[Vol . 4. No. 1. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 6, 1895. No. 1.
TOLLADH NA GUCAIG.
FHIR MO CHRIDHE, —Tha mi cinnteach gur iomadh uair a chunnaic thu muinntir a’ cur na spàin-uibhe troimh ’n ghucaig ’nuair a dh’itheadh iad an t-ubh, ach cha ’n ’eil fhios agam an d’fhuair thu riamh fhathast a mach co bhuaithe dh’éirich an cleachdadh. Is iomadh uair a mhothaich mise dha ’n chleachdadh cuideachd, ach, gus o chionn fior ghoirid, cha d’fhuair mi ’mach c’arson a bhatar ris. Innsidh mi dhuit, mata, mar a fhuair mi mach e.
Thachair dhomh a bhi bho’n tigh, agus chuir mi oidhche seachad ann an tigh duine glé chòir air nach robh a’ bheag a dh-eòlas agam aig an àm. ’S a’ mhaduinn an la-ar-na-mhaireach ’n uair a shuidh sinn aig ar biadh, ma bha gach rud air a’ bhòrd bha uibhean ann. Thug mi’n aire gu’n do chuir càch a’ spàinn troimh na gucagan, ach cha do shaoil mi dad dheth. Cha robh e riamh mar chleachdadh agam fhéin a leithid a dheanamh; a chionn cha robh dùil agam gu robh aon chuid math no cron ann. Cha dubhairt aon seach aon diog rium mu ’n chùis, ach cha robh mi fada gun a thuigsinn gu’n d’rinn mi dol as an rathad. Thainig searbhanta chaol, ghlas a steach do’n t-seòmar a thogail nan soithichean bhar a’ bhuird, agus ’se cheud rud a rinn i ’n spàin a stobadh triomh na gucagan a dh’fhalmhaich mi féin.
Sheall i orm cho gruamach ’s ged a bhithinn an deigh olc ro mhor a dheanamh oirre. Cha robh mi idir a’ tuigsinn de rinn mi cearr ged a thuig mi gu’n d’rinn mi ni-eigin cearr. Thainig m’ fhuil ’nam aodann, a dhuine, leis an nàire. Thug fear an tighe an aire mar a rinn an searbhanta, agus mar a ghabh mi fhéin a leithid a dh-athadh. Nuair a thug i gach ni leatha ’s a dh’ fhàg i’n seomar dh’ fhaighnich mi dh’fhear an tighe de ’n seòrsa searbhanta a bha’ sid.
“Tha fior dheagh shearbhanta,” ars’ esan, “ach tha mi faicinn gu bheil i ’n gruaim ribhse airson nach do tholl sibh na gucagan mu ’n d’ éirich sibh bho ’n bhòrd. Tha i làn de shaobh-chreidimh. Cha chuir an saoghal as a ceann nach ’eil buidsich agus bana-bhuidsich ann; agus tha e air aithris gu’m biodh na bana-bhuidsich, aon uair, a’ falbh na mara ann an gucagan nan uibhean. Tha i ’cumail a mach gu bheil an cumhachd ceudna aca fhathast, agus a chum bacadh a chur orra bho bhi, mar so, a’ falbh tha i ’g radh gur còir na gucagan a tholladh air eagal gu faigh iad gréim orra. A reir coslais nach dean gucag sam bith feum ach te a thogar bhar bùird an deigh a falmhachadh. Tha e air aithris gu’n teid na bana-bhuidsich ann an riochd luchaig, agus gu’n siubhail iad an cuan ann an gucag uibhe. Dh’ fheuch mise ri thoirt oirre ’n fhaoineis ud gu léir a leigeil as a ceann, ach dh’ fhairtlich i orm. Is ann a bha dùil aice gur ann a bheireadh i mise thun a beachd fhéin. Dh’ innis i iomadh naigheachd dhomh a chuala i mu ’n olc a bha na bana bhuidsich a’ deanamh. Nam measg bha té mar a leanas. Ars’ ise:—
“Bha bata turus, a dol a mach a Loch Suaineart. agus chunnaic fear dhe na bh’ air bòrd gucag uibhe agus luchag innte pios beag air an fhuaradh, agus air dha thuigsinn an cunnart a bha dhoibh dragh sam bith a chur oirre ghrad dh’ innis e’ dh’ fhear na stiùire mar a bha, ’s dh’iarr e air cumail air falbh. Ach bha fear na stiuire cho fada ’na bharail fhein, ’s cho earbsach as an deagh bhata bha fo chosaibh ’s gu’n do fhreagair e, ‘Ge b’e air am bheil eagal teicheadh e.’ Ach, a mhic chridhe, ’n uair a chunnaic an té bha ’s a’ ghucaig gu’n robh ’m bata teannadh ro dhlùth dhi thuirt i àird a claiginn, ‘A Dhonnachaidh mhòir, a bhreunain, seachainn mo shruth’ Cha do leig Donnachadh air gu’n cuala e i, ach ghabh e seachad, agus cha mhor nach do luchdaicheadh a’ ghucag leis an stuaidh a bha briseadh o ghualainn a’ bhata. Thoisich an té bha ’sa’ ghucaig air gùidhe, agus so na bheil air chuimhne dhe na thubhairt i—
‘A Dhonnachaidh, ge mor do bhòsd
Gheibh thu aobhar bròin gun dail;
’N uair thig gaoth a ifrinn fhuar,
Och, mo thruaigh na th’ air sàil!
Cluinnear sgeul mu ’n oidhche nochd
Dh’ fhàgas iomadh té fo sprochd.’
“Cha d’ thug Donnachadh a bheag a’ chreideas do’n bhagradh so aig an àm, ach cha robh e fada gus an do thuig e gu robh e cho maith dha ’aghaidh a thoirt air a’ chala b’fhaisge dha. Dhubh an iarmailt, shèid a’ ghaoth, bheuchd an cuan, agus bha Donnachadh ’s a’ ghillean tapaidh nan cruaidh chabhaig a’ beagadh air an aodach ’s a’ feuchainn mar a b’fhearr a b’ urrainn doibh ri caladh a thoirt a mach. A dh-aindeoin ’na rinn iad chaidh an cur air cladach far an deach am bàta na connalaich; ach ghleidh iad fhéin am beatha a lomach-air-eiginn. Tha e air aithris gu’n deach call mòr a dheanamh air muir ’s air tir an oidhche ud. Co bha ’s a’ ghucaig, mata, ach te dhe na dòideagan Muileach ’si ’dol a dh’ amharc air a càirdibh do’n Eilean Sgiathanach, no a Leodhas.”
