[Vol . 4. No. 16. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 26, 1895. No. 16.
Turas do Elilean Prionnsa-Eideart.
LEIS AN URR. CALUM MAC LEOID.
Bha Seanadh na h-Eaglais Chléireich gn suidhe ann an Charlottetown, ceann-bhaile Eilean a Phrionnsa, air Di-màirt a chiad latha de mhios mu dheireadh an fhoghair, anns an fheasgar. Agus do bhrigh nach b’urrainn mi bhi aig suidhe an t-Seanaidh gun bhi Sàbaid air falbh bho’n chothional, chòrd mi féin agus an t-Urr Mr Friseal, minister a Chladaich a Tuath, air falbh tràth air an t-seachduin agus bhi air an t-Sàbaid romh shuidhe an t-Seanaidh a’ cuiideachadh an Urr. C. Caimbeul a frithealadh sacramaid Suipeir nan Tighearna ann an eaglais Gleann an Ròs, aon do eaglaisean Strathalba, Eilean a Phrionnsa.
Dh’fhàg mi Ceap Nòr air Di-sathuirne, an aonamh latha fichead de mhios meadoonach an fhoghair, agus bha mi ann an Iugonish air an t-Sàbaid. Air maduinn Di-luain chaidh mi thairis Beinn a Cheò, o mhullach am beil sealladh anabarrach briagha. Air an làimh chli an cuain mor cho fada ’sa chi an t-sùil, breac le siùil gheala shoithichean agus bhàtaichean ag iasgach an runnaich; aig a bonn, shios fo na casan, achannan agus taighean Thormoid Neil Ic Leòid; direach air thoiseach an Cladach a Tuath, le rudhaichean, a bhaighean, a mhachraichean, agus a thaighean geala cho fada ’sa chi neach suas gu Baile-nan-Gall; agus air a làimh dheis a bheinn ’na balla àird a cumail fasgaidh air an lubhd aiteachaidh air an taobh ma thuath. Mhiannaicheadh neach fuireach ùin fhada ann an so a beachd-smuaineachadh air mòralachd an Tì a chruthaich na beanntan, na glinn, na cuaintean, agus na tha gabhail còmhnuidh annta, ach feumaidh sinn dol air adhart. Mu anmoch ràinig miMansean Urr. Iain Friseil far an d’ fhuair mi aoidheacdh chàirdeil, cheanalta. Air maduinn an ath latha dh’ fhalbh sinn le chéile dh’ionnsuidh aiseag Bhaile-nan-Gall agus a chionn ’s gu robh fios aig Torcull gu’n robh sinne a tighinn, cha do dh’fhuirich e ri smèideadh na ri éigheach, ach bha e nall leis an sgoth agus choinnich e sinn aig a’ chladach, agus thug e sinn fhéin agus an t-each null sàbhailte thar an uisge. Ràinig sinn Baddeck feasgar agus dh’fhan sinn an sin an oidhche sin. An glasadh gorm an ath latha cha sinn, le air màileidean sios an t-sràid dh’ionnsuidh na laimhrig, aig an robh batnasmùid a’ séideadh agus a’ feadaireachd. Chaidh sinn air bord agus ann am beagan ’s uair a thide bha sinn aig na Narrows Mhòr, far an do ghabh sinn an carbad smùide gu ruig Caolas Chanso. Chaidh sinn an sin air bòrd bata-smuid an aiseag a bha gus air toirt a null guMulgrave ,far an robh sinn a’ dol rìs do’n charbad. Beagan mu’n do dh’fhuasgail i bho’n laimhrig thoisich i fein agus an carbad smùide air tir ri feadaireachd anabarrach cruaidh agus cabhagach. Cha robh fios againn an toiseach gu de bhreisleich a bh’orra ach m’a dheireadh thuig sinn gur ann a bha iad a leigeadh soraidh le càraid a bha air ur-phosadh agus a bha gabhail na slighe maille ruinn. Ach mar a tha sean-fhocal ag radh, “Ma’s a ceòl feadaireachd, tha gu leòir beagan dheth.” ’Nuair a chaidh an t-straighlich ud thairis cha robh moran tuilidh ann a ghairm ar n-aire ach leth shean nighean a bha anns a chuideachd, a bha toirt leatha cat ann am bascaid. Bhiodh i gu tric a sanas ris, ach uair de na h-uairean, anns a chomhradh a bh’ann, ’sann a leum an cat a mach! Ach ma leum, cha b’ann gu fois a chaidh an gnothuch. Bha an tabaid glé chabhagach fhad sa mhai ri, ach ma dheireadh ’sann airsan a chaidh, agus b’éiginn a dhol air ais ged bu mhor an aghaidh a thoil e. Bha iad glé ùpraideach le chéile fad an turais. Rainig sinn Pictou anns an fheasgar agus leig sinn thairis an oidhche ann an sin.
A latha- ’r-na-mhàireach chaidh sinn air bòrd a bhàta-smuide a bha dol gu Charlottetown. Sheol i beagan an deigh aon uair ’san fheasgar. Bha gaoth a séideadh glé làidir, ach bha an fhairge an toiseach ciùinn, ach mar bha sinn dol air adhart bha i ag at gu h-anabarrach. ’Nuair bu mhiosa bha i chuala sinn eigh na creach shios ma mheadhon a bhata; chlisg mo chridhe, bha dùil againn gu’n robh rudeigin cearr, ach ’se bh’ann oifigeach a bhuineadh do’n bhàta ’gar gairm sios fo rum chum s gu faigheadh sinn ur ticead. Thug sinn oidhearp air umhluchd a thoirt do’n ghairm ach cha robh na h-uile fear a ruith cùrsa direach. Chaidh sinn sios breothail, drabhail, ach an uair a rainig sinn an t-aite, cha robh an cléireach ann an sin, agus chaidh na h-ath éighean a leagadh risan, ’s dh’fhaodadh e an cluinntinn ged bhitheadh e mar bha Ionah, “na shuain chodail ann an taobhan na luiuge.” Fhad ’sa bha sinn a feitheamh air a chlàr-iochdar bha sinn direach mar a bha an Salmadair ag ràdh bhiodh na maraichean “Dol thuig is uaith gu tuisleach mar dhuine air mhisg.” ’Nuair ’fhuair sinn an rud bha sinn ag iarraidh chaidh sinn air ais, ni-eigin coltach ri mar a bha sinn a’ dol sios. Uaith so dh’ fhòghlum sinn gu’m b’e “air neart fuireach nar tàmh.”
Bha e air fàs dorcha ma’s do rainig sinn Charlottetown, agus a chionn ’s gu robh a ghaoth a’ séideadh cho ladair bha eigheach gu leoir ann ma’s d’fhuaradh a ceangal ris a bhuarbh. Ach bha aon ni bha sinn a’ moladh, ge do bha na h-uiread a dh’éigheach ann cha chuala sinn facal de dhroch cainnt
(Ri leantuinn.)
