[Vol . 4. No. 14. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 12, 1895. No. 14.
CORP CREADHA.
AGUS SGEULACHD “CHALLUM GILLE.”
Is minig a chuala mi an làithean m’ òige beul-aithris air buidseachd. Comhla ris a b-uile geasag eile air an d’fhuair mi iomradh, bha ’n “Corp creadha.” Bha an corp creadha air a dheanamh air son dioghaltas a dheanamh air duine sam bi nach bu toigh leat. ’S dòcha gu’n bheil sibhse an dùil gu’n do sguir an obair fhaoin so o chionn fhada, ach cha do sguir. Chaidh corp creadha dheanamh ann an Ceap Breatunn ri mo latha féin, agus leugh mi gu robh an cleachdadh ceudna air a leantuinn ann an Alba gus o chionn dusan bliadhna, agus dh’fhaoirte gu bheil e ri fhaotainn eadhon air an latha ’n diugh. Anns a’ bhliadhna 1883 thainig càs air beulaobh cùirt ann am baile mor Inbhirnis, agus thug fear de luchd na còmhstri a làthair corp chaidh a deanamh dha fhéin. Mu’n innis mi mu’n chorp a tha ’nam bheach feumaidh mi innse an t-aobhar a bha air son a dheanamh. Mar sin innsidh mi sgeulachd “Challum Gille.” Cha ’n eil mi cinnteach ciamar a fhuair Callum am far-ainm so. Bha e ’na ghillé iasgaidh, fuasgailte. An deigh dha a ghriasachd ionnsachadh, agus teaghlach ’athair gun bhi ro chothromach, chuir e roimhe gu rachadh e ’ga chosnadh. ’Se toiseach a gheamhraidh a bh’ann, ’s cha bhi obair sam bith gle phailt mu’n àm sin de’n bhliadhna. Thog e air gu dhol a ghriasachd air feadh nan taighean, a deanamh brògan ùra no chàradh shean bhrògan mar a thachradh ris. Cha robh moran acuinn a dhith air; bha minidh no dha aige, sgian, òrd, turcais, snath bhròg, mir de ròsaid agus friodhain muice. Leotha sin agus le beagan de nithean eile nach d’ rinn an t-eallach glé throm, thug e ’n rathad air gu sunndach. Thug e a cheud sgriob thun an Eilein Mhòir far an robh an sluagh uile glé chothromach, agus an uine ghoirid thainig e gu fàrdaich Iain Raib ’Ic Leòid air “rudha ’n eilein,” far an d’ fhuair e pailteas oibreach. Bha bràthair do dh’Iain a’ cur seachad a gheamhraidh còmhla ris do’m b’ainm Donnacha, sgiobair soithich. Bha bòtainnean mòra aig Donnacha a cheannaich e ann am port Frangach, agus a bha tuilleadh us farsuinn dha. Thug e do Challum iad gus an deanamh ni bu lugha. B’ iad sin bòtainnean a dhunaich do Challum; thòisich e orra, agus ma bha iad ro mhor roimhe, rinn esan ro bheag iad, agus bha iad air an tur mhilleadh. B’ fheudar do Challum bochd teicheadh, no bheireadh Donnacha droch laimhseachadh dha; ach ’nuair nach d’ fhuair Donnacha greim air, rinn e oran dha. Bha e na dheagh bhàrd. Cha’n eil agam air chuimhne dhe’n òran ach rann no dha. Bha e air fonn “Blar na h-Eipheit.
’M b’ aithne dhuibhse Callum Gille?
’N gille sean aig Domhnull P—;
’Nuair a thainig e an tùbh-so
Bha mi ’n dùil gu faighinn brògan;
Thug mì bòt’nan dha ri chàradh,
Sgaoil e ’n àird a chum nam beòil iad,
’Sa h-uile greim a chaidh an àit sin,
Bha dha dhiubh a’ dol gu òirleach.
Bha e cho math air a cheaird, na ’m b’ fhior, ’s gun do shiubhail e gach cearna de’n t-saoghal, agus bha ’n t-òran a toirt cùnntas air na chunnaic e.
Mu dheireadh rainig e Sina
Cha robh ’n sin ach brògan iaruinn,
Cha robh miadh ac’ air a cheaird-san, &c , &c .
Thainig e ’n deigh sin dhachaidh ’na dhuine beairteach. Bha ’n t-òran ag innse gu robh e uair a mach a shealgaireachd.
Ach ’s tu ni ’n càs marbhaiche
’Nuair a thacharas na ròin riut
Bi’dh tu a falbh an chis a’ chladaich
’Measg nan creagan air do spògan.
Lùbaidh tu do ghlùn ’s an amharc
Dùinidh tu do ghial-shùil bòidheach.
Theid iad fodha ’n coinneamh ’n casan,
“Taing you, Challum,” their an ròn riut.
Agus mar sin air adhart. Bheireadh an t-òran toileachadh mòr do luchd-leughaidh a Mhac-Talla anns an dùthaich so. Ach, coma co-dhiu, ’nuair chuala màthair Challuim mu’n òran, ghabh i ’n caothach dearg. Cha robh ioghnadh ann an sin, oir cha bu toigh le màthair sam bith a bhi deanamh tarcuis air a mac. Cha robh dòigh sam bith aice air son an tòrachd a thoirt a mach ach le buidseachd a dheanamh. A làn chreidsinn gu’n tigeadh a guidhe gu crich, rinn i corp creadha air cumadh Dhonnacha i, chàraich i e ’san allt far am biodh an sruth a ruith thairis air, le guidhe mar a chaitheadh an corp creadha gu’n biodh corp Dhonnachaia caitheamh mar an ceudna! A bhean bhochd, c’àite ’m bheil i ’n diugh? agus Donnacha beò fhathast.
IAIN ROTHACH.
Rudha Mharsden, N. Z., 5, 9, ’95.
Litir a Penetanguishene
FHIR-DEASACHAIDH CHOIR,— ’S cinnteach leam gu bheil iongantas ort nach cual’ thu diog bhuam bho chionn fada. Ach coma co-dhiu, “ ’s fhear treabhadh anamoch na ’bhi gun treabhadh”. Tha mi aig an àm so a cur tri dolair gad ionnsuidh aon airson Iain Mac Fhearghuis aig Port Artair, Ont., agus aon-an-t- aon airson Alasdair Mac Eallair agus mi fein aig Baile-nan-Gaduichean. Fhuair an triùir aginn a cheud phàirt do’n Choisir Chiuil bho’nScottish Canadian ’san àm ’sa robh e air ghleus, ach cha d’fhuair sinn riabh an darra no an treas pàirt, oir tha mi an dùil nach robh iad air an clodh-bhualadh aig an am. Am bi thu cho math agus fios a chuir gar n’ionnsuidh gu de na chosdas iad dhuinn ann an airgiod, oir bu mhath leinn gle mhath an faighinn a nis. Le deadh-ghean do’n t seorsa ’s fhear.
