[Vol . 4. No. 10. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 14, 1895. No. 10.
Cuir thu fhein nam Aite-sa.
(Air a leantuinn.)
Cha-n urrainnear smaointean a choigrich a chur an céill ’nuair a bha e ’g éisdeachd ri sgeul an duine bhochd a bha ’toirt aoidheachd dha. Bha saoghal ùr air fhosgladh dha. Bha e ’dol troimh àite anns nach robh e riamh roimhe. Beagan an deigh dhaibh éiridh o’m biadh, thog e air gu falbh, a toirt buidheachais do Dheòrsa ’s d’a mhnaoi air son an coimhneis. Fhuair e cuireadh fialuidh uatha cuid na h-oidhche ’ghabhail còmhla riutha, ag radh gu’m b’e làn dith a bheatha, ’s gu’n dianadh iad ris cho math ’sa b’urrainn daibh. Thug e taing dhaibh a rithist, ach thuirt e gu’m b’fhearr leis falbh; o’n bha e nis air a sgios a ligeadh dheth, rachadh aig air an ath bhaile ruigheachd mu’m biodh an oidhche dorcha. Cha do chaidil Mr Blair a bheag an oidhche sin; bha e ’na dhùisg ’sa ’smaoineachadh. Dh’fhosgail na chunnaic e air an fheasgar a shùilean dha. Bha e roimhe so dhe’n bharail gu robh na daoine bochda a ghnàth aineolach mur a robh a dhith tuigsa. B’e so a cheud theaghlach bochd air ’n do thaghail e riamh, agus bu mhor ’iongatas am faotainn, ann am modh, ’s ann an ionnsachadh, fad air thoiseach air moran de’n mhuinntir bheairteach ris am b’àbhaist co-chomunn a bhi aige fhéin.
An la- ’r-na-mhàireach thainig gille beag gu tigh Dheorsa agus litir mhor ghorm ’na làimh air a seòladh gu Deorsa fhein. Cha robh stigh aig an ám ach a bhean, agus ghabh i an t-eagal nach bu ni math sam bith a bha fa-near dh’an litir. Bha i am barail nadh robh còmhdach gorm ri fhaicinn air litir sam bith ach litir-lagha agus ’s ann a smaoinich i gur e bh’ann a bhairlinn a bha gu ’n cur as an aite. Chuir i an litir a thaobh gus an d’thainig a fear dhachaidh. ’Nuair a dh’fhosgail esan i, leugh e i gu h-ealamh agus thainig aoibhneas mor ’na ghnùis, “Taing do Dhia,” as esan. “Ciod e sin” arsa ’bhean, “innis dhomh ciod a tha ’san litir” “Tha” ars esan, “gu bheil Mr Blair an deigh na fiachan a mhathadh dhuinn, eadar riabh us chalpa agus ma bhios cuideachadh a dhith orinn uair sam bith cha-n eil againn ach fios a chur g’a ionnsuidh ’s gheobh sinn e!” “Nach briagha ’n naigheach sin,” ars ise; “Tha e toirt uallach mor bhar ’m inntinn, ach ciud e bheireadh air Mr. Blair sin a dheanamh?” “Tha e da-rireadh iongatach,” ars esan, “an deigh mar bhruidhinn e rium ’sa mhaduinn an dé. ’S ann tha bhuam a dhol a null air ball ’s fheòrach dheth ciod a thug air a dheanamh, agus innseadh dha cho sona ’sa tha sinn air a thàilleabh.”
Fhuair e Mr. Blair a stigh, agus thug e mile taing dha air son cho grinn ’sa dhéilig e ris. “Ach ciod a thug ort a leithid a dheanamh?” “Cha d’thug dad,” arsa Mr. Blair, “ach gu’n do ghabh mi a’ chomhairle ’thug thu fhéin orm an dé: chuir mi mi-fhein ’na t-àite-sa. Tha mi creidsinn nach eil fhios agad gur-a mise ’n coigreach bochd a ghabh biadh agad feasgar an raoir.” “Thusa!” arsa Deòrsa, “Ciamar a rachadh agad air thu fhéin a chur á aithne orm cho math?” “Cha robh e glé dhoirbh idir,” arsa ’m fear eile, ’se deanamh gàire, “ach cha smaoinicheadh tusa ’m feasda gu’n tigeadh an duine beairteach Mr. Blair, gu d’ dhorus ann an riochd duine bhochd bhar an rathaid-mhòir.” “Cha smaoinicheadh, gu deimhin,” arsa Deòrsa, “ach ’s math leam gu’n d’thainig thu air son sin. ’Se rud a b’ fhearr dhòmh a thachair riamh.”
“Cuir e ioghnadh mor orm,” arsa Mr. Blair, “do chluinntinn a labhairt mar a rinn thu feasgar an raoir. Bha mi riamh an dùil a chionn gu robh mi air thoiseach ort ann am beairteas, gu robh mi air thoiseach ort ann am fòghlum ’s ann an tuigse mar an ceudna, ach sann a tha thusa fad air thoiseach ormsa anns am da chuid. Cha-n eil beachdan farsuing no cho fallain agam air nithean ’sa th’ agadsa. Tha bean agad a tha ’na boirionnach luachmhor. Tha mise ’g radh riut gur tusa tha beairteach; na’s beairtiche na ni airgead thu; tha ionmhas agad nach ceannaicheadh airgead no òr, air an luach. Cha-n eil comain sam bith agam ort; ’s fhiach na chunnaic ’s na chuala mi a’s tigh agad, na bh’agad ri phàigheadh dhomh agus barrachd. Tha mi a’ meas gur h-ann bu chòir dhomh tuilleadh a phàigheadh air son na fhuair mi. An deigh so feuchaidh mi ri mi-fhéin a chur an àite dhaoin’ eile, agus deanamh riutha mar a b’àil leam iadsan a dheanamh riumsa na ’m bithinn ’nan àite.” —Eadar-theangaichte o’n Bheurla.
Fhuair sinn an la roimhe litir o fhear Padruig Camshron, á taobh an iar Africa, agus airgead innte air son bliadhna dhe ’n MHAC-TALLA. Chaidh a sgriobbadh air an aonamh latha deug de cheud mios na bliadhna, agus rainig i sinne direach an cearn ochd miosan. Gun teagamh chaidh i air seacharan. Thatar a’ cur fios air MAC-TALLA a àiteachan ùra a h-uile mios dhe’n bhliadhna. Tha sinn an dòchas gu lean a chùis mar sin, gu’m bi iadsan a tha ’ga ghabhail a’ cur àireamhan dheth gu’n càirdean aig nach eil fhios gu bheil a leithid ann, agus mar sin gu’n tig e gu bhi dol do gach cearna dhe’n t-saoghal anns a’ bheil Gàidheil a còmhnuidh.
