[97]

[Vol . 4. No. 13. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 5, 1895. No. 13.


Mo Chuairt Shamhraidh.

Chan eil teagamh nach biodh Port Hood an diughna bhaile mor, mur biodh nach eil acarsaid as fhiach ann. ’Sen acarsaid as fhearr a thair an taobh a tuath dhen eilean, ach faodar a radh nach eil am fearr ann. ’Nuair a dhéireas stoirm air a mhuir, ’se an aon àite fasgaidh as fiach a gheobh na soithichean air a chladach uile, agusnuair a thig i gu bhi gle gharbh, ’s fheudar dhaibh Eilean an Smithich a thoirt orra. Than t-eilean sin a machsa stigh mu mhile bhon chladach, agus tha mu choig theaghlaich fhichead a fuireach air. Tha e gu math àrd os ceann an uisge, agusnuair a bhios a ghaoth a séideadh on àirde tuath, théid na soithichean air an taobh a deas dhen eilean; ’nuair a bhios i on deas theid iad a tuath air, agus ma bhios i on ear no on iar, theid iad an iar no an ear air an eilean, Tha aca mar sin ri bhi deanamh falach-fead air a ghaoith mar as fhearr is urrainn daibh gus am bi an stoirm seachad. Cha robh Port Hood gun acarsaid an toiseach idir. ’Nuair thainig daoine dhfhuireach ann bha an t-eilean air a cheangal ri tir le banca gainmhich, agus bha sin acumail a mach na fairge, agus a deanamh fasgadh mor don acarraid on ghaoith a tuath. Tha daoine beò an diugh a chunnaic sin mar sin, agus a choisich air talamh tioram dhionnsuidh an eilean, agus a chunnaic an deigh sin a bhearna rinn an t-uisgann cho beags gum faodte lionadh le lòd no dha cartach de chloich. Ach, nach beag gliocais a bhuilicheadh air mac an duine! Fhadsa bham banca gainmhich ud ann, bha aig na h-iasgairean ri dhol a mach air taobh deas an eilean, agus an sin tionndadh gu tuath far an robh na h-àiteachan iasgaich a bfhearr. Bha aca mar sin ri astar àireamh mhiltean a dheanamh a bharrachd air na bhiodh aca ri dheanamh mur biodh am bancud ann, agus bha iad a caoidh gu mor e bhisan rathad orra. Ach bliadhna dhe ne bliadhnaichean chaidh soitheach an àm stoirme a chur air tir air a bhanca, agus bhrist i air; fhuair a mhuir ruith troimhe, agus a lion beagan us beagan, mar a dhith an cat an sgadan, shluig i suas e gus am bheil an diugh uisge domhain far an robh e, anns am faod na soithichean as motha seòladh gu sàbhailte. Tha am baile mar sin air fhàgail gun fhasgadh o stoirm, agus tha sin ga chumail o fhàs. Tha anacothrom eile aig muinntir a bhaile, se sin cion uisge; tha aca rin cuid uisge tharuinn astar mor; chan eil fuaran no tobar anns a bhailidir.

MABOU.

Air ar tilleadh dhachaidh ghabh sinn rathad eile, rathad a thug sinn faisg air Drochaid Mhabou. Gheobh air sealladh briagha air Mabou air fad bhar bruthaich a tha ri tearnadh mun ruigear e, ach ach chan fheuch mi ri innse mu dheobhain, ach gun abair mi gur a sealladh briagha thann ri amharc air, an amhuinnna lùban cama a ruith sios gu Beul na h-Acarsaid, agus lochan mora uisge an sidsan so ritaobh, cuid dhiubh, bha mo charaid ag innse dhomh, cho domhains gun saoileadh duine nach robh grùnnd aca idir; Ceap Mabou mar coinneamh ag éiridh suas cho árds cho gruamach, se mar gum beadh a sealltuinn-sios air an talamh iosal aig nach eil an cothrom a thaige-san air an saoghal mor a tha mun cuairt dhaibh fhaicinn. Tha beinn a leantuinn bhon Cheap sin a h-uile ceum gus an ruigear Beinn-an-t- Salainn aig Baighe Hogamah agus tha i air a cheann so acumail na gaoithe tuath o Mhabous adeanamh àite blàth, seasgair dheth; ’sann am Mabou a gheobhair na tuathanaich cho beairteachsa thasan duthaich. Tha baile beag aig Drochaid Mhabou, grunnan laghach de thaigheans de stòraichean air an cruinneachadh cho faisg air an drochaids is urrainn daibh a dhol. Ged than amhuinn mor agus domhainn gu leòr ann an àiteachan, tha i gle thana ann an àiteachan eile, agusse soitheach gle bheag a gheobh a stigh dhionnsuidh na drochaid. Tha min dùil gu bheil bàta smùide atighinn a stigh uair no dhasan t-seachdain fad an t-samhraidh. Cha robh ùine againn air a dhol dhionnsuidh na drochaid ach thaghail sinn aig an tigh-chaothaich a tha mu leth-mhile taobh Phort Hood dhith. Bhan tigh so air a chur suas le siarrachd Inbhirnis o chionn ceithir no còig a bhliadhnaichean. Bha aca roimhe sin ris na daoine rachadh as an rian, no bha as an rian gu nàdarra a chur gu Halifax, agus bha e glé chosgail dhaibh an cumail an sin. Tha nise chuid mhor dhiubh aca anns an tigh so, agus tha e tighinn moran nas saoire dhaibh, agus chan eil teagamh nach eil e nas fhearr dha na daoine bochda iad fhéin. Thatargan gabhail a stigh á siorrachdan Victoria us Richmond cuideachd. Fhuair sinn gabhail ruinn gu caoimhneil, agus thug Mr. Domhnullach, am fear-gleidhidh sinn troimhn tigh air fad. Than tigh a réir mo bharail-sa gle chomhurtail, agus air chumail ann an deagh òrdugh; tha muinntir Inbhirnis rim moladh airson a bhi toirt aire cho math dhaibh san do nach dthug am Freasdal comas air an aire thoirt dhaibh féin. An deigh dhuinn a bhi tacan a sealltuinn mun cuairt, thug sinn ar n-aghaidh air an tigh. Rinn sinn céilidh bheag aig an Taillear Pheutan, agus as a sin chum sinn direach dhachaidh, aruigheachd mu dhorcha na h-oidhche.

