[Vol . 4. No. 11. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 21, 1895. No. 11.
Mo Chuairt Shamhraidh.
Thuirt mi nach robh mi cuibhteas Loch Ainslie fhathast. Bha mi ’n dùil beagan a radh mu’n Mhinnehaha, an bàta beag smùide a tha ruith air an Loch. Is bàta grinn i. Giùlanaidh i mu chòig air fhichead gu comhmurtail, agus le bhi car dùmhail, gabhaidh i deichnear a bharrachd air sin. Tha i ’cur cuairt air an loch tri uairean ’san t-seachdain, fhad ’sa cheadaicheas an t-side, a fàgail Ceann an Locha ’sa mhaduinn, a’ dol Amhuinn nam Breac, á sin gu Bun na h-Aimhne, á sin dh’ an Loch Bhan, agus an sin a tilleadh gu Ceann an Locha, a taghal aig Amhuinn nam Breac. Gheobh duine chuairt so a chur air son còig sgillinn deug, agus do dhuine rachadh ann air sgath an t-seallaidh a gheobh e air an dùthaich mu’n cuairt, b’ fhiach i a chòig uiread. Buinidh am bàta do dhithis bhràithrean, Clann ’Ic Ille-mhaoil, agus tha iad ri ’m moladh air son am bàta so chur air an loch; tha mi on dòchas gu’m pàigh i dhaibh air chor ’s gu’n téid aca air a cumail air obair. Bhiodh e na chall mor do mhuinntir an Locha air fad na’n tigeadh orra ’m bàta chur air falbh.
PORT HOOD.
An deigh dhomh bhi beagan lathaichean aig an tigh a rithist, fhuair mi cuireadh bho mo dheagh charaid, Iain mac Iain ’ic Iain, a dhol air sgriob còmhla ris gu Port Hood. Cha robh mi riamh roimhe anns a’ bhaile sin, agus bhithinn glé dheònach a dhol ann ged nach biodh companach cho math agam idir. Dh’ éirich mi gu math tràth ’sa mhaduinn, rainig mi àit Iain mu shia uairean, agus dh’ fhalbh sinn a gabhail rathad na h-Aimhne Muileich, agus ’s ioma direadh us teàrnadh cas a bh’ againn ri dheanamh. Tha an rathad a’ dol troimh choille, ’s tromh bharrein ’s troimh àiteachan briagha tuathanachais fad ochd mile deug. Bha ’n Amhuinn Mhuileach air a h-àiteachadh an toiseach le daoine mhuinntir Mhuile agus mar sin thugadh an t-ainm oirre. Tha fearainn bhriagha ri fhaicinn oirre, moran dhiubh air an oibreachadh gu math, ’s moran eile nach eil, rud a tha fior mu ’n chuid mhor de Cheap Breatuinn. Ri ’n gabhail thar a chéile, cha ’n eil fearainn na dùthcha air fad an diugh idir cho math air an oibreachadh no cho torach ’sa bha iad deich bliadhna roimhe so. ’S e ’s coireach ri sin an òigridh a bhi togail air falbh do na Stàitean ’s do dhùthchannan eile anns an robh obais pailt agus tuarasdail mhora ’sna bliadhnaichean roimhe so. Bha gach gill’ òg, ach ainneamh, a fàgail a dhachaidh co-luath ’sa thigeadh e gu ire duine agus mar sin tha moran de na fearainn air am fàgail ann an droch shuidheachadh, air ruith a mach gu neoni, fo luibhean ’s fo luachair ’s fo choille, agus bheir e bliadhnaichean de dh’ obair chruaidh an cur air ais ’nan àite fhéin a rithist. Is i mo bharail gur a gòraiche mhor do dhuin’ og fearann fhagàil air son a dhol ’ga chosnadh. Ged bhiodh an tuarasdal mor bi’dh a chosgais da réir, agus ged a chuireadh e airgead ma seach, cha ’n fhada mhaireas e an coimeas ri fearann air a dheagh oibreachadh. Ach tha na lathaichean sin gu bhi seachad. Tha ’n cosnadh gu ire bhig air teirgsinn anns na Stàitean, agus tha muinntir na dùthcha so a’ fòghlum gur fhearr dhaibh sealltuinn ri ’n dùthaich fhéin air son am beòlaind na ri duthaich sam bith eile. Faodaidh mi bhi air mo mhealladh, ach tha mi smaoineachadh ge be cò bhios beò deich bliadhna o’n diugh, gu faic e nach bi ach glé bheag de mhuinntir an eilean so air falbh ’g an cosnadh, agus gu’m bi iad moran na’s fhearr air tàilleabh sin na tha iad aig an àm so. Ni ’s fhaide air adhart gu Port Hood, bha againn ri dhol troimh ’n Amhuinn a Deas. Is àite briagha da rireadh an Amhuinn a Deas, àite tuathanachais cho math ’sa tha air an eilean. Tha na tuathanaich a th’ oirre cho dòigheil ’sa tha ’n latha cho fad, agus gu dearbh mur bitheadh ’s e ’n coire fhéin a bhiodh ann. Thaintervalesmhòra aca a chumas fiar riutha o bhliadhna gu bliadhna gun uiread us spaid leasachaidh a chur orra, agus tha ’n talamh àrd cho math ’sa dh’ iarradh iad air chùl sin. Feadhain sam bith aig am bheil fearainn air ’n do bhuilich nàdar na h-uiread, ma bhios iad fhéin dichiollach, deanadach, cha ruig iad a leas dith no deireas a bhi orra. An deigh an Amhuinn a Deas a chur ’nar deigh lean sinn romhainn gus an d’ rainig sinn ar ceann-uidhe. Astar beag bho ’n bhaile tha tom mor coille agus allt beag a ruith troimhe ris an canarMilebrook ,a chionn e bhi mu mhile bho’n bhaile. ’Nuair a fhuair sinn as an tom sin bha mhuir fhosgailte mur coinneamh, agus air tearnadh sios faisg oirre ’s tionndadh air ar làimh dheis, bha sinn ’sa bhaile. Cha ’n eil ann ach baile beag, moran ni’s lugha na bha mi ’n dùil, agus tha e ’g amharc na’s lugha na tha e leis cho sgaipte ’sa tha na taighean ann; ach tha e ’sgiamhach ’na shuidheachadh’ air aodann bruthaich a tha ’g éiridh suas o oir a chladaich. Tha àireamh de thogalaichean briagha ann mar tha tigh-na-curtach, an eaglais Chaitliceach, agus moran de thaighean còmhnuidh. Tre chaoimhneas duine chòir air ’n do chuir mi eòlas an latha sin fhéin, Iain Mac Isaic, fhuair mi dhol troimh thigh-na-cùrtach agus troimh ’n phriosan a tha fodha. Tha e na thigh gasda; chosg e suim mhath do’n t-siorrachd, ach ’s fhiach e uile e. Tha e air uidheamachadh a muigh ’sa stigh cho math ’s bu choltach do thigh a chaidh a chur suas air son ceartas a dheanamh eadar duin’ agus duine. Bha am priosan falamh; an duine mu dheireadh a bh’ ann, tha e nise cur seachad ùine anns an tigh-oibreach, agus cha d’ fhuaireadh aig an àm ud aon duin’ eile ’san t-siorrachd air fad a bha toilltinn a chur fo ghlais. Air leam nach olc an comharra sin air an dùtharch.
