[137]

[Vol . 4. No. 18. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 9, 1895. No. 18.


Oidhche Shamhna am Margaree.

FHIR MO CHRIDHE, —Is ann agamsa dhuibhse than naigheachd! Nach dfhuair mi afàinne an raoirs an fhuaraig air thoiseach air càch, rud nach do thachair riamh roimhe dhomh! Saoil an robh miga iarraidh idir leis cho tric sa bha mi air mo mhealladh bliadhnachan eile; is ann a theann mi ri itheadh na fuarag gu sgoinneil, agus leig mi le càch a bhith siubhal air son an fhàinne. Bha mi ann am barail nach bu deachd an darra cuid a bhi dhith orm. Ach, mo shòlas! de a biongantach leam fhéin na afàine fhaireachdainnnam bhéul, aguss gann gun creideadh càch gun dfhuair mi idir e. Is mise fhuair sin, agus theab e bhi siosnam amhaich man tug mi mi-fein fonear, agus mar [ ? ] sin nadheagh chomharra air mo chàs-sa anns a bhliadhna gu tighinn, ’s iongantach an gnothuch e. Achs ann an sin a bhamhoit air cuid do chàch. Thilg Eoghainn ruadh bhuaithe a spàin le gruaim agus shaoileadh tu gun chuir Anna mhor an da shùil tromham. Cha mhor coire a bhagamsa. Nan teannadh iadsan ri ithe na fuaraig mar a rinn mise, —ach ged a theannadh cha robh àite aca dhith, bhan cridhe, mo thruaighe, nam beul; oir ged a bhitheadh bonn òir air grannd na mèise no dealbh an leannain ri thoirt an uachdar cha burrainn an suilean a bhi na bu ghéire a coimhead sios no idir urad fhuaim a bhi aca man cuairt air an t-soigheach. An déigh don fhuaraig a dhol on dàrna taobh, chuala sinn a bhigléusadh fiodhlean ceann eile an taighe, agus air mfhacal cha robh mi cur coire air an òigridh a bhiga faireachdainn fhéin car mi-shocrach air an aiteachan-suidhe oir bha an ceol a bha iad ag éisdeachd fior mhath. Ann am beagan ùine dhaontaich fear an taighe gum faodadh iad beagan ruidhleichean a dhianamh air chumhnantan gun gabhaidh iad leis na dannsan Gàidhealach, agus nach bitheadh guth aca air ruidhl-ochdnar no air aon de na dannsan mi-chiatach galldatha a nis air tighinn cho fasanta. Is ann mar sin a bha; agus ge nach eil daoine og an latha an diugh cho ionnsaichte air an dannsadh ris an linn a bha rompa, gidheadh tha feadhainn nam measg dhan aithne iad fhéin a chluich gufonnmhor, fearail, sùbailte’” nuair a chluinneas iad na puirt shnasail, shiubhlach, éutrom. ’Nuair bhan dannsa seachad, theann sinn ri gabhail òrain. Tha luchd-gabhail orain anns achearn so cho mathsa tha ri fhaighinn ann an aite sam bith, tha iad aca gu paillt ann an Gàidhligs am Béurla. Is ro thaitneach leam fhéin, man sgaoil cuideachda chridheil gun toir iad tacan air gabhail òranan béusach, taitneach, oir is ainneamh a chunnaic mi droch cheann-fìnid riamh a tighinn air còmhlan a bheireadh an cuid spurt is aighir gu crìch anns an dòigh ud. Cha robh seanachaidh ro-mhath anns achuideachd agus bfheudar sgaoileadh gun sgeulachd fhaotainn. Tha beagan de sheann daoine anns an aite fhathasdtha gle mhath air innseadh seann naigheachdan ach chan fhada bhios a h-aon an lathair dhiubh; oir bho chionn iomadh bliadhna, “than cinn air liathadhsan ciabhagan air tanachadh.” Chaneil min dùil gu bheil a h-aon ann anns na làithibh so cho baoth no cho amaideachs gun rachadh iad air oidhche Shamhnagam bogadh fhéin ann an allt-criche, no a rachadh le geilt cridhe le ceirsle snàth gu toll àtha, no idir a dhithe bonnach salainn ma choinneamh a sgàthain. Cha mhutha chluinneas sinn guth air goid càil, togail dhrochaidean, crannadh dhorsan no cur falach cuibhle carbad-siubhail. Tha gach cleachdadh mi-fhreagarrach dhen t-seòrsa sin a nis air an cur air chul ge be cuin a thoisich iad, agus tha gach linn mar thatighinnafàs nis laiges nis glice.”

Is mi do charaid,

AN SEANA-GHIULLAN.
Latha Samhna, 1895.


Cu Seolta.

Ann am baile beag an ceann a deas na Frainge, bha dinneir air a thoirt do fhichead duine bochd aig àm àraidh na h-uile latha dhen bhliadhna. Bha a bhuinneadh do chuid-eigin faisg air làimh, daonnan aig air dinneir còmhla riutha, an dòchas gum faigheadh e càil éiginn uapa. Ach bhiodh na daoine bochda mar bu trice glé acrach iad fhéin, agus mar sin cha robh iad ro fhialuidh, agus cha robhn bochd ach glé ainneamh a faotainn blasad air a bhiadh a bha iad og itheadh. Nis bhan dinneir air a cur a mach air uinneig bhig, an deigh don neach a bhaga h-iarraidh ròpan beag ris an robh clag an ceangal a dhraghadh, agus leis a ghliong a dheanadh an clag fios a thoirt don fhear-riarachaidh. Chan fhaiceadh an fear-riarachaidh bhaig a uinneig, agus cha ro fhios aige bha faotainn a bhidh a bha e sineadh a mach. Aon latha dhfhan an gus an robh na daoine bochda uile air falbh. Cha dfhuair e ach fior bheagan uapa, agus chuir e roimhe ionnsuidh a thoirt air dinneir fhaotainn dha fhéin. Sheas e air a chasan deiridh, rug e air an ròpan, thug e draghadh air, ’s rinn an clag gliong. Chaidh dinneir mhath a chur a mach gun dàil, agus dhith an i le mòr thaitneas. Rinn e seo lathan deigh latha, fad treis a dhùine, ach mu dheireadh fhuaireadh an slaoightire a mach. Ach mheasadh e na ni cho tapaidh do chù a dheanamh, ’s nach do chuireadh bacadh sam bith air; leigeadh leis leantuinn air o latha gu latha, agus bha e fad ùine mhor aig gach àm dinnearach, a toirt gliong air a chlag, agus a gabhail o bhìdh còmhla ris na baigeirean eile!