Chualas bean choir ann an Glascho, aig am taghadh na parlamaid mu dheireadh ag radh, “Gu ma h-anmoch dha na h-elections a th’ann; an te roimhe seo, ghadh Iain agamsa an daorach a chionn gu robh a dhuine air a chur a mach, agus air an turus seo, ghabh e an daorach a chionn gu’n d’fhuair a dhuine stigh. Tha mi ’n dochas ma bhios e beo air choinneamh na h-ath te nach cuirear a dhuine aona chuid a mach no stigh.”
[Vol . 4. No. 10. p. 2]
CRIONNACHAN.
SGEULACHD FHRANGACH.
Aon latha ghabh Crionnachan am beachd neo-chiallach so ’na cheann—gum biodh e coimhlionta glic. ’S gann a tha duine anns an t-saoghal nach robh an smaointinn ghòrach so uair eiginn na inntinn. Thuirt Crionnachan ris fhéin: “A chum a bhith ro ghlic, agus mar sin ro shona, chan ’eil ni a dhith ach a bhith gun ana-mianna; agus chan ’eil rud ’sam bith a s’ usadh, mar a tha fihios aig gach neach. Anns a’ cheud aite, cha toir mi gaol gu brath do mhnaoi; chionn air faicinn domh a’ bhoirionnaich a ’s sgiamhaiche their mi rium fhein: Preasaidh na gruaidhean aluinn sin latha eigin; bidh na suilean lonn rach sin fhathasd air an cuairteachadh le dearg; fasaidh am muineal cruinn lionta sin slaopach mi-dhealbhach; falbhaidh an leadan fainneach, orbhuidh, ’s bidh sgailc ’na dheigh. Chan ’eil agam ach a faicinn aig a cheart am so leis na h-aon suilean leis am faicear an sin i; agus, gu deimhin, cha thionndaidh an ceann sin m’ fhearsa.
Anns an dara aite, bidh mi daonnan measara. Ma ’s e ’s gum mothaich mi mi-fhein a brath a bhith air mo bhuaireadh le biadh soghmhor, le toil-inntinn cuideachd, no le fion cubhraidh; chan ’eil agam ach cuimheachadh air athar mi-mheasarrachd, ceann trom, goile tinn, call ceille, slainte, agus uine, ’s chan ith ’s chan ol mi an sin ach a reir m’ fheum. Ths a’ h-uile ni dheth so cho soirbh ’s nach ’eil cliu sam bith ’na dheanadh.
Air a’ cheann ma dheireadh, arsa Crionnachan, feumaidh mi smaointeachadh air mo mhaoin: chan ’eil iarrtais uaibhreach agam ’s tha mo chuid air a ghieidheadh gu diong-mhlata aig ard fhear ionmhais Ninibh. Tha agam na bheir comas domh tighinn beo gun r bhith an eisiomail neach talmhaidh; ’s ciod e a choimeasar ris an sin. Cha bhi mi ann am feum deagh-ghean duine eile; cha bhi farmad agam ri neach, ’s cha bhi farmad aig neach rium. Is e sin, gun ag, rud a tha fior ghasda. Tha cairdean agam agus cha chaill mi iad; chionn cha bhi aobhar aimhreit eadaruinn; cha bhi iadsan ann an corruich riumsa no mise riusan; cha ghnothuch doirbh air chor ’sam bith so.
Air dha gliocas a shuidheachadh mar so arson mar a chaitheadh e a bheatha, chuir Crionnachan a cheann a mach air uinneig. Chunnaic e da bhoirionnach a ’spaisdireachd fo na craobhan fagus da thigh. Bha h-aon diubh sean ’s i sealltuinn mar nach biodh i a’ smaointeachadh air ni ’sam bith; bha an te eile og, boidheach, agus ag amharc mar gum biodh iomaguin mhor oirre. Bha i ag osnaich agus a’ caoineadh; ’s mar a bu mhotha a bha i a’ tuireadh ’s ann a bu mhotha a sgeimh. Bha an duine glic air a mhaothachadh, —cha b’ ann le maise na mna uaisle (Cha b’ ann, mo naire cha robh a leithid sin de laisge ceangailte ris.) ach leis an amhghar ann an robh e ’ga faicinn. Theirinn e, chaidh e far an robh a bhan-Ninibheach og a chum feuchainn ri a bron aotromachadh le a ghliocas. Dh’ innis an ainnir sgiamhach so dh’a gu tim, doilich, a’ h-uile h-olc a rinn brathair athar oirre nach robh riamh aice; na caran leis an d’ thug e uaipe a’ mhaoin nach robh riamh rir a seilbh; agus a’ h-uile aobhar eagail a bha aice roimh a fhoirneart. “A reir mo bheachd,” arsa i ris, “tha thu ann a’d dhuine aig am bheil comhairle cho maith ’s na am bitheadh thu cho suairce agus tighinn gus an tigh leam, agus sealltuinn a stigh ann a’m ghnothuichean, tha mi lan chinnteach gun rachadh agad air mo thoirt as an eigin chruaidh anns am bheil mi. Cha do dhiult Crionnachan a leantuinn, a shealltuinn a stigh ’na cuis gu glic, agus a thoirt comhairle mhaith oirre.
Thug a’ bhean uasal bhronach a stigh e do sheomar deagh-bholtrach ’s chuir i ’na shuidhe e le fior ghrinneas air suidheachan mor far an do shuidh i fhein maille ris, ’s bha iad ’nan suidhe ann an sin ’s cas air oireig orra mu choinneamh a cheile. ’Nuair a bha a’ bhean uasal a’ bruidhinn bha i a’ cromadh a sul as an robh deoir corr uair a’ ruith, agus gach am a thogadh i a suas iad, bha iad a’ coinneachadh sealaidh Chrionnachain ghlic. Bha a comhradh lan de chaomhlachd a bha a ghnath a’ meudachadh gach siubhal a dh’ amhairceadh an dithis air a cheile. Ghabh Crionnachan a gnothuch gu h-anabarrach ga cridhe agus bha e a’ mothachainn gach tiotamh iarrtas ro mhor arson comain a chur air neach a bha cho firinneach agus cho mi-adhmhor. Chomhairlich Crionnachan i cho baigheil, ’s bha de dhoilgheadas air d’ a cor, ’s cha b’ urrainn e bruidhinn air ’na b’ fhaide, ’s bha ’n dithis cho teodh-chridheach ri ’cheil ’s gur gann a bha cuimhne aca c’ aite an robh iad.