(Ri leantuinn.)
[Vol . 4. No. 11. p. 2]
BLAR NA STAIRSNICH.
LE GEORGE ROY.
Is fuathasach an uaill ’s an othail a bhios air daoine mu ’m blaraibh, an euchdan-cogaidh, an gaisgich ainmeil, chliùiteach, ’s cha ’n ’eil fhios ciod; agus cha ’n iad a mhain na blaraibh fein a tha iomraiteach—feumar farum mor a dheanamh mu eachdraidh nam blar fo linn Oisein a nuas gus an tuasaid mu dheireadh a thachair ’n ar linn ’s ’n ar latha fein. Am fear is deise ’s is eireachdaile ’chuireas an ceill do ’n t-saoghal mu threubhantas nan curaidh a sheas no ’thuit ’s an strith, tha e air ’ardachadh gus an t-ionad is airde ’n am measg-san a tha air am meas airidh air fleasg ’s air suaicheantas na h-onoir. Cha ’n abair mi gu bheil so mar nach bu chòir dha; cha ’n ’eil mi ach a’ tighinn thairis air ga m’ neartachadh ann a bhi a’ tagradh gu ’m faigheadh mo bhan-acharaid labhrach, Mairi Nic-an-Rothaich a h-aite fein am measg na dream a mheasar airidh air cliu nam bard ’s nan eachdraiche; oir tha mi dearbhte nach ’eil i dad air dheireadh air an fhear is cumhachdaiche dhiubh ’n uair a theid i an cinnseal sgeoil mu na batailtean a chunnaic a da shuil fein. Agus tha aon bhuaidh air a naidheachdan: tha iad a’ sruladh a mach as a beul gun umhail sam bith aice gu bheil i a’ cur an ceill ni air bith ùr no annasach. Thachair mi oirre an latha roimhe ’s mi a’ gabhail ceum a sios an rathad. Dh’ aithnich mi air a h-aodann gu ’n robh rud-eigin sonraichte air a h-inntinn. M’ am b’ urrainn domh facal a radh thuirt i, “A bhean mo ghràidh, nach ’eil naidheachd agam dhuit!”
Arsa mise, “Ma ’s naidheachd mhath i mar is luaithe chluinneas mi i ’s ann is fhearr.”
“Cha ’n ’eil ’fhios agam,” ars’ ise, “co dhiubh their thu gur math no gur h-olc i; ach ’d é do bharail, ’n uair dh’ innseas mi dhuit gu ’n robh blar na dunach air an stairsnich an dé eadar Anna bean Iain-Mhoir, Peigi bean Dhonnachaidh Mhicheil, agus Mairi bean Dughaill Mhic-Pharlain.
“Is naidheachd sin da-rireadh,” fhreagair mi. “Naidheachd,” ars’ ise, “ris an robh suil agam o chionn iomadh latha. Cha b’ urrainn do ’n chairdeas ud a bhi buan; bha iad direach gairsinneach— ’n an grain do ’n choimhearsnachd gu h-iomlan—Nic-Ille-Mhicheil ’s an dara ceann, bean Iain-Mhoir ’s a’ cheann eile, agus Nic-Pharlain ’s an tigh mheadhoin. Bho mhoch gu dubh bha an dorsan sinnte fosgailte, ’s rachadh iad a mach ’s a stigh ’s ghlaodhadh iad a mach ’s ghlaodhadh iad a stigh, ’s cha robh creutair a thigeadh an rathad nach feumadh iad a bhi mach aig na dorsan a’ spleuchdadh air; agus b’ i Nic-Pharlain—o nach ’eil duine cloinne aice fein—a b’ aon traill do ’n dithis eile; cha ’n fhaiceadh tu i o mhoch gu feasgar nach robh cuid d’ an iseanan aice air a gairdean. Ach cha ’n fhaca mi a bheag de mhath riabh air eirigh o ’leithid so de chairdealachd, ’s cha mhò ’chunnaic mi e a’ marsainn fada. Bha, uime sin, ioghnadh orm cuin a thigeadh e gu aon-cheann; ach ’s beag suil a bh’ agam gu ’n tigeadh e le cho beag aobhair. Tha e coltach gu ’n robh an da bhalachan, mac Peigi Mhicheil, agus mac Anna Iain-Mhoir, ’a cluicheachd mu na dorsan agus air son ni-eigin faoin chaidh iad thar a cheile, mar is tric a ni clann bheag, agus ghabh an dithis am badaibh a cheile. Tha na balachain mu ’n aon aois, mar a tha fhios agad, agus bha ’choltas air an strith gu ’m biodh i righinn. Tha mac Anna cuid mhath na ’s mò d’ a aois na am fear eile agus bha ’shaod air lamh an uachdar fhaighinn thairis air Mac-Ille-Mhicheil, ’n uair thainig Peigi Mhicheil a mach agus thugaidh i sgailc ’s an leth-cheann do mhac Anna Iain-Mhoir. Ach mo chreach ’s mo sgaradh! bu mhath dhi na ’n do ghleidh i a da lamh aice fein, oir có bha ag amharc oirre ach Anna i fhein, agus gun fhacal a radh, a mach thainig i agus rinn i a leithid eile air mac Peigi Mhicheil, agus thoisich a’ bhrionglaid ann an da-rireadh. Thuirt Peigi-Nic-Ille-Mhicheil ‘gu ’m bu neonach leatha Anna Iain-Mhoir a dh’ fhuilingeadh do sgonn balaich coltach ri a mac, buille ’thoirt do ’n leanabh.’
“ ‘An leanabh!’ arsa Anna Iain-Mhoir, ‘is i mo bharail gu bheil e cho sean ris-san; agus na ’m biodh a chuid bidh a’ dol ann an craicionn cho fallain, dh’ fhaodadh e bhi a cheart cho mor ris; ach,’ ars’ ise, ‘thainig e de chinneach truaillidh co dhiubh.’
“ ‘Cinneach truaillidh!’ arsa Peigi Mhicheil.
“ ‘Seadh direach cinneach truaillidh,’ arsa Anna; ‘ciod a tha ’n a athair ach an troicheilein truaillidh, bochd?’
“ ‘Is fearr a bhi beag,’ arsa Peigi Mhicheil, ‘agus a bhi iomlan, na bhi mor agus a dh-easbhuidh cuid d’ a bhuaidhean; taing do ’n Fhreasdal tha a chlaisteachd aige.’
