[89]

[Vol . 4. No. 12. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 28, 1895. No. 12.


Litir as an Eilean Sgiathanach.

FHIR MO CHRIDHE: —Ged is iomadh sgeul taitneach a chuala sinn uat fhein o chionn leith-bhliadhna, cha do chuir a h-aon seach aon de do chàirdean anns an eilean so a bheag de naigheachdan sam bith adionnsuidh. Cha bann mar so bu chòir don chùis a bhith idir. Chaneil mi fhein ateannadh ri gabhail leithsgeulan sam bith dhut. Cha ruig mi leas. Cha dean leithsgeulan feum dhomhsa no dhutsa. Mar sin, bheir mi oidhirp air cunntas a thoirt dhut ann am briathran cho gearrs is urrainn domh air cor na dùthchadh.

Ged a bha deireadh agheamhraidh agus acheud mhìos den earrach anabarrach fuar le reothadhs le sneachd, thainig sìde gle mhath mu àm na curachd, agusna dheigh sin. Cha robh am fodar cho pailt o chionn iomadach bliadhnas a bha e air abhliadhna so. Mar dhearbhadh air so foghnaidh dhomh a ràdh gu bheil cruachan a dharbhar na bliadhna an uiridh rim faicinn ann an iomadh iodhlainn air feadh gach cearn den Ghàidhealtachd. Tha coltas math air barr na bliadhna so anns gach àite mar an ceudna. Chaneil abhuain cho tràth am bliadhnasa bàbhaist di bhith, oir bha am mios mu dheireadh den t-samhradh agus acheud mhios den fhoghar car fliuch, agus cha dthàinig an t-abachadh cho tràthsa bàbhaist dha. Ach ma thig sìde mhathna dhéigh so gheibhear am barr cruinn ann an àm math fhathast. Tha h-uile coltas gum bi am buntata gu math pailt. Cha dthàinig abheag de choltas aghaiseidh ann fhathast, agus abhliadhna a dhfhanas an gaiseadh air falbh gus an tig mios meadhonach an fhoghair gu math a steach, mar a rinn e am bliadhna, is ainneamh leis call mòr a dheanamh.

Bha toradh na mara gu math pailt am bliadhna. Rinn na h-iasgairean feum math araon air iasgach nan langan, agus mar an ceudna air iasgach an sgadain, ged nach robh aphrìs cho àrds a bha i bliadhnachan eile.

Bha prìsean air crodhs air caoraich ni bàirde na bha iad o chionn aireamh bhliadhnachan. Thug so mòr-chuideachadh agus misneach mhath araon don tuath bhig agus do na tuathanaich mhòra. Ach chaneil prìsean cho àrd aig an àm sos a bha iad mu chaingis. Cha dfhàs an tuirneip aig na tuathanaichs an taobh deas cho maths a bàbhaist di, agus mar sin chan urrainn daibh uibhir de stoc a bheathachadh. An uair a bhios an geamhrachadh pailt air aGhalldachd seasaidh na prìsean gu math gu deireadh na bliadhna. Ach on a bha na prìsean gu math fad an t-samhraidh reiceadh an stoc gu fìor bheagan mun do thuit iad.

Bha gluasad mor am measg an t-sluaigh air feadh na dùthchadh gu léir an uair a bhatar ataghadh buill na pàrlamaid. Re nan trì bliadhna a bha naLiberalsariaghladh cha drinn iad feum mòr sam bith don Ghàidhealtachd, ged gheall iad mòran math a dheanamh. Thug so air an t-sluagh an cumantas a bhithsmaoineachadh gum bu cho math dhaibh an riaghladh a chur car ùine ann an lamhan nan Tòiris. Is ann mar so a rinn iad. Ma chumas na Tòiris rin gealladh ni iad feum don dùthaich. Ach mur cum, cuirear as an dreuchd iad ann an ùine gun bhi fada, agus is math an airidh. Chaneil e ceart do dhaoine a bhith mealladh an t-sluaigh le bhithgealltainn nithean dhaibh nach urrainn daibh a cho-ghealladh. Tha na Tòiris agealltainn Achd a dheanamh leis am faigh na tuathanaich bheaga is mhòra comas, le cuideachadh aChrùin, air an cuid fearainn a cheannach as aghrunnd, air dhòighs gum bi a h-uile fearna uachdaran air a chuid fearainn fhein. Ma ni iad so, ni iad obair mhath. Tha iad agealltainn mar an ceudna gun deanar rathaidean-iaruinn, air chosg aChruin, ann an àiteachan iomallach den Ghàidhealtachd, a chum gum bi na h-iasgairean comasach air an cuid éisg a chur ùr a dhionnsuidh amhargaidh.

Tha aire mòran den t-sluagh anns na làithean so air a tarruinn a dhionnsuidh na h-obrach a thadol air aghart ann an Neu Dhorc. Is e miann gach neach gun coisneadh am bàta Breatunnach abhuadh. Ach tha eagal oirnn nach coisinn. Nam bann air an aon chumadh a bhiodh an bhata air an togail tha sinn cinnteach gur i am bàta Breatunnach a bhuadhaicheadh. Mun tig seachduin on diugh bidh fios againn co an as fhearr a sheòlas.

Cha bhi mi fada gun sgriobhadh ugad a rithist. Than oidhche a nis afàs fada, agus bidh móran a bharrachd ùine agam gu sgrìobhadh na bhagam on a thàinig an samhradh.

Is mi dfhìor charaid an a chìs nach fhaic.

IAIN.
12, 9, ’95.


Bha Co-sheirm Ghàilig aca anns an Oban air an deicheamh latha dhen mhios so. Tha co-sheirm mar so aca na h-uile foghar, Bha Piobaireachd agus òrain Ghàilig gu leòr aca, agus mar an ceudna dha no tri dhòrain anns a Ghàilig Eironnaich us anns achainnt Welshach. Bha ina co-sheirm cho mathsa bhaca o chionn fhada.


Sean Fhacal.

Is fhearr aon tigh air a nighe na dha dheug air an sguabadh.

Is fhearr beagan stòrais na moran chàirdean.

Is fhearr bàrr mòr, ach fòghnaidh bàrr beag.

Is fhearr bean ghlic na crann us fearann.

Is ionann aithreachas-crichesa bhi cur sil mu Fheill-Màrtainn.

Is ioma tebhios cearbach aig abhaile, a théid gu riomhach thun na féille.



