uair a fhuair e sgeul gun robh na h-Albannaich air éiridhan ceannaircna aghaidh, air a chuid shaighpearan a chur air theicheadh a mach á Alba gu h-iomlan, ’s gun robh iad féin air briseadh a steach air taobh tuath Shasuinn, ’s adeanamh mòran calla. Ghrad cho-dhùin e fosadh ri rìgh na Frainge, ris an robh e san àm sin acogadh, ’s ghreas e air ais do Shasunn. Mu mheadhon an t-samhraidh bha armailt aigair fhaotainn deas gu màrsail a nall do Alba, gus an rioghachd sina cheannsachadh as ùr. Ghabh e air aghart air ceann an fheachd so anns an robh ceithir fichead mìle saighdear, den robh ochd mìlen am marc-shluagh. Cha robh dad acoinneachadh ris na Sasunnaichan ceann a deas Albach bailtean air am fàsachadh, s tighean air an losgadhs machraichean air an gearradh sìos ged nach robh an t-arbhar fathast abuich. Be so an rian a ghabh Uallas air amhàrsail a dheanamh doirbh do na Sasunnaich, ’s nach faigheadh iad biadh dhoibh féin no d an cuid each. Cha robh creutair beòde spréidh no eile rifhaicinn, agus mun do thriall Eideard troimh cheann a deas Alba bhaluchd-leanmhuinn gu mòr air an sàrachadh le gort. Agus a thuilleadh air so bha buidhnean shaighdearan aig Uallas air an òrduchadh gu bhicrochadh air gach taobh den nàmhaid, ’s gun a bhi idir atighinnam fradharc. Leis na h-uile ni a bhann bha na Sasunnaich gu mòr air an sàrachadh mun do ràinig iad faisg air Dunéidin, far an robh dùil aig Eideard ri tionachadh o luingeas cogaidh a bhair an t-slighe gu Lìbhte. Ach ged a bha Uallas air a ghairm leis an t-sluagh, ’s leis an am, gu bhin a Arn-uachdaran Alba, ’s ged a bha ecleachdadh nam meadhona bu fhreagarraich air son an tìr a dhionadh o naimhdibh, gidheadh bha mòran de mhaithibh na dùthcha aig an robh cus farmaid ris air son co ro mheasails a bha e aig an t-sluagh, ’s leis nach bu diù gum biodh iad air an riaghladh le neach bu lughinbhe na iad féin, ’s nach robhna tighearna fearainn mar bha iadsan. Thug am farmads an spiorad eudaich so a mach an droch thoradhan Alba bhochd aig an àm ud a thug iad a mach an iomadh àite den talamh, aguss an Rionn-Eòrpa on uair ud, ’s eadhonn ar latha. Bha mòran de na h-uaislean ud nach do chruinnich an luchd-leanmhuinn idir gu Uallas a chòmhnadhan aghaidh a naimhdean, ged a bha fios maith aca nach robh neach eile san rioghachd co freagarrach ris air son na dreuchd gus an do ghairmeadh e, ’s a ghabh e os làimh. Ach an deìgh sud uile fhuair Uallas feachd maith cruinn a measg an t-sluagh chumanta, ’s nan uaislean a bhag aideachadh a bhi dìleas da. A réir coslais cha berùn Eideard a choinneachadham blàr fosgailt,’ ach na h-uile draghus moill a burrainn e chur air, gus am béigin da pilleadh dhachaidh. Ach an uair a bha Eideardan imcheist mu ciod a dheanadh e, ’s a chuid saighdearan ocrach amaoidheadh fhàgail air a dhlò, thàinig dithis bhrathadairean, Iarla Dhunbàrr agus Iarla Aonghais don champa, ’s dhinnis iad dha gun robh Uallasna luidh’ ’am frìdh na h-Eaghlais-brice, fa rùn ionnsuidh a thoirt air na Sasunnaich an oidhche sin féin.

Ann an uair a thìm bhan t-arm Sasunnach ullamh gu gluasad air aghart gu Uallas a choinneachadh. Stad an t-arm an oidhche sin air monadh faisgair Linlithgo. Mu bhriseadh na fàir ghabh iad air aghart tromhn bhaile sin, ’snuair a shoilleirich an chunnaic iad na h-Albannaich air aghaidh cnuic mun coinneamh dlùth air an Eaglais-bhric. Cha do mheas Uallas iomchuidh teicheadh roimhn nàmhaid, a thàinig mar so co dlùth a thairgseadh còmhraig. Ged a bha triùir aig Eideard mu chionneamh gach duinebh aige féin, chuir e dhaoines an òrdugh a bfhearr a ghabhadh deanamh air son blàir a chur. Cha robh aigach aon mhìle marach. Bu luchd-sleaghas fir-bhoghachuid eile den arm, a bha uilen an coisichibh. Roinn en luchd-sleaghan an ceithir buidhnibh cruinnair leths na fir-bhoghan an sreathaibh eatorra sin. Shuidhich e na marcaichean mar bhuidheann còmhnaidh air cùl achuid eile den arm, air son buidheann air bith den nàmhaid, a dhoidhirpicheadh tighinn orron cùl, a chumail air ais.