“Bha so ’n a bhuille trom do dh-Anna; oir tha e coltach gu bheil Iain-Mor ro mhaol ’s a’ chlaisteachd, agus tha iad a’ feuchainn r’ a chumail uaigneach. Cha ’n ’eil fios cuin a sguireadh na mnaithean mur tuiteadh do Mhairi Nic-Pharlain tighinn a mach. Ars’ ise, ‘Nach sibh an da oinseach, a’ deanamh a leithid de iorghuill mu chonnspaidean cloinne. Shaoil mi gu ’n robh tuilleadh gliocais agaibh. Bidh a’ chlann a’ falbh ’s an lamhan gu cairdeil mu amhchannan a cheile, agus sibhse a’ cumail suas gamhlais agus droch rùin; ach na ’m biodh sibh a’ deanamh mar bu choir dhuibh, agus ’g an gleidheadh taobh a stigh nan dorsan, bhiodh na bu lugha cònnsachaidh ann.’
“ ‘Nach ann agad a tha ’n dearg aghaidh,” arsa Anna Iain-Mhoir.
“ ‘Cha ’n ’eil mi ’faicinn ciod e an gnothach a tha agadsa buntainn ris a’ chuis,’ arsa Peigi Mhicheil; ‘ach cha ghnothach doirbh do chuid cloinne-se ’chumail aig an tigh.’
“ ‘Cha ’n eadh gu dearbh,’ arsa Anna Iain-Mhoir, ‘cha chuir iadsan na truaghain bhochd, moran dragh air a’ choimhearsnachd!’
“Nis, tha fios agad fein nach ’eil Mairi Nic-Pharlain ’n a boirionnach connspaideach; thill i air a sail, chaidh i stigh, dhuin i an dorus, agus rinn an dithis eile mar an ceudna.
“Ach is fhada m’ am b’ e so a bu deireadh do ’n chluich; bha aig Peigi Mhicheil coinghioll poite bho Anna Iain-Mhoir; cha luaithe bha a dorus duinte na thilg i fosgailte e, agus a’ sin a’ fosgladh dorus Anna, thilg i stigh a’ phoit ag radh, ‘So, sin agad do phoit;’ agus ciod a th’ agad air ach gu ’n do bhrist i a’ phoit.
“Ach, air an laimh eile, bha Anna Iain-Mhoir gu bhi cho fada mach rithe fein; oir tha e coltach gu ’n robh aice-se coinghioll d’ an eachan aig Peigi Mhicheil; agus an uair a bhi i ’g a shlaodadh a mach gu thilgeil a stigh mar a rinn an te eile air a’ phoit, thainig i tarsainn air ciobhal an doruis leis agus bhrist i e. Bha an da chailleach mar so air an aon ruith—rinn an t-eachan briste mu choinn
[Vol . 4. No. 11. p. 3]
eamh na poite briste.
Dhuin iad an dorsan a rithist agus shaoileadh tu gu ’n robh gach ni thairis; ach thachair gu ’n robh an tri fir phòsda, Donnachadh Mac-Ille-Mhicheil, Iain-Mor, agus Dughall Mac-Pharlain, a’ tighinn dachaidh comhladh aig a’ cheart am ud agus sheas iad a bhruidhinn car tiota mu choinneamh an doruis. Mar bha an comhradh gu bhi thairis, a mach chuir Anna Iain-Mhoir a ceann, agus ars’ ise gu crosda, “Iain-Mhoir, thig a stigh thun do bhrochain, agus na bi a seasamh a’ sin ri goileam gun seadh; b’fhearr leam gu ’n taghadh tu do chuideachd.”
Bha na tri fir a’ tionndadh m’ an cuairt le ioghnadh, an uair tharraing Peigi Nic-Ille-Mhicheil an aire, ag ragh gu h-athaiseach, diongmhalta, “Seadh, a Dhonnachaidh Mhic-Ille-Mhicheil, thig a stigh a’s gabh do thea agus leig le Iain-Mor dol a stigh a ghabhail a bhrochain—brochan, brochan, brochan a ghnath; cha’n iongantach an duine truagh a bhi bodhar; tha a chlaigeann tiugh, stallachdach air a dinneadh làn brochain.’
“Fhreagair bean Iain Mhoir a cheart cho athaiseach agus neo-ar-thaing cho nimheil ris an te eile, ‘Seadh Iain-Mhoir thig a stigh thun do brochain, agus leig le Donnachadh Micheil dol a stigh thun a thea; tha an duine truagh bochail mu ’n tea: is e a’ chiad fear d’ an t-sliochd no d’ an ghinealach a bhlais riabh tea; cha mhor tea a fhuair ’athair, Domhnull, a bhasaich an tigh-nam-bochd.’
“Bha Peigi Mhicheil dol a’ fhreagairt le rud-eigin a radh mu shinnsreachd Iain-Mhoir, a b’ abhaist, a reir iomraidh, a bhi a’ togail chorp; ach chuir an da fhear posda stad air an t-seanchus le fheoraich ciod air talamh a bu chiall do’n chainnt sgainnealaich so. Thoisich an dara te air cur as leth na te eile gu ’n do leth-mharbh i a balachan; agus cha robh a shaod air na fir gu ’n tuigeadh iad cuisean idir, ’n uair a chuir Donnachadh Mac-Pharlain, aig a bheil teangadh gle sgaiteach, a mach a cheann ’s thuirt e, ‘Fhalbh, fhalbh, cha’n eil ann ach da chat a’ cur a mach air a cheile mu ’n cuid phiseag.’
“Thug so an gnothach gu aon-cheann; oir dhi-chuimhnich an dithis bhan an connsachadh fein, leis a’ chorruich anns an do chuir iad iad fein a chionn de dhanadas a bhi aig Mac-Pharlain ‘piseagan’ a’ radh ri ’n cuid cloinne-san. Cha bu mhath leamsa tighinn thairis air a’ chainnt a ghnathaich iad ris. Faodaidh tu bhi cinnteach nach do dhi-chuimhnich iad innseadh dha nach ’eil “piseagan” idir a’ cur dragh airsan. Tha mi dearbh-chinnteach gu ’m b’ fhearr le Mac-Pharlain gu ’n do ghleidh e a theangadh ’n a phluic oir bidh a cheann air liathadh m’ an cluinn e a’ chuid mu dheireadh de ‘na cait ’s an cuid phiseagan.’ Coma co dhuibh, tha na coimhearsnaich a’ cumail an dorsan duinte ’nis, ’s cha chreic mi nach faigh sinn sith gu dol a mach ’s a stigh an dá latha so gun suilean a h-uile aon a bhi oirnn mar a b’ abhaist.”
Sin agaibh naidheachd Mairi Nic-an-Rothaich, facal air an fhacal mar fhuair mise i; tha mi an duil gu ’n aidich sibh gur airidh an boirionnach gleusda air cùileig bhig am measg na muinntir a dh’ aithris dhuinn mu na blaraibh ainmeil a choisinn cliu do ’r duthaich.
Eadar. le IAIN ’IC UILLEIM.
Cha b’ e Lunnuinn leis fhéin a bha fulang leis an teas air a mhios so. Tha Paris ceanna-bhaile na Frainge air an aon ruith. O thoiseach a mhios so tha teas mor ann, agus cha’n eil e ’fàs dad na’s fionnaire.
CUNNTAS SHEUMAIS.