Tha fior obair na h-eanchainn chum deagh shlainte agus beatha fhada, ach air an laimh eile, tha saruchadh na h-eanchainn a’ tarmachadh tinneis agus bais.
[Vol . 4. No. 16. p. 2]
NA SEAN FHACAIL.
(An Gaidheal, 1875.) —Air a leantuinn.
Ciod e Sean-fhocal? Aithnichidh gach aon againn e an uair a chi no ’chluinneas sinn e; ach cha’n ’eil e cho farasda a mhineachaidh do neach eile ciod iad na feartan a tha ’deanamh suas na doigh-chainnt so. Thuirt Sasunnach ainmeil a tha fathast maireann gur e Sean-fhocal ‘gliocas morain, ach geiread aoin;’ agus thuirt sean Ughdar Romanach gu bheil an Sean-fhocal mar an Seillean— ‘gu’m faighear a’ mhil ’s an gath ann an coluinn bhig. Gheibhear an so, tha mi meas, an da chuid mineachadh agus eisimpleir air Sean-fhocal; ach cha ruigear leas fiughair a bhi gu’n seas am mineachadh an comhnuidh fior. Cha ’n fhaighear Sean-fhocal, tha mi creidsinn, as eugmhais nan tri nithean so—Gliocas, Geiread, Giorrad; ach cha ’n ’eil mi cho dearbhta gu’n deanar suas e leis an tri a’ mhain. Mu ’m fas e ’n a Shean-fhocal is eigin gu’ gabh an Saoghal ris mar aon; agus cha bhiodh e lich iomadh radh fhaotainn a tha glic, geur, a’s gearr, nach d’ fhuair fardoch am measg an t-sluaigh. Ach ma theid agad air firinn a thilgeadh ann am beagan de fhocail shnasmhor a ni greim air inntinnean dhaoine, air chor ’s gu bheil an fhirinn air a h-aiseag o bheul gu beul ad chainnt fein, ’s e mo bharail gum feudar a radh gur Sean-fhocal an fhirinn so. Ma [ ? ] an radh air a thoirt seachad fo shamhladh, [ ? ] rann, no ann am focail a ni fuaim thaitneach [ ? ] chluais, bithidh e na’s dòcha gu’n gabh an sluagh [ ? ] ma nithear a bheatha as eugmhais nan innleachd [ ? ] is Sean-fhocal e.
Chunnaic sinn a cheana am meas a bh’ aig na daoine treun a dh’ fhalbh air a’ mhodh-theagaisg so; agus cha ’n aobhar iongantais ged a bha. Air an cur ri cheile leis na daoine a bu ghlice ’s a b’ fharsuinge fiosrachadh anns gach linn; air an tilgeadh an cumadh taitneach do’n t-suil ’s do’n chluais; chaidh an giulan air meodhair an t-sluaigh o dhuthaich gu duthaich, ’s o ghinealach gu ginealach, ged chaidh, mar bu trice, na blair a chuir iad, na fearainn a cheannsaich iad, ’s na h-ealnidhean a dh’ ionnsaich iad, gu tur a dhichuimhneachadh. Dhuinne tha na Sean-fhocail ro luachmhor. Gheibh sinn annta gu tric am fiosrachadh is earbsaiche air gliocas, gleustachd, beachdan, a’s creidimh ar sinnsearachd. Cha ’n ’eil cearn de thir an Eolais, no ach beag de rioghachd a’ Chreidimh nach eil iad a’ comhdachadh. Eolas mu ’n chruthachadh ’s mu chuibhrionn an duine ann; eolas mu laghannan na h-inntinn ’s a’ chuirp; riaghailtean-stiuiraidh air son a’ ghluasaid anns gach dleasdanas dha fein, d’a choimhearsnach, ’s d’a Chruith-fhear; —agus so uile ann an cainnt shnasmhor, farasda ’thogail ’s a chuimhneachadh, a bheir toilinntinn cho math ri foghlum seachad. Cuid de na Sean-fhocail gheibhear anns gach canain ’s anns gach duthaich—fior luchd-aiteachaidh an domhain—a’ ruigheachd air ais gu tus ar n-eolais. ’s air falbh gu crioch ar n-aithne, a’ toirt dearbhadh laidir air firinn an Abstoil Phoil gu’n do ‘rinn Dia a dh’ aon fhuil uile chinnich dhaoine;’ cuid eile dhiu gheibhear duthchasach do’n tir so no do’n tir ud eile, a’ tarruing an cruth ’s an dreach o’n sluagh ’s o’n tir o’n d’fhuair iad am beatha; —ach gu [ ? ] ro-luachmhor dhuinne mar na tinneachan is treise airson t-slabhraidh shiorruith a tha ceangal dhuthchannan a’s inntein an t-saoghail ann am bannaibh teann an Eolais, a’ Ghiiocais, agus a’ Ghraidh.
Ach luachmhor ’s mar tha na Sean-fhocail, agus measail ’s mar is coir dhuinn an comhnuidh an gleidheadh air chuimhne, cha ’n ’eil iad gun chunnart ’n an lorg. Tha ’n Sean-fhocal mar an Teine, ’n a dheagh Sheirbhiseach ach ’n a dhroch Mhaighstir. Ma ghleidhear ’n a aite fein e, tha e fiachail a’s goireasach—beathaichidh a’s geuraichidh e’n inntinn; ach ma bheirear an lamh-an-uachdar dha, cha dean e ach a claoidh. Mar tha eolas a’ dol am farsuingeachd, a’s mar tha laghannan a’s cleachduinean ura a’ faotainn aite am measg an t-sluaigh, tha dleasdanais ura ag eirigh suas. An Sean-fhocal a bha fior mile bliadhna roimhe so, feudaidh e bhith nach ’eil e fior an diugh. An Sean-fhocal a tha fior ’s an Airde-Near, feudaidh e gun bhi fior ’s an Airde-Niar. Agus gu h-araid an radh a tha fior an aon seadh, is tric nach ’eil e fior ann an seadh eile. A thuillidh air so, tha mi meas gu bheil sinn anns a’ Ghaidhealtachd buailteach do bhi toirt barrachd uachdaranachd do na Sean-fhocail na tha ar coimhearsnaich na Goill. Cha ’n ’eil againne an cothrom a tha aca-san air foghlum fhaotainn á leabhraichean. Bha sinn riamh a’ faotainn na bu mho d’ ar n-eolas leis a’ chluais na leis an t-suil, agus bha moran de’n eolas air a thoirt seachad ann an Sean-fhocail. A ris, tha ’leithid de thlachd aig Gaidheil de gach ni a tha deas, cuimir, ’s gu bheil an cunnart ro mhor gu’n gabh sinn ri radh a thaitneas ruinn anns an rathad so, gun moran rannsachaidh a dheanamh mu ’fhirinn. Chuir sinn ann an Sean-fhocal ar n-earbsa á firinn nan Sean-fhocal thar cheann,— ‘Ged dh’ eignichear an Sean-fhocal, cha bhreugnaichear e.’ Tha ’leithid de bhuaidh aca thairis oirnn, ’s a’ leithid de dh’ earbsa againn ’n am firinn, ’s nach ’eil ni cho feumail dhasan leis am bu mhiann beachd ur a thoirt fa chomhair Ghaidheal ri cairdeas nan Sean-fhocal a dheanamh. Tha e air aithris mu Bhard ainmeil Sasunnach gu’n do mharbh oraid e anns an robh breith chruaidh air a thoirt air a shaothair. Cha ’n ’eil neach a leugh an Teachdaire Gaidhealach nach faca am mort a dheanadh an t-Olla Mac-Leoid leis na Sean-fhocail. Mar shlachdan-druidheachd nan sgeulachdan, bha iad an comhnuich aig ’uilinn a chum cur as do gach namhaid a thigeadh ’n a charamh. Agus cha ’n ’eil aon againn nach faca, uair a’s uair, Deasbair eigin, leis an fhirinn ma dh’ fhaodte ’n a bheul, air a thilgeadh le aon de na saighdean cuimseach, basmhor so. Is claidhean da fhaobhair air an deadh liobhadh na Sean-fhocail. Gearraidh iad dlu, agus gearraidh iad glan. Ach is ann mu’n chuid is lugha dhiu a mhain is urrainnear a’ radh, mar theirteadh mu chlaidheamh Fhinn, ‘nach d’ fhag e riamh fuigheall beuma.’
