[113]

[Vol . 4. No. 15. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 19, 1895. No. 15.


NADAR AGHAIDHEIL.

A dhaindeoin cho fiadhaichs cho gruamachsa bha a mhor chuid den dùthaich anns an dfhuair an Gàidheal Albannach a bhreth us àrach, cha do dhfhag sin e idir gruamach no gearanachna nàdar. An àite bhi mar sin, ’sann a tha e am bitheantas glé riaraichte lechrannchur, agus acur seachad a shaoghail gu sùnndach. Eadhonna sheann aois, ’nuair a tha bàs agus breathanasga amharcsan aghaidh, chan eil mar as trice eagal no sgàth air, oir tha làn earbsa aige as na geallaidhnean prìseil a than fhirinn a toirt da. Faodar so a dhearbhadh le aon sam bith a ghabhas beachd air na seann Ghàidheil anns an dùthaich so fhéin.

Tha an Gàidheal gu nàdarra atoirt làn chreideas don t-sean-fhacal, “An ni a than dàn, tachraidh e.” Tha e a creidsinn ma theid gnothuch sam bith na aghaidh an deigh dhauile dhichìoll a dheanamh air a thoirt gu crich, gur ann chum math dha fhein a tha e, agus tha e uine sin air ball acur cul ris gach cànnran us tolach a bhiodh nan trioblaid dha uine mhor mur biodh o dhen cheart inntinn dhem bheil e.

Tha an Gàidheal mar an ceudna glé leisg air a bhig innse mu dheobhain fhein no mu chrannchur do dhfheadhain eile. Ma thachair ni sam bith a rinn trioblaid a chur air fhein no air a theaghlach, faodar a bhi cinnteach ma tha fhios aig an t-saoghal air nach esan na gin dhetheaghlach a dhinnis e, ach gun dthainig em follais a nh’ -aindeoin orra. Tha so air a nochdadh gu soilleir anns an sgeul a leanas mu ni a thachair o chionn fhada ann am Baile-Mhàrtninn, an siorrach Ghlinn-Garraidh, ann an Ontario.

Bha anns an àm sin, dithis bhràithrean Cloinn-an-Toisich acumail stòir ann am Bàile-Mhàrtuinn. Cha robh en uair sin air a mheas na ni cronail no mi-mheasail deoch de stuth na Tòiseachd no de deoch-làidir sam bith eile a ghabhailsa rithist, agus am measg gach bathair eilebha na ceannaichean so a creic, bhaJamaica Rum.Aon fheasgar, bha an stuth priseil sin air teirgsinn, agus bha dòrlach de mhuinntir na dùthcha mun cuairt anns an stor a feitheamh gu pàiteach gus an tigeadh togsaid mhor ris an robh dùil aig Clann-an-Tòisich a h-uile mionaid. Bhan togsaid a tighinn á Lancaster, baile beag mu dha mhile dheug air falbh air bruaich Amhuinn St. Lawrence. Bha i tighn dhan bhaile sin air bàta á Montreal. Bha mu shia fichead galan anns an togsaid, agusnuair a thainig i, cha ghabhadh i cur a stigh dhan stòr; bhan dorus tuilleadh us beag. Cha drinneadh mar sin ach a curna seasamh a muigh agus an ceann a thoirt aisde. Chaidh iadsan a bha feitheamh sir son an ruma ariarachadh, agus an sin chuireadh a dha no tri de bhùird fhuasgailte air a beul, agus dhfhàgadh an sin i fad na h-oidhche. Beagan roimh bheul an latha, thainig tarbh mòr a bhuineadh do fhear dhe na tuathanaich faisg air làimh, an rathad; dhfhairich e fàileadh an ruma, agus ghabh e dhionnsuidh na togsaid. Thilg e na bùird dhith, dhòl e a leòr aisde, agus thug e taobh eilair. Cha robh e fad air falbh co-dhiunuair a dhaithnich e air fhéin gun do ghabh e tuilleadh sa chòir, agus mar a dheanadh beothach sam bith eile, air dha e fhéin fhaireachadh gu tinn, chuir e aghaidh air a dhachaidh: agus mun t-soilleireachadh, fhuair a mhaighstir e na shineadh aig an t-sabhal, agus e a reir gach coltais cho marbh ri sgadan. Bha an duine bochd air a dhorranachadh; bu chall mor so a thainig air; ach smaoinich e nach leigeadh e le gin dechoimhearsnaich fhaotainn a mach gun dthainig call sam bith air, aguss ann a chuir e roimhe gum biodh an tarbh aig air fheannadhs air a thiodhlacadh anns an t-suampa mun éireadh gin dhiubh. Cha do smaoinich e idir nach robh am beothach marbh. Fhuair e caraide dha fhéin gus a chuideachadh. Chaidh an obair air adhart gu h-ealamh, agus bha iad faisg air a bhi leathach nuair a thug an tarbh bochd leum air a chasan araoiceil leis a chràdh. Ma bha beothach riamh as a cheann bha esan. Theich na daoine lem beatha; ach fhuair iad musgaid, agus chuir iad am beothach truagh as a phian le peilear. Cha robh fhios aig a mhaighstir de thainig ris gus an cnale gun deachaidh roinn dhe na bhasan togsaid a ghoid air feadh na h-oidhche, agus an sin thuig e nach robh dad air ach an daorach, agus gum faodadh e bhi cho mathsa bha e riamh mur biodh e fhéin a bhina leithid de chabhaig air son a chuis a chumail an cleith air na coimhearsnaich.

Tha an sgeul so cho firineachsa dhinnseadh riamh. Chaidh a h-aithris uair us uair aig coinneamhan stuaimeachd anns a charna so de dhOntario, aguss iomadh ballach aig am bheil deagh chuimhne oirre, aig nach eil ma dhfhaoite cuimhne air facal eile dhe na chuale air a labhairt air taobh stuaimeachd.

D. B.


Biodh e reamhar no caol, ’s meirg nach beathaicheadh laogh dha fhéin.

Shil meall mor sneachda ann an Alba air an treas latha dhen mhios so. Air Beinn Nimheis, bha an sneachda ochd òirlich a dhoimhnead.

Tha àireamh mhòr de chòtaichean-uachdair aig D. J. Domhnullach, air fhaighinn a stigh. Tha iad nas saoires nas fhearr na gin a bha aige riamh roimhe.