S ann air taobh nan Sasunnach a bha tòiseachadh na cònnspaid. Thainig iad air aghart nan tri buidhnibh. ’N uair a chunnaic na morairean a bha stiùireadh na réisimeid each an thaobh atighinn gu ionad tharruing lann, agus acheart da rìreadh atòiseachadh air obair a mharbhaidh, thionndaidh iad ceann an cuid each, ’s ruith iad air falbh on àraich le leum cheithir bonn, afàgail an luchd-dùthcha bochd gu iad féin a dhionadh onaimhdibh mar a bfhearr a dhfheudadh iad. Dhaithnich Uallas dhaithnich na h-uileile gun robhn fhoill ann, ’s gum bann fa rùn e féins a luchd-leanmhuinn dìleas a bhrath thairis do Eideard a bha oifigich nam marcaichean ud co fada ga leantuinn. Co dhiu lean e air a chòmhrag co fads a chaidh aig air, gus am fac e gun robhn gu bhi air a chall. Thug en sin an t-òrdugh air son retreit gu h-athaiseach, òrdail, ’s thog e féins achuid eile de na h-oifigich a bfhearr a bhair an armachadh an àitair deireadh an airm, mar a bha iad amàrsail air falbh on àraich. Cha do lean an nàmhaid air an ruaig, ’s co mòr a bha iad air an claoidh le obair an . Ach cha robh teagamh sam bith nach h-ann aig na Sasunnaich a bha onair na buaidh-làthraich. Thuit mòran sluaigh air gach taobh. Phill Uallas an air na mhàireach air ais a dhionnsuidh na. h-àraich, ’s fhuaradh cùig mìle deug dena h-Albannaich nan luidhe marbh air an achadh, ’s nam measg sin Sìr Iain Greumach. ’N uair a fhuaradh a chorp-san, leum Uallas dhethn each, ’s thog ena ghlacaibh e, ’s phòg en aghaidh ghlas-neulach, ag ràdh, “Mo thruaighe! mo bhràthair a bfhearrmfhìor charaidn uair bu chruaidha bha mi air mo theannachadh.” Tham fiùdhalach so air adhlacadhan cladh na h-Eaglais-brice, agus seann leac-lighidh fathast acomharrachadh an àites am bheil ena luidhe, agus an dòighs an robh e air a mharbhadh.

An déigh blàr na h-Eaglais-brice, a chuireadh air an 22 de mhios deireannach an t samhraidh, 1298, mhàrsail Eideard an t-arm gu baile Shruileidh an dùil gum faigheadh a chuid saighdearan rudeigin a dhitheadh iads abhaile sin. Ach fhuair em baile na lasraichibh, ’s an dùthaich mun cuairt deth air a fàsachadh, ’s air a losgadh leis na h-Albannaich fèin. Fhuair buidheann den arm a chuir e troimh Shiorrachd Fiofa baile Chill-Rimhinn



[67]

[Vol . 3. No. 9. p. 3]

air a losgadh mar an ceudna, ’s fhuaradh baile Pheirt air an aon dòigh. Cha robh rian aig sluagh coimheach air a bhi beòan dùthaichs am bu roghnuiche leis an luchd-àiteachaidh na h-uile ni air an leagadh duina dheud a losgadh, na e thuiteam nan làmhaibhsan. Béigin do Eideard, le cion bìdh’, an fheachd a mhàrsail air ais do Shasunn, an ceann a dhà no thrì sheachuinean an deigh na h-Eaglais-brice, gun bhuille tuilleahd a bhualadh ged a dhfheudadh e bhi air sheòl eile furasdan rioghachd a cheannsachadh gu h-iomlan a chionn iad a bhi co mòr air an roinn an aghaidh a chéil’, agus an t-arm air a lagachadhs air a mhi-mhisneachadh.