Than duine sin saibhear aig am bheil deagh nadar, a tha do ghnàth càirdeil, foighidinneach, aoibhneach, dòchasach, agus a tag a ghiùlan fein gu suilbhear a thaobh nan uile.



[138]

[Vol . 4. No. 18. p. 2]

AN CORAL.

Mar is mo a bheachdaicheas sinn air oibre an Ti uile-bheannaichte a dhealbh na h-uile nithe le focal a chumhachd fein, ’s ann is mo bheir sinn fanear ar n-aineolas agus ar neo-iomlaineachd fein. Is dall da-rireadh an duine sin nacheil afaicinn gu bheil oibre an Tighearna gu soilleir afoillseachadh a mhaitheis, a ghliocais, agus a chumhachd neo-chriochnach fein. Ge be ait air an seall sinn chi sinn meur an De uile-lathairich air a nochdadh ann in lionmhorachd do-aireamh nan nithean sin a rinneadh leis. Thachruitheachd lan de chreutairean anns am bheil beatha, a ta air an cumail suas le caomh-fhreasdal an Ti a dhealbh iad. Gheibhear na creutairean sin de gach meud agus dealbh, agus gheibhear aca an nadur agus an cleachdanna fein fa leth. Ma dhamhairceas sinn air feadh na talmhainn chi sinn mile de mhiltean creutair de gach gne. ’S an adhar os ar ceann, than eunlaith eug-samhla maraon lionmhor agus iongantach. Ceart mar sin tha creutairean na fairge, far a bheil iadn am miltean agluasad a reir an gne am measg nan uisgeachan. Nach ceart a thigeadh dhuinn eigheach a mach maille ris an t-Salmadair? “Is lionmhor, a Thighearna mo Dhia, na nithe a rinn thu! toibre iongantach agus do smuainte dar taobh-ne, chaneil en comas a chur a sios an ordugh dhuit; nochdainn agus chuirinn an ceill iad; ach tha iad nis lionmhoire na gun gabh iad aireamh.” Salm xi. 5.

A reir coslais, tha na h-uiread der luchd-leughaidh nach cuala riamh iomradh mu mheanbh-bheathaichean achorail, a ta co ro lionmhor ann an cuanta na h-Airde deas. Tha na beathaichean so co anabarrach beag, ’s gur ann air eiginn a chithear iad leis an t-suil luim; gidheadh beag mar a ta iad, tha oibre air an deanamh leo a ta iongantach, mor. Tha iad atogail suas aitreibh de chreagan mora o ghrunnd na fairge, a ta da-rireadh miorbhuileach rim faicinn. Goirear riu so creagau achorail; agus mar fhoillseachadh air oibre an Ti uile-chumhachdaich, tha sinn an dochas gum bi cunntas air na creagan sin araon freagarrrch agus feumails an aite so.

Is ann air eiginn a chreidear gum burrainn creutairean co ro mheanbh ballachan ard a thogail anns achuan, de stuth co cruaidh ris achloich fein, agus na ballachan sin na ceudan mile ann am fad; ach tha en a ni dearbhta gu bheil iadg an deanamh, agus is minic a mhothaich maraichean na ballachan chreag sin chum aimhleas dhoibh fein agus dan longaibh.

Tha cuid de mheanbh-bheathaichan achorail co mor am meud ri fineig, no ri fride, ach tha cuid eile dhiubh moran nis lugha na sin, agus cuid co anabarrach meanbhs gu feumar gloineachan mun faicear idir iad. Is iongantach da rireadh an cumhachd a thugadh do na creutairean beaga so a chum oibre a dheanamh, nach burrainn uile innleachd dhaoine a dheanamh gu brath. Tha cumhachd aca stuth a tharruing a uisgeachan achuain, a ta cosmhuil ann an nadur ri aol, agus cuiridh iad an stuth son a mheanbh-earrainean air a cheile gus am fas en a chreig chruaidh, charraich, lan de sheomraichean beaga a ta aca mar aitean-comhnuidh. Tha na creagan a nithear air an diogh so den aon stuth ri slige, agus an uair a loisgear iad, ni iad, mar na sligean fein, an t-aol as fearr. Thaaite-comhnuidh fein aig gach meanbh-chreutair dhiubh so, agus tha gne uidheim aig dorus a thighe leis an glac e creutairean beageile air feadh na mara air son loin. Chum beachd a thoirt air meud nan aiteachan-comhnuidh aig na creutairean iongantach so, tha e airfhaotuinn a mach gun comhduich aghaidh na h-ordaig corr as mile aite-comhnuidh, agus gach aite air a dheasachadh air sonfhir-taimhe fein! Tha na creutairean dichiollach so asiolachadh gu ro bhras. Than oigridh atighinn a uibhean beaga a ta air am beirsinn anns na tuill far a bhail na meanbh-chreutairean a rug iad agabhail comhnuidh. Ann am beagan laithean an deigh dhoibh na h-uibheanfhagail, tha iad atoiseachadh air aitean-comhnuidh a dheanamh dhoibh fein; agus tha en a ni iongantach gur ann air uachdar nan aite-comhnuidh anns an drugadh na h-uibhean as an dthainig iad fein, a tha iad adeanamh sin. Air an doigh so, than linn a chaidh seachad air an druideadh beon an tighean fein, as nach urrainn iad a chaoidh faotuinn a mach, le tighean an sliochd. Mar so tha aon linn acur as do linn eile, agus mar so tha creag achorail afas mor, le sreath an deigh sreath de na tighean a bhi air an togail air uachdar a cheile! Tha na meanbh-chreutairean iongantach so ag oibreachadh le riaghailt araidh a bhuineas dhoibh fein. Tha fios aig na h-uile air an eagnuidheachd leis an dean na seilleinean na cirean-meala, agus air an dichioll a nochdas na seanganan an oibribh fein, a reir an gne; ach than eagnuidheachd agus an dichioll ceudna air an nochdadh le meanbh-bheathaichean achorail ann an doimhneachd na fairge! Tha na creagan corail air an dealbhadh de gach uile chumachd. Tha cuid ag eirigh suas o ghrunnd na mara mar chraobhan maiseach, asineadh a mach am meuran agus am meanglain air gach taobh. Tha cuid eile afas suas mar phreasanaich, agus mar luibheannach aillidh fon lan bhlath, agus anochdadh nan dath as boidhiche agus as soilleire. Tha na dathan a chithear air na coilltean corail sin anabarrach maiseach. Tha dearg, donn, buidhe, uaine, gorm, agus gach atharrachadh direach eile rim faicinn air an cur gu h-innleachdach air feadh a cheile, anns achoral. Ceart mar a ta na coilltean de gach gne afas air na beanntan air tir, mar sin tha coilltean corail afas a nios a grunnd na fairge, gu ruig a h-uachdar, far a bheil an doimhneachd na ficheadan aitheamh, agus far a bheil sruthan bras agus laidir! Nach miorbhuileach gun deanadh creutairean co beag obair co ro mhor! Ach feumar a thoirt fanear gu bheil obair nan creutairean so, ann an cuantan na h-airde deas, gu minic co ro mhors gu bheil iadn an cuis eagail gu tric don mharaiche. Ann am meadhon achuain mhoir, na ceudan mile o thir sam bith, gheibhear na creagan corail ag eirigh gu h-uachdar na mara, ’n am ballachan laidir, air an togail ann an cuairtibh mar fhainneachan farsuing, anns am bi amhuir ciuin, reidhn am broinn, ’n uair a bhios na tonnan atmhor agus anradhach air an taobh a muigh de na bailachan sin. Tha na fainnean mora sin acumail fasgadh cuainn am broinn fein, an uair a cheithear geal-ghaire nan tonn abriseadh cruinn-thimchioll nan creag on leth a muigh. Ged nacheil an coral fein ag eirigh thar uachdar an t-saile anns na cearcallan iongantach so, gidheadh is minic a thogas an t-anradh-fairge mirean briste den choral suas os ceann nam ballachan, air choirs gu bheil eileanan air an deanamh air an doigh so leo. Chum beachd a thoirt air meud nam ballachan so, bithidh iongantas air ur