Tha sia ceud us ceithir fichead duine ag obair anns an obair chruadhach ann an New Glasgow. Air a mhios sa chaidh bha ceithir mile fichead dolair air a phaigheadh a mach ann an tuarasdail.



[114]

[Vol . 4. No. 15. p. 2]

NA SEAN FHACAIL.

(An Gaidheal, 1875.)

Bithidh mi air uairean asmuaineachadh, an uair a bhan Saoghal na boige na tha e nis, an uair nach robh iarrtasan an duine cho lionmhorsa tha iad air fàs, ’s an uair nach robh an sluagh astri cho dians a tha iad a nis ris na sean iarrtasan a shasuchadh agus ri iarrtasan ura a ghineamhuinn, gun robh an Cinne-daonna amealtuinn toilinntinnean luachmhor air nacheil sinne ag amas, no mar bu choir a radh, ris nacheil sinn afuireach. Gun teagamh, is mor agus is lionmhor na sochairean a bhuilicheadh oirnne a tha beo anns na linnibh deireannach so, air nach cuala ar n-aithrichean iomradh. Is luachmhor an dileab a dhfhag na ginealaich a chaidh thairis againne a thainign an deigh. Bfhialaidh a thaom ar n-aithrichean fallus an gruaidhe, agus gu tric fuil an cridhe a chum na beannachdan nach do mheal iad fein a bhuannachd dan cloinn. Tha na sochairean a choisinn misneach agus cruaidh-chas, eòlas agus seirc ar sinnsearan dhuinne do-aireamh; agus bhiodh e eu-comasach a chur an ceill gach doigh air am bheil an Saoghal air a chur fo chis a chum sonas an duine a mheudachadh. Tha so acur dleasdanais chudthromaich oirnne gun aisig sinnn an lan-thoirbheartas dar cloinn na tiodhlacan luachmhor a tha sinn fein amealtuinn.

Ach an uair a tha so uile fior, chaneil mi gun amhurus nach robh luchd-àiteachaidh an t-sean shaoghail, am measg iomadh anacothroim, amealtuinn cuid de fhior shonas ann an doighean air nacheil sinne ruigheachd a nis. Chan ann uile gu leir gun aobhar, tha mi meas, a bhitheas na Baird atreorachadh ar n-aire gu sonas natim a bhann o shean.’ A dh-aon ni, cha toir a bhibeachdachadhair an domhans na bheil annco-ionann toilinntinn don duine a nis, ’s a bheireadh e anns nalinntibh a threig.’ Dhuisgeadh an cruinne-ce faireachdainnean ann an inntinn an duine o shean nach eil comasach an diugh. Co-dhiu a chitheadh echruitheachds na laghannan a thariaghladh innte mar bhalla iaruinn mun cuairt da ach an taobh muigh dheth, agus e fein mar mholl air a luasgadh leis gach oiteig, —gun fhios aige cia as no caite a bhathus nothriall: co-dhiu bha eg a fhaicinn fein mar chuid den chruitheachd mhoir, atarruing beatha uaipes atiomnadh a bheatha dhile cheile acoimhlionadh an Dain ged bha an Dan am folach air; no -dhiu a bha inntinn air a treorachadh gu bhi saoilsinn gun robh efaicinn ann an obair achruthachaidh dearbhadh air lathaireachd Bith uileghlic agus uile-chumhachdaichn a shuidhe air Righ-chaithir na Cruinne, aig am bheil an Saoghaln a ghlaics a thag orduchadh gach ni a reir aruin: bhan Cruinne-ce an comhnuidhn a aobhar-ioghnaidh, ’n a aobh-ar-uamhuinn, agusn a aophar ardthoillinntinn do anam an duine o sheau, air dhoigh nach bi e gu brath tuillidh dhuinne. Gheibh sinn dearbhadh follaiseach air so ann an saothair nan sean Bhard. Gun a bhidol seachad air priomh-Bhard ar duthcha fein, —caite am faigh sinn Bardachds aGhaidhlig a thair a lionadh le Morachds le Maise aChruthachaidh mar a thaBhardachd a thair a h-ainmeachadh air Oisean. Agus co-ionann tha Bardachd nan Iudhach, nan Greugach, ’s nan Romanach. Tha cumhachdan an t-saoghail fhaicsinnich agus neo-fhaicsinnich an da chuidg am brosnuchadh agusg an claoidh. ’S ann uapa a tha am beatha spioradail ateachd ach thabheatha ro neartmhor air an son; agus chi sinn iadg an sleuchdadh fein sios an lathair nan cumhachdan so. Tha gun teagamh an aineolas acuideachadh an t-sasuchaidh anma tha iad amealtuinn. Tha Diomhaireachd achruthachaidh cho math ra Mhorachdgan lionadh, sadusgadh a suas an Spioraid gu h-urram agus gu h-umhlachd. Ach tarruing a thaobh am brat a thacomhdach na diomhaireachd, thoir lochran an Eolais a steach don ionad naomha so, agus ruaigidh tu tuillidh as Aineolasruaigidh tu Spiorad na h-irisleachd, na h-umhlachd agus moran de Spiorad an fhior ghliocais.

