[Vol . 4. No. 17. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 2, 1895. No. 17.
Turas do Eilean Prionnsa-Eideart.
LEIS URR. CALUM MAC LEOID.
Chionn ’s gu’n robhexhibitionanns a bhaile air na làithean ud, bha na taighean òsda làn sluaigh, ach bha sinne cho sealbhach s gun d’fhuair sinn leaba shuas ann am mullach aon dhiubh. Air an ath mhaduinn ghabh sinn an carbad smùide gu stannadh Braidalbainn, naoidh mile fichead mach a Charlottetown air an rathad iaruinn. Bha mòran charbadan ann an deigh a chéile agus iad lum lan sluaigh; agus bha da each-iaruinn ga’n taruinn. ’Nuair a ràinig sinn Braidalbainn bha Mr. Mac Neacail, agus Mr. MacLeòid a feitheamh ruinn le da each agus da bhuagan. Thug iad sinn dh’ionnsaidh an taighean féin agus ghabh sinn ùrachadh ann sin mas deacha sinn do’n eaglais. B’e so Di-haoine na “ceisd” agus mar sin cha robh mòran again ri dheanamh ach bhi ’g eisdeachd. Thug aon do na “bràlthrean” seachad mar bhonn ceisd, Eoin, 1:47, “Feuch Isreileach da rireadh anns nach eil cealg.” Labhair na “seanairean” gu h-òrdail, tuigseach, mu thimchioll suidhichean agus faireichean na muinntir a rinn gràs nan Israileich da rireadh agus anns nach eil cealg. Bha seirbheis Bheurla ’san eaglais feasgar; agus air Di-sathuirne bha Bheurla agus a Ghàidhlig’ sa mhaduinn agus feasgar ’san eaglais, ach air an t-Sàbaid bha Ghàidhlig ’san eaglais agus a Bheurla ann an talla mor a bha ri ’taobh, a ghabhadh mu thri chiad duine. Bha an da thaigh làn, araon anns an mhaduinn agus anns an fheasgar. Shuidh moran sios aig Bòrd an Tighearna, agus bha stòldachd iongantach air an t-sluagh fad nan seirbheisean uile. Tha aobhar a bhi creidsinn gu’n robh an Tighearna a beannachadh ’Fhirinn agus òrdughain féin do mhoran nach d’fhuair misneachd gu suidhe sios aig a bhòrd cho cinnteach agus a bha E do’n mhuinntir a bha nan suidh an sud. Bha seirbheis ghoirid, ’san dà chainnt anns an eaglais air Di-luain, agus mar sin chriochnaich an t-seirbhis agus sgap an sluagh gu cruinneachadh uile rìs air latha mòr a mhòid.
Tha cothional Strathalba na chothional mor, agus tha roinn mhor dhe’n t-sluagh gu math air an dòigh. Tha aon duine ann a thug mile dollar air an t-samhradh sa chaidh air son craobh-sgaoileadh an t-soisgeul. Tha Mr. Caimbeul a deanamh saothair mhor nam measg agus tha an Tighearna a beannachadh a shaothair. Tha an sluagh glé mhiosal air, agus is còir dhaibh sin. Tha e na dhuine glic, foighidneach, gu riaghladh cùisean a cho-thionail. Tha e ann an suidheachadh crannchur a tha glé thaitneach. Thamansecomhfhurtail agus teaghlach eireachdail aige. Tha triùir nighean agus aon mhac aige chuireadh tlachd air àite sam bith anns am biodh iad. Bha sinn duilich ’n àm bhi ga’m fàgail nach b’urrainn sinn an taghal ni bu trice.
Tha cothrom mor aig tuathanaich an Eilean so nach eil aig tuathanaich Cheap Breatuinn. Tha fearainn mhatha, saor bho chloich, agus furasta an oibreachadh aca. Agus bho chionn ùine fhada gus an nis cha rodh cìs-fhearainn aca ri phàidheadh, agus a nis féin cha ’n fhiach na tha aca ri phàidheadh a bhi bruidheann air. Tuathanaich chothromach a pàidheadh a dha no tri dhollair, ’n uair dh’fheumas an seòrsa ceudna ann an Ceap Breatuinn pàidheadh o choig-deug gu fichead dollar sa bhliadhna. Tha rìs na ròidean mor aca cho math, agus cho saor bho chlochan ’s gu’n seas innealan ròidean agus cruidhean each a thri fhad ’sa sheasas iad an Ceap Breatuinn. Na’m biodh margaidh math aca air son a bharra dh’ fhaodadh iad bhi na’n daoine beairteach, ach cha’n eil sin aca.
Ach air eagal gu sgithich mi luchd-leubhaidh a’ MHAC-TALLA feumaidh mi greasad dhachaidh. Thainig sinn air ais gu Charlottetown feasgar Di-màirt agus bha sinn aig ceud shuidh an t-Seannadh. Dh’fhosgail an t-seirbhis le searmoin soisgeulach leis an Olla P. W. Moireastan, ceann-suidhe ’n t-Seanadh air a bhliadhna chaidh seachad, o’n earrann, “Tha gradh Chriosd gar co-eigneachadh” (2 Cor. 5:14) Agus an deigh gairm an Rola, agus ainmeachadh na’n atharraichean a ghabh deanamh ann an co-cheangal ris re na bliadhna an taobh stigh do chriochan an t-Seanadh, chaidh an t-Urr. Seumas Mac Griogair Mac Aoidh a thaghadh mar cheann-suidhe do’n t-Seanadh air son na bliadhna so, agus cha b’urrainn iad neach a thaghadh bu fhreagarraiche air son na dreuchd.
Cha cheadaich ùine dhomh ni sam bith a radh mu na bha air a dheanamh leis an t-Seanadh ach a mhàin so; Gu’n robh na h-uile ni air a dheanamh “gu deagh mhasseach agus a reir orduigh.” Dh’fhag sinn Charlottetown air maduinn Diar-daoin agus bha sinn air an ath mhaduinn ann am Baddeck, agus mu mheadhon na h-ath sheachduinn rainig mi dhachaidh slàn fallain.
C. M. L.
Tha’n Fhraing an deigh greim a dheanamh air Madagasgar, ’s a réir coltais ’s leatha ’n t-eilean sin o’n àm so mach. Rainig a h-armailtean an ceanna-bhaile o chionn còrr us mios, agus thug iad fo chis e an ùine glé ghoirid. Rinn fiabhrus a tha gle buailteach do dhaoine geala anns an dùthaich sin, sgrios mor ’nam measg, cho mor ’s gu robh cuid a cur air mhana dhaibh nach toireadh iad a mach an t-eilean idir; ach cha robh sluagh na duthcha a’ deanamh dichioll mor sam bith air grabadh a chur orra, agus mar sin fhuair iad air adhart, uidh air ’n uidh, gus a nis am beil an t-eilean gu h-iomlan aca fòpa.