Is mi do charaid,
Domhnull Mac Fhearghuis.
Is beò duine an deigh a shàrachadh, ach cha bheò an deigh a nàrachadh.
[Vol . 4. No. 14. p. 2]
BAS RIGH RAIBEART.
Chunnaic Raibeart Brus crioch a shaothrach, ’s a thrioblaidean uile, a rioghachd a chur saor o chumhachd ’us ain-tighearnas coigrich sam bith. Ach tharruing na h-easbhuidhean ’s na cruadalan troimh an deachaidh e n toiseach a rioghachaidh, tinneas air nach gabhadh leigheas, ’n uair nach robh e fathast ach am meadhon aois. Chuir e seachad a’ chuid mu dheireadh de ’làithean ’an lùchairt Chairdrois air amhainn Chluaidh. ’N uair a bhiodh dad de fheabhas air, bhiodh e lningeireachd air an amhainn ann am bìrlinn a bha e ’cumail a dh’ aon bhàgh air son sin; agus gu maith tric ag amharc thairis air togail luingeas, araon air son malairt ’us cogaidh, ni a bha e ro dhéigheil air fhaicinn ’an Alba. Bu ro thoigh leis mar an ceudna bhi faicinn aitreabhan an rioghachd a’ dol am feabhas, ni anns an robh e féin a’ toirt eisimpleir d’ a chuid iochdaranaibh.
An uair a dh’ aithnich e ’chrioch a’ teannadh ris chuir e fios air àrd-mhaithibh na tìr as am feudadh e earbsadh, agus thug e teann òrdugh dhaibh, air an onair ’s air an dìlseachd, a bhi firinneach d’ a mhac, Dabhaidh, agus an crùn a chur air a cheann co luath ’s a thigeadh e gu aois a bhiodh freagarrach. Ghairm e thuig’ an sin Morair Seumas Dùghlas, agus labhair e ris ’an éisdeachd chàich uile. “A charaid chaoimh,” ars’ esan, “cha ’n ’eil neach sam bith aig an fhearr a tha fios na agadsa cia mòr an t-saothair agus na fulangais troimh an deachaidh mis’ air sgàth còraichean na rioghachd so. ’N uair bu mhò bha mi air mo theannadh thug mi bòid do Dhia, na ’m bithinn air mo chaomhnadh gu crioch fhaicinn air mo chogaidhibh, agus an rioghachd so a riaghladh an sìth, gu ’n rachainn an sin a chogadh an aghaidh naimhdean* ar Tighearn’ agus ar Slànnighir. Cha do sguir mo chridhe riamh a lùbadh do ’n mhiann so, ach cha tug an Tighearn aonta do ’ni so, oir bha ni’s leòir agam air mo làmhaibh re m’ uile làithean, agus tha mi nis air mo bhualadh leis an tinneas throm so, mar a chi sibh uil’, air sheòl ’s nach ’eil ni air mo shon ach bàsachadh. Agus o nach urrainn mo chorp dol an sud, rùnaich mi mo chridhe ’chur ann an àite mo chuirp, air son mo bhòid a choimhlionadh. Agus a nis, a charaid ionmhuinn agus dhìleis, a chionn gu bheil fios agam nach ’eil ’s an rioghachd air fad uasal is gaisgeile na thusa, tha mi ’g aslachadh gu’n gabh thu os làimh an turu-scuain so, agus gu’n diol thu na fiachan so air son m’ anma; oir tha ’bharail sin agam air d’ fhirinn ’s air d’ uaisleachd gu bheil mi dearbhta gu’n coimh-gheall thu ciod sam bith a ghabhas tu os làimh. ’S i mo thoil, uime sin, co luath ’s a bhàsaicheas mi, gu’n toir sibh an cridh’ as mo chorp, ’s gu’n toir sibh mu’n airidh spìosraidh a chur air, ’s gu ’n gabh sibh de ’m chuid ionmhais a mheud ’s a shaoileas sibh a bhi pailteas araon duibh féin ’s do bhur companachaibh; agus gu ’n toir sibh leibh mo chridhe ’s gu ’n càirich sibh e ’n uaigh naoimh ar Tighearn, a chionn nach urrainn an corp so dol an sin.” Bha gach neach a bha làthair a’ sileadh nan deur ag éisdeachd na h-òraid so, agus an Dùghlasach cùranta mar chàch. ’N uair a fhuair e fo ’anail, fhreagair e gu ’n robh e toirt mìle taing do ’n rìgh air son na h-earbsa bha e cur ann; agus gu ’n robh e ro dheònach air ùmhlachd a thoirt gu ro dhìleas d’a àithne.
Thug an rìgh an sin taing dha, ’s thug e air gealltuinn, air focal firinneach ridire, gu ’n deanadh e ni a bha a ag iarraidh. ’N uair a gheall an Dùghlasach a réir sin e, thug an rìgh taing do Dhia an sin, ’s thuirt e gu ’m bàsaicheadh e ’n sìth a chionn gu ’n robh fios aige gu ’n deanadh an duine bu treubhaiche ’n a rioghachd an ni ud air a shon nach b’ urrainn e féin a dheanamh riamh.
An déigh so thruimich a thrioblaid air, ’s chaochail e anns a bhliadhna 1329, an 7 là de mhios-meadhonach an t-samhraidh. Bha e da fhichead ’s a cuig deug a dh’ aois, agus ’n a rìgh 23 bliadhna. Rinneadh caoidh mhór ’an Alb’ air a shon. Agus na ’m b’ fhiach do Alba cumha dheanamh air son aon sam bith de ’cuid mac’ b’ e phearsa rioghail so, gun teagamh, a b’ fhearr an airidh air an onair sin. Ach bha aobharan an caoidh ni bu mhò na bha iad a’ faicinn an là ud. Rinn iad uaigh riomhach mharmoir air a shon ann an coisir chùil Abaid Dhunfermlin. Ghnàthaich an eaglais gach greadhnachas a bha ’n a comas aig àm a bhi ’g a adhlacadh, na ’n deanadh ceòl-thuireadh, ’us tional easbuigean, ’us luchd-dreuchd de gach inbh’ ’us ainm e. Ach anns na stadaibh a bha ’n tràths ’us a ris a’ dol air ceòl nan innealan, chluinnteadh fuaim a’ ghuil ’s an tuiridh a measg a chomh-chruinneachaidh lionmhoir ud.