Chan ann le anam lionta le h-urram agus le h-eagal a sheallas Feallsanach an la diugh mun cuairt da, no os a chionn. Chan ann le bhrogan bharr a chos, na le bhoineidna dhorn a sheasas esan aig dorus an tighe sonach do thogadh le lamhaibh.” Chan ann; —ach sgeadaichte, uidheamaichte, tha eg eigheach an dorus fhosgladh a chums gun rannsaich en tigh, —gach cùil as oisinn deth. Bhan t-eolas soro-iongantachle Daibhidh agus cho ards nach ruigeadh e air; ach chaneil achuis mar so dhasan air an do thaomadh gu pailt solus an Eolais agus aGhliocaisn ar latha-ne. Chaneil gun teagamh, fios aige co leag Clach-oisinn an talmhainn; ach dearbhaidh e dhuit nacheil Clach-oisinn idir ann. Chuir eshnathainn-tomhais, chan ann smhain thar an talamh ach thar an iarmailt mar an cendna. Chaidh e steach gu tobraichibh na fairge; chunnaic e ionmhasan an t-sneachda. Dhfhosgail e mionach an talmhainn; rannsaich e doimhneachd achuain; lean e slighe an dealanaich; cheasnaich eghrian. Thug e air oibre Naduir gu leir an ionmhasan a thoirt am follais, ’s am fagail aig achosan, a chum a bhifrithealadh do chomhfhurtachd an duine. Is mor agus is urramach an dearbhadh so air cumhachd buaidhean an duine an uair a tha iad air an deagh chleachdadh; agus is luachmhor achreach a thug iad dhachaidh dha à tir an Aineolais. Ach an lorg so, chaill sinn, saoilidh mi, faireachdainnean a bheireadh toilinntinn as solas don anam. Ma dhfhairich esan a dhearbh gur iarann aghrian an t-ardachadh inntinn a tha dilgheach dhasan a bheir buaidh a mach, nach eigin gun do mhothaich e mar an ceudna nach ionann faireachdainn a dhuisgeasard-locharan na speuran cridhe an t-sluaigh gu brath tuillidh, an uair a chithear imar fhear-nuadh-posda ateachd a mach ásheomar.” Anns na h-inntinnean is airde, chaneil gun teagamh Spiorad an urraim no na h-irisleachd air a lughdachadh ach air a mheudachadh mar a tha eolas adol am farsuingeachd. Tha e eu-comasach dhasan, anns nach eil Spiorad an Aoraidh marbh, a thabeachdachadh air gloir na h-iarmailt, ’s a thacreidsinn gu bheil gach reul as rionnag a chi an t-suil, agus na miltean do aireamh nach faic, ’n an Grein asoillseachadh Saoghail gun chrich ann am farsuingeachd na Cruitheachd, gun a bhig altrum beachdan nas airde agus nas soluimte mu thimchioll aChruinne-che agus an Ti a chruthaich e. Chan fhaic aleithid so de fhear anns gach fearann a theid a cheannsachadh ach crioch na tire neo-chriochnaich air nach do chuir duine fhathast a chas. Ach chan ann mar so a chi an Saoghal. “Millidh danadas modh;” agus faodar aradh mu mhoran gun lughdaich Eolas urram.

Ach a ris, dhatharraich ar n-eolas, agus na h-innleachd-



[115]

[Vol . 4. No. 15. p. 3]

an a fhuair eolas a mach, gu tur ar beachd mu thimchioll Morachd agus Greadhnachas an talmhainn. Chan ionann beachd dhuinne agus dar n-aithrichean air Astar, no eadhon air Tim. Thug innleachdan taobh eile an t-saoghail nas dluithe dhuinne na bhan ath sgireachd dar n-aithrichean. Siubhlaidh tu troimhn tir leth-cheud miles an uair. Bithidh tu an Albainn an diugh agus anns an Fhraing am maireach. Gheibh thu litir á America nas luaithe agus nas saoire na gheibheadh do sheanair á Glaschu i. Gheibh thu fios air ais á Australia nas luaithe na gheibheadh dathair as an ath bhaile. Chan eil e duilich dhuitse snathainn-tomhais a shineadh air an talamh, —nacheil cearcaill de shnathainnean iaruinn thairis as thairis air, agiulan le luathas an dealanaich teachdaireachd o dhuine gu duine, o bhaile gu baile, ’s o rioghachd gu rioghachd; ’s nacheil so atabhairt aobhair-dochais do mhoran gur goirid an uine gus am bi luchd-aiteachaidh au t-saoghailn am braithrean mar tha iad cheanan an coimhearsnaich; gusam buail iad an claidhean gu coltairean, ’s an sleaghan gu corranaibh-sgathaidhs nach foghlum iad cogadh nas mo.” Ach tha so uile ag ardachadh ar meas air cumhachd an duine agus as islaichadh greadhnachas an talmhainnn ar suilean. Chaneil eagal, saoilidh mi, gun dean an duine aoradh do fhiodh no do chloich gu brath tuilleadh; tha mor eagal gun dean e aoradh dha fein.

Ach chan e mhain gu bheil sinn air call faireachdainnean a bheireadh fior sholas don anam an lorg an eolais agus nan innleachdan a fhuaradh a mach; tha sinn acall moran de fhior shonas leis achabhaig leis am bheil sinn asiubhal roimhn t-saoghal. Chan ann le foighidinn a tha sinneruith réis na beatha. Chan ann a mhainn ar n-obair lathail a tha an dian stri so ri bhi air thoiseach air ar coimhearsnaich. Cha leoir gu bheir ciocras do-shasuichte air a ghintinnn ar cridheachan ail son a bhideanamh storais, agus sinn fein a chuairteachadh leis gach comhfhurtachd a bhuannaichdeas storas dhuinn. Eadhonn ar dachaidhean, ’n ar uaigneas cha ghabh sinn socair. Chan fheith sinn ri bhi sona. Tha sinn afeuchainn ri sonas fhaotainn ann a bhin comhnuidh air ghluasad, ag atharrachadh o aite gu h-aites o thoilinntinn gu toillinntinn; agus tha mimeas gu bheil sinn adeanamh cli. Gun teagamh cha bhi aon chuid an inntinn non corp fallain gun ghluasad, no laidir gun obair; ach feudar ah inntinn a sharuchadh cho math ris achorp, aguss e mo bheachd gu bheilearn ar latha-ne anns amhor chuid den t-saoghal aruigheachd na h-inntinns achuirp tuilidhs achoir. A reir barail mhorain chaneil sinn cho treun rar n-aithrichean an corp non inntinn. Chaneil iongantas ged nacheil. Cha lean an Sgoilear nas mo nan Sionnach air sior ruith.

Ach eadar co dhiu tha no nacheil sinn asaruchadh na h-inntinn le obair ghoirt, tha sinn, gun amhurus, ’g a milleadh le bhisior chur innte. Chaneil, gun teagamh, so cho fior an Gaidhealtachd na h-Alba, no am measg an t-sluaigh nach labhair ach Gaidhlig, ’s a tha e anns achuid eile den rioghachd; achs ann adol nas firinnichetha e gach latha. Ged nach leir don t-suil an gad a thaceangal na h-inntinns achuirp, tha fios againn gu bheil an ceangal dlu; agus ceart mar a tha slaintes neart achuirp air am milleadh ma dhinneas tu de bhiadh ann barrachd nas urrainn dachnamh tha buaidhean na h-inntinn air an lagachadh ma bheir thu ma coinneamh barrachd nasurrainn dhichnuasachadh. Gabhaidh goile na h-inntinn cho math ri goilechuirp milleadh lebhi sior chur ann. Bheir geocaireachd cho math ri ocras do bhas; tha gais cho cunnartach ri gort. Mud lòn spioradail cho math ri mud aran lathail than radh fior: “Is fearr sgur na sgaineadh.”