N uair a thuig Uallas na h-Eaglais-brice co neo-shàbhailtes a bha e dha earbsa churan cuid de àrd uaislean na tìre, leig e dheth dreuchd Uachdarain Alba, a chionn nach burrainn ecumail ni bfhaide le tairbhe don aobhar a bha edìonadh. Bha e deònach air na burrainn e dheanamh air son saorsainn a chosnadh da dhùthaich mar shaighdear cumanta, no co-dhiù, oifigeach os ceann àireamh shaighdearan. ’S rinn e na buraainn es an t-suidheachadh sin. Ach bhan gnothuch adol air ais, ’s afàs ni bu mhi-choslaiche riamh o leig esan dheth riaghladh an airms na dùthcha, ged a chaidh àireamh dhaoinuaisleilainmeachadhn anàrd-riaghlairibh. Ged a chuir an t-ocras dachaidh Eideard goirid an déigh buaidh na h-Eaglais-brice, gidheadh bfhadosmuaintibh Alba leigeadh as a spuiribh gus am faigheadh e i air a h-ath-cheannsachadh. Cùig turuis an déigh sud ruith e tharis air Alba, mar thonnaibh cuain, le feachd lionmhor. Mun cuairt de shéa bliadhnan déigh na h-Eaglais-brice, bha gach àrdus ìosals an rioghachd air aideachadh ùmhlachd a thoirt do righ Shasuinnach Uallas a mhàin, ’s tearc de luchd-leanmhuinn dìleas a bhaige. Leò sin lean e air na burrainn e dhraghs a chall a chur air na Sasunnaich còrrus bliadhnan déigh do gach dùchair eilan armachd a leigeadh sios. Bha e féins a luchd-leanmhuinn atighinn beò air achreich a bha e toirt o na Sasunnaich. Bha e tuineachadh mar bu trices an dùthaich choilltich eadar Glaschos Dunbarton. Chuir Eideard sum mhòr de airgiod ceann air, ’s fadheòidh thug fear dam bainm Sir Iain Monteith, a bha uaireiginn a charaid aig Uallas, ach a nisna cheannard air caisteal Dhunbarton fo Eideard, brib do aon da sheirbhisich air son a bhrath. Thug an seirbhiseach foilleil ud comharra don cheathairn a chuir Munteith uaithe, leis am biodh fios acan uair a bfhean ionnsuidh a thoirt air. A réir achomharraidh so thàinig iad airs en a chodalan uamhaig anns achoille. Chaidh a ghiùlan gu ruig Lunainn, trom luchdaichte le iaruinn, far an robh Eideard garg gu neo-fhoighidneach afeitheamh air son a chuid fola. Thugadh fa chomhair cùirt laghe gu dhol fo dheuchainn air son a bheatha. Bicheud chùis-dhitidh a chuireadh as a leth, gun robh en a cheannairceachan aghaidh crùin Shasuinn. Fhreagair en sin nach burrainn e bhin a cheannairceachan aghaidh righ Shasuinn, onach robh e riamhna igohdaran aige. Bin ath chasaid, gun do ghlacs gun do loisg e bailteans gun do mharbh e mòran dhaoine, ’s gun drinn e mòran ainneirt. Fheagair esan gun robh e fior gun do mharbh e ro mhòran Shasunnach, ach gur h-ann a chionn iad a bhi dol a cheannsachadhs a chreachadh na dùthcha dam buineadh e fèin, Alba; agusan àitaithreachas a ghabhail air son sin, gur h-ann a bha e ro dhuilich nach do chuir e gu bàs mòran eile dhiubh. Cha robh leithid sud de fhreagraidhean adol a riarachadh Eideirds a chuid bhreitheamhna dioghaltach. Dhìt iad Uallas gu bhi air a chur gur bàs leis acheann a chur dheth. Chaidh a ghiulan air càrn-slaodaidh gu Smithfield, àitachasgraidh, air an 23 de cheud mhìos an fhoghair, 1305, ’s a làmhan ceangailtair a chùlaobh Agus an déigh a chur gu bàs anns na dóighibhbu phiantailagus bu bhuirbair am burrainn a mhortairean smuaineachadh, ghearr iadna cheithreannaibh e, ’s chuir iad a cheann suas air crann aig drochaid Lunainn, —a làmh dheas os ceann drochaid aChaisteil Nodha, ’s a làmh thoisgealan àite follaiseach ann am Beruic. Chuireadh ceithreamh eile dheth gu ruig Peirt, ’us ceithreamh do Abaraidhean. Shaoil le Eideard gun sgaoileadh e leithid de chrith-oillts de uamhas a measg chàirdean na h-Albas nach gabhadh aon sam bith dhiubh a dhànadas air tuilleadh àr a mach a dheanamhna aghaidh, ach gun robh luchd-àiteachaidh na dùthcha sin, ’s uaithe sud a mach gu brath fomheachainn gus na laghan a ghabhail a bàill leis-sans leshliochd a thoirt, ’s a bhi air an riaghladhs an dòigh am faiceadh esan iomchuidh.

[A ’ CHRIOCH. ]


C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.

Pianos , Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.

A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.

Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.

Call and Examine Stock.


TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNIC. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach saorsa bathair a thaige o ch mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scoir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.



[68]

[Vol . 3. No. 9. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 52, neo 6s 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton


SIDNI, SEPTEMBER 1, 1894.

ANNS an àireamh so than t-Urr Ruairidh Mac Leóid, ministeir Dhun-bheagain, an Ontario, a toirt aThurus don Ghàidhealtachdgu crich. Tha sinn làn chinnteach gu bheil ar luchd leughaidh uile, mar tha sinn féin, glé fhadan comain an dnin’ -uasail chòir air son na h-eachraidh, agus an dòchas, ged tha so ullamh, nach leig cion sgriobhadh Gàilig. Tha duilleag le e le pheann fàs meirgeach an a MHAC-TALLA fosgailte dha aig na h-uile h-àm.

MA bhios ar càirdean gu math dhuinn air a bhliadhna so, bidh sùil againn ri bliadhna shoirbheachail, agus geallaidh sinn daibh leughach dhe gach seòrsa as fearr na chéile. Tha àireamh mhath de shàr sgriobhadairean a cumail ris a MHAC-TALLA mar tha, agus tha dòchas againn gum bi tuilleadh a dol ris an àireamh. Tha an t-Urr A. Mac G. Sinclair gach seachdain acumail òrain agus dàin riuthasan a tha deigheil air bàrdachd, agus cha burrainn làmh na bfhearr a bhi ris. Than t-Urr. Iain Mac Ruairidh, o thaobh thall an t-sàile o àm gu àm acur thugainn litrichean blasda brigheil as an Eilein Sgiathanach, agus sgeulachdan breagha, air an cur sios ann an cainnt cho tlachdmhors nach sgithich neach sam bith dhen leughadh. Bidh Niall Mac Leòid a toirt dhuinn òran ùr an dràsdasa rithist, a réirs mar a bhios a chruit chiùil air a gleusadh. Than t-Urr. Dr. Niall Mac Nis, a Cornwall, Ontario a gealltuinn a bhig ar cuideachadh lepheann an deigh so. Tha e na àrd sgolair agus na sgriobhadair math Gàilig. Bidh sinn mar an ceudna cluinntinn o na h-Urr. Callum Caimbeul agus Ruairdh Mac Leòid, o Chabar Feidh, F. O. S., agus àireamh eile nach leig sinn a leas ainmeachadh an so, a tha uilenan deagh sgriobhadairean. Len cuideachadh-san agus le cuideachadh an luchd-gabhail uile, tha sinn an dòchas am MAC-TALLA a dheanamh air a bhliadhna so nas fhearr na bha e riamh.