Tha àireamh mhòr de chòtaichean uachdair aig D. J. Domhnullach air fhaighinn a stigh. Tha iad na’s saoire ’s na’s fhearr na gin a bha aige riamh roimhe.
[Vol . 4. No. 17. p. 2]
CLANN ’IC-CRUIMEIN,
PIOBAIREAN DHUN-BHEAGAIN.
Cha robh Pìobairean ann an Albainn cho ainmeil ri Cloinn ’ic Cruimein an Dùin. Fad iomadh linn bha iad ’n am pìobairean aig cinn-fheadhna nan Leòdach. Tha iad ag ràdh gu ’n d’ thàinig a’ cheud fhear de ’n ainm so maille ri Mac Leòid o bhaile anns an Eadailt d’ am b’ ainm Cremona. Bu chruitear a bha ’s an duine so. Bha e ’n a fhear-ciùil ainmeil ’n a latha ’us ’n a linn féin. Ghabh e ainm an àit’ anns an d’ rugadh e; agus na thainig uaithe, dh’ ainmicheadh iad, Clann ’ic-Cruimein.
Bha Clann- ’ic-Cruimein ’n am pìobairean cho ainmeil ’s gu-n robh oil-thigh air a thogail leo, do’n robh uaislean agus cinn-fheadhna na Gàidhealtachd a’ cur an luchd-ciùil a chum am fòghlum. Bha baile ris an canar Boraraig, a tha dlùth do Dhun-bheagain, aca gun mhàl, a tha ’nis a’ pàigheadh ceud punnd Sasunnach, a bharrachd air iomadh sochair eile. Chithear fhathast làrach an tighe anns an robh Clann ’ic-Cruimein a chòmhnuidh, an lagan réidh ’s am b’ àbhaist do na pìobairean òga ’bhi ’cluich; agus am b’ àbhaist doibh, ri droch latha, fasgadh ’iarraidh.
’S e b’ ainm do ’n cheud Phìobaire dhiubh so, Iain Odhar. Bha mac an duine so, Dòmhnull Mòr Mac-Cruimein, ’n a fhear-ciùil cho ainmeil ’s a bha ’s an rìoghachd, agus chluich e ann an Sasunn ’s ann an Eirinn, ’an làthair mhaithean agus uaislean na rìoghachd le mòr urram. Bha mac an duine so, Pàra Mòr, cho ainmeil r’a athair. Chuir e r’a chéile barrachd de phuirt phìobaireachd na aon duin’ eile air am bheil cunntas againn. Chaidh e latha àraidh do ’n eaglais le ’ochdnar mhac r’a ghualainn, òganaich cho eireachdail ’s a sheas riamh air bonn bròige; ach mu-n d’ thàinig deireadh na bliadhna, chàirich e seachd dhiubh fo ’n fhòid ann an clachan Chille-Mhoire. ’S ann air an àm sin a chuir e r’a chéile ’m port tiamhaidh muladach, ris an canar “Cumha na Cloinne.” A mhac nach do chaochail, Pàraig òg, cha robh e mar phìobaire air deireadh air càch. Chuir esan, mar an ceudna, r’a chéile iomadh port binn. Bha e dà uair pòsda, agus rugadh fichead duinne cloinne dha. Bha a chuid mac ’n am pìobairean ainmeil, ’s ’n an daoine treuna foghainteach. Dh’ fhàg e dithis mhac, Calum agus Dòmhnull. Cha do chaochail Calum gus o chionn ghoirid. Chaochail am fear mu dheireadh de na pìobairean ainmeil so anns a’ bhliadhna 1822, ’n uair a bha e a h-aon-deug agus ceithir fichead bliadhn’ a dh’ aois. ’N uair nach b’ urrainn da le laigsinn na h-aoise, a’ phìob-mhòr a chluich shuidheadh e ann an lagan fasgach ri cùl gaoithe ’s ri aodann gréine, le bata ’n a làimh, agus e ’ruith thairis air le ’mheuraibh, agus le crònan muladach, chluich e mar so na puirt a b’ àbhaist da ’chluich ’n a òige. Chuireadh fo ’n fhòid e maille r’a shinnsiribh ann an cladh Chille Mhoire. Mur ’eil leac-lighe air a càradh thairis air na daoine ainmeil so, a bha cho cliùiteach air son an treuntais, am fearalachd agus an deadh ghiùlain ’s a bha iad air son an cùil, cha-n ’eil e ’n a ghnothuch cliùiteach do na Sgiathanaich, no idir do na Leòdaich.
Ann an linn Rìgh Tèarlach a’ Dhà, bha MacLeòid Dhun-bheagain agus Tànaisteir an teaghlaich, fear Thalasgair, ann an Sasunn far an d’ rinneadh Ridirean dubh leis an Rìgh, (Sìr Tormoid an Dùin agus Sìr Ruairidh,) anns a’ bhliadhna 1651. B’e Pàra Mòr Mac Cruimein a bu phìobaire dhoibh air an àm sin, agus bha e maille riutha. Thugadh ’an làthair an Rìgh e, far an do chluich e cuairt. Bha ’n Rìgh cho toilichte ’s gu-n do cheadaich e do Phàra Mòr a làmh a phògadh—onoir nach do chuireadh roimhe sin no ’n a dhéigh air pìobaire riamh! ’S ann air a’ chòmhdhail so a chuir e r’a chéile ’m port nuallanach, uaibhreach, binn ris an canar. “Thug mi pòg do làimh an Rìgh.” Tha focail air an cur ris a’ phort so ’s a’ Ghàelic:—
“Thug mi pòg, ’us pòg, ’us pòg
Gu-n d’ thug mi pòg do làimh an Rìgh:
’S cha d’ chuir gaoth ’an craicionn caorach,
Fear a fhuair an fhaoilt ach mi.”
’S e Dòmhnull Bàn Mac-Cruimein a chuir r’ a chéile ’m port iomraiteach tiamhaidh sin ris an canar, “Cha till Mac-Cruimein.”
’N uair a chaidh Mac Leòid Dhun-bheagain a mach bliadhna Thèarlaich leis an arm-dhearg, bha a’ chuid a bu lìonmhoire de ’n chinneadh ’n an cridheachan le Tèarlach agus na-m b’ urrainn iad, ’s esan a leanadh iad. B’ ann ’s an rùn so ’bha Mac Cruimein. Mu-n d’ fhag iad an Dùn thubhairt Mac Cruimein gu-n robh fhios aige nach tilleadh e tuilleadh, agus an latha ’thog na Leòdaich orra ’mach o Dhun-bheagain, agus mnathan na tìre ’gul ’s a’ caoidh, ’s ann an sin a chluich e ’m port-tiamhaidh, brònach sin, “Cha till mi tuilleadh,” agus b’ fhior mar thubhairt e; anns a’ cheud bhlàr anns an robh e thuit e, agus cha do mharbhadh duine ach e fhéin. Bha leannan aig Dòmhnull Bàn ’s an Dùn. ’N uair a chual’ i ’m port, chuir i na briathran a leanas r’a chéile: ’s airidh iad air àite ’s a’ Chuairteir,
Dh’ iadh ceò nan stùc mu aodann Chuilinn,
’Us sheinn a’ bhean-shìth a torman mulaid,
Tha sùilean gorm ciùin ’s an Dùn a’ sileadh,
O’n thriall thu bh’ uainn ’s nach till thu tuilleadh.