Cha robh mi aig an tigh an deigh sin ach dha no tri lathaichean, ’s cha drinn mi siubhal sam bith ach air feadh nan coimhearsnach, ’s cha bhiodh e gu mor fheum a bhig innse mu dheobhain sin do dhaoine thair taobh eilen t-saoghail Mu aon uair deug Di-ciaduin chuireadh an acuinn air an làir ghlas, beothach gasda, toilichte, agus an deigh dhomh beannachd fhàgail acuile, dhfhalbh mi fhéins Domhnall Bàn mo bhràthair. Rainig sinn Orangedale gun dad a dhéiridh dhuinn ach beagan fliuchaidh fhaighinn; dhfhàg esan mi an sin, agus thug an t-each-iaruinn leis migam chur air mo chasan ann an Sidni mu leth-uair an deigh naodh an oidhche sin fhéin. Bha mo Chuairt Shamhraidh seachad.



[98]

[Vol . 4. No. 13. p. 2]

COMHRADH

EADAR CUAIRTEAR NAN GLEANN AGUS EACHANN TIRISDEACH.

CUAIRTEAR, —Gu-m meal thu do bhiorraid, ’Eachainn!

EACHANN.— ’Nin ad, ler cead? an sgùlag gun sgoinn, ’s mi tha seachd sgìth dhian t-aon chòmhdach-cinn as miosa chaidh riamh air duine, cha-n urrainn mi mo cheann a leagail air leabaidh no air uirigh, air tom no réidhlean leatha. Cha bionnans abhoineid ghormcho blàth, sheasgair, cheanalta mu mcheanns ged bu churrachd-oidhchabhinnte; dhfhaodadh duine a pasgadh fodha no ra thaobh, seach a bhig altrum na biorraid so mar naoidhean air glùn dnine anns gach àiten suidh e. Tubaist oirre! nach fhaic sibh an comharadh a dhfhàg i air mo bhathais, mar gu-m biodh mo cheann air a chearcall uchdarach a thilgeadh; ach nach e so an latha gaillionnach, gailbheach? Ubh, ubh! ’s en curs an cathadh e— ’s fhad on a chunnaic mi a leithid air Fhéill-Brìde.

CUAIR. —Tha sin nàdurra, ’Eachainn, an sneachda gealan àm dùdlachd agheamhraidh.

EACH. —Than geamhradh seachad; ach sneachda geal! ’eudails a ghràidh, cha banns abhaile-mhòr a chìte each an sneachdodhar, lachdunn; agus cha-n aithne dhomh ni as gràinde na sneachda salach. Cha bionanns mo shneachda glan, cho àillidh gheal ri ite na faoilinn, aboillsgeadhs adèarrsadh ri gathaibh na gréine, mar gu-m biodh curus cathadh ann de na daoimeanan, no den chriostal a bu loinnearaiche, ’s a bu cheutaiche.

CUAIR. —Ro mhaith, ’Eachainn! Cha burrainn Donnachadh Bàn nan òran labhairt na bfhéarrach ge dona sneachdas abhaile mhòr is seachd uairean nas mioses aGhàidhealtachd. Tha Ghàidhealtachd maith nas leòir fhads a dhfhuireas aChuthag innte; ach an latha dhfhàgas ise is em baile-mòr as fhéarr.

EACH. —AChuthag! An òinseach bhochd; gu dearbh mas ann uaipe-se tha sibh adol a tharruingur gliocass mithich an Cuairtear a churan làimh eile. AChuthag, an trusdar! nach do shuidh riamh leth-uair an uaireadair air an aon tom.

CUAIR. —Ma ta, ’Eachainn, ’s coma leam fhéin aGhaidhealtachdan àm agheamhraidh; ’s fuar, mi-thaitneach in àm gaillinn shneachda mar tha ann an diugh fhéinair am folach on t-saoghal mhòr; air an tachdadh le toitgun sùgradh, gun mheadhailabhean, mo thruaighe! asnìomh air achuibhil le crònan brònachan duine amiananaich, ’s acasadaich, ’s atachas achinnna pàisdean atrusadh bhioranan t-uircean asgreadailan gamhainn caisionn ageumnaich aig ceann an tighena leanaban, an , ’s an cat astrì as dlùithe gheibh don ghealbhan, ’s be sin an droch theineaphoit bhuntàta crochta thairis air leth an latha, gun uiread agus balg-séididh, ach an gille bàn agus Seònaidg a shéideadh, agus pluc gach aon diubh mar phluic piobaire. Coma leam e!

EACH. —Am bheil sibh réidh? Air mfhocal is sibh a leig ruith dor teangaidh; chan ìoghnadh leam ach sibhseach éisdibh rium, cha-n fhaca mi riamh ann am baile-mòr, ’s cha-n fhaic, àm cho subhach, shuilbhearra, chridheil, ’s a chunnaic mis aGhàidhealtachdan àm gaillinn agus sneachda. Mo chreach! is misechunnaic sintha arbrachd fearas-chuideachd, ’us sùgraidh, ’us eòlais, ’us caoimhneis adol air aghaidhs a Ghàidhealtachdan àm agheamhraidh naan àm achéitein fhéin.

CUAIR. —Fhalbh, fhalbh? ’Eachainn, tog dheth.

EACH. —Cha tog mi dheth— ’s mi nach tog. Am na gaillinn! sinn agaibh am a chridhealaishùg air na sùisdean! na sgalagan acur dhiubhna cailean acrathadh an fhodars adeanamh nam boiteanna buachaillean le sìoman connlaich mar chrios man timchioll, cuaillemòr batan an làimh, eallach de sguaban beaga, tioram air an druim, an crodh seasg ageumnaichn an déighs iadg an saodachadh gu fasgadh, na h-eich agreasad dhachaidh, na mucan asgriachail le sopn an craos a ruith don chrò, na h-eòin bheaga, bhuidhe, bhòidheach, sgaoth air muin sgaoitheg itealaich mu na dorsan, ’s na balachain le ridils le gaoisnean ag iarraidh an rìbeadh. ’S ann an sin a tham fire, faire! ’h-uile aonn a chabhaigs am feasgar atighinn. Ach ciod so a thachair? Na balachainn an ruiths iad a sgàineadh le gàireachdaichAlastair mòr an déigh dol fodha ann an cuithe shneachda, ’s iadg a shlaodadh as, agus gach madadhs abhailes an tathunnaich timchioll air. Ach eilechì sinn atighinn leabhagan beagan a dhéigh, afeadaireachds agearradh leumAilein nan òran! Faic mar than òigridhg a fhàilteachadhdhiùltadh dha cuid na h-oidhche?— ’S an uair a thigeadh an t-anmoch biad sin achòisridh chridheil, shunndach! Cha ben crùban bochd mar a thagaibhan soam mullach tigheEirionnaichs an dara ceann, ’s fiabhruss acheann eile. Agus be sin an gealbhan cridheilna caorain chruadha, thioram o chùil na mòinena maidean caoinaspreadhadh gu cridheilaghreideal air an t-slabhraidhna breacagan eòrnag am fuine le farum sùrdailcrùisgeinan sudsan soam buachaille mòr acur chearcall air achuaich bhleodhainan sgalag adeanamh sgùlaigam buachaille beag adeanamh camainna cuibhlean afalbh le srann fhonnmhorAilein nan òran acur dhethaphoit chabhrach a plubartaich air an teine. Na cluinneam sibh aruith sìos na Gàidhealtachd. A righ! cha bionanns am baile-mòr, a tha maith nas leòir fhads a sheas an t-slàinte agus comas cosnaidh; ach an latha dhfhalbhas sin, than t-uisge air a thoirt on mhuileann, ’s cha bhi bleith no rath. O! gleadhraich abhaile-mhòir so, agus toit abhaile-mhòir so, agus achabhaga h-uile aonn a ruithsn a dheann-ruith, mar gu-m biodh iad uile air tòir bean-ghlùine! Ach innsibh dhomh ciod a thadol air aghart a thaobh imrich do dhAmerica.