An trath a bha iad mar sin co a thainig ach brathair a h-athar-sa mar a dh’ fhaoidteadh a bharalachadh; bha e fo armaibh o bhraigh gu bonn, agus b’ e a’ cheud rud a thubhairt e gun robh e a’ dol a mharbhadh, mar a bu choir, Chrionnachain ghlic agus nighean a pheathar; b’ e ’n rud mu dheireadh a labhair e gum faodadh e maitheanas a thoirt seachad arson moran airgid. B’ eigin do Chrionnachan na a bha air a ghiulan a thoirt seachad ’s bha e ’ga fhaicinn fhein sona gun d’ fhuair ’e as cho maith.
Chaidh Crionnachan dachaidh gu dubhach, eamnalach. Fhuair e ’nuair a rainig e litir ’ga chuireadh gu dinneir le cuid d’ a chairdean gaolach. Ma dh’ fhanas mi an so leam fhein, arsa e, bidh mo thuras mi-adhmhor a’ cur doimheadais air m’ inntinn, chan urrainn mi mir itheadh, ’s fasaidh mi gu tinn; bidh e moran ’na ’s fhearr dhomh dol far am bheil mo chairdean gaolach agus itheadh a ’s ol leotha gu measarra. Diochumhnichidh mi ’nan cuideachd ladhach an amaideachd a rinn mi anns a’ mhaduinn an diugh. Chaidh e gus an dinneir; ach bha e car dubhach. Thug iad air ol arson a mhulaid a chur air falbh. Tha beagan fion air a ghabhail ann am measarrachd ’na leigheas air eucail inntinn agus cuirp. B’ e beachd Chrionna chain ghlic, ’s dh’ ol e gus an robh e air an dallanaich. Chuir iad mu choinneamh dol a chluiche an deigh na dinnearach. ’S caitheadh uine neo-lochdach cluiche air a riaghladh a measg chairdean. Chluich e; bhuidhinn iad air a’ h-uile bonn a bha ’na sporan agus a’ cheithir uibhir sin air fhacal. Dh’ eirich comhsachadh mu ’n chluiche ’s chaidh iad ann am feirg. Thilg a-aon d’ a chairdean gaolach bogsa dhisnean air Crionnachan ’s an aodann ’s chuir e suil as. Ghiulain iad dachaidh Crionnachan glic air mhisg, gun airgiod agus as eugmhais te d’ a shuilibh.
Chaidil e dheth an daorach; agus an deigh dha a cheann fhaotainn ’na b’ fhearr, chuir e a ghille a dh’ iarraidh airgid air ard-fhear-ionmhais Ninibh arson a a chairdean gaolach a phaidheadh; dh’ innseadh dha gun d’ rinn am fear so aig an robh a chuid airgid brisdeadh
[Vol . 4. No. 10. p. 3]
foilleil anns a mhaduinn a chuir ann iomaguin ceud teaghlach. Chaidh Crionnachan, ’s e leith as a bheachd, gu cuirt an righ, le bann airgid ’na laimh agus ceirean air a shuil, a dh’ iarraidh ceartais o’n righ. Choinnich e ann an talla cheutach moran mhnathan uaisle aig an robh giulan aotrom, ’sgiobalta agus cearcaill orra ceithir troidhe fichead mu’u cuairt. Dh’ amhairc h-aon diubh aig an robh beagan eolais air thar a guailne, ’s nuair a chunnaic i aodann thionndaidh i air falbh le grainn. Nach sgreamhail a choslas, arsa i ri cach. Thuirt te eile d’am b’aithne ’na b’fhearr e ris. Feasgar maith dhuit, a Chrionnachain tha mi fior thoilichte d’fhaicinn; gabh ma leithsgeul a dhuine mheasail, c’arson a chaill thu te de d’shuilean. Nuair a thuirt i so ghabh i seachad gun feitheamh r’ a fhreagairt. Dh’ fhalaich Crionnachan e fhein ann an oisein a dh’ fheitheamh gus am faigheadh e cothrom air e fhein a thilginn aig cosaibh hn righ. Fhuair e’n cothrom so gun feitheamh ro fhada. Phog e ’n lar tri siubhail agus thug e seachad a bhann. Ghabh an righ am bann le mor dheagh-ghean agus thug e e do h-aon d’ a ard sheirbhisich arson sealltuinn a stigh anns a ghnothuch. Tharruing an t-ard sheirbhiseach Crionnachan a leath-taobh agus thuirt e ris gu maith ardanach, ’s e ’deanadh gaire fanoid gearta aig a’ cheart am. ’S olach cam, gasda, thusa a dhol chun an righ air thoiseach ormsa, agus tha thu a rithis ’na’s gasdacha nuair a bha chridhe agad tighin a dh’ iarraidh ceartais an aghaidh an duine choir so a bhrisd agus air am bheil mise a cur a dh’ urram a ghabhail fo m’ dhion, agus a bharrachd air sin gur h-e mac brathar searbhannta seomair mo leannain. Buail suas an gnothuch so a charaid ma tha toil agad an t-suil eile a ghleidheadh.
Mar so, chuir Crionnachan anns a’ mhaduinn cul ri mnathan, ri mi-mheasarrachd buird, ri cluiche, ri gach iorguill, agus gu sonraichte ri cuirt am righ; ciod e dheth sin mu ’n d’ thainig an oidhche chaidh a charadh agus a chreachadh le mnaoi uasail mhaiseach, ghabh e misg, bha e ’n iorguill chaille suil, ’s bha e aig cuirt an righ far an d’ rinn iad ball fanoid deth.
