[145]

[Vol . 4. No. 19. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 16, 1895. No. 19.


Beachdachadh.

Bha manach Turcach uair air turas, agus air dha bhi dol troimh fhàsach leis fhèin, thachair da cheannaiche air. “Chaill sibh càmhal,” ars esan ris na ceannaichean. “Chaill gu dearbh,” ars iadsan. “Bha e dall air a shùil dheas, agus crùbach air a chois chearr, nach robh?” ars a manach. “Bha, gun teagamh,” ars na ceannaichean. “Agus nach robh e air a lòdadh le mil air an darra taobh agus le cruithneachd air an taobh eile?” “Bha, gu cinnteach,” fhreagair iadsan, “agus on chunnaic thu e o chionn ghoirid, ’s gun do ghabh thu beachd cho sònruichte air, chan eil teagamh nach teid agad air ar seòladh far am beil e.” “A chàirdean,” ars am manach, “chan fhaca mise ur càmhal riamh, ’s cha mhò a chuala mi diog uime ach na chuala mi uaibh féin.” “Seadh, direach, ’s coltach an sgeul sin,” arsa na ceannaichean, “ach càitem beil na seudan a bha còmhla ris a mhils ris a chruithneachd?” “Chan fhaca mi aona chuid ur càmhal no ur seudan,” arsam manach. Air do na ceannaichean so a chluinntinn, ghlac iad e, agus ghreas iad leis gu breitheamh a bhaile a bfhaisge orra; ach an deigh a rannsachadh, cha dfhuaireadh ni aige a bhuineadh dhaibh-san, ’s cha mhò a fhuair iad bonn sam bith air fhaotainn ciontach de mheairle mo de dhinnse bhreugan. Bha iad adolga thoirt gu tagradh air son busdseachd, ’nuair a labhair am manach ris a bhreitheamh gu ciùin, stòlda, mar a leanas;— “Bha etoirt spòrs mor dhomh a bhigur n-éisdeachd, agus feumaidh mi aideachadh gu robh aobhar agaibh a bhi amhrusach dam thaobh; ach tha misefas sean, chuir mi moran de mùine seachad am aonar, agus theid agam air moran beachdachaidh a dheanamh eadhon ann am fàsach. ’Nuair a chunnaic mi lorg a chamhaildhaithnich mi gu robh e air chall do bhrigh nach robh lorg duine ri fhaicinnna chois. Bha fhios agam gun robhn càmhal air leth shùil a chionn nach robh e ag criomadh an fheòir ach air aon taobh dhen rathad; agus gu robh e crùbach a chionn nach robh dechasan adeanamh luirg cho domhain ri càch. Thuig mi cuideachd gu robh fiacail ga dhith, oir gach àite annsn do chriom e, bha badan dhen fhiar air fhagail slàn am meadhon gach greime. Agus a thaobh an eallaich a bhair, le amharc air àitesn do laidh e, dhinnis na seangain dhomh gum bu ghràn a bhair an darra taobh; agus na cuileagan gum bu mhil a bhair an taodh eile.”


A Framboise.

Is fada bhon a bha min dùil sgriobhadh ad ionnsuidh ach gus a so cha robh sin furasda dhomh. Cha robh moran naidheachdan agam ri innse dhuit co-dhiu; ach aon naidheachd mhath a thagam gu robh am bàrr feoir agus arbhair anabarrach math againn air an fhoghar so, agus cha robh am buntàta bho chionn àireamh mhòr bhliadhnaichean cho pailt. Cha do chuir an daolag dragh mòr sam bith oirnn an t-samhraidh ged a bha i glé sgriosach an àiteachan eile agus mar sin fhuair am buntàta cothrom ni bfhearr air fàs. Bhan t-iasgach glé mhath, fad an t-samhraidh, ach bho thoiseach an fhoghair bhan t-side car stoirmeil airson iasgach truisg, ach rinneadh glachdadh mor sgadain air na cladaichean, gu h-àiraid a mach a Fourchie. Chaneil prìs an sgadain ach iosal an dràsda agus thatar ga reic airson da dholair gu leth am barailte; chan eil moran buanachd aig an iasgair bhochd dheth mar sin, achs beag a shaoileas fear aig baile, ga gharadh ri éibhil sin. Bha na giomaich gu math pailt rim faotuinn fad an t-samhraidh, ach a phris na bisle na bha i bho chionn a dha no tri shamhraidh. Ach tha cuideachd a mhuinntir Nova Scotia atogail tigh mòr airson cuir suas ghiomach air a chladach so, agus chan eil teagamh nach bi a phrìs nas fhearr againn air an t-samhradh sa tighinn a thoradh air sin. Than George MacKenzie, an t-inneal cladhaich(dredge)a bha ri cladhach acarsaid Fourchie bho thoiseach an fhoghair an deigh laidhe suas airson a gheamhraidh; dhfhas an t-side gle stoirmeil air a son. Rinn iad obair mhath fhadsa bha iad ris agus tha iad an dùil gun tòisich iad a ris cho luathsa cheadaicheas an aimsir dhaibh air toiseach an t-samhraidh. Bha iad a glanadh air falbh meall mor de làthaichs de chriadh a chruinnich am beul na h-acarsaid tha micreidsinn ri linn Oisein, agus a bhacur grabadh mor air soithicheansair bàtaichean a bhiodh a dol a machsa steach. Tha iad an dùil sin uile a ghlanadh as agus a ris na h-aiteachan is ao-doimhne a stigh a chladhach nis doimhne; is mor is fheairrde i an sgùradh ud a thoirt dhi, agus bhatar abruidhinn air tigh-soluis a thogail aig a beul an uair a rachadh a cladhach. Ach chan eil cùram gun toir e moran soluis bhuaithe a cheud ghreis. Tha sinn gle riaraichte co-dhiù leis na fhuair sinn aig an àm.

Thatar gus Tormod Mac Asguill a chumail mar chomhairliche na trì bliadhna so fathast. Tha e nis uinfhadasan dreuchd sin, agus cho freagarach, tha sinn a creidsinn, ri aon duine dhfhaodamaid a thaghadh airson na dreuchd. ’S mar sin chan eil duine aruith na aghaidh. Ged a dhfhuiling e call mor le teine toiseach an t-samhraidh, cha robh a chothrom riamh a coimhead cho gealltannachsa tha en duigh.