[139]

[Vol . 4. No. 18. p. 3]

luchd-leughaidh a chluinntinn gur tric a chunnacas iad o cheithreamh mhile gu mile air leud, agus iad sin adeanamh fainne no cearcall anns a bheil o fhichead gu sea fichead mile astair mun cuairt. Nach anabarrach mor an soitheach-uisge so, a tha gu minic o thri gu sea ceud troidh, ann an doimhneachd! Chaneil am ballachan Bhabiloin, balla mor China, agus ann an togalaichean barra-chaol(Pyramids)na h-Eiphit ach mar obair-chluiche na cloinne, an coimeas ri meud nam ballachan miorbhuileach so a ta air an dealbhadhs achuan dhoinionnach le creutairean co anabarrach meanbh!

Tha, mar is tric, dorus no fosgladh ann am ballachan nan cearcall mora a dhainmicheadh, farsuing nis leoir a chum comas a thoirt do na longan as mo, seoladh a steachnam broinn, far am faigh iad deadh acarsaid, agus fasgadh o gach gaoth a sheideas.

A thuilleadh air an h-oibre mora so am meadhon achuain, tha lionmhorachd eileanan ann a ta air an cuartachadh le ballachan corail aig astar araidh a mach o thir. Tha Eilean na Frainge(Isle of France)mar so air a dhionadh ceithir thimchioll le balla corail, agus iomadh eilean eile a bharr air. Tha e iongantach ra smuaineachadh gu bheil a ghnath fosgladh anns na ballachan sin, direach mu choinneamh gach acarsaid agus lochs na h-eileanan sin, air an seol na soithichean a stigh gu tir. Chunnaic am Freasdal iomchuidh achuis a bhi mar so, oir nam bitheadh na ballachan corail gun fhosgladhs am bith, acuairteachadh gach eilean air an doigh ud, chan fhaigheadh soitheach sam bith a choir an fhearainn gun a bhi air a sgealbadh as a cheile.

Air taobh na ear-thuath de Australia, tha balla corail mu dheich mile a mach o thir, a tha corr as seachd ceud mile air fad, agus is minic a chaidh soithichean a bhriseadhn am bloighdean air agus a chailleadh na sgiobairean.

Chan urrainn duinn aig an am so gach ni mun choral ainmeachadh. Tha e ra fhaicinn fo liutha atharrachadh cumachd agus dealbh, ’s nacheil e comasach an ainmeachadh fa leth. Ann an aitean eile den t-saoghal, tha eileanan air an aiteachadh agus air an comhdachadh le craobhan de gach gne a ta air an steidheachadh air na creagan corail. Rinneadh na creagan ud an toiseach gu uachdar na fairge leis na meanbh chreutairean a dhainmicheadh, agus a ris, bha na creagan fein ational gach stuth air an uachdar a bhan cuan atilgeadh suas, gus mu dheireadh an d’ -fhas an stuth sin daingean, agus an do thoisich feur agus luibheannach de gach seorsa air fas suas dosrach agus pailt.

Am measg uilinnleachdan an duine, agus dhaindeoin a sheoltachd gu nithe iongantach a dhealbhadh agus fhaotuinn a mach, cha robh e riamhn a chomas fearann tioram a dheanamh dha fein ann am meadhon na fairge. Gidheadh rinneadh an gniomh iongantach agus mor so, chan ann leis an duineach le creutair meanbh, a ta mar neonin a shuileancreutair co ro bheags gur ann air eiginn a tha cumhachd aig suil an duine a leirsinn idir. Ach chaneil ni ar bith neo-chomasach don Ti uile-chumhachdach agus uile-bheannaichte aig a bheil a chaomh fhreasdal os ceannoibre gu leir. An uair a bhios sinn asuidheachadh ar n-inntinn air gach obair mhior-bhuileach a chithear mun cuairt duinn, bu choir duinn beachdachadh le mor umhlachd air cumhachd, gliocas, agus maitheas neo-chriochnach an Tighearna De uile-ghlormhor a dhealbh na h-uile nithe. Tha cumhachd an duine mar neoni, seadh nis lugha na neoni an coimeas ri cumhachd an Ti bheannaichte sin a chruthaich e. Chan urrainn sinne, chan emhain na nithe as lugha a chruthachadhach na nithe a chruthach Dia agus a chairich e fa chomhair ar sul, a thuigsinn. Tha sinn afaicinn an fheoir air na raointibh, ach chaneil fhios againn cia mar tha efas suas agus ateachd fo bhlath. Tha sinn afaicinn oibre innleachdach gach meanbh chreutairs amhuir agus air tir, ach chan aithne dhuinn an seol neo-mhearachdach air a bheil iad asaothaireachadh. Tha sinn afaicinn nan creagan corail air an dealbhadh am measg nan tonn buaireasach le creutairean ro mheanbh, ach cha mho is urrainn sinn a thuigsinn an seol air a bheil cumhachd aca ni co miorbhuileach a dheanamh, nas urrainn sinn a thuigsinn an seol air a bheil aghrian, aghealach, agus na reultan, asiubhal gu neo-mhearachdach ann an gorm-astar nan speur. ’S e ar dleasnas, gidheadh, a bhibeachdachadh gu curamach air oibre aChruithfhir bheannuichte, chum ar n-irioslachd a dhusgadh, agus a chum gloir a thoirt da ainm naomha-san. Am bi sinn gach la ag imeachd am measg mhiorbhuil na cruitheachd, gun mheur aChruithfhirfhaicinn anns gach ni mun cuairt duinn? Na biodh achuis mar so, oir is leoir na nithe as lugha air an comas duinn amharc chum ar deannmh umhal, agus a chum toirt oirnn eigheach a mach, “Is airidh thusa a Thighearna, air gloir, agus urram, agus cumhachdfhaotuinn; oir chruthaich thu na h-uile nithe, agus air son do thoil-sa tha iad, agus chruthaicheadh iad.” Taisb. iv. 11.