Air a ghonadh le h-amhghar, agus ach beag as a cheill, thill e dhachaidh ’s a chridhe an taobh a stigh dheth marbh. Nuair a bha a mhiann air dol a stigh fhuair e maoir an sin a toirt leotha gach ni arson a luchd fiachan. Ghabh e fois ’s e dluth air failineachadh aig bonn craoibhe; choinnich e ann an sin bean uasal bhoidheach na maidne ’s i ’sraideachd le brathair a h-athar gradhach. Bha i ’sgainneadh a’ gaireachdaich an trath a chunnaic i Crionnachan le ceirean air a shuil. Thainig an oidhche; luidh Crionnachan air comhlaich dluth air ballachan a thighe. Streap fiabhras ris; chaidil e agus chunnaic e taibhse ann am bruadar. Co thusa? arsa Crionnachan. Do thaibhse maithsa, fhreagair am fear eile. Aisig air an ais domh mata mo shuil, mo shlainte, mo mhaoin, agus mo ghliocas, arsa Crionnachan. Dh’ innis e na robh an sin do ’n taibhse ciamar a chaill e na robh an siud ann an aon latha. Chan ’eil gnothuichean mar sin a’ tachairt duinne idir anns an t-saoghal anns am bheil sinn a’ gabhail comhnuidh, arsa an taibhse. Agus ciod e an saoghal anns am bheil sibh a gabhail comhnuidh, arsa an duine bronach. Tha mo dhuthaichsa, arsa esan, coig deug muillean mile o’n ghrein ann an reul bheag a tha dol mu ’n cuairt air Sirius a tha thu a’ faicinn as an so. An duthaich cheutach! arsa Crionnachan. Chan ’eil agaibh an sin slaightirean gu caradh duine bochd, no cairdean gaolach a bhuidhneas a chuid airgid air neach ’s a chuireas an sin te d’ a shuilcan as, no feadhain nach paidh am fiachan, no ard sheirbhisich righ a ni fanoid oirbh ’s a dhiultas duibh ceartas? Chan ’eil, arsa fear comhnuidh na reul, ni dhiubh sin againn. Chan ’eil sinn a’ dol gu mi-mheasarrachd aig bord, chionn chan ’eil sinn ag itheadh mir; chan ’eil neach againn ann am fiachaibh, chionn chan ’eil airgiod no or ’nar measg; chan urrainn aon fhear suil a chur a fear eile, chionn chan ’eil cuirp againn mar a tha agaibhse; ’s chan urrainn ard sheirbhiseach righ eucoir a dheanadh, chionn anns an reul bhig againne tha ’n sluagh gu leir comh-ionnan. Gun mhnaoi gun dinneir, arsa Crionnachan, ciamar a tha sibh a’ cur seachad na h-uine. A faire, arsa an taibhse, air na saoghail eile a tha ann an earbsa ruinn; agus thainig mise far am bheil thusa arson comhfhurtachd a thoirt duit. Mo chreach! arsa Crionnachan, c’ arson nach d’thainig thu ’n raoir a m’ chumail air m’ais o uibhir a dh’amaideachd a dheanadh? Bha mi far am bheil Assan do bhrathair a ’s sinne, ars an taibhse. Tha e ri’ ’ghearan ’na ’s motha na tha thusa. Chuireadh an da shuil as arson coire bhig le aithne righ nan Innsean; tha e nis ann am priosan ’s a lamhan agus a chosan ann an iaruinn. S’ bochd an gnothuch, arsa Crionnachan, taibhse maith a bhith ceangailte ri teaghlach agus an dara brathair cam ’s am fear eile dall; an dara h-aon ’na luidhe air comhlaich, ’s an t-aon eile ann am priosan le a lamhaibh ’s le a chosaibh ann an iaruinn. Tha e fior gu leoir gum bi thu a ghnath cam; ach air a shon sin deth bidh thu daonnan sona, mar am bi thu a rithis cho baoth agus gun cuir thu romhad a bhith coimhlionta glic. ’S rud e air am bheilear neo-chomasach ruigheachd, ghlaodh Crionnachan ’s e ’g osnaich. Cho neo-chomasach, fhreagair am fear eile, ’s a tha e a bhith coimhlionta neartmhor, coimhlionta cumhachdach, no coimhlionta sona. Eadhoin sinne, tha sinn fada uaithe. Tha aon saoghal ann far am faighear a’ h-uile ni dhiubh so, ach anns a’ cheud mile muillean saoghal a tha ’san roinn de ’n chruthachadh a ’s aithne dhuinne, tha gach aon a’ dol a reir inbhe. Tha na ’s lugha de thoilinntinn agus de ghliocas aca anns an dara h-aon no anns a’ cheud aon, na ’s lugha anns an treas aon no anns an dara aon, agus mar sin gus an fhear mu dheireadh far am bheil an sluagh gu leir ’nam burraidhean. Tha eagal orm, arsa Crionnachan, gur h-e ’n saoghal so againne am fear mu dheireadh sin. Chan e uile gu leir, arsa an taibhse, ach tha e dluth air; feumaidh gach ni a bhith ’na aite. Ach, arsa Crionnachan, tha cuid a dh’ fhilidhean agus cuid a dh’ fheallsubhaich fada am mearachd nuair a tha iad ag radh, gum bheil a’ h-uile ni gu maith. Tha iad ceart gu leoir, arsa am feallsubhach o ’n airde, nuair a ghabhar a stigh ordugh a’ chruthachaidh gu leir. Och cha chreid mi sin, fhreagair Crionnachan bochd, gus am bi mo dha shuil a rithis agam.
Nuair a bha do dha shuil agad bha d’ inntinn dall. Tha nis suil agad ann ad’ inntinn ’s tha sin moran ’na ’s fhearr dhiut, no da shuil chorparra a bhith agad ’s gun gin aig d’ inntinn. Shaoil thu roimhe gun robh thu glic nuair a bha thu gorrach. Fhuair thu nis gliocas ceannaich a ni barrachd feum dhuit no aona chuid do shuil no do mhaoin. Nuair a labhair an taibhse na briathran so dh’ fhalbh e. Dhuisg Crionnachan agus ’s i mhaduinn a bha ann. Sheall e mach arson gnothuich leis an deanadh e ’aran. Fhuair e sin. Chinn an saoghal leis gu maith ’s cha robh dith no deireas air gu deireadh a latha.
[Vol . 4. No. 10. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, SEPTEMBER 14, 1895.