Tha rìgh Raibeart air a chumail fa chomhair luchd-leughaidh mar is trice, mar fhear-cogaidh—mar neach a dhoirt mòran fola. Cha bu deic leis na b’ éigin do dheanamh dheth sin ’an dion a bheatha féin, s a’ seasamh còraichean a rìoghachd. Ach tha caochladh nithe sgriobhta mu ’thimchioll a tha deanamh soilleir gu’m bu duin’ iochdmhor, truasail e, co maith is gaisgeil ri aghaidh cruadail; ach ris nach b’ urrainn sinn eadhon beantuinn anns a ghiorrachadh so a rinn sinn air a ghniomharaibh euchdail.
Goirid an déigh bàs an rìgh, dh’ fhalbh am Morair Dùghlas, le àireamh maith de luchd-leanmhuinn, air los cridh a’ Bhrusaich adhlacadh ’s an uaigh Naoimh ’an Ierusalem. Bha e aig’ ann an soireig airgid, crochte m’ a amhaich, le sreing de òr ’s de shide. Air an turus do’n àirde near chaidh na h-Albannaich air tìr ’s an Spainn. Ghabh rìgh na Spainne ain gu subhach. Thachair gu’n robh cogadh ’s an àm eadar Alphonso, righ na Spainne, agus Osruin, righ nan Sarasach, luchd-leanmhuinn Mhahomeit, a bha ’n déigh sealbh a ghabhail air roinn mhòir de’n Spainn fada roimhe sud. Thug Alphonso air na h-Albannaich aontachadh ri dhol ga chuideachadh an aghaidh nan naimhdean so. Choinnich an dà armail ann an achadh faisg air Gibraltar. Rinn Alphonso Mort air Seumas Dùghlas ’n a Sheanalair air roinn mheadhonach an airm. Chuir a’ chuid sin de’n armailt air theicheadh na bha mu’n coinneamh de’n nàmhaid. Ach lean iad an ruaig ro fhada, ’s thug na Spainich an aghaidh air creachadh. Ach phill an eachraidh Sharasach air an ais, ’s chuartaich iad an tearc a bha ’g an ruagadh. ’N uair a dh’ fhairich an Dùghlasach an nàmhaid a’ dòmhlachadh timchioll air, dh’ fhuasgail e ’n còrd a bha ’ceangal na soireig o ’bhroilleach ’s thilg e i fad a ghàirdein do mheadhon an nàmhaid, ag ràdh aig an àm cheudna, “Gabh air thoiseach ’s a’ chòmhraig mar bu nòs duit, ’s leanaidh an Dùghlasach thu, no bàsaichidh e.” An sin dh’ oibrich e ’chlaidheamh mòr co math ’s gu’n do réitich e àit’ anns an robh cothrom dol mu’n cuairt aige. Ach bha na naimhdean co lionmhor ’s co guineach timchioll air ’s nach robh
[Vol . 4. No. 14. p. 3]
dol as aige. Fhuaradh a chorp làn de lotaibh, faisg air an àit ’s an robh an t-soireag airgid le cridhe an rìgh ’n a luidhe. Phill na mhair beò ’an déigh a’ bhlair ud de na h-Albannaich dhachaidh. Thug iad leò cnàmhan an Dùghlasaich, agus chuir iad air leth am fear a b’ urramaiche ’n a measg air son an t-soireag phriseil a ghiùlan air ais do Alba. Dh’ adhlaiceadh cnamhan an Dùghlasaich ’n a eaglais fein, maille ri ’aithrichibh. Dh’ adhlaic iad cridhe Raibeirt Brus ’an Abaid Mhelros.
Anns a’ bhliadhna 1818 bha luchd-oibre ’gearadh bunait air son eaglais ùr a thogail air lathrach seann Abaid Dhunfermlin. Anns a’ ghlanadh a bha iad a’ deanamh an sin thàinig iad air uaigh rìgh Raibeirt. Bha còmhdachadh luaidhe air a tharruing ’an cumadh crùin aig a cheann, a’ cuairteachadh a chuirp. Bha mìrean de’n lìon-eudach òir ’s an deachaidh ’adhlacadh fathast ri ’m faicinn. Fhuaradh gu ’n robh na h-aisnean air taobh clì a’ broillich air an sàbhadh as a’ chéil’ air son an cridhe thoirt a mach. Thainig òrdugh a nuas á Lunuinn na cnàmhan a bhi air an gleidheadh gu cùramach gus am biodh tàmh-thigh ùr air ullachadh air son an càradh ann le mòr urram. Chruinnich mòran de shluagh na dùthcha, iosal ’us uasal, gu sealladh fhaicinn de ’n a bha ’n éis de ’n ghaisgeach chliùiteach. Bha iad a sealltuinn le fiioghnadh ’us amh air a’ chlaigionn ’s an robh comhairle co glic a’ còmhnachadh uair eigin, agus air a’ chnaimh chaithte ud, a b ’e aon uair an gàirdean neartmhor a bhuail gu talamh am Bohun garg.
Balla Mor Shina.