Ann an oige an t-saoghail, ma ta, an uair a bha an inntinn agleidheadh ceum ris achorp, ’s a bha iad le cheile asiubhal roimhn t-saoghal air an socair; an uair a bhan t-suil afuireach ri faicinn, ’s an inntinn ri breithneachadh; an uair a bha daoine asealltuinn na bathaisiche na tha iad a nis mun cuairt doibhs an taobh stigh dhiu; an uair nach robh biadh cho blasda, tighean cho blath, eudach cho riomhach, eolas cho farsuing no leabraichean cho pailt; —bha, tha mimeas, daoine amealtuinn anns abheagan thoilinntinnean a bhaca sonas cho fior agus, ma dhfhaodte, cho làns a tha sinne leis na cothroman do-aireamh a thagainn fein. Anns na linntean so bha moran de theagasg an t-sluaigh air a thoirt seachad an Sean-fhocail non Gnath-fhocail. Bhachleachduin coitchionn am measg gach cinneach air am bheil eachdraidh againn. Tha gach aon againn eolach air Gnath-fhocail Sholaimh. Am measg nan Greugachs nan Romanach bha moran den eolas agus moran den creidimh air aiseag o ghinealach gu ginealach air an doigh so. Agus am measg nan rioghachdan Eorpach eile bhachleachduin cheudna. Ach tha micreidsinn nach robh sluagh air am bheil iomradh againn am measg an robhs am bheil uiread cumhachd aig Sean-fhocail ri Gaidheil na h-Alba, anns gach aite an robh no am bheil iad. Tha fios againn guu robh amhor chuid de fhoghlum nan Druidheanar luchd-teagaisg o sheanair a thoirt seachad an Sean-fhocail a bha gu tric air an cur an rann a chum amheodhair a chuideachadh gu bhig an gleidheadh air chuimhne; agus gus an la diugh chithear gu minicn ar glinnsn ar n-eileanan an oidhche gheamhraidh air acur seachad ri taobh an teine le rann, sgeul, toimhseachan, as Sean-fhocal. Gu ma buan gach cleachduin om faigh an oigridh tuisges toillinntinn o bheul an aosda!

Is ann, mar bu trice, leis na daoine a bu ghlices a bu gheire a chaidh na Sean-fhocail a chur ri cheile; agus am measg nan daoine a bfhoghluimte anns gach linns anns gach aite bha iad air an altrum le mor-urram. Air Gnath-fhocail Sholaimhan duine a bu ghlice a chunnaic an saoghal riamhrinnsinn a cheana iomradh. Rinn an Greugach a bainmeilena rioghachd fein air son eolaisus gliocais cruinueachadh de Shean-fhocail a dhuthcha. Tha dearbhadh againn ann an Bardachd an Ughdair is airde cliu a sheinns aBheurla air amheas a bhaige-san air Sean-fhocail Shasuinn; agus rinn agriobhadairean ainmeil uair as uair cruinneachaidh dhiu so. Ann an saothair nam Bard Gaidhealach chi sinn an cumhachd a bhaig Sean-fhocail thairis air na h-inntinnean a burramaiche dar cinneadh fein. Rinneadh cruinneachadh de na Sean-fhocail Ghaidhealach o chionn moran bhliadhnachan le deagh sgoileirMac-an-Toisichach chaneil an leabhar a nis ach tearc. Chuala sinn le mor-aoìbhneas gun drinn an Gaidheal foghluimtean Siorramh Mac-Neacail clo-bhualaidh uir den leabhar luachmhor so. Cha bhi e neo-fhreagarrach, ma ta, saoilidh mi, a bhi feoraich, mu dhoigh chainnt a bhas a tha cho cumhachdachs cho coitchionn am measg dhaoine, ’s gu h-araid am measg Ghaidhealciod iadciod e an luachagus ciod e an cunnart mar ghne-theagaisg?

(Ri leantuinn.)



[116]

[Vol . 4. No. 15. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, OCTOBER 19, 1895.

Bha muinntir New Brunswick ataghadh pàrlamaid ùr Di-ciaduin sa chaidh, agus bha a phairtidh a bha stigh roimhe air an cur a stigh air ais a cheart cho làidir no nas làidire na bha iad roimhe.

Chaidh còrr us muillein air fhichead (21.000.000) tunna guail a chur a mach à méinnean Alba air a bhliadhna sa chaidh, agus bha sin ceithir muillein tunna na bu lugha na chaidh a chur a mach air a bhliadhna roimhe sin. Bi treis mhath mun tig mèinnean Cheap Breatunn suas ri sin.

Tha teinntean adeanamh call mòr ann an ceann a deas Mhanitoba. Thoisich àireamh dhiubh aig an aon àm agus sgaoil iad air feadh na dùthcha glé luath. Chan eil fhios ro mhath air meud a challa, oir thantelegraph ’na shineadh, ach chan urrainn nach eil call mor air a dheanamh. Cho fad sa chuala sinn bha ceathrar dhaoine air an losgadh gu bàs.

Tha Iapan an deigh còir fhaotainn air Formosa, agus tha i nis an deigh gach ceannairc a rinneadh na h-aghaidh anns an eilean sin a chur sios. Ach chan eil i ach gle an-fhoiseil a dhaindeoin na fhuair i dhe dòigh fhéin. Tha Ruisia acur dragh oirre, ’s chan eil Sina ach a feitheamh gus am faigh i cothrom air tòrachd a chogaidh a thoirt a mach. Tha Iapan a nise tuigsinn ged a fhuair i smachd air Sina, gu bheil a cheart cho dona ri Sina faisg oirre, agus nach dthainig crioch air a trioblaidean fhathast.

Than t-Urr. A. MacGilleain Sinclair an ùine ghoirid adol a chur a mach leobhar ùr, Orain Iain Luim. Cha robh orain a bhàird ainmeil so air an cur an clò gu h-iomlan riamh roimhe, agus tha fhios againn gun bi moran toileach an leobhar fhaotainn. Co luath sa bhios e mach, bheir sinn fios nas fhearr do air luchd leughaidh mu dheobhainn.