Cha till, cha till, cha till Mac-Cruimein,
’An cogadh no sìth cha till e tuilleadh;
Le airgiod no ni cha till Mac-Cruimein,
Cha till gu bràth gu là na cruinne,
Tha osag nan gleann gu fann ag imeachd;
Gach sruthan ’s gach allt gu mall le bruthach;
Tha ialt’ nan speur feadh gheugan dubhach,
A’ caoidh gu-n d’ fhalbh ’s nach till thu tuilleadh.
Cha till, cha till, &c .
Tha ’n fhairge fa dheoidh làn bròin ’us mulaid,
Tha ’m bàta fo sheòl, ach dhiùlt i siubhal;
Tha gàir nan tonn le fuaim neo-shubhach,
Ag ràdh gu-n d’ fhalbh ’s nach till thu tuilleadh.
Cha till, cha till, &c .
Cha chluinnear do cheòl ’s an Dùn mu fheasgar,
’S mac talla nam mùr le mùirn ’g a fhreagairt;
Gach fleasgach ’us òigh, gun cheòl, gun bheadradh,
O’n thriall thu bh’ uainn ’s nach till thu tuilleadh.
Cha till, cha till, &c .
Theagamh gur e “Cumha Ruairidh Mhòir,” am port a’s binne agus a’s muladaiche, agus uile gu léir a’s fearr a tha ’leigeil ris tur-bhròn an duine ’chuir r’a chéil’ e, ’tha againn air mhaireann. Rinneadh am port so le Mac-Cruimein. B’e Ruairidh Mòr an ceann-feadhn’ a b’ àirde cliù ann an Gaidhealtachd Alba air son òirdheirceis, eireachdais, agus fialachd a thighe. ’Se thog tùr àrd chaisteil Dhun-bheagain. ’N uair a chaochail e, ghrad thog Mac-Cruimein air—cha b’ urrainn da fantuinn na b’ fhaide ’s a’ chaisteal—dh’ fhalbh e dh’ ionnsuidh a thighe
[Vol . 4. No. 17. p. 3]
féin ann am Boraraig; —agus an uair a dh’ fhàg e’ n Dùn shéid e suas CUMHA RUAIRIDH MHOIR.
Tog arm mo phiob ’us théid mi dhachaidh,
’S duilich leam fhéin, mo léir mar thachair:
Tog orm mo phiob ’us mi air mo chràdh
Mu Ruairidh Mòr—mu Ruairidh Mòr.
Tog orm mo phiob—tha mi sgith
’S mur faigh mi i—théid mi dhachaidh;
Tog orm mo phìob—tha mi sgìth
’S mi air mo chràdh mu Ruairidh Mòr.
Tog orm mo phìob—tha mi sgìth,
’S mu faigh mi i—théid mi dhachaidh
Clàrsach no pìob cha tog mo chrìdh’
Cha bheò fear mo ghràidh, Ruairidh Mòr.
Tha mòran de na Cinn fheadhna Ghàidhealach a nis suarach mu phìobaireachd agus mu chleachdaidhnean nan daoine treun’ o’n d’thàinig iad. ’S mìlse ’n an cluasaibh mèilich chaorach mòr, agus Beurla nam buachaillean Gallda, na ’n ceòl a’s binne ’thogar le pìob clàrsaich; ach tha fhathast feadhainn ann aig am bheil meas orra, ’s cha ’n iongantach leinn.
TORMOID MAC LEOID.
FIOR DHILLSEACHD.
Thachair dhomh a bhi ann am baile Dhuneideann o chionn ghoirid a’ cur seachad feasgar Sathurna le m’ dheagh charaid Domhnull-og Charba—is aithne dhuit e. Ann an nochdadh dhomh iongantasan an aite thug e mi a dh-amharc carragh-cuimhneachain a bha air ’ur thogail ann an teas-meadhon a’ bhaile agus anns an do ghabh mi mor thlachd. Bha an carragh mu sheachd triodhean air airde air a shnaidheadh gu maiseach—an t-iochdar aige air cumadh mèis eireachdail agus i a ghnath lan agus a’ sruthadh thairis le uisge, agus air a ciallachadh mar aite-òil do choin a’ bhaile. Mu thuaiream thri troidhean os a chionn so bha mias eile agus i mar an ceudna a’ cur thairis le uisge fiorghlan. Ag eirigh as a’ mheis so bha carragh caol, agus air a mhullach dealbh abhaig bhig, mholaich, cho riochdail ’s a chunnaic mi riabh. Bheireadh tu do mhionnan gu’n robh i beo—cha mhor nach tugadh tu ort fein a chreisdsinn gu ’n robh thu a’ faicinnn a fionnaid fada a crathadh anns a’ ghaoith. “Co airson idir a tha an carragh so?” arsa mise. Thug Domhnull m’ an cuairt mi thun an taoibh eile; leugh e anns a’ Bheurla agus dh’eadar-theangaich e dhomh mar a leanas an sgriobhadh a bha an sin air a ghearradh gu snasmhor air clar umha:— “Mar chuimhneachan air treibhdhireachd dhileas Ghreyfriars Bobby. Anns n’ bhliadhna 1858 lean an cuilein caomh so corp a mhaighstir do chladh Greyfriars agus dh’ fhuirich e mu ’n uaigh gus an d’ fhuair e bas anns a’ bhliadhna 1872. Air a chur suas leis a’ Bhan-Ridir Burdett Coutts.” Is iomadh uair a chuala mi iomradh air bron airson chairdean, agus air luchd-tuiridh a bhi ’tighinn an drast ’s a rithist a shileadh dheur air uaighean na muinntir a bu toigh leo; ach thug so barr air na chuala mi riamh; agus tha mi ag aideachadh gu ’n do thiomaich mo chridhe an uair a chuimhnich mi air a liughad latha fuar agus oidhche fhliuch a chuir an creutair bochd thairis air an lar lom a’ feitheamh ’s a’ faireadh gun stàth airson ath-thilleadh a mhaighstir. Nach mor am peacadh do dhuine am bith a bhuineadh gu bruideil no gu h-an-iochdmhor ri ’leithid so de chreutair? agus an deigh sin uile, nach minig a tha sinn a’ gnathachadh gu cruaidh ar seirbhisich cheithir-chasach nach urrainn gearan no monmhor a dheanamh, ach, ma dh’ fhaoidte, bhois na ’s duileadh air ar son an uair a dh’ fhalbhas sinn na ar luchd-daimh a’s miodalaiche umainn am feadh a tha sinn beo. Fhuair mi mach gu ’m bu dhuine fior bhochd a bha ann am maighstir a’ chuilean bhig so; cha robh leachd no ainm air ’uaigh; dhi-chuimhnich gach duine a bhuineadh dha c’ aite an robh e air a charamh; ach bha aon charaid aige e bha dileas; a chompairtich d’ a bhochdainn ’n uair bu bheo e; a lean gu tursach e thun na h-uaighe; agus, a chionn gu ’n robh e nis gun dachaidh—gu n do chaill e aon a bha caoimhneil ris, ’s nach robh e coltach gu ’m faigheadh e a leithid de mhaighstir tuille, —a chuir roimhe nach treigeadh e an uaigh, ach gu ’m biodh e dluth, gun fhios nach cuireadh a charaid feum air. Bha na coimhearsnaich math do ’n chuilein, a’ toirt bìdh dha gach latha. Dh’ fheuch cuid diubh ri a thaladh air falbh, agus chaidh iad cho fada aig aon am agus, airson truais, gu ’n d’ thug iad a stigh fo fhasgadh e ri aimsir fhuair, fhliuich, ach cha robh e idir toilichte; cho luath ’s a fhuair e mar sgaoil thug e an cladh air, agus o’n am sin, fad cheithir bliadhna deug, a gheamhradh no ’shamhradh, cha do chuir e seachad oidhche air falbh o uaigh a mhaighstir. Bhagair an luchd-cise o chionn bheagan bhliadhnaichean gu ’n tugadh iad air an fheadhainn a bha a’ beathachadh a’ choin a’ chis a phaigheadh air a shon, ach, do bhrigh nach b’ urrainn doibh a radh gu ’m bu le duine air bith an cuilein, —ged a bha na ficheadan deas gu paigheadh seach gu ’n rachadh beantainn ris—cha do chuireadh cis air duine air a shon, agus fhuair e cead a dhachaidh a dheanamh anns a’ chladh, far an do bhasaich e, mar a thuirt mi, anns a’ bhliadhna 1872.