[90]

[Vol . 4. No. 12. p. 2]

COMHRADH.

EADAR EOGHAN AGUS DOMHNULL.

DOMHNULL. —Failt Ort, Eòghain.

EOGHAN. —Failt ort féin, a Dhomhnuill; air a dghart, a dhuine, feuch am faigh thu aite-suidhe.

D. —An ann ri cràidhleig a tha thu, ghoistidh?

E.— ’S ann agus ged is ann cha mhath mo lamh oirre. Ach math no dona isfhearr i na bhi ruith nan iasad.

D. —Na h-iasadan, fhir mo chridhe! Nacheil iad an déigh mo chreachadh. Ma bhios cràidhleig a dhith air duine, tha te aig Domhnull Mor, mas e guit, no criathar, fal-feòir, na corran-speal, tor-sgian, no lair-cheibe, gu urad na corr-shugain, ruig Domhnull Mor, an duine coir, lamh na sgoinne, agus gheabh thu t-earligidh. Tha mi toilichte a bhi gadfhaicinn féin cho dian an nochd ri dhuit féin bhon a dhichuimhnich thu iasad na bliadhna an uiridh a chur dhachaidh.

E. —Mata, a ghoistidh, ’s feudar dhomh aideachadh gum bheil thu ceart, achse do dhalta fein, Domhnull Beag, a dhfhàg a machsan Lag Mhor i, agus nuair a fhuair mise i cha bfhiu i a cur dhachaidh; ach se do bheatha a dhionnsaidh na so nuair bhios i reidh.

D. —Tapadh leat, ach ciod i do naigheachd? chuala mi gun tainig Mor dhachaidh, agus cuideachd gun do phòs i; agus thainig mi a dhaon sgriob a nall gafaicinn.

E. —Mata, a ghoistidh, chuala tusan fhirinn; tha i agad ann an ceann eilan taighe gu leathan, laidir.

D. —Tha mo cheadsa aice, banag, ach gu de am fear a fhuair i, mur mi mhodhail a cheist?

E. —Ud, ud, chan eadh, a ghoistidh. Tha i air a deagh phòsadh, ’san làn chothrom, ’s gu de is fearr na sin.

D. —Tha mi toilichte sin a chluinntinn, ach ciod is ceaird dha?

E. —Mata, a ghoistidh, tha ceaird iongantach, ceaird nacheil feadh na Gaidhealtachd againne— ’s nach cuala mise riamh; thar leam gur ecow - feedermhuc thuirt Mor rium a theirteadh ris.

D. —Fhearasa dhaoine, ’ne Frangach no Ruiseanach a tha ann? oir tha mim barail nach e Eirionnach a bhios ann oir cha chuala mi a cheaird riamhfeeder!

E. —Se ba-thigh mhuc tha e gleadhadh.

D. —Ud! a Ghoistidh nach robh cho math dhuit ba-thigh each a radh ri ba-tigh mhuc.

E. —Mata, Dhomhnuill, chan fhios dhomhsa co dhiubh is ba-thigh muice no circe thann, ach seo agad Mòr féin à tighinn bhom faigh thu bun gach sgeòil.

Mor. —Ciamar tha thu, Dhòill?

D. —Tha mi ann an riaghailt.

M. —Ciamar tha bheansa clann?

D. —Taing dhuit, a Mhor, tha iad gu lan mhath gun diths gun deireas.

M.— ’S mi thahappysin a chluinntinn, bha gaol mor agam orra, cha da leig mi riamh as morecollectioniad.

D. —Ciamar bha thu fein bhon a dhfhalbh thu?

M. —Bha misefirst class;bha mi aigmistressuamhraidh maths iextraordinary kind. ’S bha feum agamsa air sin, ceann toiseach a geamhraidh, chan ann ach aigNew Year Day,fhuair mi drochtouchdo nabroon Katiesagus an deigh dol ni bfhearr, bharelapseagam bhadesperate severe.

D. —Tha mi duilich sin a chluintinn; ach an lighiche Galld a bha frithealadh ort, cha chreid mi nach do stad pairt da chuid chunganibh nad mhuineal.

M. —Dear me!chan eil mi tuigsinn a Dholl.

D.— ’S mise a dhfhaodas sin a radh riut-sa ledextraordinaries , recollections, happy, broon Katies.Ach de an te bhann amBroon Katies?

E. —Mo mhile beannachd ort féin a Dhòmhnuill; cha do thuig mise an darra leth da cainnt bhon a thainig i.

M. —Ridiculous !Ciamar nach do thuig sibh mi, aphapa ?

E. —Ciamar a thuiginn thu chaomhag le dphrabartaich Bheurla am miosg do Ghailig, ainmean ur air a h-uile rud, Ash pit,air toll na luatha, Hearth Stone,ri clach an teintein, Grate ,ris a chagailt, Pass door,ri dorus a chathadh, Parlourri ceann-eile an taige, naHattics ,ris an fhàradh; gu de nis a their thu féin ris an dòigh ùr so, a Dhòmhnuill.

D. —Mata, a ghoistidh, chan eil mise a gabhail mor iongantais sam bhith don chothlamadh Ghàidhlig tha aig an àl òg. ’Nuair nacheil aon sgoil Ghàilig an nis san dùthaich so, tha eadhain na ministeirinn féin, na h-aghaidh, co mor agus nacheil i air a treagasgs na sgoiltean Sàbaid aca. Tha na h-uaislean fein na h-aghaidh, agus saoilidh mi, gum bheil uaislean beaga nam buithean iad féin a toirt an cùl rithe.

E. —Than fhirinn agad a rithis, a Dhomhnuill; tha mi faicinn a h-uile car tha nis atighinn air an t-saoghal agus nach measar daoine nanuaislean ma labhras iad Gàilig.

D. —Nacheil e ann sa bhuns annsa bhar dhiu, mar tha a ghaoidsa bhuntàta. Thainig Mairi bheag agam dhachaidh bhar a céilidh an oidhche roimhe, ’s thuirt a mathair rithe sealltuin an robh an buntata bruichs nuair a thaom i e, ghlaodh i ri mathair, tha soliterally spoilt.Nach faic thu sin, aois nan dusan bliadhna, nach dfhàg riamh teintein a h-athar; ach nach fhaod sinne bhi coma; bithidh Gaidhlig ann am fad sa bhios sinne beò.