Feuchaidh sinn o am gu h-am ri aon na dha de na Sean-fhocail Ghaidhealadh a chur fo ghloine-amhairc dubailt’ a Sgrudaire, a bheir am fada am fagus, ’s a ni am beag mor, agus ri ’rannsachadh a mach, a reir ar comais, ann an solus ar latha fein ciod e ’n fhirinn a gheibhear fillte annta.
D. M’K.
Bha duine air ’fheuchainn airson meirle ann an Duneidin o chionn mòran bhliadhnachan. Fhuaradh ciontach e, agus bha e air a dhiteadh gu bàs; nuair a chuala e a’ bhreith-dhitidh ghlaodh e a nach ard a chinn, “A Bhreitheamh! cha d’ fhuair mi ceartas.” “Nach d’ fhuair” ars am Breitheamh, “coma leat, gheibh thu e air maduinn Di-luain a tha tighinn.”
[Vol . 4. No. 16. p. 3]
ALASDAIR SGIOBALTA.
Thachair do dhuin-uasal òg, aighearach a bhi ’cur seachad oidhche gheamhraidh ann an Tigh-osda Lag-an-droighinn. Cha robh a bheag aige r’ a dheanamh, ’s bha e a’ faireachdainn na h-uine fada. Chuir e fios air fear an tigh-osda dh’ fheuchainn an robh duine tuigseach, cracairiche math, no fear a dh’ innseadh sgeulachd anns a’ bhaile, a gheobhadh e a chur seachad an fheasgair leis. Thuirt fear an tighe gu ’n robh, —an t-aon duine a b’ fhearr a dh’ aithris naidheachdan, no a ghabhail oran na ’m b’ eiginn e, eadar Maol-Chinntire agus Tigh-Iain-Ghroid, —b’ e sin Alasdair Sgiobalta, an taillear. Dh’iarr an duin-uasal air fios a chur air Alasdair ma tà; rud a rinn fear an tighe, ’s cha d’fheith an taillear an dara cuireadh: is duilich leam gur iomadh uair a rachadh e an rathad ceudna gun chuireadh idir. Coma co dhiubh, thainig Alasdair ’s chaidh a sheoladh a stigh do sheomar an duin-uasail. Chaidh am botul a thoirt air bonn agus lan slige a chur leth ri goile an tailleir g’ a chur air fonn seanchuis; ’s Moire! cha robh sin duilich! An taice nan sgeulachd chaidh an taillear. Bheireadh an duin-uasal dha an deàrrsach eile as a’ bhotul, “eadar dha naidheachd,” mar their iad— ’s faodar a bhi cinnteach nach robh e ’deanamh dearmaid air fhein ’s a’ cheart am—gus mu dheireadh an d’ fhàs an companas cho cridheil ’s gu ’n robh aon air bith d’ an dithis—gu sonraichte an taillear—deas air son gniomh cuimsich sam bith. Mar bha ’n t-olc ’s an duin-uasal, ars’ esan ri Alasdair, “Innsidh mi dhuit ciod e ’nì mi—bheir mi dhuit gini oir air na cumhnantan so: gu’n leum thu air d’ ais ’s air d’ aghaidh thar na cathrach so fad leth-uair—gu riaghailteach, socair—a’ glaodhaich am mach aig a’ h-uile leum, ‘Is mise Alasdair Sgiobalta, taillear Lag-an-droighinn;’ ach ma bhruidhneas tu aon fhacal eile, no ma stadas tu de d’ leum gus am bi an leth-uair thairis, caillidh tu do dhuais.”
Chuir neonachas na tairsge a thug an duin-uasal dha, ioghnadh air an taillear, ’s bha e tiota beag ann an ag am bu choir dha aontachadh leatha, ach ars’ esan ris fhein, “Tarrainnidh mi snathainn no ’dha an Lag-an-droighinn m’ an coisinn mi ’urad; agus bidh latha ’s bliadhna m’ an tig a’ cheart tairgse am charaibh a rithist—gabhaidh mi rithe.” “Is bargan e,” thuirt esan ris an duin-uasal; “cha ’n ’eil ann ach sinn fhein, agus cha ’n ’eil na cumhachan duilich a choimhlionadh; —is mairg a theirteadh Alasdair Sgiobalta rium mur leumainn fad leth uair, no fad latha na ’m b’ eiginn e, thairis air cathair! —is iomadh leum a b’ airde, agus theagamh a b’ amaidiche a thug mi air son duais a bu shuaraiche” Thug an duin-uasal am mach ’uaireadair agus thilg an taillear dheth a chota. A’ cur a laimhe air cul na cathrach, thoisich e air leum, ’s e gu farumach ag aithris nam facal a chaidh iarraidh air, “Is mise Alasdair Sgiobalta, taillear Lag-an-droighinn!” An deigh da so dol air aghaidh fad mu thuaiream choig mionaidean, thug an duin-uasal tarrainn air a’ chlag ’s thainig seirbheiseach a stigh.
“Ciod air an talamh a bu chiall duibh,” thuirt an duin-uasal; “a leithid so de dhuine cuthaich a chur a stigh leamsa? Nach do shaoil mi gu ’m bu duine tuigseach a bha ann; an ann toileach amadan a dheanamh dhiom a bha sibh?”
ALASDAIR.— “Is mise Alasdair Sgiobalta, taillear Lag-an-droighinn!”
SEIRBHEISEACH.— “Air chinnt’ a duin-uasail cha ’n ’eil fhios agam ciod a dh’ fhairich e; cha ’n fhaca mi riabh roimhe e ’dol air ’aghaidh mar so—Alasdair, Alasdair! ciod is ciall duit?”