Ma theirear gur h-iad Barrachaoil(pyramids)na h-Eipheit an t-ioghnadh a’s motha th’ air an t-saoghal, faodar a radh gur e Balla Mor Shina an darra h-ioghnadh. Tha iadsan a chunnaic e ag radh gur e aon obair cho iongatach sa rinn mac an duine riamh. Tha e teiseachadh aig a mhuir air an taobh an ear agus a leantuinn air taobh tuath us iar-thuath na dùthcha fad cheithir cheud deug (1400) mile. Tha e air a thogail ’sa chuid a’s mo air cloich, ’s air cloich-chreadha, agus tha tùir air a mhullach astar goirid o chéile. Bha e mar sin air dòigh ’s na’n cuirte dragh air freacadain aon tùir gu’m b’ urrainn freacadain an da thùir a b’ fhaisge tigh’n ’gan cuideachadh. Anns gach àite a bha furasda do nàmhaidh a ruigheachd, bha daighneachdan làidir air an togail. Ann an àiteachan tha ’m balla dùbailte, agus ann an corra àite tri-filte, ach faisg air a cheann an iar dheth cha’n eil ann ach dùn mòr talamhainn. Tha e ann an cuid a dh’ àiteachan a’ direadh ’sa tearnadh chreagan us bheanntan àrda, agus tha e doirbh a dheanamh a mach ciamar a chaidh aca-san a bha ’ga thogail air an stuth a thoirt ann no a chur ri chéile, oir cha’n eil clachair no fear-togail anns an Roinn Eòrpa an diugh a bheireadh ionnsuidh air eadhon tigh a chur suas ann an cuid de na h-àiteachan uamhsach anns am bheil am balla so na sheasamh gu daingeann o chionn còrr us da mhile bliadhna. Tha e air a thogail le balla tana cloiche air gach taobh dheth, agus eadar an da bhalla air a lionadh le talamh, air dhòigh ’s gu’n saoileadh duine gu’m bu chlach air fad e. Tha a chuid iosal dheth air a dheanamh de chlachan mòra, agus mu shia troighean o’n làr tha a chlach-chreadha ’tòiseachadh agus a leantuinn dh’ ionnsuidh a mhullaich. Tha ’m mullach air a chomhdach le leacan tana mar air cabhsair sràide. Tha na tùir uile mu dha fhichead troigh a dh’ àirde, agus tha ’m balla ri ghabhail thar a chéile mu fhichead troigh o làr gu mullach; tha e na’s isle na sin air na beanntan agus na’s àirde na sin anns na glinn. Tha araon am balla ’s na tùir na’s leithne gu h-iosal na tha iad gu h-àrd, agus tha geatachan air am fosgladh trompa dh’ ionnsuidh nam bailtean air gach taobh. Bha duine a chuunaic am balla o chionn còrr us leth cheud bliadhna ag radh ged rachadh na bha de chloich ann an taighean-còmhnuidh Bhreatuinn air fad a chruinneachadh còmhladh, (agus bha e ’meas gu robh muillean us ochd ceud mile dhiubh ann,) nach biodh gu leòr ann air son am balla so a thogail! Bha e ’g radh gu robh de chloich anns na tùir ’s anns na daighneachdan leotha fhéin na chuireadh suas baile bhiodh uiread ri Lunnuinn! Tha e air a mheas le feadhain eile gu bheil pailteas de stuth ann gus balla bhiodh sia troighean a dh’ àirde ’s ceithir troighean a thighead a chur ceithir thimchioll air an t-saoghal! Chuireadh am balla mor so suas leis na Sineich mu
Air leantuinn air Taobh 7.
Bas an t-Seoladair.
Ged a b’ iad maraichean agus cabhlach Bhreatuinn a dhion an rioghachd ri linn cogadh mor na Frainge, agus ged a tha sinn ’n an eiseimeil air son a bhi ’giulan ar bathar-malairt do dhuthchan cein air feadh an t-saoghail, ’s a’ toirt moran d’ ar ionnsaidh chum ar beathachaidh ’s ar sgeadachaidh; gus o chionn ghoirid ’s beag a chaidh a dheanamh air son leas aimsireil no spioradail nam maraichean bochd. Tha, a nis, tighean mor air an cur suas anns na bailtean-puirt a dh-aon ghnothach air an son, far am faigh iad tuineachadh an uair a tha iad air tir, gun chunnart a bhi air an spuinneadh le creachadairean mar bu tric a thachair dhoibh roimhe. A thuilleadh air sin, tha àiteachan-aoraidh air an cur air leith dhoibh. Is e an t-àite aoraidh a gheobhar an cuid de chalaidhean, seann long air a deasachadh le lobhta agus suidheachain; agus seann seoladair cràbhaidh a comhnuidh innte ’s a’ cumail aoraidh moch a’s anmoch.
Chuala mi an sgeul a leanas mu bhàs fir a bha fada an aon de na h-aiteachan-aoraidh so. An uair a bhuail galar a bhais e, thanaig cuid d’a sheann chompanaich g’a fhaicinn. Dh’ fheoraich iad ciod am beachd a bha aige a thaobh an turais-mhara air an robh e a reir coslais gu seoladh. Fhreagair e, an cainnt na mara, “Tha’m fearann an sealladh, tha ’m fearann an sealladh” (Land a-head, land a-head! )An ath uair a thanaig iad bha e na bu laige. Dh’fheoraich iad ciod an staid ’s an robh e. Fhreagair e, “A’ dol timchioll an rudha, a’ dol timchioll an rudha” (Rounding the poiut, rounding the point. )An uair a thaing iad a rithist bu ghann a b’ urrainn da an ceistean a fhreagairt; thubhairt e, “Gach ni gu maith, gach ni gu maith” (All is well, all is well. )An uair mu dheireadh a thainig iad g’ a fhaicinn bha e gun chainnt, ach cha do chaill e a phurp. Bu leisg leo ’fhagail gun sanas eigin fhaotainn a thaobh a mhisnich agus e cho dluth d’ chrich. An uair a bha iad gu ’fhagail chruinnich e am beagan neart a bha aige ’s thuirt e, mar bu ghnàth leo ’n uair a ruigeadh iad an cala miannaichte, “Leig sios an acair” (Let go the anchor, )a’s le sin thug e suas an deo.
[Vol . 4. No. 14. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, OCTOBER 12,1895.
Fhuair sinn a’ cheud àireamh de phaipear ùr Albannach a thatar a’ cur a mach ann an Ottawa do’n ainm, “The Fiery Cross” .Tha e ’na phaipear gasda, air a lionadh le seanachas taitneach mu shluagh na h-Alba, an eachdraidh ’s an cleachdaidhean. Tha cùil bheag ann do’n Ghàilig cuideachd. Tha am paipear ri tighinn a mach uair ’sa mhios, agus ’se a phrìs dolair sa bhliadhna. Tha e air a chur a mach le Mr T. D. Mac Dhomhnuill, 1 Sparks St. Ottawa, Ont.Tha sinn an dochas gu’n soirbhich gu math leis.
Tha baile-mor Inbhirnis a dol a thogail Càrn-chuimhne do Fhionghal Nic Domhnuill, (Flora Mac Donald. )Bha mile punnd Sasunnach ( £1 .000,) air fhàgail aig a bhaile air son an aobhair sin, le Caiptean Domhnullach a chaochail o chionn ghoirid, ’sa bha na oifigeach ann an té de na réiseamaidean Gàidhealach.
Tha clann nan daoine dubha ann an Africa aig àm am breth ’nan dath cho geal ri clann eile, ach an ceann mios fasaidh iad buidhe; an ceann bliadhna bidh iad donn; an ceann ceithir bliadhna bidh iad lachdunn; agus aig aos sia no seachd a bhliadhnaichean, bidh iad cho dubh ’s gu faiceadh duine ’fhalas asda.
Bha tuathanach ann an Ontario an la roimhe a’ spealladh arbhair le uidheam-spealaidh, agus ruith gille beag dh’an arbhar roimh ’n speal gun ’athair ’ga fhaicinn. Rug an speal air ’s chaidh an da chois a ghearradh dheth. Cha robh e beò ach ùine gle ghoirid.
Tha ceannairc Chuba a dol air adhart, agus gach taobh ag obair cho math ’sa dh’ fhaodas iad air an lamh-an-uachdar fhaighinn air an taobh eile. ’Se “buaidh no bàs” a bhios ann taobh air thaobh. Rug na Spàinnich air reubalach o chionn ghoirid, agus dh’ òrduicheadh a sgiùrsadh le ceithir cheud buille ’s an sin a thilgeadh, agus chaidh an t-òrdugh bruideil sin a chur an gniomh.