M. —Sin sibh fein, a Dhoill, bhaopinionduinesensibleagam riamh oirbh, ’s chan ionnans nahillerateseile tha feadh na duthcha againn, a thavoidguncommon sense.

D. —Tog dad shodal a Mhor, chan fhaod mi leigeadh leat, feumaidh mi tiunndadh ort, agus innseadh dhuit, gu bheil thu nad chulaidh bhurds nad chuis nàire don dùthaich dam buin thu, le dfhacail mhora Bheurla am measg na Gàilìg, agus gun fhios agad ciod is brigh dhaibh nas momha na tha aig bonn mo bhroige.

M. —Oh dear me!Dhoill, tha sibhrather severeorm.

D. —Chan eil misevere ,mase sin a their u ris.

M.— ’S fheudar dhomh aideachadh gum bheilme quite out of practiceair a Ghàilig.

D. —Gabh, a Mhor, a h-uile leisgeul a thogras tu agus cha shaor iad thu bho dchionta. ’S e lan aineolas, cion tuire, uabhars mead-mhor gun chur leithe, tha toirt ort bhi cho Gallda.

M. —Tha fios agam nam biodh sibhse amoveadhanns ansocietysam bheil mise, nach biodh sibhone iotana bfhearr.

D. —Leigidh mi tàmh dhuit, a Mhoir tha thu ndeigh mfhàgail tinn.

M. —Eisdibh rium, a Dhoill, agus faodaidh sibh mo chreidsinn, ach feumaidh mi an aire thoirt do mtheanga, bhon tha sibh choparticularmur Gailig. Nam bithinnsa gun facal Beurlanam cheann, cha robh min diugh posda



[91]

[Vol . 4. No. 12. p. 3]

riMr . Michael Cassidy of the Calton Piggeries.

D. —Ne so an duine tha agad, Eirionnach gu chùl, agus drobhair mhuc. Carson nach dthug thu dhachaidh e?

M. —Ne mise a bheireadh don chrusgail thaighe so e. Nan dthugadh, cha chluinnin a chuid mu dheiridh dheth—I ’ll warrant.

E.— (A tilgidh na craoidhlig uaithe) —Air t-athais, a Mhor, ged is tu mo nighean, cha leig mi leat e. Esan an teangaire baoth gum biodh do dhànadas agad a thoirt a steach do mfhardaich chaoimh! Cha leig mi an tàmailt dhiom gu siorruidh Eirrionach a bhi dhomh na cliabhain; agus mas e sin meas tha agad air bothan a bhlathais, ris nach do dhlùthaich riamh an t-acras truis do chuid ghiobag agus tarruing leis aClydesdaleDi-màirt.

M. —Ni mi sin, ’s dhaoite nach fheirdesibhse sin.

D. —Eoghain, tha thu tuille is trom air Mrs. Cassagach, feumaidh mise a leisgeul a ghabhail.

E. —Cha leig thu a leas thu féin a chur san dragh a Dhoill, cha dthubhairt mi ni ach rud a thoill i. Nach daichidh i a h-atharsa màthair agus a dùthaich. Mo naire oirres air a h-uile gin dhe seorsa, prabagan odhar a mhiallaidh tha san àl so; ma gheibh iad bonaid sgrath orra, ’s gùn sioda chan eil a chridhe sealltinn orra.

(Chaidh e a mach.)

D. —Bfhear leam nach dthàinig mi riamh don tigh so, oir sann ri mlinn a dheirich an aimhreite. Bha Mor cearrs bha a h-athair cearr; ach co rachadh eadar rìu? agus gabhaidh mise mach air an dorus cùils mur h-aithris iad féin e chan aithris mise e.


NA PIOBAIREAN IS NA CEAIRD.

Bha righ no triath aig na ceaird ann an Alba uair ris an abradh iadBilly Marshall.

Nuair a chaochail esabhliadhna 1792, bha e sia fichead bliadhna dhaois. “Is mor a chi an duine a bhios fada beòagus nam bfhior sin bu mhòr a chunnaic agus a thuilleadh air sin bu mhor a rinn e fad a shaoghail fhada. Ghabhadh e leabhar mor cùnntas a thoirt air na gniomharan a rinneadh leis-fhéin is le cuideachadh na fine mòirebhaga leantuinn. Nuair a bha Billyna dhuine òg ghabh esan arm agus beagan an deigh sin chuireadh aréiseamaid air falbh gus an Olaind. Bha na h-oifigichs na saighdeirean glé eòlach air Billys air a dhòighean saor, fiadhaich, ach bu mhòr an t-ionganntas a chuir e air ceannard na buidhne dam buineadh e le bhi foighneachd lathaa bheil naigheachd air bith agaibh do bhur muinntir aig an tigh?” “Carson a tha thu foighneachd?” “O, “arsa Billy,” “nam biodh naigheachd agaibh dhinnsinn i do bhur càirdeannuair a chithinn iad.” “Moran taing dhuit a dhuine!” arsMac Cullach (be sin ainm an ofigich) “ach bithidh e fada gus am faic aon chuid thusa no mise caraid air bithan Albainn ma chi sinn iad idir.” “Theagamh, theagamh, ach cha-n eil mi cho cinnteach. Co dhiu air mo shon-sa dheth bithidh mise air falbh an nochd gu Albainn.” “Am bi,” arsa MacCullach, “co bhuaith a fhuair thu cead?” “Cha-n eil cead a dhith orm.” “Nach eil?” arsan ceannard, “cuimhuich gu bheil thu nis adshaighdear agus uime sin fo riaghailteans fo smachd nan oifigeach.” “Cha bhi nis faide,” thubhairt Billy, “cha robh am Margadh Mor aig Coillen Duin (Kelton) riamh roimhe-so gun mise a bhiam broilleach na cuideachd agus fhads a bhios comas nan cas agams ann an sin a bhios mi gach féill bhliadhnail. Innsidh mi do bhur leannan gu bheil sibh slan sùnndach. Beannachd leibh’ ,” agus thug e an rathad air. Ceart mar a dhfhàs e féin na bu shine gach bliadhna chaidh iomradh air a ghniomhara sgaoileadh na bfhaidemach air feadh na duthcha. Ach latha bhan sin thachair a leith-bhreac air. Air do dha phiobaire Gaidhealach athghearr a ghabhail thar a mhonadh bhan oidhche tighinn orras iad gun fhasgadh. Sùil dhan dthug fear de na piobairean chunnaic e lorg dhaoine air an fheur. Leanadh iad gu deireadh is ràinig iad creag mhòr. Chuir iad as a chéile na preasans am fraoch a bhan sin agus fhuair iad beul uaimh mòire. Smuainich iad gum be so ionad dionach sam faodadh iad fuireach gu maduinn. Chaidh iadnan dithis gu dàna steach agus an deigh dhaibh solus a lasadh, chunnaic, iad cho mor is cho ard is a bhan uamhcoltach ri tallaan caisteal Righ. Agus gu dearbh cha be gach uile caisteal mòr anns am biodh an urad de nithe luachmhor ri fhaotainn, oir be taigh-tasgaidh nan ceard anns an robh iad, is bha airgiod is òr, eudach is seudan, àirneis is biadh air an càrnadh suas air làr an t-seòmair so gun guth idir air na bhitheadh anns na seomraichean beaga eile. Is gann a bha iad tuigsinn gu ceart nach robh iadnan cadal is nach be bruadar so uilenuair a chlisg iad le bhi cluinntinn fuaim dhaoine aig beul na h-uaimh. Ciod a bha ra dhianamh oir mhothaich na ceàird gun deach cuid-eigin a steach don uaimh aca, is bha iad a muigh ri mionnans ri mallachd, air inbhe fheuchainn co bha stigh.