Tha am ministeir againn, an t-Urr Calum Mac Leòid agus a baean, air chuairt am Boston an dràsda. Bithidh iad air falbh ceithir Sàbaidean. Chi e moran a dhòigridh Cheap Breatuinn, ’sa bhaile mhor ud, agus cuid mhath de dhòigridh a choimhthionail aige fhéin a bhios toilichte fhaicinnsa chluinntinn; ma gheibh e uireid caoimhneis uapa air an turas so sa fhuair en uiridhse bhios ann gun deònaicheadh e dhol ann na bu trice. Gheibh sinn searman na dha on Urr Mr Sinclair am feadhsa bhios e air falbh.

CEANN LIATH.
6, 11, ’95



[146]

[Vol . 4. No. 19. p. 2]

AN CEANNAICHE GLIC.

Tha lionmhorachd sluaighs an t-saoghal so a ta len giulan fein afireanachadh cosamhlachd an Stiubhairt eucoraich. Tha e air innseadh dhuinn gum bheilClann an t-saoghail son an ginealach fein nis glice na clann an t-soluis,” agus tha e ro fhior. Ceart direach mar sin bhan ceannaiche glic air am bheil sinndol a thoirt iomraidh, dam bainm Seumas Mac Uilleim Mhic Alasdair. Bha e a chomhnuidh ann an Garaidh-Mhuiltein far an robh buth mor, deagh thigh, agus teaghlach aige. Bha Seumas Mac Uilleimn a dhuine ro churamach, teoma, fad-sheallach, agus mar choimhearsnach bha iomadh deagh bhuaidh air. Bha e cairdeil, comunnail, coingheallach, agus ro thaitneach ann an comhradh. Bha e, gidheadh, ’n a nadur fein crion, spiocach, cruaidh, agus fein-speiseil, agus an deigh sin cha soradh e comain a chur air caraid, agus dragh nach bu bheag a ghabhail chum deagh ghniomh a dheanamh do neach sam bith a bhiodhn a eiginn. Cha chaomhnadh e saothar na coluinn chum neach a riarachadh, ged nach bu mhaith leis aon sgillin ruadh a chur mach chum neach a theasairginns an sgailc as mo. Bu cheannaich e ann an aon de na h-Eileanaibh ann an aird-an-iar na h-Alba. Bha buth mhor aige ann am meadhon na sgireachds an drugadhs a thogadh e. Cha robh ni, ach beag, fon ghrein nach faighteadh ann am buth Shaumais Mhic Uilleim. Bha i mor, farsuing, le seomar-cuil, agus le seileirean, agus ionada-tasgaidh air an deanamh gu h-iosal fon urlar. Ceithir thimchioll bha sgeilpichean air an caramh gu riaghailteach, agus air an suidheachadh aig astairean freagarrach o cheile le laimh innleachdaich Sheumas fein. Cha robh ionad falamhs an tigh air fad. Bha gach cuil agus oisinn air an cur gu deagh bhuil. Beiginn don chuis a bhi mar sin, do bhrigh gun robh bathar de gach uile sheorsas a bhuth; —seadh, eudaichean de gach gne, agus gach sgeudachadh a bha feumail don duine obharr gu bonn, on bhoineit gu broig, —gach nin aon fhocal, air son fir no mna, a thaobh an cinn, an cosan, no an coluinn. Bha leann-laidir, leann-caol, portair, fion-geal agus dearg, beoir-dhubh, —spiorada de gach seorsa, —aran, im, caise, ti, suicar, coffi, —obair-iaruinn, agus mar sin sios, ann am buth Sheumais. Cha robh seachduinns abhliadhna anns nach robh Seumas afaotuinn luchd nan carn de bhathar bog agus cruaidh as an taobh-deas, agus gach seachduin bha ecur moran a mach, cuid air chreideas, agus cuid air son airgid ullaimh. Ge be ciod a bhiodh a dhith air duine, bha e cinnteach gun riaraicheadh Seumas Mac Uilleim e. Re aireimh bliadhnaichean bha gnothuichean asoirbheachadh gu grinn, taitneach le Seumas, ach mu dheireadh thainig atharrachadh air cuisibh. Dhfhas na h-amanna cruaidh. Thog bochduinn a ceann am meag an t-sluaigh. Bha moran diubh gu trom air an saruchadh, agus cha robh iad aseasamh an creideis, nocumail an geallanna ris acheannaiche mar anns na bliadhnaibh a dhfhalbh. Chaneil teagamh nach dthug an airc as an eiginn caochladh mor air nadar nan Gaidheal bhochda. Cha robh e idir co furas doibh creideas a chumail riusan an robh iad adeanamh an gnothuichean fein, agus dhfhas iad achuids a chuid nis caoin-shuaraiche air an dleasnas a dheanamh air an doigh sin. Ged a chitheadh an Ceannaichte Glice, mar a theireadh iad ris, ceart co fada troimhn cloich-mhuilinn ri duine sam bith eile, gidheadh, beiginn da moran a thoirt air dail, agus dhaindeoin a chrionntachd agus a churaim, bha corr is mile punnd Sasunnach a mach aige, agus dhfhairtlich air ach neoni fhaotuinn a stigh dheth. Ghnathaich e gach innleachdn a chomas chum greim fhaotuinn air na fiachaibh aige, ach fathast cha deachaidh achuis leis. Dhfheuch e ri sodal, ri miodal, agus ri cainnt chiuin, thla, ach cha deanadh sin an gnothuch. Bhagair e, an sin, ceumanna cruaidh a ghabhail, agus mhaoidh e an lagh orra, ach cha robh gnothuichean idir ni bfhearr, ach moran ni bu mhiosa. An sin, bhan ceannaiche bochd ann an cruaidh sgailc; chan e nach robh gu leoir aige, oir rinn e na miltean, ach bha a chridhe air a shuidheachadh gu teann air na fiachan a bha aige a mach, agus cha robh sin idir iongantach, oir co nach bitheadh? Mu dheireadh cha robh efaotuinn codal na h-oidhche. Bha edol don leabaidh ach cha dhunadh e suil. Bha e aluasgadh a nulls a nall, ag eirigh agus aluidhe, acaoidh agus ag osnaich, an uair a bha gach neacheiles an tighn an suain. Bha eagal air a chairdibh gun rachadh e as a rian. Bha na h-uile acur beachd air achaochladh a thainig air Seumas Mac Uilleim. Bha cuid fo bhron air a shon, agus bha cuid eile caoin-shuarach ma thimchioll. Be sin direach cleas an t-saoghail. Mu dheireadh thainig innleachdn a inntinn, agus smuainich e nan rachadh aige air a cur an gniomh, gum biodh gach ni ceart maille ris fathast. Ach a chum gun tuigear an innleachd so, feumar na meadhonan a mhìneachadh trid an do chuireadh an gniomh i.