Bha Seumas beag a’ dol do ’n sgoil, agus bha e direach a’ tòiseachadh air cùnntas. Bha e aon oidhche ’na shuidhe aig a’ bhòrd an deigh a shuipear a’ ghabhail, a leabhar ’na dhòrn ’s e cho dichiollach ag ionnsachadh a leasain ’s nach robh e toirt fa-near ciod a bha ’athair ’sa mhàthair ag ràdh gus an cual’ e athair ag innse gu’n d’ thainig coimhearsnach dhaibh, Tòmas Dunn dhachaidh air an dáll dhaoraich an oidhche roimhe sin. “Dh’ òl e deich gloineachan fiona,” ars esan. “Bha nàire orm tigh’n dachaidh còmhla ris.” Thog Seumas a cheann. “Cia meud gloine dh’ òl sibhs’ ’athair?” “Cha d’ òl mise ach aona ghloine,” ars ’athair. “Ma ta,” arsa Seumas, “bha ’n deicheamh cuid de’n daoraich oirbhse.” “Bi sàmhach!” ars athair, ach lean Seumas roimhe. “Bha, sibh a bha! Ma chuir deich gloineachan Mr. Dunn air an dall dhaoraich, feumaidh gu’n do chuir aon ghloine sibhse air an deicheamh cuid dhe’n daoraich: agus—” “So, So!” ars ’athair, “tha’n àm t-agad a bhi toirt na leapa ort. Na dean an còrr cùnntais an nochd.” Chaidh Seumas a chur a chadal, ach bha e smaoineachadh gu trang, agus mu’n do thuit e buileach na chadal, thuirt e ris fhéin, “Mur biodh Mr. Dunn air aon ghloine òl cha b’urrainn dha ’n daorach a ghabhail; agus na’m biodh Daididh an deigh naodh gloineachan eile òl bhiodh esan air an daoraich cuideachd. ’Se ’n dòigh a’s fhearr gun gloin’ idir òl, agus ’se sin a ni mise” agus ann an tiota bha e ’na shuain chadail. Bha athair an uair sin a bruidhinn ris fhéin, “Cha-n eil Seumas fada cearr, an deigh a h-uile rud. Cha-n eil e sàbhailte eadhon aon ghloine òl, agus feuchaidh mi ’m màireach ri toirt air Mr. Dunn sgur a dh’ òl gu buileach, agus ni mi fhéin an ni ceudna.” Bha e cho math ri ’fhacal; sguir e fhéin ’s Mr. Dunn còmhla, agus cha-n eil fhios aig Seumas beag fhathast gu’n d’ rinn e feum cho mor le chuid cùnntais air an oidhch’ ud.
Tha té de na craobhan a’s sine am Breatunn ri faotainn faisg airBristolair an oighreachd aig Iarla Ducie. Tha i air a chuid a’s lugha mile bliadhna dh’ aois. Tha i leth-cheud troigh mu’n cuairt aig a bun. Deich troighean o’n làr tha i dol ’na tri meanglain mhora, fear dhiubh deich troighean fichead mu’n cuairt. ’Se craobh gheanm-chno(chestnut)a th’ innte. Tha craobh eile, craobh dhroighinn, faisg air Lunnuinn a tha anabarrach sean. Tha gàradh air a chur mu’n cuairt d’i air son a cumail sàbhailte. ’N uair a bhios i fo bhlàth tha i ’na sealladh eireachdail.
Tha uisgeachan troma tuiteam ann am Pittsburg, Kansas; na’s truime na chunnacas a tuiteam ’san àite sin riamh roimhe. Tha ’n dùthaich fo thuil, agus na ròidean iaruinn a tha dol troimh ’n bhaile air an sguabadh air falbh, ’s na carbadan air an cur ’nan stad.
Bha duine diadhaidh ann aon uair air an robh diùmadh mòr aig an righ. Chuir an righ teachdaire d’a ionnsuidh a dh’ innseadh dha gu robh e gus a bheatha thoirt air falbh; agus co dhiubh a bhiodh e air muir no air tìr gu rachadh a ghlacadh an ùine gun bhith fada. “Abair thusa,” ars’ an duine diadhaidh, “ris an rìgh gu faod e a thoil a dheanamh; ach a dh’aindeoin a chumhachd agus a chorruich gu’m bi mise an dara cuid air nèamh ar neo fo nèamh gun taing dha.
[Vol . 4. No. 11. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, SEPTEMBER 21, 1895.
Litir Bheag a Ontario.
A CHARAID: —Tha mi sgriobhadh ugaibh mar charaid, a chionn gu bheil fhios agam gur a Gàidheal sibh, agus gu bheil a’ Ghàilig agaibh. Is duin’ òg mise mu choig bliadhn’ deug air fhichead a dh’aois. Cha’n eil ach fior bheagan Gàilig air a labhairt an am choimhearsnachd, agus mar sin cha d’fhuair mi ach droch chothrom air a h-ionnsachadh; ach dh’ionnsaich mi beagan dhith agns chuir mi romham mi-fhéin a theagasg innte, oir bha mi ’meas gu’m bu chòir do Ghàidheal a bhi comasach air cainnt a phàrantan a labhairt ’sa leughadh. Agus tha mise ’g radh ribh gu’n d’rinn mi toileachadh ’nuair a chuala mi mu’n MHAC-TALLA, agus chuir mi g’a iarraidh gun dàil. Tha mi a’ faotainn air adhart glè mhath leis. B’fhior thoigh leam sgriobhadh ugaibh anns a’ Ghàilig, ach cha téid agam air sin a dheanamh fhathast. Is e mo bharail gu bheil ur phaipear gasda na shàr mheadhon air fòghlum a thoirt do dhoine anns a Ghàilig, ma tha beag no mhor aca dhith gu tòiseachadh air iad fhéin ionnsachadh, no ma tha bheag de mheas ac’ oirre mar chanain. Tha mi an làn dhòchas gu’n dean Clannaibh nan Gàidheal an uile dhichioll air an aon phaipear Gàilig a th’aca, cha’n e mhàin a chumail suas, ach a chur air bonn bhar nach fhurasda charachadh. Is bochd a chùis mur a dean iad sin. Gheobh sibh dolair anns an litir so air son bliadhn’ eile dhe’n phaipear, agus ’nuair a bhios a bhliadhna sin seachad, mur a ruig dolair eile sibh thoiribh cogar dhomh agus ruigidh e sibh gun moran ùine chall. Is mise ur caraide dileas.
R. I. GRANND.
Gleann Chashion, Ont.
Fhuair fear Uillam Conbrough ann an Glascho ochd bliadhna dhe’n tigh-oibreach o chionn ghoirid air son ionnsuidh a thoirt air a bhean ’sa nighean a mharbhadh.
Bha aig ministear uair ri càraid òg éigheach anns an eaglais, agus dhiochuimhnich e e gus an robh e dol a’ thoirt a mach a chinn-theagaisg. Ghairm e an sin le cabhaig gu robh Iain Cléireach agus Ealasaid Stiùbhart gu bhi air am pòsadh air Di-màirt a bha tighinn. Agus gun uiread us ’anail a tharruinn, leugh e ’n ceann-teagaisg, “Agus bithidh staid dheireannach an duine sin ni’s miosa na a thoiseach.”