An robh da phiobair rìamh an staid bu mhiosa? Ach co dhiu cha do chaill iad am misneach. Chuir iad as don t-solus, thog iad am pioban agus mar a thug Billy roid a steach is a dhaoinena dheigh dheirich as an dorchadas fuaim motharach, uamhasach nach cualas riamh a leithid le cluasan dhaoine agus fhreagar mac-talla nan creag le mile guth. Thug na ceàird am buinn dhi ann an tiota is ruith iad leis a bhruthaich. Bu mhiann le gach fear a bhi air thoiseach air a chompanach, oir, “an duine bhios air dheireadh, beiridh abheisd airagus bha iad làn-chinnteach gum biodh an Donas e-féin airan tòir. Cait an creutair saoghalach a dhianadh a leithid de thoirm fhuaimneach sgreuchail? Bhon la sin a mach cha rachadh am fear bu thréine nam measg a steach don uaimh so. Ghabh na piobairean fois gu socair an oidhche sin, agus anns a mhaduinn chaidh iad air an aghaidh le cridhean aotram ach len cuid sporanan, us mhaileidean, is pocaidean cho trom is a burrainn a bhilàn de gach ni luachmhor a bfhurasda ri ghiùlan.


Chaidh am Morair Gilleasbuig Caimbeul le chuid phiobairean troimh Ghleann Comhain air feasgar an deicheamh latha dhen mhios so. Bha mòran bruidhne air a dheanamh mu dheibhinn roimh làimh, agus bha cuid ag radh nach leigeadh Clann Domhnuill leotha dhol air adhart gun mhaille chur orra, achnuair a thainig an latha cha do chuireadh bacail sam bith orra. Ged a bha na Caimbeulaichs na Domhnullaichnan naimhdean fuilteach da chéile anns na laìthean adhfhalbh bolc an obair dan sliochd a bhi cumail suas gamhlais air an sgàth.

Is mairg a thréigeadh a leannan buan air son fear fuadain na h-aon oidhche



[92]

[Vol . 4. No. 12. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, SEPTEMBER 28, 1895.

Chan eil a nise teagamh sam bith nach eil ceannaircich Chuba adol a dhfhaighinn an làmh an uachdair air na Spàinntich. Tha iad a sior ghleidheadh agus càch a sior chall, agus ann an ùine gun bhi gle fhada, bidh sùil againn ri chluinntinn gu bheil na Spàinntich an deigh en t-eilean àluinn sin a chall gu buileach. Tha ena fhàgail aig an Spàinn a bhi call a cuid fearainn anns gach cearna dhen t-saoghal. Bhuineadh a chuid mhor de cheann a deas Amesrica dhi ceithir fichead bliadhna roimhe so, agus an diugh chan eil òirleach dheth leatha.

Tha trioblaid aig an àm so eadar Breatuinn agusBelgium .Tha dùthaich ùr ann an Africa ris an canarCongo Free State,agus tha làmh aig àireamh de rioghachdan mora na Roinn Eorpana riaghladh, ach tha chuid as dhen ùghdarras air fhagail aigBelgium .Ghlac oifigeach ann an arm nanBelgians ,dan ainm Caiptean Lothaire, ceannaiche Breatunnach, Mr Stokes, agus air son cionta èigin nach eil ro ihoilleir, chroch e e. Tha corr us bliadhna on chaidh seo a dheanamh, ach cha dfhuaireadh fios air ann am Breatuinn gus o chionn ghoirid, agus a nise tha Riaghladh na dùthcha sin ag iarraidh gum bi an caiptean air fheuchainn air son mort, oir thatar atagradh nach robh Stokes air a dhiteadh, no air a chur gu bàs le cùirt dhligheach, agus ma gheobhar ciontach an caiptean bidh e air a chur gu bàs, agus feumaidhBelgiumpàigheadh glé dhaor air son a chuid oibreach. Chan fhuiling Breatunn aon da h-iochdarain a bhi air an cur gu bàs gu h-eucorach ann an cearna sam bith dhen t-saoghal, gun an tòrachd a thoirt a mach.

Tha na Frangaich a strith riMadagasgara chisneachadh, ach chan eil adol leotha ach gu h-olc. Tha iad a niseg obair o chionn àireamh mhiosan, tha na saighdearan a bàsachadhnan ceudan le tinneasan a thair a thoirt orra le mi-fhalaineachd na dùthcha, tha dha uiread airgid air a chosg cheanasa bha iad an dùil an toiseach a chosgadh an cogadh gu h-iomlan; ach a dhaindeoin sin, than t-eilean gun a chisneachadh. Tha iad a nise deanamh a mach gun toir e chuid as mo den gheamhradhs den earrach dhiubh an dùthaich a chur fon ceann-sal.