Tha fathunn air tighinn a Manitoba gu bheil na tuathanaich an deigh an cinn a chur cuideachd air son pris a chruinneachd a thogail. Bha na ceannaichean roimhe so, air son buannachd dhaibh fhéin, ann an co-bhonn air son a phris a chumail iseal, cho iseals nach robh epàigheadh nan tuathanach a toirt gu margadh. Tha na tuathanaich a nisedolga chumail aca fhéin gus am feum na ceannaichean pris nas àirde thoirt air. Ni sin am flùr nas daoire na tha e aig an àm so.


Breacan Bhlackie.

Rinn figheadair Albannach tartan ùr o chionn ghoirid, agus bha edol a thoirt ainm Bhlackie air, mar chuimhneachan air na rinn an dnin’ -uasal foghluimte sin air son luchd nam breacannuair a bha e beò. Chuala Màiri Nic-a- Phearsain( “Màiri nighean Iain Bhàin” ,) abhana-bhàrd Sgiathanach, so, agus chuir i fiosga ionnsuidh ag innseadh dha gu robh tartan air a dheanamh cheana a bhair ainmeachadh air Blackie. Dheilbh agus dhfhigh i-fhéin am tartan sin àireamh bhliadhnaichean air ais, agus thug Lachuinn Domhnullach, fear Scèabost, breacan dheth do Bhlackie fhéin aig cruinneachadh mòr Gàidhealach a bhann an Glascho. Chosg an t-oillear breacan dhen tartan sin riamh gusn do chaochail e, agusnuair a bhatarga thiodhlacadh, bham breacan air a sgaoileadh air uachdar na cistaige. Rinn i iomadh breacan de thartan Bhlackie uaithe sin do dhaoinuaisle aig an robh mor mheas air, agus tha tuilleadhg an iarraidh; ach tha Màiri chòir a nis air fàs sean air son a bhi ri moran figheadaireachd, agus tha toil aice a còir air an tartan a chreic. Chan eil teagamh nach toir am figheadair a rinn an tartan ùr ainm eile air, agus gur e tartan Màiri a leanas air a bhi air ainmeachabh air-san a rinn na h-uiread as leith nan Gàidheal, an cànain, ’s an dùthaich.


Bidh cron duine cho mòr ri beinn, mun léir dha fhéin e.


AChoisir ChiuilOrain Ghailig.

Than leabhar ciùil Gàilig so air a chur a machna thri pàirtean. Tha 62 de dhòrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oransa cheud Phairt, 21san darra Pàirt, agus 20san treas Pàirt. Than ceòl, (Tenor , Alto, Soprano,agusBass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr don MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadhga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnathasa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, den Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair.


SGEUL EACHUINN

Bha midol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòrs ga robhchabhag, cha burrainn domh ach stadnuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dhuaireadairean, de dhfhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dhioghnadh orm nach fhaca min stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bhadol seachad, “ tha cumailsan àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor on chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “chan eil ach beagan us seachdain on dhfhosgail e mach. ’S e

RHODES & GANNON

a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhnan t-samhraidh so?” “ ’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am baithne dhuibh e?” “S ann dhomh a baithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bhagam air idir.” Cha dfhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s chan abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha miseg ràdh riut, an ath uair a thig mi dhan bhaile, cha bhi mo sporan cho falamhsa bha en oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dhfhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath riumn uai a bha mi déileadh ris roimhe.



[117]

[Vol . 4. No. 15. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Bha soitheach beag smùide á Albainn ag iasgach mu chladach Nova Scotia air an t-samhradh sa chaidh. ’S i a cheud soitheach smùide a thainig riamh a dhiasgach an taobh so, agus tha iad ag ràdh gun drinn i glé mhath. Buinidh i do cheannaichean ann an Obaraidhean.

Chaidh fear Uilleam Mac Leoid a mharbhadh ann am Mèinn Victoriasa mhaduinn Di-màirt sa chaidh. Bha e aigobair anns a mhèinn, agus thuit cnap mòr guail air, ’ga bhualadhsga mharbhadh far an robh e. Bha e mu dha fhichead bliadhna dhaois, agusna dhuine measail cliùiteach. Dhfhàg e bean agus teaghlach.

Tha uisge gu leòr a sileadh an dràsda. Cha mhòr gu robh oidhche air an t-seachdain so gun a bheag no mhor a thuiteam. Dha Dior-daoinna latha glé aognaidh, fuar agus fliuch. Bha an t-side gle fhadan aghaidh nan soithichean iasgaich, agus bha àireamh mhor dhiubh agabhail fasgadh na h-acarsaid a chuid bu mho dhen t-seachdain. Tha an t-àm againn a bhi deanamh deiseil air son a gheamhraidh.

Than amhach ghoirt air bristeadh a mach ann an Newfoundland. Rinn i sgrios mor anns an dùthaich sin bliadhnaichean roimhe so, agus tha i misair tòiseachadh a rithist. Tha ministear Methodach ann an cearna dhen eilean, agus chaill e ceathrar debchloinn leatha. Chaochail dithis dhiubh an toiseach, agusnuair a shaoil iad a bhan tinneas cuibhteas an tigh, dhfhàs dithis eile dhiubh tinn agus choochail iad cuideachd.

Tha amMansebha coithionalSt . Andrewsa cur suas a nise deiseil, agus tha am ministearsa theaghlach a fuireach ann o chionn cher- la-deug. Tha ena thigh mòr briagha, air a shuidheachadh ann an aite cho mathsa thasa bhaile agus faisg air an eaglais. Tha e glé chreideasach don choithional tigh cho math a chur suas, agus tha sinn an dòchas gun cuir esan a thacòmhnuidh ann an dràsda seachad iomadh bliadhna shona agus shoirbheachail ann.

Tha malairt mhor a dol air adhart eadar cearnaidhean de Cheap Breatunn us Nova Scotia agusSt . Pierre. ’S e stuth làidir am bathar as mo a thatar a tarruinn as, agus tha cuidg am faighinn fhéin ann an crois air a thàilleabh. Thr luchd na cuspuinn air an tòir an dràsda agus a breith air páirt aca. Rugadh air fear ann anGuysboroair an t-seachdain sa chaidh agus luchd mòr aige, agus a rithist an la roimhe ghlacadh fiach ochd ceud dolair de shuth làidirs de thombaca a chuireadh air tir leis an duinuasal cheudna. Faodaidh gu bheil beagan airgid anns an t-seòrsa malairt so fhadsa chumair am falach i, ach cha mhor buannachd a thinntenuair a thig luchd na cuspuinn ma cùl. Chan eil ni as fhearr na bhi onarach; an rud a thig leis a ghaoith falbhaidh e leis an uisge.