Bha leth-sheann bhoirionnach dam bainm Seonaid Nic Ruairidh, a fantuinn ann an bothan beag mar mhile astair o thigh acheannuiche. Bha Seonaid luaineachn a nadur, agus agabhail mor-thlachd ann a bhitaoghal air na h-uile, afaotuinn agus agiulan gach naigheachd fon ghrein. Chuireadh i deagh chaoin air gach comhradh, agus dhaithriseadh i gach ur-sgeul le deagh riadh ann an cluasaibh gach neach a bheireadh eisdahchd dhi. Cha burrainn Seonaid ni sam bith a chealachadh a chluinneadh i, ged a bhiodh e chum dochuinn dhi fhein. Bha da phunnd Shasunnach agus corr beag aig acheannaich air Seonaid, ach gedbha e cinnteach as an airgiod aice, aig am sonraichte anns am babhaist di cordadh ris, gidheadh bi Seonaid an t-inneal trid an do steidhich e air an inleachd aige a chur an gniomh.

Air la de na laithibh thainig Seonaid a stigh don bhuth, agus chuir i failt air Seumas Mac Uilleim, aig an robh dha no tri litrichean mora, agus co fada ri broign a laimh. “Failt ort an diugh, aSheumaisarsa Seonaid, “Ubh! ubh! is mor na litrichean a thagad an sin, chan fhac mi an leithid riamh. Chan fheud e bhi nacheil naigheachdan an t-saoghail annta sin a thaobh am meud.” — “Chaneil, a Sheonaid choir,” deir an ceannaich, “ach tha naigheachdan gle thaitneach annta dam thaobh fein, ach chan fheud mi smid a radh mun timchioll car uine, chan fheud, —chan fheud,” — “Od! Od! a Sheumais choir, na abair sin idir; tha deagh fhios agad nach mise na h-uile te, agus nach sgaoil mise na naigheachdan agad fhads is beo mi, —innis domh, a charaid, ciod a thann, —innis domh, oir tha fios agad gum bheil deagh dhurachd agam duit, agus nach tig mi thairis air smid dheth ri neach fon ghrein.” — “Chaneil mi air son sin a dheanamh idir, aSheonaid, chaneil gun teagamh, ach do bhrigh gum



[147]

[Vol . 4. No. 19. p. 3]

bheil mi gle eolach ort, agus gum bheil mi lan-chinnteach nach innis thu do chreutair air thalamh e, leigidh mi ris duitse na cuisean mum bheil na litrichean so air an curn am ionnsuidh; ach feuch, a bhan-charaid, gun cum thu an uaigneas e. Tha fios agam, a Sheonaid, gum bi thu anabarrach toilichte a chluinntinn gum bheil mise a nisn am dhuine saibhear, oir tha na litrichean so acur an ceill domh gun dfhagadh miltean gun aireamh anns na h-Innsibh dhomhsa, le brathair athar domh a chaochail an sin. Uime sin, bheir mi gun dail thairis abhuth, ceannaichidh mi oighreachd fearainn, agus gabhaidh mi an saoghal gu socaireach tuille. Ach, aSheonaid, chum innseadh dhuitse nach aithris e, cuiridh mi an ceill dhuit ciod a tha micur romham a dheanamh. Tha moran fiachan agam a mach, aSheonaid, tha na miltean, ach chaneil annta ach neoni dhomhsa a nis. Tha mi dol a mhaitheadh nam fiach sin do na h-uile mar thiodhlac deagh ruin uam fein, ach feumaidh iad an toiseach am paigheadh, agus an ceann miosa an deigh sin, bheir mi do gach neach gach sgillin diubh air ais a ris, an uair a thig iad an rathad. Ach, air na chunnaic thu riamh, aSheonaid, na tig air so do neach sam bith, oir chaneil mig iarraidh a bhig eigheach aig oisinnibh nan sraid an gniomh beag so, a tha micur romham a dheanamh. Faiceam do chunntas beag fein, a Sheonaid, —tha es an leabhar so, —seadh, —so e, —direach da phunnd is sea tasdain. Chaneil ann nach neoni. So dhuit, aSheonaid choir, tri puinnd Shasunnach, agus gearraidh mi mach as an leabhar thu. Ni mi an cleas ceudna ris na h-uile, an uair a dhiocas iad na fiachan aca, agus a thaoghlas iad orm an ceann mhiosa an deigh sin; ach, mar a thubhairt mi, a Sheonaid choir, cumso uile agad fein.” Dhfhalbh Seonaid gu surdail, sunndach leis na tri puiund Shasunnachn a dorn, agus mun deachaidh i dhachaidh, chaidh i do thri aitean fa leth le gairdeachas a dhinnseadh mun fhortan a thainig air Seumas Mac Uilleim, agus mar bha erunachadh a dheanamh riluchd-fiach! Is maith a bha fios aig acheannaich ciod a dheanadh Seonaid, agus gum biodh an naigheachd air a sgaoileadh am fads am farsuing mun rachadh da la seachad. Ach a nis, chum an sgeul a dheanamh goirid, shoirbhich gach ni leis an innleachd so a dhealbh an ceannaich. Bhabhuth aig Seumas Mac Uilleim Mhic Alasdair lan sluaigh gach la an deigh sin, agus gach neach ag iocadh nam fiach air muin acheile gu toilichte, agus agabhail na slighe dhachaidh. An uair a chualadh an sgeul, agus gu sonraichte an gniomh cairdeis a bhan ceannaich gu dheanamh, rinn gach neach air an rohh fiachan aige strith chruaidh air an airgiod a chruinneachadh, le bhig a ghabhail an iasad, agus le innleachdaibh eile, gus mun deachaidh mios uine seachad, nach robh sgillin ruadh aig Seumas Mac Uilleim air anam beo! Ach feudar a smuaineachadh gum bu mhor mealladh-dochais nan uile, an uair nach cualas riamh guth air an airgiod fhaotuinn air ais. Cha robh greim no gealladh aca air, agus cha dfhuair an ceannaich ach a dhlighe fein. Gidheadh cha drinn e gu ceart, agus cha ruigeadh e leas duil a bhi aige gum biodh beannachd an Fhreasdail air fein, no air achuid. Cha robh treibh-dhireas no firinn anns an innleachd a rinn e. Cha robh idir. Ghnathaich e seoltachd an Stiubhairt eucoraich, agus le sin ghlac e an cothrom gu buannachd a dheanamh á faoineachd agus miann boirionnaich ghoileamaich, chum a ruinte fein a chur air an aghaidh. Rinn e an ni sin a bha peacach ann fein chum a leas aimsireil fein a chur air aghaidh. Cha bfhad gus an dfhuaradh a mach an innleachd eucorach aige, agus mar dhioghaltas air a shon, rinn muinntir na duthcha air fad an cinn a chur ra cheile nach ceannaicheadh iad ni sam bith tuilleadh á buth Sheumais Mhic Alasdair. Ni mo a rinn iad. Sheas iad uile gu daingean anns an run so, agus chaidh am bathar aig acheannuich a chuids a chuid a dholaidhn a bhuth. Beiginn da mu dheireadh an dorus a dhunadh, agus air da a bhi air a mhaslachadh ann an sgireachd a bhreith dhfhag e an duthaich, thug e na talmhainnean a mach air, agus cha chualas riamh iomradh air ciod a dheirich dha.