Bha coinneamh mhor aig na h-Eirionnaich ann an Chicago Di-màirt agus Di-ciaduin sa chaidh. Tha iad air fàs sgith de dhàmhuiltean am fir-parlamaid féin ann an Tigh nan Cumantach an Lunnuinn, agus tha iad air son pàirtidh ùr a chur air chois, pàirtidh aig am bisan amharc Eirinn asgaradh gu h-iomlan bho Chrùn Breatuinn. Tha iad air son Eirinn a bhi na Coimh-flaitheachd coltach ris na Stàitean, air a riaghladh le Riaghladair a thaghadh iad fhèin. ’Si ar barail nach faigh iad sin an da latha seo, agus ged a gheobhadh nach bicdh iad dad na bfhearr dheth mar sluagh na tha iad an diugh fo riaghladh Chrùn Bhreatuinn.

Ged a chaill na Breatunnaich an réis ann an New York aon uair eile, chan eil iad idir acall am misnich. Tha bruidhinn acan dràsda air cuideachd laidir a chur air chois air son bàta ùr a thogail a bhios na astraiche nas fhearr na, chan e mhàin bàtaichean nan Staitean, ach bàtaichean an t-saoghail uile. Tha e air a radh gu bheil Prionnsa Wales air fear dhiubhsan a tha gu bhisa chuideachd sin.

Tha teintean mora anns na coilltean air bruaichean AmhuinnSt . Lawrenceeadar Montreal us Cuibeic. Tha aireamh de thaighean air an losgadh agus iadsan a bha fuireach annta gun ni air fhàgail aca, ach cha do chailleadh beatha fhathast. Than ceò cho dùmhail air an amhuinns nach urrainn soithichean ach gann falbh oirridir.

Is leisg le leisgein dol a laidhe, agus is seachd leisge leis éirigh.


AChoisir ChiuilOrain Ghailig.

Than leabhar ciùil Gàilig so air a chur a machna thri pàirtean. Tha 62 de dhòrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oransa cheud Phàirt, 21san darra Pàirt, agus 20san treas Pàirt. Than ceòl, (Tenor , Alto, Soprano,agusBass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr don MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadhga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnathasa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, den Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair.


SGEUL EACHUINN

Bha midol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòrs ga robhchabhag, cha burrainn domh ach stadnuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dhuaireadairean, de dhfhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dhioghnadh orm nach fhaca min stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bhadol seachad, “ tha cumailsan àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor on chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “chan eil ach beagan us seachdain on dhfhosgail e mach. ’S e

RHODES & GANNON

a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhnan t-samhraidh so?” “ ’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am baithne dhuibh e?” “S ann dhomh a baithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bhagam air idir.” Cha dfhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s chan abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha miseg ràdh riut, an ath uair a thig mi dhan bhaile, cha bhi mo sporan cho falamhsa bha en oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dhfhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath riumnuair a bha mi déileadh ris roimhe.



[93]

[Vol . 4. No. 12. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Than t-Urr. Ruairidh Mac Aonghais, sagart Johnstown ann an siorrachd Richmond, afàgail na sgireachd sinsa dol a bhi air a shuidheachadh aig aMhéinn Uir(Reserve)air an t-seachdain so.

Thaghail Domhnull F. Mac Aoidh á Tairbeart St. Anns orinn an la roimhe, ’s e air a thurus gu Maine an deigh dha bhi fad an t-samhraidh ag obair aig Cuideachd aGhuail. Tha deagh theisteannas aige uapa.

Bha side glé bhriagha againn air an t-seachdain so, side a thug oirnn a chreidsinn nach robhn geamhradh atighinn buileach cho tràthsa bha sinn an dùil. Bha teas mor ann Di-luain, agus ged nach robh a chuid eile dhen t-seachdain cho teth, bha i anabarrach briagha.

Than t-uisge anabarrach gann air an eilean air an fhoghar so. Thatar ag radh nach cuimhne leis na daoines sinesan dùthaich foghar fhaicinn riamh a bha cho tioram ris an fhear so. Dhinnis duine dhuinn an la roimhe gur aithne dha àiteachan a bàbhaist a bhi cho bogs nach burrainn duine coiseachd orra, a than diugh cho cruaidh tiorams gun rachadh each us cairt thairis orra. Tha na fuarains na h-uillt gle iosal, agus ann an àiteachan beul ri bhi tioram buileach.

Bha féill bhliadhnail Eilean aPhrionnsa air a fosgladh ann an Charlottetown Di-màirt, agus mhair i tri latha. Tha e air a radh gum bi an fhéill a bfhearr a bhanns an eilean riamh on a thòisicheadh air cumail féille. Bha drobh eireachdail ann de dheichs de gach seòrsa spréidhe. Bha réisean each gu bhi aca Di-ciaduins Dior-daoin. Bha réisbhicyclesaca Di-màirt, anns an drinn am fear bu luaithe còig mile ann an ceithir mionaidean deuga. Than fhéill bhliadhnail seo a deanamh feum mor do Eilean a Phrionnsa, agus bfhior thoigh leinn féill dhen t-seòrsa cheudna fhaicinn gach bliadhna ann an Ceap Breatunn. ’S iongantach nach eil iad atoirt ionnsuidh air a chumail uair no uair-eigin.

Bham fàidh ainmeal, Professor Wigginsag innse don chuid so den t-saoghal gu robh stoirm mhor gu bhi ann mu thoiseach na seachdain so, stoirm a chuireadh crith eagail air gach duine chitheadh i, ach than t-seachdain a nise seachad, agus than stoirm gun tighinn fhathasd. BhaWigginsmath riamh air deanamh fiosachd mu stoirmeannan a bha gu tighinn; ach ge be de bu choireach cha tigeadh gin dhiubh gu crich. Be Di-sathairnes Di-dòmhnaich sa chaidh an da latha bu teotha dhfhairicheadh ann amMontrealam bliadhna agus bha chuid mhor de mhuinntir a bhaile coma ged tigeadh stoirmWigginsfeuch am faigheadh iad faochadh beag on teas.

Bhon sgriobh sinn so thainig stoirm uisge oidhche Dior-daoin a dhfhaodadh cliù a chosnadh doWigginsnam biodh i air tighinn na bu tràithesan t-seachdain. Sail frasan briagha uisge an oidhche sin agus Di-haoine, frasan a ni feum mor don dùthaich.


Tha sgaothan de na geòidh fhiadhaich adol gu deas, agus is math an comharradh sin gu bheil an geamhradh atighinn. Tha na geòidh fhiadhaich nam fiosaichean cho mathsa thainig fhathast. Cha tig Wiggins suas riu idir.