Cha ’n eil ach fior chorra àite dhe ’n chuan roimh ’m bheil uiread eagail aig na maraichean ’sa th’ aca roimhSable Island.Tha Riaghladh Chanada an deigh cairt-iùil ullachadh a’ sealltuinn far an deachaidh còrr us ceud gu leth long a bhristeadh air an eilean sin o thoiseach na linne so; dheanadh sin gle fhaisg air da long ’sa bhliadhna. Cha ’n eil fhios co meud a chaidh a bhristeadh air roimh thoiseach na linne so; cha robh cùnntas sam bith air a chumail orra.
Thoir an air’ air d’ Obair fhein.
“ ’Nuair a bha mi ’nam ghille ’dol dh’ an sgoil,” arsa seann duine, “bha maighstir-sgoile againn aig an robh iomadh dòigh neonach air faighinn a mach cò bha toirt an aire air ’obair agus cò nach robh. Aon latha bha sid, thuirt e ruinn, ’Illean, feumaidh sibh an aire thoirt do ur leòbhraichean na’s fhearr na tha sibh a’ deanamh. A cheud fhear agaibh a chi fear eile diomhain, innseadh e dhòmhsa e, agus bheir mis’ air nach bi e diomhain na’s fhaide. ’Nis, arsa mise rium fhéin, ‘so mo cothrom. Sid Callum Sheòrais, gille nach toigh leam idir; mi mi faire gus an tog e a ’shùil bhar a leobhair agus innsidh mi air.’ Cha b’fhad agus am faca mi Callum a togail a chinn ’sa toirt-sùil taobh eile ’n taighe. Thog mi mo làmh, ’s dh’innis mi dh’an mhaighstir-sgoile nach robh Callum ag ionnsachadh a leasain. ‘Seadh,’ ars’ esan, ‘agus ciamar a fhuair thusa sin a mach?’ ‘Chunnaic mi e,’ arsa mise. ‘Seadh direach’, ars esan, ‘agus c’àite ’n robh do shùilean aig an àm; an ann air do leobhar mar a dh’iarr mis ort?’ Bha mi air mo bhrath gu dona agus cha do dh’fheuch mi riamh tuilleadh ri breth air gillean diomhain.” Ma tha sinn cho furachail ’s is còir dhuinn air ar giùlan fhéin cha bhi ùine sam bith againn ri chaitheamh ann a’ bhi faotainn coire do ghiùlan muinntir eile.
A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig.
Tha ’n leabhar ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor , Alto, Soprano,agusBass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair.
SGEUL EACHUINN
Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e
RHODES & GANNON
a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “ ’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’n uai a bha mi déileadh ris roimhe.
[Vol . 4. No. 14. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Tha Riaghladh Chanada an deigh Dior-daoin a chead la air fhichead de ’n ath mhios chur air leth air son Latha Taingealachd.
Chaochail fear Alasdair Hollingsworth ann anMill Village, N.S. ,am la roimhe an deigh dha aois ceud bliadhna ’sa dha a ruigheachd.
Tha ’n t-side o chionn seachdain air fas glé ghreannach, fuar, agus tha fior choltas deireadh an fhoghair a tigh’n air gach ni. Cha’n fhada gus ann bi an geamhradh againn.
Cha b’e Burton idir air an d’ rugadh ann an Oxford air an t-seachdain s’a chaidh, ach duin’ eile tha gle choltach ris. Cha ’n eil teagamh nach d’ fhuair Burton a chasan a thoirt leis dha na Stàitean.
Tha mu lethcheud duine ag obair air deanamh aoil air Beinn-a- Mharmoir, an sionachd Inbhirnis. Tha iad a’ deanamh mu mhill barailte de dh’ aol ’sa mhios. Tha iad cuideachd a cur air falbh beagan marmoir.
Tha muillearan Ontario an deigh pris an fhlùir a thogail. Tha iad ’ga reic a nise da fhichead sent na’s daoire na bha e roimhe so. Cha bhi ’m biadh air a gheamhradh s’a tighinn idir cho saor ’sa bha e air a’ gheamhradh s’a chaidh.
Chaidh Micheil Mac Nèill ’sa bhaile so a ghoirteahcadh gu dona oidhche Di-sathairne’ s’a chaidh. Bha e ’na shineadh air an rathad iaruinn agus thainig carbad beag(trolley)air a mhuin, a deanamh droch ghearraidhean air mu’n cheann.
Tha Port Morien glé fhad air ais air a bhliadhna so. Bha ’n obair glé ghann anns a mhèinn fad an t-samhraidh, agus cha ’n eil i dol dad na’s pailte air an fhoghar. Cha do dh’ obraich a mhèinn air an t-seachdain s’a chaidh ach latha gu leth, agus cha robh ’n t-seachdain so moran na b’ fhearr. B’ àbhaist do Phort Morien, no Cow Bay mar theirte ris roimhe so, a bhi gu tric air thoiseach air na méinnean eile ann an iomadach dòigh, ach tha e nis air deireadh orra, agns mur dean an ath bhliadhna na’s fhearr ris na rinn a bhliadhna so, theid e bhuaithe buileach.
Chaidh fear Micheil Domhnullach a mhuinntir Ghlace Bay, a bhàthadh an so oidhche Di-ciaduin. Bha e ’sa bhaile a frithealadh na cùrtach, agus air feadh na h-oidhche chaidh e sios rathad nan laimhrigean, co-dhiu ’s e dhol air seacharan a rinn e no nach e, agus thuit e thairis dh’ an uisge. Chualas e ag glaodhaich air son cuideachaidh eadar deich us aon uair deug, agus chaidh daoine mach le bata dh’ fheuchainn ri thearnadh, ach bha ’n oidhche cho dorcha ’s nach d’ fhuair iad far an robh gus an robh e tuilleadh us anmoch. Fhuair iad a chorp ’san uisge faisg air laimhrig Ingraham. Bu sheann duin’ e, suas ri ceithir fichead bliadhna dh’ aois, agus bidh a bhàs air dhòigh cho cianail na bhuille throm d’ a chàirdean.
Fhuaireadh fear Gilleasbuig Delaney, a mhuinntirFrench River, E.P. I. ,air a bhàthadh Di-sathairne s’a chaidh. Tha iad a’ deanamh mach gu’m b’e tighinn ri bheatha rinn e. Bha e tinn o chionn ghoirid agus cha robh e ’na àite fhéin uaithe sin.