SGIATHANACH.


Bha fear-turuis Sasunnach anns aGhàidhealtachd o chionn beagan mhiosan, agus bu mhath leis feadhainn a bhi am beachd gum bu duine fòghluimte a bha ann. Bàbhuist da bhi cur dragh mòr air seann leighich a bha an sud, le bhi cur cheisdean faoin air. Thachair e air an leighich aon latha agus thuirt e ris, “A leighich, tha ceisd chudthromach agam ri chur ort, agus is i so i; ma sheasas mi air mo cheann, ruithidh mfhuil gu mo cheann; a nisnuair a tha miseasamh air mo chasan, carson nach ruith mfhuil gu mo chasan.” “Is furasda domh acheisd sin a fhreagairt,” ars an leighich. “Tha sin a chionns nacheil do chasan falamh mar tha do cheann.”

Thuirt fear-teagaisg ri gille beag ann an sgoil, “A Sheumais, tha deise mhath agad a cheana, agus nan dthoirinn aon eile dhut cia meud a bhitheadh agad an uair sin.” Fhreagair Seumas, “aon.” “Cia mar a tha thu deanamh sin a mach?” ars am fear-teagaisg. “Nam bitheadh deise ùr agamsa,” arsa Seumas, “bhitheadh an t-seann deise aig mo bhrathair beag, ’s cha bhiodh agamsa ach an aon .”

Cha mhaith an suaimhneas sin a dhruideas an fhirinn a mach air an dorus. Mur teid suaimhneas agus firinn laimh air laimh, is còir an fhirinn a roghnachadh, agus greim a dheanamh oirre mar bhan-chompanaich an àite suaimhneis.

Than duine sin a labhras do ghnàth an fhirinn ghlan, ’na dhiulnach a ta mòran nis tapaidh na ghabhar e.



[140]

[Vol . 4. No. 18. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, NOBHEMBER 9, 1895.

Air an t-seachdain sa chaidh, thug sinn iomradh air achòrdadh a rinn Russia us Sina ri chéile, agus air an t-seachdain so thainig naigheachd gu robh Russia an deigh còrdadh eile dheanamh ri Iapan, agus ma tha sin fior, tha edeanamh chùisean nis miosa. Tha malairt mor a dol air adhart fo bhratach Bhreatuinn mu chladaichean Shina us Iapan, agus ma theid an da dhùthaich sin ann an co-bhonn ri Russia na h-aghaidh, cuiridh iad call mòr oirre. Ach tha Breatuinn làn chomasach air a còirichean fhéin a sheasamh, agus eg do dhfhaodadh iad dragh agus call gu leòr a chur oirre, chan eagal gun toir iad fo chìs i, no gun cum iad i o a dòigh fhéin a bhi aice.

Bha gille gàidhealach agus isneach (seòrsa gunna) ’na dhòrn acoiseachdan rathaid gu Taigh an Uillt, agus nuair a ghabh e seachad air taigh mòr a bha sin, ruith borb a mach, agus thug e greim as aghille. Chuir an gille an isneach gu grad ra ghualainn, agus thilg e an . Be duine beairteach leis am bu leis an , agus ghabh e feargnuair a chuala e gun robh a chù marbh. Fhuair e maor-sith agus thugadh an gille an làthair a t-Siorram. Thuirt an Siorram ris, “Carson a mharbh thu an a ghille?” Airson gun dthug e greim ás mo chalpa,” ars an. “Ach carson nach do bhuail thu e le stoc ua h-lsneaiche?” ars an Sirrram. “Ler ceadars an gillea chionn nach dthug e greimasam leearball.”

Bha taghadh ann an àireamh de na Stàitean Di-màirt. Cho fadasa chuala sinn, ’s iad naRepublicansa fhuair a chuid a bfhearr dheth. ’Si ad naDemocratsa bu làidire roimhe so. Bhan sluagh ann an iomadh àite, anabarrach mi-riaghailteach, agus a cathachadh an aghaidh a cheile, car mar a babhaist do shluagh na dùthcha so fhéin a bhi aig amannan-taghaidh o chionn da fhichead bliadhna.

Tha Diùc Mharlborough, fear de dhuaislean Shasunn, a dol a phòsadh nighean Uilleim Vanderbilt, fear de dhaoine beairteach nan Stàitean. Rinneadh an réiteach an la roimhe, agus tha iadsan aigm bu chòir fhios a bhith, ag radh gu bheil e dol a dhfhaotainn cóig muillein dolair ( $5 ,000,000,) leatha. Co-dhiu tha e faighinn bean mhath no nach eil tha e faighinn an deigh thochraidh.

Is ni e a tha fàs glé chumantasna bliadhnaichean so, uaislean na seann dùthcha bhi pòsadh nigheanan Geancach aig am beil roinn mhath de shaoibhreas an t-saoghail so. Tha mòran de dhuaislean thall a thair fàs cho bochds nach eil a bheag aca ach an ainm agus an uaisle, agussiad sin mar as trice bhios a deanamh pòsaidh air an taobh so den chuan-mhòr, agus air an dòigh sin adeanamh an crannchur nas fhearr.

S uamhasach a chosgais a than co-cheangal ri cogadh air muirs air tir. Tha Breatunn an dràsdatogail àireamh de shoithichean cogaidh agus tha gach te dhiubh a dol a chosg a machsa stigh mu mhuillein dolar. Tha na soithichean so còrr us ceithir mile deug tunna a chudthrom.