Labhair lighiche còir á Ontario aig cornneamh stuamachd a bh’anns a’ bhaile so o chionn ghoirid, agus thug e treis a bruidhinn mu bheairteas Cheap Bteatunn. ’Si bharail a th’aige-san gu bheil an t-eilean so tuilleadh us saoibhir air son math an t-sluagh a tha fuireach ann. Anns an àite ’sam beil esan ’a deanamh a dhachaidh, cha-n eil dòigh thighi’n beò aig an t-sluagh ach air an tuathanachas. Duine nach bi leagte ri dhol a thionndadh na talmhainn cha-n eil aige ach falbh aisde no bhi anns a bhochduinn. Ach air an eilean so, faodaidh duine beòlaind mhath a dheanamh mar thuathanach, mar iasgair, no mar mhèinneadair. Mur còrd an dàrna cuid ris faodaidh e gabhail ris a chuid eile agus ’se tha cumail moran air ais ’nan crannchur nach eil iad a leantuinn ri aon sam bith dhe’n tri, ach a toirt buille air gach aon m’a seach. Tha cuid a’roinn an saothair eadar an t-iasgach ’s an tuathanadhas, cuid eile eadar an tuathanachas ’sa mhèinneadaireachd, agus tha sin ’gan cumail o bhi cho soirbheachail ’sa bhiodh iad ’nan leanadh iad ris an aon obair. ’Se so barail duine thuigich a fhuair arach anns a mhor-roinn a’s fhearr a tha ’n Canada; agus cha-n eil e ’meas idir gu bheil Ceap Breatunn mar àite air son beòlaind mhath a dheanamh ann, air deireadh air a mhor-roinn fhéin ach air toiseach oirre. Cha-n eil teagamh againn nach toir so sùilean dhaibhsan a bhios gu tric a labhairt mu’n dùthaich so mar gu’m b’i an aon a’s miosa tha fo’n ghréin. “Is math an sgàthan sùil caraid.”
Chaidh duine-uasail àraidh a steach do thaigh-ionghnaidh ann am baile Sasunnach aon uair a dh’amhairc air na nithe neonach a bha ann. Am measg nithe eile, chunnaic e claigionn beag agus thuirt fear an taigh-ionghnaidh ris gu’m b’e claigionn Chromueil a bha ann. Fhreagair an duine-uasail nach b’urrainn da sin a bhi, a chionn ’s gu’n robh Cromeul ’na dhuine air an robh ceann mòr. “Tha sin fior gu leòir” ars am fear eile “ach is e so a chlaigionn nuair a bha e ’na ghille òg”.
Anns a bhliadhna 1795 rinn a’ Pharlamaid Bhreatunnach lagh airson sgoilean Beurla a bhi air an togail feadh na Gaidhealtachd a chum a’ Ghaidhlig a chur as gu buileach, agus aig a’ cheart àm sin bha miltean de na Gaidheil a’ dòrtadh am fala airson cliu nan Sasunnach a chumail suas feadh an t-saoghail. Nach ann aca bha’n taing air son an treubhantais; ach tha Ghailig an diugh moran nas beothaile na bha i o chionn cheud bliadhna dh’ain-deoin gach dichioll a rinneadh air cur as di.
Gleam Comhain.
Tha gnothuch annasach ri tachairt ann an Gleann-Comhain air a mhios s’a tighinn. Tha aireamh de dh’uaislean na Gaidhealtachd an deigh Coisirean ciùil agus Piobairean fhastadh air son seinn agus cluich anns a’ ghleann agus anns na bailtean beaga a tha timchioll air. Tha na piobairean dol a mhairdseadh o bheul a ghlinne aig dorchadh na h-oidhche, agus air a mharbh mheadhon-oidhche, cluichidh iad puirt tuiridh air ’a cheart-laraich air an deachaidh Mac-Iain agus a luchd-cinnidh a mhort, gniomh cho oillteil ’sa rinneadh riamh ’an eachdraidh na Gaidhealtachd. Tha e air innse dhuinn gur h-e duin’ -uasal de na Caimbeulaich a chuir mu dheobhain seo an toiseach. Tha na piobairean ri bhi air an éideadh anns an deise Ghàidhealaich, agus breacan nan Caimbeulach orra. Tha Domhnullaich Ghlinn-Comhain a’ cur rompa breacan nan Caimbeulach a chumail as a ghleann, agus tha an Caimbeulach a th’ air ceann na cùise ’dol a dh’ fhaotainn geard air son na piobairean a dhion o ionnsuidh sam bith a bheirear orra. Tha sinn an dòchas nach bi mort eile ann am Gleann-Comhain!
Cha-n eil àit am bi meall nach bi fasgadh mu bhonn.
SGEUL EACHUINN.
Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e
RHODES & GANNON
a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “ ’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’nuair a bha mi déileadh ris roimhe.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
[Vol . 4. No. 10. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Chaidh a’ cuid a b’ fhearr de bhaile Liverpool, N. S., a losgadh ’sa mhaduinn Di-dòmhnaich. Thòisich an teine ann an tigh fas, agus cha-n eil teagamh nach b’ e obair duine bh’ ann. Tha ’n call air a mheas aig ceud mile dolair.
Cha d’ fhuair am fear deasachaidh dad a radh mu ’chuairt shamhraidh ann an àireamh na seachdain s’a chaidh; bha e air a dhùnadh a mach le nithean eile; agus air an t-seachdain so thachair an ceart ni a rithist. Ach air an t-seachdain s’a tighinn bidh sùil aige leantuinn air tuilleadh cùnntais a thoirt air a thurus.
Thainig seann duine mhuinntir Port Morien da’m b’ ainm Uilleam Rothach ri bheatha le e fhéin a chrochadh Di-luain s’a chaidh. Bha e a’ lagh ri cuideachd a’ ghuail air an t-samhradh s’a chaidh air son a ghuail a bhi milleadh a chuid fearainn air, agus chaill e. Bha iad gu tigh’n air air son na cosgais, agus chailleadh e am fearann. Tha iad a’ deanamh dheth gu’m b’e eagal sin a chuir as a rian e, ’s a thug air e fhéin a chur a dhith. Bha e 63 bliadhna dh’ aois.
Tha ’n carbad iaruinn air sgur a dh’ fhalbh á Sidni aig aon uair deug agus tha e nise fàgail a bhaile aig cairteal an deigh cóig, an t-seann uair aognaidh, fhuar, dhorcha air am b’ àbhaist da falbh na geamhraidhean roimhe so. Tha e coltach nach gabh toirt air deanamh na’s fhearr na sin, agus gu feum duine bhios a’ gabhail a thuruis á ceanna-bhaile Cheap Breatunn a leaba bhlàth, sheasgair, fhàgail an dùdhlachd a gheamhraidh fada mu’n smaoinich an coileach air gairm.
