[Vol . 4. No. 2. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. IV. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 19, 1895. No. 2.
Facal a Port Hood.
Thainig frasan luachmhor do dh’ uisg, air an t-seachdain seo a thug caochladh fiamh air a bhàrr ’s air aogasg nan daoine fhéin, oir thug e misneach dhaibh gu’m bi toradh anns a bhàrr, a tha glé fhad’ ais ma’n àm seo de ’n bhliadhna. Tha ùine mhòr o’ naich d’ fhuair sinn uisge gus an dé, ’s b’e miann dhaoine gun deanadh e tuileadh dheth. Tha daoine doirbh an tolachadh. O chionn beagan sheachdainean bha iad a’ gearain gu robh an t-side cho fluich s nach gabhadh curachd deanamh, agus na chaidh de shiol ’s an talamh gu rachadh e aog; ’s iad a sior ghuidhe gu ’n tigeadh greis de shide thioram. Thàinig an t-side thioram ’s ma thàinig! bha car ùr air ruidhl’ a’ bhodaich, bha a’ ghearain an rathad eile, —gu’n rachadh am bàrr a dholaidh le cion uisge. Tha so a’ toirt ’am chuimhne mar a thachair do dhuine còir (cha ’n eil reusan a ràdh co’ bh’ann) a bha uair-eigin beagan air mhisg. Air dha gluasad gu dol gu ’dhachaidh dh’ fhuasgail e an t-each, a bha ’n ceanghal am muigh, agus a bha air fàs glé an-fhoiseil, mar is minig a bha fear dhe ’sheorsa, fulang fuachd am muigh us a mhaighistear a gabhail blàthais a stigh. Cha robh luasgan an eich a’ freagairt [ ? ] do ’n duine, a bha glé thuisleach air a chasan, ’s a “cheann ag iarraidh le bruthaich.” Dh’ fhiach e ri dol ’s an dialaid, ach cha deachaidh leis; thug e ’n dara h-ionnsuidh is an treas té, ach ’s ann a’ dol ni b’ fhaide uaith bha e h-uile turas. Codhiu bha sin cearr dhaibhsan a bha ’g a fhaicinn, ’s nach deachaidh ’ga chuideachadh, gus nach robh, cha deach iad ann. Chunnaic an duine bochd nach [ ? ] e coltach gu faigheadh e idir [ ? ] eich. ’S e bh’ ann gu’n do [ ? ] gu’n cuidicheadh am [ ? ] tighinn air mu ’n an eich [ ? ] h-oidhearp a bha e toirt air [ ? ] bha ’n t-each a toirt ceum na dha air adhart is aig an àm anns ’n do ghuidh e cuideachadh, thachair gu’n tainig e gu maide ’bha ri taobh a rathaid; thug an duine fainear direadh air a mhaide, agus a’ cur na bha de neart ’na chorp an gniomh, “thug e leum a b’ airde ’thug e” gus a bhi cinnteach á buaidh. Eadar na gléidh e le dhol air a mhaide agus an oidhirp fhointeach a thug e, cha b’ e mhàin gu’n d’fhuair e suas, ach ’s ann a ghabh e thairis, ceann air thoiseach, gus na bhuail e air a làmhan ’s air aodan air an talamh; thuit spàg gach rathad dheth mar gu’m faiceadh tu duis pioba ’nuair a leigte ghaoth as a mhàl. Le beagan saothair chaidh aige air éiridh ’na sheasamh ag ràdh: “ged a dh’iarr mi cuideachadh, cha robh duil’ am gu’n tugte a leitheid sid do dh’ ùp gun tùr dhomh; ’nuair tha ’m freasdal gu math, tha e tuilleadh us math!” Tha na h-iasgairean a’ talach air cho gann ’s a tha an t-iasg m’an chladach so. ’Se ’n giomach iasg is pailte tha iad a’ faighinn; tha iad a’ cur suas cuid mhor de ’n iasg sin mu na cladaichean so. Tha Cuirt na Siorramachd na suidhe ’n so an diugh. Cha’n eil ach beagan chàsan ri fhiachain. Tha daoine ’fàs gràineach air dol a lagh. Tha iad air atharrachadh seach mar a bha iad ri linn Fhionnlaidh Phiobair ’nuair a bha e ’g radh, “ma chrathas a bhò mhaol aig Pàra mòr a cluasan ri duine an tràs feumair dol a lagh m’a dheighin. Tha picnic mor ri bhi ann am Port Hood air an 17mh agus 18mh la de ’n mhios so. A reir an ullachaidh a tha iad a’ deanamh air a shon tha h-uile coltas air gur math is fhiach e dol uige. Neach sam bith ’tha miannach air ceòl no air dannsa, no aig a bheil toil la na dha d’a bheatha ’chur seachad ann an dòigh cho taitneach ’s ’as urrainn dha, thigeadh e ’n so air an àm ainmichte. Tha na rathaidean air an cur ann an deagh òrdugh anns a chearn so am bliadhna; fhuair iad uidheam luachmhor air son deanamh rathaid bho’n Fhlaitheachd Mhor-rionneach an nasgaidh; mar sin cha chosd e air son obrachadh ach pàigheadh nan daoine agus nan each, agus ni e obair aibhiseach ann an latha. Bu chòir fear dhiu ’bhi ’s a h-uile cearna do’n dùthaich.
2, 7, ’95.
V.
Litir o Chabar Feidh.
Fhir-deasachaidh, —Tha eagal orm gu’m bi a bhliadhna mach mu’n ruig so sibh ach gabhaidh sibh mo leisgeul oir tha na cairdean a tha ’gabhail a phaipeir cho sgaipte air feadh a bhaile so ’s nach robh e furasda am faicinn gus an t-airgead fhaighinn uapa. Bithidh sibh toilichte fhaicinn gu’n deach agam air beagan ainmean ura fhaighinn airson na bliadhna tha tighinn.
So agaibh ordugh airson £4 ,16,3, agus bithidh sibh cho math ’s gu ’n cur sibh “Mac-Talla” dh’ionnsaidh na muinntir a tha mi ag ainmeachadh aig deireadh na litreach so, a tòiseachadh leis a chiad aireamh de leabhar IV.
Bha Cruinneachadh Samhraidh aig buill a chlass Ghàidhlig air an t-seachduin a chaidh seachad. Chaidh iad gu àite briagha an Coille Epping a tha mu dha mhile dhiag a mach as a bhaile agus chuir iad an la seachad gu cridheil le cleasachd, ceòl na pioba agus dannsadh Gàidhealach. Roimh dhaibh an t-àite fhàgail thaisbean iad do’n Lighich Macilliosa am meas a chuir iad air an t-saothair mhor a ghabh e riu fad a gheamhraidh, le bhi toirt dha àireamh de sheann leabhraichean Gàidhlig a tha glé luachmhor. Chaidh iad mu chuairt air a ghnothaich air doigh cho sàmhach ’s nach cuala an Lighich facal mu dhéibhinn gus an robh na leabhraichean air an cur ’na làmhan.
CABAR FEIDH.