Bhan t-Urr. Iain Friseil, ministeir a Chladaich a Tuath, air a phòsadh Dior-daoin ri Johanna Nic Coinnich, nighean do Choinneach R. Mac Coinnich, Sidni Tuath. Tha MAC-TALLA aguidhe a h-uile latha sona dhaibh, ’s gun latha idir dona dhaibh.

Tha dotairean ag radh ma chuireas duine rud am falachs an daorach air, nach urrainn dha cuimhneachadh càiten do chuir e enuair a dhfhalbhas an daorach dheth; ach ma ghabhas en daorach a rithist gun cuimhnich e air.

Suidhich dinntinn fein gu stolda air na chaidh seachad, mas miannach leat na nithe a ta cum teachd a thoirt gu ceart fainear.


AChoisir ChiuilOrain Ghailig.

Than leabhar ciùil Gàilig so air a chur a machna thri pàirtean. Tha 62 de dhòrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oransa cheud Phairt, 21san darra Pàirt, agus 20san treas Pàirt. Than ceòl, (Tenor , Alto, Soprano,agusBass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr don MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadhga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnathasa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, den Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair.


SGEUL EACHUINN

Bha midol sios an t-sràid an oidhche roimhe, ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòrs ga robhchabhag, cha burrainn domh ach stadnuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dhuaireadairean, de dhfhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dhioghnadh orm nach fhaca min stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bhadol seachad, “ tha cumailsan àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor on chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “chan eil ach beagan us seachdain on dhfhosgail e mach. ’S e

RHODES & GANNON

a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhnan t-samhraidh so?” “ ’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am baithne dhuibh e?” “S ann dhomh a baithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bhagam air idir.” Cha dfhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s chan abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha miseg ràdh riut, an ath uair a thig mi dhan bhaile, cha bhi mo sporan cho falamhsa bha en oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dhfhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath riumnuai a bha mi déileadh ris roimhe.



[141]

[Vol . 4. No. 18. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Tha coithional Cléireach Strath-Lathuirnn an deigh eaglais ùr a thogail, agus bha i air a fosgladh la na Sàbaid sa chaidh. Than eaglaisna togalach briagha agus tha àite suidhe do shia ceud innte.

Chaidh fear Padruig Càrr, a bhàthadh ann an acarsaid Summerside, E. P. I., feasgar Di-màirt sa chaidh. Bha e air bòrd soithich, agus chaidh a thilgeadh thairis le te de na slatan. Bhuineadh e do Eileanan Mhaydalen.

Rugadh air ceathrar dhaoine ann an Amherst toiseach na seachdain so air amhrus gum biad a bha ris an mheairle a bhadol air adhart o chionn dha no tri sheachduinean; tha iad anns a phriosan an dràsda a feitheamh na cùrtach.

Air a choigeamh latha fichead de dhOctober, chaill Aonghas Bàillidh, River John, N. S. ,da shabhal; bha iad air an curnan teine leis an dealanach, agus airan losgadh gu làr. Chail em fiar, ’s an t-arbhar, ’s pàirt de innealan-tuathanachais.

Tha tuathanach ann an Corwallis, N. S., a bhuain tri cheud deug barailte de dhùbhlan air an fhoghar so; Chan eil aige fo na craobhan ach da acaire dheug, agus mar sin, fhuair e còrr us ceud baraiite bhar an acaire.

Chaidh stàpull mhr each a losgadh ann am Port Morien oidhche Di-màirt air an t-seachdain ss chaidh. Fanaireadh na h-eichs na bha gu h-iseal a shàbhaladh, ach chaidh gach ni a bhair an lobhtaidh a chall. Bhuineadh e do Mhr. Leslie.

Shil sneachda trom oidhche Shathurna sa chaidh. ’Nuair chaidh daoine chadal an oidhche sin, bha coltas glé bhriagha air an t-side, agusnuair a dhéirich iadsa mhaduinn bhan talamh geal. Ach cha do mhair e gle fhada; leagh a chuid bu mho dheth as t-sealladh mun dthainig am feasgar.

Tha timeannan matha aca ann am Manitoba air an fhoghar so. Tha dùil aca fiach fichead muillein dolair a chur a mach as an dùthaich roimh dheireadh na bliadhna. Tha fiach da mhuillein gu leth de spréidh s de mhucan rin creic, agus chan eil sin ach beag an taca ri fiach a chruithneachd. Tha an cruithneachd as fhearr a creic air leth-dolair am buiseal, ni a thana dheagh chomharra air cho pailtsa tha e.

Air an t-seachdain sa chaidh, bha triùir dhaoine air am faotainn ciontach de mhort. Bha fear Durant air fheuchainn ann an San Francisco, air son dithis nigheanan òga a mhort ann an eaglais; bha Holmes air fheuchainn ann an Chicago air son deich no dusan mort a thair fhàgail air; agus bha Shortis air fheuchainn ann an Quebec, air son dithis dhaoine a mhort ann am factoridh chotain faisg air Montreal. Tham fear so ri bhi air a chrochadh air an treas latha dhen bhliadhnùir. Ged fhuaireadh an dithis eile ciontach, cha dthugadh a mach binn an crochaidh fhathast.

Bhan eaglais Chaitliceach a tha aig Méinn aReserveair a meudachadhs air a h-ùrachadh air an t-samhradh sa chaidh, agus bha i air a fosgladh as ùr air Di-dòmhnaich sa chaidh. Bha a mheinn roimhe so an ceangal ri paraiste Bhridgeport, ach tha i nis air deanamhna paraiste dhi fhéin.

Chaidh an sabhal aig bantrach DhòmhnuillIc Fhionghain, ann an Roseburn, faisg air Hogamah, a losgadh gu làr, la na Sabaid, an 27mh latha de dhOctober. Chaidh am fiars an t-arbhar, agus pàirt de na h-uidheaman a losgadh. Chaidh tigh a losgadh air an Amhuinn Mhuileich mu sheachdain roimhe sin, an tigh aig Uilleam Peutan. Tha losgadh thaighean us shaibhleanna chall mòr aig àm sam bith dhen bhliadhna, ach tha e na chall ro-mhor aig toiseach a gheamhraidh.


Iadsan a Phaigh.