A Loch Ainslie.

Thainig bàs gle ath-ghearr air Mr. Tearlach Friseal ann an Scottsville a sheachdain an t-Sathuirne sa chaidh. Bha e ri gnothuch mor mar ceannaiche. Bha moran chàirdean aige agus ionndrainear gu mor e anns a choimhearsnachd.

ThamMinnehahaair a cumail gu trang air aiss air adhart le luchd turuiss luchd-spòrs as gach cearna dhen dùthaich. Chaidh a dealbh a tharruinn an la roimhe agus teaghlach mor mun cuairt oirre. Tha iadsan nach eilsan dealbh idir ag radh gur h-iad moran as dreachoire na iadsan a tha innte. Ach than dealbh math a dhaindeoin sin.

Chuir bean us teaghlach an Dr. Mhic Griogair beagan ùine seachad anns a mhansa, còmhla ris an Urr. Alasdair Grannd, ministeir aoidheil na sgireachd. Is bràthair do bhean Mhr. Grannd an Dotair, agus bheireadh sin fhéin air muinntir a pharaiste fàiltes furan a chur air a chéiles air a chlann.

Tha nise Comunn Teachdaireachd Chéin nam Ban againn an so, agus tha sinn an dòchas gum bi iadsan a than am buill dheth nam meadhon air feum mor a dheanamh do mhuinntir eile agus dhaibh féin. Tha bhidol an guaillibh a cheile mar sog an dùsgadh gu bhi faicinn an dleasanais, ’g an cur ann an suidheachadh inntinn nas fearr, agus a toirt misnich dhaibh gu bhi dol air adhart leis an ni tha ceart. Tha sinn an dòchas gu faic ar mnathan còire gu bheil an so cothrom air a thoirt dhaibh gu math a dheanamh

Bha àireamh mhath de shaibhlean ùra air an cur suas an so re an t-samhraidh, agus bha sin na mheadhon air saoir ionnsaichte dheanamh de chuid dhe na sgolairean as fearr a thagainn Achnuair a shil an t-uisge, dhinnis e gu robh an t-ionnsachadh glé dhaor dhaibh-san leis an leis na saibhlean. Tha Eachunn us Callum us Murchadh gle mhi-thoilichte gu bheil na sgaran a toirt fianuisnan aghaidh.

AILEIN AN FHARAIDH.


JOST BROS.
(Roimhe so, C . S. Jost & Co.)
STOC MOR DE BHATH ARUR

Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa.
Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c , &c .

Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhiga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor,

CHEAPSIDE WAREHOUSE.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C B.


Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh
aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C.B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[69]

[Vol . 3. No. 9. p. 5]

NAIDHEACHDAN

THILL ochd miles ceithir cheud teaghlach Frangach as na Stàitean o chionn bliadhna, agus thog no cheannaich iad fearainn ann an Canada. Anns na teaghlaichean sin tha mu dha fhichead mile pearsa eadar bheag us mhor.

CHAIDH còig iasgairean a bhathadhan Eileanan Mhagdalen air an t-seachdain sa chaidh. Thainig stoirm orras iad am mach aig an iasgach. Dhfheuch iad ri faighinn gu tir, ach chaidh am bàtaichean a bhristeadh air na creagan agus iad féin a chall.

THAm bàrr, a reir gach coltais, gu bhi gle mhath ann am Manitoba air an fhoghar so. ’N uair bhios a bhuain a stigh uile, bidh mu shia muillein deug buiseal cruithneachd anns an dùthaich, da mhuillein dheug buiseal coirce, agus gràn eile a réir sin.

THEICH fear A. F. Spring, a bha na fhear-riaghlaidh banea ann am Penetanguishene, Ont. an la roimhe, agus an deigh dha na leabhraichean a bhi air an rannsachadh fhuaireadh gu robh eadar còig mile deug us fichead mile dollair aige air a churna fheum féin. Cha robh ena fhear-riaghlaidh air a bhanca ach mu ochd miosan deuga.

LEIS an t-seasamh-mach a rinn an luchd-oibreach air na rathaidean-iaruinn anns na Stàitean, chailleadh còrr us ceithir fichead muillein dollair ( $80 .000.000), agus ben luchd oibreach féin a dhfhuiling a chuid bu mhò dhen chall. ’S uamhasach an amaideas do dhaoine bhi cur a leithid a chall orra fèins air muinntir eile, agus sin air son reusan bho beag.

THAn cogadh adol air adhart. Chuir Japan us China blàr air an ochdamh latha deug, ’s chaidh gabhail air Japan. Bha na Japanich a dol air tir ann an Corea, agus mun dfhuair iad ann an òrdugh ceart bha na Chinichn am badaibh, agus chuir iad an ruaig orra, a marbhadh tri cheud deug dhiubh. Mur biodh iad air teicheadh dhan uisge bha iad air am marbhadh uile.