MAC-MHARCUIS, ’sa Ghaidheal, 1873.
CHA ROBH ’N CORR A DHITH AIR: —Bha tuathanach a còmhnuidh ann an siorramachd Inbhirnis aon uair, a bha ’na dhuine mòr calma, tosdach, agus b’ e an gleachdair a b’ fhearr a bha anns an dùthaich. Bha a chliu air a sgaoileadh feadh uile chearnan na dùthcha agus ràinig e Sasunnach àraidh a bha air turus ann an Albainn. A nis, bha an Sasunnach ’na dhuine mòr agus shaoil leis gu ’n deanadh e an gnothuch air a’ Ghàidheal. Mharcaich e a dh’ ionnsuidh an achaidh far an robh an tuathanach a’ treabhadh, cheangail e ’each ri craoibh agus thuirt e ris a’ Ghàidheal, “A charaid, chuala mi mòran mu do dheibhinn agus thàinig mi dh’ fheuchainn cò am fear a’s treise dhinn.” Cha d’ thuirt an Gaidheal facal, ach ghlac e an Sasunnach mu mheadhon a’ chuirp agus thilg e a mach thariris air a’ ghàradh e, agus chaidh e féin air aghaidh le ’chuid oibreach. Dh’ éirich an Sasunnach an ceann beagan mhionaidean, agus sheall e thairis air a’ ghàradh. Chunnaic an Gaidheal e, agus thuirt e ris “Am beil feum agad air ni sam dith eile?” “Tha,” ars an Sasunnach, “Bithidh mi fada nad chomain ma bhitheas tu cho math ’s gu ’n tilg thu m’ each gam’ ionnsuidh.”
Bha Réiseamaid Albannach anns an fheachd Fhrangach mu ’n bhliadhna 1661 do ’m b’ ainm “na h-Albannich Roighail,” agus bha a’ chiad chuideachd diubh sgeadaichte anns an éideadh Ghaidhealach.
[Vol . 4. No. 17. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, NOBHEMBER 2, 1895.
Ged nach eil cogadh a’s fhiach a’ dol air adhart aig an àm so, tha troimhe-chéile gu leòr aca anns an Roinn-Eòrpa, ma’s fior gach fathunn a tha tigh’n a nall. Tha Breatunn an sàs ann a dha no tri dh’ àiteachan. Tha a cuid fhéin aice dhe’n strith a th’ aig na rioghachdan eile ris an Tuirc; tha tuasaid bheag eadar i-fhéin agus Venezuela, an ceann a deas America; tha tuasaid dhe’n t-seòrsa cheudna eadar i agus righ Ashantee anns an Asia; agus a bharrachd orra so uile, tha Ruisia agus Sina an deigh còrdadh a dheanamh ri chéile a thaobh cùisean anns an àride near, còrdadh, ma sheasas iad ris taobh air thaobh, a chuireas dragh mor air Iompaireachd Bhreatunn anns na criochan sin. Ma thig da rioghachd sam bith gu bhi cho naimhdeil da chéile ’s gu ’m feum iad a dhol a chogadh, ’s cinnteach an ni gu’m bi a chuid mhor de na rioghachdan eile air an tarruinn a stigh mu’n tig crioch air an iomairt; agus ma thig Breatunn us Ruisia gu buillean, bi’dh an cuid fhéin dhe’n obair aig càch ri dheanamh. Ach ’s ioma neul dorcha cogaidh a bha daoine faicinn san adhar chionn deich no dusan bliadhna, ’sa chaidh thairis gun olc sam bith a thigh’n asda, agus tha sinn an dòchas gur ann mar sin a ni am fear so cuideachd. Ni an saoghal an gnothuch gle mhath as aonais cogaidh.
Bha ’n talamh geal le sneachda ann an Alba ’s an ceann a Niar Shasuinn, toiseach na seachdain s’a chaidh. Aig an àm cheudna, bha ’n duilleach air na craobhan a cheart cho gorm ’sa bha iad toiseach an fhoghair.
Clann ’Ic Fhionnlaidh.
Bha cruinneachadh bliadhnail Chlann ’Ic Fhionnlaidh(Clan MacKinlay)air a chumail ann anSt . Louis, Missouriair an t-seachdamh latha deug de mhios meadhonach an fhoghair. Bha ’n Dotair L. D. Mac Fhionnlaidh, a bha air a thaghadh gu bhi ’na cheannfeadhna an uiridh, anns a chathair. Tha Uilleam E. W. Mac Fhionnlaidh, àOttawa , Illinios,air a thaghadh gu bhi na fhear-eachdraidh do’n fhine. Is meur de Chloinn ’Ic Fhearchair fine chloinn Fhionnlaidh. Thainig iad o Fhionnladh Mòr Mac Fhearchair a bha ’n Inbhercauld. Tha mu mhile de’n fhine so air am bheil fhios aig an fhear-eachdraidh, agus ma tha ’n còrr dhiubh ann bu mhath leis cluinntinn uapa, oir tha toil aige eachdraidh na fine a bhi cho iomlam ’sa ghabhas deanamh.