SGIATHANACH, ’sa Ghaidheal.


AN DOIGH AIR SEARMON A DHEANAMH GOIRID. —Thug seann mhinistear ann an siorrachd Bhaniff cuireadh do mhinisteir òg a bha air teachd a mach á colaiste air son a cheud shearmon aliubhairt anns an eaglais aige féin air an ath Shàbaid. Anns a mhaduinn air an rathad don eaglais dhfheòraich an seann mhinistear dhen t-searmonaiche òg, “De cho fadsa bhios an searmon agad, a Sheumais?” Be am freagradh a fhuair e, “Mu thiomchioill tri chairteil na h-uarach.” “Hut! Hut! Cha dean sin an gnothach,” arsa an seann duine; “tha coinneamh seisean ann an deigh na seirbheis, ’s bidh na daoine air bainidh ma bhios iad ro fhada gun faighinn dhachaidh gun dinneir; feumaidh tu a dheanamh nis giorra.” Fheagair an duine òg, “Tha e agam an so, ’s chan urrainn mi dheanamh aon chuid fada na goirid; feumaidh mi thoirt seachad direach mar a tha e.” Bha sùil aig an t-seann mhinistear beagan fhacal a radh aig toiseach na seirbheis, ach air eagal ùine chosg cha dubhairt e dad. ’Nuair a bha an t-seirbheis seachadsa thainig an t-òganach a nuas as achùbaid, chuir an seann mhinistear a làmh air a ghuallainn, ’s thuirt e ris; “a Sheumais innsidh mise dhuit gu de ni thu ris an t-searmon ud; glaodh a h-uile da dhuilleag dhe richéile; ni sin gu math nas giorra e, agus cuiridh e iongatas mor ort cho beag sa ni e do eadar-dhealachadh na bhrigh.”


STAD GUN SGUR. —Bha ena chleachdadh aig seana bhean uasal Albannach a bha fuireach fada bhon eaglais a bhidol a dhionnsaidh na seirbheis ann an carbad. ’Nuair a shaoileadh an carbadair gun robh an searmon gu criochnachadh, ghoideadh e mach gu sàmhach air son an carbad fhaighinn deas. An deigh an carbad fhaighinn aon la, thill e gu dorus na h-eaglaiss bha e dol mun cuairt gusn do ruith e mach á foighidin. ’Nuair a bha e seachd sgith a feitheamh, chuir echeann a stigh air an doruss chual e am ministear a seanachas cho trangsa bha e riamh. Shnàig e sios gu suidheachan a bhan-mhaighstir, ’sa sanais rithe dhfheòraich e dhi, “Am bheil e deas fhathast?” Bha a bhean uasal i féin an deigh ruith a mach á foighidin o chionn fhada, ’sa tionndadh gu feargach ris fhreagair i air chor as gun cluinneadh gach neach a bha faisg orra i, “Deas! bha e deas o chionn corr as leth uair, ach cha do stad e fhathast!”



[148]

[Vol . 4. No. 19. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, NOBHEMBER 16, 1895.

Tha sgeul bhrònach a tighin air an t-seachdain so á Jamaica, fear de dheileanan nan Innsean a Niar. Tha sgireachdan den eilean anns am beil an sluagh an imis bàsachadh le gort. Toiseach an t-samhraidh so chaidh, cha do shil na h-uisgeachan àbhaisteach, agus air tàilleabh sin cha do dhfhàs am bàrr, agus an nise tha mu shia mìle dhen t-sluagh an cunnart bàsachadh leis an acras Tha gach ni cho gann ris a bhiadh; tha sgireachdan anns nach fhaighear duine bean no pàisde aig am beil bad de dhaodach slàn. Tha na naigheachdan a tha daoine tha dol air feadh an t-sluaigh ag innse glé mhuladach. Ach tha uisgeachan briagha a sileadh a nise, agus ma nithear cuideachaidh leis na daoine bochda an dràsdas chan eil teagamh nach dianar sin, chan fhada gus am bi iad ann an suidheachadh nis fhearr.

Tha geur-leanmhuinn agus sgrios nan Armenianach adol air adhart gun lasachadh. A dhaindeoin gach gealladh a tha Sultan na Tuirce a toirt do rioghachdan na Roinn Eòrpa tha e coltach nach dthug e fathast oidhearp sam bith air an obair fhuileachdach a chasg. Cha robh an Turcach riamh leisg air a dhol an cois fhacail, agus ged nach toireadh e an ionnsuidh bu lugha air a ghealladh a choi-lionadh anns achùis so, cha chuireadh e ioghnadh sam bith orrasan a tha eòlach air a dhòighean. Tha fiosan a thainig as an àirde near air an t-seachdain so ag innse gu robh, a reir barail dhaoine aig am bu choir deagh fhiosrachadh a bhi, deich mile de shluagh bochd Armenia air an cur gu bàs le saighdearan na Tuirce o chionn mios, agus gu bheil mu dha cheud gu leth mile ann an cunnart bàis le gorta air an àm so, air tailleabh an léir-sgrios a tha na murtairean an-iochdmhor sin air a dheanamhsan dùthaich. Is Criosduidhean a mhor chuid de shluagh Armenia, agus chan eil e idir ao-coltach gu bheil rn t-Impire Turcadh. le fuath don creidimh, suidhichte air cur as daibh gu buileach. Ach chan urrainn do na rioghachdan eile a leigeadh air adhart moran nis fhaide; mur dean e na tha iad ag iarraidh air, agus sin gun dàil, bheir iad leasan dha as fheaird e an ùine glé ghoirid.

OIGHRE NAN STIUBHARTACH. —Fhuair sinn pasgan da phaipearan beaga á Lunnuinn o Mhiss Iosephine M. Nic Dhomhnuill, na Ceapaich, anns am beil i toirt dealbh, agus cunntas goirid air beatha, “Oighre nan righrean Stiùbhartach.” Chan eil teagamh nach eil moran gun fhios gu bheil a leithid ann. ’Ses ainm dha, Prionnsa Rupert mac do Prionnsa Bhavaria, agusse an t-siathamh glùn o righ Tearlach I., tre a nighean bu shine. Tha e sia bliadhna fichead a dhaois, agusna oifigeach anns an arm am Bavaria. Tha e na dhuinòg a tha glé ghealltanach, agus fior mheasail aig gach aon a chuir eòlas air.