Lunnuinn, 26, 6, ’95.
[Vol . 4. No. 2. p. 2]
EACHDRAIDH MU BHLIADHNA THEARLAICH.
(Air a leantuinn.)
BHA e ’nis mu cheithir uairean an déigh a’ mheadhon latha, air an t-seachdamh-là-deug de’n bhliadhn’ ùir, 1746, agus le uamhas na doinninn bha dorcha nan trà a’ dùmhlachadh, ’n uair a thug Hawley òrdugh do na trupairean a bhi ’m bad nan Gàidheal. Chuir e tri-ceud-deug marcaiche ’n an aghaidh, le fiughair nach seasadh feachd Thèarlaich ’an aghaidh na h-ionnsuidh. Ach cha b’fhada gus an do thuig e gu-n robh e fad’ ann am mearachd. Chaidh na trupairean suas gu fiamhach, aitheasach ’an aghaidh muinntir Thèarlaich, agus ’n uair a bha iad mar leth urchair daga dhoibh, leig na Gàidheil aon dairearach riu, leis an do thuit mòran, agus chuireadh an ruaig air càch. Ach ged a theich a’ chuid a bu mhò de’n mharc-shluagh gu tàmailteach, buinidh e dhuinn cuimhn’ a chumail air euchd buidhinn bhig dhiubh a bha fo riaghladh Chòirneil Whttney; oifigeach foghainteach, a choisinn air an là so, cliù thar aon duine a bha ’s an arm-dhearg air fad, agus a thuit a’ cur a’ chath’ gu treun an aobhar a Rìgh agus a dhùthcha. ’N uair a theich na trupairean, theirinn Clann Dòmhnuill gu dian toirionnach an aghaidh an airm-dheirg le fearalachd do-chasgaidh, agus ann an tiota chaidh an ruaig air na bha fa’n comhair, mar a thubhairt Donnachadh Bàn, fear dhiubh féin:—
“Mar gu-n rachadh cù ri caoraich
’S iad ’n an ruith le aodann glinne,
’S ann mar sin a ghabh iad sgaoileadh,
Air an taobh air an robh sinne.”
Ach ged a chaidh an ruaig gu h-obann air a’ chuid bu mhò de’n arm-dhearg, sheas buidheann diubh gu neo-sgàthach: agus cha b’ ann gus an d’thug Tèarlach air ’adhart ’fheachd gu h-iomlan a ghéill iad so. Theich a nis an t-arm-dearg uile, agus bha iongantas air an Gàidheil fèin cho saor-làmhach ’s a choisinn iad an latha. Cha chluinnte o fhear gu fear de na Gàidheil, ach c’àit an deachaidh iad? cha’n fhaod e ’bhith gu-m bheil an gnothuch seachad. Lean an t-arm Gàidhealach an ruaig do’n bhaile, agus rinn na Camshronaich, &c ., mòr dholaidh air cuid do’n arm-dhearg, a thachair orra. Thàir Hawley as le cabhaig cho mòr ’s nach d’fhuirich e ri aon ni a bhuineadh dha a thoirt leis; ionnas gu’n do thuit gach goireas a bha ’s a’ champ aige air Tèarlach, agus air a dhaoine. Fhuair e an gunnachan mòra, agus iomadh trealaich còmhraig a thuilleadh.
Cha do thuit de dh’arm Thèarlaich ach dà-fhichead fear, agus bha ceithir-fichead air an leònadh. Thuit de ’n arm-dhearg eadar a dhà agus trì cheud, agus anns an àireamh so bha mòran de na h-oifigich a b’ àirde; agus ’n am measg sìn an duin’ urramach Sir Robert Munroe, Ceann-cinnidh Chloinn-an-Reothaich, saighdear ainmeil a choisinn mòr chliù ann am blàr Fontenoi.
Ràinig fuigheall an airm-dheirg Dun èideann air feasgar an ath latha, agus o’n a thòisich an iomairt so cha robh am baile fo bharrachd geilt. Ghabh Tèarlach ’s a chuid daoine mu thàmh air an oidhche sin ’s an Eaglais-bhric. Chuir am blàr so iongantas air an dùthaich air fad; ’n uair a fhuair na Gàidheil buaidh air Sliabh-chlamhain, cha robh m’ an coinneamh ach saighdearan òga nach robh ann an cath roimhe; ach ’s ann a bha’n so brod an airm Shasunnaich, a choisinn cliù ann an iomadh cath ainmeil ann am Flànras; agus na-m biodh Tèarlach air an leantuinn do Dhun-éideann, is doirbh r’a ràdh an rachadh blàr Chùil-fhodair a chur fhathast.
Chaill na Gàidheil, le sgiorradh goirt, a chuir am barrachd duilichinn orra na na thuit ’s a’ bhlàr, Mac ’Ic Alastair òg, le urchair a dh’ fhalbh gun ’fhios o fhear de’n fheachd a bha ’glanadh a ghunna; agus ge nàr r’a innseadh e, cha’n fhòghnadh aon ni le Cloinn Dòmhnuill ach grad chur as do’n cheatharnach bhochd, ged a bu neo-choireach dha e.
Phill Tèarlach a rìs air ’ais, an dùil gu’n géilleadh Caisteal Shruileadh, ach an déigh mòr shaothair agus chostas, b’ éigin da an oidhirp a leigeadh dheth, agus ’fheachd a thoirt leis.