A.— “Is mise Alasdair Sgiobalta,” &c .
S. —Beannaich mise! Alasdair thailleir, cuimhnich c’ àite bheil thu; nach ’eil meas agad air an duin’ -uasal a chuir fios ort? C’ arson a tha thu a’ deanamh burraidh dhiot fhein?”
A.— “Is mise Alasdair Sgiobalta,” &c .
FEAR-AN-TIGHE (a’ tighinn a stigh le cabhaig). — “Ciod an ainm an Fhreasdail a tha ’so? —tha an duine air mhearachinn—nach ann agad ’tha ’n dearg aghaidh, dhuine, dol a thoirt maslaidh do dhaoin’ -uaisle ann am thigh-sa le ’leithid so de chluicheachd!”
A.— “Is mise Alasdair Sgiobalta.” &c .
FEAR-AN-TIGHE (ri aon d’ a sheirbheisich). — “Ruith air son a mhnatha, oir cha n urrainn domh cur suas le so. A chairdean, tha e soilleir gu bheil an duine air dearg lasair a’ chuthaich; agus tha dochas aaam nach tig dìmeas air mo thigh an lorg a’ ghnothaich so.”
A.— “Is mise Alasdair Sgiobalta,” &c .
BEAN ALASDAIR.— (a’ ruith a stigh). — “O! Alasdair, Alasdair, ciod a thainig ort? Nach aithne dhuit mise—do bhean fein?”
A. —Is mise Alasdair Sgiobalta,” &c .
B. A. (a’ caoineadh). — “Mur ’eil umhail agad domhsa, cuimhnich air do leanaban aig an tigh, agus thig dachaidh leam.”
A.— “Is mise Alas—”
Cha b’ urrainn d’a a mhnaoi an gnothach a sheasamh na b’ fhaide; leum i ’s thilg i a lamhan m’ a mhuineal, ’s chroch i ris air a leithid de dhoigh ’s nach robh comas aige air leum tuille a thoirt. Is ann an sin a bha a’ ghleachd—esan an geall air a’ ghini, ’s a’ feuchainn ri ise ’thilgeil dheth; ach chunnaic e nach gabhadh so deanamh, ’s gheill e dhi.
“Droch bhàs ort! òinseach gun tùr,” thuirt esan gu muladach; “cha do bhuidhinn mi riabh gini cho furasda na ’n leigeadh tusa leam.”
Feumar ’innseadh gu’n robh an t-òsdair moran na bu toilichte leis a’ mhineachadh a chaidh a thoirt air a’ chùis na bha bean an tailleir. A chur saod air Alasdair bochd thug an duin-uasal dha gu saor an gini a bu ghle mhath a choisinn e.
MAC-MHARCUIS.
Bha iasgar bochd ann an Eilean a’ cheò roimhe so, agus nuair bha an t-iasg gle ghann, b’abhuist da beagan airgid fhaighinn o Sgiobairean aig an robh feum air fear-iuil luinge, ged bha e air aithris le bheag no mhòr de’n fhirinn nach bu mhòr a b’fhiach e aig a’ ghnothuch. Bha e aon uair air bord luinge mòire Sasunnaich ’ga treòrachadh gu Steòrnabhaigh, agus mar a bha beagan ceò ann, bha an Sgiobair mi-shocrach ’na inntinn, agus dh’ fhoighnich e ris an iasgar, an dara uair, an robh e gu math eòlach air an oirthir. Fheagair an t-iasgar, “A dhuine! tha lan eòlas agam air gach carraig eadar so agus Steòrnabhaigh,” feadh ’s a bha e bruidhinn bhuail an long air sgeir fo shàile agus thuirt e, “agus gu dhearbh is i so aon diubh.”
[Vol . 4. No. 16. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, OCTOBER 26, 1895.
Bha mòd mòr aig luchd-fòghluim Nobha Scotia, ann an Truro air an t-seachdain s’a chaidh; bha maighstirean. sgoile as gach cearna dhe’n dùthaich ann, agus an Dotair Mac Aoidh, á Halifax, air an ceann. Bha iad a cur ann cinn cuideachd mu mhoran nithean a thaobh nan sgoilean. Dh’aontaich iad am measg nithean eile gu’m biodh e iomchuidh a bhi teagasg na Frangais do’n chloinn anns na sgireachdan ’sa bheil a chainnt sin air a labhairt. Bha cuid dhe na bha làthair a’ tagradh gu’n bu chòir a Ghàilig a bhi air a teagasg do’n chloinn anns na sgireachdan ’sa bheil a Ghàilig air a labhairt. Ach cha d’thainig iad gu còrdadh sam bith thaobh sin air an turus so. Cha’n eil teagamh sam bith nach eil e mòran na’s usadh do chloinn sgoil a thoirt a mach ma tha an cainnt féin, co-dhiu a’s Gàilig no Frangais i, air a teagasg dhaibh an toiseach! cha téid duine glic sam bith as àicheadh; ach a dh’aindeoin sin, agus earann mhor de’n dùthaich so anns an i ’Ghailig ceud chainnt na cloinne, cha’n fhiosrach sinn gu’n deachaidh a teagasg riamh anns na sgoilean. Cha robh, a reir coltais, fhios aig luchd-riaghlaidh nan sgoilean gu robh a leithid de chainnt us Gàilig ann, agus ’s e sin is coireach moran de’n òigridh a bhi cho gann dhe’n sgoil ’sa tha iad.
Is esan an duine a’s saibhre am measg an t-sluaigh a tha taingeil air son a chrannchuir fein, agus lan thoilichte leis na nithibh a ta e a’ sealbhachadh.
A reir coltais, tha muinntir Armenia a dol a dh’fhaotainn ceartais. Thug an Fhraing, Ruisia, agus Breatunn an aghaidh air an t-Sultan o chionn treis a dh’ùine, ag iarraidh air laghan nan cearta dheanamh a thaobh riaghladh a chuid sin de ’Impireachd. Chuir e seachad iad cho fada ’sa b’urrainn da, ach tha iad a nise ’n deigh adh a roghainn a thoirt da; mur dean e ceartas ann an Armenia, gabhaidh iad a chùis ’nan lamhan fhéin, ’s tha soithichean cogaidh aca ri shròin gus am bagradh sin a chur an gniomh. Cha’n eil teagamh sam bith nach striochd e dhaibh an ùine glé ghoirid, agus an sin bidh ceartas air a thoirt do na Criosduidhean a tha fo ’riaghladh.