Chaidh mathan a mharbhadh ann am Margaree air an t-seachdain sa chaidh. Fhuair fear Domhnull Mac Leòid a lorgan air an rathad mhor mu leth-mhile bhon àite aige, agus fhuair e caora air a marbhadh faisg air sin. Chuir e ribem falach faisg air an ablach, agus an ath mhaduinn fhuair, em mathan ann air spòig, agus chuir e as da le urchair no dha as a ghunna. Bfhearr gum faighte cur as do gach fear dhe sheòrsasan dùthaich.

Tha tuathanaich Eilean aPhrionnsa an deigh a chuid as dhen bhuain a chur a stigh. Ged nach robh i cho mathsa bhan samhradh cho gealltannach, chan eil reusan gearain idir. Than curithneachd fad air thoiseach air mar a babhàist dha bhi bliadhnaichean roimhe so; bha cuid a thuathanaich a thug da fhichead buiseal bhar an acaire. Than coirces am buntàta glé mhath cuideachd, agus ma bhios na prisean math, chan eagal do thuathanaich an Eilein air a bhliadhna tha rompa.

Rugadh air meirleach ann am Baddeck o chionn ghoirid an deigh dha bhi ris a cheaird o chionn treis a dhùine. Bhatar ag ionndrain nithean á stòr Mhic Aidhs Mhic Asguill, ach cha deach àmhrus a leagail air duine gus o chionn ghoirid. Chaidh an tigh aig an fhear so a rannsachadh, agus fhuaireadh moran dhe na bha air chall. Thartar adeanamh a mach gu robh roimhe tóiseachadh air stòr a chumail dha fhéin, ach rugadh air tuilleadh us luath air son sin. Thainig e gu Baddeck o chionn beagan bhliadhnaichean á Newfoundland.

Cha bann aig Ceap Nòr, tha sinn acluinntinn, a bhan t-sabaid ghranda air an dthug sinn iomradh anns an àireamh mu dheireadh, ach ann an àit eile deich no dusan mile air falbh. Fhuaireadh fios anns a bhaile so toiseach na seachdain gun do chaochail ceathrar de na daoine leòinte, agus gu robh am fear a rinn an cron an deigh e fhéin fhalach ann an tighs e air armachadh le gunnaichean, ’sa cur roimhe nach leig e le oifigich an lagha a ghlacadh. Tha cuid adeanamh a mach nach urrainnear a ghlacadh far am bheil e gun saighdearan a chur air a thòir,


POSAIDHEAN.

Aig Braidalbainn, E. P. I., air 11 deSeptember ,leis an Urr. C. Caimbeul, Niall Caimbeul, (Station Master) Wiltshire,agus Alice Nic Aoidh, nighean UilleamIc Aoidh, Braidal bainn.


Fhuair D. J. Damhnullach a stigh moran de dhaodaichean uachdair bhan, deacaidean agus cleòchdannan. Tha iad uilesan fhasan as ùire, agusnan deagh bhargain.


Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creie aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires air son gach àm eile dhen bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.



[94]

[Vol . 4. No. 12. p. 6]

Cleachdadh.

Bha min roimh coiseachd sios aon do shràidean a bhaile bhigs am bheil michomhnuidh, agusmeasg iomadh ni eile air an robh mi gabhail beachd, thug mi fainear duine aosmhor air mullach tigh àrd, agus eceumadh o cheann gu ceann cho socrachs cho mi-eagalachs ged bann air an làr bhitheadh e siubhal. Cha robh ann ach ni a chunnaic mi iomadh uairs chaneil fhios agam nach robh mi minig uair anns an t-suidheachadh cheudna mi féin. Ach chuir e mi gu smuaineachadhs thàinig e stigh orm gur mor an t-eadar-dhealachadh tha eadar am fear tha cleachdaichte ri leithid sud a dhobair agus am feir nacheil mar sin. Chuir an sealladh ud. ma ta, ged nach robh ann dad mi-chumantchuir e mi gu smuaineachadh ma thimchioll a bhuaidh mhor thaig a chleachdadh, ’s na nithe iongantach chum math no olc dhionnsuidh am faod sinn tighinn troimh. Smuainich mi airDemosthenes ,duine ainmeilbha aon uairmeasg nan Gréugach. Thachair e so ann an toiseach a làithean oidhirp a dheanamh air cùis araidh a mhineachadh an làthair cruinneachaidh mor sluaigh. Cha deach leis anns an dol a mach, ach gu h-olc. Bha e glugachcearbach na chainntaguss ann rinn an luchd-eisdeachd fanoid airs béigin dan t-aite fhàgail le tamailt. Bha gidheadh spionnadh ann nach do leig le chridhe failneachadh. Chaidh e sios dhionnsuidh na fairge mar tha an Eachdraidh ag innseadh dhuinn, agusn uair bhitheadh a mhuir mhor feargachs na tuinn a deanauh buaraidh fiadhaich, ghabhadh e aìreamh do chlachan beagas leo sin na bhéul bhitheadh e re iomadh cleachdadh a ghuth sa bheoil gus an dthàinig iad le cheile gu bhi fo làn ùghdaras aig. Thachair da mar sin fadheoidh nach robh fear labhairt cosmhuil ris air aghaidh an t-saoghail. ’S chaneil fhios againn an robh duine riamh ann bheireadh barrachd air thaobh a bhuaidhs an t-ùghdaras leism bu ghnàth dha bhi lùbadhs a ceannsachadh inntinnean na mor-shluaighbhiteadh a cruinneachadhnam milteanga éisdeachd. Sen cleachdadh ma ta rinn sud.

Tionndadh minntinn air falbh oDemosthenes , ’s mi fathast beachd-smuaineachadh air a chleachdadh, thàinig dhionnsuidh mo chuimhne ni bha cuir mor-iongantas ormn uair bhithinn ga leughadh ann an làithibh moigean ni tham Biobuil ag iomradh ma thimchioll Beniamainich araidhbha cii-làmhachs bha gidheadh co ealanta, ’s gum bualadh iad clach a crann tabhuil air léud ròineige. ’Se bhan so inneal air anrobh mi fein gle dheighealn uairbha mi am bhallach og, ’s ged nach tànaig mi riamh an taobh stigh do dheich troighean do chuspair dhfhéuchainn ri bhualadh air leam, nam faighinn àireanh dheth na gillean òga leis am bàbhaist dhomh bhi ri cluicheair leam ged tha mifàs liaths a cheann gun gabhainn moran tlachd ann sinn a bhi comhladh aféuchainn arn innleachd leis an inneal cheudna.