Thainig soitheach iasgaich Ruiseanach a stigh do San Francisco an la roimhe le luchd de chraicinn ròins de bhéin eile. Bha fiach an luchd air a mheas aig leth muillein dolair.

AigSnider Depot,ann an Ontario, chaidh tigh le fear Tomas Lindsay na theine seachdain roimhn Di-ciaduin sa chaidh, agus chaidh sianar de chloinn a losgadh gu bàs. Bha dithis dhuibh aig am meudachd.

Air a thurus dhachaidh á Sidni, seachdain roimhn , bha Iain P. Mac Neill, a mhuinntirAmagadus Pond,air a leònadh cho dona le tuiteam as a charbads gun do chaochail e an ceann da latha.

An uair a dhéirich daoinesa mhaduinn an , bha an talamh air a chòmhdach le brat sneachda a thuit air an oidhche. Lean an sneachda air sileadh a chuid bu mhò dhen mhaduinn, ach bha eleaghadh cha mhor cho luathsa bha etuitean. ’S e so a cheud shneachda a thainig air an fhoghar, agus thainig e trà gu leòr.

Bha teine mòr ann anChatham N B. ,air an t-seachdain sa chaidh. Bha còrr us tri fichead tigh air a losgadh, agus bha mu leth-cheud teaghlach air am fàgail gun dachaidh. Bu dhaoine bochda chuid mhor dhiubh, agus chaill iad na bha aca ris an t-saoghal. Tha iad adeanamh gun deachaidh fiach tri fichead mile dolair a losgadh.

Thug fear Uilleam Hobin a mhuinntir a Bhai- ’n-Iar ionnsuidh air tighn ri bheatha ann am Boston air an t-seachdain sa chaidh. Bha e gun obair treis a dhùine, agus dhoibrich sin air an inntinn aige gu dona. Ghearr e a sgòrnan ann an da àite, ach bha e beònuair a fhuaireadh e, agus chaidh a chur dhan ospidal. Tha na dotairean a deanamh nach urrainn da faotainn thairis air. Tha e mu dha fhichead bliadhnasa h-ochd a dhaois, agus tha bean us dithis chloinne aigesa Bhai- ’n-Iar.

Chaochail seann duine còir, Aonghas Ruadh Gillios, ann amBroad Cove,o chionn ghoirid, aig aois ceithir fichead bliadhnasa h-aon deug. Rugadh e ann am Mòrthir, an Alba, ’sa bhliadhna 1804, agus thainig e air imrich dhan dùthaich sosa bhliadhna 1836, agus shuidhich emBroad Cove,far an drinn e dachaidh mhath dha fhéins da theaghlach. Bha sgoil chuimseach mhath aige, agus rinn ena burrainn da gus sgoilean a chur air choissa chumail suasna choimheanrsachd. Bha e na sgoilear math Gàilig, agus bha e gabhail tlachd mor ann a bhi teagasg don òigirdh mun cuairt da an cànain féin a leughadh. ’Na òige bha ena dhuine cho eireachdails cho foghainteachsa ghabhadh faotainn, agus lean sin ris gus an robh e na fhior sheann duine.


Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires air son gach àm eile dhen bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.



[118]

[Vol . 4. No. 15. p. 6]

Litirchean.

A CHARAID: —Air taobh a stigh na litreach so, gheibh sibh dolar air son a MHAC-TALLA. Tha e còrdadh rium glé mhath. Chan eil coire air ach a luighad, achs fhearr mar sin fhéin e na bhi as aonais; bhitheamaid an uair sin gun phaipear Gàilig idir. Tha mi an dòchas gum bi sibh fada beò na cheann. Is mi ur caraide.

DONNACHA MAC CUAIG.
Ottawa , Ont.


FHIR-DEASACHAIDH: —Tha mi glé thoilichte bhig innse dhuibh gu bheil ur paihearg am ruigheachd gu riaghailteach. Tha mi glé bhuidheach dhen chùnntas a thug sibh air ur Cuairt Shamhraidh, agus nuair a bha miga leubhabh, bha mi asmaoineachadh nam biodh sibh còmhla riumsanuair a bha sinn a tighn troimh na Beanntan Creagach(Rocky Mountains)gum biodh sibh comasach air naigheachd a chursa phaipear a bhiodh fior thaitneach ri leughadh. Is iomadh ceum a shiubhail mi agus a chaidh me troimh bheanntan roimhe, ach chunnaic mi air an turus so beanntan, us glinn, us tuill, us iomadh rud eile nach fhaca mi riamh roimhe. Leubh mi le iomadh gàire an còmhradh eadar Eóghan us Dòmhnull us Mor, agus thug e gu mchuimhne iomadh droch Ghàilig a chuala mi fhéin ri mlatha, ach cha bhi mi tighn thairis air sin an dràsda. ’S aithne dhomh gu leòr a chaill an cuid Gàilig mas fior dhaibh féin, ach ma chaill, cha dfhuair iad a Bheurla no cànain sam bith eile. Tha eagal orm ma ni mi mo litir dad nas fhaide nach urrainn duibh a clò-bhualadh, aguss fheudar dhomh stad. Gheobh sibh dolar anns an litir; tha mi tri miosan air deireadh, ach thuirt duine glic roimhe gur fhearr deireadh cuirme na toiseach sabaid. Slan leibh aig an àm so.

TEARLACH.
Oaklands , California, 9, 10, ’95.


Ma tha toil agad dfhortan a dheanamh, ’nuair a chluinneas tu daoineileg radh gu bheil airgead ri fhaotainn an sid, ’s gu bheil airgead ri fhaotainn an so, na toir cluss dhaibh; thoir an airair do ghnothuch; fuirich far am bheil thu, agus faigh nas urrainn dhuit fhaotainn gun charachadh as an àitesam bheil thu.


Bidh iteagan bòidheach air na h-eòin a tha fad as.


FAICEALL.