’N uair a chual’ iad ’an Sasunn mu Bhlàr na h-Eaglaise-brice, ghlac uamhas càirdean an Rìgh, agus air ball chuireadh a nuas Diùc Uilleam gu bhi ’n a Cheann-feadhna air an arm-dhearg: ann an ùine cheithir làithean an déigh dha Lunnuinn ’fhàgail bha e an Dun-éideann; cha d’fhan e an sin ach còrr ’us aon latha, ’n uair a ghabh e air ’aghaidh an déigh nan Gàidheal leis gach feachd a b’ urrainn da a chur r’a chéile. Bha Tèarlach agus a dhaoine a nis a’ deanamh air son na Gàidhealtachd, cha’n ann le h-eagal roi’n arm-dhearg, ach a chum a chàirdean a chruinneachadh r’a chéile, agus leis an rùn so rinn e air son Inbhernis. Lean Diùc Uilleam e mar a b’fhèarr a dh’fhaod e. Ràinig Prionns’ Tèarlach tigh Mhic-an-Tòisich na Moidhe, far an d’fhiosraich e sàr aoidheachd o’n bhaintighearna urramaich sin, a thog a daoine an aobhar Thèarlaich, ged a bha a fear ’s an arm-dhearg. Am feadh a bha Tèarlach a’ cur seachad na h-ùine ’s a’ Mhoidh gun sgàth gun chùram, bha Morair Loudon le mòran de’n arm-dhearg ann an Inbhernis, agus chuir e roimhe am Prionns’ a ghlacadh le feall, fo dhubhar na h-oidhche; ach ged a ghnàthaich e gach seòltachd a dh’ fhaod e, a chum na bha ’n a bheachd a chleth, fhuair baintighearna Mhic-an-Tòisich sanas air, agus chaidh am Prionns’ as an rathad. Chuir am boirionnach misneachail so seisear dhaoine fo riaghladh Gobha na dùthcha, a chum faire a chumail air Morair Loudon ’us air a chuid daoine. Bha’n Gobha ’n a dhuine foghainteach agus ged a bu dalma dha smaointeach air, chuir e roimhe le ’sheisear fhear maoim a chur air a’ Mhorair agus air a chòig-ceud-deug saighdear; agus an uair a thàinig an t-arm air an aghaidh, air do’n oidhche ’bhi dorcha, shocraich an Gobha a chuid daoine cho iomchuidh ’s a b’urrainn da, agus cha luaithe a chual’ e farum an airm-dheirg g’a chòir, na ’thilg e urchair air thuairmeas, agus bha òrdugh aig na bha leis an ni ceudna a dheanamh. Rinn iad an sin na h-uiread ghleadhraich ’s a b’urrainn doibh, a’ gairm air na Camshronaich agus air Cloinn Dòmhnuill iad a theannadh air an aghaidh an coinneamh an airm-dheirg a bha air thì am Prionns’ a ghlacadh. Cha luaithe a chuala Morair Loudon so na ghrad phill e féin ’us a chuid daoine, le dian chabhaig air a’ cheart slighe air an d’thàinig iad: ’us am fear nach fhanadh r’a bhogha, cha’n fhanadh r’a chlaidheamh; agus is i a’ chas bu mhoille a’ chas bu lugha orra; agus bha iad ann an aimlisg cho mòr ’s gu’n robh iad a’ tuiteam gu tiugh air muin a chéile, ionnas nach comasach a’ mhi-riaghailt ’s an robh iad ’aithris, ann an làn bharail gu-n robh an t-arm Gàidhealach air an tòir. Lean iad air a’ chabhaig so gus an d’ ràinig iad dlùth do Inbhernis, far an do thuig iad
[Vol . 4. No. 2. p. 3]
nach deach’ ach aon fhear dhiubh a mharbhadh le urchair a Ghobha, gidheadh bha iad air dhroch dhiol le leòin, le creuchdan, agus le tàmailt.
Chruinnich Tèarlach a chuid daoine air an là ’m màireach, agus ghabh e air ’aghaidh do Inbhernis, a chum aicheamhail a thoirt a mach air son brath-foille na h-oidhche an raoir; ach thuig Morair Loudon nach robh e air son ’aghaidh a thoirt air na Gàidhail an déigh do sheisear an ruaig a chur air, agus ghabh e’n t-aiseag aig Port-cheasaig, leis an arm-dhearg, do Shiorramachd Rois, leis an robh e air a chumail o’n arm-dhearg am fad ’s a mhair an iomairt. Ghabh Tèarlach an sin seilbh air Inbhernis, agus ghlac e’n daingneach, a leag e sìos gu làr. ’S e aon aobhar a bh’ aig Tèarlach teachd cho fada mu thuath, gu-m biodh e dlùth air gach cobhair, ris an robh fiughair aige o’n Fhraing; agus a dheanamh na fìrinn, cha bu bheag a chaidh a chur ann le Rìgh na Frainge, ged nach mòr a fhuair esan diubh. Le bochdainn na dùthcha b’ éigin do Thèarlach a chuid airm a sgaoileadh air feadh na tìre, agus an uair a chruinnich e iad r’a chéile, bha iad ann an airc a chion bìdh. Bha’n t-arm-dearg a’ teachd air an aghaidh a chois a’ chladaich, gus an d’ràinig iad Inbhernarrun, far an do chuir an Diùc roimhe cuirm a thoirt do’n arm air co-ainm a latha breith; thachair so air a chòigeamh là-deug de mhìos mu dheireadh an Earraich; agus chuir Tèarlach agus a chuid airm rompa ionnsuidh a thoirt air a’ champ Shasunnach air an oidhche sin, le fiughair gu-m biodh an t-arm-dearg air mhisg agus air mhi-riaghailt. Leis an rùn so thog iad orra mu dhorcha nan tràth, a los an ionnsuidh a thoirt, ach bha’n oidhche ro dhoilleir agus an t-slighe ro dhocair, ionnas gu-n robh an fhàir’ a’ bristeadh mu’m b’ urrainn doibh ruigheachd. Leis a’ so cha robh feum dhoibh dol na b’fhaide, agus phill iad air an ais gu sgìth, allabanach, acrach, gun a’ bheag aca a chaisgeadh an cìocras. Ràinig iad monadh Chùil-fhodair, agus claoidhte mar a bha iad, chuir e aiteas orra Mac Mhic Ranuill na Ceapach, agus a dhaoine, agus Mac-Shimidh le ’fheachd ainmeil a thighinn orra air a’ mhaduinn sin. Tharruing Tèarlach suas a dhaoine air an t-sliabh, agus cha robh aige ach mu thuaiream còig mìle, agus a’ chuid a bu mhò dhiubh so fann le cion bìdh, caithris, agus sgìos. Cha b’fhad’ a bha iad ’an so ’n uair a chunnaic iad an t-arm-dearg a’ tèachd ’s an fhradharc, a bha ann an àireamh dithis m’an aon fhear dhiubh-san, agus dhlùthaich iad orra mar neul dorch’ eadar iad agus fàireadh, a’ teachd air an aghaidh gu neo-sgàthach ann an òrdugh catha. Bha’n airm a’ dealradh ris a’ ghréin, am brataichean a’ snàmh ’s a ghaoith, agus àrd chaithream nan ceudan druma a’ toirt dùlan d’ an naimhdibh. Ann an ùine ghoirid bha’n dà arm air an tarruing suas ’an òrdugh catha mar uidhe shè-ceud slat d’a chéile. Bha’n latha gus a’ so gu baoisgeil grianach ach a nis thòisich frasan sneachda, a’ séideadh as an àird’ -an-Ear, ’an aodann nan Gàidheal. Chuir so na h-uiread dhoimhidis orra ’s gu’n d’thug Tèarlach oidhirp air cothrom an t-soirbhis ’fhaotainn, ach cha deachaidh so leis.
A chum mòr spéis nan Gàidheal do’n Phrionnsa a dhearbhadh, cha bhi e mi-iomchuidh ’aithris mar a thug a theas-ghràdh dha air fear dhiubh dol a nunn do’n champ-dhearg, chum cothrom fhàigheil air cur as do Dhiùc Uilleam, ged a bha e làn-chinnteach gu-n dìoladh a bheatha féin air a shon. An déigh dha a bhi ’m measg an airm Shasunnaich far an robh iad a’ deanamh culaidh-bhùird dheth féin agus d’a earradh, bha esan mar gu-m b’ann gu neo-umhaileach, ag imeachd air am feadh, a dheuchainn am faiceadh e an Diùc; agus air dha àrd-oifigeach ann an éididh ro rìomhach ’fhaicinn, shaoil e gu-m b’e sin e, ghrad spìon e musgaid á làimh saighdeir a bha dlùth dha, agus loisg e air, ach cha do thuit e leis. Is gann a ruigear a leas ’innseadh gu-n do chuireadh grad chrìoch air a’ cheatharnach bhochd so.