’Sé ’m bàta Geancach a fhuair an réis air an t-seachdain s’a chaidh, agus tha’n cupan ri fuireach anns na Stàitean aon bhliadhna eile. Ma’s math ar barail ’s ann am Breatuinn a thugadh seachad mar dhuais e an toiseach. Choisinn bàta Geancach e o chionn còrr us leth-cheud bliadhna; thug i nall leatha e ’s cha deachaidh e air ais riamh fhathast, a dh’aindeoin gach ionnsuidh a thugadh air. ’S fhiach an cupan mu cheud gini, agus thatar air àireamh mhor mhiltean de dh’airgead a chosg a feuchainn ri chosnadh. Cha’n e a luach idir a tha iad a sireadh ach an onair
Sean Fhacail.
Is fhearr iarunn fhaotainn na airgead a chall.
Is fhearr fuigheall fanaid na fuigheall farmaid.
Is fhearr sguab am bliadhna na adag an uiridh.
Is fhearr leisgeul salach na ’bhi gun leisgeul idir.
Is math an saoghal seo ma mhaireas e.
Is math nach eil iuchraichean an domhain fo chrios na h-aon mhnatha.
Is math gu’n foghainn nighean gobha do dh’ogha ceaird.
Is minig a bha droch bhròg air mnaoi greusaiche.
Is minig e thainig comhairle ghlic à ceann amadain.
Is miosa na’n uireasbhuidh tuilleadh s’a chòir.
Fhuair D. J. Damhnullach a stigh moran de dh’ aodaichean nachdair fhan, deacaidean agus cheòchdannan. Tha iad uile ’san fhasan a’s ùire, agus ’nan deagh bhargain.
A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig.
Tha ’n leabhar-ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor, Alto, Soprano,agusBass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair.
SGEUL EACHUINN
Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosodadh.” “Tha sin ceart’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e
RHODES & GANNON
a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “ ’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’nuair a bha mi déileadh ris roimhe.
[Vol . 4. No. 11. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Chaidh meairle dheanamh ann an tigh nan-litrichean, ann an Frederickton, N. B., o chionn ghorid; litrichean a ghoid anns an robh mach ’sa stigh mu choig mile dolair. Cha d’ fhuaireadh a mach fhathast co rinn a ghoid.
Tha na h-ùbhlan a réir coltais gu bhi glé shaor am bliadhna. Tha iad anabarrach pailt ann an Nova Scotia, agus ann an Ontario tha iad cho pailt ’s nach fhaighear pris a’s fhiach orra idir. ’S math sin dhaibhsan a bhios ’gan ceannach, ach cha bhi e cho math dhaibhsan a tha ’g an creic.
Chi ar luchd-leughaidh gu bheil ar caraide, Niall Domhnullach, am Baddeck, a dol a thoirt ionnsuidh air faotainn a stigh mar fhear-comhairle(councillor)do sgireachd na h-Aimhne Tuath. Cha ’n eil teagamh sam bith againn, ma chuirear a stigh e nach bi e cho math ri ’fhacal ’s nach dean e ’uile dhichioll air gach ceartas is urrainn da a thoirt do’n sgireachd.
Bha grunnan math sluaigh ann an eaglais St. Andrew’s oidhche Di-màirt, ag amharc air dealbhan àiteachan iomraiteach na h-Alba, agus ag éisdeachd ri ’n eachdraidh. Bha na dealbhan air an tilgeadh le solus làidir air pios mor anairt, agus bha gach ni cho soilleir ri ’m faicinn cha mhor ’s ged a bhiodh iad gu corporra mu choinneamh do shùilean. ’Se ar barail nach robh ’n t-aithreachas air duine dhe na bha làthair gu’n deach iad ann.
Fhuaireadh seann chladh air a’ chladach faisg air Cow Bay o chionn ghoirid. Bha sgioba de dhaoine ag obair air cladhach air son stéidh a chur fo dhrochaid a bha iad a cur thairis air caolas boag eadar a mhuir agus lochan uisge tha stigh o’n chladach, agus thainig iad air moran de chnamhan dhaoine anns an talamh. Cha’n eil fhios cuin a chaidh an cur ann. Tha cuid a’ deanamh dheth gu’m b’ iad na Frangaich a bha tiodhlacadh ann, agus cuid eile gu’m b’ iad na h-Innseanaich a bha ris, gu’n d’ thaing plàigh na ’m measg, ’s iad air campachadh air a chladach, a chuir as do na ceudan dhiubh, agus gu robh iad air an tiodhlacadh ’san àite ud.
Bha sabaid ghrànda ann an Ceap Nòr oidhche Di-màirt s’a chaidh anns sn deachaidh coignear dhaoine a dhroch leonadh. Bha cuideachd bheag cruinn air banais ann an tigh Eobhain ’Ic Eachuinn, ghabh cuid de na daoine an daorach, agus anns an t-sabaid a bh’ aca, chaidh an còignear so a stobadh. Tha e air fhàgail air fear Iain Burton gu’m b’e rinn an cron, agus gu’m b’ ann le sgian-lùthaidh a rinn e e. Tha triùir de na daoine gle iseal. Chuireadh fios air dotair á Baddeck, ach bheireadh e da latha dheth an t-àite ruigheachd, ’s cha chuala sinn guth uaithe sin. Tha ’n t-àite glé fhad air chùl, ach tha sinn an dochas nach eil e cho fada ’s nach ruig ceartas air, agus gu’m bi iadsan a tha ciontach anns a chùis air an deagh pheanaisteachadh.
Bha féill mhor ann an Toronto air an t-seachdain s’a chaidh. Tha e air a mheas gu robh mu cheud mile duine air an fhéill Di-ciaduin. Tha féill bhliadhnail Eilean a Phrionnsa gu bhi ann an Charlottetown air an t-seachdain s’a tighinn. Gheobhair falbh agus tighinn eadar Sidni ’s am baile sin air son ceithir dolair gu leth. Cha ’n eil teagamh againn nach téid moran de mhuinntir an eilean so dh’ionnsuidh na féille sin. Tha féill eile gu bhi ann an St. John. ’Se so mios mam féillean.
Fhuaireadh corp Caiptean Walker air an t-seachdain s’a chaidh aigMalignant Cove,far an deachaidh a long-bhristeadh ’sa bhathadh, o chionn mios. Bha e air fhalach le gainmheich ’s le feamainn, agus thugadh an corp am folais le cù a thòisich air sgriobadh na gainmheich dheth. Fhuaireadh tri fichead dolair ’sa naodh ’san sporan ’na phòcaid. Thugadh a chorp dhachaidh gu bhi air a thiodhlacadh aig Amhuinn Inhabitants, far am bheil ’athair ’sa chuideachd a’ còmhnuidh.