Cha cheadaich Diùc Earra-Ghàidheal do dhuine sam bith tigh ùr a thogail ann an Ionar-Aoraidh, ’s cha mhò na sin a thogas e fhéin gin. Tha chuid a’s mo de na taighean a th’ ann aig an àm so còrr us ceud bliadhna dh’ aois, ’s tha moran diubh nach eil freagarrach do dhaoine bhi còmhnuidh annta. Tha luchd-riaghlaidh a bhaile an dràsda cur rompa gu’n toir iad air na taighean a chàradh, mo gu feum na teaghlaichean a tha furieach annta am fàgail.
OIDHCHE SHAMHNA: —B’e oidhche Dior-daoin oidhche Shamhna. Chaidh i seachad sìtheil gu leòir anns a’ bhaile; cha robh cron sam bith air a dheanamh, ach gu robh na ballaich ri ’n àmhuiltean àbhaisteach, a foirt leotha gheatachan us starsaichean, ’sa am ghnoahuichean air aimhreit cho math ’sa b’urrainn daibh.
An naigheachd mu dheireadh a thainig á Cuba, cha robh na ceannaircich a faotainn air adhart cho math ’sa bha iad roimhe so. Tha’n Spainn a cur roimpe nach leig i an t-eilean uaipe gus an fheudar dhi, agus cha’n eil muinntir chuba cho làidir ’s gu’n téid aca air cumail rithe.
Chaidh Menalek, righ Abyssinia, a mharbhadh leis an dealanach. Tha’n paipeir anns an d’fhuair sinn fios air ag radh nach eil ’na bheachd-san cùnntas air a leithid a thachairt riamh roimhe, righ a bhi air a mharbhadh leis an dealanach.
A’ Choisir Chiuil—Orain Ghailig.
Tha ’n leabhar ciùil Gàilig so air a chur a mach ’na thri pàirtean. Tha 62 de dh’ òrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oran ’sa cheud Phairt, 21 ’san darra Pàirt, agus 20 ’san treas Pàirt. Tha ’n ceòl, (Tenor , Alto, Soprano,agusBass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr do’n MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadh ’ga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnatha ’sa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, de’n Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair.
SGEUL EACHUINN
Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e
RHODES & GANNON
a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “ ’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’nuai a bha mi déileadh ris roimhe.
[Vol . 4. No. 17. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Chaidh soitheach iasgaich Geancach a ghlacadh aig Canso Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh, air son a bhi bristeadh air lagh an iasgaich.
Tha iad ag radh gu’n d’fhuaireadh còig air fhichead de mhèinnean ùr airgeid ann an Columbia Bhreatunnach o chionn ghoirid, agus gu bheil iad air am meas glé luachmhor.
Bhuail da charbad-smùide ’na cheile ann a’ Hyde Park, Mass., air an t-seachdain s’a chaidh, agus chaidh còrr us fichead de na bha air bòrd a leònadh, triùir no cheathrar dhiubh cho dona ’s nach téid iad am feobhas.
Chaidh càin cheud dolair a chur air fear Henry Day, ann an siorrachd Halifax, an la riomhe air sonmoosea mharbhadh. Aig a cheart chùirt bha duin’ eile air fheuchainn air son each a mharbhadh le gabhail air, agus cha do chuireadh de chain airsan ach còig dolair.
Cha deach uiread guail a chur a mach á mèinnean Cheap Breatunn air a bhliadhna so ’sa chaidh an uiridh. Gu ruige so tha na chuireadh a mach sia fichead us còig mile deug tunna goirid air na chuireadh a mach an uiridh. Tha mèinnean Nova Scotia pailt na’s fhaide na sin air deireadh.
Chaidh fear Domhnull Mac Aonghais, a mhuinntir a’ Ghlinn Mhòir, faisg air Baddeck, a leònadh gu dona oidhche Shathurna s’a chaidh le tuiteam as a charbad. Bha e fhéin us dithis chàirdean da a dol mu’n cuairt ceann Baighe Bhaddeck, ’nuair a chaidh a thilgeadh a mach. Chaidh té dhe na cuidhlichean thairis air a chom, ’ga ghoirteachadh cho dona ’s nach eil dùil ri e dh’fhaotainn thairis air.
Chaidh dithis dhaoin’ òga a mharbhadh ann am mèinn a’ Reserveo chionn seachdain. Di-sathairne s’a chaidh, thuit tòrr guail air fear Eachunn Mac Gilleain, agus thug an leònadh a fhuair e a bhás an la- ’r-na-mhàireach. Oidhche Di-luain chaidh fear Dòmhnull R. Dòmhnullach a ghlacdh eadar da charbad agus cha robh e beò ach beagan uairean an deigh sin. Bhuin e do St. Ann’s, agus cha robh e ach tri bliadhna fichead a dh’ aois. Thainig Mac Gilleain á Springhill toiseach an t-samhraidh. Bha e air pòsadh beagan ùine mu’n do thachair an sgiorradh a thug a bhàs.
Tha na meairlich ag obair ann an Nova Scotia. Bhrist iad stòraichean ann an caochladh àiteachan air a che’ir-la-deug a chaidh seachad, agus tha iad a reir coltais ag oibreachadh an taobh so. Tha sinn an dòchas nach leigear iad thairis air Caolas Chanso gun a bhi air an glacadh. Chaidh dithis a ghlacadh ann an Antigonish Di-màirt s’a chaidh an deigh dhaibh stor a bhristeadh, agus fhuaras moran de na chaidh a ghoid as an stòr air an siubhal. Cha b’iongatach leinn ged a b’ iad sin a bha ris an droch obair anns na bailtean eile. Chaidh an toirt gu cùirt Di-ciaduin; dh’ aidich iad an cionta, agus thug am breitheamh Mac Isaic dhaibh deich bliadhna ’n urra dhe ’n tigh-oibreach.
Bha ùpraid mhor aca anns a Halifax air an t-seachdain s’a chaidh, mu Iudhach a bha ri ceannachd anns a bhaile agus a bhrist. Tha ceannaichean Mhontreal air a mhuin, ’s iad a’ deanamh a mach gu robh e ri saoightireachd a thaobh a ghnothuich. Ghoid iad air falbh á Halifax e, agus tha aige ri cùirt a sheasamh ann am Montreal.
Chaidh Ard-sgoil Phictou a losgadh gu làr oidhche Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Tha iad a’ deanamh mach gu’m b’e ’n dealanach a bhuail an tigh ’sa chuir ’na theine e. Chosg an tigh còig mile fichead dolair a chur suas, agus cha robh ach da mhile dheug dolair de dh’ airgead urrais air. Tha e ’na chall mor do bhaile Phictou.