Fàgaidh sinn air an àm an dà fheachd so fa chomhair a chéile, a bha ann an uair a dh’ ùine ri cor rìoghachd Bhreatuinn fad linntean a shocrachadh. Theagamh nach do chuireadh blàr riamh (a dh’ aon chuid cha do chuireadh mòran) air an robh na h-uiread an earbsa, agus ris am b’ion fiughair a bhi, de réir sin, gu-m biodh a cho-strì ro gheur.
BLAR CHUIL-FHODAIR.
Thòisich na Gàidheil am Blàr ainmeil so, le’n gunnachan mòr’ a thoirt gu tilgeadh air an earrainn sin de’n arm-dhearg, far am fac’ iad, mar a shaoil leo, Diùc Uilleam; ach cha do ghabh iad ach droch chuimse; chaidh na peileirean thairis orra, gun dolaidh a b’fhiach iomradh a dheanamh. Mu thuairim uair an déigh a’ mheadhon là, dh’ fhosgail an t-arm-dearg orra-san le’n gunnachan mòra féin, ach cha b’i ’ghunnaireachd gun chuimse ’bha’n so; cha robh dairearach a leig iad, nach d’ fhosgail bealach farsuing roi’ shreathaibh nan Gàidheal; ’g an smàladh sìos ’n am ficheadan; a’ spealgadh as a chéile nan creagan air an robh iad ’n an seasamh; agus a’ tilgeadh sìos gach bothan agus tigh a bha ’n an còir, air an dòigh a b’ eagalaiche.
Bha Diùc Uilleam air ’ais agus air ’aghaidh a’ brosnachadh a chuid airm: a’ gairm orra gu ’bhi seasmhach duineil gun a bhi fo gheilt roi’ na Gàidheil. Chaidh Prionns’ Tearlach, mar an ceudna, o cheann gu ceann a chuid airm, a’ cur ’n an cuimhne a’ bhuaidh a fhuair iad air Sliabh-chlamhain, agus mar a chuir iad an ruaig aig monadh na h-Eaglaise-brice. Fhreagair iad e le h-àrd iolach, agus an sin thug e air uchdan àrd as am biodh sealladh aige air na thachradh. Mo thruaighe! ’s cinnteach sinn gur e ’chridhe ’bha plosgartaich le h-iomaguin, mar a bha ’nis crùn agus uachdranachd rìoghachd cho cumhachdach ’s a bha air aghaidh an t-saoghail, no hochdainn agus fògradh an earbsa ris a’ cho-strì a bha ’nis gu tòiseachadh, agus a’ bheireadh leth uair an uaireadair gu crìch. An déigh do ghunnachan mòr’ an airm-dheirg mòran de na daoine ’bu tréine ann am feachd Thearlaich a sgathadh as, fhuair na Gàidheil fa dheireadh cead an clàidhean a tharruing, agus a bhi ’m bad an naimhdean.
(Ri leantuinn.)
Greis mu seach, an t-each air muin a’ mharcaiche.
Gnothuch duine gun chéill, ’dol gu féill gun airgiod.
Glòri mhileis a mheallas an t-amadan.
Gheabht’ iomradh ’s an ràmh gun a bhristeadh.
Ge b’e ’s miosa, ma ’s e ’s treasa, bidh e ’n uachdar.
B’fhada bho ’chéile crodh laoigh an dà sheanar.
B’fhearr gun tòiseachadh na sgur gun chriochnachadh.
[Vol . 4. No. 2. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, IULAIDH 13,1895.
Cha’n eil cùisean ach car troimhe chéile anns a’ phàrlamaid an Ottawa air an àm so. Tha iadsan aig am bheil an riaghladh nan làmhan air an roinn an aghaidh a chéile, agus cha’n eil fhios co-dhiu a ni iad còrdadh no nach dean, ach ’s e ’s dòcha gu’n dean. Cha’n iarradh an taobh eile dhe’n tigh spòrs a b’ fhearr na gu’n rachadh iad ’an cireanan a chéile; ’s ann bu mhath leotha gu’m biodh iad air an obair sin an còmhnuidh. Tha cheist a thaobh sgoilean Mhanitoba air a’ cur thairis gus an ath shuidhe. Bi’dh an tigh a sgaoileadh an ceann beagan làithean. Tha e air a ràdh gu’m bi an ath shuidhe aca air ceud mios na h-ath-bhliadhna agus nach bi pàrlamaid ùr air a taghadh gus an tig an t earrach.
Bha coinneamh ann an Ottawa o chionn ghoirid air son Comunn Albannach a chur air bonn. Chuir coig air fhichead an ainmean mar bhuill dhe’n chomunn, agus tha dùil ri moran eile aig an ath chruinneachadh, air son an comunn a shuidheachadh air an treas latha deug. ’S e rùn a chomuinn so a bhi cumail suas ’sa gleidheadh air chuimhne, Eachdraidh, Beul-aithris, Ceol, Bàrdachd, agus Cainnt ar sinnsearachd; a bhi beothachadh agus a cumail suas Cleachdaidhean agus Eideadh nan Gàidheal, agus a bhi cur eòlas air, agus a cuideachadh a’ chéile. Tha sinn an dòchas gu soirbhich gu math leis a chomunn so, agus gu’n bi na rùintean so an comhnuidh san amharc acasan a tha ’ga chur air chois. Ma bhitheas, cha’n eil teagamh sam bith nach soirbhich leotha.
Tha Phàrlamaid Bhreatunnach a nis air a sgaoileadh, agus an ceann da sheachdain eile no na’s lugha bidh Pàrlamaid ùr air a taghadh ’na h-àite. Cha bhi dàil sam bith air a chur ’sa chùis. Cha’n eil rioghachd no dùthaich ’san domhan aig a bheil pàrlamaid a’s luaithe ghéilleas do ghuth an t-sluaigh na ni pàrlamaid Bhreatuinn. Agus a bharrachd air sin cha’n eil pàrlamaid ann a’s saoire o gach seorsa truaillidheachd a thaobh airgid. Cha’n aithne dhuinn gu’m bi guth no iomradh air a thoirt air fear-pàrlamaid a chur as ’àite aon uair ’s gu faigh e stigh. The Breatunn an deigh na làithean anns am faodte bhotichean a cheannach fhàgail as a déigh. Tha sinn an dochas nach bi ’n ùine fada gus am faodar an ni ceudna ràdh mu Chanada.
Bha na Stàitean an Iar a’ fulang air an t-samhradh so leis an tiormachd cheudna ’sa th’againn fhéin anns an dùthaich so. Bha ’m bàrr beul ri bhi air a thur mhilleadh le teas na seachdain s’a chaidh. Ach toiseach na seachdain so thainig an t-uisge, agus thainig e na dhearsaich. Shil e cho bras ann an cearnan de dh’ Illinois ’s gu’n do dh’ éirich na h-aimhnichean ochd troidhean ann am beagan uairean a thìm. Bha stoirm ghàbhaidh aca Di-dòmhnaich ’s Di-luain. Bha àireamh de na bailtean beaga ach gann air an sgrios, agus chaidh eadar deich air fhichead us da fhichead duine a mharbhadh no bhàthadh, a bharrachd air moran a chaidh a leònadh. Cha’n eil rian air a chall a rinneadh air taighean còmhnuidh ’s air togalaichean eile.