A Mac Coinnich, Rat Portage, Ont. (50c. )
Curstidh Nic Aidh, Ripley , Ont.
Murchadh Màrtuinn, Ripley , Ont.
A. I. Mac Diarmaid, Ottawa , Ont.
Iain Moireastan, Laggan , Ont.
Donnacha Mac Aonghais, McIntyre P. O.
Ian G. Mac Leoid, Chelsea , Mass.
Iain Bell, Redfield , S. Dakota.
C. U. Caimbeul, Oaklands , Cala.
Eachunn Dùghlach, Exeter , N. H.
L. Domhnullach. Portage la Peairie, Man.
M. Mac Laomuinn, Quincy , Man.
Calum Buchanan, Braidalbainn, P. E. I.
An t-Urr. E. MacLaomuinn, Grand Metis, Que
An t-Urr. I. R. Mac Leoid, Tir Aimhnichean,
Iain Mac-an-Tòisich, Oil-thigh Halifax, (50c)
Domhnull Boyd, Fraser ’s Mills, N. S.
Iain A. Domhnullach, Loch Bhlackett, C. B.
Seumas Patterson, Loch Bhlackett, C. B.
Coinneach Mac Rath, Loch Bhlackett, C. B.
Domhnull Mac Fhearghais: Caribou Marsh.
Aonghas Mac Leoid, Port Morien.
T. C. Mac-an-Tòisich, Malagawatch .
Aonghas Mac Cuish, Seann Bhridgeport.
Eobhan Mac Aonghais, Allt Dubh Mhria.
Seòras Mac Neacail, Cobh-a- Bheabhir.
Murchadh Moireastan, Sidni.
An t-Urr. M. A. MacCoinnich, Grand River.
Ruairidh Mac Philip, North Gut, St. Anns.
Domhnull Peutan, Leitches Creek, ( $2 .00)
D. I. Mac Leoid, Stirling ,
Alasdair Mathanach, Boulardarie Center.
Calum Gillios, Blue ’s Mills.
Aonghas Mac Gill-fhaollain, Stewartdale .
D. D. Mac Phàrlain, S . W. Margaree.
An t-Urr. Calum Mac Leoid, Ceap Nòr.
R. Mac Ille-mhaoil, Lorway Mines.
A. R. Mac Neill, Lorway Mines.
Calum Mac Neill, (Gobha), Reserve Mines.
Domhnull Mac Amhlaidh, Reserve Mines.
Aonghas I. Mac Neill, Gillis ’ Point.
Iain Mac Fhearghais, Port Morien.
Ullleam Domhnullach, Marion Bridge.
Iain Mac Leoid, Beinn-nan-Sgiathanch.
Aonghas Mac Fhionghain, New Canada.
Iain I. Mac Amhlaidh, Kennington Cove.
Calum Mac Philip. South Gut, St. Anns, 50c.
Gilleasbuig Mac-a- Phearsain, Glace Bay, 50c.
Calum I. Mac Leoid, Beinn Chain, 25c.
D. I. Domhnullach, New Glasgow, 25c.


Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires air son gach àm eile dhen bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.



[142]

[Vol . 4. No. 18. p. 6]

Litir a Lunnainn.

FHIR-DEASACHAIDH, —Tha mi creidsinn gum beil sibh a gabhail iongantais ri cho fads a tha sibh gun fhacal idir a dhluinntinn uam, ach a dhinnseadh na firinne dhuibh is ann a chionns nach robh naigheachdan sam bith agam gu thoirt dhuibh a bha mi cho fada na mo thosd. Chaneil ach gle bheag a dol air aghaidh a measg Gàidheil a bhaile so fad an t-samhraidh Aon uairs gum beil an lathafàs fada agus an aimsir blàth tha coinneamhan caidreamhach de gach seorsa air an leigeil mu lamh agus tha na h-uile neach aig am beil an cothrom a togal air a dh ionnsaidh na Gaidhealtachd agus a fuireach an sin fads a leigeas a dhleasnas leis. Ach a nise tha mhor chuid air teachd air an ais agus thatar a cur chùisean air dòigh airson coinneamhan a gheamhraidh a tha nise cho faisg oirnn.

Bha mi-fhein beagan sheachduinean anns an Taobh Tuath o chionn ghoirid, agus chaneil mi an duil gum faca mi an duthaich riamh coimhead ni bfhearr. Bha am bàrr gle mhath anns gach aite anns an do thaoghail mi. Ged a bha an samhradh gle thioram, teth, an Sassuinn cha robh e mar sin anns a Ghaidhealtachd. Nuair a bha sinne anns a bhaile so dlùth air a bhi air ar ròsdadh leas an teas agus ann an droch staid le gainne an uisge, bhaGhaidhealtachd air a beannachadh le frasan prìseil, urachail, agus an àm an fhoghair bha buil so ri fhaicinn air gach raon.

COMUNN GAIDHEALACH LUNNAINN.

Than Class Gaidhlig a bha air a chuir air chois leis a chomunn so o chionn beagan bhliadhnachan gu bhi air a chumail leo air a gheamhradh so ann an Oil-thigh an Righ agus aig a chiad choinneamh, seachduin bho maireach, tha Marcus Tullebardine, Oighre an Diuc Athollaich, gu bhi anns a chathair. Tha teaghlach Athoill airidh nir mor chliu airson gur iad an aon teaghlach de ard-uaislean na Gaidhealtachd a tha taisbeanadh an gradh do ar cainnt le bhi ga teagasg do gach neach den cuid cloinne. Chuala mi-fhein am Marcus ag radh gun robh e deich bliadhna dhaois mun robh e air a cheadachadh dha facal a labhairt an cainnt sam bith eile ach a Ghaidhlig. Than Class gu bhi air a theagasg am bliadhna mar a bha e roimhe so leis an Leighich Macilliosa agus Iain Mac Coinnich. Bhon a tha duil aca ri aireamh nis mo de luchd-ionnsachaidh air a bhliadhna so, bithidh iad air an cuideachadh le Iain Seoras Mac AoidhGaidheal og a dhionnsaich cainnt a dhuthcha anns a bhaile so fein.

Bha mi gle thoilichte fhaicinn an la roimhe bho chunntasan Fear-cumail Clar-cuimhne na Rioghachd, gur iad na siorramachdan sin ann an Albainn agus an Eirinn anns am tha den Ghaidhlig air a labhairt, gur iad sin na h-àitean anns an lugha gheibhtear de mhi-bheus agus de chionta. Nach iongantach an ni e gum faigh sinn na h-uiread de dhaoine leis am miann a bhi gan ainmeachadh fein air a Gaidhealtachd a tha aig a cheart àm a deanamh na dhfhaodas iad gu bhi cur as do chainnt aig am beil a leithid so de bhuaidh orrasan a tha ga cleachdadh.

CABAR-FEIDH.
23, 10, ’95.


Litir a Ontario.