Tha ’n t-side a cumail fuar gu leòr, agus neòr-thaing tioram. Tha ’m baile glé dhona le stùir, agus tha ’chairt-uisge a deanamh feum mor ’ga chumail sios. Tha e nise doirbh le muinntir a bhaile a thuigsinn ciamar a rinn iad an gnothuch as a h-aonais cho fada. Tha iad a nise ’g obair gu trang air an cabhsairean a chur ris an t-sràid, agus cha bhi glé fhada gus am bi iad ullamh. ’S iad na Bráithrean Pattersonach as na Forks a tha ris an obair chlachaireachd, agus ’s math a’s aithne dhaibh a deanamh. Tha Sidni a lion beagan us beagan a’ fás n’as coltaiche ri baile na bha e.
Chaidh na saighdearan a leigeadh m’a sgaoil feasgar Di-màirt, an deigh dhaibh a bhi ’sa champa fad ochd latha. Bha ard-oifigeach a Kingston a bhos ag amharc thairis orra. ’Se a bhrail gu’n d’ rinn iad uile glé mhath a reir an cothroim. Tha sinn fior thoilichte fhaicinn gu bheil piobaire anns a champa gach bliadhna, a faotainn pàighidh air son a bhi piobaireachd do luchd-dion ar dùthcha ’nuair a bhithear ’gan cur troimh ghluasadan an airm. ’Se gill’ òg, Pàdruig Mac Gille-mhaoil, a mhuinntir a Bhai- ’n-Ear a bha ’na phiobaire aca ’m bliadhna, agus théid aig air port a chur oirre cho math ri fear a chuala sinn fhathast.
Tha baile beag d’ an ainm Midway air fàs suas mu mhéinn ùir a tha ann an Columbia Bhreatunnach beagan us da mhile tuath air a chrich eadar a mhor-roinn sin agus fearann nan Stàitean. Agus ged tha e ’n t-astar sin o’n chrich tha na Stàitean ag agairt còir áir!
Tha na réisean a bha gu bhi eadar na birlinnean ann an New York a dol air adhart. Bha cheud réis aca Di-sathairne s’a chaidh, agus choisinn anDefender ,am bata Geancach. Di-màirt bha ’n darna réii aca, agus thainig a’ Valkyrie, am bàta Breatunnach, a stigh air toiseach, ach air son rud eigin a chaidh cearr mu thoiseach na réise, thugadh an réis dh’ anDefender .Dior-daoin, bha réis eile gu bhi aca, ach ’nuair bha iad gu falbh, ghearain a’ Valkyrie nach robh i faotainn ceartais, phaisgeadh na siùil aice, ’s thill i gu ’h-acair. Tha mar sin da réis aig anDefender ,agus ma gheobh i aon té eile cha téid an cupan, air son am bheil iad a strith, thar a chuain am bliadhna fhathast.
Thug sinn iomradh anns an àireamh mu dheireadh air crann treobhaidh a th’ aig Alasdair Domhnullach, ann an Gut Mhira, a tha air a mheas a bhi còrr us ceud bliadhna dh’ aois. Tha e air innse dhuinn uaithe sin gu’n d’ rinneadh an crann so le Iain Mac-Gille-Mhoire, Gobha na h-Earadh. Tha caraid eile ’g innse dhuinn gu bheil moran de nithean aig muinntir ann an St. Ann’s a rinn an Gobha ainmeil so. Tha àireamh mhor de chlodhaichean aca a tha ’n diugh cho math mu’n teine ’sa bha iad an latha rinneadh iad. Tha da chlodha dhiubh so aig bean Iain ’Ic Leòid air an Amhuinn a Tuath, agus bha lampa iaruinn a rinn e air sgial gus o chionn beagan bhliadhnaichean. Bha Mac-Gille-Mhoire ’na ghobha math agus ’na bhàrd math; bha e cho math air an darna ceaird ’sa bha e air ’aeile. Agus thug a luchd dùthcha a thainig air imrich leotha a chuid dhàn us chlodhairchean us chrann comhla, ach ’s e ar barail gur iad na dàin a’s fhaide mhaireas.
BAIS.
Air cùl Intervale Shiudaig, aig an 26 de dh’ Ogust, Bantrach Aonghais Chaimbeil. Bhuineadh i do Phort Hood. agus bha i a coimhead air a càirdean muair a bhuail an tinneas i a thug air falbh i an ceann ochd latha. Bha meas mor oirre ’sa choimhearsnachd.
Ag Amhuinn Shidni, air Di-ciaduin, an aonamh latha deug de September, Murchadh Mac Phàrlain.
Tha ’n Urr. Niall Mac Nèill, D. D., Sagart Descousse, a nis air àrdachadh gu dreuchd na h-easbuigeachd, agus air a shuidheachadh air taobh an iar Newfoundland. Tha e mhuinntir Mhabou, agus is bràthair e do’n Onarach D. Mac Neill ann am Port Hood. Tha e ’na sgoilear anabarrach tapaidh.
Am bheil thu air son “A’ Choisir-chiùil” fhaighinn? ma tha, faigh da fhear-gabhail ur us dà dholair do ’n MHAC-TALLA.
Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
[Vol . 4. No. 10. p. 6]
Sgeul mu’n t-Sionnach.
Bha Brocair ann aon uair, a bha ro dheigheil air greim a dheanamh air ar caraid an sionnach agus a chum a chuideachadh gu so a dheanamh dhuin e suas na h-uile toll-talmhainn ’nuair a bha an aimsir fuar. Bha e aon oidhche ’na chadal ’na bhothan, agus air fosgladh a shuilean da, co chitheadh e ’na shuidhe gu socrach ri taobh an teine, ach an sionnach. Bha e air faighinn a steach air an toll a bha aig bun an doruis, airson goireas a’ choin, a’ chait agus na circe. “Oh ho” ars’ am brocair, “Fhuair mi nis thu”, agus chaidh e agus rinn e suidhe aig an toll chum ’s nach fhaigheadh am madadh-ruadh a mach. “Oh ho” ars an sionnach, “Cha bhi mi fada ’toirt air a’ bhurraidh eiridh.” Le sin fhuair e brògan an duine, agus chuir e air an teine iad, dh’fheuchainn an d’toireadh sin air a namhaid gluasad. “Cha toir sin orm carachadh, mo laochan,” ars am brocair. An sin chuireadh na h-osanan air muin nam brog, agus a bhrigis air muin sin, ach cha d’thug so air an duine gluasad. Mu dheireadh chuir an sionnach teine ris an eudach-leapa, ris an leabaidh, agus ris an fhodar air an robh am brocair ’na shuidh, agus ann am prioba na suile bha na lasraichean a ruigsinn mullach an taighe. Le so leum an duine suas ag eigheachd, “Cha-n urrainn domh cur suas le so,” agus cha robh an sionnach fada ’gabhail a’chothrom agus a’ faighinn a mach troimh an cheò agus an upraid.