Bidh e ’cur ioghnadh mor air daoine ’san latha ’n diugh ma chluinneas iad mu dhuine chaidh thairis air ceud bliadhna dh’ aois. Tha leac-chuimhne ann anWestminster Abbey,air a bheil sgriobhadh mar a leanas; “Tomas Parr, á Siorrachd Shalop. Rugadh e ’sa bhliadhna 1483. Bha e beò ri linn seachd righrean us ban-righean: Eideard IV., Eideard V., Richard III., Eanruig VII., Eanruig VIII., Eideard VI., Màri I., Ealasaid, Seumas I., agus Tearlach I. Chaochail e ’s e 152 bliadhna a dh’aois, agus thiodhlaiceadh an so e air a 15mh latha de Nobhember, 1635.
Tha “Ailein an Ridse” a cur ugainn a cheathramh so de’n òran a bha air a chlò-bhualadh ’sa MHAC-TALLA dha no tri sheachduinean air ais, air fonn “Hi ri ri ho ra ill o:”
Codach-cinn a’s àille snuadh,
’Se ’n òrdugh na ioma dual;
Gus an càirear mi ’san uaigh.
Cha toir mi fuath do Mhòraig.
Tha e ’g ràdh cuideachd gu’n robh esan daonnan a’ cluinntinn gu’m b’e Uilleam Ros a rinn an t-òran.
SGEUL EACHUINN.
Bha mi ’dol sios an t-sràid an oidhche roimhe. ’s mi an cabhaig mhòir gus litir a chur air falbh. Ach cho mòr ’s ga robh ’chabhag, cha b’ urrainn domh ach stad ’nuair a chunnaic mi solus boillsgeach, dealrach, air mo làimh dheis. Stad mi; agus chunnaic mi an sin uinneag mhor, bhriagha, luma-làn de dh’ uaireadairean, de dh’ fhàineachan, ’s de sheudan dhe gach seòrsa bu luachmhoire na chéile. Chuir e nàdar de dh’ ioghnadh orm nach fhaca mi ’n stòr so riamh roimhe, agus chuir mi cheisd ri fear a bha ’dol seachad, “Cò tha cumail ’san àite so? ’S fheudar nach eil ùine mhor o’n chaidh fhosgladh.” “Tha sin ceart,’ ars esan, “cha’n eil ach beagan us seachdain o’n dh’ fhosgail e mach. ’S e
RHODES & GANNON
a tha cumail an so.” “An e sin,” arsa mise, “Rhodes a bha còmhla ri Guzzwell a thri bliadhna ’n t-samhraidh so?” “ ’Se,” ars esan, “a cheart duine. Am b’ aithne dhuibh e?” “S ann dhomh a b’ aithne,” arsa mise, “agus cha bu droch eòlas a bh’ agam air idir.” Cha d’ fhuirich am fear eile ris a chorr aig an àm, ’s cha ’n abair mi-fhin an còrr an dràsda, ach tha mise ’g ràdh riut, an ath uair a thig mi dh’ an bhaile, cha bhi mo sporan cho falamh ’sa bha e ’n oidhche ud, agus tha duil agam taghal air. Tha uaireadair a dhith orm, agus ma dh’ fhaoidte rud no dha eile, agus cha rachainn seachad air air son rud sam bith. Chòrd e ro mhath rium ’nuair a bha mi déileadh ris roimhe.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairlichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain san aite cheudna.
[Vol . 4. No. 2. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Chaidh taosg math sgadain a ghlacadh mu chladaichean a deas an eilein so air an t-seachdain s’a chaidh agus air an t-seachdain so. Ghlac cuid a bhàtaichean eadar ochd us dusan barailte am fear gach latha ’bha iad a mach.
Thainig soitheach mor ceithir-chrannach a stigh dh’an acarsaid a sheachdain roimh ’n Diordaoin ’sa chaidh, agus ghabh i luchd guail aig an laimhrig. ’S i cheud soitheach dhe’n t-seòrsa thainig a stigh o chionn fhada. Bhuineadh i do na Stàitean, agus bha i ’toirt a ghuail gu Boston. Dh’fhalbh i Di-màirt.
Tha e air innse gu bheil an fhactoridh bhròg, a bha ’g obair ann an Sidni Tuath o chionn ioma bliadhna, ri bhi air a dùnadh. Tha iadsan leis an leis i ag ràdh nach eil i ’gam pàigheadh. Bha ’n fhactoridh ’na taic mhor do mhuinntir a bhaile sin; bha i sgaoileadh mu ochd mile dolair ’sa bhliadhna air fheadh.
Cha robh soitheach-cogaidh ann an acarsaid Bhaddeck o chionn còrr us fichead bliadhna (tha cuid ag radh o chionn deich bliadhna fichead) gus ’n do thaghail an Canada ann air an òg-mhios. Air co-ainm là crùnaidh na Ban-righ, loisg i urchair air fhichead, agus bha chuid mhor de mhuinntir a bhaile nach fhac’ uiread fùdair air a losgadh còmhla riamh roimhe. Tha ’n Canada an dràsd ann an Charlottetown.
Aig a’ chùirt mhoir ann a Halifax air an t-seachdain s’a chaidh bha fear Iomhar Smith air a chur do’n tigh-oibreach seachd bliadhna, air son losgadh air duin’ eile le rùn a mharbhadh. Fhuair dithis ghillean còig bliadhna ’m fear dhe’n tigh-oibreach air son bristeadh a stigh do charbad-iaruinn. Fhuair duine ann an Cuibeic deich bliadhna o chionn ghoirid air son e thoirt ionnsuidh air a bhean a mharbhadh.
Tha baile-mor Mhontreal da cheud ’s leth-cheud bliadhna ’sa tri a dh’ aois. Tha’n àireamh bhliadhnaichean sin air ruith thairis o’n chaidh a cheud chòmhnuidh a ghabhail ann. Bha cheud thaighean air an togail ann le Sagairt Fhrangach, a thainig a nall air son na h-Innseanaich fhiadhaich a challdachadh agus iompachadh dh’ ionnsuidh a chreidimh Chriosduidh. Chaidh càrn-chuimhne dhaibh sin a chur suas ann am Montreal air an t-seachdain s’a chaidh.
Chaidh fear Ailein Mac Eachuinn, a mhuinntir Albion Mines, N. S., a leònadh gu dona air an rathad-iaruinn eadar New Glasgow us Stellarton Di-màirt. Bha e fhéin us dithis eile a coiseachd air an rathad ’nuair a chunnaic iad an carbad a tighinn. Chaidh an fhideag a shéideadh, agus chaidh a chompanaich bhar an rathaid, ach lean esan roimhe. Rinn iad na dh’fhaod iad gus toirt air a dhol as an rathad, ach mu’n d’fhuair iad air falbh e, bhuail an carbad ann; chaidh a chas a bhristeadh, agus a cheann a ghoirteachadh, ’s cha’n eil coltas sam bith air gu’n tig e uaithe.