Chan urrainn duinn a bhi tuilleadh us faiceallach. Chan abair sinn duine treun idir ris-an a ruitheas don chunnart air sgàth a bhi ann an cunnart, no air sgàth a bhi air a mholadh le daoine neo-thuigseach. Cha duine treun a leumas bhar drochaid Bhrooklyn dhan amhuinn gu h-iseal, no a dhfheuchas ri snàmh thairis air na h-àiteachan cunnartach ann an amhuinn Niagara. Chan eil ann ach duine amaideach a thacur a bheatha na làimh gun aobhar. Cha chùir an duine treun e-fhéin ann an cunnart gun aobhar, achnuair a thig an t-àm anns an toir a dhleasanas don chunnart e, cha mheas e gur còir da bheatha bhisan rathad air, noga chumail air ais. Ach gus an tig an t-àm sin cha chuir e a bheatha fhéin no beatha muinntir eile ann an cunnart. Tha sgeul air innse mu bhean-uasal a bhann an cearna de Shasuinn uair a bhag iarraidh fear-carbaid. Chuir i fios a mach, agus thainig triùir dhaoinegan tairgse féin. Bha iad nan triùir glé fhreagarrach air son na h-oibreach, ’s cha robh fhios aice car greis m fear a dhfhastaidheadh i. Ach mu dheireadh chuir i ceist air fear dhiubh. “Nam bitheadh tusa falbh leam anns a charbad agus agad ri dhol thairis air rathad air mullach creige ri taobh a chladaich, cia cho faisgsa rachadh tu air bile na creige leis a charbad?” “Tha mi smaoineachadh,” ars esan, “gun rachainn cho faisg ri da throigh air bile na creige gun eagal sam bith gun cuirinn thairis an carbad.” “Seadh,” ars ise, “tha sin glé mhath; cia cho faisgsa rachadh tus air?” ris an darra fear. “Tha mi glé chinnteach gun rachach agam air a dhol cho faisg ri troigh air,” fhreagair esan. “Tha sinn nas fhearr a rithist,” ars ise, agus thionndaidh i ris an treas fear. “Agus cia cho faisgsa rachadh tusair bile na creige?” “Nam bithinnsa air a leithid sin de rathad,” ars an duine, “chumainn cho fad air falbh bho bhile na creigesa ghabhadh deanamh.” “ ’S tusan duinetha dhith orm,” ars a bhean-uasal. “Cha ghabh mi gnothuch ri duine a dhfheuchas ri dhol cho faisg air a chunnarts is urrainn da. ’Se duine faiceallach, cinnteach, a tha mi air son a bhi agam mar fhear-carbaid, ’s chan e duine dàna chuireas mo bheatha-sa agus a bheatha fhéin ann an cunnart gun aobhar sam bith.” Co-dhiu than sgeul so fior no nach eil, tha leasan math air fhilleadh a stigh innte. “Seachain an t-olc us seachnaidh an t-olc thu.”


Tha còir us da cheud deug mile (1,200,000) acaire fearainn fo choille ann an Canada. Tha fiach ceud us deich muillein ( $110 ,000,000) dolair de dhfhiodh air a ghearradh a h-uile bliadhna, agus than luchd-oibreach a faotain mar thuarasdal còrr us deich muilleinean fichead ( $30 ,000,000) ’sa bhliadhna. Tha achoillena saoibhreas mor do Chanada, aguss mòr an call a bhi leigeil le teintean ruith air a feadh. Teirigidh i luath gu leòr gun an teine bhi cur as dhi.

Tha e glé choltach gu bheil Newfoundland gu bhi nas fhearr dheth air a bhliadhna so tighin na bha e o chionn ioma bliadhna. Bha iasgach nan ròn glé mhath, agus than trosg moran nas pailte na bha e an uiridh. ’Sann ris an iasgach a than dùthaich air fad ag amharc air son teach-an-tir, agusnuair a bhios an t-iasgach gu math, bidh an dùthaich gu math dheth. Tha sinn toilichte so a chluinntinn mu Newfoundland.

Tha Canada a h-uile bliadhna a paigheadh còrr us deich muillein dolair ( $10 ,000,000) de riabh air son a cuid ainbhfheich, no da dholair mu choinneamh gach duine bean us pàisdethasan dùthaich. A bharrachd air so tha cuid de na mor-roinnean gu trom ann an ainbhfhiach agus chan eil gin dhiubh cuibhteas ainbhfhiach gu buileach ach Ontario leatha fhéin.

Tha e air innseadh gun deachaidh buntàta a bhuain ann an Colorado air an fhoghar so a tha ochd oirlich fhichead a dhfhad agus ceithir oirlich dheuga troimhe. Tha e deich ùnnsa thairis air ceithir fichead pùnndsa sia a chudthrom, no cho trom ri buiseal gu leth de bhuntàta cumanta.

Dhirich dithis dhaoine agus dithis mhnathan gu mullach Beinn Neimheis aon latha deireadh a mhios sa chaidh. Chaidh iad suas air an taobh bu chaise dhith. ’Se so a cheud uair a chaidh aig boirionnach air a bheinn a dhireadh.


Bidh gach fear a tarruing uisge gumhuileann fhéin.

Bho nach fhaod mi beantainn don ghiadh mhòr, pronnaidh mi na h-iseanan.



[119]

[Vol . 4. No. 15. p. 7]

Gu muinntir na h-Aimhne Tuath.

A CHAIRDEAN: —Air iarrtus moran den luchd-taghaidh, tha micur romham feuchainn ri bhi air mo thaghadh mar fhear-comhairle do ur sgireachd. Rugadh agus thogadh mi air an Amhuinn a Tuath, agus is aithne dhomh gabh cùil us cearna dhith. Mas e ur toil mo thaghadh ni mi nis urrainn mi air son math na sgireachd agus na siorrachd air fad. Feuchaidh mi ris na ròideans na drochaidean a leasachadhsa chumail air dòigh. Tha mi gealltinn cuideachd mo dhichioll a dheanamh air stad a chur air reic na deoch làidir. An dòchas ur fhicinn uile roimh lathan taghaidh, Is mi,

Ur Seirbheiseach Dileas
NIALL DOMHNULLACH.
Baddeck , C, B., Sept. 21, ’95.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra air reicidh iad riut an Gailig


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna.


DR. T. C. MAC LEOID.
Faodar an Dotair fhaicinnna oifig anns an togalachs a bheilMoore & Johnstonri ceannachd, no aig a dhachaidh ann aSheerwood.”