BHA stoirm mhor ann an Ruisia Di-domhnaich sa chaidh, aig cladaichean Muir Azof, agus rinn i call uamhasach. Bha cuid a bhailtean beaga air an sguabadh bhar a chladaich, ’s air an tilgeil dhan mhuir. Chaidh soithichean fhuadach bhar an cursas am bristeadhnam bloighdibh air na creagan. Tha e air a mheas gu robh, air a chuid bu lugha, mile pearsa air am marbhadh.

BHA Sultan na Tuirce air a chur an cunnart a bheatha o chionn ghoirid, agus fhuaradh am mach gu robh dithis deàrd oifigich fèin anns a cheannairc còmhla ri feadhainn eile. Chaidh iad so a sgiùrsadh gu follaiseach air sràidean a bhaile mhoir Di-sathairne sa chaidh, agus bha iad an sin air an tilgeil don phriosan. ’S ann tha iongatas air na h-uile nach robh iad air an cur gu bàs, oirs e sin am peanas as bitheanta nithear air luchd droch-bheirt anns an dùthaich sin.

N UAIR a bhatar abualadh arbhair ann an shabhal tuathanaich àraidhan Ontario, an la roimhe, bhrist rud-eigin mun mhuilinn, agus chaidh ina teine. Chuir sin teine ris an fhodar, agus chaidh dithis dhaoine bhair a mhìr arbhair a losgadh no amhùchadh gu bàs.

FAODAIDH luchd-gabhail a MHAC-TALLA ann am Port Morien sgus mun cuairt, a phris a phaigheadh do Mhr. Callum Mac Amhlaidh, ceannaiche. Iadsan ann am Baddeck agus mun cuairt air, faodaidh iad am pàigheadh a thoirt do Niall Domhnullach, cléireachs an stòr aig D. F. MacRath.

ANNS a chòmhstri a bheadar na Stàitean agus Breatuinn a taobh iasgach nan ròn ann an Cuan Bhehring, ghlac na Stàitean naoidh deug de shoithichean iasgaich Chanada. ’N uair chaidh cùisean a cheartachadh eadar an da dhùthaich bfheudar do na Stàitean aideachadh gu robh an obair sin mi-laghail, agus tha aca ris an call a dhfhuiling na soithichean sin a dheanamh suas. Tha iad an dràsdatairgsinn ceithir cheuds coig mile fichead dollair ( $425 .000) gu bhi air a roinn air na soithichean do gach a reir a calla. Ma ghabhas Breatuinn ris an tairgse sin bidh an t-airgiod air a phàigheadh uaireigin eadar so us toiseach an t-samhraidh.

DHFHOSGLADH na sgoiltean air feadh na dùthcha air Di-luain. Tha sinn a tuigisnn gu bheil maighstirean-sgoile gle ghann anns na bliadhnaichean, agus a réir coltais chan ann a dol dad nas pailte tha iad. ’S e thag aobharrachadh so an tuarsdal a bhi cho beags nach eil ena bhuannachd do mhoran a bhi leantuinn ris an sgoil. Roimhe so bha bliadhna na sgoile air a roinnna da earrainn, agus dhfhaodadh neach sgoil a chumails an t-samhradh agus a dhol do cholaistesa gheamhradh. Ach tha sin a nis air a chur air cùl agus tha moran air sgur a chumail sgoile gu buileach. Tha e soilleir nach mair a chùis fad air an dòigh so. Feumar tuarasdal nam maighstirean-sgoilàrdachadh gu math neo théid moran de na sgoiltean gu neoni.

GLEANN-GARRAIDH. —Anns a bhliadhna 1793, dhfhàg àireamh de theaghlaichean Gàidhealach an dachaidhean ann an Gleann-Eilg an Siorramachd Rois, agus chaidh iad air imrich gu Gleann-Garraidh an Ontario far an robh àireamh dhen luchd-dùthcha air suidheachadh roimhe sin. An deigh moran fadail a bhi air a chumail orra, le droch shides nithean mi-fhàbharrach eile, rainig iad Newfoundland mu dheireadh October. Chuir iad an geamhradh seachad am measg Ghàidheil Eilein a Phrionnsa agus cha drainig iadan ceann-uidhe gus air an ath shamhradh. Tha moran de shliochd nan daoine sinsan lathan diugh a fuireach timchioll air baile Alexandria, agus tha iad acur rompa air an fhoghar so cruinneachadh mòr a bhi aca mar chuimhneachan urramach air beatha agus saothair an aithrichean a shuidhichsa cheart àite direach ceud bliadhna roimhe so. Tha iad mar an ceudna dol a chur suas càrn-chuimhne dhaibh.

Tha Lighichean a cleachdadhM ’ds Liniment


An S. S. Arcadia,
THAN ARCADIA a ruith eadar Sidui us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Anns, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Diordaoin.
P . KERR,
Maighstir.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.

Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dhfhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Innein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.



[70]

[Vol . 3. No. 9. p. 6]

MO THURUS DON GHAIDHEALTACHD.

LEIS AN URR. RUAIRIDH MAC LEOID.

(Air a leantuinn.)