OIDHCHE SHAMHNA. —Bha coinneamh ghasda aig Gàidheil New York air oidhche shamhna. Bha Mr. Niall Dnmhnullach, ceann-suidhe a Chomuinn Ghàiligsa chathair, agus rinn Domhnull Mac Mhuirich òraid Ghàilig a toirt iomraidh air cleachdaidhean na samhuinn. Labhair fear no dithis eile air a bhonn cheudnasa Bheurla. Bha na h-uiread de dhòrain Ghàilig air an seinn, agus bha piobaireachd agus dannsan Gàidhealach aca. Tha buill a chomuinn so a réir coltais a leantuinn gu dlùth ri cliù an sinnsir.

Bha tuiltean mora ann an cearnan den Fhraing toiseach na seachdain so. Bha uisge trom a sileadh fad da latha, agus chuir moran de na h-aimhnichean thar am bruachan. Bha aon amhuinn annsn do dhéirich an t-uisge naodh troighean. Rinneadh call mor leis an uisge, ach cea chuala sinn gun do chailleadh beata idir.


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, thoir e gu
RHODES & GANNON.
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c. Mainspring , 75c.An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


AChoisir ChiuilOrain Ghailig.

Than leabhar ciùil Gàilig so air a chur a machna thri pàirtean. Tha 62 de dhòrain bhinn, bhlasda nan Gàidheal ann, seann òrain agus òrain ùra; 21 oransa cheud Phairt, 21san darra Pàirt, agus 20san treas Pàirt. Than ceòl, (Tenor , Alto, Soprano,agusBass) ann mu choinneamh gach òrain. Tha sinn air son àireamh mhor de na leabhraichean so a thoirt seachad dhaibh-san a geobh luchd-gabhail ùr don MHAC-TALLA. Tha fhios againn gu bhail moran ann a chuireadhga iarraidh nam biodh cuid-egin ann a ghabhadh an t-airgead bhnathasa chuireadh air adhart e. Cuiridh sinn aon Phàirt, den Choisir-chiùil gu neach sam bith a chuireas ugainn ainm agus dolair aon fhear-gabhail ùr, agus cuiridh sinn na tri Pàirtean gu neach sam bith a chuireas ugainn da ainm ur agus da dholair.



[149]

[Vol . 4. No. 19. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Chaidh fear Seumas Smith a thachdadh ann an St. John, N. B., an la roimhes eg itheadhorange .

Chaidh soitheach seolaidh air na creagan faisg air Digby ris an storim a bhann air an t-seachdain sa chaidh, agus chailleadh gach duinne bhair bòrd.

Mharbh Ailein Mac Leoid, aig anInternational Pier,muc an la roimhe, aois tri miosan deuga gu leth, agus thomhais i ceithir cheuds tri fichead us seachd puinnd deug.

Tha paipear á Nova Scotia ag innse gun do bhuain nighean faisg air Annapolis leth chàrt de shuidheagan da lathan deigh a chéile o chionn ghoirid. Chan eil sin dona don dùthaich fhuar so.

Chaill fear Iain Somers a chas le sgiorradh anns a mhèinn a tuath air an t-seachdain sa chaidh. Chaidh an carbad-smùide thairis oirre, ’ga pronnadhsga gearradh cho donas gum bfheudar a toirt dheth.

Tha Dior-daoin sa tighinn air a chur air leth le riaghladh na dùthcha air son Latha Taingealachd. ’S abhaist don latha sin a bhi air a chumail anns an dùthaich so gu riaghailteach na h-uile toiseach geamhraidh.

Bhuail da charbad na chéile aigWindsor JunctionDi-ciaduin air an t-seachdain sa chaidh, agus chaidh dithis dhaoine a dhroch leònadh. Bha ceò ann aig an àm agus chan fhaca fear-stiùiridh an darra carbaid an carbad eile.

Tha fear Dicks ann an Toronto aig cùirt, ’s air fhàgail air gun do chuir e a thigh fhéin na theines a bhean na bhroinn. Chaidh a bhean a losgadh gu bàs. Thatar adeanamh a mach gun drinn e so air son airgead-urrais a bha air a beatha fhaotainn.

Than t-side afàs fuar, ach a cumail glé bhriagha. Tha a chuid eile de Chanada ateannadh ri dùldachd a gheamhraidh, ach cha burrainn do Cheap Breatunn geamhradh a radh ris na thainig cho fad so. Cha dthainig ach fras no dha de shneachda fhathast. Ach chan eil eagal sam bith oirnn nach tig e.

Chaidh Domhnull Mac Aonghais, á Baddeck Mhor, a thoirt don ospidal ann aHalifax air an t-seachdain sa chaidh, Mar a thug sinn iomradh roimhe, chaidh a ghoirteachadh le tuiteam á carbad, agus tha e coltach gu robh e air a ghoirteachadh ni bu mhiosa na bhatar an dùil an toiseach.

Thatar an deigh mèinnn ghuail fhosgladh air cladach an ear Newfoundland. Gus a so cha robh fhios gu robh leithid ri fhaighinn air an eilean idir, agus bha muinntir St. Johns a toirt an cuid guail á Ceap Breatunn. Chan eil teagamh nach cum so air ais malairt guail an eilean so ann an tomhas beag, achs math an ni do Newfoundland gu bheil gual air fhaotainn ann, oir ni e cuideachadh mor leis an t-sluagh bhochd, a bha roimhe so cha mhor gu h-iomlan an earbsa ris an iasgach air son teachd-an-tir.

Dhfhalbh soitheach, an Eva Maud, le luchd guail á Sidni Tuath o chionn faisg air mios air a turus gu St. Johns Newfoundland, agus cha chualas guth oirre uaithe sin. Dhfhalbh àireamh de shoithichean as a phort cheudna mun aon àm rithe so, agus rainig iad an ceann-uidhe gu sàbhailte. Chan eil teagamh nach eil i air a call.

Chaidh pairt de luchd soithich de stuth làidirs de thombaca a ghlacadh ann an Cheticamp toiseach na seachdain. Thainig e áSt . Pierre,agus chaidh a chur air tir gun e dhol an còir tigh-cuspuinn. Chaidh fiach sia ceud dolair a ghlacadh, agus tha pairt den luchd nach dfhuaradh fhathast. Tha moran den obair so a dol air adhart.