Tha cuid-eigin a sgriobhadh á Ceap Breatunn gu paipear-naigheachd ann a’ Halifax, ’s ag innseadh gu bheil an taobh a stigh de dheich mile o ’n àit aige, ochd taighean sgoile nach deachaidh fhosgladh air an fhoghar so le cion mhaighstirean-sgoile, agus gu bheil ann an sgireachd eile faisg air, còig sgoilean gun fhosgladh air an aon dòigh. ’S bochd an sgeul so, ach tha sinn ’ga làn chreidsinn. Tha na sgoilean air a dhol air ais gu mor o chionn dha no tri bhliadhnaichean, agus mur deanar oidhearp air an cur ceart, bidh e cunnartach gu’m fàs a chlann òg suas gu’n uiread fhòghlum aca ’sa bh’ aig am pàrantan. Tha sinn an dòchas nach lean cùisean air an t-seòl air am bheil iad moran na’s fhaide.
Bha cruinneachadh teaghlaich ann am baile beag an siorrachd Ghlinn-Garaidh air an t-seachdain s’a chaidh. Bha còrr us ceud gu leth de Chloinn ’Ic Diarmaid cruinn, sliochd aon duine, Donnachadh Mac Diarmaid. Rugadh an duine so ann an siorrachd Pheart ’sa bhliadhna 1757, agus chog e fo bhratach Righ Deòrsa ann an America. ’N uair a fhuair na Stàitean iad fhéin a sgaradh o Bhreatuinn, thill Donnacha dh’an Ghàidhealtachd, far ’n do phòs e. An deigh sin thainig e gu New York, agus as a sin chaidh e dh’ Ontario, far an d’ fhuair e bàs an deigh aois ceithir fichead bliadhna ’sa deich a ruigheachd. Bha e ’na eildear ’san eaglais àireamh bhliadhnaichean. Bha fear de mhic, Fionnladh, aig a chruinneachadh se, ’s e ceithir fichead bliadhna ’sa ceithir a dh’ aois. Tha de shliochd Dhonnachaidh beò eadar oghaichean us iar oghaichean ’s gu léir, da cheud ’s da fhichead ’s a dha.
Is Eireannach Morair Dunraven, an duin’ -uasal leis an leis a’ Valkyrie, agus tha e air a radh gu’n téid aige air e fhéin a shloinneadh air ais gu fear de righrean na h-Eirinn a bha beo ’san treas linn. ’Se theaghlach aon de na teaghlaichean a’s sine tha ’n Eirinn air fad.
Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
[Vol . 4. No. 11. p. 6]
A GHEALACH.
Labhair sinn roimhe air na reultaibh Mercuri, Bhenus, agus an Talamh, agus nochd sinn gu’n robh an làithean agus an òidhchaan aca maraon. Tha teallsanaich an dùil, gu’m bheil gealaichean aig Mercuri agus Bhenus, chum an oidhchean a shoillseachadh; ach air do na reultaibh sin a bhi co teann air a’ ghréin, cha ’n ’eil innleachd air an gealaichean fhaicinn, ma tha iad aca. Ach tha sinn cinnteach, gu’m bheil aon ghealach mhor, bhuidhe, againn fein, chum dorchadas ar n-òidhchean fhògradh air falbh; agus nì sinn dìchioll, a nis, air cùnntas goirid a toirt oirre. Cha’n eil a’ ghealach ’n a reult, mar a ta Mercuri, Bhenus, an Talamh, agus reultan eile, ach is ball cruinn i, a ta ’cuairteachadh na talmhainn againne mar tha an talamh a cuairteachadh na g greine! Tha ochd gealaichean deug, gu lèir, aig na reultaibh a bhuineas do’n ghréin againn; agus diubh so tha aon aig an Talamh, ceithir aig Iupiter, —seachd aig Saturn agus sea aig Urànus. Tha a’ ghealach againne ’cuairteachadh na talmhainn ann an seachd la fichead, seachd uairean agus tri agus da fhichead mionaid; ach o chaochladh gu caochladh, tha i ’gabhail naoi la fichead, da uair dheug, agus ceithir agus da fhichead mionaid, chum a cuairt a choimhlionadh. Tha i beag an coimeas ris an talamh; oir cha’n ’eil i ach dà mhìle, aon chèud, agus tri fichead de mhìltibh troipe, an uair a tha an talamh dlùth air ochd mìle de mhìltibh troimhe! Tha’n talamh uime sin, còrr agus tri fichead uair ni’s mò na ’ghealach. Tha i ni’s faide o’n talamh air uairibh seach a chélle ach tha i mar a’s trice mu dhà cheud, agus da fhichead mìle de mhìltibh air astar uaithe! Tha i a’ siubhal ’na cearcall mu’n cuairt do’n talamh da cheud, ceithir fichead agus deich de mhiltibh anns an uair! Tha’n talamh a’ cuairteachadh na gréine ann am beagan a thuilleadh air tri cheud, tri fichead, agus coig làithean; tha ’ghealach, uime sin, a’ cuairteachadh na gréine ’san ùine cheudna; ach tha i ’deanamh mòran astair a bhàrr air an talamh, do brìgh gu’m bheil i ’ga chuairteachach gach mios, agus a’ cumail suas ris, a thuilleadh air sin, ’na chuairt mu’n ghréin. Air an aobhar sin, tha e soilleir, gu’m bheil a’ ghealach a’ deanamh cuairte na talmhainn mu thimchioll na gréine ann am bliadhna; ach osbarr tha i an taobh a stigh do’n ùine sin a cuairteachadh na talmhainn ’na cearcall fein tri uairein deug. Tha ’ghealach cosmhuil ris an talanh, ’n a meall cruinn,dorch ìnnte fein, a ta soilleir a mhàin trid ghathannaibh na gréine a bhi ’bualadh oirre. Air an aobhar sin, tha ’n leth sin dhith a ta fa chomhair na greine a ghnàth soilleir, agus an leth eile ann an dorchadas. Cha’n fhaic sinne i aig àm a caochlaidh, do brìgh gu’m bheil i dìreach eadar sinn agus a’ ghrian, agus an taobh dorch dhi ruinn. Ach air di beagan astair a dheanamh ’na slighe chì sinn earrann bheag do’n taobh shoilleir aice, a ta sìor mheudachadh, gus am bi i fa chomhair na gréine, air an taobh eile do’n talamh, an uair a chì sinn an taobh soilleir aice gu lèir, agus an sin, tha i làn, cruinn, agus deàlrach. Air an dòigh cheudna, tha i a’ caitheamh, gus an ruig i, a ris, eadar sinn agus a’ ghrian, an uair nach faicear idir i. Tha i cosmhuil ris na reultaibh a’ tionndadh air a mul fein, agus tha e anabarrach iongatach, gu’m bheil an ùine a ta i ’gabhail chum sin a dheanamh co-ionann ann am faidead ris an ùine a ta i ’toirt a mach, chum cuairt a chur air an talamh. Agus air do’n chùis a bhi mar sin, tha e ’tachairt gur e an aon taobh dhi a ta’n còmhnuidh ruinne, ge b’e àite d’a cuairt anns am bì i. Tha’n taobh so a ghnàth soilleir; oir an uair nach bi a’ ghrian ’ga shoillseachadh, tha’n talamh a’ toirt soluis da, tri uairean deug ni’s deàlraiche na’n solus a ta ’ghealach a’ tilgeadh air an talamh. Tha’n taobh do’n ghealaich, gidheadh, nach ’eil sinne idir a faicinn, soilleir ré ceithir là deug, agus dòrch re ceithir là deug eile. Air do’n ghealaich a bhi co fagus do làimh, an coimeas ris na reultaibh, tha cothrom ni’s fearr aig na reultairibh air a faicinn le’n gloineachaibh. Tha iad, uime sin, a’ deanamh a mach gu’m bheil i cosmhuil ris an talamh, air a còmhdachadh le beanntaibh, gleanntaibh, agus machraichibh! Chaidh cuid de bheanntaibh na gealaich a thomhas, agus tha iad mar a’s trice da mhile air airde; tha iad cruinn, agus corrach, agus anabarrach lionmhor. Cha’n fhacas a bheag de choslas uisge anns a’ ghealaich, agus cha’n ’eil adhar aice no neòil mu timchioll, mar a ta aig an talamh. Feumaidh aimsir na gealaiche a bhi anabarrach iongantach, agus caochlaideach, air di a bhi, ré cheithir là deug air a claoidh leis an reodhadh a’s teinne a dh’ fheudas a bhith. Ma tha creutairean a’ ghabhail tàimh oirre, nì nach ’eil neochomasach, tha e cinnteach gu’m bheil iad air an dealbhadh le nàdur freagarrrch air a son; oir, a réir air beachd-ne, cha b’urrainn do chréutairibh na talmhainn so a bhi beò oirre.