“Sin agaibhse,” arsa fear an tighe, “an t-aobhar gu’m bheil an t-searbhanta agam-sa cho cùramach mu na gucagan. Tha e ’na ni brònach gu’m bheil cuid cho faoin ’nam barail ’s gu’n tugadh iad creideas sam bith dha leithid so do sgeul. Is ann aig an Uile-chumhachdach a tha ’s a bha riaghladh nan uile nithean ’s cha ’n ann aig na bana-bhuidsich.”
Bha mise ro thoilichte ’nuair a thug mi nach d’rinn mi dol as an rathad bu mhò na na gucagan fhàgail gun tolladh. Aithnichidh mi nis co iad a tha toirt geill do’n t-saobh chreidimh so.
Is mi do charaid.
IAIN.
[Vol . 4. No. 1. p. 2]
EACHDRAIDH MU BHLIADHNA THEARLAICH.
(Air a leantuinn.)
BHA ’chuid eile de na Gàidheil, muinntir Athuill, Clann Donnachaidh, Clann Iain Ghlinne-comhann, agus Clann Lachlainn, air an tarruing suas ’n an sreath eile leth-cheud slat air cùlaobh chàich, fo stiùradh Mhorair Nairn, agus eadar an dà chuid bha Tèarlach e féin. Bha de Ghàidheil a làthair ’s a bhlàr so dà mhìle agus ceithir cheud, agus do’n arm-dhearg trì cheud na bu lugha. Mhothaich am freiceadan a bh’ aig Cope do na Gàidheil a’ tighinn, agus thug iad sanas seachad.
Bha ’nis bristeadh na fàir’ ann, bha ’n ceò ag éiridh suas, agus òg ghathan na gréine ag òradh àirde nan speur. Bha fhathast meall ceò eadar an dà fheachd, air chor ’s nach fhac’ iad a chéile, ged a thuig iad gu’n robh iad dlùth. Leanaibh mise, arsa Tèarlach, agus le còmhnadh Dhé ni mi an diùgh sibh ’n ar daoine sona. ’N uair a bha iad gu ’bhi ’n sàs thug na Gàidheil dhiubh am boineidean, agus chuir iad a suas ùrnuigh ghèarr. B’ uaislean air fad a bha ’s an t sreath thoisich. Bha gach Ceann-cinnidh ’am broilleach a dhaoine féin, agus na càirdean a bu dìsle dha m’a thimchioll. Thàinig am feachd Gàidhealach cho bras air an aghaidh ’s nach robh cothrom aig Cope air mòran a labhairt r’a chuid airm. Thog na Gàidheil, mar a bu nòs leo, aon iolach oillteil chatha, agus ann am prioba na sùl bha iad ’am bad an nàmhaid. Dh’ fhosgail an t-arm-dearg orra le’n airm-theine o thaobh gu taobh; ach bu shuarach so ’an aghaidh cruadal foghainteach nan laoch treun’ a bha ’tighinn orra. Cha d’ fhuair iad ach an aon lòd a thilgeadh ’n uair a bha luchd nam breacan le ’m biodaig ’s le ’n claidheamh ’n am broilleach. ’S e Mac Dhòmhnuill-duibh ’s a dhaoine, agus muinntir na h-Apunn, a thug a’ cheud fhuil. Thàinig na trupairean ’n an còmhdhail, ach ma thàinig cha b’ fhad’ a sheas iad. Thàinig Clann Dòmhnuill air an adhart, agus cha b’ iad a bu tàire, ’n a dhéigh sin Clann Ghriogair a dhearbh gu’m b’ airidh iad air cliù an sinnsireachd. Cha robh e comasach seasamh ’n an aghaidh. Ann an tiota chuir iad an ruaig air an arm-dhearg. Bha aon bhuidheann bheag, fo’n duine ainmeil, Còirneal Gardner, a sheas leo so an déigh d’a dhaoine féin ’fhàgail; agus a chuir an cath gu duineil, gus an do bhuaileadh gu làr e le iomadh creuchd fhuilteach, ann an sealladh a thighe féin. Cha do mhair an cath ainmeil so thairis air còig no sè a mhionaidean; ach anns an ùine ghèarr so, chaidh a choilion gnìomh foghainteach a dheanamh ’s a lìonadh leabhar cuimseach. Cha d’ fhuair as de ’n arm-dhearg air fad ach mu shè ceud; mharbhadh, no rinneadh prìosanaich de chàch. Theich an Ceannard Cope féin, agus cha do tharruing e srian gus an d’ ràinig e Dunbar.
’S ann le taitneachd a tha sinn a’ leughadh, ged a bha na Gàidheil cho cruadalach a chur na ruaige, gu ’n do thaisbein iad an caoimhneas a b’ iochdmhoire dhoibh-san a bh’ air an leònadh.
Thàinig na Camshro aich do Dhun-éideann an ceann trì uairean an déigh am blàr a chur, a’ nochdadh gu follaiseach brataichean an airm-dheirg; agus air an là ’m màireach, thàinig am Prionns’ agus am feachd gu léir ’n an déigh, le [ ? ] gu h-inbhe [ ? ] mhor riu féin; agus còig fichead pìobaire a’ seinn gu caithreamach, ’n uair a thill iad mar so gu buadhar do Cheann-bhaile na rìoghachd.
AM PRIONNS’ A’ CUR ROIMHE SASUNN A THOIRT AIR.
“Thoir a nall leat pannal ghruagach,
’Luaidheas an clò ruadh gu daingean.
Agus h-ò Mhòrag,” &c .