Achs ebha mi dol a ràdh gum biongantach an ealamhachd a nochd clann Bheniamain thaobh an inneil so. Chan e ni sam bith bha anntasan, gidheadh, seach daoine eile gu nàdurrach, rinn iadsan cho comharaichte, ach iad a bhi ris an t-seòrsobair so faodaidh mi radh o rugadh iad, ’s tha gu leòir do bhallaich òga bhios a cluinntean nam briathran so dhfhaodadh leis a chleachdadh ceudna bhi cho ealanta leis a chrann tabhuil no le inneal sam bith eiles a bha riamh muinntir Bheniamain. Ciod e gus nach toir an cleachdadh duine? ’S iongantach a bhi faicinn deasach an fhir sgriobhaidh ionnsaichte, sgriobhadh sios faodaidh e bhi meud litir dhionnsuidh chairdeanm feadh bhitheadh am brogach òg a tha tòiseachadh sgoile cur ri cheile, agus sin ann an doigh mhi-shultmhor, nan litirchean a ni suas ainm féin. ’S iongantach mar an ceudua bhi faicinn sgiobaltachd meòirean na mnaoi uasails iad aruith réidh siosus suas iuchraichean a Phiano, ’s air leam nach e ni dad nas mi-iongantaiches gu cinnteach cha ne ni dad as mi-thaitniche bhi faicinn dòigh ordail a phiobaire chòir deanamh achiùil as binne rinn cridhe Gàidheil rramh aighearrach.

Se mata, innseam dulbh, an cleachdadh tha deanamh na nithe ud gu leir, ’s chan urrainn mi gun a channtainn gur tearc agus do-ruigsinn na nithe dhionnsuidh nach fhaod duine éiridh, ma chleachdas e e fhéin gu dichiollach man timchiolls ma leanas e air an tòir gu misneachails gu foghidinneach,


An Fheinn.

Chan urrain sinn innseadh ciod is brigh don ainm, no co uaith a thàinig e, ach tha sinn air léughadh moran mun tréubhantaiss mun gniomharan calma ann an cogadhs an sith. Bha iad so ann, co fads is urrainn sinnethuigsinn, bho chionn ceithir no cuig céug déug de bhliadhnachan, agus tha ainmean daoine tréun dhuibh, ’s an cliu, air an gleidheal ann am bàrdachd Oisein, fear a bha e féin dhen Fhéinn, agus a chuir ra chéile dàin dhem faodadhHomer, Horace,novirgil ,bhi prioseil.

Tha e air a radh gun robh na dàin so glé mheasail aig an duine thréun sin, “Napoleon,” ’s cha biongantach sin, oir duine aig an robh spiorad gaisgeil marbha aige-san, cha burrainn da gun a chridhebhi air a bhlàthachadh le òrain anns an dfhuar e iomradh air gnothuicheans air feartan miorbhuileachrinn cliùiteach daoine cosmhuil ri Oscar, Fionn, Cuchullin agus Goll.

Bha cuid dhen Fhéinn aig an robh ainmean anns am faod sinn brigh fhaicinn, ’s tha e ro choslach gun dthugadh dhoibh iad, a chionn iad bhicomharachadh mach ni eiginn a bha fior mu thimchioll pearsa nan daoine. Tuigidh sinn uile on ainm, ciod an seorsa gaisgich bha ann anCaol,” “Dearg,” “Garbh,” agus Dearmaid.” Tha iomradh air Caol a bhi anabarrach luath-chasachs gu dearbh sen duine caol bu chòir a bhi mar sin, ’s chan em fear air am bitheadh an ro-mhoran feòil. Chuala sinn e air a radh, ged nach urrainn sinn a dheanamh dearbhta, gun robh e cho aotramna chéums gum beireadh e air fiadh a bhitheadh aruith air an fhraoch.

Bhitheadh cogadh aca so ro thric, air an aon làimh, ris na h-Eirionaich agus air an làimh eile ri muinntir na Lochlainn(Scandinavia) . ’S tha Oisean acur air chuimhnena chuid dàin, tréun bheartan nan daoine foghainteach a thuit no thug buaidh air na caochladh blàirean airn do choinnichs airn do chog iad.

Bha Alabinns an àm ud làn do fhiadh bheathaicheans bha e, measg nithe eile, na ghnothuch aig an Fhéinnbhi ri sealgaireachd. Tha iomradh air aon uair anns an deach tri mile dhuibh mach a mharbhadh nam fiadh; ’s ma than sgèul fior, chan iongantach ged theirte gum bi sud an t-sealg bu mhòchunnacas riamh. Bha aca tri mile s mharbh gach fhiadh; agusBran og le casan buidheged nach rohh ann ach cuileanmharbh e uiread ri càch. Ach ged bha mort gu leòir ac le sud fhéin, mun dràinig iad dhachaidh, choinnichs mharbh iad ceud torc mar an ceudna!



[95]

[Vol . 4. No. 12. p. 7]

Gu muinntir na h-Aimhne Tuath.

A CHAIRDEAN: —Air iarrtus moran den luchd-taghaidh, tha micur romham feuchainn ri bhi air mo thaghadh mar fhear-comhairle do ur sgireachd. Rugadh agus thogadh mi air an Amhuinn a Tuath, agus is aithne dhomh gabh cùil us cearna dhith. Mas e ur toil mo thaghadh ni mi nis urrainn mi air son math na sgireachd agus na siorrachd air fad. Feuchaidh mi ris na ròideans na drochaidean a leasachadhsa chumail air dòigh. Tha mi gealltinn cuideachd mo dhichioll a dheanamh air stad a chur air reic na deoch làidir. An dòchas ur fhicinn uìle roimh lathan taghaidh, Is mi,

Ur Seirbheiseach Dileas
NIALL DOMHNULLACH.
Baddeck , C, B., Sept. 21, ’95.


MAC-TALLA.

Tha na h-àireamhan a leanas dhen MHAC-TALLA a dhith orm: tha mideanamh leabhar dhiubh, agus tha mi air son na h-àireamhan a bhi agam uile. Vol. I. —Nos. 1 gu 10, 12, 12, 15 gu 22, 25 gu 27, 31, 33 gu 46, 49, 51, 52; Vol. II. —Nos. 2 gu 4, 7, 8, 10, 13, 21, 24, 26 gu 32, 34, 37 (April 7mh,) 44; Vol III. —2, 30 gu 32, 35, 37. Bidh ni toileach 3c. a phàigheadh air son gach àireamh, ma chuireas duine deich àireamh no barrachd dam ionnsuidh.