CUAIR. —Tha anabarr dhaoinedol thairis do Chanada, ’s do chéarnan eile ann an America mu Thuath, air am bonn fhéin; ’s cha-n eagal doibh ma ghleidheas iad an slàinte. Tha iadsan a chaidh thairis adeanamh gu gasda; ach cha-neil an naidheachd á Australia cho maiths a bu mhiann leam.

EACH.— ’S mi thag a chreidsinn. Cha do theò mo chridhe riamh ris an àite sin fhein. Bha tuilleadhs achòir air a ràdh as a leth. Cha burrainn dhoibh-san a bhadol ann soirbheachadha h-uile fear nach deanadh gu maith aig an tighgach sleomair air nach robh rathn a dhùthaich fhéin, a burrainn fead a dheanamh. ach esan! Ar leis gu-n robh Australia air a chruthachadh air a shon san. Feadhainn nach do chuir boinne falluis diubh riamhn an dùthaich fhéin, mur drinn iad e a



[99]

[Vol . 4. No. 13. p. 3]

dannsadhs a camanachdspagluinnich amaideach nach crathadh ultach feòir ris aghréin gun làimhnean leathraich orra. Ach coma dhiubh, tha iad ag ràdh riumsa gu-n dthàinig an spagluinneachd so gu làrgu-m faicear leth-dusan de na fleasgaich sinn an suidhe taobh an tuim, le aon spàin eatorraacadals aphreas, gun dad ach craicionn coin thairis orra— ’s afalbh cas-ruisgte air feadh nam monaidhean mòra. Cha burrainn na bfhèarr tachairt. Australia! tìr an àigh, anns am beireadh, mas fìor, caora leth-dusan uans abhliadhna, agus anns an tilgeadh i a rùsgan ceann gach ràithe. Cha-neil fhios agam nach cuala mi gu-m biodh uain aig na muilt fhèin ann! Ciod an naidheachd a tha as?

CUAIR. —Tha gu-n do bhrist luchd an fhortain mhòirgu-m bheil na caoraich a chost a dhàs a trìphuinnd Shasunnachn uair chaidh an ceannach, a nis air chrùn! Ach thig e uaith so fhathast.

EACH. —Air mfhocal, ’s e so an t-àm do luchd an airgid dol a nunn, ’n uairthan spréidh cho saor. Ach na-n leigeadh daoine an spagluinn dhiubh aig an tigh, agus an làmh a chur ris gach ni a thigs an rathad, mar is éigin doibh a dheanamh an sud, cha beagal nach fhaigheadh iad air an agharts an dùthaich so fhéin, gun dol thairis; oir is fhada o na chuala mi gu-m bheiladhaircean fada air crodh caillte;” agus mar an ceudna, “am fear a bhios gòrachs abhaile bhos, gu-m bi e gòrachs abhaile ud thall.”

CUAIR.— ’Eachainn, am faca tu an simileir mòr a tha shuas bràighabhaile, a tha ceud troidh nas àirde na amar na h-aibhne, agus còig ceud gu leth on ghrunnd?

EACH.— ’S michunnaic, ’s be sin an simileir mór da rìreadh. Tha e cho àrd ri tigh anns am biodh trì fichead lobhta, no, mar a their iads aBheurlastory .Cha chreid iad mi ann an Tirithe. Cha-neil ach chlàrach, nostory ,ann an tigh aBhàillidh, agus a dhà gu leth ann an tigh amhinisteir; agus abhéist shimileir so trì ficheadstory ,agus deich troidhean air àirdanns gach aon diubh!

CUAIR. —An deachthu suas gumhullach?

EACH.— ’N e mise! Cha deachaidhs cha téid; ach chunnaic miur càirdean Eòghan Og agus Rob Ruadh adol suas leis achlachair mhòr, Mac-an-t- saoir, ann an creathaill iaruinn, mar gu-m biodh iad gu bhi air an crochadh. ’N uair a thill na gillean, ach iadsan! a chearta cho bòsdail, moiteil, ’s ged a bhiodh iad air tilleadh on dinneir a ghabhail le bodach na gealaich! “Saoil thu, ’Eachainn,” arsiadsan, “nach dòl sinne gloine uisge-bheatha ceud troidh os ceann an t-ssoghail so!” “ ’S ann agaibh,” ars misethachulaidh-bhòsd. Gun teagamh sgrìobhar so air ur lican deighur bais, mar chuimhneachan airur gaisgealachd?” Na bumalairean! bha mise air mullach Beinn-Nibheis, ceithir mile troidh air airde. Cruach an aigh! ’s cha be simileir mor an t-salachair, a bhiosan latha no dha asgeiths a brùchdadh a mach sùithus gràinealachd a thachdadh Criosduidhean? Ach cha do chuir e iongantas air bith orm na firionnaich a dhol suas; achladies !len cinn ghogaideachiadsan adìreadhs achreathaill iaruinn a dhamharc an t-saoghail! ’S mi nach pòsadh a h-aon diubh. Mo nàire! bu chòir do mhnathan a bhi banail, malda. Chunnaic mi Màiri mhor nighean Eachainn astreapsuas gu bàrr croinn ann an Sgairinnis aon uair, ’s cha do bhlàthaich mo chridhe riamh tuilleadh rithe. Achs éigin domh falbh. Mòran taing dhuibh air sonur deadh sheanachais. Slàn leibh!


Comhairle.