Ged tha solus na gealaiche dìblidh agus fann, an coimeas ri solus deàlrach na gréine; gidheadh, tha e féumail agus taitneach, chum dorchadas nan òidhcheannan fada geamhraidh fhògaradh air falbh! Shuidhich an Cruithear a’ ghealach ann an speuraibh néimh, mar “an solus a’s lugha a’ riaghladh na h-òidhche,” agus rinneadh i “air son chomharan, agus air son aimsirean, agus air son laìthean, agus bhliadhnachan,” co math ris a’ ghréin! Air an aobhar sin, tha ach beag, gach uile chinneach a’ tomhas ùine le cuairtibh na gealaiche! Tha cuid de chinneachaibh ann, nach ’eil a’ tomhas na h-aimsir le bliadhnaibh idir, ach a mhàin le gealaichibh; —agus mar so, ged robh daoine ’nam measg ceud bliadhna dh’aois, ìnnsidh iad an aois cha’n ann le bliadhnaibh, ach le àireamh nan “gealaichean,” a bh’ ann o’n là air an d’rugadh iad! Thugadh aithne do na h-Israelich iobairtean-loisgte, agus tabhartais-bidh a thoira suas ann an toiseach am mìosan, agus tha sinn a’ faicinn gu’m beil “gealaichean ura,” “Feillean suidhichte,” agus “Sabaidean,” air an ainmeachadh mar amannaibh a bha naomh do’n Tighearna! —Bhuanaich na h-Iùdhaich ann a bhi séideadh an trompaidean aig àm an gealaichean ùra, gus an do sgapadh iad air feadh an t-saoghail.
Gu muinntir na h-Aimhne Tuath.
A CHAIRDEAN: —Air iarrtus moran de’n luchd-taghaidh, tha mi ’cur romham feuchainn ri bhi air mo thaghadh mar fhear-comhairle do ur sgireachd. Rugadh agus thogadh mi air an Amhuinn a Tuath, agus is aithne dhomh gabh cùil us cearna dhith. Ma ’s e ur toil mo thaghadh ni mi ni’s urrainn mi air son math na sgireachd agus na siorrachd air fad. Feuchaidh mi ris na ròidean ’s na drochaidean a leasachadh ’sa chumail air dòigh. Tha mi gealltinn cuideachd mo dhichioll a dheanamh air stad a chur air reic na deoch làidir. An dòchas ur fhicinn uìle roimh latha ’n taghaidh, Is mi,
Ur Seirbheiseach Dileas
NIALL DOMHNULLACH.
Baddeck , C, B., Sept. 21, ’95.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
[Vol . 4. No. 11. p. 7]
Sean Fhacal.
Ag itheadh na cruaiche fo ’crios.
Dh’ éirich an sean fhacal so o ’n chleachdadh a bha agus a tha cumanta ’san dùthaich, ’s e sin, a bhith ’toirt sguaban a taobh na cruaiche an uair a thachradh nach biodh ùine ann gus a bristeadh, agus earrann dhith a chur do ’n t-sabhal. Ged a bhiodh a’ chruach na seasamh cha bhiodh tail innte idir, agus an uair a chuirteadh do ’n t-sabhal i cha seasadh i fada.
Tha na briathran mar an ceudna a’ dearbhadh dhuinn gur fhad’ o ’n a chaidh am facal a radh. Cha ’n ’eil fhios am bheil a’ bheag an diugh beò do ’n aithne cruach-chriosach a dheanamh. B’ iad na cruachan-criosach na ceud chruachan air am bheil iomradh againn. Tha ceud bliadhna, no corr, o ’n a sguireadh dhe ’n deanamh, agus o thòisicheadh air deanamh nan cruachan-sreathach. Cha ’n fhaicear na cruachan-sreathach fhéin a nis. Tha h-uile neach air sgur dhe ’n deanamh o ’n a dh’ ionnsuich iad na cruachan-tubhiadh—no mar a theirteadh—na cruachan-Gallda, ’dheanamh.
Tha ’n gnàth-fhocal so, ma ta, a’ comharrachadh a mach dhuinn ni a tha tuilleadh ’s a’ chòir cumanta, ’s e sin a bhith ’g itheadh agus ag òl an airgid mu ’n coisnear e. Tha iomadh seirbhiseach agus searbhanta ann a tha ’togail an tuarasdail mu ’n coisinn iad e; tha tuathanaich bheaga agus mhòra ann a dh’ ith roimhe so cuid dhe ’n stoc a th ’aca air an fhearann; tha marsantan ann a dh ’ith a’ bhuannachd nach d’ rinn iad fathast: tha iasgairean ann a dh’ ith an t-iasg nach do mharbh iad fhathast; agus faodar a ràdh gu bheil mòran sluagh anns gach àite a tha ’deanamh a’ cheart ni. Tha’n dòigh so, ma ta, a’ cur call anabarrach mòr air daoine. Cha ’n fhaigh neach sam bith air aghaidh anns an t-saoghal fad ’s a bhios e leantuinn air an obair so.
IAIN.
MAC-TALLA
Tha na h-àireamhan a leanas dhe ’n MHAC-TALLA a dhith orm: tha mi ’deanamh leabhar dhiubh, agus tha mi air son na h-àireamhan a bhi agam uile. Vol. I. —Nos. 1 gu 10, 12, 12, 15 gu 22, 25 gu 27, 31, 33 gu 46, 49, 51, 52; Vol. II. —Nos. 2 gu 4, 7, 8, 10, 13, 21, 24, 26 gu 32, 34, 37 (April 7mh,) 44; Vol III. —2, 30 gu 32, 35, 37. Bidh ni toileach 3c. a phàigheadh air son gach àireamh, ma chuireas duine deich àireamh no barrachd d’ am ionnsuidh.