Thàinig atharrachadh mòr air muinntir an eilean so o chionn àireamh bhliadhnachan. An àite làn nam bàtaichean a bhitighean far an Tairbeart agus am botull gan cur air mhisgs ann a gheibhear an diugh adol dhachaidh far an Tairbeart iad làn nam bàtaichean a seinn Sailm Dhaibhidh. Air an fheasgar so bha grùnnd do bhàtaicheanan comunn a chéile agus bu cheòlmhor binn a bhicluinntinn fuaim an ciùil adol suas a dhionnsuidh cluasan Tighearna nan sluagh. ’Nuair a rainig sinn an t-eilean agus a ghabh an sluagh greim bidh chruinnich iad don tìgh leughaidh agus dhomhlaich iad e. An deigh labhairt riu car tacain dhfhàg sinn iad agus ghabh na priomh dhaoine sealbh air a choinneamh agus rinn iad coinneamh ùrnuigh dhi. Dhfhalbh ceathrar sgairteil leamsa ann am bàta agus ann an ùine ghoirid bha sinn air an Tairbeart. Air Di-luain thog mi rithe ann am bata na smùid agus ann an da uair do thim bha sinn ann an Ròthadal. Fhuair mi dòigh air faighinn gu Stranda as a sin agus as a sin fhuair mi an t-aiseag gu Bearntraigh. Is ann air an t-seachdair sin a bha an Comanachadh air a chumail air an dthug mi iomradh a cheana. An deigh a chomanachaidh dhfhalbh mi gu mo thuras a ghabhail air ais do Chanada. Is e ethar Chlann Néil Mhic Sheumaisa Bhanrigha thug sinn leinn. Dhfhalbh sinn far na Laimhrìg Ruaidh. Cha mhòr nach robh muinntir an eilean gu h-iomlan air a challa agabhail slàn leis an Americanach. An deigh na tri ruinn mu dheireadh den t-seathamh Salm far an t-sia fichead a sheinn agus urnuigh a dheanamh ghabh mi slàn leo uile agus dhfhàg sinn an calla. Bha an latha breagha agus béigin dhuinn a bhi ga h-iomaradh gus an robh sinn a mach air cùl Ghìleasaidh. Bha Padruig Mac Neil agus Ruairidh Mac Fhearghuis mar a bha iad riamh a tarruing as a chéile mun iomaradh. Béigin an cumail air dòigh leis an uaireadair. Mu dheireadh thainig an soirbheas agus chaidh na raimh a shaoileadh. Cha robh sinn fada adol a steach gu bàgh Lingrabhàgh. Dhfhan sinn an oidhche sin comhla ri piuthar dhomh a tha pòsda aig mac an Diuc Mhànais a tha na Mhaor Fearainn air ceann a deas na h-Earradh. An deigh ruigheachd chaidh fios a chur mun cuairt agus bha coinneamh ùrnuigh againn. Bu taitneach a bhilabhairt ri grunnd do mhuinntir a bha cuid dhiubh air ùr thighinn fuidh bhuaidh na firinn. Cha mhòr de choinneamhans an robh mi bu riaraichte mi leatha nan aon so. Gu cinnteach bithidh cuid a Bàgh Lingrabhàgh aig an Tighearnas an latha anns am bi e adeanamh suas a shéudan. Air an la màireach ghabh mi bàta na smùid á Rothadal agus air dol air bord dhomh coinnicheam ri ceathrar do mhuinntir Bhearntraidh a bha a dol do phriosan Ionbharnis air son gun dfhuaras iad ag agairt fearuinn Bhuirdhe ni nach robh air a cheadachadh dhoibh. Thug mi beagan do chomhairlean orra agus air dhomh labhairt ri beagan do dhuaislean air bòrd mu thimchioll an ana-ceartais a bha air a dheanamh orra chruinnich mi beagan airgid air son an cuid theaglaichean.

Rainig sinn Port Righ an oidhche sin agus air an latha màireach fhuair sinn an t-aiseag don t-Sròm agus an oidhche sin bha sinn ann an Glaschu. Dhfhan mi an sin a chuid a bfhearr de sheachdain. As deigh sin ghabh mi mo thuras do Liubharpul far an do ghabh mi an t-aiseag air ais do Chanada. Thug mi cunntas athghearr do luchd leughaidh a MHIC-TALEA air Mo Thurus don Ghaidhealtachd. Bithidh mi agabhail slàn leo uile a nis a guidheadh do na h-uile aca. “Gu ma fada beò sibh is ceò as ur tigh.”

[A ’ CHRIOCH. ]


LeighisMINARD ’S LINIMENTmise o dhroch cnatan
Oxford , N. S. R. F. HEWSON

LeighisMINARD ’S LINIMENTmise o chas ghoirt.
Yarmouth , FRED COULSON.

LeighisMINARD ’S LINIMENTRòs Dubh ormsa.
Inglesuille , J. W. RHGGLES.


THA e gle dhoribh naigheachdan firinneach fhaotainn a thaobh a chogaidh a tha dol air adhart eadar China us Japan. Tha Corea cho fad air chùl an t-saoghail agus chan eil an Telegraphga ruigheachd fhathast, air chors gun toir na naigheachdan ùine mhor air an rathad, agus nach urrainnear a bhi uair sam bith cinnteach as cho firinneachsa tha iad. Tha e air a radh an dràsda gu bheil Corea fhéin ag iarraidh saorsa o chuing China, agus gu bheil ig iarraidh air Japan a cuideachadh gus na Chinich a ruagadh am mach as an dùthaich.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND &CO . ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinu bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.



[71]

[Vol . 3. No. 9. p. 7]

A Acarsaid Chloinn Fhiongain.