Mas math leat srian a chur ri danmiannan, agus an spionadh às am bun, thoir sùil an drastas a rithist a stigh air do chridhe; thoir fo-near ceannfàth do smaointean, agus ciod a thair daire; ciod a rinn thu, agus ciamar a rinn thu e; ciod a ni thus an ùine ri tighinn, agus ciamar. Faodhaidh tu so a dhianamh an àm gnothuch a ghabhail os laimh, agus an àm sgur dhe, no ceann-fìnid a chur air; an àm buairidh, no, ma dhéireas dhut tuiteam am fàillinn, no an uair a chuirear lrioblaid ort Faodaidh tu so a dhianamh ad ònrachd no am measg cuideachda.


Sgeul air Tigeir.

N uair a ghlacair an tigeirna chuilein òg, gabhaidh e calldachadh, agus anns na h-Innsean, bidh e gu tric ri fhaicinn ann an taighean nan daoine mora mar phiatan; ach is piatan cunnartach e. Tha sgeul air innse mu dhuin’ -uasal anns an dùthaich sin a chaidh glé fhaisg air a bheatha chall le tigeir callda a rinn e fhéin a thogail. Bha ena shuidhe aon fheasgar a muigh faisg air dorus abhùtha, a leughadh leobhair. Bha an tigeir na shuidhe ri taobh na cathrach aige, agus thòisich e air imlich cùl a làimhe. Cha robhn duin’ -uasal aleughadh fadanuair a chuale dranndan aig an tigeir thug air sealltuinn an taobh a bha e, agus gu de boillteile leis na a làmh fhaicinn làn fala! Thuig e gu h-ealamh gu robh nàdar fiadhaich an tigeir air beothachadh, agus nan tàirnneadh elàmh air falbh bhuaithe gun leumadh e airs gun reubadh e as a chéile. Gu freasdalach, chunnaic e aon da sheirbheisich astar beag air falbh, agus ghlaodh e ris gunna fhaighinn agus an tigeir a mharbhadh air a bhad. An sin shuidh e gu balbh, sàmhach far an robh e, aleigeil leis an tigeir an fhuil imlich bhar a laimhe air a shocair; ach faodar a bhi cinnteach gu robh e faireachadh na h-ùine glé fhada. Ach rinn an seirbheiseach gach cabhag a burrainn da, thainig e gu fàillidh air cùl an tigeir, chuir en gunna ri shùil agus chuir en urchair troimhn chridhe aige. Bha beathan duine air a shàbhaladh, agus faodaidh sinn a bhi cinnteach nach do chum e piatan tigeir riamh tuilleadh.


Ged is mor a ghearain a bhios aig daoinair fuachd a gheamhraidh anns an dùthaich so, tha e air a dhearbhadh gu soilleir gur h-ìad na dùthchannan fuara moran as falaine na na dùthchannan tetha. De dhùthchannan na Roinn-Eòrpa, ’seNorwayagusSwedenna dha anns am faide beatha an t-sluaigh, rin gabhail thar a chéile, aguss iad an da dhùthaich cho fada tuaths cho fuarsa thinnte uile.

Tha sluagh na h-Eadailt a pàigheadh barrachd cise air sluagh dùthaich sam bith eile thair an t-saoghal. As a h-uile dolair a tha teachd a stigh dhaibh tha da shent air fhichead aca ri phàigheadh ann an cisean.


Is glic nach meallar, ach cha ghlic a mheallar tric.

Is geal an cùnradh a thig fad as.



[100]

[Vol . 4. No. 13. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, OCTOBER 5, 1895.

Bidh sinn toilichte aig gach àm innse dar luchd leughaidh mu na bhios atachairt air feadh na dùthcha; bhitheamaid glé dheònach a bhi cluinntinn o chàirdean chan ann a mhain as an dùthaich so fhein ach as gach cearna dhen t-saoghal, atoirt iomradh air na bhios adol air adhartnam measg. Tha toil aig a MHAC-TALLA bhina phaipear-naigheachd do na Gàidheil, agus ma ni iad gach cuideachadh as urrainn daibh leis, theid aige air a thoil a chur an gniomh. Tha sinn cinnteach nach eil gin dar luchd-leughaidh nach dean toileachadh ri bhi faicinn litrichean as gach cearna dhen t-saoghal, ’s tha sinn an dòchas gun dean iadsan a bha sgriobhadh ugainn roimhe so lantuinn air an deagh obair, agus gun tig feadhain ùragan cuideachadh. Tha ar caraid Urramach, “Iain,” dom bheil sinn fo chomain mhòr cheana, agealltuinn na bhios na chomas a dheanamh gar cuideachadh air agheamhradh so tha romhainn. Tha dòchas againn, eadar na théid againn fhéin air a dheanamh, agus na ni ar càirdeang ar cuideachadh, gum bi am MAC-TALLA an deigh so na phaipear nas fhearr na bha e riamh.

Cha mhor nach eilColoradogu h-iomlan air a chòmhdach le brat sneachda; chan fhacas a leithid anns an stàit riamh roimhe. Than sneachda eadar ochd òirlich us ceithir òirlich dheug a dhoimhnead.

Is fhearr am bonnach beag leis a bueannachd nam bonnach mor leid a mhollachd.


Iadsan a Phaigh.

Ceit R. Dhomhnullach, Catalone
Eoseph Moireastan, Marsh Lake
Caipt. Raonull Domhnullach, Sidni Tuath
Iain Drummond, Bras dOr Mor
D. J. Mac-Philip, L ’ Archeneque
Niall Mac-Gilleain, Fourchu
An t-Urr. D. Siosal, Sagart Bhroad Cove
Iain H. Domhnullach, Sidni
Ruairi Mac Coinnich, Sidni (50c)
Michael S. Mac Neill, Gleann Bharra
Domhnull Mac Leoid, New Harris
Uilleam Mac Aoidh, Bras dOr Beag
Eiric Nic Aidh, Beinn a Mharmoir
Uisdean Mac Leoid, Gabarus
Domhnull Ros, Forest Glen
Stephen Mac Neill, P. M. Cobh a Bheaveir
Caitriona Chaimbeul, Plaister
Fear aPhosta. Salem Road
An t-Urr. A. Mac Coinnich, Meinn Victoria
Alasdair Steele, Meinn Chaledonia
Iain E. Mac Leoid, Ingonish
Bean A. ’Ic Eachuinn, Port Hood
D. MacIlle-mhaoil, Amhuinn Dhennis
Alasdair Domhnullach, Mabou (25c)
Anna Nic Pharlain, South Cove, (50c)
Iain Rothach, Rudha Mharsden, N . Zealand
Alasdair Kempt, Waipu , N. Zealand
Iain Mac Fhionghain Allt-a- Bhàillidh, N. S.
An t-Urr. Seumas Friseal, St . Andrews
An t-Urr. D. M. Mac Eamuinn, Antigonish
Aonghas Mac Cuaig, Cnoc na h-Eaglais, Ont
D. R. Mac Cuaig, Cnoc na h-Eaglais, Ont
Domhnull Mac Gillebhràth, Cnoc na h-Eaglais, Ont
D. Mac Fhearghais, Penetanguishene , Ont
Alasdair Mac Eallair, Penetanguishene , Ont
Padruig Crawford, Oldfield , Ont.
Iain Mac Fhearghais. Port Arthur, Ont.
Fearchar Deòra, Dunbheagain, (30c)
Bean LachuinnIc Fhionghain, Brooklyn , P. E. I., ( $3 .00)
An t-Urr. C. Caimbeul, Strathalba, P. E. I.
Murcha Mac Laomuinn, Springton , P. E. I.
Niall Domhnullach, Brebhig, Barra
Seumas Mac Neill. Baile-nam-bodach, Barra
Padruig Camshron, Cladach an Iar Africa.