Tha sinn a leughadh ann an paipear Albannach gu robh droch innleachd air a dealbh o chionn ghoirid air son tigh na Parlamaid ann an Lunnuinn a smuideadh as a cheile. Bha paipear Turcach air a chlo-bhualadh anns a bhaile fad aireamh sheachduinean, agus fhuaireadh a mach uaith gu robh e ’m beachd na feadnach a bha ga chur a mach ionnsuidh a thoirt air cur as do thigh na parlamaid. Bha iad ag iarraidh cuideachadh air daoine ann an duthchannan cein, agus tha e ro choltach gu robh iad a dol ga fhaotainn, ach fhuair ampolicefios air na bha iad a’ cur rompa, agus cha’n eil tegamh nach bi na h-uilc air an cur far nach dean iad cron air tigh parlamaid no air rud sam bith eile.
Faodaidh an cat sealltainn air an righ.
Ann an Tircan Cein.
Bha a’ choinneamh chleachdail bhliadhnail aig muinntir Wales air an t-seachdain a dh’fhalbh; agus is e aon do na cumhachan fo am bheil na coinneamhan so air an gleidheadh, a réir beul-aithris nan seann draoidhan Breatunach, gu’m bheil sìth a buadhachadh feadh an t-saoghail; ach tha sinn duilich a leughadh anns na làithean so féin nach ’eil aobhar na sìth cho soirbheachail is a bu mhaith leinn. Tha gruaim air aghaidh na tire feadh na h-àirde an ear, a tha toirt iomagain do mhòran. Tha trioblaid is àr am measg an t-sluaigh ann an dà chearn do impireachd an Turcaich a tha deanamh geur leanmhuin air na graineinean beaga do Chriosdaidhean a gheibhear ann am Macedonia agus ann an Armenia. Agus a rithis ann am Madagascar tha na Frangaich a’ giulan cogaidh air aghaidh anns am bi mòr shluagh air an call. Agus mu dheireadh air an t-seachdain so fein tha sgeul tiamhaidh air tighinn á China far am bheil deich no dusan do mhissionaries, a’ chuid is mò dhuibh mnathan air am mort air doigh narach agus shalach. —Oban Times.
Litir a New Zealand.
MO CHARAID: —Tha mi a’ cur thugaibh òrdugh thigh-litrichean air son da thasdan deug us sia sgillinn (12s. 6d.) bho Mhr Alasdair Ceamp agus bhuam fein air son bliadhna eile dhe’n Mhac-Talla. Bidh sibh cho math agus ar n-ainmeannan a chur am measg “Iadsan a Phaigh.” Tha mi an dochas nach eil mi deireadh leis. Tha mi cuideachd a’ cur thugaibh litir a fhuair mi o Mhr Domhnull Rothach. ’Se ’s docha leam gu’n cuala sibh bhuaithe roimhe so. ’Se ’n litir aige ’n teachdaire ’s fhearr sam bith air son innse dhuibh mu’n chomhairle mhath tha e toirt oirbh, ma bheir sibh fa-near i. Rinn mi toileachadh mor ris an litir a St. Ann’s bho “Dhonnacha Doun.” Tha barail mhath agam cò ’n Donnacha Donn a th’ann. Thainig na deòir ’na mo shuilean a’ cuimhneachadh air an liuthad latha toilichte chuir mi sachad an cuideachd mo chairdean. Mo bheannachd leat, agus le mo chairdean ’s mo luchd-eolais. Is mise leis gach uile dheagh dhurachd.
IAIN ROTHACH.
Rudha Mharsden, N. Z., 8, 7, ’95.
Faodar an t-òr fhéin a cheannach tuilleadh us daor.
Sean Fhacail.
Is e am Foghar gaothmhor a ni an coirce cathmhor.
Is e ’n ceò geamhraidh a ni an cathadh earraich.
Is e ’n ceann gòrach a ni na casan luaineach.
Is e ’n cadal fada ’ni an t-iomradh teth.
Is e ’n t-uisge salach a ni ’nighe ghlan.
Is fhearr breid na toll, ach ’s uaisle toll na tuthag.
Is fhiach each math breab a leigeadh leis.
Lig an t-earball leis a’ chraicionn.
Leig do cheann far am faigh thu ’sa mhaduinn e.
Laidhidh dubh air gach dath, ach cha laidh dath air dubh.
Na ni am bodach le ’chrogan millidh le ’sprogan.
Na’m bu toigh leat mi fhein cha bhuaileadh tu mo chu.
Cha’n aithnichinn e ged thachradh e ’n am bhrochan orm.
Fao’chadh gille ’ghobha; bho na h-ùird gus na builg.
Far am bi an t-iasg, ’s ann a bhios na h-eòin.
B’i ’n t-seachdain s’a chaidh seachdain cho blàth ’sa bha aca ann am baile-mor Lunnuinn o chionn àireamh bhliadhnaichean. Tha moran sluagh a mhuinntir nan Stàitean ’sa bhaile fhathast, agus tuilleadh a’ dol ’nan ceann gach seachdain. Tha iad mar gùm biodh iad ann am priosan, iad uile ’giarraidh dhachaidh agus gun de shoithichean a tigh’n thairis na bheireadh a nall iad ann an da mhios.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna.
CLOIMH.
DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris a’s airde ’sa mhargadh oirre.
D . F. Mac RATH,
Baddeck, C. B. ,Mai 6, ’95.
[Vol . 4. No. 10. p. 7]
A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig.
Tha ’n leabhar ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor , Alto, Soprano,agusBass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair.
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
Dr. T. G. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
DR. T. C. MAC LEOID.
Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheilMoore & Johnstonri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.”
I.O. G.T.