Bha cairt-uisge ag obair air an t-sràid latha no dha air an t seachdain s’a chaidh, agus bha dòchas againn gu robh comhairlichean a bhaile dol ’ga ceannach ’s ga cumail air obair. Ach tha e coltach nach eil. Tha i nise ’na tàmh, agus tha ’n stùir air an t-sràid cho dona ’s ged nach cluinneamaid iomradh air cairt-uisge riamh.
Thainig frasan math uisge Di-ciaduinn, agus rinn iad feum d’ an talamh, ach ’s mor a b’ fheaird e tuilleadh. Tha e ro choltach gu’m bi am bàrr feòir, co-dhiu an taobh so dhe’n eilean, gle aotrom, ge b’e ciamar a dh’ éireas dha gach seòrsa eile. Bha toiseach na seachdain so anabarrach teth, ach dh’ fhàs an t-side na b’ fhionnaire an deigh an uisge.
Chaidh fear Tearlach Slate, ann an Charlottetown a chur do’n phriosan fad thri miosan air son an daorach a ghabhail. Chuireadh an toiseach càin ceithir fichead dolair ’sa deich air, agus ’nuair nach do phàigh e, chaidh a sparradh dh’an phriosan, ’s tha aige ri fuireach ann latha mu choinneamh gach dolair. Tha e coltach gur e Eilean a Phrionnsa aon de na h-àiteachan anns am bheil an sean fhacal fior, nach dean an t-òl ach am fear a dh’ fhaodas.
Chaidh gille beag d’am b’ ainm Domhull Curridh, a bhàthadh aig laimhrig a ghuail ’sa bhaile so oidhche Di-màirt. Bha e fhéin us treud de ghillean eile a cur a mach lin air son giomaich a ghlacadh. Thill càch dhachaidh gun a thoirt fa-near nach robh e còmhla riutha, ach air dhaibh ionndrain dh’ eibh iad ris, agus ’nuair nach d’ fhuair iad freagradh uaithe, thill iad dh’ ionnsuidh an àite ’san d’fhàg iad e, ach cha robh sgeul air. Bha daoine mach ’ga iarraidh gun dàil agus mu mheadhon-latha Di-ciaduin fhuaireadh a chorp air a ghrunnd. Bha droch ghearradh no dha air ’aodann, agus tha e coltach gu’n d’ fhuair e droch bhuille ris na maidean no ris na clachan an àm dha tuiteam thairis. Cha robh e ach deich bliadhna dh’aois. ’Se so an treas bàthadh a rinneadh aig an laimhrig ud o chionn beagan bhliadhnaichean.
Thachair sgiorradh uamhasach ’sa mhaduinn trath Di-màirt ann an Cuibeic, aig àite ris an canarCraig ’s Road.Bha sreath de charbadan-iaruinn a’ dol troimh ’n àite agus stad i aigCraig ’s Road.Bha sreath eile a tigh’nn ’na deigh, agus gun stad idir, bhrist i a stigh air an t-sreath eile, agus chaidh deich carbadan a spealgadh as a chéile. Tha iad a deanamh mach gu robh faisg air fichead fhear us mhnathan air am marbhadh, agus chaidh àireamh mhor a bharrachd air sin a leònadh, cuid dhiubh cho dona ’s nach eil ann dhaibh ach am bàs. Bha moran dhe’n luchd-turuis ’nan cadal aig an àm, agus chaidh cuid dhiubh a ghrad mharbhadh, gun fhios a bhi aca gu dé thachair. Bha e ’na ni cianail a bhi faicinn ’sa cluinntinn nan daoine truagha bh’ air an leònadh, moran diubh air an tiodhlacadh fo’n draoighnich, agus gun chomas gluasaid aca. Tha muinntir an rathaid-iaruinn agus muinntir eile a’ feuchainn ri fhaotainn a mach cò bu choireach ris an sgiorradh, ach tha e glé dhoribh dhaibh a dheanamh a mach.
Leabhraichean!
Leabhraichean Sgoile,
Leabhraichean Sgeoil,
Leabhraichean Dhealbh,
Papear Litrichean,
Comhdach Litrichean,
Sgliatan Pinn Inc,
agus ioma ni eile nach gabh ainmeachadh ’an so, ri ’n creic aig
E. G. MAC FHIONGHAIN,
Oifig a MHAC-TALLA.
Sidni, C. B.
Acadia House.
Airneis dhe gach seorsa,
Aodaichean Deante.
Brogan agus Botainnean.
Amhlan dhe gach seorsa air son na Nollaig, air son na Bliadhn’ Uire ’s air son gach àm eile dhe’n bliadhna.
THA NA PRISEAN CEART
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MhacTalla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
[Vol . 4. No. 2. p. 6]
AN CRANNCHUR.
(The Lottery. )
O chionn mu thuaiream leth-chiad bliadhna bha seann duine, d’ am b’ainm Dà’idh Sulair, a chomhnuidh faisg air baile-mor araidh. An uair a chiteadh a cheann liath, a cheum sgairteil, agus cho direach, brosglach ’s bha e ’g a ghluasad fein, dh’ aithnicheadh aon air bith gu’n do chuir e seachad cuid d’a bheatha anns an arm. Thuit Dà’idh, an uair a bha e ’n a dhuine og, ann an tubaist air choreigin; b’ eudar dha a’ choimhearsnachd ’fhagail; ghabh e ’s an arm, agus gle ghoirìd ’n a dheigh sin sheol e leis an reisimeid do dh-Innsean na h-Airde-n- Iar. Cha b’ fhada ’chuir e seachad an so an uair a thuit e ann am fiabhrus, agus chaidh a chur air ais do ’n rioghachd so. Air do ’n reisimeid d’ am buineadh e tilleadh goirid as a dheigh, chaidh a h-orduchadh a mach do Chanada, far an d’ fhuair Dà’idh bochd a mheileachadh leis an fhuachd, mar a bha e roimhe air a rostadh leis an teas. Am feadh a bha e a’ seirbhiseachadh ann an Canada, mar a bha ’m mi-fhortan, no ma dh’ fhaoidte am fortan ’s an dan da, fhuair e leon ann an aon d’a luirgnean; chaidh a chur mar sgaoil as an arm, pension a shuidheachadh air, agus a chur dhachaidh d’a dhuthaich fein a rithisd. A thuilleadh air a phension bha Da’idh a’ cur peighinn onoraich an drast ’s a rithist ann an rathad a mhna, Peigi, le saothair a lamhan fein, oir bha e ’n a dhuine turail agus comasach air a lamh a thionndadh ri rud sam bith; chuireadh e slat ann an cliath no cas am poit, —ann an aon fhacal cha mhor a thigeadh cearr air.