Aicheadh na caillich air an sgillinnach e sgillin a bhann idir ach da bhonn-a- sia.

Tha mòran anns an t-saoghal a thasmaointean gu faod iad a dhol air an aghaidh anns an olc ma théid aca air ainm a thoirt air an olc nach robh air roimhe. Am fear air an robhas afàgail gun do ghoid e caora, thuirt e nach egoid a rinn e idir, ach gur ann a thug e leis i. Tha mòran den mhuinntir a thagan gluasad fhéin gu mi-iomchuidh anns an t-saogal an duil gur còir an leth-sgeul a ghabhail ma their iad gur e gòraiche na h-òige, agus buaidh sheana bheachdan agus sheana chleachdaidhean na dùthcha a tha toirt orra bhithdeanamh an uilc Feumar a chumail a ghnath air chuimhne gu bheil an t-olcna olc ciod sam bith ainm a bbeirear air.

Cuir do mhuinghinsan talamh, cha dfhàg e falamh riamh thu.


AChoisir ChiuilOrain Ghailig.

Than leabhar ciùil Gàilig so air a chur a machna thri pàirtean. Tha 62 de dhòrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oransa cheud Phairt, 21san darra Pàirt, agus 20san treas Pàirt. Than ceòl, (Tenor , Alto, Soprano,agusBass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a gheobh luchd-gabhail ùr don MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadhga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnathasa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, den Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair.


SGEUL EACHUINN

Bha, midol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòrs ga robhchabhag, cha burrainn domh ach stadnuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dhuaireadairean, de dhfhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dhioghnadh orm nach fhaca min stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bhadol seachad, “ tha cumailsan àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor on chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “chan eil ach beagan us seachdain on dhfhosgail e mach. ’S e

RHODES & GANNON

a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhnan t-samhraidh so?” “ ’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am baithne dhuibh e?” “S ann dhomh a baithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bhagam air idir.” Cha dfhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s chan abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha miseg ràdh riut, an ath uair a thig mi dhan bhaile, cha bhi mo sporan cho falamhsa bha en oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dhfhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath riumn uai a bha mi déileadh ris roimhe.



[101]

[Vol . 4. No. 13. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

ThaWigginsag radh gun dthainig an stoirm aige mar a gheall e. Thegamh gun dthainig, ach chan fhaca duine ach e fhéin i. Bha i ri tighinn air an t-seachdamh latha deug dhen mhios. An dfhairich gin de luchd-leughaidh a MHAC-TALLA i.

Tha Sidni Tuath a birudhinn air obair-uisge chur air adhartsa bhaile. Tha coinneamh gu bhi aca air an 17 latha dhen mhios so air son an gnothuch a chur an darna taobh. Mar tham bailen dràsda, chan eil e glé shàbhailte ma thig teinena rathad.

Tha sinn duilich a chluinntinn gu bheil a dha dhe na mèinnean guail air an dùnadh suas, gun fhios cuin a theid car oibreach a dheanamh annta rithist, Meinn Chaledonia agus Meinn Bhridgeport. Chan eil sin ach bochd dhaibhsan a bha deanamh am beòlaind annta.

Bha Tòmas Payne, am fear a ghoid am bathar a stòr ann am Baddeck, aig cùirt air an t-seachdain sa chaidh, agus fhuair e tri bliadhna dhen taigh-oibreach. Thu cuid ameas nach dfhuair e ach peanaist glé aotrom. Ghoid e air fad a mach sa stigh mu fhiach chòig ceud dolair de bhathar.

Gheobhair anns an àireamh so ainmean na feadhnach a phàigh air a mhios a chaidh seachad. ’S e ar barail gum faodadh an àireamh a bhi moran nas momha. Tha sinn an dòchas nach bi an àireamh a pháigheas air a mhios so idir cho beag. Deanadh na Gàidheil an dichioll air MAC-TALLA chumail air a dheagh dhòigh.

CREAGANAIS. —Tha caraid as an àite so a sgriobhadh gu bheil an sgrdan gle ghann air a chladach eadar sin us Port Hood, ach gu robh am biorach glé phailt air an t-seachdain sa chaidh, a sracadhsa milleadh nan lion mar a bàbhaist daibh. Tha Donnacha Caimbeal agus Ailein Mac Gill-fhaollain acur suas factoridh fheòla ann an Creaganais. Bha factoridh ghiomach ann àireamh bhliadhnaichean, ach tha i nise na tamh o chionn da bhliadhna.

Bidh sinn gu tric acluinntinn mu dhaoines mu mhnathan a tha air aois mhor a ruigheachd. Bha e uair air a mheasna ni annasach duine dhol thairis air ceud bliadhna dhaois, ach chan eil e mar sin nas fhaide. Tha daoines mnathan anns gach cearna dhen dùthaich so a tha thairis air ceud bliadhna no glé fhaisg air. Am fear mu dheireadh air an dfhuair sinn iomradh, Caiptean Sylvestre Sampson, rugadh, agus thogadh e air an eilean so fhéin, ann an LArdoise. Tha cuimhnaig air nithean a bha tachairt mu thoiseach na linne so cho maths ged a bann an a thachradh iad. Bhaathair acogadh air taobh nam Frangachnuair a thug na Breatunnaich uapa Louisburg. Bha e chuid mhor debheatha aseòladh, agus tha e air a dheagh dhòigh na sheann aois. Rugadh esa bhliadhna 1794.

Tha Mr. Seòras Mac Gilleain, fear-gnothuich aoidheil anStandard Life Assnrance Company,anns a bhaile air an t-seachdain so. Tha a chuideachd so air aon cho math dhen t-seòrsasa tha deanamh gnothuich, agus tha moran airgid-urrais aca an greim ann an Canada. Tha Mr. Alasdair Mathanach na fhear-gnothuich aca ann an Sidni.