An déigh do Phrionns’ Tèarlach, agus d’a dhaoine sè seachduinean a chaitheamh ann an Dun-éideann, agus ’n uair a thug e dùil nach éireadh tuilleadh dhaoine leis, chuir e roimhe Sasunn a thoirt air, ged a bha ’chuid bu mhò de Shasunn fo’n armaibh chum cur ’n a aghaidh. Bha fiughair aige ri còmhnadh as an Fhraing, agus bha làn earbs’ aige á cruadal nan daoine ’bha leis ’s an àm. Air latha Samhnadh dh’ fhàg e Lùchairt a shinnsir, agus chuir e e féin air ceann a chuid daoine, a bha ’nis ann an rogha misnich, leis an fhois a fhuair iad. Bha ann diubh mu thimchioll sé mìle fear, agus còrr agus an leth ’n an Gàidheil, a bha ’n deadh uidheam a thaobh éididh agus armachd. Ochd làithean ’n a dhéigh sin chaidh iad a steach do Shasunn, agus chuartaich iad Carlisle, a sheas a mach car latha no dha ’n an aghaidh, ach a ghéill dhoibh fa dheireadh—far an d’fhuair e mòran armachd, each, agus nithean luachmhor a chaidh a thasgaidh suas ann, a bhuineadh do dh’ uaislean na dùthcha mu’n cuairt. Chuir a’ bhuaidh a fhuair e air a’ bhaile so, iongantas air an rìoghachd uile; smaointich iad nach robh aon ni eu-comasach do na Gàidheil; ’s nach robh dhoibh ach gabhail air an aghaidh do Lunnuinn, a bhuannachd na bha ’n am beachd. Ach o so a mach cha robh soirbheachadh leo. Thòisich easaonachd ’n am measg féin. Bha cuid air son dol dìreach air an adhart do Lunnuinn, agus cuid eile air son pilleadh air an ais. Thàinig Diùc Uilleam agus an t-arm-dearg a bha maille ris ann am Flànras dhachaidh: bha deich mìle de dh’arm deanta ann an aon champ, a bhàrr air feachd lìonmhor a thogadh ’an Lunnuinn, air an robh an Rìgh féin ’n a cheannard. Ghairmeadh comhairle chogaidh ann an Carlisle, agus ’s e a smaointich iad dol air an aghaidh. Cha d’ éirich duine de na Sasunnaich leis, gus an d’ràinig iad Manchester, agus thréig mu thimchioll mìle fear d’ a dhaoine fèin e o ’n a dh’ fhàg e Dunéideann. Ann am Manchester fhuair e mu dhà cheud fear. Ghabh e air ’adhart air an t-slighe do Lunnuinn, gus an d’ ràinig e Derby, astar cheithir làithean o cheann-bhaile mòr na rìoghachd. Bha’n dà arm an so mar bheagan mhìltean d’a chéile, agus bha fiughair aig na Gàidheil a h-uile mionaid a bhi’n sàs anns an arm-dhearg. ’N uair a chualas ann an Lunnuinn gu-n robh na Gàidheil cho dlùth dhoibh, ghlac oillt agus uamhunn gach neach ’s an àite; agus cha robh an t-arm-dearg féin saor o eagal, ionnas na’m biodh iad air coinneachadh ’s an àm, b’i barail dhaoine gu’m buadhaicheadh na Gàidheil, agus gu’m faodadh Rìgh Deòrsa an rìoghachd ’fhàgail mar a rinn Rìgh Seumas roimhe. Ach chunnaic am Freasdal iomchuidh a’ chùis ’òrduchadh air dhòigh eile. Fhuair am Prionnsa fios gu’n robh trì mìle saighdear, fo Mhorair Strathallan a ’tighinn ’n an déigh a chum an còmhnadh; agus an déigh comhairle chogaidh a chumail, shònraich iad nach robh dhoibh ach amsideachd aghaidh a thoirt air [ ? ] a dh’ [ ? ] dh’ fhaod am
[Vol . 4. No. 1. p. 3]
Prionns’ a ràdh, no ’dheanamh, chuir iad rompa pilleadh air an ais do dh’ Albainn.
PHILL AM FEACHD AIR ’AIS.
Ghluais am feachd fada roimh latha, agus o nach d innseadh dhoibh ciod a bha ’m beachd nan Ceannardan, shaoil iad gu’n robh iad a’ dol ’an coinneamh an nàmhaid; bha iad ann an àrd mhisnich, agus ro dheònach gu’n tachradh sin; ach ’n uair a thàinig solus an latha ’s a thuig iad gur ann a’ pilleadh a bha iad, cha mhòr nach deach’ iad air bàinidh le farran agus mì-thlachd; agus inntinn Thèarlaich féin, thuit i gu tur. Bha dol air ’ais nan Gàidheal air a chumail cho dìomhair ’s gu’n robh iad astar dà latha air an t-slighe do dh’ Albainn, mu’n do thuig an t-arm-dearg gu’n do phill iad.
BLAR CHLIFTON.
Cho luath ’s a chuala Diùc Uilleam so, chaidh e air an tòir leis gach feachd a b’ urrainn da a chur r’a chéile; agus thàinig e ’suas riu aig Clifton. Bha ’chuid fa dheireadh de dh’arm Thèarlaich fo riaghladh Mhorair Deòrsa Moraidh. Bha Stiùbhartaich na h-Apunn, Mac Dhòmhnuill-duibh ’s a dhaoine, Clann Dòmhnuill Ghlinne-garadh, agus reiseamaid Fir Chluainidh aige, agus leis a’ bhuidheann bhig so, chuir e roimhe aghaidh a thoirt air na Sasunnaich a bha ’nis a suas riu. Bha dorcha nan trà ann: cha robh aca ach fann sholus na gealaich, ’n uair a chaidh iad ’an caramh a chéile. Thugadh greadan goirt, chuireadh an ruaig air na Sasunnaich, mharbhadh ceud gu leth dhiubh, ach cha do thuit ach dà-fhear-dheug de na Gàidheil. Lean a’ chuid de’n arm a chuir an total so a’ chuid eile aig an robh toiseach orra; agus air do Thèarlach trì cheud fear fhàgail ann an Daingneach Charlisle, ghabh e féin agus càch air an adhart do dh’ Albainn. ’N uair a ràinig iad a’ chrìoch, bha’n ahhuinn Esc air at cho mòr ’s gu’n robh e deacair dhoibh dol thairis: ach ’n uair a chunnaic iad fraoch badanach an dùthcha féin thog e am misneach, fhuair iad a nunn, agus thog iad aon iolach ghàirdeachais, a’ dì-chuimhneachadh na thachair, agus suarach mu na bha rompa.
Mar so air an àm so chrìochnaich an oidhirp a thug iad air Sasunn; agus oidhirp a b’fhoghaintiche na i cha d’ thugadh. Mhair an ionnsuidh sè seachduinean; agus thugadh i ann an dùthaich agus ’am measg dhaoine a bha naimhdeil dhoibh-san, agus do na bha ’n am beachd. Thugadh an ionnsuidh ann an làthair feachdan lìonmhor ach air an robh sgàth teachd ’n an rathad. O’n là a chaidh iad a stigh do Shasunn gus an do thill iad, cha do chaill iad á còig mìle fear ach dà fhichead. Ghiùlain iad a’ bhratach a thogadh ann an Gleann-fìonain gu buadhar a stigh do chridhe Shasuinn, agus thug iad air a h-ais i gun tàmailt ’fhaotainn as gach cunnart anns an deachaidh i.
AM PRIONNS’ ANN AN GLASCHO.