Chunnacas an nathair uisge aon uair eile! air an turus so an ear air Scatarie. Chunnacas i le triùir iasgairean, agus cha robh i ach mu leth-cheud slat uapa. Chan fhaciad ach pàirt di, ach na chunnaic iad bha e mu fhichead troigh a dhfhad, agus eadar ceithirsa coig a throighean a ghairbhead. Thainig a chuid sin dhith air uachdar an uisge a dha no tri dhuairean, ach chan fhac iad a ceann idir.

Cha robh cho beag de rionnach air a ghlacadh o chionn iomadh bliadhnasa bha air abhliadhna so. Tha na soithichean Geancach a bhaga iasgach fad an t-samhraidhs an fhoghair, air a dhol dhachaidh agus chan eil ach gle bheag aca air son an saothair. A bharrachd air an t-iasg a bhi gann air a bhliadhna so, bhan t-side glé stoirmeil, agus cha robh cothrom ceart air iasgach a dheanamh.

Than fhactoridh bhròg ri bhi air a cur air obair ann an Sidni Tuath a rithist. Bha i air a dùnadh air an earrach sa chaidh: cha robh i a pàigheadh na feadhnach leism bu leis i. Ach tha cuideachd ùr air agabhail os laimhs tha iad an dùil a bhi uidheamaichte air son tòiseachadh an ùine gun bhi fada. Bhan fhactoridh so adeanamh deagh bhrògans an àm a bha ig obair roimhe, agus chan eil teagamh nach dean i a cheart cho mrth an deigh so. Bidh i na meadhon air moran airgeid a sgaoileadh air feadh a bhaile.

Di-màirt sa tighinn bidh muinntir na siorrachd so agus gach siorr eile achd an Nova Scotia, a taghadh luchd-comhairle air son nan tir bliadhna tha tighinn. Chan eil iad idir gann a thag iarraidh na h-onair a bhisa chomhairle; cha mhor gu bheil àite anns nach eil dithis no triùir ag iarraidh a stigh. Tha sinn an dòchas gun tagh an sluagh na daoine as glices as earbsaiche tha nam measg anns gach àite oir tha e gle iomchuidh gum biodh riaghladh gach siorrachd air a chur ann an lamhan nan daoines fhearr a ghabhas faotainn innte.


Posaidhean.

Ann an Sidni, air an t-seachdamh latha dhen mhios so, leis an Urr. I. F. Forbes, Alasdair Mac Leoid (mac Ailein,) aig anInternational Pier,us Sine Nic-a- Ghobha á Pictou.


Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadhan so, rin creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.


Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na BliadhnUires air son gach àm eile dhen bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.



[150]

[Vol . 4. No. 19. p. 6]

Oilean na h-Inntinn.

Anns na linntean so againne tha a chuid is dar n-eòlas asruthadh bho Leabhraichean. Gun teagamh sa bith tha leabhraichean ro fhéumail chum ar cuideachadh gu ruigsinn air eòlas, agus ann an tomhas mòr gus gach ealain agus fòghlum tarbhach a chur an cleachdadh, ach chan iad air alt sa bith prìomh thobraichean no tobraichean nàdurra ar n-oilein, agus a reir mo bheachdsa, tha an éifeachd ealamh gu bhi air a meas s achòir eadhon anns na meuraibh eòlais sin anns an saoilteadh nach biodh e comasach deanamh as an éugmhais. Cha bhuin daibh cumhachdan cruthachaidh ann an seadh sa bith: chaneil annta ach cuideachaidhean, innealan, buill-acfhuinn; chaneil annta ach buill dheanta, air an cur riuthasan a bhuilich roimh-òrduchadh glic aChruithfhir oirnn; tha iad mar na gloineachan-fad-sheallach agus na gloineachan-méudacheidh a tha chum mòr chuideachaidh ann an cùrsa ar rannsachaidh le bhi afoillseachadh iongantasan do-bhreathnaichte, ach nach bu chòir air chor sam bith ar mealladh gu bhi acur ar sùilean fein ann an neo-shuim no adearmad a bhig an cleachdainn. Chan iad leabhraichean prìomh thobraichean no tobraichean àraidh ar n-eòlais, ach beatha, cleachdadh, beachdachadh, faireachdainn, agus gnìomh. An uair a ghabhas duine mach leotha sin faodaidh leabhraichean iomadh bealach a lionadh suas, mòran a tha gann a chur am farsaingeachd; ach as eugmhais cleachdaimh beò mar bhlàr-oibre chaneil leabhraichean ach mar dheàrrsadh gréine agus mar fhrasan uisge atuiteam air talamh cruaidh, glas, anns nach deachaidh crann. —Prof . Blackie.


Beachd nan Hinduach.

Anns achunntas bheag leanas tha iomradh, a réir aon bhuidhean a measg nan Hindùach, air na firinnibh freumhail air am beil an creideamh aca air a bhonntachadh. Chaneil fhios nach robh beachdan am measg nan seann Ghaidheal nach robh mòran ni bfhearr.

Tharruing Bràm a mach ás féin triùir dhée eileBràmàBhishnuagus Shìbha. ’S iad so Trianaid aidmheil nan Innsean: ’N a dhéigh sud thug Bràm a mach ugh mòr! Do bhroinn an uighe ud chuir e sìol gach ni cruthaichtebha na saoghails an ugh ann am pòragus maille riutha chaidh Bràmàceud phearsa na Trianaid.

Dhfhan Bràmàsan ugh fad ceithir mìle agus trì cheud muillion de bhliadhnachaibh.

Bobair dha na h-ùine ud, a bhicur beatha agus cinneis anns gach gné phòir a bhanns an ugh, gus an dthàinig gach ni gu fhìor chumadh.

Fad nam muillionnan bliadhnud bha an t-ugh asnàmh mar bhuilgean air aghaidh nan uisgeachan sìorruidhasìor fhàs ann am meudagus adearg-lasadh le lainnireachd mìle cuairt nis dealraiche na ghrian ann a làn neart! !!

Fadheòidh sgealb an t-ugh, agus thàinig Bràmà a mach áphrìson air uigheamachadh le mìle ceann, mìle sùil agus mìle làmh!

Chab iongantas idir e bhi làidir, geur-sheallach agus glic.

As an ugh thàinig a mach mar an ceudna ni iongantachdealbh nuadh nach facas riamh, roimhe. Ciod so? An cruinne-ce-glòrmhor agus iongantachan cruinne- ullamh agus uidhimichte mar a nis, le a shaoghail, a ghréin, a ghealaich, agus a reultain.

Their luchd mineachaidh na beachd so gur e Bràm fèin an cruinne-: Bràm, chan e Bràmà.