Chaidh ian mor a mharbhadh ann an Newfoundland o chionn ghoirid, ’s cha’n fhacas gin dhe’n t-seòrsa air an eilean riamh roimhe. Air dhaibh fhosgladh fhuaireadh na bhroinn mullach cinn duine, agus an craicionn ’s am falt cho slàn ’sa bha iad riamh.
Bha stoirm mhor ann oidhche Di-sathairne agus la na Sabaid s’a chaidh. Bha uisge trom leis an stoirm. B’ feudar do mhoran de na soithichean iasgaich fasgadh a ghabhail anns an acarsaid so; bha ’n stoirm tuilleadh us doirbh air an son a muigh. Cha chual a sinn gu’n d’ rinneadh call sam bith.
Am measg ghibhtean luachmhor eile a fhuair an t-easbuig Mac Nèill aig àm a choisrigidh, fhuair e bachull agus crun easbuig bho a luchd-cinnidh airChristmas Island.Thatar ag ràdh gur h-e a cheud fhear de Chloinn Nèill a fhuair a bhi ’na easbuig riamh. B’ e a cheud fhear dhe’n ainm a fhuair a bhi ’na shagart bho linn an ath-leasachaidh.
Tha tàillear ann an Lunnuinn an deigh fios a chur gu ceannaichean ann a Halifax air son pasg de chlòth na dùthcha so fhaotainn dha, air son deiseachan a dheanamh do dhaoin’ -uaisle a bhaile mhòir sin. Tha deiseachan de chlòth dùthcha air fàs fas ’nam measg. Feumaidh e bhi air a dheanamh air beairt-fhighe chumanta; cha ghabhair aodach a chaidh a dheanamh ann am muillinn.
Bha chùirt mhor na suidhe ’sa bhaile air an t-seachdain so. Bha àireamh mhor de chàsan air a beulaobh mar is àbhaist. ’S e ’m Breitheamh Ritchie a tha air a ceann air an turus so. Di-màirt chuir e càin, da dholair am fear, air àireamh dhe’njurya dh’ fhuirich ’s an rùm ’s an robh iad ’nan suidhe air càs beagan mhionaidean an deigh do chàch tigh’n as, agus gheall e dhaibh an ath uair a dheanadh iad a leithid gu’n cuireadh e càin moran na bu mhò orra.
Di-sathairne s’a chaidh, chaidh Aonghas Mac Amhlaidh, (mac Iain,) ann anKennington Cove,a mach mu aon uair deug ’sa mhaduinn, an dùil sgriob a thoirt troimh ’n choille. Cha’n fhacas tuilleadh e gu feasgar Di-luain, ’nuair a fhuaireadh e mu dha cheud slat bho’n tigh, far an robh e fad na h-ùine bha e air chall, còrr us da latha. Thugadh dhachaidh e agus an ceann beagan ùine thainig e as an neul anns an robh e, agus thòisich e ri dhol am feobhas. Tha e ’g radh gu’n d’ fhairich e mar gu’m biodh tuainealaich a tigh’n air ’nuair a rainig e ’n t-àite ’san d’fhuair iad e, agus nach eil cuimhn’ rig air a chòrr. Bha e muigh fad na stoirme bha ann Di-dòmhnaich ’s Di-luain, agus bha ’n t-uisge air drùghadh air dh’ ionnsaidh a chraicinn mu’n d’fhuaireadh e. Am fios mu dheireadh a fhuair sinn, cha robh choltas air gu robh e dol a thoirt tinneas sam bith as.
Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
[Vol . 4. No. 14. p. 6]
An Reul “Iupiter.”
Tha oibre a’ chruthachaidh a’ foillseachadh gliocais an Tighearn Dé, eadhon do’n ìnntinn as mi-chùramaiche agus as neo-mhothuchaile! Nach mòr an gliocas a shuidhich a’ ghrìan aig astar co fad o’n talamh, is nach ’eil an tomhas soluis agus teas a ta sinn a’ faotuinn uaipe aon chuid tuilleadh ’s mòr, no tuilleadh ’s beag? Na’m biomaid na b’fhaisge do’n ghréin na tha sinn, bhiodh an talamh agus sinne air uachdar air ar crionadh le teas; agus nam biomaid na b’fhaide uaipe, dheanadh reodha agus fuachd ar milleadh gu tur. Ach air d’ on talamh a bhi aig astar freagarrach o’n ghréin, tha sinn a’ mealtuinn a feartan air sheòl iomchuidh agus taitneach; agus air da a bhi ’cur char deth air a mhul fein, tha gach rioghachd agus dùthaich air ’uachdar a’ mealtuinn teas agus soluis na gréine ’nan àm fein, gach là dhe’n bhliadhna. Tha solus agus dorchadas a’ teachd an déigh a’ chéile gu riaghailteach, agus tha iad air an aobhar sin chum leas agus comhfhuartachd gach dùil bheo. “Chuir Dia dealachadh eadar an solus agus an dorchadas,” agus mar sin, le gliocas neo-chriochnuichte, rinn e an là chum saoithreach agus oibre, agus an oidhche chum cadail agus foise. Tha ’n fhirinn chéuda air a foillseachadh le reultaibh neamhe gu léir, co math is leis an talamh; agus féudar a radh maille ri Daibhidh, “Gur uamhasach iongantach a dhealbhadh, cha’n e mhàin an duine, ach mar an céudna gach ni a ta air aghaidh na cruitheachd.”
Bheir sinn iomradh a nis air Iupiter, an réult a’a mò agus a’s òirdheirce de na réultaibh uile; air di a bhi mìle uair ni’s mo n’an talamh, agus seachd agus ceithir fichead mìle de mhìltibh troipe. Tha Iupiter ceithir chiad agus sia thar fhichead muillean de mhìltibh o’n ghréin, agus tha e ’siubhal ’na chearcall cuig mìle fichead de mhìltibh anns an uair. Tha’n réult so a’ gabhail aon bhliadhna deug agus deich miosan chum aon chuairt a chur air a’ ghréin, agus air an aobhar sin tha bliadhna Iupiter ach beag co fada ri dha dheug de na bliadhnaibh againn-ne. Tha’n réult mhaiseach so a’ tionndadh air a mul fein ann an naoi uairibh agus sia deug agus da fhichead mionaid, air chor is gu ’m bheil an là aice ni’s lugha na leth an latha againn-ne, ged tha a bhliadhna a dha uiread deug co mòr ri ar bliadhna-ne. Tha ceithir gealaichean aig Iupiter, a ta ’ga chuairteachadh ceart mar a ta na réultan a’ cuairteachadh na gréine. Tha àm laidhe agus éiridh gach gealaich dhiubh so air fhaotuinn a mach air son gach là ’sa bhliadhna, a chionn le so gu’m bheil maraichean a’ deanamh mach an slighean air na cuantaibh mòra. Tha na gealaichean aig Iupiter agus Saturn, uime sin, anabarrach féumail duinne, a chionn gur ann leò sin a’s cinntiche a gheibh maraichean a mach a’ cheart àit air doimhneachdaibh na fairge anns am bi iad na air sheòl sam bi eile. Tha aghaidh Iupiteir air a còmdachadh le fàinnibh, no le criosaibh leathann agus fosgailte, agus tha teallsanaich a’ deanamh mach gur neoil iad a ta air an dòigh iongantach so a cuairteachadh na réilte so! Tha e cinnteach gur mòr am fuachd a ta ann an Iupiter, do brigh gu’m bheil e aig astar co fada air falbh o’n ghréin, is gu’m bi a gathan fann agus lag mu’n comas doibh ruigheachd air an réilt mhòir so; agus tha’n seòl air am bheil Iupiter air a shuidheachadh air a mhul fein, a’ toirt mu’n cuairt nach ’eil a beag a dh’ atharrachadh eadar a Shamhradh agus a Gheamhradh.