Bha Eirinneach bochd ann roimhe so, agus bha e ’dol mu’n cuairt ag iarraidh oibre. Choisich e astar fada aon latha, agus mu bheul na h-oidhche ràinig e taigh osda beag ri taobh an rathaid mhóir. Chaidh e a steach dh’ fhaicinn am faigheadh e biadh feasgar, agus àite-cadail airson na h-oidhche. Thuirt bean an taighe. gu’m faigheadh e sin ach gu’m feumadh e cadal ann an seòmar beag far an robh duine dubh ’na laidhe cheana. Thuirt e gu’n robh e deonach sin a dheanamh, agus an deigh da biadh fhaighinn dh’iarr e air bean an taighe a dhusgadh moch anns a’ mhaduinn agus chaidh e d’a leabaidh. Tamull beag an deigh sin thàinig bannal bhuachaillean a staigh a bha aig a’ mhargadh, ghabh iad mòran deoch laidir agus rinn iad fala-dha feadh antaighe. Dh’amhairc iad anns an t-seomar far an robh an t-Eirinneach agus an duine dubh, thuirt aon diubh gu’n deanadh iad aodann an Eirinneich cho dubh ri aodann an fhir eile. Rinn iad mar sin, agus mar a bha e fàs anmodh dh’fhalbh iad dachaidh. Mu bhriseach na faire, dhùisg bean an taighe an t-Eirinneach agus dh’fhalbh e air a thurus. Chaidh e air aghaidh gus an d’ràinig e lochan, agus chrom e sios gu deoch uisge fionnar fhaighinn ach nuair e chunnaic e a fhaileas fein anns an uisge, leum e suas ag eigheachd “Nach b’i a bhean sin an oinseach! is e an duine dubh a dhuisg i agus cha-n e mise.”
Nuair a bha am baile Frangach ris an abairear Meaus, air a ghlacadh leis am coigeamh Eanruic, Righ Shasuinn, nochd e tròcair do na h-uile Frangach a chuir sios a bhall-airm, ach nuair a chuala e gu’n robh deichnar Albannach air fhichead nam measg, thug e ordugh iadsan a bhi air am mortadh.
A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig.
Tha ’n leabhar ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor , Alto, Soprano,agusBass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair.
SGEUL EACHUINN
Bha, mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e
RHODES & GANNON
a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “ ’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’n uai a bha mi déileadh ris roimhe.
[Vol . 4. No. 16. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Chaidh a mhèinn chopair onn an Coxheath a reic air rup o chionn còrr us seachdain. Chaidh a ceannach le Mr. Craig, fear de ’n chuideachd do’m buineadh i roimhe so.
Tha fear Alasdair Domhnullach, a mhuinntir Eilean a Phrionnsa, a rinn airgead mor anns na Stàitean an deigh fearann a cheannach ann an eilean a dhùthchais, ’s e dol a chur suas cairtealan samhraidh dha fhéin air. Tha iad ag radh gu bheil teachd-a- stigh mhor aige.
Bha Sàcramaid na Suipeir air a frithealadh anns an da eaglais Chléireach ’sa bhaile so, air an t-Sàbaid s’a chaidh. Bhr na seirbheisean àbhaisteach air an cumail ann an eaglais St. Andrew’s air an t-seachdain, ach a mhàin Di-luain. Bha ’n t-Urr. Mr. Forbes air a chuideachadh leis na h-Urr. Mr. Grannd á Port Morien, agus Mr. Calder á Mira.
Tha litir a fhuair sinn á Ceap Nòr, ’sa bha air a sgriobhadh Di-sathairne s’a chaidh, ag innse gu’n do thuit mu dha òirleach de shneachda ann an sin Di-haoine, an latha bha ’n sneachda againn an so fhéin; an latha ’sgriobhadh an litir bha ’n talamh geal, agus gaoth mhor a’ séideadh. Cha robh iasgach de sheòrsa sam bith a’ dol air adhart. Tha ’m buntata anabarrach math anns an sgireachd air an fhoghar so.
Tha fear Iain P. Morse a fuireach ann amMelvern Square, N. S. ,agus thog e ceud buiseal de ghràn, coirce, eòrna, ’s cruinneachd, bhar pios fearainn anns nach eil ach acaire ’s cairteal; bha sin mu cheithir fichead buiseal bhar an acaire. Thog fear eile anns an àite cheudna, ceithir fichead barailte ’sa sia de dh’ùbhlan bhar sia craobhan, còrr us sia barailtean deuga bhar gach craoibhe. Feumaidh gur àite gle thorach anns am bheil iad, agus gur fior dheagh thuathanaich iad.
Chochail fear D. A. MacCuish, a mhuinntir Loch Lomond, ann an Colorado, air an treas latha dhe’n mhios so. Dh’fhag e an tigh o chionn tir miosan, air dha bhi glé thinn, an dòchas gu’m faigheadh e a shlàinte. Bha e dol am feobhas a cheud ghreis an deigh dha dhol a mach dh’an dùthaich sin, ach bha ’n tinneas tuilleadh us fad air adhart. Chaidh a chorp a thoirt dhachaidh le ’bhràthair, an t-Urr I. B. Mac Cuish, agus a thiodhlacadh aig Loch Lomond. Bha e naodh bliadhna fichead a dh’ aois, fo dheagh chliù, agus glè mheasail aig na h-uile bha eòlach air.
Tha iadsan a tha ’gabhail orra fhéin gu’n teid aca air innse gu dé ’n seòrsa side tha tighinn, ag radh gu bheil an geamhradh so tha romhainn gu bhi glé chruaidh, gu’m bi sneachda ann bho fhior thoiseach a gheamhraidh gu meadhon no deireadh an earraich. Tha iad ag radh gu bheil gach comharra as am faodar earbsa chur a’ gealltuinn geamhradh doirbh. Co dhiu tha sin fior no nach eil b’e ’n gliocas do dhaoine bhi ullamh air a shon. Ma thig geamhradh fuar, fiadhaich, ’s math a bhi deiseil air a shon, agus ma’s ann a bhios e briagha, blàth, cha dean a bhi tuilleadh us deiseil cron sam bith.
So an t-àm dhe’n bhliadhna anns am bi moran dhaoine a pàigheadh an cuid fhiachan. So an t-àm anns an còir dhaibhsan a tha gabhail a MHAC-TALLA a phaigheadh, agus dhaibhsan nach eil ’ga ghabhail cur ’ga iarraidh.
Thainig bean I. Rogers, ann amMiscouche , E. P. I.ri ’beatha o chionn ghoirid, le ròp a chengal ri posta na leapa agus i-fhèin a chrochadh a mach air an uinneig. Bha a fear-pòsda air falbh o’n tigh aig an àm. Bha i leth-cheud bliadhna ’sa sia a dh’ aois.
Tha mòran de chaise Chanada ’ga reic ann am Breatunn ’sna bliadhnaichean so, uiread ’s gu bheil tuathanaich na dùthcha sin a’ gabhail an eagal roimhe. Tha uiread càise sa mhargadh ann an Lunnuinn an dràsda ’s nach eil air ach pris bheag an taca ris a phris a bh’ air roimhe so.
Chaidh ceithir fichead us deich mile dolair ( $90 ,000) a roinn air tuathanaich Eilean a Phrionnsa ann an ceithir miosan air an t-samhradh so, leis na factoridhean càise air son bainne. Tha còig mile deug de thuathanaich air an eilean, ’s cha’n eil ach tri mile, no fear as a chòignear c creic an cuid bainne ris na factoridhean.