E. DOMHNULLACH,
33 St. Paul Street, Islington,
London, England


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


DR. T. C. MAC LEOID.
Faodar an Dotair fhaicinnna oifig anns an togalachs a bheilMoore & Johnstonri ceannachd, no aig a dhachaidh ann aSheerwood.”


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais,
Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B


Dr. T. G. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.



[96]

[Vol . 4. No. 12. p. 8]

ORAN GAOIL.

LE GILLEASBIG MAC-PHAIL.

S bochd an creachalthair minntinn
Is chan urrainn midhìobradh,
Ma than sgeula cho fiors tha iadgràitinn
S bochd an creachal, &c .

Gun do thionndaidh thum fuath rium,
N déigh do ghaolbhi cho buan domh,
S gun do thagh thu fear fuadainn am àite.

Gur h-e mheudaich mo ghaol ort,
Do ghruaidh dheargbhi mar chaoran,
Is do ghnùis bhi ciùin aobhach, glan, nàrach.

Thu bhi sìobhalta caoimhneil,
Banail, baintighearnal, aoibheil,
Suairce, ceanalt’, gun fhoill ann ad nàdar.

Do chùl bòidheach, mìn, liomharr
Thana chamagan snìomhain;
Tha gach maisort, a ribhinn na h-àilleachd.

Gur h-in naigheacd a fhuair mi
D hùisg an anshocair bhuan dhomh;
Dhfhàg i aiceadach truagh mi gun slàinte.

Ge be fear ni do bhuannachd,
Gur leis déideag na h-uaisle,—
Guidheam piseach is suaimhneas ri d dhuit.


ORAN

Do Chailain Mac-Niomhain, Fear Ghrianail an Tirithe.

LE GILLEASBIG MAC-PHAIL.

Thoir mo shoraidh gu Fear-Ghrianail,
Fear flathail, foghainteach, fialaidh,
Iochdmhor, caoimhneil, dleasnach, diadhaidh.
Ceanalta, ciatach, ro-spéiseil.

Duinuasal, urramach, cliùiteach,
Measail, cosgail, le deadh-ghiùlan,
Faighidneach, aighearach, sunndach;—
Sonas leats gach cùis mun téid thu.

N uair a shuidheadh tus taigh-thàirne,
Chan em botal bochd a bàill leat,
Ach am buidealbhi ga thràghadh
Gus an cailleadh pairt an léirsinn.

Bu bheag an t-ioghnadh leam fhin sud;
Bùr achoills an drinn thu cinntinn,
Chan fhaiceadhmaid innte crìonach:—
Measan grinn air bhàrr gach géige.

Gun robh do chàirdean, a Chailein,
Urramachs gach taobh ran leanachd,
O Dhun-da-Ràmhs Loch nan eala,
S o thùr Mhic Cailean nan ceudan.

S math leam mar-a rinn thu chùis so,
An sgriob airn do leag thu do chùrsa,
Bhuannaich thun déideag as cliùitiche;
S gorm an t-sùil than gnùis na féile.

Beul as grinne, deud as bòidhche,
Gruaidh as deirge na na ròsan;
S gilecneas nan sneachd air mòintich;
S taitneach anns gach dòigh a beusan.

Pearsa thlachdmhor ghasda chuimir
An deise shioda air a deadh-chumadh;
Cruinneachd nam baintighearnan uile,
S tu gràine mullaich a cheutaidh.


MOLADH DON FHREICEADAN DUBH.

LE MR. ROB MAC-GRIOGAIR.

Faigheadh cliu o gach rann-fhear,
Gu ceolmhors gu binn,
An Dubh-Fhreiceadan Gaidhlach
A dharaich na glinn;—
Cuimir, fuasgailteach, finealta,
Slainteilsa chom;
Fearail, ceannsgalach, crudalach
Treun, agus trom.

S gun robh buaidh leis na seoid
Ghuineach, gharg, agus bheo,
Chaidh do bhuillsgein nam Frangach
Mar ghaoithdol sa cheo;
Is nach dfheuch fhathasd cul
Do neach riamh nach robh leo;
Oir cha striochd sliochd nan garbh-chrioch
Is annta an deo.

S math thig breacan-an fheilidh
Gu leir do na suinn;
Osain ghearr air na calbannaibh
Domhail, geal, cruinn;
Agus iteagan dorch
Air slios gorm-uidhim cheann;
Sud an t-eideadh sa bhlar
A chur naimhdean nan deann.
S gun robh buaidh &c .

S ceart a labhras iad canain
Na h-Alba o chian,
Mar a bha i aig Fionn
Is aig Oisein gu dian.
Cha do ghluais chum na tuasaid,
S chaoidh iad cha ghlais,
Gun am bolg-fheadan mheur-thollach
Fhuaimneach nan cluais.
S gun robh buaidh &c .

Cha tearc gabhadh is ait
As an danig le buaidh,
Gaisgich chalma na comhraig
S nan dluth-bhuillean cruaidh,
Roimh gach diomhanas, sogh,
Aidhear, ’s aoibhneas a thagh
A bhi dionadh an saorsa
An duthchas an lagh’.
S gun robh buaidh &c .

S iomadh deuchainn a fhuair
Na fir ardanach, bhras’,
Bhon nach geilleadh dhiu lamh
S bho nach tionndadh dhiu cas
S bhon nach feudadh gun caochladh
An dualchas non cleachd,
Leis an dfhagadh gun samhladh
An sinnsirsa ghleachd.
S gun robh buaidh &c .

Mar a bhlath-mhaduinn shamhraidh
Iad ciuin ann an sith;
Ach mar gheamhradh nam beann aca
Searbh ann an strith;—
Sgaiteach, gruamach, a luaithreadh
Nan naimhdean le feirg,
Gan cas-ruagadhs gan sguabadh
A araichibh dearg.
S sun robh buaidh &c .


Is leis a mhéirleach mhath na cheileas e, ach cha leis na ghoideas e.

Is leis an fhitheach as moiche dhéireas sùil a bheothaich anns an fheith.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean .

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig.

titleIssue 12
internal date1895.0
display date1895
publication date1895
level
reference template

Mac-Talla IV No. 12. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page