S iad na luibhean agus craobha na frìthe, maille ri neòil nan speur, folt a chinn; ’s iad na dealanaich fuilteine fheusaig; ’s e an t-àile anailsanaguss e a ghuth na tàirneanaich.

S iad aghrian agus aghealach a shùileanna h-aimhnichean a chuisleanna creagan iongannaagus cnàmhan a chuirp na beannta mòra?

Thàinig ceithir saoghail dheug a mach ás an ugh; bha seachd dhiubh maith agus uile olc; ach anns an aon eile bha olc agus maith measgaichte— ’s e so am fears am beil againne ar còmhnuidh. Tha sea dhiubh os ar ceann, agus seachd fodhainn. Anns an t-seachd iochdrach tha còmhnuidh aig gach creutair olc agus gràineil: agus ann an t- as àirde na sinne tha ionada-còmhnuidh nan .


Chan iad na nithe a ta sinn a sealbhachadh, no na nithe nacheil sinn asealbhachadh a mhéudaicheas, no a lughdaicheas ar sonas féin. Is e bhig iarraidh barrachd na tha againn, agus a bhigabhail farmai driusan aig am beil barrachd, a ta milleadh sith ar n-inntinn, agus atarruinn truaigh oirnn mu dheireadh.

LOCH MEGANTIC: —Tha fear der luchd-leughaidh, Domhnull Mathanach asgriobhadh ugainn as an àite sos ag radh gu robh am bàrr aca air an fhoghar so trom agus glé mhath. Bha mu òirleach de shneachda air an talamh an latha sgriobh e, an t-siathamh latha fichead de dhOctober. Tha moran de Ghàidheil air an suidheachadh thimchioll Loch Megantic. Tha i ann am mor-roinn Chuibeic, seachd fichead milesa ceithir deug an ear air Montreal, air an rathad iaruinn (C. P. R.) agus mu cheithir mile deug on chrich eadar Canada agus na Stàitean.

UIDHIST. —Tha an t-uachdaran a tha air Uidhist a chinn a tuath aig an àm so, mas fior na tha na paipearan-naigheachd a fàgail air, a feuchainn ri bhi na dhuine anabarrach cumhachdach. Is Sasunnach e don ainm Sir Iain Orde. Air reir achùnntais a tha sinnefaotainn air, tha ena uachdaran a tha glé chruaidh air na daoine bochda. Tha fear-lagha don ainm Wilson ann an Loch-nam-madadh a thana sgolbsan fheòil do Shir Iain riamh on thainig e don dùthaich, oir bidh e gu tric atagradhna aghaidh aig cùirtean. Cha toir Sir Iain tigh do Mhr. Wilson anns an dean e fuireach, ’s cha mhò a cheadaicheas e do dhuine thair an oighreachd a ghabhail a stigh no fasgadh a thoirt dha. Tha Wilson air an aobhar sin air a dhroch chàradh. Bha e treis dhen bhliadhna air aoidheachd aig bantraich don àbhaist a bhi cumail bhòrdairean, ach bfheudar dha sin fhàgail, oir bhagair Sir Iain abhantrach a chur as an tigh. Cheannaich en uair sin soitheach a chuir e air acaire a mach on chladach agus fad àireamh mhiosan, rinn ecomhnuidh air an uisge, ach air tighinn a gheamhraidhs eigin dha an dachaidh luasganach sin a thréigsinn. Tha sinn atuigsinn gu bheil ministeir na h-Eaglais Shaoir a nise dolga ghabhail a stigh, agus ma dhfheuchas Sir Iain ri dragh sam bith a chur orra, theid iad gu lagh leis achùis nas luaithe na leigeas iad leis a dhòigh fhéin a bhi aige

Tha sinn an dòchas gun dean iadsan a thair deireadh ann am pàigheadh a phaipeir an uile dhichioll air aphrìs a chur gar n-ionnsuidh gun dàil. Tha mòran airgeid againn ri phàigheadh a mach eadar so us bliadhnùr, agus ged is beag an t-suim dolar, ni gach aon a thig a stigh deagh chuideachadh.



[151]

[Vol . 4. No. 19. p. 7]

AGiulan an Eallaich.

O chionn fhada bha aig àireamh de sheirbhisich ri dhol do bhaile àraidh le caochladh sheòrsachan bathair, ugus an àm dhaibh a bhithfalbh thagh gach fear an t-eallach bathair bu roghnaiche leis fhein. On a bhan t-astar fada dhfheumadh iad biadh gu leòr a thoirt leotha, agus be am biadh an t-eallach bu truime dhe na h-eallaich gu léir. Roghnaich am fear bu mheatas bu laige dhe na seirbhisich an t-eallach bidh. Bha gach aon de chàch adeanamh ceòl-spors dheth a chionn gun do ghabh e os làimh an t-eallach bu truime a ghiùlan. Coma co dhiu dhfhalbh iad gu math mochs amhaduinn, agus an uair a choisich iad àireamh mhath mhìltean bhuail an t-acras iad. Shuidh iad a ghabhail am bìdh, agus on a bha géireag mhath orra gu léir thun am bìdh, dhfhas an t-eallach bìdh gu math ni beutruime. Mu àird-fheasgair shuidh iad aig an ath bhiadh. Dhfhag so an t-eallach bìdh a leith cho tromsa bha e an uair a dhfhalbh iads amhaduinn. An la-iar-na-mhàireach ghabh iad trì bìdh mar an ceudna, agus chuir iad crìoch air abhiadh gu léir. Ann am beul anamoch na h-oidhche, ’s gun iad ach beagan mhìltean on bhaile, thug gach fear dhiubh thairis, ach am fear a roghnaich an t-eallach bidh. O nach robh dad aigesan righiùlan choisich e gu sunndach don bhaile.

Tha so nashamhladh air mar a tha sluagh an t-saoghail adol troimh chùrsa na beatha so. Than duine sanntach aroghnachadh òir is airgid; than duine mòr-chuiseach aroghnachadh rìomhaidh; tha fear eile aròghnachadh eallach de ghlòir agus de dhurram an t-saoghail so: a dhaon fhacal, tha gach fear aig am bheilaire air nithean an t-saoghail so a roghnachadh an ni as fhearr a chòrdas ri inntinn thalmhaidh fhein. Ach than duine glic riaraichte leis na nithean a chi Dia iomchuidh a thoirt dha. Ma bhios biadh is aoduch aige maille ri beadh-ghean an Fhreasdail is leòr; oir tha fios aige gur ann mar is lugha a bhios a dhuallach air is fhusa dha imeachd air an t-slighe gu nèamh.