Dh’fhàg sinn Prionns’ Tèarlach, agus a dhaoine air fòid Alba, an déigh pilleadh á Sasunn. Ràinig iad Glascho air latha Nollaig; agus chuir am Prionnsa am baile fo chìs a chum ’fheachd a chur ’n an uidheam, air an robh iad fìor fheumach an déigh an cuairt do Shasunn. An déigh dha fuireach ’s a’ bhaile ré dheich làithean, agus na bha dhìth air ’fhaotainn, ghabh e a thurus air an t-slighe do Shruileadh; agus an uair a ràinig e, dh’ àithn e do’n bhaile strìochdadh. Dh’ asluich ìad beagan ùine gu smaointeach air, fhuair ìad sin, agus an ceann na h-ùine ghéill an baile, ach sheas an Caisteal a mach; agus chuir an t-uachdaran roimhe nach strìochdadh e. Mar so bha’n t-arm Gàidhealach, a bha mu thimchioll naoi mìle fear ann an àireamh. Bha’n t-arm-dearg a’ cruinneachadh a stigh do Dhun-éideann as gach cèarna, agus bha’n dùthaich a’ deanamh gach ccmhnaidh leo a dh’ fhaodadh iad. ’N uair a chruinnich an t arm-dearg, a bha ann an àireamh dlùth air naoi mìle fear, chaidh an cur fo òrdugh a’ Cheannaird Hawley, a chuir e féin ’n a uidheam, le mòran spagluinn, a dhol air tòir Thèarlaich.
BLAR NA H-EAGLAISE-BRICE.
Ràinig e dlùth do’n Eaglais-bhric agus an sin tharruing e ’suas an t-arm. Cha robh Tèarlach ’n a thàmh, chuir e roimhe coinneamh a thoirt doibh, agus theann e ’n an còmhdhail. Cha chreideadh Hawley gu’n robh a dhànadas aig na Gàidheil ionnsuidh a thoirt air: bha e uime sin gun umhail, gun fhiamh, a cost na h-ùine ’am fleadhachas le Bana-mhorair Chill-màrnoc. ’N uair a bha esan ’s an t-suidheachadh so, tharruing na Gàidheil dlùth air monadh na h-Eaglais, ’s an uair a fhuair e fios air so, chuir e mòr dhoimheadas air; ach cha robh ùine ri chall. Leum e air ’each, agus anns a’ chabhaig mharcaìch e gun chòmhdach cinn a dh’ ionnsuidh an airm, a fhuair e air an tarruing suas, ullamh gu triall ’an coinneamh nan Gàidheal. Air a’ cheart àm so dh’fhàs na speuran gu dorcha, duaichnidh, shéid a’ ghaoth gu làidir o’n àird’ an Iar-dheas, bha ’h-uile coslas stoirm ghàbhaidh air; agus chuir na Gàidheil rompa cothrom a’ bhruthaich agus an t-soirbheis a chosnadh, mar a rinn iad air Sliabh-chlamhain. Thug Hawley so fainear, agus chuir e roimhe gu’m biodh toiseach aig orra, ’s nach éireadh dha-san mar a thachair do Chope.
Thug e àithne do’n mharc-shluagh, àird’ an t-sléibhe a thoirt orra cho luath ’s a b’urrainn casan an cuid each an giùlan; agus gu’n leanadh an t-arm coise iad mar a b’fhèarr a dh’fhaodadh iad. Bha na gunnachan mòra air deireadh na cuideachd, air an tarruing le Cairteirean de mhuinntir na h-Eaglaise brice, agus cò dhiubh is ann a thaobh tuiteamais, no le deòin a thachair e, cha b’ fhios do dhaoine ’s an àm; ach chaidh na h-inneil-iomchair an sàs ann an làthaich dhomhain, as nach b’urrainnear an tarruing. ’N uair a thuig na Cairteirean so (oir bha iad ’an deadh rùn do Thèarlach) ghèarr iad na beairtean, agus phill iad gu luath air an ais do’n bhaile. Thòisìch a nis a chòmh-ruith chruaidh eadar an dà fheachd, a dheuchainn cò a bu luaithe a ruigeadh am mullach, agus an doinionn a’ séideadh gu searbh an aghaidh nan Sasunnach. Bha na Gàidheil, mar a bu nòs, gu bearraideach, sgairteil; agus thàrr iad am mullach air thoiseach air an arm-dhearg. B’iad Clann Ghriogair a bh’air thoiseach nan Gàidheal, agus uaithe so ghleidh iad an làmh-dheas fad an latha.
(Ri leantuinn.)
Bha bhan-righ air chuairt air a Ghàidhealtachd air a mhios a chaidh seachad. Bha i ann air son a slàinte, agus chaidh i moran na b’ fhearr mu’n do thill i a Shasuinn. Tha h-uile coltas oirre gu mair i àireamh bhliadhna chan fhathast.
MarbhaidhCherokee Vermifugebiastan.
[Vol . 4. No. 1. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, IULAIDH 6, 1895.
Tha MAC-TALLA nise tri bliadhna dh’ aois, agus leis an àireamh so a’ toiseachadh air a’ cheathramh bliadhna. Ré nan tri bliadhna chaidh seachad, thainig seachd fichead àireamh ’sa h-ochd a mach. ’N uair thainig a’ cheud àireamh dheth a mach, bha moran dhe’n bharail nach b’ fhada mhaireadh e; bha moran ag radh nach ruigeadh e ceann na bliadhna. Ach a dh’ aindeoin gach droch mhisneach a bh’ aig a chàirdean dhà thaobh, fhuair e gu ceann na ceud bliadhna, ’s na darra ’s na treas bliadhna, agus tha e nise tòiseachadh air a cheathramh bliadhna, agus earbsa na’s fhearr aige as an am ri teachd na bh’ aige riamh fhathast. Tha e an dòchas gu ruig e cha’n e mhàin ceann na ceathramh ach ceann iomadh bliadhna eile.
Tha tri seòrsa de luchd-gabhail aig a h-uile paipear, agus tha iad aig MAC-TALLA cho math ri càch. ’Sa cheud àite tha iadsan a phàigheas aig toiseach gach bliadhna. ’S an darra h-àite tha iadsan a phàigheas uaireigin roimh cheann na bliadhna. Agus anns an treas àite tha iadsan a tha coma cuin a phàigheas iad, no ged nach pàigheadh iad idir. ’Se cheud ’s an darra seòrsa, gu h-àraidh a cheud sheòrsa, neart agus cùl-taic a phaipeir, agus an seòrsa mu dheireadh, tha iad ’ga chumail air ais. Tha sinn an dòchas air a bhliadhna so, gu’m bi an luchd-gabhail uile anns a cheud, no co dhiu anns an darra seòrsa, agus ma bhitheas, bi’dh soirbheachadh leis a’ MHAC-TALLA.
A Ceap Nor.
Fhir-deasachidh Ionmhuinn,— ’S fada o nach facas facal de naidheachdan an àite so anns a MHAC-TALLA. Thainig an samhradh a steach am bliadhna ni’s tràithe na rinn e riamh, ach tha’n aimsir air a bhi cho tioram ’s gu’m bi call mor air a dheanamh air toradh na talmhainn mur tig uisge a’n ùine ghoirid.
Tha mòran tinn leis a ghrip aig an àm so, ’s cuid eile air faotinn thairis air. Tha’n truithach, a bha air feadh an àite fad a’n earruich, a nis anns gach tigh eadar an acarsaid a deas agus an Rudha Geal, ’s tha àireamh chloinne air caochladh leatha. Tha cuid ag radh gu bheil an grip ’na cois an dràsda.