Bha e, aon latha, a’ dol air ais le sgaileagan sioda a bha e an deigh a chàradh do mhnaoi-uasail eigin, an uair chunnaic e sanas mor sgriobhte air a’ bhalla—a’ guidhe gu durachdach air gach aon a bha deonach air beairteas a dheanamh a dh-aona bheum, dol agus comh-roinn a cheannach gun dail ann an crannchur(lottery)a bha gu aite ’ghabhail an ceann beagan uine anns a’ bhaile-mhor lamh riutha. Thug a chridhe leum, oir cha do leugh e ach goirid air ’aghaidh ’n uair a chunnaic e gu’m faodadh neach, le fichead punnd Saaunnach a chur a stigh, fichead mile punnd Sasunnach a bhuidhinn. Thog e air gu surdail, linbhair e an sgaileagan, agus thill e dhachaidh an deanna nam bonn a chur a chomhairle ri Peigi. Bha an t-seana chailleach bhochd cho bodhar ’s gu ’n d’ fheum e glaodhaich ’n a cluais le ’uile neart.
“An cual’ thu mu ’n chrannchur mhor a tha ri tachairt ’s a bhaile mhor ud thall? Air son fichead punnd Sasunnach faodaidh tu fichead mile a bhuidhinn.”
“Seadh, ach cha ’n ’eil fichead punnd Sasunnach agadsa ri ’chur ann,” ars’ ise.
“Cha ’n ’eil, ach tha e agadsa, agus is e an aon ni e, nach e?”
Cha do fhreagair Peigi car ghreis, agus a’ sin thuirt i gu ciuin gu ’m bu ni eile sin uile gu leir. Thug Da’idh suil aingidh oirre agus thuirt e, “Cha ’n è ma tha mise ’cur romhan an cur a mach anns a’ ghnothach so.”
“Cha ni suarach fichead punnd Sasunnach,” arsa Peigi, ’s i ’crathadh a cinn; “is e so na tha againn anns an t-saoghal a bharr air do phension. Gabh mo chomhairle-se a Dha’idh Shulair agus na bi ad amadan.”
“Smaointich thusa air fichead mile gini òir,” arsa Da’idh, “a leithid de luchd! nach be ’n carn e! dh’ fhaodamaid sinn fein ’fhalach ann.’ Cha robh Peigi ro chinnteach mu ’n chuis; bha i a lion beag a’s beag a’ striochdadh.
“Falbh agus cluinn ciod a their Seumas Mor uime,” fhreagair i.
“Ciod am math dhomh dol an taobh a tha Seumas Mor ann an gnothach d’ an t-seorsa so,” arsa Da’idh. “Cha ’n aithne dha ni mu ’thimchioll: cha do ghabh e cuid ann an crannchur riamh.”
“Coma co dhiu, cha mhisd’ thu a chomhairle; falbh gun dail.”
“Tha mi toileach,” arsa Da’idh, ’s e ’togail a chomhdach-cinn; ach cha mhor cudthrom a chomhairle. Ghabhadh e leth-chiad d’ a leithid a chur iompaidh air seann saighdear.”
B’ e Seumas Mor a bu thuairnear agus a bu shaor anns an aite. Bha e ’n a dhuine fior chrionnta, ghlic agus fo mhor mheas agus urram aig gach duine d’ am b’ aithne e.
Steòc Da’idh Sulair direach a suas a dh’ionnsaidh na beirt-thuairneir aig an robh Seumas ag obair. Bha e cho dil air ciod air bith a bha e ris ’s an àm nach d’ thug e an aire do Dha’idh ’n a sheasamh lamh ris. Mu dheireadh, an uair a bha a shaod air a bhi cho geal ri muilleir no ri fear a bhiodh a mach fo shneachd, leis na mion-shliseagan agus an sadach a bha ag eirigh o ’n bheirt, chuir e a lamh air guallainn Sheumais. Stad e d’ a thuairneireachd agus chuir iad failte air a cheile,
“Tha toil agam do comhairle a ghabhail,” arsa Da’idh “Chual’ thu iomradh, tha mi ’n duil, mu ’n chrannchur mhor so?”
“Chuala, chuala, ach ciod uime?”
“Tha thu ’cur a stigh fichead punnd Sasunnach agus a’ buidhinn fichead mile. An comhairlicheadh tu dhomh ’fheuchainn?”
“Air na cumhnantan sin, comhairlicheadh, air a’ h-uile cor.”
“Gu ’n robh math agad, a Sheumais; bha fhios agam gu’m b’ e so a theireadh tu; labhair thu gu seadhail, ach cha ’n éisdeadh Poigi.”
Minard ’s Honey Balsam,math gach nair.
DR. T. C. MAC LEOID.
Faodar an Dotair fhaicinn ’na oifig anns an togalach ’s a bheilMoore & Johnstonri ceannachd, no aig a dhachaidh ann a “Sheerwood.”
Dr. T. G. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
MacDonald Hanrahan & Co. ,
Tha sinn a’ fosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.
Tha ar prisean iosal, agus tha ’m bathar dhe’n t-seorsa ’s fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram, tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.
MACDONALD HANRAHAN & Co.
Mai 4. ’95;
[Vol . 4. No. 2. p. 7]
Cadal a mhuilleir ’s an t-uisge ’dol seachad.
Cadal nan con ’sa mhuileann ’s na mnathan a criathradh.
Càirdeas na cléire-sgriobadh us sgròbadh a chéile.
Calum beag a chur a dhith, gu Murchadh mor a reamhrachadh.
Minard ’s Family Pills,glan, fallain.
Leighis mi cloimh air each leMINARD ’S LINIMENT.
Dalhousie. CHRISTOPHER SAUNDERS.
Leighis mi droch reubadh air each leMINARD ’S LINNEIMT.
St. Peters, EDWARD LINLIFF.
Leighis mi droch at air each leMinard ’s Liniment.
Bathurst, N. B. T. W. PAYNE.
S . J. BROOKMAN,
SIDNI, C.B.
Flur, Min, Ti, Siucar, Fiar, Biadh, us Amhlan dhe gach seorsa.
Uidheaman Tuathanachais Mhassey-Harris, Croinn, Cliathan, agus Innealan Speallaidh.
S . J. Brookman,
Mai 17, 1895.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheiroar ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wetworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
Tha so air a chumail do
C . B TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, Innealan Fuaghail etc.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN
Tha so air a chumail do
Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.
A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh, Comhairliche. Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia, QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, —C. B
CLOIMH.
DA mhile punnd (2000) de Chloimh mhath a dhith orm. Pàighidh mi a phris a’s airde ’sa mhargadh oirre
D . F. Mac RATH,
Baddeck, C. B. ,Mai 6, ’95.
[Vol . 4. No. 2. p. 8]
ORAN.
Do bhirlinn Mhic- ’Ic-Alasdair, a thogadh an Ionar-Gharradh ’sa bhliadhna 1824.
LE AILAIN DALL.
(Air a leantuinn.)