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B


Dr. T. G. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.



[120]

[Vol . 4. No. 15. p. 8]

ORAN

(Air a leantuinn)

S mi mar gum biodh beag-Iarla
Nuair chi iad sios an fhearainn mi,
S a stàrachd air am bialthaobh
S i lionta leCut Cavendish
Cha dùraig iad a h-iarraidh,
A chionn i bhi cho ciatach,
S cha toir mi as mo bhial i,
A dhaindeoin miann chan fhaigh iad i.

Cha toir mi Mhuracha Mòr i,
S nis cha toir mi dhAilean i,
Na Ruairi mac Ian oig,
Ged a bheir mi ceò do Chalum dhi.
Bheir mi i chlann Eòghainn,
Is gheibh an gillaig Mòir i,
Cha toir mi do Iain mòr i,
Ach deòinichidh mi dhAlick i.

Gheibh Iain mac Coinnich bhàin i
Lelàn, ’s cha bhi sin annasach,
S Aonghas còir a bhràthair,
S chan àicheadh mi don Cheannaich i.
Bheir mi cuairt dhi Phràdruig,
Is do ddhithis bhràithrean,
S cha dean an triùir a tràghadh,
S ann bheir i sàth nan ceathrar dhaibh.

Gheibh Dòmhnull còir mo nàbuidh,
Is Adi, agus Ailean i;
Bu mhath dhomh feins do chàch iad,
Is iad nach fàgadh falamh i.
Tha feadhain ann nach tàire,
Dhem chinneadhs dhe mo chàirdean
S an uair a gheibheadh càch i,
Co leis bu dàna falach orr’.

Tha moran dhe bhur càirdean
N an armuin a tha ceannalta,
Na diùmhlaich mhora làidir,
Cho tàbhachdachs is aithne dhomh;
Ma thig a h-aon nam dhail dhiu,
An è nach toir mi dha i?
Bhiodh cuis an aghaidh nàduir,
A chionn an sàr a cheannaich i.

Nuair chi mi Seumas Dhòmhnuil,
Is feadhain chòir a bharrachd air,
Saoil nach bi iad pròiseil
Nuair gheibh iad ceò dhi? ’s math leo e,
S nach faic iad dhe seòrsa
S an tirs a bheil an còmhnuidh,
Ach mas a h-urrainn dhòmhsa
S mi féin bhios deònach air thoir dhi.

A phiob a chuir an t-uasal
A nall thar chuan áHalifax ,
Ghuidhinn saoghal buan dha,
Is neart is smuais is fallaineachd.
Is fearr leam na deich luachan
A faicinn agam uaithe.
Cha toir fear eile uam i,
S mi féin a fhuair lebheannachd i.

Cha dchuir neach riamh na bhial i,
Nach iarradh an ath tharruing dhi;
Chan ann airson a briaghad
A mhàin bha miann gach fear innte;
Tha stuth innte tha fiachail,
S ro mhaith i air a dianamh,
Dhfhòdhnadh i do dhIarla
Gu siorruidh fhads be mhaireann e.

Fhior uasailchuir don tir i,
Mo mhile miltean beannachd ort,
Os iomadh neach a chi i
Nach faigheadh ni ach amharc oirr.”
Cha leiginn i nan innean
Ga milleadh na ga sgriobadh
Nuair rachadh iadga sliobadh,
S i cheart cho min ri gloinaca.

Tha cuid do dhaoine neònach,
Is mòrran dhiu cho aineolach,
A feuchainn ni dhe n t-seòrsa
An còmhnuidh le cion faireachaidh,
A dhfhàisgeas i lemeòirean,
Le moits le fearas-mhòra
S nan cuireadh e, bhiodh prois air,
Le òrdaig thar na h-amhaich i.

Chan araicheadh tu mi
Ged nach sinnean i do amadan,
Is fear nach cuir srad innte,
Carson a shinnte falamh i?
Thig cuid far a bi mi
S nan tugainn dhaibh a phiob-sa,
Nach lasaicheadh a chaoidh dhi
Cho fad sa chìte teininnte.

Ged chùnnt mi fear na dhà dhiu,
Mar tha, tha cus a bharrachd ann,
Nach ainmich mi an dràsda,
Mas nairich am Mac Talla mi.
Rinn e orm mu thrà sin
Mo chainnt a chur doBheaintraigh;’
Ach seach nach robh smid ceàrr dheth
Tha sin a fàbhar Challum bhochd.

CALUM MAC IAIN IC PHADRUIG.


EALIDH GHAOIL.

LE EOGHAN MAC-LACHINN.

LUINNEAG.
Air failirinn, illirin, uillirin o,
Air failirinn, illirin, uillirin o,
Air failirinn, illirin, uillirin o,
Gur boidheach an comunn
Thaig coinnimhn t-Strathmhoir.

Gur gile mo leannan
Nan ealair an t-snamh;
Na cobhar na tuinne
S e tilleadh bhon traigh;
Nam blath-bhainne buaile
S a chuach leis fo bharr;
Na sneachd nan gleann dosrach
Ga fhroiseadh mun bharr.

Tha cas-fhalt mo ruin-sa
Gu siubhlach a sniomh,
Mar na neoil bhuidha lubas
Air stucibh nan sliabh.
Thagruaidh mar an ros
Nuair as boidhcha bhios fhiamh
Fo ur-dhealt a cheitein
Mun eirich a ghrian.

Mar Bhenus a boillsgeadh
Thar choilltibh nan ard,
Tha a miog-shuil gam bhuaireadh
Le suaicheantas graidh.
Tha braighe nan seud
Ann an eideadh gach aidh,
Mar ghealach nan speur
S icur reultan fo phramh.

Bidhn uiseags an smeorach,
Feadh lointean nan driuchd,
Toirt failte len orain
Don og-mhaduinn chiuin;
Ach than uiseag neo-sheolta
S an smeorach gun sunnd
Nuair thoisicheas meudail
Air gleusadh a ciuil.

Nuair thig samhradh nan noinean
A comhdach nam bruach,
S gach eoinean sa chroc-choill
A ceol leis a chuaich,
Bidh mise gu h-eibhinn
A leumnichs a ruaig
Fo dhluth mheuribh sgaileach
A manran ri mluaidh.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean .

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.

titleIssue 15
internal date1895.0
display date1895
publication date1895
level
reference template

Mac-Talla IV No. 15. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page