Tha cuideachd Innseanach o’n Amhainn Mheadhonaich, air teachd do’n àite o chionn ghoirid. Tha iad ri cùbaireachd, basgaidean, agus obair eile. Tha dlùth air da-fhichead bliadhna o na dh’fhàg na h-Innseanaich an t-àite, ’s tha moran de’r ’n òigridh nach faca aghaidh aon de’n t-seòrsa gu ruige so; ’s bha iad a cruinneachadh nan sgaothan a ghabhail a cheud seallaidh dhiubh.
Tha’n co-thional so a cur ma dheighinn am manse a mheudachadh roimh thoiseach a gheamhraidh, le cidsinn rùmail a chur ris. ’Nuair a bhios an obair criochnaichte, tha sinn an dùil gu’n teid Mr. Mac Leoid a ghabhail còmhnuidh anns a mhanse, a làn chreidsinn nach math an ni do’n duine ’bhi na aonar.
Tha fear-lagha claon-bhreitheach, Iain Mac Cabe, an deigh an darra h-ionnsuidh a thoirt air cliù Mr. Mhic Leoid, anns a “Halifax Herald.” ’S ann aige tha’n t-aodann air bheag nàire, agus an ceann air bheagan céill. Tha e ’n dùil gum faod e gabhail dha mar a thogras e, ’s gu’n cum e ’n sluagh air a laimh le pàirt de chuid brosgail fhéin. Biodh an clocaire truagh foghlum gu bheil an sluagh so cho ceangailte ri ’m ministeir ’s nach dean a chuid brosgail san feum sam dha. ’S fortanach dha nach robh e maille ri clann Israel air an turas troimh ’n fhàsach, oir ’s ni cinnteach nach faigheadh e ni bu dluithe do thir Chanann na fhuar Corah, Datan, agus Abiram.
AN TUATHANACH BAN.
B’e Dior-daoin s’a chaidh co-ainm an latha air ’n do sgar na Stàitean iad fhein bho Bhreatuinn sia fichead bliadhna air ais. Tha ’n latha sin air a chumail gach bliadhna le mòran gleadhraich us losgadh fùdair, agus le mor sgios agus sàrachaidh cuirp do na h-uile bhios a gabhail pàirt ann. Cha’n eil rian air na tha dh’ airgiod air a chosg anns na Stàitean gach bliadhna a cumail an latha ud.
SGEUL EACHUINN.
Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e
RHODES & GANNON
a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “ ’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’nuair a bha mi déileadh ris roimhe.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna.
[Vol . 4. No. 1. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Tha fathunn a’ dol mu’n cuairt gu bheil Mèinn Victoria ri bhi air dùnadh mu mheadhon an fhoghair. Tha sinn an dòchas nach eil sin fior; ma tha, bidh e na chall mor do iomadh neach.
Bha fear a mhuinntir Nobha Scotia, Aonghas D. Gilbert, aig cùirt ann am Boston air an t-seachdain s’a chaidh, air son caileag bheag aois ochd bliadhna, a mhort, agus fhuaireadh ciontach e. Tha e glé choltach gu’m bi e air a chrochadh.
Thainig gille òg a mhuinntir Halifax, Fred Flemming, ri bheatha fhéin anns na Stàitean air an t-seachdain s’a chaidh. Dh’ fhag e ’n tigh toiseach na bliadhna. ’Se ’n t-aobhar a bh’aige air cur as dha fhéin gu robh a fairtleachadh air cosnadh fhaotainn.
Chaidh soitheach iasgaich fodha air cladach Newfoundland an la roimhe agus chailleadh gach aon a bh’air bòrd. Tha an t-iasgach glé mhath ann an Newfoundland air an t-samhradh so, na’s fhearr, tha iad ag radh na bha e o chionn deich bliadhna fichead. Cha’n eil an t-iasgach ann an Ceap Breatunn ach glé fhad air ais.
Tha mèinn òir a tha anabarrach beairtcach air a h-ùr fhaighinn ann an Columbia Bhreatunnach. Bhatar ag obair innte o chionn ghoirid a cur deuchainn oirre, agus chuireadh a mach fiach ceithir fichead dolair ’sa deich ’s an uair. Tha i nise air a ceannach aig cuideachd làidir a tha ’dol ’ga h-oibreachadh le neart. Tha iad an dùil gu’n teid aca air fiach da mhile dolair, no da mhile ’s coig ceud, a chur a mach aisde a h-uile latha.
Thainig fios gu Sidni Tuath an la roimhe ag innse gu’n deachaidh Eoseph Domhnullach, duin’ òg a mhuinntir a bhaile sin, a mhort air bòrd soithich air an robh e seòladh, faisg air cladach Shina. Bha e na dhuine siobhalta, modhail, air an robh deagh mheas aig a chuid bu mhò de sgioba ’n t-soithich. Chaidh e fhéin us fear de na seòladairean do’m b’ainm Mc Kenna, bhar a chéile, agus gun rabhadh sam bith, thug am fear eile mach sgian, agus stob e ’na chorp i, ’ga mharbhadh air a bhad. Chaidh am mortair a thoirt gu Hong Kong far am bheil e ri bhi air fheuchainn. Thachair so air an 22ra latha de dh’ April.
Bha Holzheur, an seòladair Gearmailteach a loisg air Caiptean Ruairi Mac Nèill air bòrd an t-soithich ’san earrach, ’sa leòn e gu dona, air beulaobh na cùirte mòire ann a Halifax air an t-seachdain s’a chaidh agus chaidh a shaoradh. Rinn dithis dhotairean a mach gu robh ’n duine as a rian, agus mar sin cha d’fhuaireadh ciontach e. Chaidh a chur air ais dh’an phriosan a dh’fheitheamh fios o’n luchd-riaghlaidh ciod a dheanta ris. Cha’n eil teagamh nach cuirear dh’an tigh chaothaich e. Bha ’n Caiptean Mac Neill air chuairt an Ceap Breatunn air an t-samhradh so, agus chuir e seachad còrr us seachdain dhe ’ùine ann an Sidni. Tha làrach nam peilearan ri ’m faicinn air fhathast.
Thainig frasan briagha uisge Di-luain s’a chaidh. Bha’n talamh gu math tioram roimhe sin, agus bha’n t-uisge gle fheumail. Shil frasan mora air taobh eile ’n eilein air an t-seachdain s’a chaidh, ’nuair bha ’n tiormachd aig a h-àirde ann an so.
Tha ’m bradan glé phailt ann an Columbia Bhreatunnach air an t-samhradh so, tha iad ag radh, na’s pailte na bha e ri fhaotainn o chionn ioma bliadhna. Chaidh aon fhear a ghlacadh a thomhais ceithir fichead punnd ’sa tri. Thatar an deigh moran dhe’n iasg a chur a null a Bhreatuinn, far am bheil féill mhor air.