Bha soitheach seòlaidh a stigh ann an Sidni a tuath air an t-seachdain so, agus am feadh ’sa bha ’n sgiobair air tir, chaidh fear de na seòladairean, Frangach, a stigh dh’ an chèbin, agus thug e leis am bocsa anns an robh ’n sgiobair a’ cumail a chuid airgid, ’s thug e chasan leis. Cha d’fhuaireadh sgeul air fhathast, ged tha amhrus aca gu bheil e ’n àit-eigin timchioll a bhaile, agus tha ’n sgiobair bochd as aonais a chuid.
Bha pòsadh air a dheanamh anns a bhaile so Di-sathairne s’a chaidh, nach eil a leithid ach glé ainneamh a tachairt. Bha Iain Oliver agus Emma Mhoireastan air am pòsadh, agus esan air leaba ’bhàis. Bha rompa pòsadh air an ath mhios, ach air an t-seachdain s’a chaidh dh’fhàs esan gu tinn, agus ’nuair a thug na lighichean dùil dheth, chuir e roimhe gu’m biodh iad air am pòsadh, agus chaidh sin a dheanamh leis an Urr. Dr. Smith, ministear na h-Eaglais Shasunnaich. Mu aon uair air feasgnr an ath latha chaochail e, an deigh dha a chuid an t-saoghal a thiomnadh d’a mhnaoi òig, a bha cho goirid an deigh a pòsaidh air a fàgail ’na bantraich. Bha Mr. Oliver ’na fhear-inneil air an t-soitheach smùide, Cape Breton,agus bha e na dhuine air an robh deagh chliù, agus meas aig na bha eòlach air. Bha àireamh mhiltean dolair de dh’ airgead-urrais air a bheatha.
Bha Corbett agus Fitzsimmons, an da shabaidiche, gu bhi gabhail tomhas a chéile air an t-seachdain so, ach chaidh an gnothuch car ’nan aghaidh. Bha iad an dùil gu’m faigheadh iad sabaid an làthair moran sluaigh, agus mar sin gu’n rachadh ac’ air an ainm a sgaoileadh fad us farsuinn, agus aig an àm cheudna, pocan math airgid a chruinneachadh. Ach chuir luchd-riaghlaidh na stàite (Arkansas) ’nan aghaidh cho garg ’s gu’m b’fheudar dhaibh sin a leigeadh seachad. Bha iad an sai, sin a’ dol a dheanamh na sabaid ann an cùil uaigneich far nach fhaigheadh luchd-an-lagha greim orra gus am biodh gach ni seachad; ach cha’n eil a choltas air gu’n teid sin leotha na’s mò. Am fios mu dheireadh a fhuair sinn dh’ an taobh, bha òrdugh aig a h-uile siorram anns an stàit an glacadh ge b’ e àite ’m faiceadh iad iad, agus ma theid fear seach fear dhiubh a ghlacadh, cha bhi ’n t-sabaid ann idir.
Fhuair sinn fios uaithe sin ag innse gu ’n deacha Fitzsimmons a ghlacadh.
Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
[Vol . 4. No. 17. p. 6]
DR. LIVINGSTONE.
Air Disathuirne an t-ochdamh la deug de mhios deireannach an earraich, 1874, dhùin an uaigh thairis air an uasal urramach agus ainmeil, Dr. Livingstone. Ged bha a chlu cho farsainn, —a’ ruigsinn an t-saoghail gu leir—agus ged dh’fhaodar amharc air mar aon a bha cho mor anns an run no a’ chrioch araid a chuir e roimhe, ’s an obair mhoir anns an do chaith e a chuid a b’fhaide ’sa b’fhearr d’a bheatha— ’s gu’m bu dhanadas do aite seach aite a radh, “so far an do rugadh e,” tha sinn toilichte gu’m faod sinn a thagradh mar Albannach, agus cha’n e mhain sin, ach mar fhior Ghaidheal agus mar mhac Gaidheil.
Rugadh e ann am Blantyre dluth do Ghlaschu, anns a’ bhliadhna 1812. Bha a pharantan ann an inbh ro iosal; ach ged bha iad bochd ’n an cor saoghalta, tha e coltach gu’n robh iad, air mhodh sonraichte, fo dheadh chliu am measg an coimhearsnaich air son fior-chrabhadh agus fiachalachd an caithe beatha. Ann an gearr-eachdraidh air a bheatha fein a chuir Dr. Livingstone a mach anns a’ bhliadhna 1857, tha e ag innseadh dhuinn mar a leanas:— ‘Aon de m’ shinn seanairean thuit ann am Blar Chuilfhodair a’ cogadh as leth sliochd nan seann righ, agus bha aon de m’ sheansirean ’n a thuathanach ann an Ulbhadh, far an do rugadh m’ athair. Is math tha cuimhne agam mar a b’abhaist domh eisdeachd ris le tlachd, oir bha ’inntinn air a lionadh le seann sgeulach lan, moran diubh glé choltach riusan a chuala mi uaith sin air an aithris leis h-Africanaich, agus sinn ’n’ air suidhe comhla m’an cuairt air an cagailtean cein, trath-fheasgair. B’ abhaist do m’ shean-mhathair cuideachd a bhi ’seinn orain Ghaidhlig.” Tha e coltach gu’m buineadh a shinnsrean aig aon am do ’n Eaglais Chaitlicich, agus tha e ag innseadh dhuinn gu’n robh iad “air an deanamh ’n am Protastanaich le tighearn an fhearainn a thigeadh m’ an cuairt agus duine leis aig an robh bata buidhe ’na laimh, a bha a reir coltais a’ tarrainn tuilleadh aire na bha a theagasgan, oir b’e a b’ ainm do’n chreideamh ùr ré uine fhada as a dheigh go, agus theagamh gus an latha ’n diugh, ‘creideamh a’ bhata bhuidhe, ’”
Aig aois dheich bliadhna chaidh Daibhidh Livingstone a chuir a dh’obair ann am muilean-cotain ann am Blantyre. Bha de dheigh aige air foghlum agus air leughadh, ’s gu’n do chuir e cuid de’n cheud phaigheadh a fhuair e a cheannachgrammarLaidinn, a b’ abhaist da a bhi ag ionnsachadh an deigh da obair-latha a bhi seachad. Cha robh leabhar air an ruigeadh e nach robh e a’ leughadh le deine agus le gionachd do-riaraichte. Ma’n robh e ach gle òg bhuail iarrtas mor e gu dol a mach do dhuthchannan céin mar lighiche; agus a chum an rùn so a choimhlionadh, aig aois naoidh bliadhna deug, chaidh e do Oil-thigh Ghlaschu, far, ri ùine, an d’fhuair e na mhiannaich e. A sa dheigh so, chuir e roimhe e fein a thairgeadh do chomunn mor an Lunainn a bha ag uidheamachadh agus a’ cur a mach mhinisteirean do dhuthchannan fad as; agus air do’n chomunn so gabhail ris, chaidh a chur air leth marmhissionarydo dh’Africa a chinn a deas, agus sheol e anns a’ bhliadhna 1840.