A MHIC-THLLA RUNAICH:— ’S iomadh latha on bha sùil agam litir a sgriobhadh do bhur n-ionnsaidh a chum gun innsinn dhuibh (a bhàrr air nithean eile) cho toilichtesa tha sinn a bhigad fhaicinn gach seachdain ann a trusgan cho sgiamhach, le dòraidean Gàilig, naidheachdan an lathan diugh, agus sgeula na h-aimsir a dhfhalbh. Gu ma fada beo thu gu leantainn air an obair mhath; saoghal fada, fortan maith, agus soirbheas fàbharrach gun robh daonnan agaibh.

Tha chuid mhor de na tuathanaich an deigh an cuid feòir a chur do na saibhlean. Tha iad a gearan am bliadhna air lughad nan saibhlean, rud air nach do ghearain iad o chionn àireamh bhliadhnaichean. Tha so a sealltuinn dhuinn gum bi biadh spreidhe nas pailte air an earrach sotighinn, na bhae air an earrach sa chaidh.

Than t-arbhar gu math trom ach tha eagal oirnn nach biath e cho math sin, a thaobh gun cuir biastagan a choirce gaiseadh mor ann. Cha bu leòr sgriosadairean a bhuntàta, ach dhfheumadh seòrsa eile tighinn air a choirce. Ach cha n-eile iad idir cho pailt an sosa tha sinn a cluinntinn a tha iad an àitean eil. ’S gu ma fada a bhios sin againn ri radh! A dhaindeoin daolagan tha moladh mòr air an bhuntàt ùr.

Dhfhosgladh an sgoil a rithist Di-luain. Tha in dràsd air a cumail leis an fhòghlumaich òg, D. Mac Nèil bràthair dar Sagart Paraiste, an t-Urr. R. Mac Nèill. Tha so ro thràth air son am maighstir sgoilùr a mholadh na chàineadh. “Mol an latha matha air a dheireadh,” agus ni sinn sin mas fhiach e e.

Cha chluinnear an drasd ach Pic-nic thall is Pic-nic a bhos. Chaidh Pic-nic thigh sgoile Ghlinn Bharra a chumail Di-màirt, agus tha sinn toilichte gun a shoirbheach leò gu math. Bhan latha briagha, fionnar agus chruinnich sluagh mor a dhfhaicinn gach cleasachd agus chuich a bha dol air aghaidh. Bha dhuaisean air an toirt seachad airson seinn na pioba mòire, airson dannsadh, tilgeadh an ùird, cur na cloiche, cur car dhen chabar, leum agus ruith, ach se cath-tharruing an ròp a dhaobharich ceòl-gàraich is cridhealas an latha. Is mise, le gach deagh ghuidhe, do charaide dileas.

DONNACHA DONN.


IarrMinards Liniments na gabh ach e.

Tha bràthair do Chaserio, am fear a mhrabh Riaghladair na Frainges a bha air a chrochadh an la roimhe, an deigh tighnn ri bheatha féin. Chuir an gniom a rinn a bhràthair a leithid de thàmailts de mhasladh airs gun deachaidh e as a rian.

NA NARROWS BHEAGABha sàcramaid na suipeir air a frithealadh aig na Narrows Bheaga air an t-sabaid sa chaidh. Bha sluagh mor cruinn as gach cearna dhen choithionals as na coithionalan mun cuairt. Air la na Sàbaid thainig bhàta smùid á Baddeck, am May Queen agus bàta beag eile le Mr. Bell, ’s taosg mor sluaigh air bòrd gach te dhiubh. Bhan t-seirbheis Bheurlas Ghàilig anns an eaglais a h-uile latha ach la na Sàbaid, nuair bha Ghàilig ann muigh, agus a Bheurlasan Eaglais. Bha na bùird air an riarachadh am muigh mar a bàbhaist, bòrd Gàilig an toiseach, an sin bòrd Beurla, agus an sin bòrd Gàilig eile. Bhan latha cho briaghas a dhiarrte, latha dorcha, fionnar, gun ghrian no uisgecur dragh air an t-sluagh. Shearmonaich Mr. Grannd, á Loch Ainslie, ’san eaglais agus Mr. Caimbeul, ministeir na Narrows fhein, am muigh. Ged bha sluagh cho mòr cruinn bha iad uilegan giulan féin gu modhail, stòlda, agus cha robh misriaghailt sam bith ri fhaicinn fad an latha. Tha muinntir nan Narrows cho aoidheils cho fialuidhs bu dual do chlann nan Gàidheal a bhi, agus na thainig de choigrichnan measg bha iad air an deagh chàradh.

CHAIDH nighean bheag ann an Eilean a Phrionnsa dan ainm Lela Mills am mach do phàirceannan cùil air fearann a h-athar an la roimhe, agus thug mathan mór as a deaghaidh. Thug e uaipe pios arain a bhaice, agus air dha sin itheadh thug e as a deigh a rithist. Bha màileid bheag aicena làimh agus thug i stràchdan dheth mun cheann dha, rud a chum beagan air ais e gus an dfhuair i faisg air an tigh. An sin chuir e mun cuairt, ’s thug e choillair, agus chan fhacas uaithe sin e. Bhan bheag air a criothnachadh gu dona leis an eagal.

Thainig na reachdan air an robh Seanadh nan Stàitean agur cho fada gu bhinan lagh an la roimhe. Ged tha chìs air a toirt bhar moran nithean, tha i air afàgail fhathast air gual, siùcar agus iarann. Than lagh ùr gu math nas fearr nan seann fhear, ach bha Cleveland cho mi-riaraichte leiss nach cuireadh e aonta ris; leig e leis tighinn gu bhi na laghsan dùthaich gun a sheula-san a dhol ris idir.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
Rubbers dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris
Curraichdean ur Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.