Chaidh an Dotair Buchanan a chur gu bàs, anns a phriosan an New York ’sa mhaduinn Di-luain s’a chaidh. An deigh gach riasladh a bha uime, ’toirt a chàs bho chùirt gu cùirt’ a dh’ aindeoin gach dichioll a rinn e fhéin sa chàirdean air a chumail o’n bhas, b’fheudar géilleadh. Choisinn ceart agus tha e nise air beulaobh an ard-bhreitheamh shuas.
Tha fear Tearlach Alexander a mhuinntir Montreal an deigh dileab mhor fhaotainn. Tha e nis air a dhearbhadh gur h-e oighre dligheach air oighreachd Iarla Shruileigh, oighreachd cho farsuing ’s cho beairteach ’sa tha ’n Aibainn air fad. Am measg nan taighean ’s nan togalaichean mora th’air an oighreachd tha seann Chaisteal Shruileigh, caisteal a bha glé iòmraiteach ann an Alba ’s na h-amannaibh a dh’ fhalbh. Bha Alexander roimhe so àireamh bhliadhnaichean na fhear-pàrlamaid. Tha e aig an àm so ri ceannachd ann am Montreal.
Iadsan a Phaigh.
D. C. Friseal, M . P., New Glasgow. N. S.
Oil-thigh Phine Hill, Halifax , N. S.
Ailein Mac Gilleain, Halifax , N. S.
Donnacha Mac Leoid, Halifax , N. S.
Tomas Siosal, Marydale , N. S.
Alasdair Mac Calamain, Orwell , P. E. I.
Murcha Mac Laomuinn, Stenchel , P. E. I.
Iain L. Brower. New York, U. S.
Caipt. Ruairi Mac Neill, New York, U. S.
Tormoid Moireastan, Peveril , Que.
Ceit F. Nic Leoid, Peveril , Que.
W. I. Lister, Dursley, Sasuinn.
Niall Mac Leoid, Dun-éideann.
A. R. Mac Leoid, Sruileigh, Alba.
Aonghas Mac Gill-fhaollain, Stewartdale .
Mairi Mhathanach, Sidni.
Donnacha Domhnullach, Sidni.
Padruig Mac Fhionghain, New Canada.
Murcha Mac Gilleain, Margaree .
Iain H. Caimbeal, Lime Hill, ( $2 .00. )
D. I. Domhnullach, Glace Bay.
Aonghas Buchanan, Marsh Lake.
Aonghas Mac Leoid, St . Ann’s.
Niall Domhnullach, Baddeck , ( $5 .00. )
Uilleam Patterson, Forks Shidni.
Fionnladh Mac Aonghais, Sidni Tuath.
Domhnull Mac Leoid, Sidni.
Mairi E. Nic Neill, Gardiner Mines, 50c.
I. B. Mhoireastan, St . Ann’s 50c.
Calum D. Mac Leoid, Beinn Chain, 25c.
Bean Neill ’Ic Leoid, Beinn Chain, 25c.
D. A. Smith, Bai ’n Iar, Beinn Chain, 40c.
Ruairi Mac Leoid, Dunbheagain, Ont. 20c.
PIC-NIC.
Tha Pic-nic mhor gu bhi ann an Nyanza, an siorrachd Victoria, Dior-daoin s’a tighinn (an 11mh latha.) Tha iadsan a tha ga chur air adhart a cur rompa gu’m bi gach aon a theid ann làn riaraichte le thurus. Tha na Cluichean Gàidhealach, Fidhlearachd, us Piobaireachd gu bhi aca. Tha ’n t-airgiod a nithear suas ri bhi air a chur gu pàigheadh Talla na Stuamachd an Nyanza. Bu choir do na h-uile dhol ann.
A PHRIS 25c.
Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
MOORE & JOHNSTON,
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
[Vol . 4. No. 1. p. 6]
An Reul “Mars.”
Tha Mars coig uairean nis lugha n’an talamh, ach aig astar mòran nis faide o’n ghréin. Tha Mars mu thimchioll ceithir mìle agus da chéud de mhìltibh troimhe, agus sia fichead agus coig muillean de mhìltibh air falbh o’n ghréin. Tha’n réult so a’ siubhal ’na cearcall fein, dà fhichead agus seachd mìle de mhìltibh ann an uair, agus a’ criochnachadh a turais ann an aon uair ni’s lugha na sia cead, ceithir fichead agus seachd laithean. Tha bliadhna Mhars, uime sin, ach beag co fada ri dhà de na bliadhnaibh againn-ne. Tha’n réult so a’ tionndadh air a mul fein ann am fichead agus ceithir uairibh, agus da fhichead mionaid, air chor ’s gu’m bheil là Mhars dà fhichead mionaid ni’s faide na là na talmhainn. Ma tha créutairean réusonta ann am Mars, cha’n fhaic iad a’ghrian ach leth co mòr is a ta sinne ga faicinn, agus cha’n fhaigh iad ach a leth uiread soluis agus teas uaipe, ’sa ta sinne a’ faotuinn. Ma tha gealach idir aig an réult so, cha’n urrainn sinne a faicinn aig a lughad; ach ma tha créutairean ann am Mars, chi iad an talamh agus a’ ghealach againn-ne, mar dhà ghealach, tè dhiubh beag, agus an té eile mòr, a’ sir chaochladh gun a bhi idir lán! Le gloineachaibh-amhairc chithear coslas chuantan agus thirean ann am Mars; agus chithear, mar an céudna, aogas sneachda air na h-earrannaibh sin deth, a ta air chùl na gréine; agus tha daoine foghluimte a’ co’ -dhùnadh gur sneachd a th’ann, do bhrigh gu’m bheil e anabarrach geal, agus gu’m bheil e falbh gu h-iomlan, an uair a bhuaileas teas na gréine air na h-ionadaibh sin far am bheil e ’laidhe gu domhain re geamhraidh na reilte so. Air d’ i a bhi mòran ni’s faide o’n ghrein n’an talamh, cha’n fhaicear i a chaoidh a’ teachd, cosmhuil ri Mercuri agus Bhénus, eadar an talamh agus a’ ghrian, gidheadh, aig amannaibh sònraichte chithear i a’ siubhal mu’n ghréin ’na cuairt fharsuing fein! Air an taobh a mach do Mhars tha ceithir réulta beaga a cuairteachadh an gréine, gach aon ’na cearcall fein. ’S iad so BHESTA, IUNO, CERES, agus PALLAS, agus cha’n ’eil am meud ach beagan ni’s mò na a’ ghealach againn-ne. Tha iad da uair co fad o’n ghréin ri Mars, agus a gabhail a dha uiread ùine chum cuairt a chur air a’ ghréin. Cha’n ’eil ach goirid o’n fhuaradh a mach iad, agus tha iad co beag, agus aig astar co fad air falbh, is nach ’eil dùil aig sluagh gu’n rannsaichear iad a chaoidh a mach air mhodh cinnteach.