Tha coinneamh aig“Victory Lodge, No. 138, I.O. G.T. , ”ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B
[Vol . 4. No. 10. p. 8]
CUMHA DO GHILLEASBIG MAC-GILLEAIN FEAR CHILL-MO-LUBHAIG.
LE GILLEASBIG LAIDIR.
FONN:— “Gaoir nam ban Muileach.”
Fhuair mi sgeula mo sgaraidh
Mu ’n do mhiosaich an t-earrach,
Gun robh m’ eudail ga bhannadh
An ciste chaoil air à sparradh,
’S e air ghiùlan aig fearaibh
’S mnathan tùrsach dheth galach.—
Dh’ fhàg a bhàs fo throm-eallach ua càirdean.
Dh’ fhàg a bhàs &c .
Nam bu bhàrd mi cho fasant
’S a tha ’n taobh so de Shasunn,
Dh’ innsinn sios dhuibh an eachdraidh
Mar-a- thànig na gaisgich,
Na fir òga, dheas, dhreachdmhor,
’Choisinn cliù ’s cha bu mhasladh,
’S tha ’nis sgaoilte mar ghainimh na tràighe.
Mo theinn chruaidh mar a thachair
Gu bheil Teàrlach an tasgaidh,
’S fear ’s na h-Innsibh de d’ mhacaibh;
’S òg a ghabh e bhuainn astar;
’S iomadh aon a ghabh beachd air;
Gun robh spionnadh ’na ghlacaibh;
Bha e cruadalach, sgairteil, fior-àluinn.
Latha ’Nollaig so chaidh
Bha na h-uaislean gun aighear
Mu dheagh Cheannard an rathaid
Ga ’n robh leigeadh is gabhail,
Gur a cruaidh leam an t-saighead
’Chuir ’s an ùir tha ’n ad laighe:—
Ach de ’m fàth dhuinn ’bhi gearan na dh’ fhàg sinn
Bu tu coltas a’ ghaisgich
’Dheanadh ’ghiomh anns a bhaiteal.—
Taobh do chùil gun robh tlachd ort,
Ceum bu rioghail air faiche,
Gruaidhean min-dhearg, daithte,
Beul na fìrinn ’s a’ cheartais;
Cha b’ i ’n fhoill’ bhiodh ad bheachd ’n uair bhiodh mòd ann.
’S ann ad cheann a bha ’n riaghailt,
’S mòr an tuigse ’bha riamh ann.—
Ged a ruigeadh ua ciadan
Gu ceann-uidhe na fialachd
Cha bu doicheall a dheante,
Bhiodh gach ni mar a dh’ iarrteadh,
’S bheirteadh deoch mar bu mhiann agus ceòl dhaibh.
Bha thu ’theaghlach nan curaidh
’Choisinn cliù ’s a fhuair urram,
Leibh a dh’ éireadh gach duine
’Nàm ’bhi ’tràghadh nam buideal.
Bhiodh ur gillean air stuidear
Ag òl fiona le furan,—
Ochain, thriall sibh nis uile air falbh bhuainn.
Taing do Dhia mar a tha sinn
Gu bheil mac ann at áite,
Slat de ’n iubhar a’s àille,
Fiuran foghainteach làidir.
Càit am faicear fear àilleachd,
No fear spìonnadh a ghàirdein?
Cha’n e breug tha mi gràitinn ’s cha bhòsd e.
’S iomadh baintighearn’ òg éibhinn
Ann an Sasunn ’s an Eirinn
’S ann am baile Dhuneideann
’Chunntadh miltean gun déidh orr’
Airson fhaotuinn mar chéile,
Am flath eireachdail ceutach
A ghrad-thilleadh leis féin an luchd-tòrachd.
Sguiridh mise ’s gun tàmh mi;
Tha mo chridhe gu sgàineadh
’S mi a’ smaoinntinn mar tha mi
Gun cheann-cinnidh, gun chàirdean
A ni feum ann am chàs dhomh.
Chaidh mo chuideachd a sgànradh
’S luchd na foille tha nan àiteachan comhnuidh.
Cannadh, —putting bands on.Sgànradh, scattering .Luchd na foille, the Campbells.
Mo Mhathair.
Co thog mi air a broilleach tlàth,
’S a thàlaidh mi gu suain le bàigh,
’S a dh’ altrum mi na h-uchd le gràdh?
Mo Mhàthair.
’N uair theich an cadal fada uam,
Có thog an guth ’bu bhinne fuaim,
Air chor ’s gun thuit mi ann am shuain?
Mo Mhàthair.
Cò dh’ fhair thairis orm gu caomh;
’S mi ’m laighe anns a’ chreadhail fhaoin,
’S a shil na deòir le bàigh cho caoin?
Mo Mhàthair.
Fo easlainte ’n uair bha mi ’n sás,
Bho àm gu àm na ’s laige ’fàs,
Cò ghuil le geilt gum faighinn bàs?
Mo Mhàthair,
Cò a ruith gu m’ thogail suas,
’S a chagair sgeula binn am chluais,
’S a phòg air falbh mo leòn le truas?
Mo Mhàthair.
Cò air ùrnaigh ’dhùisg mo dhéigh,
Air Facal Naomh ’s air Latha Dhé,
’S air triall na shlighe dhìrich, rèidh?
Mo Mhàthair.
Am faod e bhith nach deanar leam
Caidreamh is caoimhneas riut gach àm,
A bha cho bàigheil, caoimhneil, rium,
Mo Mhàthair?
Chan fhaod; b’ e sin a bhith gun truas;
’S ma chumas Dia mo bheatha suas,
Cha bhi do chaoimhneas dhomh gun duais,
Mo Mhàthair.
’N uair dh’ fhàsas tusa lag ’s a’ chéum,
Gheabh thu do lorg o m’ ghàirdean fhéin,
’S bidh mi am thaice dhuit ad fhéum,
Mo Mhàthair.
’N uair chailleas tu do lùgh ’s do threòir,
Ni mi caomh fhaire ort le deòir,
A dh’ oidhch’ ’s a latha bidh mi ’d chòir,
Mo Mhàthair.
Fhuair D. J. Damhnullach a stigh moran de dh’ aodaichean nachdair fhan, deacaidean agus cheòchdannan. Tha iad uile ’san fhasan a’s ùire, agus ’nan deagh bhargain.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig.
title | Issue 10 |
internal date | 1895.0 |
display date | 1895 |
publication date | 1895 |
level | |
reference template | Mac-Talla IV No. 10. %p |
parent text | Volume 4 |