FHIR-DEASACHAIDH: —Tha mi dol a thoirt ionnsuidh eile air sgriobhadh ugaibh, ged nach dthug sibh àite don litir mu dheireadh a sgriobh misan earrach sa chaidh. Tha mi làn chinnteach nach bann le tàir a dhfhàg sibh a mach i, oir tha fhios agaibh nach eil neach sam bith iomlan. ’S ni furasda coire fhaotainn do obair dhaoin eile. Tha e na chleachdadh aig cuid a dhaoine bhi ghnàthfaotainn coire don co-chreutairean, mar nach biodh fàillinn sam bith annta féin, —iad a feuchainn ri smuirnean a thoirt á sùil am bratharnuair tha sailnan sùil fein. Chuala mi iomradh air ball eaglais a bha ghnath afaotainn coire don mhinnisteir nach deanadh e searmon na bfhearr, ag radh gun deanadh e fhéin a cheart ceo math ris. Thainig so gu cluas a mhinisteir, agus latha de na laithean, chaidh e suas don chùbaid mar a bàbhaist, chunnaic e a charaid a bha faotainn coire dha shearmonachadh na shuidhe an ceann eile na h-eaglais agus thuirt e ris, “Iain mas e do thoil e, thig a nios don chùbaid agus dean an searmon air mo shon an diugh; chan eil misegam fhaireachdain fhéin gu math.” Ghabh Iain suas gu spalparra, thug e mach salm, agus an deigh a sheinn rinn e ùrnuigh; fhuair e air adhart gu math cho fad so. Thug e an sin a mach ceann-teagaisg, ach cha deach e fad air adhartnuair a stad e. “Gabhaibh mo leisgeul a chàirdean,” ars esan; “chan eil e cho furasda searmon a dheanamhsa bha min duil, thigibh féin a nios a mhinistir, mase ur toil e.” Bha Iainna shruthan fallnisnuair a chaidh e sios da àite-suidh, agus cha chualas gearain aig an duine chòir tuilleadh air searmoin a mhinistair. Sin mar tha moran dan t-sluagh; ’nuair a dhfheuchas iad ri rud a dheanamh iad fhéin, chan eil iad cho math air an obairsa shaoil iad.

Than samhradhs am foghradh air falbh, agus tha reothadh agus stoirmeannan a gheamhraidh a nis a teachd dluth oirnn, a toirrot bhaidh dhuinn a bhi deanamh deas air son a theachd, oir thig e nis luaithe na shaoileas sinn. Bha samhradh gle thioram againn an so air abhliadhna so. Bham bàrr glé ghoirid, agus tha biadh spréidhe gle ghann, oir chan eil leth an fhodair annsa bàbhaist a bhi ann. Than siol a tionndadh a mach fuasach math, agus agus tha gach seòrsa gràin saor. Than coircecreic air 20c us 22c am buiseil, cruinneachd air 50c us 55c am buiseil, peasair 50c. Tha fiar frasach gann, agus acreic air $15 us $20 an tunna agus fodar air $9 an tunna. Tham buntàta math agus mor; tha ecreic air son 25c am poca, 90 punnd. Cha robh measan sam bith againn air a bhliadhna so; thug reothadh an t-samhraidh a bhlàth bhar nan craobhan tràthsan t-samhradh. Tha frasan mòra sneachda againn air an àm a tha misgriobhadh so, ach tha dòchas math againn nach eil an geamhradh againn fathast. Cha dfhuair sinn am buntata bhuain air fad fathast.

Bha moran tinneis againn air an t-samhradh so. Chaochail mòran de dhaoine, sean agus òg, agus a réir coltais cha bhin ùine fada gus am bi tuilleadhgan leantuinn. Thainig moran de dhòigrìdh dhionnsuidh an t-saoghail mar an ceudna. Tha cuid eile a pòsadh, agus mar sin sios.

Chunnaic mi ainmean Iain S. Black agus AlasdairIc Calumain air an fheadhain a tha faotainn a MHAC-TALLAsa choimhearsnachd so. ’Se Mr Black Cléireach na comhairle(Township Clerk)againn ann am baile Ghlinneilg, oifig a lion e le mor-onair a nis o chionn choig bliadhna deug. Tha mi an dòchas gu faic mi pàirt de chuid sgriobhaidh anns aMHAC-TALLA mun teid moran ùine seachad. Agus bfhearr leam gum biodh am MAC-TALLA na mheadhon air bean fhaotainn do dhAlasdair, oir cha dfhuair e riamh fathast, ged is math an airidh air bean mhath e.

Tha mi smaoineachadh gu sguir mi



[143]

[Vol . 4. No. 18. p. 7]

air an àm so. Rachadh agam air tuilleadh a radh, ach tha e feumail beagan a ghleidheadh air son àm eile. Slàn leibh an dràsda, an dòchas gu bheil sibh féins ur cuideachd gu math, agus gu bheil àireamh a MHAC-TALLA a sior dhol am meud.

Is mi ur caraid,
IAIN MACILLEASBUIG.
Priceville , Ont., Oct. 20, ’95.


Am measg na feadhnach a thainig a nall á Albasa rinn dachadhean dhaibh féin ann an Canada, bha cuid anns an robh fior fhuil uasal. Tha fear Seumas Graham a fuireach ann an Toronto a thag agairt coir air an tiodal, Iarla Mhonteith; ann an siorrachd Ghlinn-Garraidh, tha fear a thag radh gur es ceann-feadhna do na Siosalaich; agus thatar a deanamh mach gu bheil ann an Ceap Breatunn cuid de dhoighreachan seann Mhorairean Lochabar.

Aig an àm-taghaidh mu dheireadh, bha duine àraidh a liubhairt òraid aig coinnimh mhòr ann am baile Pheairt agus feadhs a bha e labhairt dhfhosgladh dorus na Talla agus thàinig duine a steach a ghlaodh a mach ard a chinn. “An urrainn do neach sam bith an làthair fiach sia sgillinn de thùr a reic rium?” “Is urrainn,” thuirt an t-oraidear, “ach chaneil àite agad anns an cuir thu e.”

Bham bàrr glé mhath ann an riorrachd Ghlinn-Garraidh air an fhoghar so, agus tha na tuathanaich glé riaraichte leis. Bhuain Dughall Mac-a Mhaighstir, anns an Lagan, tri fichead buiseal cruinneachd á pàirce annsn do chuir e da bhuiseal, a dheich urad fhicheadsa chuir e.

Air an treas latha deug de dhOctober chaochail ann an Gleann-eibhis, Ont., Somhairle Mac Leòid, an duine bu mhotha bhann an siorrachdan Ghlinn-Garraidh, Stormont, agus Dundas. Bha e sia troidheam us naodh òirlich a dhàirde,

Anns abhliadhna 1835 bha seann duine còmhnuidh ann am baile Mhontrose dom dainm Seumas Grannd, a bha aig Blàr Chul-fhodair. Bha e aig an àm sin ceud agus ochd bliadhna a dhaois.