Litir a Baddeck Mhor.
Bha mi aig an t-Sàcramaid shios air a Chladach a Tuath air an t-seachdain s’a chaidh, a bha air a frithealadh le ministear na sgìre, an t-Urr. Iain Friseal. B’ iad an luchd-cuideachaidh a bh’ aige an t-Urr. Mr. Drummond o’n Eillean Mhor, agus bu mhath e, agus an t-Urr. Mr. Mac Leòid á Ceap Nòr, ’s cha b’e bu mhiosa. Bha amannan toilichte againn da-rireadh; bha searmoinean briagha, tomadach, againn ’san latha agus coinneamhan ùrnaigh ’san oidhche. Bha ’n Tighearna ’làthair. Cha’n iarradh tu ach a bhi ’g éisdeachd ri Mr. Drummond a’ labhairt mu Shamson agus na Philistich, agus mu’n chnaimh peircill; agus thuig mi air gu robh e diumbach de’n tri mile fear de Iudah a chaidh sios a cheangal Shamsoin, ach cha b’ fhada sheas an ceangal. Tha muinntir a Chladaich a Tuath, ’s na h-Aimhne Tuath, agus St. Ann’s airidh air cliu air son an cuid eaglaisean. Tha iad a’ leigeadh fhaicinn gu bheil meas aca air meadhonan nan gràs, agus bithidh a bhuil; tha beannachd ’nam bascaid ’s ’nan cuibhrionn. Bha mi eòlach air ministearan o chionn leth-cheud bliadhna, ’s cha do thachair moran de leithidean ministeir a Chladaich a Tuath rium fhathast, cho uasal ’s cho eireachdail ’na dhòigh. Gu’n dioladh an Tighearna a shaothair, agus a chaoimhneas, agus gu robh a dhuais iomlan o’n Tighearna, Dia Israel, fodh a sgiathaibh am bheil e cur a dhòchais. Is mise ur caraide, ’s ur fear-eòlais,
DOMHNULL CAIMBEUL, (Eildear.)
Baddeck Mhor, 16, 9, ’65.
Seann Imrich.
Thainig boirionnach gu New York an la roimhe, ban Eireannach, agus tha feadhain dhe’n bharail gur h-i urra ’s sine thainig riamh thairis air a Chuan Mhor. Tha i ceud bliadhna ’sa ceithir a dh’ aois. Rugadh i ann an siorrachd Kerry, an Eirinn, agus cha do chairich i riamh á tir a dùchais gu so. Thainig i nall a dh’ fhuireach ’na seann aois còmhla ri nighean dhi, an duine ’s òige de ’cloinn, ’sa tha i-fhéin leth-cheud bliadhna ’sa sia. Cha ’n eil facal Beurla ’na ceann, ach ’s math a théid aice air i fhéin a chur an céill anns a Ghàilig Eirionnaich. Cha ’n eil i ach glé bheag, tha a falt air fàs glé gheal, agus tha a h-aodunn glé phreasach, ach tha a sùilean cho beothail ’s cho biorach ’sa bha iad riamh, ’s cha do chuir i feum air speuclair fhathast. Dh’ fheòraich cuid-eigin dhi carson a thainig i dh’ America, ’s thuirt i ris gu’n b’ann feuch am faigheadh i fear a bhiodh toileach a pòsadh!
Tha cothrom aig an duine ghlic fhòghluimte nach eil moran a’ tuigsinn. Faodaidh e rudan glé ghòrach agus leanabail a’ dheanamh, agus cha’n fhaigh duine coire dha. Cha’n abair iad idir gur amadan e, ach gu bheil mor-fhoghlum ’ga chur air bhoil.
“Dean tha féin leagte ris na nithean a chunnaic am freasdal iomchuidh a bhuileachadh ort, agus thoir gradh dhaibh-san leis am bheil thu a’ còmhnuidh. Na bi mi-thoilichte le do chrannchur ’san àm a ta lathair agus na bi gabhail eagail roimh ’n àm a ta ri teachd.”
Tha piobaire anns a Ghàidhealtachd, fear Aonghas Mac Rath, an Callandair, an deigh tri fichead duais ’sa dha dheug a chosnadh le chuid piobaireachd air an t-samhradh so, a bharrachd air tri buinn-chuimhneachain òir. ’S fhiach na fhuair e air fad ceud ’s còig deug air fhichead de phuinnd Shasunnach, no mu shia ceud ’s tri fichead dolair de dh’ airgead na dùthcha so.
[Vol . 4. No. 14. p. 7]
(Air a leantuinn o Thaobh 3.)
dha cheud bliadhna mu’n d’ rugadh ciosd, air son an naimhdean, an Tartarich, a chumail a mach; ach an deigh an saothair uile, fhuair na Tartartch a stigh agus thug iad fo chis iad. Gus an latha ’n diugh ’s iad na coigrich sin a tha riaghladh Shina, agus cha ’n eil bàigh sam bith aca ris an t-sluagh, ’s cha mho na sin a tha spéis sam bith aig an t-sluagh dhaibhsan.
Fhuair D. J. Damhnullach a stigh moran de dh’ aodaichean uachdair bhan, deacaidean agus cleòchdannan. Tha iad uile ’san fhasan a’s ùire, agus ’nan deagh bhargain.
Gu muinntir na h-Aimhne Tuath.