Bhuail da shoitheach na chéile aig beul na h-acarsaid oidhche Di-ciaduin air an t-seachdain sa chaidh. Bha dhiubh, an Cuba, a dol a mach, agus an eile, Elliot, a tighinn a stigh gu Sidni Tuath. Bhan Elliot air a droch mhilleadh; gabhaidh e mu cheithir mile dolair acàradh. Buinidh i doCharlottetown , P. E. I.Cha drinneadh dad air an eile.

Tha rathad-uisge St. Peters gu bhi deiseil; tha an obair ri bhi air a criochnachadh mu meeadhon a mhios, agus bidh an rathad-uisge air fhosgladh air son soithichean a dhol troimhe mu dheireadh a mhiosa. Bha e dùinte suas fad an t-samhraidh, agus chan eil teagamh nach do chumadh malairt nan lochan air ais gu mor leis. Achs math an obair a bhi diante.

Than t-Urr. L. I. Mac-a- Phearsain, sagart LArdoise ri bhi air a shuidheachadh ann an DEscousse, am paraisde anns an robh an t-Urr. Dr. Mac Neill, a tha nise na easbuig ann an Newfoundland. Than t-Urr. H. P. Mac-a- Phearsain, i a than dràsda ann an Arichat on Iar, ri bhi air a shuidheachadh ann an LArdoise. Chan fheil fhios fhathast bhios air a chur dhan sgireachd a tha esan a fàgail.

Di-sathairne sa chaidh, ’nuair a bham bàta Mulgrave a tighinn thairis air Caols Chanso, thug fear Christopher Domhnullach leum a mach air a chliathaich. Chaidh a shàbhaladh le bàtaichean a chaidh a mach a Mulgrave. Am feasgar sin fhéin thug e ionnsuidh air tighin ri bheatha le a sgòrnan a ghearradh. Chaochail e feasgar an ath latha. Bha e mhuinntir Shiudaig, agus thugadh a chorp dhachaidh Di-luain. Tha iad ag ràdh gum bàbhaist da a bhi car as a rian.

Chan eil e coltach gum ben fhirinn a bhanns a bhrath a fhuaras air an t-seachdain sa chaidh ag radh gun do chaochail ceathrar dhe na daoine chaidh a leònadh faisg air Ceap Nòr. An cunntas mu dheireadh a fhuair sinn air an t-seachdain so, bha eg radh gu bheil a choltas orra gun tig iad uile uathe ach aon fhear ris nach eil moran dùil aig an dotair. Thug Burton am fear a rinn an cron a chasan leis, agus chaidh a ghlacadh ann anOxford , N. S. ,Di-sathairne sa chaidh, ’s tha e ri bhi air a thoirt dhan phriosan ann am Baddeck.


POSAIDHEAN.

Aig Marion Bridge, air Di-màirt, a cheud latha de dhOctober, leis an Urr. Uilleam Calder, Ruairidh Mac Asguill á Framboise, us Ceit Nic Fhearghais, New Boston.


Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires air son gach àm eile dhen bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.



[102]

[Vol . 4. No. 13. p. 6]

ALNASCAR.

Am bruadar so, am faoin-sgeul e,
Nom faodadh e bhi fìor?”

Cha robh ann an Alnascar ach lunndaire leisg nach oibricheadh cars nach salaicheadh a lamh cho fhads a bu bheoathair. Aig am a bhais, dhfhag athair aige coig fichead bonn òir. A chum na cuid a bfhearr a dheanamh dhiubh, chuir e am mach iad ann an gloineachan, botail, agus soithichean creatha ro luachmhor agus ro riomhach. Iad so chur e ann am bascaid mhoir, agus an deigh dha bùth beag a ghabhail air mhàl, shuidh e ann; chur e abhascaid aig a chasan, agus leig e a dhruim ris abhalla afeitheamh luchd-ceannaich. Am feadhs a shuidh e mar so gu socair ag amharc air abhascaid agus air abhathair phriseil a bha innte, thuit e ann an trom-smaoin anabarrach taitneach; agus chualas e le cuid de na coimhearsnaich abruidhinn ris fein mar a leanas:— “Chosd an cliath so dhomhsa mu choig fichead bonn òirmo chuid an t-saoghal. An uair a reiceas mi na na thann tilgidh e air achuid is lugha deich fichead bonn oir. Ann an uine gle ghoirid eiridh an t-suim so gu ceithir chiad agus ri h-uine, cinnidh so a rithist gu ceithir mìle. Cha bhi e doirbh ceithir mile bonn òir a dheanamhn a ochd mile. Cho luaths a bhios mo mhaoin mar so air cinntinn gu deich mile, cuiridh mi dhiom obair ghloineachan as bhotal, agus gabhaidh mi gu malairt ann an seudan agus clachan luachmhor. An sin reicidh mi gach seorsa dhaoimean, neamhnaid, agus usgraichean briagha. An uair a chuireas mi ra cheile de shaoibhreas na mhiannaichinn, ceannaichidh mi an tigh is eireachdaile a ghabhas fhaotainn, maille ri fearann, seirbheisich agus feudail. Tòisichidh mi an sin air toil-inntinnean na beatha so a mhealtainn; agus mur dean mise stairirich anns an t-saoghal! Ach cha chum so idir rium; leanaidh mi air gus an cuir mi cruinn ciad mile bonn òir; agus, le so fo mlaimh, is dùth dhomh bhi ag amharc os cionn bàrr mo shroine; cha bhi prionnsas an rioghachd nach bi mi cho miadhor ris, agus iarraidh mi nighean an Uachdarain air laimh mar mhnaoi; an deigh dhomh an toiseach a chur an ceill da an cunntas ard a fhuair mi air an eireachdas, an tuigse, agus achrionntach air son am beil i comharraichte agus ainmeil. Leigidh mi ris da, aig acheart àm, gur e mo run mile bonn òir a shìneadh dha mar thiodhlac air oidhche na bainnse. An uair a phosas mi nighean an Uachdarain gheobh mi dhi deich seirbheisich a dh-fheitheamh oirre, cho maths a ghabhas faotainn, ma ni airgiod e. Na dheigh sin theid sinn le greadhnachas, agus le riomhaidh gun a leithid a dh-fhaicinn mathar-ceile. An uair a chuireas e mi am shuidhe air a laimh dheisrud a ni e gun teagamh ged nach biodh ann ach a chur urraim air a nighinnsìnidh mi dha am mile bonn òir a gheall mi, agus an deigh sin, chum a mhor-ioghnaidh, builichidh mi air sporan anns am bi uidhir eile ag radh rudeigin mar so: —Tha thu afaicinn gur duine mi a sheasas ri mfhacalseadh, is gnath leam daonnan tuilleadhs a gheallas mi a thoirt seachad. ’”