Comhairle do Mhathairichibh.
An ni sin a’s miann leat a radh ri d’ chloinn, abair e a nis’ oir feudaidh am bas do ghearradh as ad lan neart, agus feudaidh iadsan araon do lathaireachd agus do chomhairle a’s fearr a chall. Os ceann gach ni guidh a nis air son an ni sin a’s fearr leat, oir cha ghnathaichear anail na h-urnuigh gu diomhain. Ma shinear a nach laithean do bheatha, tha aobhar taingeileachd agad ach thoir fainear gu ’m bheil t-uine a’ ruith seachad, agus tha do chlann a’ fas suas, gun fhios gun aire dhuit gu inbh fhear agus bhan, lan dhe ’m beachdaibh agus dhe’n innleachdaibh fein. Uime sin, teagaisg iad a nis ’n an oige aig do ghluin féin, agus bheir iad barrachd geill duit aig an aois sin na do ’n t-saoghal. Cuir nithe an ceill doibh a nis a reir an tuigse, agus la an deigh la doirt a stigh ’n an cridhe na teagasgan mllis, soisgeulach sin, a sparradh ort le d’ mhathair fein ann an laithibh d’ oige. Bithidh na nithe sin dhoibhsan ’s an am ri teachd mar “thobar uisgeacha beo,” as an ol iad gu pailt agus anns am bi air an ath-urachadh. Anns an am a ta lathair, feudaidh iad a bhi mi-churamach, air doibh a bhi aineolach air luach nan teagasg a ta iad a’ faotuinn; ach is aithne dhuitse an luach, uime sin is e do dhleas’nas iadsan a dheanamh eolach orra mar an ceudna. Abuichidh do bhriathra gliocais ri h-uine gu bhi ’n an sguabaibh oir, leis an deanar do shliochd da-rireadh saibhir, cia ac a chi no nach fhaic thu fein e. Cuimhnich gu ’m bheil an Droch fhear dichiollach ann an cur a’ choguill, a’ glacadh gach fath agus cothroim chum sin a dheanamh. Ach mar mhathair ghradhaich, dhileis, dhleas’nachail, dean barrachd dichill ann a bhi ’cur an deagh shil. Gabh comhairle an duine ghlic, a thubhairt, “Anns a’ mhaduinn cuir do shiol agus ’s an fheasgar na toir air do lamh sgur.” — (Eccles. xi-6. )
SGIATHANACH ’SA GHAIDHEAL.
Bha na sgoilean anns na bailtean air an dùnadh air an t-seachdain s’a chaidh, agus bha na sgoilean air an dùthaich air an dùnadh an dé.
An Iolair.
Am measg éunlaith an adhair cha’n ’eil a h-aon cho làidir agus cho garg ris an iolair. Ni i a nead ann an sgeiribh àrd-chreagan, fad o àite-còmhnuidh dhaoine; agus an uair a bheir i a mach a h-àl, altrumaidh i iad le pailteas do shithionn. Marbhaidh i cearcan-fraoich, agus uain, agus air uairibh caoraich air an son, agus cha leig i dìth ni air bith orra gus am fàs iad làidir agus comasach gu solar air an son féin. Mairidh an iolair beò gus am bi i dlùth air dà cheud bliadhna. Tha seòl aice air a cloimh a thilgeil ’nuair tha i fàs trom agus mall, agus air an dòigh so tha i ’ga neartachadh féin mar gu’m pilleadh a h-òige a rìs. ’Se so tha an Salmadair a’ ciallachadh ’nuair tha e ’g ràdh “Gu’n sàsuich maitheas an Tighearn beul an duine, air chor is gu’n ath-nuadhaichear ’òige mar òige na h-iolaire.”
Tha amhrus aig daoine ’n dràsda gu bheil Ruisia a’ cur roimpe bristeadh air an t-sith, agus deannal a thoirt air Iapan. Aig crioch a chogaidh a bh’ eadar Iapan us Sina an uiridh, fhuair Iapan caob mor fearainn bho Shina air an robh sùil shanntach aig Ruisia o chionn iomadh bliadhna. Tha eagal oirre nise ma leigeas i le Iapan i fhein a neartachadh anns a chearna sin, gu’m bi e air a chur as a rathad gu buileach. Tha i co-dhiu ag ullachadh air son cogaidh, agus tha fior choltas gu bheil clichdireachd air chor-eigin ’na beachd.
Minard ’s Honey Balsam,math gach nair.
Tha flùr anabarrach math aig D. J. Domhnullach an dràsda. Tha aige cuideachd anart math ’se glé shaor.
DR. T. C. MAC LEOID.
Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheilMoore & Johnstonri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.”
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI. C. B.
D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
[Vol . 4. No. 1. p. 7]
Bais.
Ann am Port Morien, air an 23 latha dhe’n mhios a dh’ fhalbh, chaochail Caitriona Nic Odrum, bean Iain Mhic Fhearghais, 36 bliadhna dh’ aois. Bha i ’na boirionnach càirdeil, siobhalta, cóir, agus bha mor mheas oirre a measg na h-uile chuir eólas oirre. Ghiulain i a tinneas le foighidin ag earbsa ’na slànuighear. Dh’ fhág i moran chàirdean na deigh a tha ’ga caoidh gu mor. “Esan a chreideas annamsa, ged robh e marbh bithidh e beò.”
Leighis mi cloimh air each leMINARD ’S LINIMENT.
Dalhousie. CHRISTOPHER SAUNDERS.
Leighis mi droch reubadh air each leMINARD ’S LINNEIMT.
St. Peters, EDWARD LINLIFF.
Leighis mi droch at air each leMinard ’s Liniment.
Bathurst, N. B. T. W. PAYNE.
S . J. BROOKMAN,
SIDNI, C. B.
Flur, Min, Ti, Siucar, Fiar, Biadh, us Amhlan dhe gach seorsa.
Uidheaman Tuathanachais Mhassey-Harris, Croinn, Cliathan, agus Innealan Speallaidh.
S . J. Brookman,
Mai 17, 1895.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID
&
CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
Tha so air a chumail do
C . B TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, —C.B
CLOIMH.
DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris a’s airde ’sa mhargadh oirre.
D. F. Mac RATH,
Baddeck , C. B. ,Mai 6, ’95.
[Vol . 4. No. 1. p. 8]
TAIGH-DIGE NAN FEAR EACHANNACH.
LE ALASDAIR BUIDHE MAC IAMHAIR.
(Air a leantuinn.)
’S bha ceannard fialaidh, fiughantach,
’Bha miadhail, rianail curamach,
Ceann-uidhe chliar is dhiulanach.