A CHAIRDEAN: —Air iarrtus moran de’n luchd-taghaidh, tha mi ’cur romham feuchainn ri bhi air mo thaghadh mar fhear-comhairle do ur sgireachd. Rugadh agus thogadh mi air an Amhuinn a Tuath, agus is aithne dhomh gabh cùil us cearna dhith. Ma ’s e ur toil mo thaghadh ni mi ni’s urrainn mi air son math na sgireachd agus na siorrachd air fad. Feuchaidh mi ris na ròidean ’s na drochaidean a leasachadh ’sa chumail air dòigh. Tha mi gealltinn cuideachd mo dhichioll a dheanamh air stad a chur air reic na deoch làidir. An dòchas ur fhicinn uìle roimh latha ’n taghaidh, Is mi,
Ur Seirbheiseach Dileas
NIALL DOMHNULLACH.
Baddeck , C, B., Sept. 21, ’95.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
DR. T. C. MAC LEOID.
Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheilMoore & Johnstonri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.”
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B
Dr. T. G. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
[Vol . 4. No. 14. p. 8]
ORAN AN T-SAIGHDEIR.
LE ALASDAIR MAC IAIN BHAIN.
Is cianail an rathad
’S mi gabhail a chuain;
A triall ri droch shid’
Do na h-Innseachan Shuas;
Na croinn oirnn a lùbadh,
’S na siuil gan toirt uainn,
’S an long air a leth-taobh
A gleachd ris na stuaidh.
Diciadain a dh’ fhalbh sinn,
’S bu ghailbheach an uair;
Cha b’ fhada ’s an danig
Oirnn annradh ’bha cruaidh.
Gun d’ chriochanich pairt dhinn
Fo bharcadh nan stuadh;
’S tha fios aig Creag-saile
Mar thearuinn sinn uap’.
Seachd seachduinean dubilt
De dh-uine gle chruaidh,
Bha sinn fo throm churam,
Gun duil ri bhith buan;
’Sior thaomadh a bhùirn
A reir cunntas nan uair;
’S cha b’ luaith’ dol an diosg i
Na lionadh i ’suas.
Tha onfhadh na tide
’Toirt ciosnachaidh mhoir
Air a mhariche dhileas
Nach diobair an seol.
Tha ’n long an cruaidh chàs
’S muir a rànaich mu sron;
’S i ’n cunnart a muchadh
Ma dhùineas an ceo.
Tha ’luchd a toirt diosgain
Gu dian air a bord,
’S neart soirbheas o’n iar
A toirt sniomh’ air a seol.
Tha garbh-thonnan eitidh
Ag eiridh na còir;
’S le buathadh an t-seididh
’S tric eiginn tigh’nn oirnn.
Tha gaoth is clach-mheallain
A leanachd ar cùrs’,
’S tha smùid do na speuran
Ag eiridh gu dluth.
Cha tric solus grein’ ann
Thoirt leirsinn dha ’r suil
Mu ’n rathad san stiuir sinn
Thar dluth thuinn a chuain.
Stiuir thairis i, Ard-Righ,
Ma tha sin ad rùn,
Cùm direach gach la i,
’Reir aird na cairt iuil.—
Ma ruigeas sinn sàbhailt’
An t-àit ’tha ’n ar duil,
Gun ol sinn deoch-slainte
Na dh’ fhàg sinn air chùl.
B’ i sin an deoch-slainte
Nach aicheadh mi uair,
Ged dh’ fheumainn a paigheadh
A bharr air a luach.
Bidh ruma math laidir
Ga shar chur mu ’n cuairt,
Mar chuimhn’ air na cairdean
Tha tamh san taobh-tuath.
Ach fhir ’theid a dh-Albainn
Tha m’ earbsa ro mhor,
Gun taghail thu ’n rathad
’Thoirt naidheachd na ’s beo.
Thoirt soridh le durachd
Do dhuthich Iain Oig,
On dh’ fhàgas tu Rùsgich
Gu Lunndaidh nam bò.
ORAN
A rinneadh le Calum Mac Iain ’ic Phàdruig, anns na Hearreadh agus a chuir e dh’ ionnsuidh caraide dha a tha fuireach a nis ann a Framboise, an Ceap Breatuinn. ’S ann air an fhoghar so fhéin a rinnedh an t-òran.
Mo bheannachd ort a Thormaid,
Nach d’ dhearmaid riamh do charaide;
Cha d’ rinn thu dichuimhn’ ormsa,
’S am dhearbh thu nis am barrachd dhomh,
’Nuair chuir thu nall air fairge,
Mar chuimhneachan neo-chearbach,
A phiob nach eil ach ainmig
Aig fear mo chrannchuir samhuil dhith.
Thuirt Donnachadh Ban nan òran
Gu h-òrdail, agus b’aithne dha,
“Tha ’m fortan a cur òirnne
Gach aon ni còir a ghealladh dhuinn;”
Sin mar dh’ éirich dhòmhsa
’Nuair fhuair mi phiob nam’ phòcaid,
Tha farmad aig gu leòir ruim
Nach faigh nis mò na sealladh dhith.
A phiob a chi na ceudan
Nach cuir nam beul ri’ maireann i;
’S gur measail agam féin i
’S gun bhreug cha ’n eil sin annasoch.
Ach gheibh iad ceò dhe’n té’ile,
Nuair chruinnicheas iad a chéilidh;
Bidh an té ur cho gléidhteach:
Ach ’s math aig féill ’s aig banais i.
Tha cuid de ghillean óga
Ro chòir an duigh ’sa bhail’ againn,
’S cha chuirinn da ma dheòin i
’Nam phòcaid làmh ri fear aca;
Gum blaiseadh iad air ceò dhi,
Ged bu chnap de’n òr i,
’S iad fein na fir nach sòradh,
’Sa bheireadh dhòmhsa deannail dhi.
Na ’n innsinn air an ainm iad,
An aithnicheadh tu gach fear aca?
Bha cuid dhiu bha na ’m balachain
’Nuair dh’ fhalbh thu as a bhaile so.
Gillean tapaidh, calma,
’Ni feum air tir ’s air fairge,
Tha gu leòir ’s an arm dhiu
Ma tharruingear iad gu gearastan.
Ach fir anns nach eil uasile,
Cum uam iad seach nach faigh iad i;
Cha ’n iad na daoine suarach
A gheibh cuairt no tarruing dhi.
Lasaidh mi ri ’n cluais i,
Ga ’m piobrachadh ’s ’gam buaireadh,
Is bidh mi fein cho uailleil
An uair sin ’s ged b’ fhear-baile mi.
(Ri leantuinn.)
Is buidheach leis an fheannaig a h-isean gorm garrach fhéin.
Is beo duine air bheagan, ach cha bheo e gun dad idir.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean .
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig.
title | Issue 14 |
internal date | 1895.0 |
display date | 1895 |
publication date | 1895 |
level | |
reference template | Mac-Talla IV No. 14. %p |
parent text | Volume 4 |