[72]

[Vol . 3. No. 9. p. 8]

An Dotair Mac-Lachuinn.

Rugadh Iain Mac Lachuinn an Rathuidhesa Mhorairnes a bhliadhna 1804. Dhionnsich en dotaireachd ann an Glaschu. N uair a fhuair e troimh ionnsachdh thanig e air ais don Mhorairne. Theirteadh am bitheantas Dotair Rathuaidhe ris. Bha ena dhuine cumadail, dealbhach, blath-chridheach, na lighiche math, agus na dheagh bhard. Tha e air a radh gun robh e trom air an t-suiridh. Co dhiu a bha no nach robh, cha do phos e riamh. Chaochail e sa bhliadhna 1874. Chuireadh a mach a chuid oran ann an leabhar beagsa bhliadhna 1880. So beagan rannan de dhfhear diu.


ORAN.

Gur moch rinn mi dusgadh
S an ur-mhaduinn cheit,
S a dhirich mim bruthach
Gun duinach mi-fein:—
Tha ghrian air a turas
A siubhal troimhn speur,
S dealt na h-oidhche a tuirlinn
Bharr ur-dhos nan geug.

A direadh an aonich
Ri aodunn a chuirn,
S binn torman a chaochain
As aoidheile burn.
Le ròis air gach taobh dheth
Ag aomadh fon driuchd,
S e ri dearrsadh na greine
Ag eiridh na smuid.

S binn na h-eoin feadh nam preasan
Gu leadarraseinn;
Than uiseag lan solais
Ri ceol os mo chionn
Na ba laoigh anns a gheumrich
Air an reidhlein ud thall,
S mac-talla nan creagan
Gam freagirt air ball.

S alninn trusgan a ghlinne
Gu binnein nan stuchd;
S cubhridh boltrach nan luibhean
Nam chuinnein mar thuis;
Ged is boidheach gach doire
Annsa choillesa bhrùchd,
S ged tham barrach cho urail
Cha duisg e mo shunnd.

N so air faobhar a mhullich
Gur muladach mi;
Ceann-aobhir mo thuiridh
Leam gur duilich ra innis’;
Nach dirich mi tuilleadh
Ri munadhsan tir,—
Nach dean mi cuis-ghaire
N gleann aillidh mo chridh.

S mi ghluaaiseadh gun smalan
Ann an gleannan an aigh,
S moch a shiubhlinn do phreasan
Gun teagamh, gun sgàth;
Anns an og mhaduinn chubhridh
N uair bhiodh druchd air gach barr;
Naile dhirinn ri dstuchd-bheinn
Gun churam roimh namh.

Achs tim dhomh bhig eiridh,
S bhi tearnadh on aird;
Cha dean luinneagan feum dhomh,
Cha dean eigheach dhobh stath;
Feuch am bata fo comhdach,
Aig comhnard na traigh’,
Tha gu mghiulan nullthairis
A gleannan an àigh.

Than t oran so gu math fadas cha doir mi seachad an corr dheth. Thug mi seachd gu leoir dheth gu leigeil fhaicinn gun robhn Lighiche Mac-Lachuinn na bhard math.

Ths e na aobhar diulichinn leam, a MHAC-TALLA, gun deachidh do mhealladh. Chuir thu am mach oran Mhic Lachuinn bho chionn beagan sheachdainnean fon ainmCead deireannach Mhargari:” Tha min dochas nach tachir a leithid a rithisd.

Tha mi toilichte gun do chuir thu am mach an t-oran a chuir mi ga tionnsidh le Alasdir Domhnullachsa Cheapich, “Ho mo Mhari Laghach.” Tha e na oran math, agus a leigeil fhaicinn, ged a tha Domhnull Gobha, Iain Piobaire, Ailain an Ridge, Iain Boid, agus am Bard Mac-Gilleain fon talamh, gu bheil fhathasd, co dhiu, aon bhard aig siorramachd Antigonish, ged nachfheil e innte. Dhfhag Alasdir a cheapach agus thug e Meinn Cnoc-an-fhuarain air. Tha eagal orm gun cuir toit a ghuail bho orains bho cheol e.

Rinn an clo-bhuailteir tri mearachdan beaga an oran Alasdir Dhomhnullich; Chuir e cluimear an aite cluinnear, dhuths gach te an aite dluths gach te agus bidh mo ghnath an aite bidh mo ghuth.

A. MAC-GILLEAIN SINCLAIR.


Minards Linimentair son Loine.

BhaPic-nicanns a Bhras dOr Bheag air an t-seachdain sa chaidh, air son cuideachadh le cur snas tigh an t-Sagairt, an t-Urr. M. A. Mac-a- Phearsain. Chuireadh còrr us da mhile dollair cruinn, rud a thag innse gu robh soirbheachadh math leis a ghnothuch. Than tigh air a chur suas cheana, agus tha gach aon a chunnaic e ag aideachadh gur a tigh ro bhreagha e, agus gu bheil e ann an àite cho bòidheachsa gheibhear air an eilein.

CurMinard ’s Liniment ’san tigh.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid.

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Soithichean Creadha agus Glaine.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh

Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris as fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAN W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bitha thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine air a phrìs as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


CLOIMH.

THAm fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris as fhearr sa mhargadh oirre.

D . F, Mac RATH,
Baddeck C. B.

titleIssue 9
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla III No. 9. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page