Sgriobh t-ainm fein le cairdeas, gradh agus trocair, air cridheachaibh na muinntir sin uile ris am beil do ghnothuich; agus cha di-chuimhnichear thu gu brath.


DR. T. C. MAC LEOID.
Faodar an Dotair fhaicinnna oifig anns an togalachs a bheilMoore & Johnstonri ceannachd, no aig a dhachaidh ann aSheerwood.”


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd


D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


MacDonald Hanrahan & Co. ,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;


Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - C. B


Dr. T. G. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.



[152]

[Vol . 4. No. 19. p. 8]

AN AISEIRIDH.

LE DOMHNALLACH NA TOISEACHD.

Och, a luchd-aiteachidh na h-uaigh’!
On dhfhalbh gach ailleachdnis is snuadh,
S ann oirbh a laigh an tosdachd bhuan;
O! cuin a ghluaisear idir sibh?

Caidlidh an durrag anns an ùir,
Is gabhidhchuileag fois an cuil,
Ri doininn gheamhridhs gaillinn dhluth,
Ach duisgear leis an earrach iad.

Ach cuinthig earrachthogas suas
Luchd-comhnuidh thosdach, chiuin na h-uaigh’.
O! cuin a dhuisgear iad on suain?
Is laidir buan an cadal e.

Thig duilleach fhathast air a gheig,
Ged tha i lom an diugh gun sgeimh;
Is pillidhghrian air ais don speur.
An deidhdhol as an t-sealladh uainn.

Ach cuin a chithear orr’ -san sgéimh,
Tha seargtan diugh fo laimh an eig;
O! cuin a thig na gathan grein
Rin eirich iad on leabidh ud.

Seadh, pillidh blàths an deidh an fhuachd,
Is pillidh n deidh oidhche bhuain,
Ach cuin a bhrisdeas air uaigh,
S a ghluaisear bhuaipgach doilleireachd.

Ach, anam, caisg do thuireadh truagh;
Oir brisdidh fhathast mun uaigh,
Roimhn teich gu sior a h-oidhche bhuan
S gach gruaimbha riamh an ceangal rith’.

Is eiridhdhuslach-san a suas,
Oo-cionnn do ghuil thu iomadh uair,
Le tuilleadh ailteachd, mais’, is buaidh,
Na ged san uaigh nach laigheadh e.

Uaigh, lean am mach an diugh do bhuaidh,
Oir fhuair thu cead o Righ nan sluagh;
Seadh, imich romhad, lean do bhuaidh,
Is sluig a suas na fineachan.

Ach as do chumhachd na dean uaill,
Oir ged is maireann da, cha bhuan;
A cheanthug Gaisgeach treum nam buadh,
Am mach a bhuaidh gu suthainn ort.

Is annsan togar suas a mhairbh,
Nan cuideachd ghloirmhor— ’s iad a sheilbh;
S an teanga tuilleadh cha bhi balbh,
On dhfhalbh gach ni a cheangail iad.


Tha Niall Domhnullach á Baddecka sgriobhadh ugainn gu bheil e leigeadh dheth ruith air son a bhi na fhear-comhairle air son na h-Aimhne Tuath. Bha toil aig an fhear a bhasan dreuchd roimhe a bhi air ath-thaghadh agus uime sin chan eil Mr. Domhnullach adol a dhfheuchainn idir.

Ma tha sinn ag iarraidh a bhitogail air steigh chinntich ann an cairdeas, feumaidh sinn air cairdean a ghradhachadh nis mo air an sgàth fein, na air air sgàth fein.

Tha uinneag bhriagha ri bhi air a cur ann an dheaglaisean Phort Righ san Eilean Sgiathanach, mar chuimhneachan air Fionghal Dhomhnullach.


ORAN AN LEINIBH.

LE PADRUIG GRANNTA.

S leanabh sòlasach mi,
Chaidh gle òg mach a tim,
Chaidh mo threorach on chìch don uaigh.
S ged bu ghorid mo thim,
Gabhail fradhirc den tir,
S mor a thagam ra innsdon t-sluagh.

Bha mim chadal gu blàth
Ann am fasgadh mo mhathr,
I gam phasgadhsa làmh fc mcheann;
Thanig teachdairon bhàs
Thuirt gun siubhlinn gun dail,
Nach robh fuireach no tàmh dhomh ann.

Thug an anshocair buaidh,
Thanig piantanbha cruaidh
S ruith an lot anns gach buaidh dhe mfheoil;
Ann am mionaid na h-uair
Dhfhas mo bhilean cho fuar,
S neul a bhàis air mo ghruaidhean og’.

Dhuisg mo mhathair le gaoir,
S thuirt i, màilleagan gaoil,
Ciod dhfhairich thu? chan fhaod thu falbh.
S rinn i grinn orm cho teann
S nach biodh dealachadh ann,
Ged a bha mi cho fanns mi balbh.

Chaidh mo mhathair an cùil,
S mathirdh-ionnsidh na cuirt’,
S bha iadtagradh gu dluth fo leon,
S ag radh rin Athair air neamh,
Nis do thoil gun robh deant’.
Oir gu cinnteachs tu feins fearr còir.

Nuair a dhuin iad mo shuil,
Thanig ainglean na cuirt’,
S thug iad misleothcho dluths cho luath;
S ann am priobadh na sùl
Bha gach ni dhomh cho ùr,
S mi le Criosd san Irùslem shuas.

Nam faiceadh ni athairs mo mhathr
Meud mo shonaissan ait s’,
Bhiodh iad toilichtgun dfhag min saoghl.
S bhiodh gach la dhaibh mar bhliadhn
Gus am faigheadh iad triall,
Gu co-chomunn tha siorraidh, buan.

S ann an seo a than cèol
Nach deidmheasgadh le bròn;
Tha e fantuinn na oran nuadh;
Cliu is onair is glòir
Don Ti bha marbhsa tha beo;
Shaor e sinne bhon doruinn bhuain.


Chuireadh ar luchd-leughaidh comain oirnn, an àm a bhiceannach bho na marsantan aig am beil sanais anns a phaipeir, ’nan innseadh iad dhaibh gun do leugh iad na bhaca ri radh mun cuid bathair anns aMHAC-TALLA. Ni sin na marsantan nis deigheile air a bhicur sanais ann. Bidh sin na bhuannachd don phaipeir, agus ni sam bith a bhios na bhuannachd don phaipeir, thig e gu bhina bhuannachd don luchd-leughaidh.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite echudna.

titleIssue 19
internal date1895.0
display date1895
publication date1895
level
reference template

Mac-Talla IV No. 19. %p

parent textVolume 4
<< please select a word
<< please select a page