Tha Eilean Phòil an dràsda fo chùram Iain ’Ic Leòid as an Eilean Mhòr. Tha e faotainn còig ceud dolair ’sa bhliadhna, agus tha còignear de luchd-cuideachaidh aige ri ’m fastadh air tri cheud dolair am fear. Tha aige ri frithealadh do dha thigh-sholuis, agus a bharrachd air sin ri gach cuideachadh a’s urrainn da a dheanamh le soithichean a bhios air an long-bhristeadh air an eilean.
Chaidh iadsan a bha thairis air ceud bliadhna dh’aois anns an Fhraing àireamh o chionn ghoirid, agus fhuaireadh gu robh da cheud ’sa tri deug dhiubh anns an dùthaich. Bu bhoirionnaich seachd fichead ’sa seachd dhiubh, agus b’fhirionnaich tri fichead ’sa sia. Chaochail an urra bu shine o chionn ghoirid, bean a bha ceud gu leth bliadhna dh’ aois. Cha mhor nach bu dhaoine bochda iad uile.
Tha earann mhòr de Ruisia aig an àm so a’ fulang le plàigh luchainn. Tha na nid aca cho tiugh anns na machraichean, ’s nach gabh treobhadh deanamh; feumaidh na treobhaichean tionndadh air falbh le sgreatachd. Tha phlàigh an deigh a leithid a dh’ uamhas a chur air an t-sluagh, ’s gu bheil iad a fàgail an taighean, ’sa’ siubhal fiach am faigh iad àite anns nach eil na beothaichean grànda gu dragh a chur orra.
Tha duine mhuinntir Bhridgeport ag innse ann am fear de phaipearan a bhaile so, gu’n deach e le ’each ’s le ’charbad guLow Pointastar aona mile deug, a phàigheadh na cise, agus ’nuair a ràinig e, gu robh tigh fir togail na cise còrr us mile bhar an rathaid, agus an geat’ air a ghlasadh. Bha ’n t-each aigesan sgianach ’s cha b’ urrainn dha fhàgail aig an rathad, oir bha ’n carbad iaruinn air ais ’s air adhart gle fhaisg air an aite. B’ fheudar dha mar sin tilleadh dhachaidh, ’s tha a chis gun phàigheadh fhathast!
Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
[Vol . 4. No. 16. p. 6]
AM FEAR A RUG AN FHENNAG.
LE I. B. O. ANNS AN “ARD ALBANNACH.”
Chuala mi ann ag ràdh ri balachan beag a bha ag innseadh rud air nach bu choir dha tighinn thairis,— “Is math nach robh thu leam an latha a rug mi an fheannag.” Cha robh an sean-fhacal idir ùr dhomh, agus tha mi cinnteach nach mo a tha e ùr do luchd-leughaidh a phaipeir so, ach theagamh gu bheil cuid cho aineolach ’sa bha mi fhéin, an uair a chuala mi an toiseach e, mu’n dòigh anns an do sgaoil an t-iomradh mu’n fhear a rug an fheannag. Ma’s math mo chuimhne, is ann rud-eiginn mar a leanas a thachair a’ chuis. Bha da dhuine an Lathurna-iochdrach ag obair comhla air latha àraidh, agus thòisich iad air bruidhinn mu’n mnaithean-pòsda—an dàrna fear a’ seasamh nam ban, agus gu sonraichte na mna aige fhéin, an aghaidh an fhir eile, a bha ag ràdh gu’n robh iad uile tuilleadh ’s fada ’s an teangaidh, agus nach fhac’ e riamh té d’am b’ urrainn rud a chumail uaigneach. Thuirt am fear eile ris a dhol dachaigh agus Màiri a chur gu deuchainn, agus ciod sam bith a dh’earbadh e rithe, chuir e geall gu’n innseadh i do na coimhearsnaich e. Air an rathad dhachaigh dh’amais Donnachadh socharach, bochd air feannaig mharbh, agus chuir e fo a sgiobail i, a’ cur roimhe cleas a thoirt á Màiri, agus e làn chinnteach, leis cho earbsach ’s a bha e as a fìreantachd, gu’m buidhneadh e an geall air Calum. An àm dol a laidhe an oidhche sin, fhuair e an fheannag a thoirt do’n leabaidh leis gun fhios do Mhàiri. Anns a’ mhaduinn ghabh e air a bhi ro-thinn agus gun chomas cas a chur fodha. Cha robh fhios ciod a’ bha céarr, agus bha Donnachadh ann an cor truagh, agus ma bhà, bha Màiri freasdalach, caoimhneil m’a thimchioll, agus fo iomaguin chruaidh. Fad an latha bha Donnachadh eadar tinneas a’s fiabhrus; ach ma chlaonadh an fheasgair, rinn e smèideadh air Màiri gu taobh a leapaich, agus ars’ esan rithe ann an cagar— “O nach ann ormsa thainig! ciod a ni mi; ciamar a bheir mi m’ aghaidh a mach air dorus; Mo nàire ’s mo losgadh!” “Ciod air thalamh a thachair dhuit;” dh’fheoraich Màiri. “Nach mise a bhios na’m chulaidh-fhochaid ma chluinneas duine beò ciod a thàinig orm,” thuirt esan gu buaireasach. “Ciod a’ tha thu ciallachadh, a Dhonnachaidh mo ghaoil;” arsa Màiri; “ciod sam bith a th’ann cha ruig na coimhearsnaich leas fios fhaighinn air. Leig a chluinntinn ciod a rinn thu.”
Tha nàire orm,” ars, esan; “an geall thu nach cluinn duine beò gu brath e na dh’innseas mi dhuit e?” “Cha chluinn gu dearbh,” arsa Màiri; “b’olc an airidh gu’n sgaoilinnse tuaileas no droch iomrndh air mo Dhonnachadh bochd—ciod a th’ann?” “Rug mi feannag,” arsa Donnachadh, agus e ga tarruing a mach bho’n aòdach; “Ciod a ni mi?” “O, mise! mise!” ghlaodh Màiri, “cuiridh sinn am falach i, agus cha’n abair sinn facal ri duine gu bràch mu’n ghnothuch, air neo faodaidh sinn an duthaich ’fhagail.” A’ chiad latha a chaidh Donnachadh a mach a dh’ obair, thuirt Callum ris, “Seadh ma ta, nach d’thuirt mi riut! Ciamar tha an fheannag? A bheil fhios agad gu’n d’innis Màiri an gnothuch do’n mhnàoi agamsa an oidhche sin fhéln m’an deachaidh i a laidhe; agus faodaidh tusa bhi toilichte mur lean an t-ainm riut cho fad ’s is beo thu— ‘Am fear a rug an fheannag’ .” Chaill Donnachadh còir an geall, agus dh’fheum e aideachadh nach robh Màiri aige san, math agus mar a bhà i, comasach air rud a chumail uaigneach. Sin mar thoisich an seann ràdh— “Is math nach robh thu leam an latha a rug mi an fheannag.”