An deigh domh abhan-phrionnsa a thoirt dachaidh chum mo luchairt, bheir mi an aire mhath gun oileanaich mi i gu mor mheas agus urram a chur orm man toir mi an t-srian dar sugradh agus dar gaol. Chum na criche so cumaidh min a seomar fein i car tamuill, adol an drasts a rithist ga faicinn, ’s gun alabhairt ach beagan rithe. Thig an sin a mnathan-frithealaidh a dhinnseadh dhomh gu bheil mo mhi-chaoimhneas an impis a cridhe a bhristeadh, agus guidhidh iad orm, le deoirn an suilibh, midhol ga caidreadh, agus mileigeil leatha suidhe lamh rium; ach gabhaidh mi orm a bhi do-lùbadh agus tionndaidhidh mi mo chul oirre. Thig a mathair agur bheir i a h-ighean am ionnsaidhs mi leam fein air suidheachan riomhach. Tilgidh an nighean i fein aig mo chasan, asileadh nan deur, agus aslaichidh i orm mi ga gabhail air a h-ais a dh-ionnsaidh mo chridhe agus mo ghaoil. An sin a chums gum bi i air a lionadh le lan urram domh, agus gu bhi umhal, iriosal, tairngidh mi mo chas, agus tilgeadh mi uam i le breab a chuireas an comhair a cùil i thun taobh eilen tighe.”

Bha Alnascar cho mor air a shlugadh suas leis an taisbeanadh fhaoin sos nach burrainn da gun a chur an gniomh lechois an ni sin a bha aigen a smaointean; air chors gun dthug e gu mi-fhortanach breab don bhascaid làn dan bhathar bhrisg, a bha gu bhi na bhunait aig a ghreadhnachas gu leir, a thilg i feins na bha innten am pronnan am mach air meadhon na sràide. Eadar. le MAC-MHARCUIS.


TURUS A MHARAICHE.

LE EOBHAN MACLAOMUIN, M. A. D. D.

CAIB. VIII.

Bha càch fo iongantas, agus dhiarr iad cumail aig iomaireadh; ach bha facal Tuigse na lagh. Rinn iad ullachadh chum sgiobaSeann Feòlmhorachda ghabhail air bòrd aGheallaidh.” Thog Tuigse suas a ghuth agus ghairm e orra. Cha dfhuair e freagradh; rinn iadsan bha air bòrd dichioll chum iad féin a shàbhaladh. Ghairm e rithisd: Dh-irich cuid aca na cruinn, agus dh-amhairc iad rathad aGheallaidh,” ach cha dthug iad sanas air bith. Bha na Maraichean thar tomhais fo ioghnadh; an tuille fòs do bhrigh, ’nuair bha briathran na slàinte air an seirm nan cluasan, thug cuid duibh-leum don fhairge chum ruigheachd airRutha-gun-Dochas,” agus chaidh as dhaibh gu truagh. Bhitheadh an soitheach na sgealban an ùine ghoirid; gidheadh cha robh anam a bheireadh éisdeachh do briathran Tuigse, ni motha an robh iad iarratanach air dol air bòrd aGheallaidh.” Dhiomair iad ni bu dlùithe, agus rithisd ghairm Tuigse orra; sguab a ghuth thairis airSeann Fheolmhoireachdagus bhàsaich i airRudha-gun-Dochas.” Dhfheith iad air son freagradh, ach dfhuair iad sid. Ghabh seòladaireanSeann Fheolmhoireachdcomhairle maille ri chéile. Dh-feòraich caipteanDeagh Choltasdhiubh gu sgeigeil am bitheadh iad fo chomain an slainte do shoitheach a bhuineadh do Imanuel. Bha cuid dhethn inntinn dol air bòrd aGheallaidh,” ach thubhairt aon da mainmCeann Ruisgte,” Rinn mise suas minntinn. Bfhearr leam bàthadh mile uair na bhi air mo shabhaladh leis a ghràisg ud. Mar so labhair càch. Bha iadsan a bha iarratanach bhi air an tearnadh air chor air bith, fo eagal aideachadh. Bha an tàm taitneach a dol seachad. Thug caipteanDeagh Choltassanas dhaibhsan bha air a chladach, dh-aithn e dhaibh ràth a dheanamh, rinn e na bha na chomas, ach a mhain nach earbadh e e féin ris aGhealladh.” Bha cuid arraidh air tìr a chunnaic an sanas aigDeagh Choltasagus ghiulain iad facal dh-ionnsuidh aPhriunse Dhuibha dhòl agus a bha subhach na chaisteal airRudha-gun-Dochas.” “Am bheil an soitheach cailte?” dh-feoraich e. Fheagair iadsa gu robh i dol na mir-



[103]

[Vol . 4. No. 13. p. 7]

ean. “Na bitheadh tuille imcheist oirbh thaobh nan daoine;” lion e a ghlaine agus ghàir e gu cridheil. Ach dhiomair anGealladhni bu dlùithe, ’s ni bu dlùithe. “Co-eignichamaid gu teachd a stighthubhairt Peadaras gann a bha air a bhacadh o leum don fhairge agus snamh chum furtach orra.

(Ri leantuinn.)


Fhuair D. J. Damhnullach a stigh moran de dhaodaichean uachdair bhan, deacaidean agus cleòchdannan. Tha iad uilesan fhasan as ùire, agusnan deagh bhargain.


Gu muinntir na h-Aimhne Tuath.

A CHAIRDEAN: —Air iarrtus moran den luchd-taghaidh, tha micur romham feuchainn ri bhi air mo thaghadh mar fhear-comhairle do ur sgireachd. Rugadh agus thogadh mi air an Amhuinn a Tuath, agus is aithne dhomh gabh cùil us cearna dhith. Mas e ur toil mo thaghadh ni mi nis urrainn mi air son math na sgireachd agus na siorrachd air fad. Feuchaidh mi ris na ròideans na drochaidean a leasachadhsa chumail air dòigh. Tha mi gealltinn cuideachd mo dhichioll a dheanamh air stad a chur air reic na deoch làidir. An dòchas ur fhicinn uìle roimh lathan taghaidh, Is mi,

Ur Seirbheiseach Dileas
NIALL DOMHNULLACH.
Baddeck , C, B., Sept. 21, ’95,


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailigdhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


DR. T. C. MAC LEOID.
Faodar an Dotair fhaicinnna oifig anns an togalachs a bheilMoore & Johnstonri ceannachd, no aig a dhachaidh ann aSheerwood.”


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B


Dr. T. G. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.



[104]

[Vol . 4. No. 13. p. 8]

BLAR NA H-OLAINT.

LE ALASDAIR MAC-FHIONGHAIN.