Cha b’ann an aon aireimh d’an phaipeir so a b’urrainnear a chur an ceill na rinn e ann an Africa—mar a shaothraich e am measg nan daoine-dubha, an da chuid chum an leas spioradail agus aimsireil a chur air aghaidh—mar a chaith e a bheatha ann an aobhar a dhuthcha fein, a’ farsainneachadh ar n-eolais air cruth, air cor, agus air toraidhean na duthcha duirche sin, Africa, agus a fosgladh suas rathaid troimh an ruigear air a luchd-aiteachaidh ?e teachdaireachd phriseil an t-soisgeil agus leis na buaidhean tarbhach agus feumail a thig an lorg co-mhalairt agus co-chomunn eadar rioghachdan Criosdail agus cinnich bhorba agus aineolach—mar a thog e a ghuth, gun sgur gun sgìos, as leth nan daoine dubha bochd, agus an aghaidh na mslairt mallaichte sin leis an robh ar co-chreutairean air an reic mar spreidh gu bhi ’n an tràillean, agus gu bhi air an gnathachadh air mhodh nach buineamaid riainmhidhean na machrach.
Eadar a t-àm anns an d’fhalbh Livingstone an toiseach, agus àm a bhàis, rinn e turas no dha air ais do’n rioghachd so. Is anns a’ bhliadhna 1866 a dh’fhalbh e air an turas mu dheireadh. Goirid an deigh sin thainig fios a nall gu’n d’fhuair e am bàs, agus re uine ghabh moran daoine ris an sgeul mar fhirinn, ach chaidh cuideachd a chur a mach á Sasunn anns a’ bhliadhna 1867 a rannsachadh co dhiù a bha an t-iomradh fior no nach robh. Thill iad leis an naidheachd thaitneach nach robh e fior; agus goirid an deigh sin thainig litir o Livingstone fein, a chaidh a sgriobhadh bho’n àm anns an robh e air a radh gu’n do shiubhail e. Bha e fad uine an sin gun iomradh againn c’àite ’n robh e, gus an deachaidh duine og, tapaidh a mhuinntir America, H . M. Stanley, ’uidheamachadh agus a chur air falbh a dh’fheuchainn an amaiseadh e air Livingstone—nì a rinn e, agus thug e fios air ais gu’n robh an t-eilthireach caomh gu lan-mhath ’n a shlainte, ach gu’n robh e feumail gu leoir air a’ chuideachadh a thug esan g’a ionnsaidh—caoimhneas nach do dhi-chuimhnich Livingstone gu latha ’bhàis.
Cha’n ’eil moran forais againn air a ghluasadan an deigh tilleadh Mhr. Stanley. Mu thoiseach na bliadhna 1874 thainig fios gu’n d’fhuair e bàs air a’ 4mh latha de cheud mhios a t-samhraidh roimhe sin, ach bha moran daoine neothoileach gabaail ris a sgeul. Mu dheireadh thainig litrichean ag innseadh gu’n robh cuid d’a luchd-leanmhainm air an rathad dhachaidh le ’chorp, agus chuir so gu buileach mar sgaoil a’ h-uile dochas a dha aig daoine gu’n robh am fios so neo-airidh air geill, mar bha gach fios a thainig roimhe.
Tha e coltach gu’m b’e a b’aobhar d’a bhàs, fliuchadh agus baothaiseachadh a fhuair e air a thuras troimh-fhearann bog, féitheach, far an robh e iomadh uair gus na h-achlaisean ann an uisge. Thog so galar a bhàis. Air latha araidh, ’s e ’g a mhothachainn fein tinn, thiurt e riusan a bha leis, “Togaibh dhomh bothan anns am faigh mi am bàs.” Chaidh bothan a thogail agus leaba a sgaoileadh dha. Air an treas latha thuirt e, “Tha mi ro-fhuar; cuiribh tuilleadh tuthaidh air a’ bhothan.” Tha iad ag innseadh gu’n robh e bitheanta ag urnaigh air leaba a bhais, agus aig aon àm gu’n cual’ iad e ag radh “Tha mi a’ dol dachaidh.” Chaochal e air a’ 4mh latha de mhios Màigh 1873.
Cha b’urrainn duinn taisbeanadh a b’fhollaisiche ’iarraidh air dillseachd agus air teas-ghradh nan seirbheiseach dubha a bha aig Dr. Livingstone, agus air mar ghabh a chaoimhneas greim air an cridheachan, na mar bhuin iad r’a chorp. An deigh dhoibh a chur an ordugh ’s a phacadh le salann—agus sin ann an uaigneas, air eagal gu’n cuirteadh stad orra le uachdaran an aite ’s an robh iad aig an àm—ghiùlan
[Vol . 4. No. 17. p. 7]
iad e troimh gach cruadal agus deuchainn re iomadh latha gu h-acrach sgìth, thairis air tuilleadh agus mile de mhiltean astair, ann an duthaich gun rathad-mor gun slighe, gus an do rainig iad an cladach far an deachaidh a chur air bord luinge, agus a thoirt a nall do Shasunn.
M’an do sheol e air a thuras mu dheireadh thuirt e, an cursa seanchuis, ri caraid da, “Na’m faighinn m’iaratas bu mhath leam a bho air mo thiolacadh ann am meadhon coille far nach cuirteadh dragh orm gu Madainn na h-Aiseirigh.” B’i so a roghainn; ach mheas an rioghachd so nach robh urram a ghabhadh cur air duine an deigh a bhais air nach b’airidh Dr. Livingstone. Chaidh a thìolacadh ann an Abaid mhor Westminster am measg duslach nan righ, agus na dream a bha air am meas airidh air an on air a b’ airde. Ann an lathair aireimh mhoir sluaigh, agus maithean as gach cearn de Breatunn, ás an Roinn-Eorpa, agus America chaidh a leagail anns an duslach far nach cuirear dragh air gu “Madainn na h-Aiseirigh.”
“Na’m bu daoine bheireadh dhinn thu
Dh’eireadh miltean air an tòir,
A rachadh togarrach ga d’dhìoladh
Nach obadh dol a sios le deòin.
’S ann tha chùis na’s fhearr mar tha i,—
Dochas laidir thu bhi beò
Am measg nan aingeal a tha ’m Pàrras,
Ann an gairdeachas ro mhor:
Gur e’n Tì a ghlac air làimh thu,
Thug ’s an àite sin duit còir
Air oighreachd is fhearr na dh’fhàg thu,
’N àros àdhmhor Righ na glòir’ .”
MAC-MHARCUIS.
Gu muinntir na h-Aimhne Tuath.