Slochd a Mhathain.
Tha moran de dhaoine ’n latha ’n diugh dhe’n bheachd gum bu daoine borb agus claon a bh’ann am moran de na daoine a thainig do dh’ America as an t-seann dùthaich. Ach thugadh iadsan a tha mar sin a sealltuinn sios air an aithrichean fa-near nach eil an sin ach mearachd mhor, agus gur h-ann a bha na daoine còire sin treun, foghainteach, agus glé sheòlta gu faighinn troimh na cruadalan a bha riamh ri’n coinneachadh ann an dùthaich ùir. Na’m biodh aig moran dhe’n sliochd ri dhol troimh na cruadalan ceudna cha rachainn an urras gu’n deanadh iad an gnothuch a faisg cho math ’sa rinn iadsan ’nan latha ’s nan linn fhéin.
Mar shoilleireachadh air a so ceadaichibh dhomh iomradh gearr a thoirt do luchd-leubhaidh a MHAC-TALLA air duine do’m b’ainm. Uilleam Grannd, a thog moran fearainn aig Loch na h-Aimhne Deas. Bha an duine còir so glé theòma, agus ro sheòlta ann a bhi ’glacadh shionnach us bhiasdan-dubha, us mhathan. An deigh dha a bhi gràinne bhliadhnaichean a’ réiteach an fhearainn, agus seilbh fhaotainn air roinn mhath de spréidh, thoisich am mathan air marbhadh nan caorach air. Bha e ’cur bochduinn mhor air Uilleam a bhi ’call a chodach mar so, agus chuir e roimhe gu’n glacadh e ’m fear a bha ris a’ chron. Rinn e crò mor do na caorach aig beul na coille. Aig dorus a chrò so, rinn e fhéin ’sa mhic, le moran saothair, slochd mor a chladhach anns an talamh còig troidhean-deuga a dhoimhnead. Chòmhdaich e beul an t-sluichd le ’fiodh, agus toll na mheadhon sin, anns ’n do chroch e còmhla air déile(axle)a chuireadh car dheth na’n rachadh beanalt dha. Chuir e na caoraich anns a’ chrò, agus dùnadh math air a chum ’s nach faigheadh iad a mach. Thug e ’n sin fa-near fiodh a chàradh aig taobh a mach an tuill, air am feumadh am mathan leum thairis; agus ’nuair a dheanadh e sin thigeadh e le ’uile chudthrom air a chòmhlaidh a bh’air beul an t-sluichd. Bha nis gach ullachadh deas, agus chaidh Uilleam ’s na gillean dhachaidh, agus ghabh iad mu thàmh ann an làn dhòchas gu’n tigeach mo laochan a shireadh a shuipearach. ’Sann mar sin a bha. Gu math tràth ’sa mhaduinn bha Uilleam air a chois, agus ghreas e mach gun ad gun bhoineid a shealltuinn an t-sluichd. Cha b’fhada gu’n do phill e thun an taighe, agus an naigheachd thaitneach aige gu robh fear-sgrios nan caorach anns an t-slochd. Chuir e na gillean air falbh a thoirt fios do na coimhearsnaich mu’n phriosanach a bha aige, agus chruinnich daoine as gach cearna g’a fhaicinn. Bha ’m beothach uamhasach sin anns an t-slochd, a shùilean na’n teine, agus an caothach air gu faighinn a mach. B’e mo thruaighe an duine no ’m beothach a gheobhadh e ’na inean. Tha e air innseadh gu robh ’a bhéist a’ leum cho àrd ’s gu robh e faighinn a spògan ’sna maidean a bh’air beul an t-sluichd. An deigh dha greis a thoirt ’ga pheanasachadh fhein mar sin, rinn am beothàch truagh crùban ann an grunnd an tuill, agus cha ghluaiseadh e á sin a dh’aindeoin dé dheanadh iad ris. Mu dheaadh chuir iad as dha le urchair a chur ’na cheann, agus shlaod iad a mach e le cromagan ’s le ròpan. Thugadh am bian dheth, ’s rinneadh ùilleadh dhe’n t-saill. Fhuair caoraich a Ghranndaich agus caoraich dhaoin’ eile cead an coise an deigh sin, agus ’s minig a chualas Uilleam fhéin ag innse na sgeul so do’n òigridh, ’s e ’call a lùis a gàireachdainn. Is mise do charaide dileas.
AN TUATHANACH RUADH.
Loch na h-Aimhne Deas, N.S.
[Vol . 4. No. 16. p. 7]
Anns an t-Suain, tha dotair no lighiche anns gach sgireachd dhe’n dùthaich, ach cha’n eil iad a faotainn tuarasdail iair. Cha mho a dh’iarras iad duais air duine air am bi iad a frithealadh, biodh an duine bochd no beeairteach. An aite sin, tha gach duine ’san sgireachd, air an latha mu dheireadh dhe’n bhliadhna, a cur na’s urrainn dha sheachnadh ann an litir ’s ’ainm fhéin ’na broinn, agus ga cur dh’ionnsuidh an dotair le sgalaig. Thig an sgalag dhachaidh le litir dh’ionnsuidh an duine, agus ainm an dotair ’na broinn; tha sin ag innseadh gu’n d’fhuair an dotair an t-airgead, ’s cha bhi ’n corr mu dheobhain. Ged nach cuireadh duine sgilinn idir da ionnsuidh, ma thig tinneas ’na rathad air an ath bhliadhna, ni an dotair cho math ris ’s ged a b’e bhiodh ’ga chumail suas. Cha’n eil e dad na’s fritheiltiche air an duine bheairteach na tha e air an duine bhochd.
Tha àireamh mhòr de chòtaichean uachdair aig D. J. Domhnullach air fhaighinn a stigh. Tha iad na’s saoire ’s na’s fhearr na gin a bha aige riamh roimhe.
Gu muinntir na h-Aimhne Tuath.
A CHAIRDEAN: —Air iarrtus moran de’n luchd-taghaidh, tha mi ’cur romham feuchainn ri bhi air mo thaghadh mar fhear-comhairle do ur sgireachd. Rugadh agus thogadh mi air an Amhuinn a Tuath, agus is aithne dhomh gabh cùil us cearna dhith. Ma ’s e ur toil mo thaghadh ni mi ni’s urrainn mi air son math na sgireachd agus na siorrachd air fad. Feuchaidh mi ris na ròidean ’s na drochaidean a leasachadh ’sa chumail air dòigh. Tha mi gealltinn cuideachd mo dhichioll a dheanamh air stad a chur air reic na deoch làidir. An dòchas ur fhicinn uìle roimh latha ’n taghaidh, Is mi,
Ur Seirbheiseach Dileas
NIALL DOMHNULLACH.
Baddeck , C, B., Sept. 21, ’95.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite echudna.
DR. T. C. MAC LEOID.
Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheilMoore & Johnstonri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.”
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B
Dr. T. G. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
[Vol . 4. No. 16. p. 8]
REIS NA DUNICH.