FONN. —Alasdair a Gleanna-Garadh.

Air mios deireannach an fhoghair,
N dara latha, ’s math mo chuimhne,
Ghluais na Breatunnich bhon fhaiche
A chum tachirt ris na naimhdean.
Thug Abercrombi taobh na mara
Dhiu le chanains mi gan cluinntinn,
S bha foirneadh aig Mùr gu daingeann
Cumail aingil ris na Frangich.

Thriall Abercrombis Mur na feile
Len laoich euchdaich thun a bhaiteil;
S tharruinn iad gu h-eolach, treubhach,
Luchd na Beurla ri uchd catha.
Nuair a dhlùth na h-airm ra cheile
Dhubhadh na spuran len deathach;
S bu lionmhor fear a bhasan eisdeachd
Nach do ghluais leis fein an ath oidhch’.

Dhfhag iad sinne, mar a bannsa,
Fo cheannardachd Morair Hunndaidh;
An t-og smearail, fearail, naimhdeil
Nan teannadh ainneart dar n-ionnsuidh;
Lebhratichean sioda strannrich
Rin cuid chrann a dannsle muiseag;
S na fir a togairt thun nam Frangach;
Biad mo ruu-sa chlann nach dùiltadh.

Bhan leoghann colgarra gun ghealtachd,
Lemhile fear sgairteil lamh ruinn;
An camaranach garg on Earrachd
Mar ursann chathas na blaraibh.
Dhaontich sinn mar aonsa bhaiteal,
Le faobhar lann sgaiteach stailinn;
Cha bu ghniomh ler laoich gun taise
Faoineis air an fhaichle lamhach.

Bhruchd na naimhdean len trom làdaibh
Air muin chàich an aite teine;
S nuair fhuair Sasunnich droch càradh
Thill iad on araichn ar coinnimh,
Ghlaodh Ralf Uaibhreach ri chuid armunn,
Greasaibh na Gaidheilnan coinnimh,
S tionndaidh iad an ruaig mar babhaist,
An dream àrdanach, neo-fhoilleil.

Grad air an sghartsan araich
Ghluais na saighdearan nach pillteadh;
Mar iolairean guineach, gun chaoimhneas,
Nach bfhurasdachlaoidh le mi-mhodh.
Thug iad sgrios len gathan boisgeach,
Mar dhealanich oidhche dhìlinn,
Ri sior iomain rompnan naimhdean,
Is neul falair roinn am picean.

Nuair a dhionndrainn a chuid chonnspunn
Morair Gordon bho uchd buailte,
S a chual iad gun robh e leinte,
Dhurich iad len deoin an tuasaid.
Mar mhaoim de thuil nam beann mora
Bruchdadh bho na neoil mur guaillibh,
Lean iad an ruaig le cruaidh spòltach,
Gu fuilteach, mor-bhuilleach, gruamach.

Na Camaranich an tus a chatha
Fhuair an losgadh mar an ciadna;
Leonadh an ceann-feadhna sgairteil
Ri comhrag baitealach a liath e.
Bu shònruichtcoltas na dearcaig
S an fheoil nach taisicheadh fiamhachd;
Mun dchrom a ghrian fo cleoc tasgaidh,
Phaigh sinn air an ais na fiachan.

Ged bha na Rioghalich bho Albainn,
Na fir ainmeil, mheanmnach, phriseil,
Fada bhuainn ri uair a gharbh chath,’
Fhuair iad ainm ri uchd nam miltean.
Ghreas iad air aghaidh gu colgail
Nuair a chual iad stoirm nam pìcean.
Mo chreach! luchd nam breacan balla-bhreac
Bhith, le lasair, marbh nan sineadh.

Tha na Frangich math air teine
Gus an teannar goirid uapa;
S ann mar sin a fhrois iad sinne
Re deich mionaidean na h-uarach.
Ach nuairfhuair ar laoich gun tioma
Dhol an aite buillebhualadh,
Bha roinn nan stailinnean biorach
S àthadh guneideach mun tuaiream

Gum be sin a tuaiream smearail,
Cinnteach, amaiseach, gun dearmad,
Thug na leoghainn bhorba neamhuil,
Bu cholgail sealladh fon armaidh;
Ri sgiursadh naimhdean mar fhalisg,
S druch lan fallais air gach calg dhiu.
Bha Fhrangich a brùchdadh fala,
S an cùl ri talamhsa ghainmhich.

Mar neoil fhuilteach air an riasladh
Le gaoith a biargalta seideadh,
Ruith nam baidnibh ceigeach, liath-ghlas,
N deidh an cliathadh as a cheile,
Chìteadh na naimhdean, gun riaghailt,
Teicheadh gu dian bho uchd streupa,
S iad a leaghadh air ar bialthaobh
Mar shneachd am fianuis na greine.

Nuair chuireadh am baiteal seachad,
S a dhàireadh ar gaisgich threubhach,
Bha iomadh Gaidheals an deachamh
Le meud am braise san streupa;
Fuil a ruith air lotaibh frasach
O luchd bhrecanan an fheilidh,
S i sìor thaomadh leis na glacan:—
S truagh nach dfhuair ar gaisgich eiridh.

S bochd gun sian orra bho luaidhe,
On a bha iad cruaidh nan nàdar,
Fulangach gu dholsan tuasaid,
Guineideachnuair ghluaistan árdan.
Cha robh math dan namhaid gluasad
Dhiarraidh buaidh orrasna blaraibh;
Chaill iad air an traigh seachd uairean
Tuilleadhs a bha bhuainnsan araich.

Ged a thill sinn do ar duthich,
Cha dmhill sinn ar cliu an cruadal;
Bha sinn gach latha gan sgiursadh,
Mar chaorich aig cu gan ruagadh.
Dh-aindeoin an cuid sloigh gun chunntas
Tighnn on Fhraing as ur gur bualadh,
Bu leisg ar gaisgich gu tionndadh
Nuair a chord an Dùic rinuaislean.

Nis on chuir iad sinn do Shasunn
Ghabhail ar cairtealan geamhraidh,
Far am faigh sinn leann am pailteas,
Ged tha mac-na-bracha gann oirnn,
Olar leinn deoch-slainta Mharcuis,
Ar guallann thaices ar ceannard;
S tha sinn cho ullamhs is ait leis
Dhion a bhratichean o ainneart.


Tha dùil aig luchd-togail nan soithichean air Amhuinn Chluaidh ri òrdugh cho Iapan air son fìach chòig muillein fichead dolair de shoithichean-cogaidh.


C . H. HARRINGTON & CO

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean .

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig.

titleIssue 13
internal date1895.0
display date1895
publication date1895
level
reference template

Mac-Talla IV No. 13. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page