Saor cha do chuir lamh no locir
Air luing no air barc ’theid roimhpe,
Gun chron ri ’aireamh no lochd dh’ i
Bho ’sail gu aird’ a saoith-thoisich.—
Air a clar cha tamh a bhochdinn,
’S ailgheasach a gillean coltach;
Chan ionghnadh dhaibh, ’s lan an copain
De’n stuth laidir as na gocaibh.
Anns gach cal’ an tilg i acair,
N Albinn, an Eirinn, no ’n Sasunn,
Bruchdich na ceudan ga ’faicinn.
’S ionghnadh leo i-fhein ’s a prasgan.
’S lionmhor maighdean bheusach,bhas-gheal,
’Shaoithricheas gan eisdeachd tacan,
’S piob nan dos reidh ga spalpadh,
’S òl le reit’ air mac-na-bracha.
Beannachd a chairdean ’s a thuatha,
A cheathairne ’s a dhaoin’ uaisle,
Do ’n treun laoch a chuir a suas i,
An Raonullach a’s sine ’chualas,
Mac-Mhic-Alasdair a chruadail;
’S gu ma fada maireann, buan e,
’S oighre na ionad ’bhi ’n uachdar
Air a chinneadh, ’s gun robh buaidh leis.
Glac an nuas an t-searrag riomhach,
’Fhir ga riachaid na bi miothar;
Ma ’s a branndaidh, beoir, no fion i,
Dean a ghloine sin a lionadh,
Dloch-slaint’ a Gharranich phriseil
’S an d’ fhas an fhuil uasal, rioghail,
Oighre dligheach Rois is Ile,
Mhuile ’s Innse-Gall ’s Chinntire.
An Smarag, the Emerald.
ORAN MU NA CAORICH MHORA.
LE IAIN GRANND.
Deoch-Slaint’ ’Choirueil nach maireann,
’Chumadh seol air a ghabhail;
Nam biodh esan os ar cionn
Cha bhiodh na croinn air na sparran.
Bhiodh an tuath air an giuilachd,
’S cha bhiodh gluasad air duine;
’S cha bhiodh ardan gun uaisl’,
’Faighinn buaidh air a chumant’.
Tha gach uachdaran fearinn
’S an taobh-tuath air am mealladh,
A cur cul ri ’n cuid daoin’
Airson caorich na tearra.
Bha sinn uair ’s bha sinn miaghail,—
’Nuair bha Frangich cho lionmhor;
Ach ged ’thigeadh iad an raoir,
Cha do thoill sibh dhol sios leibh.
Nam biodh aon rud ri tharruinn
Bhiodh mo dhuil ri dhol thairis;
On dh’ fhalbh muinntir mo dhuthch’
’S beag mo shunnd ris a ghabhail’.
Bidh mi trusadh mo bhagaist,
Bidh mi ’falbh is cha stad mi,
’S bidh mi comhla ri càch
Nach dean m’ fhàgail air cladach.
Ach a Righ ’th’ air a chathair,
’Tha nad bhuachaill’ ’s na t’ Athair;
Bi na t’ fhasgadh do ’n treud
’Chaidh a reubadh na mara.
Is a Chriosd ’th anns ua flaitheas,
Glac an stiuir ann ad lamhan,
Agus reitich an cuan
Gus an sluagh leigeil thairis.
Chaochail an Coirneal Ghrannda ’sa bhliadhna 1801.
MOLADH NA LUINGE.
LE COINNEACH MAC-COINNICH.
LUINNEAG.
Is beag mo shunnd ris an liunn,
Moran buirn ’s beagan bracha
B’ anns’ leum caiseamachd mo ruin,
Air cuan dubh-ghorm le capull.
Ged a tha mi ann san am
Air mo chrampadh le astar,
’S tric a thug mi greisean garbh
Air an fhairge ga masgadh.
Greis le beachd a deanamh iui’l,
’S greis ’cur siuil ann am pasgadh;
Greis air iomairt, ’s greis air stiuir,
’S greis air chul nam ball-acuinn.
’S e mo cheist an capull grinn
Rachadh leinn air an aiseag,
’S taobh an fhuaraidh os a cinn,
’S muir ri linn taobh an fhasgaidh.
Uair a bhiodh i fada shios,
Anns an iochadar ’s nach faict’ i,
Is greis eil’ an aird nam frith,
’S i cur dh’ i air a leth-taobh.
’S i nach tilleadh gun cheann-fàth,
’S i neo-sgàthach gu sracadh;
A gearradh tuinn’ le geur roinn.
’S cudrom gaoith air a slatan.
Nuair a chuirt’ i air a doigh,
’S a cuid seol ris na racan,
Chuirt’ am mach an t-aodach sgeoid,
Sud a sròn ris an as-caoin.
Bhiodh i turraban gun tamh,
’S chluinnt’ a gairich fo ’n t-sac i,
Bhiodh gach glun d’ i a dol fillt’,
’S chluinnteadh bid aig gach aisne.
Chit’ a mhuir ’na tonnaibh ard’,
’S chluinnt’ i gairich gu farsuinn,
Is bheireadh ronn ard nan steall
Buille throm anns gach achlais.
Ann an ascaoineachd a chuain,
’S ann am fuathas na fraise,
Thugaibh faicill air a ghaoith,
’Fhearaibh gaoil cumaibh rag i.
Chluinnteadh farum aig an fhairg’,
Molach, garbh ann san ath-sith,
Beucach, *rangach , torrach, searbh,
Srannach, anabharra bras i.
Buill ’bu treis’ de ’n chorcich ùir,
Croinn de’n ghiubhsich ’bu dathte,
Eideadh cainbe nach biodh meanbh,
’S chiteadh geala-dhearg a bhratach.
’S e mo run na fearaibh gleusd’,
’S iad nach treigeadh an caitean;
Chluinnteadh langan nam fear og’,
’Siad nach deonicheadh gealtachd.
Tha an cridhe farsuinn mòr,
’S tric a dh’ òl iàd na bh’ aca,
Danns’ ac’ nigheanan, is ceol,
’Nuair bu choir bhi nan leaba.
Bidh iad fiorachair ro gheur
’Nam do ’n ghrein dol a chadal,
’S ceileireach, luinneagach reidh,
’Nam bhi ’g eoridh ’sa mhaduinn.
*Rangach , wrinkled .
Tha flùr anabarrach math aig D. J. Domhnullach an dràsda. Tha aige cuideachd anart math ’se gle shaor.
MarbhaidhCherokee Vermifugebiastan.
I.O. G.T.
Tha coinneamh aig“Victory Lodge, No. 138, I.O. G.T. , ”ann an Talla nan Saor Chlachairean, a’m Baddeck, na h-uile oidhche Di-luain, aig leth-uair an deigh seachd.
D . A HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
C . H. HARRINGTON & CO.
Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c ., &c . Iad uile math ’s na prisean ceart.
Amhlrn, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart-fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsa ’s fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
title | Issue 2 |
internal date | 1895.0 |
display date | 1895 |
publication date | 1895 |
level | |
reference template | Mac-Talla IV No. 2. %p |
parent text | Volume 4 |