LE DOMHNULL DOMHNALLACH AN TIRITHE.
Air do Niall Mac-Gillemhaoil a bhi tighinn dachaidh as a mhuileann, agus e ’na sheasamh anns sa’ chairt, ghabh an t-each sgaoim, agus thuit e-fhein agus gille de chlann Mhic-Faidein a bha comhla ris a mach aisde. Na’m b’ fhior am bard bha Niall ann an cunnart bais, agus e-fhein fo mhoran trioblaid air a shon.
Tha fleasgach ’sna bailtean s’
’Tha tuilleadh is sgairteil,
Theid ainm air am mach do Dhuneideann;
Bho ’n ghlac thu ’n lair Shas’ nach
’Sa chaidh ’thu g’a marcachd,
Gu’n d’spealg thu a chairt ann sna speuraibh;
Fear Ghrianail tha ’gearan,—
Dh’fhalbh m’ aobharrach gearrain
A dheanadh dhomh ’m fearann a reubadh;
Cha ’n ’e tha mi ’g aireamh
Ach thusa Mhic-Faidein
’Bhi ’n cunnart a bhas le do chreuchdan.
Tha fios aig gach duine
Gu’n robh agam sa curaidh,
Mu ’n deachaidh e ’chumail na reise,
Fear ard ann an urram,
’S gu ’n coisneadh e tuilleadh,
’S a mhisneach gu h-uille d’a reir sin.
Bha thusa gu sgairteil
A’ d’ sheasamh ’sa’ chairt,
Is tu ’glaodhach nach gabh sibh ratreuta,
’N uair ’thog an lair bhras ud
’S na speuraibh a casan,
’Sa thuit thu am mach as a chebhi.
Gur muladach sinne
Ri ionndrainn a ghille,
’S nach robh air a chinneadh cho gleusda,
Bha spionnadh ann ’s cruadal
Gu buillean a bhualadh
Air daoine bhiodh duabhal ’san leig so.
Ged thugadh dhuit masladh,
Bha uaisle ’n ad phearsa,
’S tu ’sheasadh air faiche nan ceudan.
Is bochd dhuinn gu ’n danaig
A bhruid ud do ’n aite
’S gu’n d’ chuir i ’n t-og alainn bho fheum oirnn.
Bha uaislean fo churam,
’Cur litrichean ura,
Dh’fheuch c’ait a bheil cungaidh ni feum dhuit
Chuir uachd ’ran na duthch ’thugad
Pronnasg is fudar
Gu neart ’chur a’ d’ ghluinean ’s ’ad shleisdean;
Fear Sgairinnis tha ’g radh,
Cuiridh mis’ thuige cal, ’s ni
Sin pleistear a thairneas ’sa leigh’seas;
Fear Ghrianail bheir posd’ dhuit,
Ged chaill e gu goirt riut;
Cha leig e air bochdainn na deirc’ thu.
Gu de ni dhuinn tuilleadh
’Bhi leughadh ar cunnairt,
Bho ’n chuala gach duine mar dh’eirich
Do ’noigear cho ullamh
’S tha ’n taobh so ’Chaol Muile;
Co sheasadh ri d’ bhuille ’n am streupa?
Am fear thigeadh dluth dhuit
Gu aimhreit a dhusgadh,
Bu luath bhiodh a shuilean gun leirsinn:
Ged dh’ fhagadh cuid shios thu
Le farmad ’s le miorun
Gu’n dugainn-s’ a nios thu thar cheudan.
An la chaidh thu mach bhuainn
Le d’ charbad ’s le d’ chapull,
’S ann riut nach do thachair an t-eibhneas!
Rinn Longlin dhuit carnan,
Cha sgaoilear gu brath e,
Bu ghoirt mar a bha thu gun leirsinn.
Gur h-iomadh te bhoidheach
’Tha muladach bronach
Bho ’n fhuair thu na leoin ’chur bho fheum thu;
’S tha ’n righ ann an Lunnainn,
Gach latha fo mhulad
Bho ’n chual’ e mu d’ chunnart, a threun fhir.
Gur mise bhiodh socrach
Nan doireadh e posd’ dhuit,
A’ d’ cheannan air thoiseach nan ceudan;
Bu leat beannachd gach duine
’N am falbh air do thuras,
Air cheann do laoich ghuineach nach geilleadh.
’Nuair ’thilleadh tu dhachaidh
An deigh ’bhi ’sna baiteil,
Bhiodh or bhroilleach fasant’ mu t’ eideadh.
Bhiodh ol ann san tir so
Air bhotlaicihbh fiona,
’S tu fhein nach biodh spiocach mu’n deibhinn
Ach coma leam briagan,
Cha bhi mi ’g an dianamh,
’S e so an ceann tiar a tha deurach;
Bho ’n chaill iad an griasaich’
A thairneadh na h-iallan
’S nach faigh iad an t-iasgach air eigin.
Ged cheannaicheas mi tarruing,
Co shessg ’ga h-aire,
’S nach ’eil ach an anail san treun-fhear;
Cha dean e car cruadail
No piocaich a bhualadh,
Co shadns mu chluasan a cheil’ iad?
Ach ’s coir dhuinn bhi toilicht,
Fhad ’s bhios e mu ’r coinnimh
Thig meas agus onair do’n leig so.
Ma thig maid’ air an traigh so,
Bidh fios aig mo ghradh air,
Fhuair mise blaigh bata le d’ gheire;
Is shlaod sinn e dhachaidh
Le innleachd ’s le tapadh;
Cha mhor ’bh’ann sna bailtean a dh’ eirich;
Am maor thuirt ’sa’ mhadainn
Is leat na bheil agad
Ach fiach nach dig tagar na dheigh ort.
Fo eagal cha bhitheadh
Tu fhein, a mhic cridhe,
Ged thigeadh an tighearna fhein oirnn,
Cill-mo-Lubhaig is Cailean
Is dusan a bharrachd,
Gu’n tilleamaid falamh gu leir iad.
Bhiodh fudar cruaidh ullamh
’Cur luaidhe a gunna,
Is dheanamaid fuil agus reubadh;
Gu ’m faiceadh do shuil iad
A’ teicheadh gu dluth,
Mar ghabh cuideachd a’ Phrionnsa ratreuta.
A reir lagh ùr a tha air a dheanamh ann an Norway cha’n fhaod nighean pòsadh gus teid aice air còcaireachd, sniomh, agus figheadh a dheanamh. Tha cead sgriobhte air a thoirt dhaibhsan a tha math air na tri nithean sin, agus as aonais a chead sin, cha’n fhaod gin dhiubh pòsadh.
Ged is iomadh Diùc a tha ann am Breatunn, cha’n eil gin ’na’m measg aig a bheil iar-ogha ach Diùc Richmond leis fhéin.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
title | Issue 16 |
internal date | 1895.0 |
display date | 1895 |
publication date | 1895 |
level | |
reference template | Mac-Talla IV No. 16. %p |
parent text | Volume 4 |