E. DOMHNULLACH,
33 St. Paul Street, Islington,
London, England.
DR. T. C. MAC LEOID.
Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheilMoore & Johnstonri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.”
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B
Dr. T. G. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
[Vol . 4. No. 11. p. 8]
ORAN
A rinneadh an deidh bas Dhomhnuill Mhic-Gilleain, Fear Chornaig an Cola.
LE GILLEAESBIG MAC-GILLEAIN.
FONN. —Cumha Fear Ile.
Gur h-e mis’ th’ air mo leonadh
Mu ’n dubh bhron th’ air no chinneadh:
Thug am bas bhuainn Fear Chòrnaig,
Uasal og ’san robh spionnadh,
’S a bha cinneadail, cairdeil,
Agus baigheil ri bochdan.—
Tha do bhaintighearnan oga
’Dol air fogradh gun fhortan.
Leam is tragh do bhean-laighe,
’S i gun aighear, gun sugradh;
Chaill i ’n ceile ’bha taitneach,
Dh’ fhag i ’n tasgaidh san uir e;
Chaill i sin ’sa cuid bhraithrean,
Na fir shar ghasda, chliuteach.—
’S coir bhi striochdte do ’n Ard Righ
Bhon ’s e dh’ araich bho thùs iad.
Nam bu ni e ’bhiodh ordaicht’
Do mhac og a bhi ’t aite,
’Chumail pradhainn san teaghlach
Ann an saod mar a tha e,
Is an t-oighre ’bhi buadhail
Ann am buadhannan arda,
Ged nach faighinnsa feum dheth,
Leam a b’ eibhinn a chlaistinn.
B’ fhearr gum bitheamaid taingeil
Fo gach call, mar bu choir dhuinn;
Bhiomaid cinnteach a aite
Mar-ri Slanaighear na trocair.
Cha doir cumha g’ ar n-ionnsaidh
’N t-aon a dhuineadh fo ’n bhord leinn;
Ach gu deireadh an t-saoghail
Chithear daoine ri goraich’.
An am suidhe nan uaislean
’S tusa bhuatha cha b’ fhiach iad;
’S tu gun cumadh an onair
Anns gach coinnimh ’san biodh tu.
’S e do chridh a bha soilleir,
A dheagh sgoileir a sgriobhaidh;
Is mairg fine bho ’n d’ fhalbh thu,
’Fhir gun dorchadas inntinn.
An am dol do’n taigh-chùrtach
Ghabhteadh curam dhe t’ fhacal;
Cha bu bhòsd ’s cha bu bhreugan
’Chluinnt’ o d’ bheul ach an ceartas.
Och is och, mar a tha sinn!
Fhuair sinn fàth a bhi ’g acain;
Dh’ fhalbh am flur bharr a gharaidh
Bho ’n la dh’ fhailtinich t’ asdar.
Chaidh thu bhaile Dhuneideann
’Chur an geill dhaibh a cheartais;
’S thanig bàta fo shiuil leat,
’S tu gad ghiulan ad chorp innt’ .—
’S iomadh aon a bha cianail
’Call nan diar gu trom frasach;
Bu bheag ionghnaidh dhaibh fein sud,
B’ fhiach an fheudail a bh’ ac’ e.
Ged a theid mi do Chola
’Dh-iarraidh cothroim san eucoir,
’S gann gum fuiling iad m’ fhaicinn
Ach mar aiteal na greine.
’S ann a tha mo chul-taice
Anns a chaibeal gun eirigh,
Far a bheil mo luchd-eolais,
Na fir mhòr-chuiseach, threubhach.
Gur a h-iomadh duin’ uasal,
Fearail, suairce de m’ chinneadh,
A tha ’nis air an sgaoileadh,
Is nach faodar a thional.
’S cha b’ e olcas an nàdair
Chuir na sàir ud gu iomall.
Bha iad firinneach, baigheil,
’S bhiodh iad dan anns an iomairt.
’S corrach bàta gun acair,
Gun bhuill-beirte, gun chabaill;
’S ionnan sin ’s mar tha sinne
’N deidh ar milleadh le gàbhadh.
Bha sinn roimhe so ’n Dubhairt
Mar bu shubhach le ’r cairdean;
Bha sinn cliuiteach mar fhine
Gus ’n do mhilleadh Righ Tearlach.
Tha ar cuid aig ar naimhdean,
’S iad gun suim aca dhinne;
’N la a’s fhearr ’bhios an sliobadh,
Cha bhi ’n cridh’ dhuinn ach fionnar.
Ged bu shuarach dheth Bròlas,
Thug e solus da’r cridhe
Gun do spionadh e bhuatha
Leis an uachdaran dhligheach.
A dheagh Ailain nan Drimnean.
Is mor iomagain do chairdean
Gun do dhealaich thu bhuatha,
’S iad gun uachdaran ard orr’.
Criosd gad choimhead ’s gad stiuradh
Anns gach cuis sam bi gabhadh:
’S b’ fhearr gum faicinn le m’ shuilean
Thu ’bhi ’d Dhiùc Earra-ghaidheal.
Nuair a thigeadh tu ’n duthich
Gum bu chliuteach do ghnàthan,
Bhiodh do phiobair’ ad chuideachd
Ri toirt urraim do d’ chairdean.
Bhiodh na mnathan ri orain,
Is fir oga gan tàladh;
’S bhiodh na bodaich nan sinneadh
Air an driom anns gach aite.
Saoil am fagainn air dichuimhn’
Teaghleach priseil Loch-Buidhe’?
Far an taoghaileadh luchd-tamha,
’S bhiodh gach ait ann an uidhim.
Bhiodh fion datht’ ann an ordagh
Air a bhord a bhiodh subhach.—
’M fear a chaisgeadh an ruaig bhuainn
A bhi bhuainn ar sgeul dubhach.
Am fear misneachail, dana,
Anns a bhlar bu mhor urram;
Bhiodh an ruaig air do namhaid,
Is e craiteach bho d’ bhuille,
Sar cheann-fine neo-sgathach
’Bu mhath lamh air a ghunna;
’S iomadh aon a bha craiteach
Bho nach danig thu Mhuile.
’S bochd mar dh’ fhogradh Sir Eachann
As an fhearann bha’n coir dha.
Chuir sud sinn’ air an daonnachd,
’S fad ar saoghail bidh bron oirnn’.
Do na fir a tha ’n lathair
De ’n dream ardanach, mhorail,
Guidheam Criosda mar dhideann
Bho luchd-mioruin ’s bho dhoruinn.
Pradhainn, press of business, throngness.
C . H. HARRINGTON & CO
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig.
title | Issue 11 |
internal date | 1895.0 |
display date | 1895 |
publication date | 1895 |
level | |
reference template | Mac-Talla IV No. 11. %p |
parent text | Volume 4 |