A CHAIRDEAN: —Air iarrtus moran de’n luchd-taghaidh, tha mi ’cur romham feuchainn ri bhi air mo thaghadh mar fhear-comhairle do ur sgireachd. Rugadh agus thogadh mi air an Amhuinn a Tuath, agus is aithne dhomh gabh cùil us cearna dhith. Ma ’s e ur toil mo thaghadh ni mi ni’s urrainn mi air son math na sgireachd agus na siorrachd air fad. Feuchaidh mi ris na ròidean ’s na drochaidean a leasachadh ’sa chumail air dòigh. Tha mi gealltinn cuideachd mo dhichioll a dheanamh air stad a chur air reic na deoch làidir. An dòchas ur fhicinn uìle roimh latha ’n taghaidh, Is mi,
Ur Seirbheiseach Dileas
NIALL DOMHNULLACH.
Baddeck , C, B., Sept. 21, ’95,
DR. T. C. MAC LEOID.
Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheilMoore & Johnstonri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.”
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B
Dr. T. G. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
[Vol . 4. No. 17. p. 8]
ORAN
A rinneadh le Domhnull Moireastan (Domhnull Fidhleir) ann a Siorramachd Ghleann a Garradh, an Ontario, an Canada, mu ’n bhliadhna 1825, do dhithis choimhearsnach, Tormod Mac Leoid, us Calum Mac Criomain, duine làidir foghainteach a mharbh damh la anabarrach fuar s’a gheamhradh. Bha an latha cho fuar ’s ’gum b’ eigin dhaibh an damh a thoirt a stigh don tigh ga mharbhadh, a thaobh snach robh aite fasgach ceart am muigh aca. Cha robh ann ach tigh beag ùr de dh’ fiodh.
Sann fhuair mi sgeula na dunaich,
Moch sa mhadainn an dé;
Mac Leòid is Mac Criomain
An deighs am milleadh aig béisd,
Fear do dh’ ainmhidh na machrach
Bhi ga mharbhadh go feum,
’Sann a dh’éirich a bhrùid orr
A dh’ aindeon lùghs nam fear treun.
Thilg e Tormaid s’an leabaidh,
Is bhrist e aisnean a chléibh;
S’ bha e g’ éighach ri Calum
“Thoir an aire dhuit féin;
Feuch an teàrn thu do bheatha
’San leig thu seachad a bhéisd,
Ged tha pàirt dheth air feannadh
Cha chuir e maille na cheum.”
’Sann an sud a bha charachd
Eadar Calum sa bhéisd;
Chuir e ’n diùmhlach ’na fhallus,
Se cuir a chatha gu dian.
’S ’nan robh a chompanach ealamh
Cha robh maille mu’n gniomh,
Nuair a shaoil leis a bhualadh
’Sann thug e fuain air a bhian.
’Sann a sud bha ’n t-shachdraich,
Bha bualadh bhas ann us leòn;
Cha n’ fhanadh tuadh air a h-amhaich,
’Si cho sleamhain ’na dhórn;
Bha e gòrach dh’ fhear cearraig
Dhol na charamh le spòrs,
’S gum bu dorra dha mharbhadh
Na chuid sa chrannchur dhe ’n fheòil.
’Sann aca sud a bha ’mhisneach,
’Sa chulaidh chlisgidh a bh’ann;
E cho mor ri muc-mhara,
Bha àirde as fad ann gun taing.
Cha robh òrdaicht’ a leithid
A thoirt do thigh san robh clann;
Chaidh e sios ann san t-seilear
’S an t-óig-fhear smearail ’na cheann.
Leam is duilich mac Fhearchair
A bhi gun armachd san àm,
A bhi gun ghunna, gun daga,
Gun sgian a sparradh e ann;
Cha bu dual dha bhi gealtach
’N àm bhi tarruinn nan lann,
S’ bhithin earbsach as fathasd
’Nam biodh a chlaideamh na laimh.
Chaidh Tormaid sios air a ghlùinean
A dheanamh ùrnuigh gu cruaidh;
“Fhir a dh’ fosgail mo shùilean,
’Sa sgoilt gu ciùin a Mhuir Ruadh,
Thoir meart agus lùghs duinn
Gus a bhrùid a chus suas,
Gus an toir sinn am bàs dha
Mu’n tig Iain bàn a so shuas.”
Ma theid an sgeul innse
Do Dhomhnull fidhleir mar bha,
Cha bhi maille na sgaoileadh,
’S gum bi daoine dheth nàr;
B’ fhearr leam leth-dusan dollar
A thoirt gu toilichte dha,
Na gu ’n cluinte mar thachair
’Sa mhoch mhaduinn Di-màirt.
Ma gheibh mi na buinn ud
Air an cùnntas gun dàil,
Gun lean mi sgeul rùin dheth
’Sa mhùchadh fo m’ shàil;
Bheir mi bòid agus mionnan
Nach cluinn duin e gu bràth;
Ach ma bios maille sa chùinneadh,
Cluinnidh ’n dùthaich mar bha.
AONGHAS MAC ILLE-MHAOIL.
Chaidh Gaidheal araidh gu Iamaica o chionn beagan bhliadhnachan. Ràinig e Baile an Righ gu sàbhailte agus ’nuair a bha an long air acair anns a’ chala, tháinig moran bhataichean mu timchioll a chum na muinntir a thoirt gu tir. Chuir an Gàidheal a threallaich air bòrd bàta anns an robh dà dhune dhubh, agus rinn e suidhe maille riu. Bha a’ Ghàidhlig aig fir a’ bhata, ach cha robh fios aig a’ Ghàidheal air sin gus ’n do thòisich iad air bruidhinn ri cheile ann an canain nam beann. Ghabh e mòran iongantais, agus shaoil e gu ’m bu Ghaidheil a bha annta. Dh’ amhairc e orra car ùine agus mu dheireadh dh’ fhoighnich e ri aon diubh, an robh e fada anns an dùthaich sin. Fhreagair an duine dubh, “Mu thimchioll sia miosan.” “Sia miosan” ars an Gàidheal, le guth eagalach; “Sia miosan agus thu dubh a cheana! thoir air ais a dh’ionnsuidh na luinge mi. Cha bu toigh leam m’ aodann a bhi cho dubh ri sin, ged a gheibhinn de rum agus de shiùcar na bha riamh ann an Iamaica.”
Bha Dòmhnull pòsda an dàrna h-uair agus bha a bhean an còmhnuidh a’ feòrach dheth co a b’ fhearr leis ise na a cheud bhean a bh’ aige. Cha d’ thug e freagradh sam bith dhith an tòiseach ach bha i ’g a shàrachadh, agus aon latha an deigh dhi a cheist a chur ris, fhreagair e gu cas i; “Gu dearbh a Chaorstidh, tha mi a fàs sgith dhe’n cheasnachadh sin, ach air m’ fhacal ’s air ’m fhirinn, ’n am biodh Màiri beo an diugh, cho bhiodh tusa far am bheil thu.”
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite echudna.
title | Issue 17 |
internal date | 1895.0 |
display date | 1895 |
publication date | 1895 |
level | |
reference template | Mac-Talla IV No. 17. %p |
parent text | Volume 4 |