Than dàrna h-àireamh den phaipear ùr Albannach, The Fiery Cross,a mach. Tha ena phaipear gasda, agus chan eil teagamh nach soirbhich leis.


DR. T. C. MAC LEOID.
Faodar an Dotair fhaicinnna oifig anns an togalachs a bheilMoore & Johnstonri ceannachd, no aig a dhachaidh ann aSheerwood.”


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B


Dr. T. G. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.



[144]

[Vol . 4. No. 18. p. 8]

ORAN GAOL.

LE AILAIN M AC-A- LEITH.

LUINNEAG.
A Mhari mhiogach, mheallshuileach,
Cha treiginn fhin air cheannach thu;
Chan fheil mi sgith dhe dleannanachd,
Ge fada fuireach bhuait mi

Gur fada leam an ràidhe so,
Gun neach ri pris a ghàire rium
On dhealich luchd mo mhànrain rium,
S a dhfhag iad thar a chuain mi.

Mar bhradan boidheach mion-lannach,
S eleum air uisge liomharra,—
Tha Mari aluinn fhinealta,
S a dhfhag iad thar a chuain mi.

Do chùl donn dathte, camagach,
Nuair chireadh tusa mhaduinn e,
Sa ghrian, ag oradh dhathan air;
S gur fade thar do ghuallainn

Do ghruaidhean bòidheach min-dhearga
Mar ròs air chrannaibh fior-mhatha;
Sùil chorrach as glan lionadh,
S i fo mhala ghrinn gun ghruaman.

Gur binne guth na h-euchdaige
Na fiodhall theudn uair ghleusar i;
Mar iobhairi do dheudach
Is chan éisd thu ri fear-fuadainn.

Troigh gheal mar shneachdair dhùth-bharrach,
S gur socrach am bròig shùmhail i;
Is math a thig an gùn dhuit
Ann am fasan ùr nan gruagach.

Is tu mar eala bhàin, mhaisich,
A bhiodh air lochs na fàsaichean;
Gur fada tilgeadh deàrrsaidh thu
S do chruthcur àille snuaidh ort.

Is math a thig na làmhainnean
Air rìbhinn nam bas bàn-gheala,
Meur grinn thu air an t-snàthaid
S tu an seòmar árd afuaigheal.

Is tha thu aoibheil, iriseal,
Chan fhaicear fraoch no frionas ort.
Do ghaol chan fhàg mo chridhe-sa
Ge tric a dol thar cuain mi.

Tha fonn neo-throm ra fhaicinn ort,
Gur lionmhor conn an taice riut;
Gur h-aoibheil ri luchd-aineoil thu.
Cha leig thu falamh bhuait iad.

Tha rùn nan ceud gun fhios agad,
S cha léir dhuit e ged chithear e;
Do bheul cha deanadh miodal rium
Ged bhiomaid ann an uaigneas.

S e rìgh nan gaol a thàlaidh mi
S a chuir a taobhsainn Màiri mi;
Nuair shaoilinn a bhin gràin oirre,
S am bhithinn làn de luaidh oirr.’

Anns gach truaighe far am bheil athleasachadh comusach, biodh mi-fhhighidinn air a seachnadh, do bhrigh gum bheil i acall agus acaitheadh na h-ùine sin ann an gearainibh a bheireadh le buileachadh ceart an t-athleasachadh sin mun cuairt.


CLACHAN GHLINN-DARUAIL.

LE AONGHAS MAC-AN-FHLEISDEIR.

LUINNEAG.

Mo chaileag bhian-gheal, mheall-shuileach
A dhfhas gu fallain, fuasgaillt’,
Gur trom mo cheum on dhealich sinn
Aig clachan Ghlinn-Daruail.

Di-donhmich rinn mi chomhlachadh
Bean og as mhodar gluasad;
Thaguth mar cheol na smeoriche,
S mar a bhil an rois a gruaidhean.

Is caoin a seang shlios furanach,
Neo-churaidh a ceum uallach;
Tha gairdean ban gle chumadail,
S deud lurach na beul guamach.

S ro fhaicilleachna comhradh i,
Gun sgilm, gun sgleo, no tuialeas;
Gur flathailcoiseachd shraidean i,
Air bheagan stait no guaineis.

Ged bheireadh Seoras aite dhomh
Cho ardsa thameasg uaislean,
Air mfhacals mor a bfhearr leam
A bhin Coir’ -a-chnaimham bhuachill’.

O, ’s truagh nach robh mis mailleagan
Air airidhn cois nam fuar-bheann!
Bu shocair, seimh, a chaidilinn
S im achlais air an luachir.

Cha suaimhneas oidhchair leaba dhomh,
Ga tfhaicinn ann am bruadar;
S am Biobull fein cha laimhsich mi,
Gun tiomhigh ghraidh gam bhuaireadh.

Nuair bfhileantbriathra mhinisdir
A fiosrachadh mur truailleachd,
Bha misa coimhead durachdach
Na seircthad shuil neo-luaineach.

Ged shuidheas Cleir na tirr leam
S misgnobhadh dhaibh le luath-laimh,
S annbhios mo smuaintean diomhaireach
Air Sine dhuinn a chuach-fhuilt.

Achs eagal leam le mcheileireachd
Gun gabh an seisein gruaim rium;
Ged dhfhogradh iad don Olaint mi
Ri mbheo cha doir mi fuath dhuit.


Tha sguabadh nan stràidean acosg do bhaile-mor Pharis còrr us muillein dolairsa bhliadhna. Tha uisgeachadh nan stràidean, ged thatarga dheanamh air an dòigh as fhearrs as saoire ghabhas e, acosg ceithir cheud mile dolairsa bhliadhna. ’Se Paris fear de na bailtean as glaine air a chumail a tha air an t-saoghal.

Am deigh Blàr Chul-fhodair, fhuair na saighdeirean Sasunnach naoidh diag de Ghaidheil leòinte anns na coilltean mu thimchioll Taigh Chul-fhodair agus dhòrdaich Diùc Chumberland iad a bhi air am mortadh. Cha robh iad comasach air seasamh agus màr sin chuireadh iad ri taice agharaidh, agus loisg na saighdeirean orra gus an do thuit am fear mu dheireadh diubh.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean .

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite echudna.

titleIssue 18
internal date1895.0
display date1895
publication date1895
level
reference template

Mac-Talla IV No. 18. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page