’San teaghlach mheadhrach, mhuirneil ud,
’Tha’n nochd gun smuid, gun cheo.
’Nuair dh’eireadh strith no streup oirbh,
Bu lionmhor laoch a dh’ eireadh leibh,
Fir mhaoidheach, fhuilteach, gheur-lannach,
’S iad strac-bhuilleach, sar-bheumanta,
Nach geilleadh is iad beo.
Clann Eachainn Ruaidh nam brataichean,
’Bha piceadh, piobach, baitealach,
’S iad meanmnach, strannmhor, tartarach;
Fir dhana, laidir, fhaicilleach,
Neo-lapanach ’san toir.
’S leat shios is shuas an Gearrloch i,
’S a h-iasg, a feidh, ’sa fasaichean,
A beinn, a strath, ’sa h-airidhean:—
Bidh machair agus Gaidhealtachd
A geilleadh dha na seoid.
Gur lionmhor oigear maiseach
A bhios cianail a dol seachad
Fo’n taigh mhor ’bu mhuirneil macan,
’S iad a cuimhneachadh a mhacnuis
A bhiodh aca mu do bhord.
Bha ’n taigh ’s an teaghlach ainmeil
Ann sa’ h-uile taobh dh’ am falbhadh tu,
Le miadh, le cliu, ’s le anbharra;
’S gu’m b’ionganntach le seanachaidhean
An aimsir so ’thigh’nn oirnn.
Is trom a sgath an t-eug orm,
Is fada dh’ fhag e eis orm;
Thug e dhiom na laoich nach treigeadh mi,
Na leoghainn fhearail ghleusda
Mo chreach leir! nach h- ’eil iad beo.
Bho’n la a dh’fhag na h-uaislean mi,
Cha’n fhacas tathaich sluaigh umam,
Cha chualas ceol no fuaim annam,
’S air fhad ’s ’gam bi mi uaignidheach
Bidh mo ghruaim a ’dol nas mo.
Ach ged a tha mi gruamanach,
Tha suil agam ri fuanacadh;
Gur fearail treubhach m’ uachdaran,
An leoghann tapaidh, suairce,
Ni e ’suas dhomh m’ aobhar broin.
ORAN.
Do bhirlinn Mhic- ’Ic-Alasdair, a thogadh an Ionar-Gharradh ’sa bhliadhna 1824.
LE AILAIN DALL.
FONN.— “Mo dhiobhail dith air ceann-feadhna.”
Slan gun till a bhirlinn Ghleannach.
’Ghluais Di-luain air chuairt bho’n fhearann,
Le sgioba cruadalach, fearail,
Nach meataich air chuan na mara,
’Dh-aindeoin fuachd, gaoth tuath, no gaillinn.
Nuair thogas iad a suas a h-anart
’S ard a suaicheantas ri crannaibh,
Bratach uasal Ghlinne-Garadh.
Ho i uro bho ho eile,
Horo horo hug is theid i.
Bheannich sinn air tus na maidne
’N iubhrach ur, a buird, ’sa h-acair,
A croinn chaol’ a siuil, ’sa slatan,
A h-ailm, a stiuir, a buill, ’s a h-acfhuinn,
’Sa raimh chul-dearg, reidh, na bacaibh,
Aig fir luth-chleasach nan glacaibh,
’Bheireadh tulgan sunndach, sgairteil,
Gun sgios, gun iomrall, gun airtneal,
’S an cuan udlidh ’bruchdadh as-caoin.
Shuidh na seoid air ceann gach tobhta,
’S shin iad am mach air a portaibh,
Gallain dhireach air bheag lochdradh,
Sia-raimh-dheug ’bu chiatach coltas,
A thionndadh an fhairg’ gu sgopraich
Le neart ghairdean nan laoch toirteil,
’S an gruaidhean cho dearg ’s an corcar,
’G iomradh saoithreach, aotrom, socair.
’S bu cheol cluaise do na fleasgich
Piob nuallanach, mhor, ga spreigeadh,
Co-thional bho laimh Ghilleasbig,
A sheinneadh a chuairt moch is feasgar,
Aig a guallinn shuas ’na sheasamh,
Caismeachd nam buadh nach bu bheag oirnn,
’Ghluaiseadh mac-tall’ as na creagan,
’S duis le siunnsairibh ’co-fhreagirt.
Thagh iad am mach laoch gun tioma,
Shuidh e air an stiuir ’san linge,
Curidh calm’ ’bu tarbhach slinnein,
Ri ard stoirm nach lub le giorrag,
Nach iarr abhsadh ’s nach dean tilleadh
Fhad ’s a dh’ fhanas bord dh’ i tioram.
Air a h-urlar ’s luthar gillean,
Gallain ura ’s cliu d’ an cinneadh.
Clann-Domhnill air bhord a fuaridh,
Na seoid nach soradh an cruadal;
’S binne na orgain ’nan cluasaibh
Cronanich a cord gam fuasgladh,
Seoladh ard air bharr nan stuadhan,
’S muir chair-gheal ’gairich mu ’guaillean.
Aithnichear i ’s gach ait an gluais i,
“An Smarag” le h-ainm ro uasal.
Suidhidh, le ordagh nan uaislean,
Fear eolach nan dorn a’s cruaidhe,
’Thairneas an sgoid uig’ is uaithe,
’Leigeas gu seolta mu ’n cuairt i,
Ge b’ e taobh a thig am fuathas,
No ’sheideas frasan le buaireas.
’S luaithe na each reis’ an ruaig i,
’Sgoltadh nam beuc-thonnan uaibhreach.
Gum bu slan do ’n t-saor a dh’ fhuaigh i,
Pearsanach’s a phairt ri cluainidh,
A dh’fhag dionach, laidir, luath i.
Seasidh a h-alach gun ghluasad,
’S fuaigheal gach strac ’tha mu ’n cuairt d’i,
Darach nadara nach fuasgail,
A chinn ann an gleann nam fuaran;
’S aillegan ’san airde tuath i.
’S ro mhath ’dh’fhag a lamh ’sa locair
Gach slat, gach crann, is gach tobhta;
’S gach reang gu h-iseal fo lobhtibh,
Snasda, dileas, sinteach, socrach,
Bho ’druim cho dionach ri botul
Gu ’strac beoil a’s boidhche coltas.
Ged ’dh-eireadh muir gharg ga postadh
Cha gheill a calbannan copir.
(Ri leantuinn.)
Minard ’s Family Pills,glan, fallain.
I. O. G. T.
Tha coinneamh aig“Victory Lodge, No. 138, I. O. G. T., ”ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4, ’95;
title | Issue 1 |
internal date | 1895.0 |
display date | 1895 |
publication date | 1895 |
level | |
reference template | Mac-Talla IV No. 1. %p |
parent text | Volume 4 |